[Vol . 1. No. 7. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 9, 1892. No . 7.


E. T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac
agus Sigars.
SIDNI, C. B.


THUGAIBH FANEAR

Reic W. E. Peters ri F, Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni.

Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach as fhearr a tha m Boston.

ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA
air laimh
F. FALCONER.
Sidni, C. B., Mai 26, 1892.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Chaidh I. E. Stiubhart, tuathanach ann an Ontario, a mharbhadh le mucan, aig a shabhal fein, agus mun dfhuaradh na beisdan a chuir air falbh, dhith iad piart de.

Chaidh ochdnar dhaoinemharbhadh ann an stoirm thairneanach ann an New Jersey an la mu dheireadh dhen mhios sa chaidh. Chaidh aon duine mharbhann am Philadelphia.

Anns na sia miosan a chaidh seachad, thog coig ciad tuathanach, a Dakotas a Minnesota, fearann ann am Manitoba. Thug iad so don duthaich, eadar crodh us caoraich, coig ceud deug ceann.

Air an treas latha dhen mhios so. Chaidh soitheach seolaidh dam bainmTheresathairis, mu choig mile fichead a niar air Halifacs, agus chailleadh gach duine bha air bord ach an caiptean.

Bha uisg trom ann an Quebec air an t-seachdamh so a rinn milleadh mor air barr. Bfheudar do chuid de na tuathanaich am fearann a threabhadh air ais agus siol a chur ann, an darna h-uair.

Fhuaradh Seumas Ring, duinemhuinntir Nobha Scotia, a basachadh anns a choille faisg air Providence, R. I., Di-Luain sa chaidh, agus dheug e anns an tigheiridinn an ath latha. Tha e air a dheanamh a mach gun chuir e as da fein leis an ol.

Fhuaireadh duine agus bean marbh ann an tigh ann am Baltimore air an t-seachdainn sa chaidh. Bha sia botuil de phuinnsean air a bhord ann sa rum, agus bha na dotairean ag radh gun dhol iad na mharbhadh da dhuine dheug. Tha e air a radh gur e cho bochd sa bha iad a thug orra tighnn rim beatha.

Chaidh duinog ann an Walla Walla, Washington, a dheanamh spors mor dha fein le eagal a chur air dithis nighean a bha dol troimh phios coille. Chuir e uime bian buffalo agus chaidh e mach, mar a shaoil leis, an riochd mathain. Cha robh na h-igheanan cho gealtachs a bha en duil. Ghabh iad dha le clachans le maidean gusn do chuir iad a dhonnalaich e. Bha e air a dhochann cho donas gur gann a shlaod se e fein dhachaidh.

Tha Paramaid Chanada ri sgaoileadh an diugh. Chan eil teagamh nach drinn iad obair mhath fhads a bha iad cruinn, ach ma rinn, ghabh iad uine gu leor dha. Bha bruidhinn nam measg, o chionn ghoirid, air an tuarasdal fein a thogail bho mhile dolair sa bhliadhna, gu coig ceud deug dolair, ach cha deach iad air adhart leis.

Chaidh duine dubh, dm ainm William Longford, bhathadh aig Weymouth, N. S. Bha e feinus gille beag a muigh ag iasgach. Thainig oiteag ghoithe orra agus chaidh am bata thairis. Fhuair an gille greim air a bhata agus lean e ris. Dhfheuch Langford ri snamh gu tir, ach cha dfhuair e fada sam bithnuair a chaidh e fodha. Fhuaireadh a chorp beagan uairean an deigh sin.

Than cholera a sgapadh air feadh Russia. Than luchd-riaghlaidh a deanamh na dhfhaodas iad gu grabadh a chuir air a phlaigh ach tha na bailtean cho salachs nach eil e furasda sin a dheanamh. Air an darna latha dhen mhios so bhasaich ceithir ficheads a h-aon deug leis an euslaint sin ann am Boku, agus bha corrus tri fichead nan laidhe tinn.


TAGHADH BUILL PHARLAMAID.

Sgaoileadh ard pharlamaid Bhreatuinn air an t-seachduinn so agus than seann duthaich air bhoile le upraid an taghaidh choitcheann. Do na Gaidheil tha an taghadh so lan do nithean cudthromach oir, a reirs mar a theid guth an t-sluaigh air fad, is ann a bhitheas cuisean agus coirichean nan croiteirean air an suidheachadh. Tha luchd aiteachaidh nam beann, air an aobhar so, ag obair guallainn ri guallainns an strith agus chaneil ri chluinntinn ach fuaimus gleadhraich na catha air feadh na tire. Tha na tighearnan fearainn, mar a babhaist, ag cur an geall agus an dochas anns na h-uachdaranan a tha a nis a riaghladh impearachd Bhreatauinn a reir na seann bheachdan bha cho millteach don t-sluagh. Air an lamh eile, tha na croiteirean aleigeil an taic orra feinus air na daoine treuna, dearbh ta, a sheis gu dileas leo ann an uair na deuchainn, ’sa thagair air an son na coirichean a chaidh abhuannachadh cheanas a pharlamaid. Is e guidhe gach fior Ghaidheals an tir so gum biodh soirbheachadh aca a reir am miann. —Scottish Canadian.



[26]

[Vol . 1. No. 7. p. 2]

MAC-TALLA.

Bidh MAC-TALLA air a chuir a mach uairsan t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sentsa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.

Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aitem bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhen t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhen phaipeir.

Seolaibh gach litirus eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 9, 1892.

ANN an ait eile gheibh ar luchd-leughaidh litir on Urr. A. Mac Gilleain Sinclair. Chuir an duin-uasal sin a mach o chionn ghoirid, leabhar ur Gailig ris an abrarNa Baird Ghailig bho 1715 gu 1765.” Tha e na leabhar thachdmhor ra leughadh. Tha h-uile bard a bfhiach a bha beo anns an am sin air ainmeachadh, beagan de dheachdraidh a bheatha air innse, agus air a chuid as lugha aon oran a rinn e air a chuir sios. Tha na baird a bfhearr mar tha Donnacha Ban, Rob Donn agus Alasdair Mac Mhaistir Alasdair, air an cuir seachad le aon oran am fear, a chionn gu bheil an cuid bardachd ann an clo cheana, ach tha deagh rum air a thoirt do na baird bheaga, nach deachaidh a chuid as mo den orain ann an clo riamh. Tha mar so iomadh oran blasda air a thoirt gu solas an la, a bhiodh air chall gu buileach mur be dichioll Mhr. Sinclair. Am measg moran de dhorain nach fhaca sinn gu so, tha seann charaid a tachairt ruinn an sidn an so, mar tha, “Mo mhali bheag og,” “Cead deireannach nam beann” “Bhanais a bhan Ciostal Odhar,” agus fear no dha eile. Bu choir do gach aon a tha deigheil air bardachd Ghailig cur a dhiarraidh an leabhair so. Chan eil e cosg ach 75cts. Gheibhear e bhoHaszard & Moore, Charlottetown, P. E. I. ,no bhoRev . A. Mac-Lean Sinclair, Belfast, P. E. I.

Tha sinn a faotainn moran de litrichean nach urrainn dhuinn a chuirs a MHAC-TALLA. Tha MAC-TALLA, mar is aithne dhuinn uile, gle bheag, agus nuair a thig litir mhor da ionnsaidh, ’s gann a bhios rum aige dhi. Bheireamaidh comhairle, ma ta, orra san a bhios a sgirobhadh thugainn, iad a radh na thaca ri radh ann am beagan fhaclan. Chan eil sinn a ciallachadh le so gu bheil a h-uile litir fhada mi thlachdmhors fhada mas eil. Ach tha sinn ag rrdh gu bheil moran de litrichean mi-thlachdmhoir, fada, tuileadhus fada. Ma tha moran agad ri radh, a charaid, abair es gabh rum iomchuidh gu sin a dheanamh, ach mur eil agad ri radh ach beagan, thoir an aire nach bi thu feuchainn ri tuilleadh a chuir ris, air son do litir a dheanamh mor; chan eil an sin ach goraiche. Ma tha toil agad a bhi cinnteach gun teid do litir an clo, agus gun leubhair i, dean goirid i.


OLIVER CROMWELL.

Nuair a sheasadh neach air mullach Coire an Iubhair an Gealaghaidh, ann am Braighe Bhaideanach, chitheadh e Beinn-Nimheis, coig mile fichead an iar air, ag eirigh suas mu chhinneamh os ceann coithional nam beanntan arda mun cuairt dith air gach taobh, an ear, an iar, an tuath agus an deas. Bha ise na seasamh am measg mor-chuideachd nam Beann sin mar Bhan-righinn, anns amhorachd a bha duchasach dhi fein, agus crun de shneachda sior-bhuan air a ceann: agus mar gum biodh i ag amharc sios le tair air na beanntaibh a bha seasamh ma timchioll mar chnocanaibh beaga, alubadh agus acromadh an cinn ann an urram don Bhan-righ a bha fan comhair. Is ann mar so a chi sinn cuid de dhaoinibh, ann an eachdraidh nan linn a chaidh seachad, ag eirigh an aird os ceann na muinntreach sin a bhanan comh-aimsirich dhaibh, mar a ta Beinn-Nimheis agus a leithidean os ceann nam beann; agus iad aseasamh a mach gu soilleir mar luchd-riochdachaidh na linne sin anns an robh iad beo. A measg na dream so faodaidh sinn Oliver Cromwell a chunntas: ged a tha a chliu air a chur sios air doighibh eug-samhuil le sgriobhairibh air leth, nas mo do reir an roimh-bharailean claon-bhreitheach fein, na do reir firinn, agus gniomharran riochdail dearbh chinnteach air am bheil eachdraidh. Tha Cromwell air a mholadh gu mi-chubhaidh, no air a dhiomoladh gu mi-cheart, do reir cail agus barail an sgriobhadair, agus chan ann a reir toillteanais. Bu duine iongantach e a thogadh suas le Freasdal De aig am neo-ghnathach gu obair neo-ghnathach a chur an gniomh, chan fhaic cuid dad sam bith ann ach olc a mhain, chan fhaic dream eile ann ach ni a ta math agus iomlan. Ach is i an fhirinn riochdail gu m bu chriosdaidh durachdach treibh-dhireach, firinneach a bha ann, a dhaindeoin choireannan araid, a bha milleadh a chliu, agus stoirt fath da naimhdibh labhairt gu toibheumach uime, agus cuis-chasaid a thoirt na aghaidh.

D. B. B.

Tha litrichean a Gaidhealtachd na h-Alba ag innse gu bheil am barr nas gealltannaiche air an t-samhradh so na bha e o chionn iomadh bliadhna.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR!


THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .

Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.


SANAIS.

Thigibh an so;
Thigibh an so;
Thigibh an so le bhur cuinneadh
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h-uile
Dheoghladh bhur cuid,
San teanganam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh.

TIGH ACADIA.



[27]

[Vol . 1. No. 7. p. 3]

AM FEAR A GHOID A MHUC.

LeFionn.”

Bha ochd teaghlaichean a fuireach anns a Chlachan ri mchiad chuimhne. Nam measg so, bha Seumas Gobhainn, duine daicheil, pongail, aig an robh bean bheag, agus teaghlach mor; Calum Taileir, seana ghiullan cridheil, gleusda, —oranaiche fonnar, agus fidhleir barraichte, —na lan-dhearbhadh air firinn an t-sean-fhacail— “ciad taileir gun bhi sunndach,” Dughall Ruadh Greusaiche, duineachan geur, sgairteil, gu math fadas acheanns cho nan phratanus feala-dhasa than t-ubh dhen bhiadh. Ged a bha ceum crabaich an Dughall, “Bha aigne cho reachdmhor ri breac ann am burn,” agus bha e cho lughor, laidir, ri duine gun ghaoid, gun ghalair. Nan robh Dughall cho teomair na brogansa bha e air na breugan, dhfhoghnadh sin, oir bhiodh neach gu math fada air a chuir thuige air aonceud greusaiche gun bhi breugacha stiuradh a cheum an taobh a bha Dughall Ruadh. Ach mar a thuirt Seumas Mor. “Tha nas miosa na Dughall ri fhaotainn, nan robh fhios caite faighear iad.” Bha aon fhear eilanns a chlachan, air am feum mi iomradh a thoirt, agus cha be bu choir a bhi air dheireadh. Is e so Donnacha Tiorram, dreangan de bhodachan, crion, crosda, peallach, cho seolta ris an t-sionnach, agus cho spiocachs gun reiceadh e sheana-mhathair air bonn a-h- ochd, mar a chi sinn mun tig crioch air mo sgeul. A thuilleadh air a cheathairne so dhainmich mi, bha beagan theaghlaichean eile anns a chlachan, daoine coire, cneasda, le oigridh shunndach thapaidh, agus iad gu leir salaidh, cairdeil nan doigh. Ri mcheud chuimhne, cha robh teaghlach dhiubh so nach robh a cumail muice, agus bha e na chleachdadh ionmholta nam measg, an uair a mharbhtar muc, gun robh sgonn mhath dan mhuc-fheoil air a bhuileachadh air gach tigh; agus leis nach robh teaghlach gun mhuic, bhiodh iad uile air an aon ruith aig ceann na bliadhna, chionn bha suil gun deanadh gach neach na am fein, mar a rinn a choimhearsnach air thoiseach air.

Bliadhna bha sidmas math mo bheachd, ’s i bhliadhna thainig an galairsa bhuntata, —cha robh e comasach don chuid bu mho de na croiteirean muc a chumail leis mar a ghrod am buntata, agus cha robh ach ceithir mucan ri fhaotainnsa chlachan. Bha te aig Dughall Ruadh; te aig Donnacha Tiorram; te aig Calum Taileir; agus seorsa de mhuic bhioraich aig Seumas Gobhainn. Mar a bha bhochdainnsa chuis, bhasaich muc an Taileir leis a ghort, agus air maduinn latha Nollaig, bhasaich muc bhiorach a Ghobhainn le gaeair a mhairt a bham Port-Ascaig, “Am fuachds am t-acras comhla.” Cha robh, mar so, a nis ach da mhuics a chlachan, —te Dhughaill Ruaidh, agus te Dhonnachaidh Thiorriam. Mun Fheill-Brighde, bha gach buntata carrach a bhaig Donnachadh Tiorram a fas gann, ’s mar ma bu dubh, bha mhuc a fas reamhar. Chuireadh e chorc innte latha air bith, ach bha e ann an iomgain chruaidh ciamar a gheibheadh e thairis air an t-seana chleachdadh a dhainmich mi. Cha robh toil idir aige a mhuc a roinn air teaghlaichean a bha eucomasach air a phaigheadh air ais, ach bha eagal air mur cumadh e suas an t-seana chleachdadh, mar bu nos, gun abradh daoine gun robh e spiocach neochairdeil, —rud a bha. Bha e cho crion, cruaidh, na dhoighs gun robh roinn na muice dol eadar es a chadal; bha i air inntinn re an lathas na aisling re na h-oidhche. Cha robh maduinn nach ruigeadh e fail na muice; dhamhairceadh e oirre gu geur agus thilleadh e dhachaidh. Maduinn a bha sud, leum e fail na muice, ’s dhfheuch e rih-aisnean a chunntas; ach leis an t-saill a bhair a bheisd, chan amaiseadh e ach air dha no tri. “Their leam,” ars esans e bruidhinn ris fhein, “gur e tri aisnean a babhaist do gach teaghlach fhaotainn. Chan eil fhios cia meud aiseann a tha ann am muic? Tha e agam a nis; tha beachd agam air Padraig nan each a bhig radh gu robh suaip mhor aig taobh-stigh muice ri taobh-stigh duine;” ’s le so a radh leum e mach a fall na muic; dhfhosgail e bhroilleach agus thoisich e air aisnean fein a chunntais gu stolda. Dhamais e air dusan air gach taobh. “Ma gheibh seachd teaghlaichean,” ars esan, “tri aisnean an t-aon, bidh an sin aiseann-ar-fhichead. Mo chreachs mo sgaradh! bheir sin bhuam an tromlach den mhuic. Gu dearbh be sin e! dol a thoirt seachad an rud ris nach urrainn suil a bhi agam air ais,— ’s mi nach bi cho gorach. Theid mis gabhaidh mi comhairle a ghreusaiche; bidh e fheinsa cheart chur thuige gu goirid.”

(Ri leantuinn.)


Than cath a fas gu math teth eadar Gladstone agus Salisbury. Tha gach fear a deanamh a dhichill air a bharailean fein a sparradh air an t-sluagh, agus air barailean an fhir eile chur air chul. Cha mhor gu bheil latha dol seachad gun an darna fear a bhi labhairt air na cuisean cudthromach a tha fan comhair. Bidh na Buill Parlamaid air an taghadh air an ath sheachdainn. Tha na h-Eirionnaich a gabhail an doigh fein dhan ghnothach, an darna pairtidh a feuchainn ri buaidh a thoirt air a phairtinh eile leis a h-uile arm-cailich a thig nan rathad.

Loisgeadh dithis dhaoin oga gu bas ann an stabull a chaidh na theine ann an New York, Di-mairt sa chaidh.

Rainig an t-Onorach Edward Blake Lunnainn Di-Luain sa chaidh. Ghabh na Fein-Riaghladearan ris gu suilbhir.


BARGAIN.

Bfhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duinag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh as fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.

Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh.

Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


Ma Cheannaicheas to Batha
BHO
C . S. JOST & CO.
Cha bhi aithreachas ort.


Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar as ail leat. Than ad as saoire gle mhath, ach sin ad as daoires fhearr.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.



[28]

[Vol . 1. No. 7. p. 4]

LITIR EILE A EILLEAN A PHRIUNNSA.

A MHIC-TALLA, —Rinn mi toileachadh ri tfhaicinn. Soireachadh math dhuit is moran chairdean.

Tha min dochas gum faigh thu na tha dhith ort de luchd-gabhail. Tha ena aobhar taingeachd do Ghaidheil na h-Ard-fhlaitheachd so gun danig thu chum an t-saoghail, ’s bidh ena mhasladh buan dhaibh ma leigas iad leat a dhol bas le cion cobhair agus bristeadh cridhe. Their cuid diu gu bheil na Gaill ri tair air an cainnt. Carson nach bitheadh ma tha iad fein ri tair oirre?

S bochd na leisgeulan a tha daoinegabhail airson a bhi duiltadht fhailteachadh mar charaid. Tha cuid ag radh gu bheil thu beag. Bha Mac-Asguill beag nuair a chunnacas an toiseach e, ach dfhas e mor ri uine. Thug a chairdean biadh dhas thug iad an air air. Nan do thilg iad am mach air an dorus e dhfhanadh e beag. ’S fhearr nighean bheag sgiobalta na luid mhor shocrach. Cha robh an t-abstol Pol ach beag, gidheadh thug e tuilleadh soluis don t-saoghal na thug famhair a bha riamh ann. Tha cuid ag radh gum faigh thum bas an uine ghoirid. Ma gheibhs ann acasan a bhios a choire. Tha iad ag iarraidh cur as duit, ged nach toil leo aideachadh gu bheil faireachdainnean mortail nan cridhe. Their cuid nach h-urrainn iad Gaidhlig a leughadh. Tha sin na leisgeul math mur h-urrainn iad Gaidhlig a labhairt; Ach mas urrainn iad Gaidhlig a labhairt agus Beurla a leughadh tha e na mi nulladach gum biodh an leisgeul sin aca. Tha e soilleir gu bheil inntinn lag, dhall, aca, no gu bheil iad leisg agus gun iarrtas air eolas fhaotuinn. Their cuid eile nach h- ’eil feumsa Ghaidhlig, gur fhearr cur as di. Dhfhaoidte nach heil moran feuma ann am mathraichean nan daoine sin, gu bheil iad sean, lag, tinn, agus a snaigheadh as gu luath, ach an iarradh iad smugaid a thilgeadhnan gnuis, am breabadh, ’s an cur as an tsaoghal? Tha iomadh amhlair ann a their nach h eil feumsa Ghlaidhlig, ach cha neil ard sgoileir an diugh beo a labhras ann san doigh sin. Tha feum ann an da chainnt do dhuine sam bith aig a bheil da chainnt. Tha iadnam meadhon air a bhineartachadhs a geurachadh inntinn.

Tha min dochas gu bheil aon leisgeul ann airson a bhi a deanamh dearmad ort, nsch h- ’eil aig Gaidheal sam bithna chridhe, ’s e sin an spiocaireachd. Co a bhiodh cho cruaidh, suarach na nadar, ’s gun diultadh e lethdolar a thoirt seachad a chumail a suas paipeir naidheachd ann sa chainnt ann san do theagaisg Padraig agus Calum-Cille firinnean an t-soisgeil do Ghaidheil Eirinn agus Alba? a-chainnt sin a theagaisgeadh dha fhein an toiseachs a theagaisgeadh dha le athair caoimhneils mathair-bhaigheil? Ma tha Gaidheal den ghne sin ann, fosgail an dorus dha, cuir am mach gu grad e, ’s leig a-staigh an cu.

A. MACGILLEAIN SINCLAIR.


Chuir an Soitheach-smuidHarlawair tir gu
COINNEACH R. MAC COINNICH,
SIDNI TUATH, C. B.

150 baraile Siucair,
250 baraile Fluir,
100 baraile Min Choirce,
10 baraileMolasses ,
100 bocsa Tombaca.
200 ciste Ti a Lunnain.

Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein.


LEUGH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh.

D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bha leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feam sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 7
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 7. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page