[Vol . 1. No. 8. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH, 16, 1892. No . 8.
E. T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
THUGAIBH FANEAR.
Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni.
Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha m Boston.
ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA
air laimh
F . FALCONER.
Sidni, C. B., Mai 26, 1892.
“DHIA GLEIDH ’ BHANRIGH.”
(God Save the Queen.)
LE AOGHNAS DOMHNULLACH.
“Dhia gleidh ar Banrigh mhor,
Beatha bhuan da’r Banrigh choir,
Dhia gleidh ’Bhanrigh.
Thoir buaidh dhi, ’us solas,
Son’ agus ro ghloirmhor,
Fada chum riaghladh oirnn’;
Dhia gleidh ’Bhanrigh;
A Thighearn ar Dia eirich,
Sgap a naimhdean eitich,
’Us leag iad sios.
Cuir cli an droch riaghladh,
Tilg sios an luib dhiabhlaidh,
Ar dochas oirre leag—
Dhia gleidh ’Bhanrigh:
Do thiodhlaig mhaith thoir dhi,
Doirt orre pailt gun dith,
Fad’ riaghladh i;
Ar reachdan dionadh i,
Toirt dhuinn aobhar, gun sgios,,
’Bhi seinn le ’r guth sar cridh’
Dhia gleidh ’Bhanrigh!”
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Tha troimhe cheile mhor ann am Pennsylvania. Tha ceithir mile duine anns an obair-chruadhach aig Pittsburg a diultadh obair a dheanamh, agus cha leig iad le duine sam bith eile ’dhol a dh’obair na’n aite. Dh’fheuch Carnegie, maighstir na h-obair ri daoine eile chuir a stigh, ach cha leigeadh iadsan a bha seasamh a mach leosin tigh’nn air tir. Thoisich iad an sin air losgadh air a cheile agus bha blar fuilteach eatorra anns ’n do mharbhadh sia duine fichead, agus leonadh lethcheud duine cho dona ’s nach bi iad beo. Bhuin an luchd-oibreach ris na daoin eile cho bruideil ’s a b’urrainn daibh. Rinn iad an uile dhichioll air na bataichean anns an robh iad a chuir na’n teine, agus ’nuair a gheill cach dhaibh air chumha gu’m faodadh iad a dhol dhachaidh tear uinte, cha do sheas iad ri ’m facal, ach rinneadh droch dhial air cuid dhiubh. Air an deicheamh la thug Riaghladair na staite ordugh do na saighdearan a dhol a chur casg air luchd na h-aimhreit. Ghabh na saighdearan sealbh air a bhaile gun duine chur na’n aghaidh. ’Sann mar so a tha cuisean a seasamh, an drasd. Co dhiu tha ’n luchd oibreach air an droch caradh no nach eil, cha’n fheaird iad idir a bhi gabhail an lagha na’n lamhan fein. ’Sann a ni e cron mor dhaibh. ’S dona ’n doigh air olc a cheartachadh, olc eile ’dheanamh.
’Nuair a chuala muinntir Halifax mar a thachair ann an St. John’s, chaidh iad gun dail a chruinneachadh airgid air son cuideachadh leis na daoine bochda, agus an uine ghoirid, dh’ fhag soitheach smuid am port sin air a luchdachadh leis gach ni a bhiodh feumail dhaibh. Tha bailtean eile a leantuinn air an deagh obair sin agus, am beagan laithean, tha sinn an dochas nach bi cion bidh no aodaich air sluagh a bhaile loisgte. Tha Montreal a toirt dhaibh, mar chuideachadh, $10 ,000; Toronto, $2 ,000; Hamilton, $1 ,000; St, John, $7 ,000; Truro, $1 ,000; Windsor, $1 ,000; Pictou, $500 ; Sidni Tuath, $500 ; agus bailtean eile a reir sin. Tha muinntir Chanada gu leir a nochdadh am fialaidheachd, agus an cairdeis, le bhi deanamh na dh ’fhaodas iad air son na feumach, agus cha’n eil teagamh nach bi so na mheadhon air Canada ’us Newfoundland a thoirt gu bhi na’s cordte, an deigh so, na bha iad ’san am a chaidh seachad.
Bha e na chleachdadh a measg nan Innseanach ann an America, o chionn ceudan bliadhna, nuair a bhiodh neach sam bith tinn ’sa chuirte fios air dotair g’a ionnsaidh, na faigheadh e bas an deigh sin, bha ’n dotair ri ghrad mharbhadh e fein! Bha innseanach ann am Manitoba am bliadhna aig am robh gille tinn. Chuir e fios air dotair, ach a dh’aindeoin sgil an fhir sin, dh’eug an gille. Smaoinich esan an sin gu’m bu choir an seana chleachdadh a chuir an gniomh, agus mharbh e ’n dotair. Chaidh binn crochaidh a thoirt a mach air, ach an aite sin tha e dol a dh’fhaotainn an tigh oibreach ri bheo.
Tha’n Cholera ann an Russia, agus mar an ceudna anns a Fhraing. Ann am Paris, ceanna-bhaile na duthcha sin, bhasaich ceud gu leth leis a ghalair sin, ach tha ’n luchd-dreuchd ’ga chumail an cleith cho math sa’s urrainn daibh. The paipeir Gearmailteach ag radh gu bheil droch easlaint a measg nan saighdearan Ruiseanach, da mhile deug bho bhuile St. Petersburg, ’s gur e barail dhaoine gur e ’n cholera a th’ann.
[Vol . 1. No. 8. p. 2]
MAC-TALLA.
Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.
Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir.
Seolaibh gach litir ’us eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 16, 1892.
Tha taghadh nam Ball-Parlamaid a dol air aghaidh ann am Breatninn air an t-seachdainn so. Cha’n eil iad, anns an duthaich sin, a taghadh nam ball uile ’s an aon la mar ann an Canada, ach tha ’n taghadh a dol air adhart o latha gu latha fad corr ’us seachdainn. Tha Salisbury a call cho fada so, ach cha’n eil Gladstone a gleidheadh uiread sa bha e fein no muinntir eile ’n duil. Tha e ro choltach gu’m bi an da phairtidh m’an aon mheudachd, nuair a bhios an taghadh seachad, agus mach bi taobh seach taobh laidir gu leor air son an duthaich a riaghladh.
Tha neach araidh a sgriobhadh thughainn a “Baile nan Gaduichean,” ann an Ontario. Tha e ’g radh mar so,— “Cha’n eil moran de Ghaideil anns an aite so, ach na th’ann, tha iad fior-ghlan agus ro eudmhor as leth na canain bhinn, bhlasda, sin a bha air a cleachdadh bho thus anns a gharadh. Tha iad mar an ceudn’ a lan chreidsinn ’nuair a gheibh a Ghailig bas gu buileach nach bi moran tuilleadh ri dheanamh air an talamh so.”
SGEUL MU IARBAS AGUS DIDO NO ELISA.
Bha aig Pugmalion righ Thioruis piuthar d’am b’ainm Dido, a bha posda ri Sichaius, duine saoibhir ann an Tiorus: air son a shaoibhreis mharbh Pugmalion Sichaius, an duine aig a’ phiuthair. Ach theich Dido, agus thug i leatha an t-ionmhas a bhuineadh d’a fear, a chum gun rachadh i gu h-Africa, far an do thog i Baile d’am b’ ainm Carthago no Cartaigh. Tha Iustin, an t-Eachdraiche a sgriobh an Laidinn ag radh. “Am feadh a bha nithean so dol air an adhart, nuair a chuala Pugmalion gun do theich a phiuthar, Dido, rinn e ullachadh gu dol ’na deigh gu cogadh rithe gu h-aingidh, agus b’ann air eigin a chumadh air ais e le guidheachan a mhathar, agus le bagraidhibh nan diathan; oir bha na faidhean fo dheachdadh nan Dee a’ cur an ceill da nach rachadh e as gun pheanas nan cuireadh e bacadh, no stad, air ceud-fhas a’ bhaile sin (Cartaigh,) am baile mor a b’ fhortanaiche air an t-Saoghal uile. Mar so thugadh cothrom teichidh do ’n dream a bha air an ruaig.
An deigh dhaibh Africa a ruigsinn, agus Baile Chartaigh a thogail, chuala Iarbas, aon de righribh nam fineachan borb a bha san tir sin, iomradh air cliu agus morachd na ban-righinn, Dido, agus smuainich e gun iarradh e i ri phosadh. Tha Iustin, an t-Eachdraiche ceudna, a’ cur an ni so an ceill, anns an XVIIImh Leabh. d’a Eachdraidh, 6mh Caib, mar so, “Nuair a bha cuisean Chartaigh ann an staid shoirbheasaich, lan sealbhmhorachd, ghairm Iarbas righ nan Maicsiteanach deichnear de phrionnsaibh nan Cartaighineach d’a ionnsuidh agus dh’iarr e Elisa (no Dido) ri phosadh a’ bagairt cogaidh nan diulteadh e. Bha eagal air na teachdairibh so a chur an ceill do’n bhan-righinn agus uime sin ghnathaich iad innleachd air a son do reir seoltachd nam Poinneach (Punic Lat. Poeni). Dh’innis iad gun robh an righ ag iarraidh neach-eigin a theagaisgeadh dha fein ’s do na h-Afraich am biadh a dheasachadh air doigh a b’uaisle; ach co ghabhadh faotainn aig an robh misneach gu dol a mach bho dhilsibh gu sluagh borb a bha teachd beo mar na faidh-bheathaichibh? An sin, nuair a chronaich a’ bhan-righinn iad, ag radh, an robh iad a’ diultadh beatha chruaidh thrioblaideach a chaitheamh airson saorsa an duthcha, d’an robh eadhon am beatha fein mar fhiachaibh nan iarrteadh i, chuir iad an ceill iarrtus an righ, agus thubhairt iad rithe an ni a dh’orduich i do chach gun robh sin aice fein ri dheanamh nam b’aill leatha comhairle a ghabhail air son maith a’ bhaile. Ghlacadh i leis an innleachd so, agus nuair a bha i re uine fhada a’ gairm air ainm a fir le moran dheur agus le tuireadh bronach, fhreagair i mu dheireadh gun rachadh i an taobh a bha am freasdal ’ga gairrn air son a Baile fein. Anns an staid so chuir i seachad uine thri miosan, thog i aig iomall a bhaile cruach fhiodha mar gum biodh i dol a dheanamh reite ri Tannasg a fir, agus a’ dol a dh’ iobradh do na Dee iochdarach mum poasdh i. Mharbh i moran bheathaichean reamhra air son na h-iobairt, agus air dhi a claidheamh a ghlacadh dhirich i suas gu mullach na cruaiche, dh’amhairc i mu’n cuairt air an t-sluagh agus thubhairt i gun robh i dol a dh-ionnsuidh a fir mar dh’aithn iad. Mar sin chuir i crioch air a beatha leis a’ chlaidheamh.”
D. B. B.
Chaochail coig ceud ’s tri fichead ’sa coig leis a cholera ann an Turkestan, bho’n 28mh Mai gus an 2ra la de dh’ Iun, ceithir latha.
Sgaoil Parlamaid Chanada Di-sathairne so chaidh, an deigh a bhi cruinn fad cheithri miosan.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR!
THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .
Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.
SANAIS.
Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h-uilc
Dheoghladh bhur cuid,
’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh.
TIGH ACADIA.
[Vol . 1. No. 8. p. 3]
AM FEAR A GHOID A MHUC.
Le “Fionn.”
Thog e air gu tigh Dhughaill Ruaidh agus ’s ann a bha e coltach ri fear air an robh na maoir an toir. Dh’ amhairceadh e air gach taobh an drasd ’s a rithist; ’s an sin bheireadh e suil thar a ghualainn feuch an robh duin’ air a lorg, mar a thuirt an sean-fhacal,— “tuigidh gach cu a chionta,” gus ma dheireadh an d’ rainig e Dughall Ruadh, ’s leig e ris run a thuruis. Ged a dh’ fheuch e ri suas na firinn a chuir air a bhreig, thuig Dughall Ruadh an seud a bh’aige gu math, agus chuir e roimhe gu’m biodh an spiocaiareachd daor do Dhonnacha Tioram. “S mi tha toilichte gu ’n d’thainig thu,” arsa Dughall; “Tha mi faicinn gu soilleir nach bi ann ach goraiche dhuinne aig a bheil mucan, an fheoil a roinn orrasan a tha gun mhuc. Bha an riaghailt math gu leor cho fada ’s a bha muc aig gach teaghlach, ach dh’fhalbh sin, ’us thainig so, agus tha e mar fhiachaibh air gach duine a bhi dluigheil, curamach ma’n cuid fein. Air eagal gu’n abair daoine gur e ’n cruas, ’s an spiocaireachd, a thug ortan t-seana chleachdadh a leigeil gu tur air dichuimhn’, feumaidh sinn seol a dheanamh air a mhuc a chur as an rathad an latha ’theid a marbhadh.” “Cuiridh mi falach i,” arsa Donnacha Tioram, “agus their mi gu’n deachaidh a goid?” “A cheart ni,” arsa Dughall Ruadh, “nach tu tha fada sa cheann. Gheibh mise mo sgonn fein d’an mhuic uair sam bith.” “Gheibh, gheibh.” arsa Donnacha Tioram. “So agad mar theid thu mu’n chuis,” arsa Dughall Ruadh; “crochaidh tu closach na muice ann an tigh nan cairtean, re na h-oidhche; aig beul an latha, eirich agus cuir am falach i, agus boidich gu’n deachaidh a goid a tigh nan cairtean.” “Foghnaidh sin a Dhughaill,” arsa Donnacha Tioram; “ ’s tu fein gille nan car; nach sinn a thachair air a cheile. Bho’n fhuair mi’n gnothuch socraichte a reir mo mhiann, cha bhi saoghal na muice fada nis, ’s bi’dh i againn uile dhuinn fein. ’Is fearr eun ’s an laimh no dha air iteig.’ Slan leat, a Dhughaill, leiiggh mi fios dhuit an uair a mharbhas mi a mhuc.”
Is gann a bha Donnacha Tioram a mach air an dorus, an uair a thoisich Dughall Ruadh, —crubach ’s mar a bha e, —air Ruidhle Thullachain a dhannsadh, gus an do theab e e fein a chuir as an amhaich am measg na bha de chip ’s de sheana bhrogan air an urlar; oir bha de bhrogan air urlur Dhughaill, a feitheamh an caraidh, ’s gu’n saoileadh tu gu’n robh ceithir chasan air a h-uile duine’s an sgireachd. “Mac an fhir ud!” thuirt Dughall, an deigh dha dol troimh cheithir chuir fhichead Ruidhle Thullachain; “creanaidh esan air a spiocaireachd, ma bhios Dughall Ruadh beo gu Di-luain so tighinn, rud a bhitheas. Theid mise ’n urras gu’n tuig Donnacha Tioram ciod is ciall da bhi call nam boitean agus a trusadh nan siabhag. ’S fheudar dhomh Calum Taileir fhaicinn mu’n ghnothuch so.” An uair a bha obair latha seached, thog Dughall Ruadh air gu tigh Chaluim Thaileir, ’s dh’innis e dha mar a bha cuisean a seasamh. “An cealgair dubh!” arsa ’n Taileir, “tha mi tuigsinn a nis ciod am feum a bh’ aige air mo chrios-tomhais an latha roimhe. Nan robh fhios agamsa gur ann a dol s thomhas na muice a bha e le m’ chrios, cha d’ fhuair e oirleach dhe; ach fuirich ort, —bi’dh car eile ’n adhairc an daimh, ’s car ur an ruidhle ’bhodaich, ma ’s fhiach sinne ar brochan, a Dhughaill.”
(Ri leantuinn.)
Bha teine mor ann anSt . John’s, Newfoundland,air an t-seachdainn so chaidh. Thoisich an teine air Di-haoine ann an seann sabhal. Bha duine stigh a lasadh pioba agus thuit pairt do’n teine anns an fhodar air an urlar. Ann am beagan mhionaidean bha ’n sabhal uile na theine dearg. Bha moran de sheann taighean faisg air agus ghabh iad sin teine gu h-ealamh agus mu’n robh fhios aig muinntir a bhaile c’aite ’n robh iad, bha ’n teine air feadh a bhaile air dhoigh ’s neach gabhadh casg cuir air. Fad cheithir uairean fichead bha ’m baile losgadh. B’fheudar do shoithichean a bh’anns an acarsaid a dhol a mach na b’fhaide no bhiodh iad air an call, ’s thug aireamh mhor do ’n t-sluagh orra dha’n uisge ann am bataichean. Air an t-Sraid Uisge bha moran de thighean cloiche, ach cha do sheas iad sin dad na b’fhearr na na togalaichean fiodha. Mu mheadhon-latha Di-sathairne thoisich an teine ri dhol air ais an deigh corr us da mhile tigh a chur gu lar, agus ceithir mile deug ’us coig ceud duine fhagail gun dachaidh. Cha robh oifiig paipeir-naidheachd, oifig fear-lagha, no tigh-comhnuidh ministeir anns a bhaile, nach deach a losgadh. Tha ’n eaglais Shasunnach, a b’fhiach leth-muillean, na luathainn. Tha moran de dhaoine bochda anns a bhaile a chaill na bh’aca dhe’n t-saoghal leis an teine, ’s a tha ’n diugh gun tigh, gun bhiadh, ’s gun aodach. Bha muinntir a bha air an deagh dhoigh maduinn Di-haoine, gun sgillinn ruadh no fiach sgillinn aca, feasgar Di sathairne. Chaidh dithis de chloinn bhig a losgadh gu bas. Thuit aon duine as a sheasamh leis an eagal. Chaidh coignear a losgadh no bhathadh air bata-smuid a chaidh nathaine. Chaill ochdnar uile gu leir, am beatha, agus rainiig an call uile suas ri fichead muillean dolair.
Dh’fheuch H. M. Stanley, fear-rannsachaidh Africa, ri aite suidhe fhaighinn anns a Pharlamaid Bhreatunnach, o chionn ghoirid, ach cha deachaidh sin leis. Thainig am fear a ruith na aghaidh a mach fad air thoiseach air.
BARGAIN.
B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.
Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh.
Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Ma Cheannaicheas to Bathar
—BHO—
C . S. JOST & CO. ,
Cha bhi aithreachas ort.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n ’eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
[Vol . 1. No. 8. p. 4]
BROSNACHADH-CATHA BHRUIS.
(Eadar theangaichte o ’n Bheurla.)
’Fheachd Alba, thug le Uallas buaidh,
’Stric fo Bhrus bha’n cogadh cruaidh,
Failte dhuibh gu fois na h-uaigh,
No gu buaidh is sith.
So an latha—an uair so tha,
Feuch fo’n cruaidh a nuas mar sgail,
Feachd na h-uaill fo Iomhar dan,
’Dheanamh thraillean dinn.
Co na shloightear, feallta, fuar?
Co na ghealtar dh’iarradh uaigh?
Co na thraill fo shail luchd-fuath?
Clis bi bhuam! fhir-chlith.
Co as leth a Thir, sa Coir
Thairneas staillinn chruaidh na dhorn?
Buaidh an aird, no bas le gloir!
Lean a dheoin do Righ.
Air ar bruid fo shluagh neo-chaomh,
Air bhur n’ al an sas san daors,
Traighidh sinn ar fuil ’s an raon.
Bheir sinn saors’ d’ar linn.
Sios na coimhich bhorb gur bas!
’Streath gun iochd gach ceann thig bhain,
Saorsa thig an lorg gach straic.
Buaidh no bas ma’n till.
S. A.
Arisaig, 1892.
BHO’N CHAMUS FHARSUINN.
Failt air MAC-TALLA! Is fada bho’n a chualas a ghuth an toiseach, ged nach fhaca sinn riamh e gus air an t-samhradh so. An tus mo latha ’s minig a bha e magadh air mo ghlaodhaich agus e ’ga fhalach fhein orm anns an t-sabhal no, sa Bheinn Bhric. Bha mi ’n duil an uair sin na faighinn greim air gu’n cuirinn car na amhaich, ach ’nuair thainig e g’am ionnsaidh, chord a choltas rium cho math; bha e cho deus-bhriathrach, taitneach anns gach doigh, agus an aite bhi gruamach ris ’s ann nach bi mi toilichte mur tig e g’am choimhead, a chuid a’s lugha, aon uair ’san t-seachdainn.
AN SEANA GHIULLAN.
Mu Thri uairean ’sa mhaduinn, Di-luain so chaidh, thuit torr mor de thalamh ’s de chreig air baile beag ann an Savoy, d’an ainm St. Gervais Les Blaines, agus chaidh aireamh mhor thaighean a thiodhlacadh leis. Bha ’n sluagh uile na’n cadal aig an am agus cha robh doigh ac air a dhol as. Chaidh cuid dhiubh a mharbhadh na’n taighean, agus chaidh moran eile ’sguabadh do’n abhainn far ’n do bhathadh iad. Cha’n eil fhios ceart fhathast cia meud a chaill am beatha, ach fhuaireadh corr ’us ceud gu leth air am bathadh anns an abhainn, agus deich- ’ar-fhichead marbh air tir.
Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu
COINNEACH R. MAC COINNICH,
SIDNI TUATH, C. B.
150 baraile Siucair,
250 baraile Fluir,
100 baraile Min Choirce,
10 baraileMolasses ,
100 bocsa Tombaca.
200 ciste Ti a Lunnain.
Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein.
LEUGH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO.,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig-mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 8 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 8. %p |
parent text | Volume 1 |