[157]

[Vol . 1. No. 57. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 24, 1893. No . 57.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NIGNEAG OG AN OR-FHUILT DHUINN.

LUINNEAG.

Nighneag og an or-fhuilt dhuinn,
Tha cainnt do bheoilna cheol ro bhinn;
Thug tailleachd barr air al gach linn,
S gur morthaloinn na firinn ort.

Nuair a thanig mi don aite
Bha mi fada bho mo chairdean,
Fhuair mi uasal suairce, cairdail
Maighdean bhan nam miog-shuilean.

Cha n-e dearmad ach nach h-eol dhomh
Dhfhagadh ceart air rann de moran;
Mar a thoill a mhaighdean bhoidheach
Cha n-fheil seol air innse dhuibh.

Nighean an fhir ruaidh on Apuinn
Air an taobh a tuath den aiseag,
O ghleann uaine gorm nan gaisgeach
Thogadh creach nan Liobhanach.

Tha do chairdeas o Ghleann Comhann,
O Ghleann-Cuaichan t-sluaigh neo-choimheach;
Cairdeas mor is sloinneadh domhain;
Co bu cho-ard sinnsre riut?

S math a baithne dhomhsa taireamh,
Do chul dualach, cuachach, faineach;
Gruaidhean dearga as glan dearrsadh
S falt mar bharr nan ditheanan!

Tha do ghruaidhean mar an t-siris,
Suil mar dhriuchd air chul a ghlinne,
Aghaidh chiuin a gunan grinnis,
Beulbu bhinne, shiobhalta.

Ged a gheibhinn aois mo sheanar
S a bhi sgriobhadhh-uile meanaid,
N coigeamh train cha deanainn aithris
De mhaise na ribhinn ud.

Gabh mo lethsgeul og bhean uasal,
Ma thanig mi cearr air tuaisle
Cha n-fheil cainnt agam a luaidheas
Meud nam buadh o chi mi ort.

Chi mi thu mar chraoibh an garadh
Gach aon mheanglans iad fo bhlath oirr,
Driuchd nan speur a toirt dhi fais,
Is eoin na barr gu binn-ghuthach.


Tha Uilliam Caimbeal, Seaforth , Ont. ,a sgriobhadh; “Badh cuimhne mhath agam air an la a fhuair mi ur leigheas fiachail. ’S en aon leigheas a rinn feum dhomh riabh. Reic mi K. D. C. rin feadhinn eile a thag radh gun do leighis e iad.

A DUTHICHIC AOIDH.

Biodh cach a seinn an cuid eallan
Mu dheibhin nan gleanns nam beannaibh,
Ach molaidh mise MAC-TALLA
Thacur anamna mo chainnt.

Gum-a slan don Ghaidheal ghaisgeil,
S aoibhinn leam an sgeul a chlaistir,
Do thallaga dheanamh farsuing
Ged a thachdas em fear galld.

Deanta fada, farsuing ard e,
Biodh a bhallachan gun sgaineadh,
Gus an cinnich e le Gaidhil
Cho laidir ri fardach Fhinn.

Tha micur dolar thugibh leis an litir ghoirid so, ’s cha dug mi dolar seachad riabh ris an sunntaichebheil mi dealachadh. Ma ni Gaidhil America an dleasanas daibh feins do na bheil ag eirigh suas nan deigh, ni iad do thalla nas treise na fadach Fhinn. Bha fardach Fhinn air a dion leis a chlaidheamh ach bidh fardaich a MHAC-TALLA air o dion leis a pheann, inneal cogaidh as treise gu mor nan claidheamh. A reir mar a chuala mi aig seann daoine nach maireann, bha ceud fardach an tigh Fhinn, ceud teine anns gach fardach, agus fear us ceud mu gach teine. Nam biodh an aireamh a thagabhail a MHAC-TALLA cho mor sin bhiodh fhardach blath, seasgair. Smuainicheamid uime sin agus cuireamid ar guaillibh ri cheile, agus thoireamid aon ionnsidh bheo air ar cainnt a chumail o ghearradh-mairbh a bhiga dheanamh oirre leis na Goill. A guidhe soirbheachadh dhuibh bidh mi e stad.

MAC AOIDH.
Providence , R. I.

Bhrist teine mach an Sidni-a- Tuath oiche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh, a loisg da stapull agus tigh. Bha choltas air aon uair gun sgaoileadh a air feadh a bhaile, ach bhan oiche ciuins cha robh cothrom aig an teine air sgaoileadh, agus chuireadh as e gun an corr call a dheanamh.

SAOR MHALAIRT. Tha moran ri chluinntinn mu shaor-mhalairt. Tha moran chluinntinn mar-an-ceudna mu B. B. B. Chan eil leigheas eile ann as luaithe ni feum do gach eucail a tha buailteach don stamaig don ghrians don fhuil.



[158]

[Vol . 1. No. 57. p. 2]

MAC-TALLA.

RABHADH.

Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bidh MAC-TALLA air a mheudachadh, agus an deigh sin bidh e dolar sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimhn ain sin.

Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e biadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J. G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney , C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 24, 1893.

AN T-URR. D. B. BLAIR, D. D.

Rugadh an t-Urr. D. B. Blair ann an Siorramachd Earraghaidheal sa bliadhna 1815, air a cheud latha de mhios deireannach an t-samhridh. Chaidh e don sgoil an toiseach nuair a bha e ochd bliadhna dhaois, agus an ceann bliadhna bha e comasach air am Biobull a leubhadh araon am Beurlas an Gailig. An uair a bha e fhathast gle og, chaidh athair air imrich don Lagan am Baideanach, agus nuair a bha e fichead bliadhna dhaois chaidh a do dhOil-thigh Dhun-eideann. Beagan bhliadhnichean an deigh sin ghabh e droch fhiabhrus a chum air ais e gu mor na fhoghlum. Fhuair e cead searmonachidh an 1844, agus an ceann da bliadhna thanig e gu Nobha Scotia. Shearmonich e aig Abhainn Bharnaidh a cheud uair air an 20mh la de September, 1846, agus mios na dheigh sin bha e air a shuidheachadhsa sgireachd sin, far an dfhan e gu am a bhais. Shearmonich e corr us coig mile searmon, agus bha soirbheachadh mor ri fhaicinn na lorg. Bha e na shar sgoilear aig an robh mion eolas air Eabhra, Greigeis Laidinn us Beurla, ach bha meas sonrichte aige air a bhi sgriobhadh na Gailig. Dh-fhag e aireamh mhor do sgriobhidhean na dheigh am measg an robh Gramair Gailig agus Sailm Dhaibhidh an Gailig. Tha sinn an dochas gum bi curam air a ghabhail dhuibh uile agus gun teid an cur an clo an uine gun bhi fad.

Cha robh caraide aig a MHAC-TALLA a chuir failte na bu chridheile air, na bu mho a rinn air son a chumail beo, na Dr. Blair. Nuair a sheallas sinn thairis air aireamhan na bhiadhna sa dhfhalbh, chi sinn nach mor gu bheil aon dhiubh gun ni-eigin ann a thanig bhopheann. BhaFogradh nan Gaidheal,” “Coinneach Odhar,” agus na h-eachdridhean eilesgriobh e gle thaitneach leis gach neach a bhagan leubhadh. Cho cinnteachsa thigeadh, am posta oiche Di-sathairne, thigeadh cuibhrionn bho Dhr. Blair thun a MHAC-TALLA. Ach fad da sheachdain mun dfhuair sinn sgeul a bhais cha dfhuair sinn ni uaithe. Tuigear an reusan nuair a leubh ar an litir a leanas, a sgiobh e tri latha mun do dheug e.

ABHAINN BHARNAIDH, 1d June, 1893

A DHEAGH CHARAID, —Tha mi gu tinn bho cheann ceithir-la deug. Tha mi lag, lag, agus chan urrainn mi sgriobhadh no smuaintean a chur ri cheile. Uine sin chan urrainn mi ni a sgriobhadh air son MHIC-TALLA gus am fas mi nas fearr. Tha mi toilichte gu bheil a choltas air MAC-TALLA fas nas mo air a bliadhna so.

Is mi do charaid
D. B. Blair.

Chan eil teagamh againn nach e so an ni mu dheireadh a sgriobh e. Cha dranig an litir sinne gus an robh am fear a sgriobh i air a charadh san uir.

Chaidh fear Iain Domhnullach, a mhuinntir Abhinn-nam Breac, am Mira, a chur don tigh chaothich an la roimhe. Ben t-aobhar air son na chuireadh an sas e, e bhi fiachinn ri tighinn ri bheatha. Thug e ionnsidh an toiseach air a sgornan a ghearradh, agus nuair nach deachidh sin leis thug e choille air agus dhfheuch e ri e fein a chrochadh, ach bhrist am meanglan ris na cheangail e an rop. Chaidh an Dotair Domhnullach a thoirtga amharc agus an deigh dhaamhach a chuir air doigh, dhorduich e a thoirt don tigh chaothich. Tha e air a radh gun dug a cheart duine ionnsidh air tighinn ri bheatha air an doigh cheudna o chionn ochd bliadhna eadar Sidni us Cow Bay.

Tha paipear-naidheachd an Truro ag radh: “Re nan deich laithean a chaidh seachad, chaidh tri cisteachan-laidhe anns an robh cuirp dhaoinoga mhuinntir Cheap Breatuinn a dheugsna Staitean, triomhn bhaile so air an rathad gu dachidh an oige gu bhi air adhlacadh.” Tha e muladach ri fhaicinn na tha de dhoigridh an eilean so a falbh a h-uile bliadhna, moran dhiubh a fagail deagh dhachidhean, agus moran dhiubh nach till am feasda gus an teid an guilan dhachidh gus an caradh fon fhod. Chan eil anns a sgeul a tha tighinn a Truro ach sgeul a tha ri chluinntinn gle thric.

Chaidh stor le Mr. A Jamieson, am Brook Village a losgadh maduinn Di-sathairne sa chaidh. Bhan stor faogailte agus thoisich an teine mu dheich uairean sa mhaduinn. Chan eil fhios cia mar a thoisich e. Cha robh airgiod-urrais air an stor idir. Faisg air Baddeck bha tigh le Seumas Archibald air a losgadh feasgar Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Bhan teinen deigh greim cho laidir fhaighinn air mun robh e air fhaicinns nach gabhadh e cuir as. Bfhiach an tigh mu dha mhile Iolair.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son dolair gu leth.


BURDOCK BLOOD BITTERS

Riaghiltichidh en stamag, an gruans na h-airnean, glanidh en fhuils bheir e air falbh a h-uile neo-fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.

LEIGHISIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.


Ma tha thun duil dad a leughadh nosgriobhadh ruig Stor-LabhricheanIc Fhionghain, ri taobhTalla na Sionachd,” (County Hall), far am faigh thu leabhrichean agus paipearan dhe gach seorsa, cho saorsa gheibh thu an aite sam bith.


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Iun 1, 1833.



[159]

[Vol . 1. No. 57. p. 3]

GAOL GAIDHEALACH.

SGEULA FIRINNEACH.

Le Naill MacLeod,

II.

Chaneil teagamh nach bi cuid ullamh air coire fhaotainn do Sheonaid air son cho laidirs a bha in a barail fein agus cho rag-mhuinealach s a bha i an aghaidh toil a parantan, agus gun robh sin ann an trmhas mor acur mi-mhaise air na buadhan oirdhearc eile bha isealbhachadh. Ages chaneil teagamh mar an ceudna nach e sochair agus dleasnas araid cloinne umhlachdh a thoirt don aithne mhoir agus urramaich sin— “Thoir onair do dathair agus do dmhathair.” Ach an deigh sin, tha am ann anns am faod parantan a bhi cearr agus clann a fhi ceart. Agus tha micreidsinn nacheil am anns an dualaiche do pharantan a bhi air am mealladh a thaobh an cuid cloinne, na am posaidh, gu h-araid posadhan cuid nighean.

Tha, mar is trice, na parantan aroghnachadh agus acur air leth ceile dhan cuid nighean a reir an cridhe fein, agus chaneil iad atoirt suil air ciod e cho mi choltachs a dhfhaodas an da aigne agus an da inntinn aca bhi ra cheile.

Chaneil teagamh nach e math an cuid cloinnetha aig na parantans an t-sealladh ann a bhideanamh sin. Tha iad toileach a bhig am faicinn air an deadh shuidheachadh nan crannchur saoghalta; ach tha am anns an tig toradh math den togradh sin agus am nach tig. Agus tha mi anns creidsinn gu bheil moran posdadaoine agus mnathana dhfhaodadh a radh le firinn mar a thuirt am fear roimhe— “Fhuair mi cuids fhuair mi luid; ach dhfhalbh achuidus dhfhan an luid.”

Chaneil neach air biththa dol troimh an t-saoghal so, aig a bheil breithneachadh glan agus a shuilean fosgailte, nach faod fhacinn gle thric gu bheil iomadh caraid cuideachd aig nacheil an inntinn agus an doigh afreagairt da cheile, agus ge do tha iad cuideachd ann an selladh dhaoine, aig a bheil an da nadur cho dealaichte bho cheiles a than aird an ear bhon aird an iar. Chan aithne dhomh sealladh as mi-chiataiche na maighdean og bhlath-chridheach, le faireachadh beo agus tlath a fhuair a togail gu muirneach ann an teaghlach riaghailteach agus cairdeil, fhaicinn ceangailte ri umbaidh de dhuine aineolach, borb, agus an-iochdmhor, ged bu leis an soaghal. Agus tha e pailte cho mi-chiatach, duine buadhach dichiollach a tha deonach air deanamh gu math agus tighinn air aghaidh, ’fhaicinn ceangailte ri sgliodraich de bhoirionnach gun fheum. Ach tha eagal orm gu bheil an da chuid atachairt gle tric. Aguss en toradh a tha iomadh uair ag eirigh uaithe sin aimhreit agus doilgheas, misg agus mi-shonas, athafagail iomadh broilleach gun sith.

Ach gu tilleadh ri ar sgeula. Bha mar a dhainmich micheana, cuirm mhor ann an tigh athair Seonaid air acheart oidhchechuir i fein agus Domhnull air leth air son teichidh, agus bha fios math aig Seonaidn uair a bhi muinntir na cuirme gu h aighearach, ceolmhor mun cuairt air abhord, gun robh Domhnull le sgioba agus le bhirlinn leitheach cuain eadar Eileansa’, cheo agus Uidhist, adol ga h-iarraidh. Bha eagal oirre gum faodadh muinntir na cuirme fuireach tuilleadhus anmoch, agus nan tigeadh Domhnull faisg air abhaile agus a leithid de shluagh mun tigh, gum faodadh cuid dhiubhfhaicinn, agus gum biodh sin namheadhon air gach comhairle mhaith a bhaca a chur bun os cionn.

Uime sin leig i oirre gun dfhas i ro thinn, dhfhag i seomar na cuirme agus chaidh i suas an staidhir gu a seomar leapa. Bha sinn a mheadhon air sgapadh a churs achuideachd mar a bha mhiann oirre. Chruinnich an teaghlach mun cuairt air Seonaid, afrithealadh dhi leis gach ni a shaoileadh iad a bha gu feum dhi, agus co bhiodh air thuss air thoiseach ach an Sasunnach mor. Thuirt Seonaid riutha mu dheireadh gum faodadh iad gabhail mu thamh; nach robh ann ach droch thuaineal a thainigna ceann, agus gun robh ig a faireachadh fein ceart gu leoir. Ghuidh muinntir an teaghlaich oidhche mhath dhi, agus dhfhag iad i. Ghabh an Sasunnach mor beannachd leatha gn caoin, cairdeil mar a babhaist dha, ach tha micreidsinn nam biodh fios aige gum be sin an selladh mu dheireadh a bha e gu fhaicinn dhis abheatha so, nach robh e air falbh cho luath, agus nach biodh a chadal ach bruailleanach an oidhche sin. An uair a ghabh an teaghlach mu thamh, dheirich Seonaid, agus thoisich i le cridhe luaineach agus iomaguineach air ullachadh air son an turais mhoir agus neo-chinntich a bha air thoiseach oirre. Las i solus agus chuir in a shuidhe anns an uinneig e, ni bha gu bhithn a chomharadh do Dhomhnul air an t-slighe bhi glan air thoiseach air.

Cha robh seoladair riamh ann an gabnadh cuain ag amharc air son tigh-soluis, no fear-faire na h-oidhche ag amharc air son reulta na maidne a dheirighs an ear na bu durachdaiche na bha Domhnull ag amharc air son an t-soluis so. Thainig e fein agus an triuir ghillean a bha leis air tir; ghabh iad suas thun an tighe, gu socair, samhach. Bhan tigh gu math ard, agus bha Seonaid ann an aon de sheomair mhullaich an tighe, agus bicheist, cia mar a gheibheadh iad Seonaid a nuas. Ach cha robh iad fadan ioma-cheist a thaobh sin. Fhuair iad faradh mor ann an sabhal faisg air an tigh, chaidh a shocrachadh ris an uinneig, agus bha Domhnull shuas cho luath ri gearr. Ann an gle bheag uine bha Seonaid agus na nothaichean beagabha itoirt air falbh leatha, aig na fearaibh anns abhata. Thog iad a siuil rithe gu tosdach, samhach, fodh comhdach dorcha na h-oidhche, asuidheachadh a cursa air Eilean-a’ -cheo.

Seid, a ghaoth an iar, gu ciuin,
Na eireadh lasan air do ghnuis,
Na duisgeadh fearg air muir no tonn,
Gu ruig acharaid og so fonn.

(Ri Leantuinn.)


LEAN RIS A CHEART. Tha gniomh ceart a tighinn bho nadar ceart. Air son gearrach, goirteas, cholera morbus, sen leigheas ceartFowlers Extract of Wild Strawberry—leigheas cinnteach. Na rach am feasd air turus gun e bhi agad.


Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri ficheadsa h-aon deug dhe na h-orain as fhearr ann an lebaharsam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACAIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloin uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[160]

[Vol . 1. No. 57. p. 4]

CAMANACHD ANN AN LUNNUINN.

Co-cheangailte ris an ath-bheothachadh tha tighinn air gach ni Gaidhealach, tha na h uile coltas air seann chluich na Camanachd gum bi e air aisigeadh gus a chiad aite am measg nan cluichean Gaidhealach, agus is ann a tha e na ni iongantach gun do chaill e riamh an t-aite sin, oir chan aithne dhomh fhein cluich sam bith eiletha cho freagarrach airson gach ball den chorp a chuir an cleachdadh. Tha obair gu leoir ann airson na lamh, na coise, na bodhaig, agus na sula, agus chan e fear a tha cearbach ann an aon diubh sud a ruigeas a leas a bhin duil gun dthoir e barrachd anns a chluich so. Bha la mor againn deth anns a bhaile so air Di-haoines a chaidh, nuair a bha Comhstri chairdeil ann eadar daChomunn:— “Comunn Camanachd Siorramachdan an Taobh Tuath ann an Lunnuinn” (air an dthug mi iomradh ghoirid o chionn beagan sheachduinnean agusComunn Camanachd nan Albannach Lunnuinneach.’ Cha robh an comunn mu dheireadh a dhainmich mi ach air a steidheachadh o chionn ghoirid agus mar sin bi so a chiad chomhstri den t-seorsa a chunncas riamh an Lunnuinn. Bha coig daoine diag a cluich air gach taobh agus lean iad air an t-strith fad uair gu leth.

Cha robh iad fada cluich nuair a bha e ri fhaicinn gun robh chuid a bfhear den la gu bhi aig an t-seann chomunn. Ged nach robh coltas orra bhi nan daoine cho trom, laidir, riu-san a bha cluich nan aghaidh gidheadh bha iad cho smiorail, luath, agus cho math air a chneac a bhualadh an dara fear gus an fhear eile, ’s nach mor gun dthug iad cothrom idir do na fir eile air faighinn faisg air puist an taghail. Bha chuid a bfhearr aca den chluich fad na h-uine agus nuair a bhan fheadag air a seideadh aig am sguir bha iad air a chneac a chuir eadar na puist coig uairean gun an fheadhainn eile leithid ceudna dhianamh idir. Bha mar so a bhuaidh aig Comunn an Taobh Tuath le coig taghaill. Chruinnich aireamh mhor sluaigh a dhfhaicinn na comh-stri agus cha bu duilich aithneachadh gum bu Ghaidheil a mhor-chuid diubh, oir chluinneadh neach iad air gach taobh a cuir failte air a cheile anns an t-seann chainnt no ag eigheachd ri cluicheadair araidhBuail i bhalaich, ’s math a gheibhear thuno facail eile den leithid sin. Bha seachdnar phiobairean air an raon agus nuair a bha chluich thiris sheid iad so suas agus threoraich iad an sluagh gu talla mhor far an robh diothad air a h-ullachadh, agus an sin chaidh oidhche chridheil a chuir seachad le dannsadh Gaidhealach agus orain Ghaidhlig. Bha gach ni air a dheanamh gu siobhalta, lan-thoilichte le obair an la.

Gu ma fada beo seann chleachdaidhean ar nathraichean.

CABAR-FEIDH.
LunnuinnApril4mh 1893.


FACAL A MARGAREE.

Than t-side tioram, agus tham barr ann an cunnart mur dthig uisgen uine aithgearr. Tha aodann nam beann us airidh nan gleann nair an sgeadachadh ann an ailleachd ro dhreachmhor; aguss mor an toileachadh inntinn do neach air bith dol air faontradh feadh nan stuc mun am son t-samhradh. Tha sgeul a tighnn ugainn gum bheil am bradan gle phailt aig Acarsaid Mhargaree, agus gum bheil triuir ga cheannach am bliadhna air son margadh nan Staidean. Tha iad a paigheadh naoi sentachan am punnd air; agus tha so na phris fior mhath. Chuala mi gun dthuair aon fhearr ceithear a latha roimhe a thoimhais ceud punnd. Bha so naoi dollair air son beagan uairean do thrioblaid. Tha slainte buadhach anns na criochans o chionn uinne mhath, agus tha MAC-TALLA toirt fior sholas ugainn le cheilidh gach seachduinn, air choirs nacheil farmad againn ri aitetha fon ghrein.

CAORSTAIDH.


DROCH CAS. Bha mi dona le domblasachd, ceann goirt, agus cion cail. Cha burrinn domh cadalsan oiche, ’s bha migle lag, ach an deigh dhomh tri botuill de B. B. B. ol, tha mo chail nas fhearr na bha i o chionn bhliadhnichean. Cha tiginn as aonais idir.

MRS . WALTER BURNS, Maitland N. S.


Bi cuibhteas do dhroch stamag
mun tig an cholera, Leigsidh
K D C
am miar as miosa dheth.
Cumidh e uat an cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear aig aite sam bith.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reic nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni. C. B.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdaso uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”

titleIssue 57
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla I No. 57. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page