[1]

[Vol . 10. No. 1. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 5, 1901. No. 1.


Facal do na Nigheannan Oga

LITIR IV.

Ma tha h-uile nigheannna deagh nighinn,
Co as a tha na droch mhnathan a tighinn?

Sean-fhacal.

AN uair a chì sinn deagh nigheann bithidh a h-uile dùil againn gun dean i deagh bhean. Mas math leinn deagh mhnathan a dheanamh de na nigheannan feumaidh sinn an teagasg, agus an t-eòlas sin a tha feumail dhaibh a thoirt dhaibh ann an àm. Tha ceithir nithean sònraichte ann a dhfheumas a h-uile nigheann a bhith aice mun urrainn i bhithna deagh mhnaoi. Feumaidh i anns acheud àite a bhith.

DIADHAIDH.

An uair a dhamhairceas sinn ann an eachdraidh an t saoghail chì sinn gu soilleir gu robh soirbheachadh aimsireil adol ann an cois na diadhachd o thùs, agus mar an ceudna, gu robh na mnathanna meadhon air a bhith deanamh, araon mòran math, agus mòran uilc, anns an t-saoghal. Nach ann air tàilleabh nan droch mhnathan a thainig an dìle air an t-saoghal? ’S ann gun teagamh. Tha sinn aleughadh anns an aon leabhar a dhinnseas an fhìrinn ghlan a mach air a ceann duinn, gun do thòisich an saoghal ri dhol thun na dunach, aon uairs gun do thòisich daoine diadhaidh ri pòsadh nigheannan briagha ann-diadhaidh. Biodh iad briagha no grannda ma tha iad ann-diadhaidh than dunaigh orra, ach ma tha iad glé bhriagha, agus iad ann-diadhaidh, ’s ann is mìle miosa iad. Araon ann an Sgriobtuiribh an t-Seann Tiomnaidh, agus ann an Sgriobtuiribh an Tiomnaidh Nuadh, tha e air a thoirmeasg do dhaoine diadhaidh a bhith pòsadh mhnathan ann-diadhaidh. Far am bheil teaghlaicheans ann aig na màthraichean a than cothrom as fhearr air a bhith teagasg na cloinne. Feumaidh na h-athraichean a bhith, mar as trice, air cheann an cosnaidh, agus air an aobhar sin chaneil uibhir chothrom aca air a bhithteagasg, agus acur eisimpleir mhath roimhn chloinn. Nach i chainnt mhàthaireil a bhios aig achloinn? Nacheil an sean-fhacal ag ràdh mar so— “Nigheann mar a mhàthair.” “An car a bhios anns amhàthair is gnath leis a bhiths anighinn.” “Millidh aon bhò buaile, ’s buairidh aon bhean baile.” Baithne dhomh seann duine còir a thuirt gur i bean mhath an t-aon chreutair as fhearr a thair an t-saoghal, agus gur i droch bhean an creutair as miosa thair. Bhan fhìrinn aige. Nach ann air mnaoi a chuir Dia an t urram bu mhò a chuir e air creutair cruthaichte riamh? Nach lionar an àireamh de mhnathan diadhaidh air am bheil iomradh againn anns aBhìobull? A dhaon fhacal tha na mnathan diadhaidh nan cumhachd mhòir ann an laimh Dhé, a chum math a dheanamh. Teagaisgidh iad len deagh chaitheamh-beatha cho math agus len comhairle amhuinntir am measg am bi iad a caitheamh am beatha. Beag air bheag, fàsaidh an teaghlaichean suas ann an eòlas air deagh bheusan mar a tha fìrinn is onair, caoimhneas is caranas, iochd is tròcair, càirdeas is daimhealachd. Bithidh mòr-mheas aca air gach sochair a bhuilich Dia air a shluagh, mar a tha meadhonan nan gràs, agus òrduighean an t-soisgeil, lathan Tighearna, agus gach àm sònraichte eile dom bheil eaglais Dhé adeanamh feum a chum a bhithcur as do chumhachd an dorchadais. An uair a thig fear-an-taighe dhachaidh anns an fheasgars e cho cas ri cat ann an carn air son ni eiginn cearr a thubhairt, norinn nochuala e, feuchaidh abhean dhiadhaidh ri saod a chur air le bhith caoimhneil, ciùin, siobhalta, modhail ris. Bidh cuimhne aice gu bheil e sgriobhta gur beannaichte luchd-deanamh na sìthe. Ma thig e dhachaidh oidhche eiles en déigh amadan is ball-bùird a dheanamh dheth fhéin leis amhisg, bheir i dha gach modhs gach comhfhurtachd as còir dhi; ach an uair a dhfhuaraicheas e, bheir i, gu ciùin, siobhalta, foighidneach, comhairle air, ann an ainm Dhé, e sgur den mhisg. A dhaon fhacal, innsidh in fhìrinn dha ann an gràdh, agus bithidh a h-obair air a beannachadh air aon dòigh no dòigh eile. Ach a bhean ann-diadhaidh an uair a thig fear-an-taighe dhachaidh uice cas, no crosda, no air mhisg, lasaidh i mar am fudar, agus smàdaidh, is càinidh, is ithidh iad a chéile. Tha e cheart cho docha gun dean achlann acheart ni an uair a dhfhàsas iad mor. “Na chì na bigs e ni na big; na chluinneas iads e chanas iad.” Bithidh abhean dhiadhaidhna solus, chan ann a mhàin da teaghlach fhéin, ach mar an ceudna da coimhearsnaichs da luchd-eòlais. Feumaidh gur h-in diadhachd fhior agus neo-shalach a bhios aice, ar neo cha mhòr is fhiach i. Tha mòran bhan ann aig nacheil ach coslas na diadhachd. Ni iad cràbhadh, is osnaich, is ochanaich gu leor; ach innsidh iad na breugan, cùl-chàinidh iad na coimhearsnaich, agus aithrisidh iad gach sgainnil is droch sgeul a chluinneas iad air an coimhearsnaich le mòr thoilinntinn. So a cheart mhuinntir a ni gàirdeachas anns an eucoir, agus aig nacheil an gràdh sin a tha teachd o Dhia, agus a chuireas foluch air mòran pheacannan. Donas mar a tha na mnathan ann-diadhaidh chaneil iad a leith cho cunnartach ri luchd achràbhaidhs na h-ochanaich. A nigheannan òga, ann an tùsur latha leanaibh an fhìor dhiadhachd. Tha na ceumannan as còir dhuibh a ghabhail air an cur gu soilleir far comhair ann am facal Dhé. Mur dean sibh so cha bhi ràth oirbh fhéin no airur teaghlaichean ma theid sibh gu bràth an ceann theaghlaichean.

Is mi bhur caraid,
BODACHAN AGHARAIDH.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. VII.

CHA robh sealladh air Calum! Cha robh fios aig Aonghas air an t-saoghal mhor theireadh na dheanadh e. Sheall e mun cuairt, an dùil nach do dhamais o air an an àite cheart; ach cha burrainn mearachd a bhi ann, oir bha an ròp an crochadh air a chraoibh far an do dhfhàg e e. Smaointich e sin gur a docha gun robh Calum a gabhail fadachd, ’s gun dthug e ceum taobh air choireiginn. Ghlaodh e ris aird a chlaiginn, uair is uair, ach a mach o mhac-talla cha dfhuair e freagairt. Faodaidh sinn a thuigsinn an staid inntinn anns an robh Aonghas Donn Ghlinn Fraoichcho aonaranachs a bha e ga fhaighinn fhéin, air tìr ann a fàsach ann an dùthaich chéinan companach a dhfhàg e o chionn uair na dha air a dhol á sealladh, mar gun sluigeadh an talamh e. Cha do thuig Aonghas uige so cho aonaranachs a bhiodh duine as aonais a sheòrsa fhéin, agus bheireadh e aig an àm deich bliadhna da bheatha airson cuideachd Eòghain ghòraich fhéin, a dhfhàg esa ghleann. Sheall e mun cuairt a nis air gach taobh, agus bheachdaich e na bu dlùithe air an talamh, agus thug en aire gun robh am feur air a stampadhs air a phronnadh mun cuairt don chraoibh aig na dhfhàg e Calum. Chaidh e air a ghlùinean far an robh am feur air a lùbadh, agus thug en aire do luirg iongantach anns an ùir a bha ma chuairt air tom-sheangan. Sheall e gu maths dhaithnich e gum bu lorg duinebhann, ach cha belorg fhéin na lorg Chalum. Chan fhacAonghas a leithid riamh. Cha be cas ruisgterinn i, ’s cha be brog a rinn i. Ann an tiotadh thuig Aonghas mar a bha; oir leugh e iomadh uair mu dheidhinn nan Innseanach, ’s an caiseart a bhiodh iad a cleachdadh ris an cainte mocaisean. Cha robh teagamh sam bith aige nis nach buidheann dhe na daoine fiadhaich so a thainig an rathad agus a fhuair greim air Calum. Smaointich Aonghas air na leughs na chuale riamh mu na daoine-buidhe (mar theirteadh gu bitheanta riutha) cho guineach, cruaidh-chridheach, ’s cho innleachdach airson beartan-bàis a dheilbh don naimhdean. Ach bha dòchas aig Aonghas fhathast. Bha fios aige gun robh Calum innleachdach agus misneachail, agus mar sin gun deanadh e beart air choireiginn airson a bheathashàbhaladh. “Agus is docha,” arsAonghas ris fhéin, “gur h-ann a gheibh mi Calum am broilleach na cuideachd.”

Tha sinn a faicinn le so nach do chaill Aonghas a dhòchas idir, ’s e nach do chaill. Chuir e roimhe gun toireadh e aghaidh air a choille ghruamach am feasgar ud fhéin air lorg a charaid. ’N uair a thainig e thun a cho-dhùnadh so, thuirt e ris fhéin gum ben gliocas dha mum falbhadh e, cuairt eile thoirt an rathad a bha sprùillach na luinge, air chors gun toireadh e leis biadh, agus feuch am faigheadh e arm de sheòrsa air choireiginn. ’S e sin a rinn e. Fhuair e pocan beag sgiobalta anns na chuir e na bha dhith air de bhiadh, agus an sin thug e sùil gheur ma chuairt feuch am faigheadh e gunna, na daga, na biodag fhéin, a bhiodh feumail dhà air a thurus. Fhuair en ùine ghoirid ciste chalma ann a sgorr creige a bhuineadh, a réir coltais, do dhfhear de na h-oifigich, agus le cnapach mhath de chloich cha robh Aonghas fadaleigeil solus an latha na broinn, agus a leigeil na bha stigh a mach. An àm a bhi rannsachadh so, smaointich Aonghas air iomadh bodach an taobh thall na chuan a bhiodh ann am Pàrras air feadh gach riomhadhus iomasgladh a bha dol a dholaidh air a chladach gharbh so. A measg gach ni fhuair e deagh ghunna agus daga, ’s gach acfhuinn is biadh a



[2]

[Vol . 10. No. 1. p. 2]

bhuineadh dhaibhn àm càs na cunnart. Mar an ceudna chuir Aonghas, ged nach robh fios aige carson, sgàthan beag, cruinn a fhuair e na phòcaid. Ann an àite eile, a réir coltais, far an do bhristeadh ciste an t-saoir air na creagan, fhuair Aonghas tuagh chnapach nach robh ao-coltach ri tuagh-chatha, agus chuir e na chrios i; agus feumar aideachadh le fìrinn gun robh Aonghas air a dheagh uidheamachadh air choinneamh nàmhaid sam bith a thachradh rissa choille mhóir. Thog e air agus thug e aghaidh an iar-dheas, oir bha e cinnteach gum be sin an rathad a ghabh na h-Innseanaich. Cha robh e furasda dhà astar mór sam bith a chuir na dhéigh aig cho tiughsa bha choillemóran do dhfhiodh marbh na shìneadh, air chors gum béiginn dha iomadh uair a rathad a ghearradh roimhe. Chan fhacAonghas air a thurus am feasgar ud creutair bu ghairge na coinean. Bha eunlaith gu leor ri fhaicinn, agus air dha giadh fhaicinn a dol seachad os a chionn smaointich e gun cuireadh e deuchainn air a ghunnùr. Suas ri ghuallain bha e, ’s ann an tiotadh bhan giadh a nuas ma cheann, car ma char. Cha burrainn a mhusg aig Donnachadh Bàn fhéin deanamh dad na bfhearr. An uair a chaidh a ghrian fodha ràinig Aonghas gleann beag, bòidheach, agus bho na bha e gu math sgìth, smaointich e gun cuireadh e seachad an oidhche ann. Leig e e-fhéin sios air an fheur ghorm agus ghabh e biadh. An uair a bha sin seachad shlaod Aonghas pairt dhen fhiodh a bha ma chuairt na shìneadh aig bruaich a ghlinne thun na blianaig a thagh e, agus rinn e seòrsa do chrò airson e-fhéin a dhìon an uair a ghabhadh e tàmh na h-oidhche. Cha robh e fada na shìneadh san daighnich son uair a bha e na chadal cho trom ri cloich, ged a bha nis iomadh seorsa glaodh uamhalta rin cluinntinn a bristeadh sàmhchair na h-oidhche. Cha robh e fada na chadal an uair a thòisich e air bruadar. Shaoil leis gun robh e air mullach beinne a bha anabarrach àrd agus cas air gach taobh, ’s an cuan mor thiomchioll. Shéid a ghaoth, agus shéid i air chors nach facas riamh a leithid, ’s esan a sin a sireadh Chalum. Mu dheireadh thall leag a ghaoth es chaidh e sios car ma char leis a bheinn, gus na ràinig e bruaich chas os cionn an uisge far an dfhuair e greim. Bha e na éiginn, gun chomas aigair e-fhéin a shàbhaladh. Thug e sùil os a chionns chunnaic e òigh àluinn a tighinn a nuas guala na beinne. Dhaithnich e glé mhath i. Co bhann ach Catriona? Shìn i mach a làmh mhìn, gheal ga chuideachadh, ag ràdh aig a cheart àm, ’s fiamh a ghaire air a gnuis, “Gabh misneach, ’Aonghais, theid gach ni leat!” Dhfhairich e sin i breith air ghuallainn air, ga tharruinn suas gu àite sàbhailte— ’s dhùisg e. bioghnadh le Aonghas, an àite Catriona fhaicinn rithaobh mar a bha leth-dhùil aige, chunnaic e gurrach mór, dubh na sheasamh ma choinneamh an taobh a stigh na chrò, agus smùid aige air ithe rudeiginn. Shuath eshùilean gu math, an duil gur h-ann a bruadar a bha e fhathast; ach cha bannbha e ann a sud. Dhéirich Aonghas na sheasamh, ’s fhalt ag éiridh air a cheann, ’s chunnaic e gum be mathan mór, donn a bha na chompanach! So an làmh mhìn, gheal a dhfhairich ar caraidspog mhór, dhubh a mhathain a draghadh a phoca bhriosgaid a bha focheann. An cha robh e air son a chorr do na briosgaidean fhaicinn a dol á sealladh sios sgornan mor a mhathain, agus mhaoidh e air, an dùil gu falbhadh e, ach an àite sins ann a rug e air Aonghas gu teann, cruaidh, mun dfhuair e arm sam bith na laimh. Chaneil teagamh nach robh am mathan a smaointean gun robh e air a dhùnan fhèin, agus mar sin gum biasg gach ni a thigeadh na lion. Cha robh aig Aonghas ach e-fhéin a dhìon mar a bfhearr a burrainn e, leis na h-airm a thug nàdar dha, agus bha en dùil a h-uile mionaid gun cluinneadh echnamhan a bristeadh leis na fàsgaidhean cridheil a bha am mathan a toirt air. Mar a fhuair Aonghas buaidh air a mhathan chì sinn anns an ath chaibideal.

(Ri leantuinn.)


Sgeulachdan Arabianach.

CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.

CAIB. III.

ANNS acheart am dhfhosgail Codadad an dorus, agus chaidh e sios air staidhre chais gus an drainig e seomar mor fon talamh anns nach robh ach fior bheagan soluis a bhatighinn a steach troimh uinneig bhig. Anns an t-seomar so bha corr is ceud pearsa. Bhan lamhan ceangailte air an culaobh, agus bhan casan ceangailte ri cipeanan. “A chreutairean truagha,” arsesan,” bha sibh an duil a h-uile mionaid gun robh bas craiteach faisge oirbh; thugaibh a nis taing do Dhia a chuir an so mise gus fuasgladh a thoirt dhuibh. Mharbh mi an duine dubh a bha gus sibhse itheadh, agus tha mi air tighinn a thoirt nan geimhlean dhibhse.”

An uair a chuala na priosanaich na briathran so, rinn iad uile iolach aoibhneis. Thoisich Codadad rim fuasgladh; agus a h-uile fear mar a bha efuasgladh dhiubh, bha e atoirt cuideachaidh seachad ann a bhith fuasgladh chaich. Mar so fhuair iad uile fuasgladh ann an uine ghoirid.

Lub iad uile an gluinean, agus an uair a thug iad taing do Chodadad air son na saorsa a thug e dhaibh, chaidh iad am mach as aphriosan. Agus an uair a thainig iad don chuirt, ciod a biongantaiche le Codadad na na prionnsachan oga a a bha e sireadh, agus a bha en duil nach fhaigheadh e gu brath, fhaicinn am measg nam priosanach!

A phrionnsachan,” arsesan, “am bheil mi air mo mhealladh? An e sibh fein a tha mifaicinn? Am bi do thoileachadh agam gum bi mi comasach air bhur toirt dhachaidh gu bhur n-athair, agus a chridhe gu bristeadhgur caoidh? An e nach bi ecaoidh air son fir dhibh! Am bheil sibh uile beo? Ochan! bheireadh bas aon fhir dhibh air falbh an t-aoibhneas a tha mifaireachadh a chionn gun deachaidh agam air bhur saoradh on a bhas.”

Rinn an da fhichead prionnsas anaoidh iad fhein aithnichte do Chodadad, agus chuir e failte chridheil, chaoimhneil air fear an deigh fir dhiubh, agus dhinnis e dhaibh gu robh an athair fo dhragh inntinn ro mhor mun deidhinn. Thug iad cliu mor dha air son an fhuasglaidh a thug e dhaibh, agus thug na priosanaich eile cliu is taing dha mar an ceudna. Is gann gum burrainn aon seach aon dhiubh cainnt a chur air cho taingeils a bha iad dha.

Chaidh Codadad agus na priosanaich gu leir air feadh achaisteil. Fhuair iad anbarr ionmhais ann. Bha sioda dhe gach seorsa ann am pailteas ann, agus aodach air fhigheadh le snath oir; agus moran de sheorsachan aodaich agus de bhathar luachmhor eile a bhan duine dubh atoirt o na marsantan a bhadol troimhn duthaich. Bhuineadh earrann mhath dheth do na priosanaich don dthug Codadad an saorsa. Dhaithnich a h-uile fear dhiubh am bathar bu leis fhein. Thug Codadad a chuid fhein do gach fear dhiubh, agus roinn e an corr den bhathar eatorra. An sin thuirt e riutha, “Cia mar a bheir sibh leibh bhur bathar? Tha sinn an so ann an aite fasail, agus chaneil en comas dhuinn eich fhaotainn.”

Mo thighearna,” arsa fear dhe na priosanaich, “thug an duine dubh uainn na camhail a bhagainn mar a thug e uainn am bathar, agus ma dhfhaoidteadh gum bheil iad anns na stabuill aig achaisteal.”

Tha sin coltach gu leor,” arsa Codadad; “seallamaid am bheil iad ann.” Mar sin chaidh iad do na stabuill far an dfhuair iad, cha be mhain na camhail, ach mar an ceudna an da fhichead eachs a naodh air an robh mic an righ amarcachd an uair a ghlac an duine dubh iad. Bha seirbhisich dhubha anns na stabuill, ach an uair a chunnaic iad gun robh na priosanaich mar sgaoil, thuig iad gun do chuireadh am maighstir gu bas, agus ghrad theich iad. Cha do chuir duine do dhragh air fhein na chaidh air an toir.

Bha aoibhneas mor air na marsantan a chionn gun dfhuair iad am bathar agus na camhail agus an saorsa, agus chuir iad rompa gum falbhadh iad air an turus gun dail. Ach mun dfhalbh iad, thug iad a rithist mile taing do Chodadad air son gun dthug e dhaibh an saorsa.

An uair a dhfhalbh iad, labhair Codadad ris amhnaoi-uasail, agus thuirt e: “A bhaintighearna caite am bheil a mhiann ort a dhol? Tha run orm falbhna do chuideachd a dhionnsaidh aite anns am bheil thudol a ghabhail taimh, agus chaneil teagamh agam nach fhalbh na prionnsachan so gu leir maille rium.”

Thuirt mic righ Harrain a beul a cheile gun robh iad acur rompa nach dealaicheadh iad rithe gus am fagadh iad comhladh ricairdean i.

A phrionnsachan,” arsise, “buinidh mise do dhuthaich a tha gle fhad air falbh as a so; agus a bharrachd air sin, bhiodh e tuilleadh is mor dhomh toirt oirbhse falbhnam chuideachd air astar cho fada. Feumaidh mi aideachadh nacheil duil agam tilleadh don duthaich dom buin mi. Dhinnis mi dhuibh roimhe so gum buin mi do bhaile mor Chairo. Ach on a nochd sibh a leithid de chaoimhneas dhomh, agus a tha mi cho fadanad chomhain-sa,” arsises ig amharc air Codadad, “cha bhiodh e ceart dhomh gun an fhirinn innseadh dhuibh. Is nighean righ mi. Thainig righ eile a chogadh ri mathair, agus an uair a cheannsaich e an rioghachd, agus a chuir e mathair gu bas, bfheudar dhomhsa teicheadh le mo bheatha.”

An sin dhiarr Codadad agus a bhraithrean air abhana-phrionnsa a h-eachdraidh innseadh dhaibh, agus thuirt iad rithe gun robh fior thoil aca fios fhaotainn mu gach mi-fhortan a thainigna rathad, agus gun robh iad suidhichte gun deanadh iad gach ni a ghabhadh deanamh a chum an tuilleadh sonais a thoirt dhi.

An deigh dhi taing a thoirt dhaibh air son cho toileachs a bha iad air cuideachadh a dheanamh leatha, cha burrainn i gun a h-eachdraidh innseadh dhaibh mar a bha iad ag iarraidh, agus thoisich i mar so:—

Ann an eilean araidh tha baile-mor ris an canar Darabar. Bham baile so air a riaghladh fad uine mhor le righ a bha araon cumhachdach, moralach, agus subhailceach. Ach cha robh duine cloinne aige, agus be so an aon sonas a bhaga dhith. Bha e do ghnath ag urnuigh gun tugadh Dia sliochd dha, agus mu dheireadh rugadh leanabh nighinn dha.

Is mise an nighean mhi-fhortanach sin. Cha robh mathair toilichte an uair a rugadh mi a chionn nach e mac a bhannam; ach chuir e roimhe gum biodh e umhail do thoil Dhe. Thugadh dhomhsa gach seorsa fiosrachaidh agus foghluim a shaoileadh mathair a bhiodh feumail dhomh, oir chuir o roimhe, o nach robh mac aige, gum bithinn-sa riaghladh an deigh a bhais.



[3]

[Vol . 10. No. 1. p. 3]

Air latharaidh chaidh mathair don bheinn-sheilg. Thug e an aire do dhasal-fhiadhaich, agus lean e cho fad air a toirs gun do chaill na daoine a bha comhladh ris sealladh air. Mu dheireadh thainig an oidhchair, agus cha robh an t-saoghal cait an robh e.

An uair a rainig e iomall na coille don deachaidh an asal as a shealladh, thainig e air lar, agus shuidh e. Cha robh e fadana shuidhe an uair a thug e an aire do sholus anns achoille. Thug so air a bhithcreidsinn nach robh e fado bhaile araidh. Rinn e toileachadh ris an t-solus, oir bha en dochas gun cuireadh e seachad an oidhche anns abhaile, agus gum faigheadh e neach eiginn a chuireadh e far an robh na daoine a bha comhladh ris a dhinnseadh dhaibh far an robh e. Mar sin, dheirich e as an aites an robh ena shuidhe, agus rinn e direach air an t-solus.

Cha bfhada gus an an do thuig e gun robh e mealltana bharail, oir cha robh ann ach solus a bha tighinn a bothaig. Ach air a shon sin chaidh e dluth don bhothaig, agus ghabh e ioghnadh gu leor an uair a chunnaic e fuamhaire a bha anabarrach morna shuidhe innte. Bha soitheach mor luma-lan fiona air a bheulaobh, agus bha damh aigega rostadh a bha e air ur-mharbhadh. Bheireadh e balagum mor as an fhion, agus an sin bheireadh e culag as an damh, agus dhitheadh e i. Ach be an rud bu mho a tharruinn aire mathar, am boirionnach briagha a chunnaic ena suidhe anns abhothaig. Bha choltas oirre a bhith ann an doilghios anabarrach mor. Bha a lamhan ceangailte, agus bha leanabh beag mu aois da bliadhnana shuidhe aig a casan, agus, mar gum biodh etuigsinn an t-suidheachaidh mhi-fhortainaich anns an robh a mhathair, bha esior chaoineadh gu goirt.

Bha leithid do thruas aig mathair ris amhnaoi agus ris an leanabhs gun do smaoinich e an toiseach gun rachadh e don bhothaig, agus gun tugadh e ionnsuidh air an fhuamhaira mharbhadh. Ach an uair a thug e achuis car tiotaidh fa near, thuig e gur docha nach rachadh aige air seasamh ris an fhuamhaire, agus thuirt e ris fhein, gum bfhearr dha feitheamh feuch am faigheadh e cothrom air tighinn air gun fhios dha. Aig acheart am chuir am fuamhaire crioch air na bhanns an t-soitheach fhiona, agus dhith e corr is leith an daimh. An sin thionndaidh e ris amhnaoi, agus thuirt e: “A bhana-phrionnsa mhaiseach, car son a tha thu, le do raigeann, atoirt orm fas cho fiadhaich riut? Faodaidh tu a bhith sona ma thogras tu fhein. Chaneil agad ri dheanamh ach gaol a ghabhail ormsa, agus a bhith dileas dhomh, agus bidh mise siobhalta gu leor riut.”

A chreutair oillteil,” arsa bhean-uasal, “na bismaointean gun tig an latha anns an gabh mise gaol ort. Bidh tu gu brathnad uile-bheist oillteilnam shealladh-sa.”

Lean i air an doigh so air a chaineadhs air a ruith sios gus mu dheireadh an do ghabh am fuamhaire corruich anabarrach mor. “Dheisd mi riut fada gu leor,” arsesan, le guth eagallach; “than gaol a bhagam ort a nis air a thionndadh gu corruich. Dhuisg am fuath a thagad dhomh, fuath ann am chridhe. Tha mifaireachadh gur e mo chorruich is treise na mo ghaol, agus gum bheil mi nis amiannachadh do mharbhadh moran nas mo na bha mimiannachadh greim fhaotainn ort.”

An uair a labhair e na briathran so, rug e air fhalt air abhoirionnach thruaghna leith laimh, agus an uair a thog e on talamh i, tharruinn e an claidheamh leis an laimh eile gus an ceann a sgathadh dhi. Mun do tharr e so a dheanamh chuir mathair saighead troimhn chridhe aige, agus mharbh o gun sgrid e.

(Ri leantuinn.)


Darna Bean Phara na Sluasaid

LE FIONN.

AN uiridh chaidh mi chur seachad na Nollaig lem charaid, am Maighstir-sgoil, a thasa Chill-aluinn. A dhinnseadh na fìrinns e fhéin is duines as dithists an sgireachd. ’S e is cleireach Seisein, fear-ciùil na h-eaglais, cho math, ri dreuchd no dhà eile nach ruigear a leasainmeachadh. Nuair a rainig mi co bha air thoiseach orm ach Seumas Mac Cuithein, lighiche òg a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich, a bha, mar bha mi fein, air aoidheachd leis a mhaighstir-sgoil, agus mureil mi air mo mhealladh, na leannan aig Beathaig, a tha cumail tighe le a bràthair.

Air feasgar a bha sin bha sinn gu seasgair, blàthnar cròilean mun teine, ged a bha, mar thuirt am bàrd

An oidhche nis air fàs ro shalach,
Bhrùchd na tuiltean troimh na gleannaibh,
Fhreagair creag is beinn le farum,
Fuaim na gaillinn air an raon.”

Eadar dhà naigheachd chuala sinn Beathag a bruidhinn ri cuideigin aig an dorus agusgan cuireadh tighinn a stigh.

Chuir Beathag a ceann a stigh air dorus an t-seòmair, agus arsise ris a Mhaighstir-sgoil— “A Dhòmhnuill, so agad Para na h-eaglais aig an doruss toil aige bruidhinn riut leat fhéin.”

Càirich a nuas a so e,” arsa Domhnull. Agus a tionndadh rium fhéins ri mcharaid, arsesan, “Tha fhios agam an dràsda chuir an so an nochd e. Chaill Pàruig a bhean o chionn còrr is bliadhna, ’s tha bhantrach air a lorg, is theagamh gu do rinn e suas dhiuphosadh, ’s bithidh e taghail mu nagairmein’ —mareil mise air mo mhealladh gheibh sinn sgeul ait.”

Thig a stigh, a Phàruig,” arsesan, ’s e tionndadh ris an fhear a bha san dorus, “ ’s gheibh thu do Nollaig. Ciod air an t-saoghal a chur a mach thu a leithid so de dhoidhche?”

Ma ta chan ann a thoirt droch fhreagairt oirbh a tha mi,” arsa Pàruig, “ach chuir an rud a chuir an earb air an lochan éiginndireach an éiginn, a dhinnseadh na fìrinn. Tha gnothaichean air tighinn gu aona-cheannthan taoim air dol thar nan totaichean, agus thainig mi chur mo chomhairle riubh fein, ma bheir sibh cothrom dhomh; ’s duilich leam dragh a chur oirbh is cuideachd leibh.”

Gheibh thu mo chomhairle,” a Phàruig, “ach so dhuit so an toiseach,” arsam Maighstir-sgoil. “So dhuit do Nollaig; is feumail thu air deur beag ad shealbhans an oidhche cho fuar. Suidh a suas ris an teines nuair a ghabhas tu blàthas gheibh sinn do sgeul. Chaneil a so ach charaid dhomhsa; tha iad le chéile cho Gaidhealach ri gas fraoich, ’s mar sin cha bhi sinn a cosd Beurla orra.”

Chuir mi fhein agus Seumas Mac Cuithein fàilte air a bhodachan. Dhòl e làn na cuaiches chuir siud blàthas air, agus thòisich a theanga air gluasad.

Bha toil agam,” arsesan, “ ’s e tionndadh ris aMhaighstir sgoil, “ur comhairleghabhail mun chùil-chumhainn anns abheil mi an dràsd; oir cha robh duine riamh air a chur thuige mar a tha mise.”

Nacheil fhios agadsa, a Phàruig,” arsam Maighstir-sgoil

Gur lionar trioblaid agus teinn
Thig air an fhìrean chòir?”

Tha, glé mhath,” fhreagair Pàraig, “agus air feadhainn nach bin am fìrean idir.”

So so, a Phàruig, thoir dhuinn do sgeul,” arsam maighstir-sgoil, “cho luathsa dhfhaodas tu. Mureil mise air mo mhealladh tha boirionnach aig bun a ghnothaich.”

Tha, ler cead, a dhà dhiu; ach leigibh sibhse leam agus gheibh sibh mo sgeul o bhun gu bàrr. ’Nuair a chaochail Mòrag agamsa, a bhliadhna an Fhoghair seo chaidh, bha mi gun mhath, gun fheum, direach mar eun aig am biodh sgiath bhriste, an uallach dhomh fheins gun mi faicinn ciod am feum dhomh bhi beo. Bha so nàdurra gu leòir, oirs e boirionnach deanadach, glic, pongail a bhann am Mòraiga cuid de Phàras dhi! Chan fhaigh mise a leithid ri mbheo! Nuair a bha mi anns an t-suidheachadh so, ’s gun fhios agam co dhiù bha mi beò no marbh, a thoisich air tighinn gam fhaicinn ach banntrach ruadh an t-seicleir a thas an ath chroit rium. Mheas mi na chaoimhneas i thighinn a dhfheòraich cia mar a bha dol dhomh. An sin thigeadh is amhaduinns dheanadh i mo leapa, ’s chuireadh i àird air an tigh, chàireadh i mo stocainean, ’s dhfhuaghaileadh i putan air mo bhriogais. Ma bhamhaduinn fuar thigeadh i le cuach bhrochain am ionnsaidh fhadsa bhiodh mo theine fein a lasadh. Bha i fuasach caoimhneil, coimhearsnachail. Latha bha sin thuit dhi tighinn a stighs mi losgadh mo chrogan a pùradh poit bhuntàta. “Ah!” arsise, “a Phàruig, cha bhi thu ceart gus am faigh thu boirionnach còir, caoimhneil, an àite na te nach marionn, agus bheirinn comhairle ort a bhi air dfhaicill o na guanagan chaileag tha dol mun cuairtgòragan aotrom, gun seadh gun chiall. Amhairc mun cuairt ort, ’s cha ruig thu leas dol fada oddhorus féin air son boirionnach stéidheil mu dheich bliadhna ficheadmum aois fhéin, a Phàruig a chunnaic obair tighe, ’s don aithne fear a stiuradh?”

Thug mi taing is buidheachas don bhoirionnach air son a deadh chomhairle, agus gheall mi dhi smaointeachadh mun chùis. A dhinnseadh na fìrinn dhuibh bha mheas gun robh e fior chaoimhneil dhi a bhig amharc as mo dhéigh fhéins ás deigh mo thighe gun sireadh gun iarraidh. Latha bha sin bha mi cnuasachadh na comhairle a thug banntrach an t-seicleir orm, is a thàinig a stigh ach banntrach bhras an tàilleir chrùbaich a Baile-nan-clach, a thuit a bhi dol seachadsan am, ’s thaghail i, mar thuirt i fhein, a dhfhaicinn cia mar a bha dol dhomh on a chaochail Mòrag— ’s ghuil i gu goirt air son na nach mairionn. ’Nuair a thainig i thuige, ars ise, “Bhithinn a nuas gad fhaicinn roimhe so, ’Phàruig, ach bha sùil agam dfhaicinn shuas o chionn còrr agus mios. Nach do dhinnis Seònaid chlaon dhuit gun robh mi gad iarraidh a suas oidhche Shamhna. A Pharuig,” ars ise, ’sig amharc orm ann an clàr an aodainn, “bu mhath leam t-fhaicinn a togail ris a nis; rinn thu caoidh air son Mòrag uine chuimseachtrì miosan nas fhaide na bha mise caoidh an tàilleir. Gun teagamh dhfhaodainnse caoidh mios no dha ni bfhaide mar a bhith gun robh piseagan aig achat ann am bhoineid dhuibh— ’s chuir sin crioch air mo thuireadh.”

Ille,” arsise, ’s i toirt puradh dhomh anns na h-aiseannan le a h-uileann, “a bheil fhios agad n t-aodann a chunnaic mi anns an sgàthan Oidhche Shamhnanuair sheall mi thar mo ghualainn chlith?” Chaog i riums ghabh i mach.

A bheil fhios agaibh air a so, chan eil fhios agam ciamar no car son, ach thoisich minntinn air togail on a bhruidhinn banntrach an tàillear rium, ’s bha mi gabhail mo ghreim bithidh ni bfheàrr.

Cha bfhada bha banntrach an t-seicleir a toirt an aire dha so, agus bha im beachd gun robh so ag éiridh o bhi leanailt a comhairlean agus ag gabhail a brochain.

(Air a leantuinn air taobh 6).



[4]

[Vol . 10. No. 1. p. 4. ]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $l .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, IULAIDH 5, 1901.

THA na rioghachdan móra aig an àm so a toirt an cuid airm air falbh á Sína. Agus chan urrainnear a ràdh le fìrinn gu bheil cor na dùthcha ann an tomhas sam bith nas fhearr na bha enuair a chaidh an t-arm a chur innte. Tha ceannairc nambocsaireanair a cur sios, agus moran den ceannardan air an cur gu bàs, ach tha iadsan bu choireach ris acheannairc a thòiseachadhaBhan-Impire agus Prionnsa Tuanfhathast beò, slàn, agus cho luathsa dhfhàgas an t-arm Eòrpach an dùthaich bidh iad anns na ceart dhreuchdan anns an robh iad roimhe, agus amealtuinn acheart uiread ùghdarrais. Agus chan eil dearbhadh sam bith air a thoirt seachad gum bi an riaghladh an deigh so ann an dòigh sam bith nas fhearr na bha e roimhe so. Is dùthaich Sina, agus is sluagh na Sineich ris am bheil e doirbh gnothuch a dheanamh. Tha iadnan daoine carach, seòlta, nach seas ri fìrinn no ri bréig ach nuair a shaoileas iad féin iomchuidh; agus an deigh do dhaoineile gach reusonachadh is urrainn daibh a dheanamh riutha, tha iadg am fágail dìreach mar a fhuair iad iad. Agus a dhol a dhuisneachadh neart riutha, ged a chuireas buidheann glé bheag de dharm Eòrpach an teicheadh air buidheann gle mhor dhiubhsan, tha àireamh cho mór ann dhiubhs nach eil dòigh air an toirt fo chìs gu buileach, oir mar a thuiteas duine tha ceud deiseil gu dholna àite. Dhfhaodadh na h-Eòrpaich leantuinn air a chogadhsa dheanamh cho fuilteachsa thogradh iad, ach ged a mharbhadh iad mìle de na Sineich na h-uile latha, an ceann na bliadhnas gann a bhiodh iad air an ionndrainn, tha àireamh an t-sluaigh cho mór. Cha robh tuigse cho domhain aig daoine air a chùis so riamh roimhesa tha aca on chunnaic iad na saighdearan Eòrpach air an toirt air falbh á Pekins gun ach gle bheag aca ri nochdadh mar thoradh an saoithreach.


BE Di-luain sa chaidh latha-breth Chanadaco-ainm an latha air an deachaidh na roinnean dem bheil i air a deanamh an toiseach a thàthadh ri cheile. Tha ceithir bliadhndeug air fhichead on chaidh an tàthadh sin a dheanamh, agus chan eil duine breathnachail sam bith nach aidich gum bu mhath an obair e. Bha Canada aig an àm sin air a roinn na roinnean beaga, gach aon diubh sin a fuireach air leths acur air adhart a gnothuich féin mar dhùthaich. Ann an 1867 bha ceithir de na roinnean sinNobha Scotia, New Brunswick, Cuebec, agus Ontarioair an aonadh ri cheile mar aon dùthaich fon ainm Canadaainm a bhuineadh roimhe sin a mhàin do Chuebec agus do Ontario. Uaithe sin chaidh Eilean aPhrionnsa, Columbia Bhreatunnach, Manitoba, agus an Iar-Thuath a ghabhail a stigh, gus a nis a bheil Canada asgaoileadh a criochan bho chuan gu cuan. Agus tha an dùthaich gun teagamh a mealtuinn tomhas mor de shoirbheachadh. Tha saoibhreas nadurra innte nach eil ri fhaotainn ann am moran dhùthchannan fon ghréin, agus mar a thatar afaotainn sin a mach tha i afàs ann am meas agus ann an neart am measg dhùthchannan an t-saoghail. Chan eil cearna dhen t-saoghal fo bhratach dhearg Bhreatuinn as am bheil an t-seann dùthaich sin cho pròiseilsa tha i á Canada, agus tha sinn an dòchas gur ann a bhios a phròis sin adol am meud mar a ruitheas na bliadhnaichean seachad. ’S e ur dùrachd nach leig Canada le moran ùine ruith gus am bi i làn chomasach air a criochan féin a chumail fo dhion iomchuidh, agus mar an ceudna gum bi i a toirt tomhas mor de chuideachadh don dùthaich mhàithreil ann an cearnan eile dhen t-saoghal. Bha Canada roimhe so na leanabachd, ach tha i nise air tighnn gu aois, ’s air fàs mor, làidir, agus saoilidh sinn gu bheil an t-àm aice tòiseachadh ris an aire thoirt dhi féin, agus mar an ceudna ri cuideachadh a toirt don t-seann mhàthair, a bha o chionn ùine cho fadaga dions ga neartachadh.


Fir na Seilg.

Is lìonmhor iad so an diugh feadh na h-Alba, ach gu sònruichte anns aGhàidhealtachd air eilein is mòrthir. Tha e soilleir gun ceannaich an t-òr gach uile ni a tha bòidheach, blasdasan t-saoghal; ’s ann mar so a gheibh sinn an duine bochd feadh ghleanntan a shìnnsear air a sgaradh le laghan mi-naomh o fheum a dheanadh do eòin na machrach agus do iasg na mara. Ann an cuid do cheàrnaidheans na h-eileana so tha daoine truagh dìblidh aig nacheil ach tuarasdal brònach air son an saothair, apàigheadh air son uisge, adhar agus grian, a rinn an Cruitheir air tùs saor don chinne-dhaonna gu léir. Tha tomhas do choire aig na Gàidheil féin a thaobh cùisean na seilgsan taobh-tuath. Chuir iad feadhainn a chumas suas na seann laghan a steach don Phàrlamaid, agus mar so tha beul aghearain air a dhùnadh. Feudar a ràdh gum bheil fir na seilg atoirt airgiod don tìr; ach ma tha chaneil an toraidh uile math. Chaneil an t-airgiod so an coitcheannas adol do phòca an duine bhochd; tha ena riadh do mhuinntir bhearteach fad as. —Oban Times.


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR—Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life ASSOCIATION.


Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.

Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,980.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25

Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nampolicies” $1 ,505,546.25


F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.


Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON.

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.



[5]

[Vol . 10. No. 1. p. 5. ]

Naigheachdan.

Chaidh fiach ceithir millean agus sia ceud mìle dolair ( $4 ,600,000) de dhìm a chur gu ruige Breatunn á Ruisia air a bhliadhna sa chaidh.

Mharbhadh fear Iain Burns air rathad-iaruinn cuideachd a ghuail aig Dominion feasgar Di-sathairne sa chaidh. Bhualadh e leis a charbad-iaruinn, agus bha a chorp air a mhilleadh gu h-eagallach.

Tha teintean a deanamh call uamhasach anns na coilltean an taobh an ear de bhaile Summerside, an Eiiean aPhrionnsa. Tha saibhlean air an losgadh gu làr, agus ann an iomadh àite tha raontean mora gràn air an losgadh gu talamh. Mur a sil i an ùine gun bhi fada, ni an teine so call eagallach.

Tha ghoirt a laidhe gu trom air earrann mhor do na h-Innsibh. ’S e so an treas bliadhna do àireamh mhor de shluagh na dùthcha sin a bhi fulang le cion a bhidh. Tha an riaghladh Breatunnach, chan e mhàin a deanamh na tha na comas airson na daoine bochda aig an àm so, ach tha i ag ulluchadh airson na bliadhnaichean a tha ri teachd. Tha na mìltean den spréidh air bàsachadh leis a ghoirt mar an ceudna.

Di-sathairne sa chaidh dhfhàg fear Lemuel Wamback a dhachaidh ann amMount Pleasant,an Nobha Scotia, gus feansa thogail, mar a thuirt e-fhéin. Beagan uairean an déigh sin fhuair aon de na coimhearsnaich a chorp an crochadh ri craoibh, far an do chuir e crioch air fhéin. Rinneadh a mach gun robh e as a bheachd aig an àm. Mu fhichead bliadhna air ais mharbh bràthair dha, a bha comhnuidh anns an àite cheudna, a bheansa chuid cloinne, agus bhàth e e-fhéin ann an tobar.

Mar a tha fios aig gach neachs e Breatunn an rioghachd as cumhachdaiche an diugh air uachdar an domhain. Tha sinn a cluinntinn an drasdasa rithist gu bheil na rioghachdan eile an dul co-aontachadh ri cheile, mas fhior, gus Breatunn a chur bun os cionn. Dhfheuch Bonaparte ris an ni so a chur an gniomh roimhe. Agus ma dhfhaodte gu bheil comhairlichean air rioghachdan an diugh a tha cho dànas gum bruidhinn iad air a leithid an diugh. Aidichidh gach neach nacheil moran fìrinn anns an fhathunn so. ’S e gliocas gach rioghachd an aire thoirt air an gnothuichean fhein; oir tha sinn am barail nam feuchadh iad ri Breatunn a shluigeadh gun tachdadh iad anns an oidhirp.

Tha duine ann an Chicago don ainm Alasdair Dowie a tha cumail a mach gur e-fhéin am fàidh Eliah, agus gun dfhuair e gach cumhachd a thaige gus a leighisean iongantach a chur an gniomh bho Dhia. Tha e ag ràdh nacheil agad ach dòchas a chur ann fhéin, agus creidsinn gu bheil an cumhachd so aige, agus ma tha tinneas sam bith ort leighisidh esan thu le amharc ort— ’s e sin ma gheibh e an uiread so dhairgiodna thogras e-fhéin iarraidh. Tha iomadh duine truagh ann a Chicago cho faoins gu bheil iad a creidsinn a chealgaire so. Dheug iomadach neach mar tha air sailleabh Dowie, nach biodh cnead orra nam biodh iad air dotair fhaicinn. Bu choir don lagh greim a dheanamh air an duine so agus duais a maortair a thoirt dha, ni a thoill a bhéisd o chionn fada.

Tha sluagh na h-Eileanan Breatunnach an deigh an àireamh a dhùblachadh ann an ceithir fichead bliadhna. Anns an ùine sin chaidh sluagh na h-Eirinn sios da mhillean, agus tha dha uiread a comhnuidh ann an Alba an duighs a bhann an 1821. Tha sia millean coig ceud agus ceithir fichead mile (6,580,000) a comhnuidh ann an Lunnainnbarrachdsa tha comhnuidh ann an Canada gu léir. A ghabhail thair a cheile tha aireamh an t-sluaigh ann am Breatunn a ruigheachd 41,454,000.


Na Seanfhacail agus aGhaidhlig.

Chan e moladh nan seanfhacal Gaidhealach a tha air maire idir. Be sin an obair gun doigh. Be sin innseadh air fios, innseadh as miosa air bith. Be an t-ìmga chuir do thigh àirich, a bhigam moladh do na Gaidheil. Agus is e na Gaidheil a chuideachadh a bha riamhnam bheachd, agus gur ann daibh a ni mi sgriobhadh. Mur faighear Gaidhlig aig na Gaidheil, co aige gheabhar i? Chaneil ach i de cheangal aig na Gaidheil air a cheile. An la dhfhalbhas i, falbhaidh na Gaidheil mar an ceudna air feadh nan Sasunnach; theid an sluigeadh, agus gun aca ach an t-ainm gun an tairbhe. Ciod e a tha eadar na Frangaich agus na Sasunnaich? Chaneil ach an t-aon rud, achainnt. An uair a thig am Frangach gu Sasuinn agus gum pòs e ban-Sasunnaich gun suim aice don Fhraing, cha Fhrangach e nis , agus cha Fhrangaich a chuid cloinne. Chan aithnichear dùthchas an athar orra idir. Agus a thaobh nan oghachan, cha chreideadh na Sasunnaich fhein nach bu Sasunnaich eile iad. Is ionann cainnt agus duthchas. Is ionann cainnt agus braithreachas. Is ionann cainnt agus càirdeas, seadh agus is ionann cainnt agus comh-dhaltas; sin facal gun a leithbhreac ann fon ghréin a thaobh spionnaidh, treòir agus buan-ghaoil. An duine leis an caomh na Gaidheil, is binn leis aGhaidhlig. Is binn gach ianna dhoire fein. Is ard ceann an fhéidhsachreachann. Is bòidheach an luchagsamhir arbhair. Sin agaibh na seanfhacail, achairdean, aleigeil ris duinn nach coir sgaoileadh far an tigear air acheile. Cha choir dealachadh a bhi eadar na Gaidheil agus an cainnt. Agus am fear leis am bu mhath an cumail richeile, is e an ni a dheanadh e na seanfhacail a chuir ann an caraibh nan Gaidheal far an tigeadh orra gu furasda, gun spàirn, agus dhfhàgadh an cleas sin ni bu siubhlaiche air teanga a luchd-duthcha iad. Is e smìor na Gaidhlig a tha anns amhòr-chuid de na seanfhacail, gun taing don Bheurla. Is ann orra than dreach snasmhor is glaine gearradh. Bha na Gaidheil riamh ainmeil airson an speis don bhòidhchead. Mar is a gheabh iad greim air na seanfhacail is ann is a bhios speis aca don Ghaidhlig.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas.
Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[6]

[Vol . 10. No. 1. p. 6. ]

(Air a leantuinn o thaobh 3).

Is taitneach,” arsa mise, “coimhearsnaich chàirdeil, chaoimhneil a bhi aig daoine.”

Tha amharus agam a nis ciamar a bha cuisean a ruith,” arsamhaighstir sgoil; “greis gu ceann do sgeòil sam faic sinn co te de na banntraichean a bhuidheanas an réis, a Phàruig.”

Buidhinn,” arsa Paruig, “bhuidhinn iad le chéile ann an dòigh, ach an dòigh eile cha do rinn a h-aon dhiù moran domh; ach tha moran agam ri innseadh fhathast mun ruig mi deireadh mo sgeòil. Ach a thilleadh gum naigheachd. Bha mo bhriogaisean caithe air an càradh cho tric nach robh fhios agam fhein ach gann ciod a bu dhath dhaibh an toiseach. Agus latha bha sin arsa banntrach an t-seicleir, ’sig amharc orra, “cha ghabh na briogaisean caradh tuillechaneil iad coltach ri duine deanadachsam bith, gun tighinn air Maor Eaglais. Tha paidhir agam shiossan tigh a bhaig an t seicleir, cha robh iad air leth-dusan uair riamh, agus tha fhios agam gum freagair iad dhuit.” Thug i nios iad an ath lathas dhfhàg i agam iad. Bha sin air Di-haoine. Air Di-dòmhnaich co rinn a suas rium fhéin air an rathad dhachaidh ach banntrach bhras an tàilleir chrùbaich, agus arsise, “tha ad agam shuas a siud a bhaig an taillear, ’s tha fhios agam gum freagair i dhuit, cho math ris a chota gorm leis na putain bhuidhe,— ’se do bheathagan ionnsaidh. Thig a nios feasgar an ath-oidhch agus feuch ort iad.” Arsa mise rium fhein, ‘tham Freasdal a cur orm,’ agus on nach robh toil agam dol an aghaidh toil an Fhreasdail, suas ghabh mi aig ciaradh an fheasgair agus thill mi dhachaidh leis a chota ghormnam achlais, agus an ad air mo cheann. Than ad rudan beag tuilleas mor air mo shon, thig inuas thar mo chluasan cor uair, bha ceann fuasach air an tàillear; fhuair e bàs le uisges a cheann. Bha mi moiteil as an ad, oir chitheadh tu t-fhailleas innte, agus gu sonraichte as a chota ghorms na putan bhuidhe, agus rinn mi ach innseadh do bhanntrach an t-seicleir cho caoimhneilsa bha banntrach an tàilleir, agus chur mi orm iadgan leigeil fhaicinn dhi, ’s bha mi cho moiteil ri aona bhalachan a fhuair briogais air son na ceud uaire. Ach fhearaibhsa ghaoil, on latha sin thoisich mo thrioblaidean. Mun tainig crioch air an t-seachdain bha mo thigh air a dhinnedh le airneis o dhorus gu anainn, cho làn ri aon sgeap-sheillean a chunnaic sibh riamh, oir thug bantrach an t-seicleir an aire gun robh cas ghoirid air a bhòrds chan fhòghnadh leatha ach gun tugadh i stigh a bord fhein. Leis abhòrd thug i stigh sea cathraicheancathair mhor da laimhs cathair bheag leinibh agus chàirich i air an ùrlar iad. An sin shuidh i aig taobh an teine agus arsise, “Nach grinn tha iad a freagairt an tighe— ’sann a shaoileadh tu gun robh iad air an deanamh air son an tighe so.”

Theagamh gun robh,” arsa mise gu neo-chiontach, ’s gun mi breanachadh ciod a bha na h-inntinn-sa, ’s air falbh ghabh is i gogadaich coltach ri cearc an deigh éiridh bhar a nid.

Na dhéigh sin cha robh latha nach robh ball airneis ùr a tighinn a stigh dom thighaodach leapa aon latha, poit latha eile, cuinneag an diugh is meadar am màireach, gus mu dheireadh an gann a dhfhàg i stop airneis na tigh fein. Tha e coltach gun cuala banntrach bhras an tàillair mu chùisean, oir thoisich ise agus rinn i cheart leithid ri ceann eile an tighelion i an seòmar làn chathraichean is gach ni réir. Arsise, “Chunnaic mi ann am bruadar na thug orm so a dheanamh, agus cha bhi thu ach a dol calg dhìreach an aghaidh an Fhreasdal ma dhiùltas tu uiread agus aon chathair.” Bha mi feineil gus a nis, ach chuala mi guth ag ràdh, “car son a bhidh tusa ad shuidhe air caithrichean grinn, socrach, ’nuair a than duine air am bheil thun geall na shuidhe air bòrd lom cruaidh.”

Tha mo thigh cho làn airneis gur gann a gheibh mi dol a laidhe, achse mo bharail gun feum cartadh mor a bhi ann, oir, a dhinnseadh na firinn, thàinig mise a so a nochd a chur a stigh nan gairmean.

An e gu bheil thu dol a phosadh na dithist?” arsa am Maighstir-sgoil.

Is mi nacheil,” arsa Pàruig— ’s e mo bheachd nach pòs mi h-aon den dithist, ach chaneil am bonnach beag bruich fhathast, cha do rainig mi deireadh mo sgeòil. ’Nuair a bha [ ? ] air mo theannachadhs air mo chuartachadh leis an da banntraichse bham inntinn gun faodainn na bu mhiosadheanamh na te dhiu a phosadh, ach bha fhios agam nan deanain so gum biodh an te eile air an dearg chaothachsan rùn na biodaig rium ri mbheò, ’s mar so ghiùlain mi leotha. Dhinnis banntrach ruadh an t-seicleir dhomh gun robh a h-uile duine san sgìreachd a faicinn gun robh banntrach an tàillear a bristeadh a casan as mo dhéigh, ach arsise, “cha bhiodh tu duilich a thoileachadh nan gabhadh tu a chur a fear don uaigh le struighealaschaneil de dhòr san rioghachd na chumadh ritheagus bha a cheart naigheachd aig banntrach bhras an tàillear mu bhanntrach an t-seicleir, ach a mhain so, gun do chuir ise gu bàs a fear leis a chruas.

Feasgar a bha sin thuirt mise rium fhein, “cha dean so an gnothach, feumaidh cead mo choisebhi agamnam thigh fhein; theid mi suass gabhaidh mi comhairle a mhinisteir. Chaidh mi thun dorus tigh a mhinisteirs dhfhosgail e ach an searbhanta, Ceit Raonaill.

Thig a stigh a Phàruig,” arsa Ceit, “tha an oidhche fuar ach tha teine math agamsa cheann so den tigh; tha cuideigin leis amhinisteir an dràsd.”

Nisse caile blàth-chridheach a thann an Ceit Raonaill agus tha facal aoidheil aice daonnan ri radh rium


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.


So an t-am anns an coir dhut a bhi sealltainn a mach air son
UIDHEAMAN TUATHANACHAIS
Thatar ag radh gur h-iad sin a tha air an deanamh le cuideachd
MASSEY - HARRIS
na h-uidheaman as fhearr.

Croinn ThreabhaidhVerityaon each. Croinn TreabhaidhVerityda each. Croinn Taobh bruthach aon each. Croinn Taobh Bruthach da each.

Mar an ceudna——
BAIN WAGGONS DHE GACH MEUD.

F . & J. MORLEY. Agents.
Togalach Mhorley, Sidni, C. B.



[7]

[Vol . 10. No. 1. p. 7. ]

san dol seachad, ged nach rachadhmid riamh ro dhàn air a chéileagus chaidh mi stigh leatha, shuidh sinn is thòisich sinn ri conaltradh.

Suidh a stigh thun an teine a Phàruig,” arsa Ceit, “than oidhche fuar.” Shuidh mi fhein a stigh.

Is ciamar a tha thu nochd?” ars ise gu cridheil, caoimhneil.

Tha mise gu h-eibhuin,” arsa mise, “ciamar tha thu fhein?”

Math gu leoiram shlàinte,” arsise, “ach air mo chlaoidh ann am spiorad, agus tha mi nis miosan uair thig an t-anmoch mar so, oir tha eagal orm roimh na bòcain. Suidh nis dluithe orm a laochains mi fo uamhar.”

Suidh thusa nis dluithe ormsa,” arsa mise, “is thig e gus an aona chuid.” Shuidh Ceit teann orm fhein. “Uist, a Phàruig,” arsise— ’s ig amharc an taobh a bhan uinneag.

Cha tuirt mise facal,” arsa mise.

Ach nach cuala tu rudeigin?” arsise, ’s i tarruing a chathair teann ri mthé-sa.

Cha chuala mis ni ach plosgail mo chridhe,” arsa mise.

Oh, mise!” arsCeit, “theid mi ceàrrsan inntinn! cuir do làmh mun cuairt orm a laochain.” Chuir mi fhein mo laimh mu tiomchioll.

Cum teann mi, aPhàruig, air neò theid mi seachad,” arsise. Chum mise teann rium i le muile neart.

O, a Phàruig,” arsise, “cha chuireadh na bòcain iomagain orm nan robh thusa daonnan rim thaobh; ach cum teann mi gus am faighmi thairis air an eagal so.”

Chum mi cho teann ri mthaobh is nacheil fhios agam ciamar nach do bhrist mi a h-aisnean. Bha sinn nar suidhe mar so car tacan mu choinneamh an teinen uair thuit dhomh fhéin sùil a thoirt mun cuairt, is co a bhair ar culaobh a faicinnsa cluinntinn na bha dolach am ministersa bhean.

Tha mi toillichte gun tàinig sibh,” arsa mise, “oir chaneil Ceit ach bochd.”

Tha mise toillichte gun tàinig mi cuideachd,” arsam ministeir glé ghobach. “Bha amharas agam gun robh a chuicheanachd so adol air aghaidh; ach chunnaic mi air mo shon fhéin e nis. Rach thusa dhachaidhPhàruig,” arsesan, “agus ma bhios gairmean pòsaidh eadar thu féin is Ceit a stigh romh Dhi-dòmhnaich so tighinn cha bhin còrr mun ghnothach, ach mar bi bithidh tu fhéin agus ise mu choinneamh an t-seisein.

Air mfhacal cha burrainn domh facal a ràdh as mo leth fhein agus sheap mi mach gu simplidh, coltach ri fear a gheibheadh builles an t-sròin. Sin agaid a nise mo sgeul agus thàinig mi a so a nochd a chur a stigh nan gairmean. ar barail?”

Chuir am Maighstir sgoil mun cuairt a chuachs dhòl sin uile deoch slàinte bean-na-bainnse, ’s chaidh Pàruig dhachaidh a bruadar air a bhanais. Chuala mi gun deachaidh am pòsadh oidhche na Bliadhn uire.

Nuair a chual an da bhantrach gun robh car ùr an ruidhle bhodaich thainig banntrach bhras an tàilleir adhionnsaidh banntrach ruadh an t-seicleir, agus arsiseNach sinn an oinsich? De tha sinn a dol a dheanamh mun àirneiss an t-aodach leapa a thug sinn do Phara na h-Eaglais?” “Chaneil fhios agam de tha thusa, dol a dheanamh,” arsa bean an t-seicleir, “ach tha fhios agam de rinn mise. Chaidh mi Di-luainn uair a bha am bodach mosach a mach agus thug mi leam a h-uile ball àirneis is rud eile a thug mi dha.” “Rinn thu sin gu gleusda,” arsa banntrach an tàilleir, “ach tha thusa aig làmh; cuiridh mise litir a dhionnsaidh Phàruig e a chur dhachaidh na fhuair e uamsa.” Tha e coltach gun do rinn i so. ’S mar do shiubhail iad o sin tha iad beò fhathasd.


Feudar a ràdh nacheil atharrachadh eadar am bochd agus am beartach, ach a mhàin so, gum bheil am bochd afulang truàighe, an uair a ta am beartach a sealbhachadh truaighe.


Is fearr gu mòr bàs an ionracain na beath an eucoraich.


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Orain Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe, .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Laoidhean Dhughaill Buchanain .10
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Gramar Gailig an Stiubhartaich, .75

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


CLOIMH! CLOIMH!

THA sinn a paigheadh a phris as airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dhan stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.

Mills, Mac Coinnich & Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan etc.

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO.
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


Amy Mhoraidh.
FEASGAIR DE DHORAIN ALBANNACH.
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, agabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E, 14th St., New York.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI., - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI., - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[8]

[Vol . 10. No. 1. p. 8. ]

Taladh Iain Mhuideartaich.

LE IAIN MAC ODRUM.

Air àraidh air do Iain Mac Odrum, am bàrd, tighinn á Uidhist mu thuath do Bhaile-nan-Cailleach, mhothaich Mac- ’ic-Ailein dha a nuas an cladh, ’s dhfhalbh ena choinneamh, agus Iain Mùideartach, ’s ena phàisde beag, aigair laimh. Suas thun aBhail’ -àird chuir e bonn òir an laimh a phàisdes dhiarr e air ruith an coinneimh abhàirds a thoirt da. Rinn am pàisde so. Dhfhaighneachd am bàrd deth an robh aige dhairgiod ach sid, agus fhreagair e nach robh. “Mata,” arsam bàrd, “chaneil aon oighre fearainns an t-saoghal a bheireadh dhomhsa a chuid gu h-iomlan ach thu fhéin.” An sin thug em pàisden a uchds choisich e sios thun an taighe, ’s cha ghabhte uaith e gus an deanadh e òran dha. Dhiarr am bàrd mar fhàbhar a dhùine thoirt da fhads a bhiodh e dol timchioll aghàraidh-chàil. Fhuair e sid; agusn uair a thàinig e air ais sheinn en t-òran so. Rugadh Iain Mac Odrumsa bhliadhna 1710 agus dheug e an 1796.

Mhoire! ’s e mo rùn an leanabh,
S tu mac oighre Mhicic Ailein,
Oghas iar-oghnam fear fearail,
Chaidhur n-alla fadaga cur.
Bfhearr leam féin gun cinneadh sin dhuit,
Aois, ’us fàs, ’us àilleachd an cruth,
Maise, ’s féile, ’s géire le guth.

Taing don Ard-righ thu bhi firionn,
Chums gum meudaicheadh tun fhine,
S gum biodh tu adspailp air do Chinneadh,
S an deagh ionads abheil thun diugh.
Bhi gu sìobhaltbhuineadh sid dhuit,
Gargus mìn mar chàirte ri duchd,
Pailt, ’s rioghail, ’s aoidheil mu dchuid.

Bfhearr leam fhéin gun cluinneadh cach e
N uair nach bithinn fhéin a làthair,
Iain Mùideartach bhina àrmunn,
Air an làrach am bheil en diugh:
N a cheann tàmha ri tàrmunn puirt,
Anns an àrosn seinnear achruit;
S bhiodh do chàirdean mànranach riut.

Thaobh do sheanarus do shean-mhathr,
Craobh a baithne dhomhsaleanmhuinn,
Comunn mo rùin a dhfhàs ainmeil,
As an ana-meinn cha drinn iad bun.
Cha robh mi-run fillte rin cruth;
Iochdmhor, fiachaìl, ’s fialaidh mun cuid,
Cliù, ’us ciatamh, ’s rianadh le guth.

S iomadh rioghachd agus nàisean.
S an do mheudaich sibhur càirdean,
Marrinn sibh ri Prionnsa Tearlach,
N uair bhaghràisg abagairt a mhort.
Lean an dùthchas cliùteach ud riut
Dol an cunnart danmas do chuirp;
Thaobh an cùil cha tionndadh iad stuth.

Fir Chnoidearts ann leibh gun druidheadh,
Rachadh mar sheabhags na druidibh
Be beachdur naimhdean bu ghlice,
Thaobhur misnich gum bfhearr dhoibh sgur.
Luchdur eucoir ghéilleadh iad tur.
Meudur beuma, ’s géireadhur luinn,
N déigh an léireadh béigin dhoibh
sgur.

An fhinne mhors am pòr dhfhàs ainmeil,
Domhnullaich, ’s Raonullaich chalma,
Bha gu fuilteach, stròiceach, feargha,
N uair a chàirten arguin rin uchd.
S e Clann Raonuill bhoillsgeadh mar thuil,
N àm na caornaig chraosgladh iad fuil;
Feargnan aodanns baognaidh an cruth.

Càite an robh iad riamh rin àireamh,
S iadnan seasamh ri h-uchd nàmhaid,
H-aon a bhuadhaich air Clann uill?
S iomadh àrachs an drinn iad bruth,
Len gaoir-chatha farum an uilc;
Cinngan sgathadh, snaitheadh air cuirp;
Luaidhe treabhadh domhain troimhm fuil.

Càitan cualas riamh rin àireamh,
S iadnan seasamh air cùl Spàintich,
H-aon a bhuadhaich air Clann uill?
Gnùis gun fhàillin, stàilin mar stuth;
Dream gun eagal, ’sheasadh roimhn trup;
Cruaidh, gu fearail, tarruing air stuic;
Stialladh ghearrans fhear air a muin.

Bha Clann uill treun aigArla;
Nuairbhrosnuich Lachlann am bàrd iad,
Sheas iad dìleas mar an stàilinn
Gus an robhn nàmh toileach air sgur.
Na fir àluinn àireamh dhiu thuit,
S cha bu nàr dhoibh tràghadh air fuil;
S biomadh àrmunnbhàsaich le guin.

An cuimhne leibh blàir Léine?
Bha na Frisealaichnan éiginn,
Cha dshàbhail fear as a cheud diu,
S ghléidh sibh féin bhur cuid gus an diugh.
Na fir thaobhghealbfhaobharach guin
Luaidheadh aodach caol agus tiugh;
Cloithean màdairs càrnaidnan cur.

Ri linn Alasdairs Mhontròis,
Bha sibhnar caithream an Lòchaidh;
Bu ghleusda, baranta, Dòmhnull,
Leomhann cròs an tòrachd a muigh.
Bhaur naimhdean diolta dheur cluich;
Thug iad maoim a mach air amhuir,
Broinn air bhroinn a rùith leis an t-sruth.

Biomadh fear-cleòcagus Aibid,
Bha chòta cho fliuch ra chaiseart,
Fòghlum an t-snàmhnach robh aige;
Air an aigeal luidh iad air ghur.
Cha robh daol afaochnadh an cuirp;
Oir bhan aodach caol agus tiugh;
Ni nach bioghnadh, ’aognaidhs e fliuch.

eilann an Coille-chnagaidh,
Dhfhalbh Mac-Aoidhs gun dfhàg ebhaggage,
Bfheumail an gniomh rinn an t-each dha,
Air na bhaige chair e droch bhuil.
Biomadh sonn a bfhonnoire guth,
Bhair Raon-Ruairidhs fuaran on cuirp,
Cinnus gruagan luidhtann am fuil.

eilann an Sliabh an t-Siorraim,
Cùis an àir a dhàraich tioma,
Thuit Ailean an neart an teine;
Leomhann smearails bfhearail a chruth.
S truagh an tòrachdthàinig thar muir,
Dhfhàg sid leòintestigh sinns a muigh;
Nis, sinn stòldas còir dhuinn bhi sgur.


Triall nan Creidmheach.

LEIS AN URR. D. B. BLAIR, NACH MAIREANN.

Luinneag
Gabhaidh sinn an rathad mòr,
Gabhaidh sinn an rathad mòr,
Gabhaidh sinn an rathad mòr,
Olc air mhath le Sàtan.

Olc air mhath le cloinn an t-saoghl,
Olc air mhath le cloinn an t-saoghl,
Olc air mhath le cloinn an t-saoghl,
Bodaich chaol an àrdain.

Siubhlaidh sinn tren fhairge Ruaidh,
Gheibh sinn thairis air gach truaigh’,
Ged a bhiomaid thuiges bhuaith’,
Fad ar cuairt san fhàsach.

Ged bhiadh Eiphitichnar déigh,
Gus ar toirt a ris fo ghéill,
Cha tig maille air ar céum,
Cha tig beud gu bràth oirnn.

Gabhaidh sinn mar sin ar triall,
Gus an ruigear leinn an sliabh,
Ionad far nach laidh aghrian,
Cha tig pian no bàs oirnn.

Diridh sinn beinn Shion suas,
Far am meal sinn aoibhneas buan;
Seinnidh sinn le caithream buaidh
Dhaindeoin sluagh an nàmhaid.

Triallaidh sinn an ainm an Righ;
Ni sinn cogadh agus stri,
Gus an ruigear leinn an tir
S am bheil sith neo-bhàsmhor.

Ged tha ifrinnich air ti
Sinne chur le foill gu dith,
Bidh sinn tearuint aig achrich
Dhaindeoin innleachd Shàtain.


De Witt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a thasa chuideachd againn an uine ghoiridg ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DHINNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair nas isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
INVICTUS
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater.
A .W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up show-cards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bho o dith,- lar suas, a chur air riabh, 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 1
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 1. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page