[Vol . 1. No. 55. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 10, 1893. No . 55.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Dh’eug Frangach da’m b’ainm Francis Gautheir faisg air Montreal an la roimhe, ’se ceud bliadhna ’sa ceithir deug a dh’ aois.
Tha Parlamaid Eilean Phriunns Iomhair a dol a thoirt cothrom do shluagh an eilein air innse co dhiu a’s ail leo stad a chur air reic na deoch laidir no nach ail.
Bha teine ann anGeorgetown , P. E. I.air an t seachdain s’a chaidh a loisg tri taighean comhnidh, tri storichean, us sia saibhlean. B’fhiach iad uile mu dheich mile dolair.
Roimhe so cha rachadh litir a Canada doNewfoundlandgun coig sentichean a phaidheadh oirre, ach an deigh so theid litir do’n duthich sin air an aon phris ’sa theid i do chearna sam bith de Chanada, tri sentichean.
Dh’eug Reine Lagimodiere aig St. Bonafice, Manitoba, Di-domhnich s’a chaidh. Be a cheud leanamh geal a rugadh riamh am Manitoba. Bha e ceithir fichead bliadhna sa coig deug a dh’aois, agus bha a mhathair ceud bliadhna nuair a dheug i.
Nuair a bha ’n soitheach-smuid Oregon air a turus eadar Liverpool us Quebec, bhrist an amhach-ghoirt a mach a measg nan luchd-imrich a bha air bord. Dh’eug coignear air an turus agus bha naoidhnear eile air am bualadh as ur an latha ranig an soitheach Quebec. Chaidh an cur air tir air eilean Ghrosse, far am bi iad gus an teid an galair bas.
Bha Iain L. Sullivan air a chur do’n phriosan o chionn ghoirid air son droch laimhseachadh a thoirt do dhuine bochd am Bideford, Maine, agus cha d’fhuair e ma sgaoil gus na phaigh e da cheud deug dolair. Chosg am mi-mhodh gle dhaor dha air an turus ud. ’Nan cosgadh e a reir sin daonnan, bhiodh moran de shluagh an t-saoghil na bu mhodhaile na tha iad.
ThaF . H. Hewett, Jamaica, a sgriobhadh Bha mi tinn le cion cnamhidh uine mhor, agus bha mi fo laimh dotair nach do rinn feum sam bith dhomh. Dh’fheuch mi K. D. C. agus rinn e feum mor dhomh. Tha mi cinnteach gun toireadh e faochadh do neach sam bith air a bheil meur sam bith de’n euslaint cheudna.
Tha ’ngrippean drasda ’g obair am Manitoba. Ann a Winnipeg ’s am bailtean eile tha moran nan laidhe tinn leis.
Bha duin og, Donnachadh MacNeill a’ mhuinntir taobh tuath an Eilein Mhoir, air a bhathadh an acarsaid Bhoston air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e fhein us companach dha ann am bata, nuair a thanig oiteag ghaoithe a chuir am bata thairis, agus mu’n d’ranig cuideachadh iad bha esan air a bhathadh. Bha chompanach air a shabhaladh. Bha corp Mhic Neill air a thoirt dhachidh do’n Eilean Mhor feasgar Di-luain.
Chaidh duine da’m b’ainm Uilleam S. Corbett, tuathanach measail a mhuintirFolly Village, N. S.a losgadh gu bas ann an tom coille faisg air a dhachidh, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e gle thinn deireadh an earrich, agus cha robh e air chothrom moran a dheanamh. Ach an la ud ghabh a choille teine faisg air an tigh agus chaidh e dh’fheuchinn ri ’chur as. Chaidh dithis mhac dha do’n choille goirid na dheigh agus fhuair iad e air an lar marbh, ’sa chorp air a losgadh gu dona. Bha e tri fichead bliadhna ’sa sia deug a dh’aois.
Thachir gnothuch muladach aig Amhinn nan Aitreabhach(R. Inhabitants)aon la air an t-seachdain s’a chaidh. Thanig duin og, J. A. Dowling, dhachidh as na Staitean a dh’amharc air a mhathair. Beagan laithean an deigh dha tighinn, thachir e fhein ’s dithis no triuir de dhaoin’ og eile air a cheile, agus mar bu tric a rinn iad roimhe, thoisich e fhein us fear dhiubh air gleachd. Air a cheud ionnsidh, bha Dowling air a leagail agus air an ath ionnsidh, ach cha bu luaithe ’ranig e ’n lar na dh’eug e. Thoisich an fhuil rir tighnn a mach air a bhial ’s tha e coltach gun do bhrist cuisle n taobh a stigh dheth. Cha robh e ach ochd bliadhna fichead a dh’aois, agus bha bean og aige am Portland, Maine. Bha e stuama, deanadach, bha meas mor aig na h-uile air, agus chuir a bhas gruaim air a choimhearsnachd.
GLIOCAS TIMAIL. —Tha gliocas timeil air a nochdadh le bhi ’cumailDr . Fowler’s Extract of Wild Strawberryfaisg air laimh. Chan eil a leithid ann air son cholera, cholera morbus, sgaride, gearrach, agus gach euslaint do’n t-seorsa-sin.
[Vol . 1. No. 55. p. 2]
MAC-TALLA.
RABHADH.
Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bid’h MAC-TALLA air a mheudachadh, agus an deigh sin bi’dh e dolar sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh ’n am sin.
Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig dolair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid,” Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J. G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 10, 1893.
Tha a chuid so de’n eilean gle fheumach air uisge. Tha mu thri seachdainean bho na thuit an t-uisge mu dheireadh agus tha ’n talamh gu math tioram, ’s mur dig frasan an uine ghoirid bidh am fiar ’s am barr gle dhona dheth. Tha sinn a tuigsinn gu robh frasan troma aca air taobh eile ’n eilean toiseach na seachdain so, ach cha danig iad an taobh so idir.
Tha ’n t-side an deigh car iongatach a thoirt anns an t-Seann Saoghal, mar a theirear ris. Am Breatuinn ’s an duchannan eile ’san Roinn Eorpa, far an gnath leis an t-side bhi gle bhog, tha air an t-samhradh so tiormachd mhor, agus an duchannan eile da’m b’abhaist a bhi gle thioram, mar tha Palestin agus an Eipheit, cha robh leithid de dhortadh uisge aca o chionn iomadh linn ’s a th’ac’ air an t-samhradh so.
BAS AN DOTAIR BHLAIR.
Tha sin fior duhlich gu bheil aginn ri innse d’ar luchd-leughidh mu bhas an duin’ urramich so a bha na dheagh charaid do’n Mhac-Talla o’na thoisich e air tighinn a mach, agus a rinn na b’urrinn da air son a chuideachadh. Bha e gu math tinn fad corr us da sheachdain, ach cha robh e fhein no a chairdean an duil gu robh a bhas cho faisg air laimh. Sgriobh e thuginn Di-ciadinn, a chiad latha dhe’n mhios, ag innse gu robh e tinn ’s nach b’urrinn da ni a sgriobhadh air son a MHAC-TALLA gus an rachadh e na b’fhearr. Ach mu’n d’fhuair sinne ’m fios bha e air a charadh fo’n fhod. Chriochnich e a thurus air an talamh la na Sabaid s’a chaidh agus bha e air adhlacadh Di-mairt aig an An Lagan Uaine for an robh e gabhail comhnidh, agus faisg air an ionad anns na shaoithrich e re iomadh bliadhna. Anns an ath aireamh feuchidh sinn ri cuntas athghearr a thoirt air eachdridh a bheatha, ni a tha sinn cinnteach a bhios ar luchd-leughidh uile ro thoileach a leughadh.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth.
LITIR “CHABAIR FEIDH.”
Tha MAC TALLA bliadhna dh’aois a nis agus tha mi cinnteach gu’m beil sinn uile gle thoilichte ’bhi ’ga fhaicinn cho slan fallan. Leugh mi le mor-thoileachas gu’n robh e gu bhi air a mheudachadh an uine ghoirid agus tha mi cinnteach nach eil aon de ’luchd-leughidh nach bi ullamh gu dha uiread a phaidheadh air a shon nuair a theid am meudachadh so a dheanamh. Car son nach gabhadh na Gaidheil anns gach cearn an gnothaich os laimh agus nach sgriobhadh iad na h-uile seachduinn a dh’ionnsuidh an fhear-deasachaidh a toirt iomradh air nithe Gaidhealach na’n cearn fhein. Ma ni iad so chi sinn gur ann a bhitheas an dara meudachadh ri dheanamh air MAC-TALLA ma’s tig an t-am so an ath bhliadhna.
Aig coinneamh mhiosal Comunn na Gaidhlig air an t-seachduinn a chaidh seachad leugh Mhr McWatt paipeir do’m b’ainm “Duilleagan bho m’ leabhar-cuimhne.’ Rinn e iomradh air Cainnt, Sgriobhadh-dhealbhan (no mar their iad anns a Bheurla“Hierogliphics, ”) agus Eachdraidh. Dhearbh e, ann cho fad ’s a ghabhas dearbhadh a chuir air a chuis, gu’n robh a Ghaidhlig air a labhairt gle ghoirid an deigh toiseach air t-saoghil, mur i bh’aig Adhamh fein.
Ann a bhi labhairt air eachdraidh nan Gaidheal dh’ainmich e iomadh Gaidheal treun a choisrig a bheatha gu seirbheis a dhuthcha, agus a bu choir a bhi na eiseamplair do Ghaidheil oga ’n la ’n diugh a tha cho dian an toir air an cuisean fhein a mhain. Mu dheighin dealbh-sgriobhadh dh’innis an ceann suidhe sgeulachd eibhinn air mar thachair do sheann cheannaiche anns a Ghaidhealtachd air an robh e fein eolach. B’abhuist do’n duine so bhi tarruinn dhealbhan na leabhar an aite sgriobhadh agus thachair aon la gu’n d’thainig duine steach do’n bhuth ris an do reic e boineid leathann ghorm. Bha e na chleachdadh aig a cheannaiche nuair a reiceadh e mulachag chaise cuairt chruinn a tharruinn anns an leabhar agus airson na boineid rinn e cuairt agus chuir e ball na meadhon air son a chnot. Bha so ceart gu leor ach nuair thainig an t-am gus a chunntas a chuir cha d’thug e ’n aire do’n bhall ’s a mheadhon agus chaidh cunntas a chuir a dh’ionnsuidh an duine airson mulachag chaise. Ged a bha tupaisdean mar so a tachairt air uairibh bha ’n Dealbh-sgriobhadh gle fheumail anns na lathaibh sin.
Labhair triuir no ceathrar dhaoine-uaisle eile an deigh so agus bha iad uile ag aontachadh ann a bhi toirt tainig da Mhr MacWatt airson a phaipeir ghasda leugh e dhaibh.
CABAR FEIDH.
Lunnuinn, 27 5-93.
GLE CHOLTACH; Tha iomadh tinneas an Canada a tha gle choltach ris a Cholera, mar a tha dibhuirt, goirteas, &c . Air an son so uile thaDr . Fowler’s Extract of Wild Strawberryna leigheas cinntach.
BURDOCK BLOOD BITTERS
Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo-fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.
LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.
Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Labhrichean ’Ic Fhionghain, ri taobh “Talla na Sionachd,” (County Hall), far am faigh thu leabhrichean agus paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith.
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c , ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Iun 1, 1833.
[Vol . 1. No. 55. p. 3]
GAOL GAIDHEALACH.
SGEULA FIRINNEACH.
Le Naill MacLeod,
I.
Ann an aon de ghlinn uaigneach, ach maiseach, Eilean-a- ’cheo, bha duin- ’uasal coir, saibhir, a’ chomhnuidh, aig an robh teaghlach mor agus tlachdmhor de mhic agus de nigheanan. Bha Seonaid, an te a b’ oige dhiubh, ochd bliadhna-deug a dh-aois’, agus air a meas ’na h-ailleagan ro-mhaiseach; cha b’ ann a mhain ’n a dealbh agus ’n a cruth, ach bha i maiseach ’n a a gniomh, ’n a beus, agus ’n a buadhan—
Cha b’e ionmhas a dh’airgiod no dh’ or;
A chrionas mar chosaig nam bac;
Ach gliocas ’us tuigs’ agus ciall,
’G a sgeadachadh fialaidh le tlachd.
Air feasgar ’ciuin, fann, foghair—a’ ghrian le ceuman mall a’ tearnadh bho ghorm astar nan speur, ceo an anmoich a’ tuiteam, agus a’ sgaoileadh ’n a stiallan bana mu ghuaillean an t-sleibhe—bha Seonaid gu tosdach, samhach, ’n a suidhe aig uinneig a seomair, a’ gabhail beachd air ailleachd agus maise obair naduir, ag eisdeachd agus a’ faicinnn eoin bheaga na coille a’ leum le solas bho spog gu spoig air feadh craobhan a’ gharaidh.
Agus bho’n bha saothair agus teas an latha thairis, “smaoinich i cuairt a ghabhail mar ’bu tric leatha ’dheanamh, ri bruaich ’ua h-aibhne a bha ’n a cuartagan agus ’n a luban a’ tearnadh sios troimh urlar a’ ghlinne. ’N uair a bha Seonaid a’ direadh ri braighe a’ ghlinne, bha cronan trom, tiamhaidh na h-aibhne air an dara taobh dhi, agus guth binn na smeoraich ag cur na smuid dhi air gach preas agus dos air an taobh eile; bha’n t-aite cho balbh ciuin, an sealladh cho maiseach agus cho beo, air chor ’s gu’n d’thug e ’leithid de bhuaidh air inntinn Seonaid ’s nach b’ urrainn dhi cumail oirre gun briseadh a mach le ’luinneig bhinn, neochiontaich fein:—
“S truagh nach robh mi ’s mo rogha ceile,
Air mullach sleibhte nam beanntan mor,
Gun ’bhi ’g ar n-eisdeachd ach eon an t-sleibhe,
Gu ’n tugainn fein dha na ceudan pog”
Tha mi ’creidsinn na ’m biodh fios aig Seonaid gu’n robh an t-oganach air an robh gaol diomhair aice fad bliadhna no dha roimhe sin, ’n a laidhe air tom mar uidhe leth-cheud slat uaipe, nach robh i air a guth a thogail cho ard. Bha Domhnull og gu h airsneulach, fann, air tilleadh bho’n t-seilg, agus mar a thachair do Dhonnachadh Ban, an deigh iomadh spreigheadh a leigeadh nach do rinn feum dha, tha e ’cur a sigios dheth air tulaich uaine, ’n uair a ghiulain osag chiuin an ammoich am fonn binn ud gu chluais.
Mar a thachair do Uuilleam Ros “thuit e ’n caochladh leis an ioghnadh,” sheall e air gach taobh dheth, agus cha ’n fhac’ e neach air bith. Ach cha robh e fada ’n uair a chual’ e ’n guth binn ceudna ’tighinn air sgiathan na gaoithe, rinn e direach air a’ cheol, agus mu dheireadh chunnaic e—
“An ainnir og bu ghlaine beus,
Ag iomachd ann am measg nan geug.”
Thainig buille ’na chridhe agus lasadh ’na shuil ’n uair a chunnaic e gur i Seonaidh a bh’ ann leatha fein. So cothrom luachmor a bha dhith air bho chionn iomadh latha. An deigh do Dhomhnull a lethsgeul fein a ghabhail airson briseadh air samhchair agus ceol Seonaid, agus beagan comhraidh a bhi aca r’ a cheile, shuidh iad fodh sgaile seann darraig uaine a sgaoil a cuailean aosda trom air gach taobh dhe ’n rathad. Sgaoilidh sinne mar an ceudna brat na diomhaireachd thairis air a’ charaid oig so car uair no dha de dhuine. Mu ’n d’ eirich iad gu falbh, bha a’ ghealach a’ togail a cinn air cul nam beann, na reultan glan agus dealrach a’ toiseachadh ri boillsgeadh air aghaidh nan speur, agus bha iad air an oiche Di-sathuirne sin ’n an fianaisean seasmnach air na boidean dileas agus neo-chealgach a thug Domhnull agus Seonaid d’ a cheile: nach robh naimhdean no cairdean, bochdainn no beirteas, soirbheachadh, no doirbheachadh, a chuireadh eatorra ach am bas.
Tha mi creidsinn nach robh inntinn a h aon aca ’n a tosd; air an oidhche sin bha duilleag ur air a tionndadh ann an leabhar am beatha. Chaidh Domhnull do’n eaglais an ath latha mar bu ghnath leis a dheanamh; thoisich seirbheis an latha le seinn aon de shailm bhinn Dhaibhidh, ach bha cruth finealta agus maiseach Seonaid fa chomhair suil inntinn Dhomhnuilll gun fhalbh as, agus fonn binn a’ seirm ’na chluasan nach b’urrain dha ’chrathadh asda.
“ ’S truagh nach robh mi ’s mo rogha ceile
Air mullach sleibhte nam beanntaibh mor.”
Ach facal no dha air suidheachadh Dhomhnuill, mu’n teid sinn ni ’s fhaide. Thachair do Dhomhnull mar a thachair do iomadh Gaidheal math a bharrachd air; ’se sin a bhi air bheagan de shaibhreas an t-saoghail so; ach bha e saibhir ’na chliu, ’na ghniomh, agus anns gach deadh bhuaidh eile ’bu choir a bhi air ’fior dhuine. Thainig e bho chinneadh rioghail agus urramach, bho sheann teaghlach uasal agus gaisgeil, a dhoirt cuid de ’m fuil air iomadh raon catha, fodh bhrataich na h-Alba, as leth cliu agus onair an duthcha. Ach bha moran sluaigh anns an linn sin, agus anns gach linn, agus cha ’n e, Ciod e bha duine? no Ciod e bha ann? a dh’ fheoraicheadh iad, ach b’ i ’cheist, “Ciod e bha aige? Thuig Rob Donn an seorsa dhaoine sin gle mhath ’n uair rinn e oran nan suiridhichean.
“Tha fear fos ann a dh’aindeoin dochais,
Dh’fhaodas posadh gun mhoran char,
Ma tha de chiall aig’ na dh’aithnich riamh
Gu’n d’eirich grian anns an aird an ear;
Dean na dhuairc e, rugadh an cuarain,
Thoir baile ’s buaile dha ’s treabhair gheal
Leig labhairt uair dha ri athair gruagaich
’S bheir mi mo chluas duit mur faigh e bean.”
Ach bha breithneachadh Seonaid ag eirigh os cionn sin; bha i ’meas gu ’n robh barrachd toilinntinn aice r’ a shealbhachadh bho shuairceas agus saibhreas inntinn Domhnuill, no ged a gheibheadh i na miltean le plaosgaire gun inntinn, gun ghaisgeadh.
Ach cha robh i fein agus a cairdean de’n aon bheachd mu ’n chuis sin; agus bha fios aice na ’m faigheadh iad a mach aon uair gu’n robh i ’cumail comuinn ri Domhnull, gu’m b’e cuid de ’n bhaile e. Ach bha srad a’ ghaoil air a’ beothachadh ann an cridhe Seonaid, agus coltach ris an t-sradaig a bha ’n sgornam a ghobha, cah robh i soirbha a bathadh.
(Ri Lerntuinn.)
Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACAIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloin uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 55. p. 4]
O THA MI SGITH.
LUINNEAG.
O tha mi sgith,
Bidh mi ’chaoidh fo mhulad;
Cadal cha n-fhaigh mi
’Cuimhneachad air Currie.
Chi mi, chi mi bhuam.
Chi mi luaidh mo chridhe;
Chi mi seachad suas
Buaireadair nan nighean.
Currie dubh nan rop
Bha mi eolach uime;
B’ annsa mac an t-seoid
Falbh le chleoc ’s le ghunna.
Marbhaisg air a ghaol,
’S caochlaideach an rud e;
Bhuail e mi san taobh
Far nach faod mi ’fhulang.
’S diombach mi do’n ghaol,
’S daor a rinn mi cheannach;
Thug e dhiom mo shnuadh,
’S chaidh mo ghruag an tainnead.
Currie ’s am fear ban
Thug mi gradh do’n dithisd;
Thug iad bhuam mo chail
’S cha n-fheil mo shlaint aig lighich.’
Ged chluinninn-sa an trath s’
Bal a bhi ’sa bhaile,
Dearbh cha readh mo shron
Steach air comhl an doruis.
Thuirt m athir rium an de
Mhari treig do ghealladh,
’S gheibh mi dhuit fear maoin’
Le chrodh laoigh an gleannibh.
Cha threabhiche fuinn,
Cha thuathanach fearinn;
Cha n-ufhear cruidh no chaorach
Dha ’n dug mi gealladh.
Cha chiobair le chu
Bha mi ’n duil ri fhaighinn;
Ach an t-oigear donn
’Chuireadh long fo h-uidhim.
’S tu bu duibhe ceann,
’S tu bu ghreannair aghidh,
’S tu bu ghuirme suil;
’S tu mo run ’s mo roghinn.
Nuar thog thus’ do sheol
’Se bha bronach mise,
G amharc as do dheidh,
Gun do lein’ bhi troram.
Diridh mi ’n Carn Ban,
Bhon ’s e ’s airde fradharc,
Shealltuinn air an stor
Bhon do sheol do shoitheach.
Nuair thanig a ghaoth tuath
’Nuas air na caoil chumhann
Dhiult i dhol mu ’n cuairt
’S bhuail i air an rudha.
Bhuail i air an traigh
Far am fas an duileasg;
Leum thu aisde, ghraidh,
’S shabhail thu gach duine.
Mari ’sa bhail’ ard,
S Mari ’m braighe Mhuile,
H-uile Mari ’th’ ann
Tha thu ’n geall orr’ uile.
Bha thu san taigh chiuil,
Bha thu ann gu cridhail;
Shuidh mi air do ghluin,
S fhuair mi, ’ruin, do chridhe.
A reir innse sgeoil bha tuathanach ’sa Ghleann Dubh aig an robh da nighinn. Bha Currie ’s an te a b’oige a dol a phosadh; ach thug a h-athir oirre am “fear ban” a phosadh. Cha robh i fada beo. Dh’eug Currie an uine gle ghoirid as a dheidh. ’Si a phiuthar bu shine a rinn an t-oran. ’Se ’s docha nach d’fhuair sinne e direach mar a chaidh a dheanamh. Faodadh e a bhi gur h-ann tha da oran air an cur am measg a cheile.
LEIGHEAS EALAMH. —Bha mi fad da bliadhna tinn le ceangal-cuinn agus cha b’urrinn do na dotairean feum sam bith a dheanamh dhomh. Ach dh’fheuch mi B. B. B. agus leighis aon bhotul mi. Molidh mi e mar an ceudna air son ceann goirt. ETHEL D. HAINES, Lakeview, Ont.
Chaidh corr us ceithir mile ceann cruidh a chur air falbh a Montreal do’n Roinn-Eorpa an la roimh.
BAIS
Aig Sidni, Iun 5mh. la, Donnachadh Mac ’Illinnean, tri fichead bliadhna ’sa sia a dh’aois.
Bi cuibhteas do dhroch stamag
mu’n tig an cholera, Leigsidh
K D C
am miar a’s miosa dheth.
Cumidh e uat an cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paiper so.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sasannach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear aig aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris’ a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’so uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
title | Issue 55 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 55. %p |
parent text | Volume 1 |