[Vol . 1. No. 56. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 17, 1893. No . 56.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Chaidh duin’ og da’m b’ainm Young a ghoirteachadh gu dona am meinn-ghuail Ghowrie, Cow Bay, Di-sathairne s’a chaidh.
Chaidh ni-eigin cearr am Meinnean Shidni Di-ciadiun air an t-seachdain s’a chaidh agus ann a bhi fiachinn ri chur ceart, chall aon duine, Iain Boutilier, a bheatha.
Nuair a bha ’m bata-smuid Marion a tighinn a nuas Lochan a Bhras d’Oir an la roimhe, chaidh i air tir aig na h-Eilean an Dearga, agus cha d’fhuaras a toirt dheth gus an ath latha. Rinneadh beagan millidh air a mas agus b’fheudar a cur air falbh gu Pictou gus a caradh.
Fhuair Caiptean Gormley, ann an Nobha Scotia, uaireadair oir an la roimhe bho Impire na Gearmailt, mar ghibht taingealachd air son cobhair a dheanamh air soitheach Gearmailteach an uiridh. Tha suaicheantas na Gearmailt air an uaireadair, agus dealbh an Impire fhein.
Tha tri soithichean beaga dol gu feill an t-saoghil, agus tha iad air an ainmeachadh air Columbus, a chionn gu bheil iad air an togail air a cheart chumadh air an robh na soithichean leis an danig Columbus thairis air an Atlantic. Chaidh na tri sin troimh chaolas Chanso Di-luain air an t-slighe gu Chicago.
Tha na soithichean cogidh Frangach air toiseachadh air taghal san acarsaid. Bha cheud te a stigh air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha te eile stigh air an t-seachdain so. Cho fad so cha danig ach aon soithich coigidh Breatunnach ’nar coir. Tha iad tuilleadh us trang a cumail soithichean iasgich nan Geancach o bhi dol ro dhana air an runnach.
’Se aon de dhleasannasan an deasiche, agus dleasannas nach urrinn dha a dhearmad, an clo-bhualadair a phaigheadh gach seachdain. Mur dean e sin cha soirbhich aona chuid leis fhein no leis a phaipear. Ach ciamar a phaigheas e clo-bhualadair no fear eile nuair a tha aireamh mhor dhe na tha ’gabhail a phaipear o chionn bliadhna gun sgilinn ruadh a chuir thuige fhathast? Chan urrinn dha ’dheanamh.
Bha dithis dhaoine aig cuirt ’sa bhaile an la roimhe air son a’ bhi ’reic deoch-laidir, agus thugadh dhaibh an da roghinn, leth cheud dolair de chain a phaigheadh no dhol da mhios do’ phriosan.
’S neonach an sgial a th’aig tuathanach coir an Quebec ri innse. O chionn cheithir bliadhna, bha ’n sabhal aige air a bhualadh leis an dealanach agus air a losgadh gu lar. Chaidh an sabhal a thogail a rithist, ach am bliadhna, air a cheart latha, bhuaileadh e leis an dealanach, agus chaidh e na smal an darra h-uair.
Bha romhinn anns an aireamh so cunntas ath-ghearr a thoirt air eachdridh beatha Dr. Blair, ach leis cho beag sa tha am paipear b’eigin duinn fhagail as air an t-seachdain so. Tha sinn an duil, co-dhiu, nach bi aginn ri sin a dheanamh air an ath sheachdain. Tha aireamh de nithean eile air’ laimh cuideach, a bheir sinn d’ar cairdean cho luath ’sa bhios ’nar comas.
Tha fios a Charlottetown ag radh gun do dh’eug fear Louis Mac ’Illeallain a muinntir Bhroad Cove, anns an ospidal ’sa bhaile sin. Bha e anns an eilean le soitheach ceannachd agus bha e ann an droch shlainte mu’n d’fhag e ’dhachidh. Madinn Di-haoine dh’fhas e gle thinn agus thugadh do n’ospidal e, far na dh’eug e madinn Di-domhnich. Chaidh a chrop a thoirt dhachidh gu adhlacadh.
Air an 27mh la de’n Mhai chaidh duine da’m b’ainm Everill Sampson air chall aig Mira Gut agus chan fhacas e uaithe sin ’s cha chulas iomradh air. Tha e air a dheanamh a mach gun deachidh e mach air am bata a fhuaras a rithist air a chladach, agus gun deach a bhathadh. Cha robh e ach air tighinn dhachidh a Boston beagan uine roimhe sin, agus tha e air a radh gu robh e na dheagh fhear cearde ’s gu robh e deanamh gle mhath.
Tha sinn an dochas gun toir ar cairdean oidhirp laidir air an t-samhradh so air an aireamh a tha ’gabhail a MHAC-TALLA a dhublachadh. Cha bu choir strith mhor sam bith a bhi air sin a dheanamh. Ma gheibh a h-uile neach a tha ’ga ghabhail cheana aon no dha eile gus a ghabhail bhiodh da mhile no corr aginn an uine gle ghoirid. ’Sann an uair sin a rachadh aginn eir a mheudachadh ’s dheanamh cho math ’s nach biodh duin sam bith a leubhas Gailig toileach deanamh as aonais!
[Vol . 1. No. 56. p. 2]
MAC-TALLA.
RABHADH.
Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bid’h MAC-TALLA air a mheudachadh, agus an deigh sin bi’dh e dolar sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh ’n am sin.
Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig dolair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J. G. MacKINNON,
“Mac-talla,”
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 17, 1893.
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MACLAOMUIN, M. A., D. D.
Air sin labhair a chlann ri ’n athair-be ainmean na cloinne Peadar agus Tomas, Marta agus Muire, agus ogha Rut, a faighneachd mu thimchioll a choigrich. Fhreagair Talamh Dearg a mhain, “ ’Se ’n Tighearn a bh’ ann.” Dh’feoraich a bhean dheth. “Ciod a’s coir duinn a dheanamh?” Fhreagair esan i, Feumaidh sinn Babilon fhagail gu brath. Thubhairt Peadar, “Rachamide mar an ceudna.” Dh’eigh Tomas a bhathair, chaidh e dh’ ionnsuidh an doruis, dh’amhairc e air an iarmailt chiuin, agus thubhairt e, “Nach faod sinn fuireach ach a faic sinn ciod a bheir latha mu’n cuairt? Thilg Marta, lan curaim agus dragha mu thimchioll moran do nithibh sealladh gradhach air an airneis. Ghuil Muire an samhchair. Dhluth lean Rut ri ’sean-athair. Air an la maireach, ghairm Talamh Dearg air a chairdean agus a choimhearsnaich, ag iarraidh gu durachdach orra dhol maille ris; rinn iad gaire fanaid ris. Anns an fheasgar chualas seirm anns na speuran, thiughaich an ceo gu dordhadas; cha robh soillse gealaich na reul-sholus; gidheadh le lasair soillsean, agus stairn cluig agus farum tiompan dhanns an sluagh gu h-iollagach gus na chriothnaich an talamh le ’n cridhealas.
An sin ghabh Talamh Dearg a bhean ’sa chlann comhairle bhlasta le cheile, a’ feitheamh foillseachadh toil Dhe. Ghairm iad gu cuimhne leabhar araidh da m’ ainm “Leabhar na Beatha” a thug Athair Talamh Dearg dhaibh. An deigh rannsachadh dichiollach fhuaradh e am measg iomadaidh soithichean briste, a chraicionn learach comhdaicte le smur, agus a dhuilleagan buidhe agus aitidh. Air dhaibh briathran an Leabhair a leughadh fhuair iad a mach gu’n robh, taobh thall chuaintean fearann a ta sruthadh le bainne agus le mil oighreachd neo-thruillidh agus neo-shalaich a bha ra thoirt dhuibh san uile dh-fagadh Babilon anns an deadh long “Sgeil mhor Aoibhneis.” Bha aiseag air a thairgse do na h-uile gun airgiod agus gun luach. Os barr, dh-earalaich an Leabhar cabhaig ag radh, feuch, a nis an t-am taitneach, feuch, a nis la na slainte. Am sin ghairm Talamh Dearg gu cuimhne gu’n d’fhag Athair agus dream araidh Babilon agus gun d’sheol iad ann “Sgeil mhor Aoibhneis.” Thuig e nis gu’m be run an Tighearna gu’m biodh esan ’sa chlann na’n luchd leanmhainn orasan chaidh air thoiseach. Gidheadh a reir coslais bha ’naigheachd ro mhaith gu bhi fior. Smuainich e gu reiceadh e sheilbhean, agus gu’m paidheadh e airson na h-oighreachd. Thubhairt Peadar “oibrichidh mi airson mo thriall” Tomas dh-ionnsaicheadh Sgoile mhara. Ach thubhairt an Leabhar; Cha’n ann o oibribh, chum nach deanadh neach air bith uaill.
Mar so bha e air a shochrachadh, air an la maireach, aig eiridh na greire, gu fagadh iad uile Babilon.
(Ri leantuinn.)
Chaidh nighean bheag a mharbhadh aigLeitche ’s Creekair doigh gle chianail. Bha h-athir ’sa mathir og obair air curachd agus dh’fhag iad ise stigh gus nithean a chur air doigh agus bha i an sin ri dhol a mach cuideachd. An am beagan uine nigh i an soithichean, sguab i an tigh agus an deigh dhi gach ni eile dheanamh ghlas i ’n dorus agus thog i uinneag gus a dol a mach. Ach ’nuair a bha i deanamh sin thuit an uinneag air a h-amhich agus mharbhadh i air ball. ’Se nabidh a bha ddol seachad a chunnic an toiseach i an crochadh ris an uinneig, ’sa casan pios math o’n lar. Air dha a dhol far an robh i fhuair e gu robh am paisde bochd marbh.
Fhuair sinn o chionn ghoirid da phaipear bheag Eirionnach a tha air an cur a mach anns na Staitean. Tha aon diubh da’n ainm “An Gaodhal,” a tighinn a Brooklyn, agus am fear eile da’n ainm“The Irish Echo, ”a Boston. Tha roinn mhath de Bheurla anns gach fear dhiubh, ach ’si seana chainnt na h-Eirinn a’s pailte. Tha moran sgeulachdan, orain, us nithean eile annta, agus chan urrinn iad ach a bhi gle thaitneach leotha-san a tha comasach air an leubhadh.
Chaidh soitheach-iasgich Geancach, anLewis H. Giles, a ghlacadh aig Ingonish Di-luain s’a chaidh, air son a bhi ’g iasgach an taobh stigh do thri mile bho’n chladach. Bha i air a toirt gu Sidni-a- Tuath, far am bi i gus an teid cuisean a chur air doigh eadar i-fein us lagh Chanada. Chan eil an caiptean a gabhail ris gu robh e an taobh stigh dhe’n chrich idir.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth.
DR . WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c. us 50c. am botull.
Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig Stor-Labhrichean ’Ic Fhionghain, ri taobh “Talla na Sionachd,” (County Hall), far am faigh thu leabhrichean agus paipearan dhe gach seorsa, cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith.
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c , air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Iun 1, 1883.
[Vol . 1. No. 56. p. 3]
GAOL GAIDHEALACH.
SGEULA FIRINNEACH.
Le Naill MacLeod,
II.
“Mile marbh-phaisg air an t-suiridhe,
’S bochd dha ’n do n teid i iomrall;
Fagaidh i inntinn fodh iomaguin,
Gluasad cho simplidh ri meirleach.”
’S iomadh oidche allabanach a bha Domhnull a’ cur a’ mhonaidh agus cronan aige air an oran so, a’ gabhail nam fath air Seonaid fhaicinn ris an tom. Ach cha do lean Domhnull fad’ air an ruaig sin ’n uair a ghlacadh e. Bha e fein agus Seonaid oidhche araid ann an caidreamh a cheile gu cairdeil ann an oisinn a’ gharaidh gun smaointinn air ceilg no air foill. Ach mar a bha ’n tubaist an dan dhoibh co ’thainig orra gun chuireadh gun iarraidh ach brathair Seonaid; cha robh cothrom teichidh ann, no falach air a’ chuis. “Chaidh an ceol air feadh na fidhle an oidhche sin; chaidh Seonaid a thoirt gu mod laidir, agus bagradh oirre gu fiadhaich mur sguireadh i de chomunn Dhomhnuill gu ’n eireadh gu h-olc dhi.
“Ach bha’n comhairle dhi cho diomhain
Ri tilleadh mara ’s e tabhairt lionaidh.”
Bha cridhe agus inntinn Seonaid air an socrachadh air Domhnull mar a saibhreas agus a crannchur de fhearaibh an domhain agus cha robh beo na bheireadh oirre a roghainn a threigsinn. Beagan uine an deigh sin, ghabh athair Seonaid moran fearainn ann an Uidhist, agus am measg gach ni eile bha aige ’n a shealladh, bha e am beachd gu’m fuaraicheadh an Cuan Uidhisteach gaol Seonaid agus Dhomhnuill d’ a cheile, a creidsinn gu’n robh firinn anns an t-sean fhacal a thuirt, “An rud theid fad’ bho ’n t-suil theid e fad’ bho ’n chridhe;” ach cha do dhearbh e sin a thaobh Seonaid. Agus ged nach robh litrichean cho luaineach an trath sin ’s a tha iad an diugh, bha Domhnull agus Seonaid a’ faotainn cothroim bho am gu am air sgriobhadh gu ’cheile fo luirich. Bha sin ’n a mheadhon air an aigne a’ chumail blath, agus an gaol ’gum mheirgeadh.
Beagan uine an deigh an ama sin, thainig Sasunnach mor, saibhir ’n a Bhaillidh air an oighreachd air an robh am fearran aig athair Seonaid. Agus bho ’n bha iad na ’n teaghlach cairdeil, measail, agus foghluimte, bhiodh an Sasunnach a’ tathaich orra gu math tric. Ach mu dheireadh thall ’s e thainig a sin gu’n do thuit e ann an trom ghaol air Seonaid, agus cha robh e fada ’n uair a chuir e ’n ceill dha ’parantan ciod e ’bha ’n a bheachd, agus dh’ iarr e Seonaid orra r’ a posadh.
B’ e so a’ cheart duine bha dhith air a parantan. Bha “baile ’s buaile agus treabhair gheal” aige agus ’fhuair e cuireadh fial, farsuinn a thighinn air aghaidh; ach ’n uair a chaidh a’ chuis a chur fa comhair Seonaid cha ’n fhuilingeadh i iomradh a chluinntinn air e leithid: ach cha ’n faodadh i beul fhosgladh anns a’ ghnothach: dh-fheumadh i a phosadh, olc air mhath leatha.
An uair a chunnaic i cho rag ’s a bha iad ’n am barail fein leig i leo dol air aghaidh leis a’ chuis mar a thogradh iad. Ach bha i ag innseadh do Dhomhnull mar a bha gnothaichean a’ dol air aghaidh d’ a taobh. Dhuisg so spiorad nan seann laoch treun bho ’n d’ thainig e, ann an Domhnull, agus thog e ’fhuil an aghaidh an t-Sasunnaich agus cairdean Seonaid, le bhith smaointeachadh gu’m biodh maighdean og neochiontach air a cumail fo chis air a leithid de dhoigh, agus gu h-araid ’n uair a bha fios aige gur ann le gaol dha fein agus air a shon a bha i faotainn a leithid de dhroch caradh.
An deigh beagan litrichean a null ’s a nall, ’s e an comh-dhunadh gus an d’ thainig Domhnull agus Seonaid, gu ’n teicheadh iad as an rioghachd, agus gu’m fagadh iad gach Sasunnach ’s gach duine bh’ ann an claiginn a cheile. Ach ged a bha sin mar sin, bha ullachadh mor ’g a dheanamh air son a’ phosaidh air an laimh eile; chaidh an Sasunnach agus Seonaid eigheach ann an eaglais na sgireachd air son a’ cheud uair, chaidh a nis an fhuaim a mach air feadh na duthcha, agus cha robh aicheadh air a’ chuis. Air oidche Di-mairt an deigh an eigheach bha cuirm mhor ann an tigh athair Seonaid, agus bha i fein agus an Sasunnach gu bhi posadh seachduin bho ’n oidche sin.
B’ i an oidche Di-mairt sin air an robh a’ chuirm, a’ cheart oidhche’chuir Domhnull agus Seonaid air leth air son teichidh. Agus bha fios math aig Seonaid ’n uair a bha iad ’n an suidhe aig a’ chuirm gu’n robh Domhnull le sgioba math ghillean leitheach cuain eadar an t-Eilean-Sgiathanach agus Uidhist, a’ tighinn g’a h-iarraidh.
Bha ’n Sasunnach mor air ceann a’ bhuird ann am fonn anabarrach math; bha ’n oidhche dol seachad gu sunndach aighearach aig gach neach a bha ’n lathair. An uair a bha an t-suipeir thairis, rug an Sasunnach air ghairdean air Seonaid agus chuir e ’n a suidhe aig a h-inneal-ciuil i, agus dh’ iarr e oirre oran a sheinn; agus rinn i sin. Chluich i gu h-ealanta, agus sheinn i gu h-innealta.
“S ann tha m’ ulaidh ’s mo ghaol
Air a’ bhirlinn a’ tighinn.”
Cha robh an Sasunnach a’ tuigsinn a bhrigh bha aig Seonaid fodh ’n oran sin agus bha sin cho math. Is ann a bha shuil a’ ruith an deigh nam basan mine geala, agus nam meur finealta bha ’leum bho theud gu teud air an inneal chiuil; agus a toirt seallaidh an traths’ agus a rithist air aghaidh mhaisich Seonaid, le ’cuailein trom a’ tuiteam ’n a shniomhanan or-bhuidhe sios mu ’guaillean.
Is e sin a bha ’togail cridhe agus inntinn an t-Sasannaich, agus e ann an lan bheachd gu’m biodh i aige air laimh seachduin bho ’n oidhche sin, le toil a cairdean agus le ughdarras na cleire—ach bha “cur eile an adharc an daimh.”
(Ri Leantuinn.)
Nuair a thoisich an luchd-riaghlidh air feill an t-saoghil air fhosgladh air an t-Sabaid, chaidh a chuis a thoirt gu lagh leotha-san a bha ’n aghidh sin. Tha na breitheamhna a nis an deigh tighinn gus a cho-dhunidh gu feum an fheill a bhi air a dunadh air an latha sin. Tha Breatuinn, Canada, na h-Innsean, agus Australia a car glas us uichir air gach ni a th’aca air an fheill, a h-uile feasgar Di-sathairne ’s cha n-eil iad a tighinn dhiubh gu madinn Di-luain.
Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan. &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu-saor.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 56. p. 4]
A MHAIGHDEAN OG NAM MEALL-SHUILEAN.
LUINNEAG.
A mhaighdean og nam meall-shuilean,
Gur h-og ’thug mi mo ghealladh dhuit;
Nam fhigainn thu le ordagh cleir’
Cha n-iarrinn spreidh no earras leat.
Cha n-iarrinn stoc no storas leat
Do phearsa fein bu leoir leam e;
Cead bhi sinte ruit san leaba
Ann an cadal solasach.
Cha n iarrinn-crodh no caorich leat;
No tochradh bho do dhaoine leat;
Cha n-iarrinn leat bo dhubh no ruadh
Ged bhiodh na buailtean saor aca.
Chuirinn seol air aran dhuit,
’S an crodh laoigh gu baine dhuit
Chuirinn gearrain dhuit an croinn,
Is glinn fo chaoraich gheala dhuit.
Chuala mi ’s gur math leam e
Gun danig thu do ’n bhaile so,
Ribhinn og ’s a gruaidh mar ros;
Cha chum cion oir mo leannan bhuam.
Bha duil agam ’nuair dh’fhag mi thu
Nach biodh fear eil’ am ait’ agad;
Ach ’nuair thionndaidh mi mo chulaobh
Bha fear ur ’s do lamh aige.
’Si chuis a tha mi gearan oirr’
Nach d’ fhuair mi comhradh mionaid riut
’Nach d’fhuair mi urrad agus fasgadh.
Dhe do laimh san dealachadh.
Gur mis’ a tha gu deireasach
Bon sheol thu do dh-America;
An gealladh posidh thug thu dhomhsa
Dh’fhogir thu mu dheireadh e.
Ged nach eile aig na h-Eirionnich an America ach an da phaipear ’nan cainnt fein, tha aig Welshich America, nach eil an fhicheadamh cuid cho lionmhor ris na h-Eirionnich coig paiperan nan cainnt fein agus tha iad ’gan cumail suas gu duineil. Aig Gaidhil America chan eil ach aona phaipear. Ach tha sinn an dochas gu’m buin iad gu math ris a phaipear sin, agus nach bi e ’m feasda ri thilgeadh oira gu’n do leig iad bas e!
Tha teintein a fas gle lionmhor anns na coilltibh cheana. Bu choir do mhuinntir a bhi gle fhaiceallach mu theine an am so dhe’n bhliadhna, oir tha e moran na’s usa ’chumail gun toiseachadh na tha e chur as an deis dha greim fhaighinn. Mur biodh cho mi-churamach sa tha cuid dhe’n t-sluagh, bhiodh coilltean Cheap Breatuinn an diugh moran na’s maisiche ’s na’s fiachaile na tha iad.
Tha Ard chomhairle Cuan Bhering faisg air bhi ullamh dhe’n obair. Tha e air a radh nach eil teagamh sam bith aig muinntir Pharis nach i Breatuinn a gheibh a chuid a’s fhearr dhe, ge’r bith de bharail a th’aig muinntir eile.
Tha na soithichean-iasgidh a tha taghall san acarsaid ag innse gu bheil an runnach gle phailt timchioll an eilein, bha cuid dhiubh aig an robh bho dha cheud gu sia ceud baraille air bord. Bha aon soitheach air ’n do thachir mall mor dhe’n iasg Di-luain s’a chaidh. Bha na lin air an cur a mach, ach leis cho tiugh s’a bha ’n t-iasg bhrist iad, gidheadh fhuaireadh ceithir fichead baraille ’sa deich a thoirt air bord.
Tha Priunnsa Roland Bonaparte, ogha brathar do Napoleon Bonaparte, air chuairt an Canada an drasda. Thanig e air tir aig Halifax Di-luain, ’s dh’fhag e am baile sin Dior-daoin air a thurus gu Charlottetown. Air a thilleadh a sin tha e ’dol a thoirt sgriob bheag do Cheap Breatuinn. Nuair a gheibh e air ais don Fhraing, tha e’n duil leabhar a sgriobhadh mu Chanada, agus ’sann a chum fiosrachadh fhaotinn mun duthich a tha e cur na cuairte so.
Bha duin’ uasal ann uair aig an robh sgalag da’m b’ainm Iain, agus ri fuachd a gheamhridh bhiodh iad a cadal cuideachd, an duin’ -uasal ’na aite fein agus Iain aig a chasan. Aon aiche fhuar, reota, an deigh dhaibh a bhi treis ’san leaba dh’ fheorich an duin’ -uasal do Iain, “Cionnus a tha ’dol dhuit shios aig mo chasan, Iain?” “O, ars Iain, “tha mise gu blath, seasgair. Cionnus a tha ’dol dhuit fhein shios aig mo chasan-sa?”
Bi cuibhteas do dhroch stamag
mu’n tig an cholera, Leigsidh
K D C
am mian a’s miosa dheth.
Cumidh e uat an cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paiper so.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear aig aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sam bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni. C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
title | Issue 56 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 56. %p |
parent text | Volume 1 |