[Vol . 1. No. 6. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 2, 1892. No . 6.


E. T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac
agus Sigars.
SIDNI, C. B.


THUGAIBH FANEAR.

Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni.

Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach as fhearr a tham Boston.

ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA
air laimh
F. FALCONER.
Sidni, C. B., Mai 26, 1892.


FAICIBH SO.

Tha MAC-TALLA ri reic gach seachduinn anns na h-aitean a leanas:

Sidni, Iain A. MacCoinnich.
Sidni Tuath, Wilson & Co.
Pictou, Seumas MacIlleain.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Tha fios a Ruisia ag radh nach eil am barr gu bhi faisg cho maths a bha choltas air mu thoiseach a t-samhraidh. Tha so gle bhochd don duthaich sin an deigh gorta na bliadnan uiridh.

Nuair a bha Gladstone air an rathad gu Chester, air an t-seachduinn so chaidh, thilg boirionnach pios de dharan-dinnseir air, agus ghoirtich ishuil gu dona. Bfheudar dha bhi duinte ann an rum dorcha fad dha no tri de lathaichean.

Tha Parlamaid Chanada ri sgaoileadh mu dheireadh na h-ath sheachdainn. Tha $3 ,200 am mile air a ghealltainn mar chuideachadh do Rathad-Iaruinn eadar Sidni agus Louisburg, agus mar an ceudna eadar Orangedaleus Broad Cove.

Chaidh seann duine, dam ainm Donnachadh Grannd a bhathadh aig an Eillean Mhor an la roimhe. Bha e fein agus mac brathair dha a muigh ag iasgach agus chaidh am bata thairis. Fhuair an duinog air eigin gu tir, ach bhathadh an seann duine. Bha e mu thri fichead bliadhnasa deich a dhaois, ’s na dhuine coir, onorach, an air robh meas aig na h-uile.

Thug sinn iomradh uair no dha air Iain Kennedy a chaidh air chall ann an Glace Bay, o chionn corrus mios. Chunnacas e mu dheireadh comhla ri dithis sheoladearan bhar soitheach-smuid a bhasan acarsaid. Cha dfhuaras sgeul air tuilleadh gus an dfhuaireadh a chorp a snamh air an uisge, Di-sathairnen 25 la de Iun. Thug dithis iasgaran an aire dha agus thug iad fios don luchd-dreuchd agus ghabh iad sin curam dheth. Rannsaich na dotairean e agus a reir gach coltais bhan duine bochd air a mharbhadh mun deachaidh e don uisge. Ma bha duine na urraidh rimharbhadh chan eil fhios co e, achs coir a rannsachadh a machsa pheanasachadh.

Tha Mr. Blake a nis air a thurus gu Eirinn. Tharoghainn de dha aite suidhe aigesa pharlamaid Bhreatunnach. Chan eil teagamh sam bith nach bi ena neart mor do na h-Eirionnaich.

Tha 112 tigh oil ann am baile Halifax. Tha cead laghail aig gach aon dhiubh sin deoch laidir a reic. Cia meud tha ga reic gun chead idir? Ged nach eil cead laghail aig aon neach ann an Sidni tha gu leòr a gabhail a chead nan laimh fheins chan eile duine cuir dragh orra. De fhads a leanas a chuis mar so?

O chionn corrus mios chaidh teine chuir ri factoridh chaise air an Abhainn Mheadhonaich. Fhuaradh a mach uaithe sin gum bee gillog, coig bliadhna deug a dhaois, a rinn an droch ghniomh so, agus gun dfhuair e fichead dolair o neach eigin air son a dheanamh. Bfhiach an tighs na bha ann $1 ,200.

Tha paipeir a Pictou ag radh gu bheil muinntir Abhainn Eoin a faighinn spors mor air mathan, neo gu bheil am mathan a faighinn spors orrasan. Bham beothach sin, mar is nadarach dha, a marbhadh chaorach, agus an la roimhe, thug e roid an deigh duine. Dhirich an duinem barr craoibhe ach rug am mathan air chois air, agus rinn e droch sgrobadh oirre.

Than tiomnadh a rinn an t-Onorach Alasdir Mac Coinnich a nochdadh gum fhiach a chuid don t-saoghal $58 ,000. Dhfhag en darna leth dhe so aig a nighinn, Mrs. Thompson, ann an Sarnia Ont. Than leth eile air fhagail a bhantraich fhads is beo i, agus an deigh a bais, tha e ri thoirt don eaglais Bhaisteach airson cumail suas seann mhinisteiran.

Tha pairtidh ann an Alba thag iarraidh Fein-Riaghladh a thoirt, chan ann do Eirinn leatha fein, ach do Alba cuideachd. Chuir a phairtidh so ceisdean araidh air Gladstone a thaobh de dheanadh e air son sin a thoirt man cuairt, ach cha do fhreagair e iad cho direachs bu mhath leo. Air an aobhar sin, chuir iad fios da ionnsaidh, an la roimhe, nach toireadh iad cuideachadh sam bith dha aig am taghaidh Bhall a tha nis a tighinn faisg air laimh.



[22]

[Vol . 1. No. 6. p. 2]

MAC-TALLA.

Bidh MAC-TALLA air a chuir a mach uairsan t-seachdainn air madainn Di-Sathairne. A phris 50 sentsa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.

Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aitem bheil iad agus bidh e ro-thaingeil airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhen t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhen phaipeir.

Seolaibh gach litirus eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 2, 1892.

Sen aon ni tha cuir dragh air luchd-riaghlaidh Bhreatainn an drasdEirinn: an toirear Fein-Riaghladh dhi, no nach toir? Than da phairtidh gle fhadan aghaidh a cheil air a phuing so, Nuair a ni Gladstone oraid their e gur coir Fein Riaghladh a thoirt don duthaich sin air gach aon chor. Ni e mach gu robh Eirinn air a droch righladh riamh bhon ghabh Sassuinn coir oirresa bhliadhna 1172, ’s gu bheil an t-am ceartas a thoirt di. Nuair a theid Salisbury a labhairt air a chuis, their e nach eil Eirinn air a riaghladh dad nas miosa na tha Albas Sassuinn, ’s gu bheil i faotainn gach ceartas is coir dhi fhaotainn. Their e, mar an ceudna, nach aithne do na h-Eirionnaich iad fein a riaghladh ged gheibheadh iad an cothrom; daoine sam bith a bhois a gabhail da cheile le clachans le bataichean aig a h-uile coinneamh a bhios aca. Tha Gladstone agus Salisbury nan daoine glice tapaidh, gach fear dhiubh lan chomasach air Stiuir na Staite ghabhailna laimh, ’s chan eil e soirbh dhuinne, air an taobh so den Atlantic, a radh co aca tha ceart. Bheir sluagh Bhreatuinn breith orran uine ghearrs cha dian sinne dad is fhearr na bhinar tamh gus an cluinn sinn de bhreith a bheir iad. Gheibhear deireadh gach sgeoil a nasgaidh.

Air a cheud latha dhen mhios so, bha Canada coig bliadhna fichead a dhaois. Roimhn bhliadhna 1867 cha robh Canada mar ainm ach air a chuid sin ris an abrar an diugh Ontario agus Quebec. Thainig Canada air adhart gu h-anabarrachsna bliadhnaichean a chaidh seachad, agus chan ann ullamh dhe sin a tha i; chan urrainn dhi gun leantuinn air fas mor agus measail, ma bhios a sluagh cho dileas dhi s bu choir dhaibh. Ma tha duthaich fon ghrein anns am faod neach a bhi saor, tearuinte, gun diths gun deireas, ’sin duthaich sin Canada.

Chan eil Canada, mar tha iomadh duthaich, air a riaghladh le Impaire, no le uaislean, no le comh-bhannan eucoireach, ach leis an t sluagh. Ma tha i air a droch riaghladh than sluagh rin coireachadh, ’s ma tha i air a riaghladh gu math, tha iad rim moladh. ’S coir dhuinn uile bhi dileas dar duthaich, agus feuchainn ri gach ni tha cearr a a cheartachadh, agus gach ni tha ceart a dhaighneachadh.


LITIR AEILLEAN A PHRIUNNSA.”

Fhuair mi MAC-TALLA leis a phosta mu dheireadhs gu firinneach tha mi gle riaraichte leis. Tha Gaidheil Chanadanad chomain air son do dhilseachd don chainnt mhath a fhuair sinn og o ar mathraichean. Tha min dochas gun nochd iad an duinealas le bhi gabhail aMHAC-TALLAsa dioladh air a shon. Thug thu fein iomradh air dilseachd nam Frangachs nan Gearmailteach dan canainean fein. Faic, mar an ceudna na Uelshich, a tha nan comh-oghaichean dhuinn, oirse meur den Ghailig a tha iad a labhairt. Chan eil gainne air paipeiran acasannan cainnt fhein ged nach eil an duthaich aca cho farsuinn ri Gaidhealtachd na h-Alba. Chan e mhain sin, ach ann an America tha cho math ri dusan paipeir Uelshach a tighinn a mach gach seachdainn. Nach nars nach maslach nach burrainn dhuinne riamh aon phaipeir Gailig a chumail suas, aon chuid aig an tigh noan duthaich chein.

Ach tha atharachadh a tighinn air cuisean a nis. Tha mhuinntir a dol an lionmhoireachd a tha cuir luach air Gailig; ’s mar sin fhir-dheasachaidh choir, cum air daghart. Tha cairdean air do chul gu cuideachadh a thoirt duit.

Gu ma fada beo thu,
Us ceo as do thigh,
Sa h-uile fear a chi e
A sior dhol a stigh

sa toirt seachad ainm gu bhi (mar a theireadh Dr. Blair) na ghabhaltiche aig MAC-TALLA. So agad dolar bhuam feins bho mo charaid, M. M. L., sar Ghaidheal leis am math a Ghailig a bhi togail a cinn. Tha mim beachd, ’nuair a chluinneas Gaidheil Eillean a Phriunnsa gu bheil a leithid ann, gun cuir iad cuireadh cairdeil gu MAC-TALLA e bhi tighnn air cheilidh orra.

Bhur Caraid,
C. C.
Eillean a Phriunnsa, Iun 22, 1892.


Feuch nach di-chuimhnich thu gur h-e MAC-TALLAn aon phaipeir Gaelig a tha ri fhaotainnan Canada. Uime sin gabh an cothrom agus cuir air adhart do leth-dolar, air son bliadhna dhen MHAC-TALLA. Theid sinn fein an urras nach bi aithreachas ort.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear aite sam bith.


TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca
Coirce, Feur, agus iomadh ni
eile aige.
RIN REIC SAOR!


THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Broscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .

Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.


SANAIS.

Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h-uile
Dheoghladh bhur cuid,
San teanganam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh.

TIGH ACADIA.



[23]

[Vol . 1. No. 6. p. 3]

FUINEADAIR NA MANACHAINN.

Thainig Domhnall a nuas gu mochsa mhadainn mar a gheall e. “Ciod nis,” dhiarr an fuineadair dheth, “a tha thu dol a ghabhail, na tri tuarasdalan no na tri comhairlean?” “Tha,” arsa Domhnall, “na tri comhairlean.” “Mata,” arsam fuineadair, “is e achiad chomhairle, Cum an comhnuidhn rathad fada direach; an darna comhairle, Na tamh oidhche air chairtealan ann an tigh anns am bi bean og bhriagh aigm bheil seana bhodach dreamach; agus an treas compairle, Na tog do lamh gu brath gu duine sam bith a bhualadh, gus an smuainich thu ort fhein tri uairean. Agus so agad airgiod bheir dachaidh thu, agus tri builionnan arain; agus cuimhnich nach coimhead thu riu gusn toir thu o cheile iad gum briseadh air gluin do mhnatha dhfhiachainn an dean iad sibh eadaraibh, oir le cho fadas a tha thu air falbh chaneil fios am beo no marbh i no ciamar a ghabhas i riut. Thog Domhnall air airson baile Inbhir-Narunn, ’s bha e gu bhi a chiad oidhche am baile Ches an ath-oidhche aig a dhachaidh. Air an rathad mhor eadar Hhudaidh agus Ce, bheir e air ceannaich paca a chuir failte air agus a dhfhoighnichd ris cait an robh e dol. Dhinnis Domhnall dha gun robh gu Ce. Thubhairt an ceannaich paca gun robh e ro thoilichte thaobhs gun robh e fein dol an sin mar an ceudnas gun deanadh an cnacas bhiodh eatorra an uine air an rathad mhor nas taitniche. Ghabh iad rompa gus an drainig iad gu coille. “Tha,” arsan ceannaich paca, “frith-rathadan troimhn choille so a bheir sin tri mile nas aithghiorra gu Ce nan rathad mor.” “Gabh e, mata,” arsa Domhnall. “Is daor a phaidh mi airson na chomhairle. Cumaidh misen rathad mor.” Ghabh an ceannaich paca rathad na coille ach cha deach e gle fhada steach oirre nuair a chual Domhnall glaodh. “Murt! Murt! Chaidh e steach na choill thoirt furtachd don cheannaich paca bhan deigh a bhi air spuilleadh le dithis fhear creachaidh. Thainig iad mach as a choile le cheile. “Tha thu faicinn nis math na comhairle.” arsa Domhnall. “Tha thusa air do chreadhadh. ’S math dhuit nacheile thu air do mhuirt, air chul an eis tha air air a chur oirnn. Cha bhi sinn am baile Che an nochd.” Rainig iad tigh tuathanaich aig taobh an rathaid mhor, ’s taobhs gun robh e anmochs iad treis o Che chaidh iad steach a dhfhiachainn am faigheadh iad cairtealan. Chaidh sin a thoirt dhoibh agus fhuair iad baigheach geanail cuideachdn tighe nan suidh aig teine mor farn dfhuair iad deagh gharadhs biadh gu gu leoir. Chunnaic Domhnall bean an tuathanaich, te og bhriagh, ghreannar. Ach co thaing na deigh ach seana bhodach liath streamach, greannach. Agus nuair a thanig arsa Domhnall ris a cheannaich paca, “Cha thamh mise an so nas faide. ’S daor a phaidh mi airson na comhairle.” “ ’cinnteach nach gabh thun rathad mor mun trath-sa dhoidche,” arsan ceannaich paca. Mur tamh thusan tigh nach fhaod thu cadalsan t-sabhal?” Dhaontaich Domhnall ri so, ’s char e laighesan t-sabhal le aodach air; muillean fodair airson cluasag fodh cheann, muillean fodha agus air a dha thaobh, agus muillean air uachdar, gun bhi ris dheth ach gann na bheireadh anail dha. Cha do chaidil e ceart nuair thainig dithis a steach farn robh e, ’s shuidh iad air. Ana-cothromach mar a bha e bha feagal a bheatha air facal a chantainn, ach le siosair bha na phocaid ghearr e iomail cota an fhir bha suidheadh faisg air a cheanns bha dol a steach na shuileans na bhial, ’s chuir e abhideag na phocaid shioscot. Be fear agus te a bha anns shin iad airn t-suirigh gu cruaidh. Mu dheireadh thubhairt an te, “Is bochd nach robhm bodach grand sin marbh. Nan cuireadh tusa an reusair air amhach chuirinn fhein tromh sgornan e.” ’S ann mar so a bha. Agus nuair thainig Domhnall machsa mhaduinns ann bhan ceannaich paca aig na h-earraidean, agus a lamhan air an glasadh, ga thoirt gu Obaireadhan, airson murt an tuathanaich. ’Sa mhaduinn fhuaireadh an tuathanach marbh agus a sgornan gearrta. Lean Domhnall iad gu Obaireadhan; chaidh an ceannaich paca chur air bialaobh nam Morairean; chaidh dhiteadh, is chuir am Morair achurrac dhubh air gu binn crochaidh a thoirt a mach. Aig an am so co dheirichsa chuirt ach Domhnall, agus der e, “A Mhorair, mas e bhur toil, am beil e ceadaichte do neach sam bith nach deach a thuarruing mar fhainuis labhairts chuirt so?” “Ciod tha agad ri chantuinn?” dhfheoirich am Morair dheth. Dhinnis Domhnall dha mar thachairsan t-sabhal, ’s dhiarr e gun drachadh an duine bha suirigh air a bhantraich og, bean an tuathanaich, a thuruig gu Cuirt, agus nach e an ceannaich paca bha gu dearbh cionntach, agus a thoirt leo don Chuirtsan eididh bha air air la amhuirt, ’s gun toireadh e dearbhachd dhoibh gur e fear amhuirt an duine. Chaidh am fear so a tharruings nuair bha esan tigh Chuirt air bialaobh aMhoair, dhfhoighnichd Domhnall an robh tailleirsan tigh Chuirt. “Thaarsa fear agus eg eirigh ma choinne. “Fiacharse ris an tailleir, “am beil criomaig air a ghearradh a iomal achota.

Tha,” ars an tailleir. Thug Domhnall abhideag a ghearr e o iomal achota a pocaid a shioscot, ’s thug e i don tailleir, ag iarraidh air fiachainn am freagradh isan easbhuidh. “Freagraidh, ’s e an dearbh chriomaig chaidh ghearradh as a tha ann.” “Dhinnis Domhnall a rithist mar a thachair. Agus char am fear agus an te a chrochadh airson a

(Faic taobh 4.)


BARGAIN.

Bfhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duinag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh as fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.

Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh.

Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


Ma Cheannaicheas to Bathar
BHO
C . S. JOST & CO. ,
Cha bhi aithreachas ort.


Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar as ail leat. Than ad as saoire gle mhath, ach sin ad as daoires fhearr.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.



[24]

[Vol . 1. No. 6. p. 4]

mhuirt so ann an baile Obaireadhan. Thog Domhnall air a rithst airson baile Inbhir-Narunn, gus am faiceadh e bhean, ach mus an dfhag e am baile cheannaich e dag, ’s fudair, ’s luaidh, “Gun fhios,” ars e, “coid an t-olc a dhfhaodas tachairt orm mus ruig mi ceann muidhe.” Rainig an duine math Inbhir-Narunn fa dheoidh. Be an oidhche bha ann. Ach is math a rinn e a mach tigh bean aghaoil. Dfhosgail en dorus muighs chaidh e steach. Dhaithnich e guth a mhnatha, agus i fein agus fear eile trod. Lion en dag gus am fear a thilgeil. Ach an so chuimhnich e air an treas chomhairle. “Na buail neachs am bith gus an cuimhnich thu ortfhein tri uairean.” Nuair a stad am fear dhen trod shin a bhean is thubhairt i: “Thusa, bhradaidh, chaneil agam ach thu fhein aguss beag toileachduinn bha agam riamh dhiot, na dhetht athair romhad. Dhfhag e mi oidhche aphosaidhs chaneil fhios am beo no marbh e. Ach dhfhag e thusna dheigh na deallach dham bheatha.” Nuair chual e so bha e toilichte nach do thilg e mhac, ’s char e steach far an robh iad, ’s thug e na builionnan arain bhan dhe dhruims bhrist e air gluin a mhnatha iad. As achiad bhuilionn thainig a mach tuasrasdal a chiad seachd bliadhna; as an dara builionn tuarasdal an dara seachd bliadhna; as an treas builionn tuarasdal an tres seachd bliadhna. An deigh so bha iad beo fada an cuideachd a cheiles cho sonas burrain do mhuinntir iarraidh.

Celtic Magazine.


BONIPARTSAM PIOBAIRE.

Nuair a bha Napoleon Bonipart a cogadh ri Breatuinn, bha deigh mhor aig air greim fhaighinn air piobaire Gaidhealach. Cha robh so cho furasdasa bha en duil; bha na piobairean a cumail as a rathad cho math sa burrainn daibh, ’s cha robh e faighinn greim air aon dhiubh beo. Dhfhaoidte gun tachradh fear marbh air corra uair ach cha be sin a bha dhith air. Mu dheireadh thall rug e air fear a chaidh a leonadhsa bhlar. Thug e deagh aire dha air dhoigh s gun robh e air a leigheas an uine ghoirid. Nuair a bha e cho maths a bhitheadh e, thug Napolean air, aon latha cluich air a phiob dha. Rinn an Gaidheal so, agus chluich a puirt mearsaidh, dannsa, agus iomadh port eile. Nuair a sguir e, dhiarr Napoleon air port ratreud a chluich. Anns a mhionaid thuirt am piobaire nach burrainn da; nach dionnsaich e riamh ratreud a chluich; cha robh ena chleachdadh aig muinntir a dhuthcha-san a bhi gabhail an ratreud, ’s mar sin cha robh feum ac air port dhen t-seorsa sin idir.


Chaidh nighean og dam bainm Gussie Bennet as a rian aig Sandy Cove, N. S., le eagal a ghabh i roimh stoirm thairneanach a bhann air an t-seachdainn a chaidh.


Chuir an Soitheach-smuidHarlawair tir gu
COINNEACH R. MAC COINNICH,
SIDNI TUATH, C. B.

150 baraile Siucair,
250 baraile Fluir,
100 baraile Min Choirce,
10 baraileMolasses ,
100 bocsa Tombaca.
200 ciste Ti a Lunnain.

Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein.


LEUGH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 6
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 6. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page