[Vol . 10. No. 10. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 6, 1901. No. 10.
Facal do na Nigheannan Oga.
LITIR VI.
DH’ AINMICH mi cheana da ni bu choir a bhith anns gach nighinn oig, ’se sin, diadhachd, agus glaine. Bheir mi nis iomradh air da ni eile, ’s e sin, a bhith deanadach, agus an aire mhath a thoirt do gach ni a bhios iad a’ laimhseachadh. Thugamaid fa near mar a sgriobh an duine bu ghlice bha riamh air an t-saoghal mu ’n deagh mhnaoi.
“Co a gheibh bean shubhailceach? Oir tha a luach mor os ceann chlach uasal. Earbaidh cridhe ’fir aisde, agus cha bhi feum aige air croich. Iocaidh i math dha, ’s cha’n e olc, re uile laithean a beatha. Iarraidh i olainn agus lion, agus oibrichidh i gu toilleach le a lamhan. Tha i mar longaibh nan ceannaichean, bheir i a biadh o thir chein. Eiridh i mar an ceudna an uair is i an oidhche a tha fhathast ann, agus bheir i lon d’ a teaghlach, agus cuibhrionn d’a maighdeannaibh. Measaidh i achadh, agus ceannaichidh i e: le toradh a lamh suidhichidh i fion-lios. Crioslaichidh i a leasraidh le neart, agus neartaichidh i a gairdeannan. Mothaichidh i gu bheil a ceannachd math. Cha teid a coinneal as ’s an oidhche. Cuiridh i a lamhan air an dealgan, agus gabhaidh glacan a lamh greim de’n chuigeal. Fosglaidh i a glac do ’n truaghan, agus sinidh i a lamhan do ’n fheumach. Cha ’n ’eil eagal oirre roimh ’n t-sneachd air son a teaghlaich; oir tha a teaghlach uile air an eideadh le scarlaid. Ni i dhi fein trusgain do obair ghreis; do shioda agus de chorcur tha a h-eudach. Aithnichear anns na geataibh a fear, an uair a shuidheas o maille ri seanairibh na tire. Ni i lion-eudach grinn, agus reicidh i e, agus bheir i criosan do’n cheannaiche. Neart agus urram is eudach dhi; agus ni i gairdeachas ’s an am ri teachd. Fosglaidh i a beul le gliocas, agus tha lagh a’ chaoimhneis air a teangaidh. Bheir i an aire do shlighibh a teaghlaich, agus cha ’n ith i aran an diomhanais. Eiridh a clann agus beannaichidh iad i, a fear agus molaidh e i. Rinn moran nigheann gu subhailceach, ach thug thusa barrachd orra uile. Is mealltach deagh-ghean, agus is diomhain maise; ach bean air am bi eagal an Tighearna, is ise a mholar. Thugaibh dhi de thoradh a lamh, agus moladh a h-oibre fein anns na geataibh i.” —Gnath-fhacail xxxi., 10-31.
Bu choir do gach nighinn oig ’s an tir na briathran so a ghabhail gu cridhe. Tha eagal mor orm gu bheil araon mnathan agus fir gle chaoin-shuarach mu na briathran cudthromach a th’ ann an leabhar nan Gnath-fhacal. Cha ’n ’eil moran meas aig a chuid mhoir de’n oigridh air a’ Bhiobull idir. Neo-ar-thainig nach caith cuid diubh gu leor de’n uine a leughadh nam paipeirean-naigheachd, agus nan leabhraichean ris an can iad fheinnovelsno mar a their sinn anns a’ Ghailig, ursgeulan. Ged a tha cuid de na leabhraichean so o ’m faodar moran gliocais fhoghlum, tha cuid eile dhiubh anns nach ’eil math sam bith. Is coir do na h-uile a bhith leughadh phaipeirean measail, agus leabhraichean matha, ach os cionn gach ni deanadh iad an obair a’s coir dhaibh a deanamh. Tha am gu leughadh agus am gu obair ann.
Their cuid, “Am bheil sibh ag iarraidh air mo chuid nigheann-sa a bhith sniomh ’s a’ cardadh mar a bha ’n seanamhair? Gnothuch gun tùr! Tha iad os cionn a bhith ’deanamh a leithid sin a dh’obair shalaich. Ubh, ubh! nach sibh a chaill ur mothachadh. ’S ann a th’ anns na nigheannan agamsa lanladiesCluichidh iad airpiano ,agus seinnidh iad orain a chuireadh na h-eoin air chrannaibh.” Tha sin gle mhath ann fhein, ach ’s i cheisd am figh iad stocainn? an atharraich iad an cota-meadhon? an caraich iad leine? an aithne dhaibh an toll a thig air an stocainn a charadh? an aithne dhaibh putan a chur ann am broilleach, no ann an collair, no ann am bann-duirn leine? an aithne dhaibh leine a stuthaigeadh is iarunnachadh? an aithne dhaibh aran fhuinne? an aithne dhaibh mart a bhleodhan, na miosan a nighe, ìm is caise dheanamh? Mur aithne dhaibh na nithean so a dheanamh na biodh iad idir ag iarraidh gu posadh. Ma bhios iad cho math suidheachadh ’s nach ruig iad a leas an lamh a chur ann an aon de na nithean a dh’ ainmich mi, cha mhisd iad fios a bhith aca cia mar is coir do’n mhuinntir a bhios ’nan seirbhis na nithean so a dheanamh. Co ach iadsan! An uair a theid neach do ’n taigh ma bhios car idir nan laimh ’s e obair ris an can iad fhein, crewel work—ar neo croisigeadh. Da rireadh, b’ e ’n ceann croiseil an gille bochd a gheibh te dhiubh ri posadh. Faigh dhomhsa a’ nigheann thapaidh sin a dh’ eireas moch ’s a’ mhaduinn, agus nach toir da mhionaid air cur uimpe, a thogas an teine ann an tiotadh, a dh’ fhuineas an t-aran, a bhleodhnas an crodh, a ni ’n t-im ’s an caise, a nigheas agus a chaireas stocainn, agus, a dh’ aon fhacal, a ni, gu sunndach, a h-uile car a thig ’na rathad, agus theid mi ’n urras nach bi aithreachas air an fhear a gheibh i.
Tha iomadh te ann a ni obair gu leor, ach nach toir idir an aire do’n cuid an deigh dhaibh saoithreachadh gu goirt air a shon. Gus a bhi mor, ma ’s fhior, caithidh iad moran a bharrachd air na ruigeadh iad a leas. ’S math is aithne dhaibh coillean a deanamh, ach cha ’n fhad a mhaireas iad o’n a bhios iad a’ gabhail as gach ceann. Ni iad mi-buil air iomadh ni, agus an sin bithidh iad ag radh gur e mi-fhortan a dh’ fhag bochd iad. Cha seas aodach no caiseart a bheag a dh’ uine dhaibh, do bhrigh nach aithne dhaibh an aire thoirt dhaibh. Cha bhi guth no iomradh aca gur ann ’na bheul a tha caomhnadh a’ phocain. “Fhad ’sa mhaireas maireadh.” So a’ chreud aca: “Latha air mhisg is latha air uisg.” Cha ’n ’eil cuimhne aca gur e “sgilinn a chaomhnadh sgilinn a chosnadh.” Ged a dh’ fhuasgladh greim ’nan aodach cha bhi guth aca air fhuaigheal. Cha dian iad buil air biadh air eagal gu’n can duine gu bheil iad mosach, spiocach. Tha facal Dhe a’ teagasg dhaibh buil a deanamh air a’ bhiadh. An uair a mheudaich Iosa na coig arain cho mor gu’n do shasaicheadh corr is coig mile, nochd e a chumhachd, ach aig a’ cheart am thug e aithne do ’na deisciobuil am biadh briste ’chruinneachadh a chum nach biodh ni sam bith air a chall. Nach ’eil so a’ teagasg gu soilleir dhuinn gur coir dhuinn a bhith gle churamach mu gach ni a’ gheibh sinn ri ’laimhseachadh. Ma bhios neach a’ cruinneachadh leis an aon laimh, agus a sgapadh leis an laimh eile, nach ’eil e ’ga chur fhein gu mor-dhragh gun dad air a shon. Mar a thuirt an sean-fhacal; “Coisinn mar is urrainn duit ’s na cosg ach mar is eiginn duit.” So sean-fhacal eile—
“ ’S e ’m buileachadh a ni ’n cruinneachadh;
’S e ’n cruinneachadh a ni na sguaban;
’S iad na sguaban a ni na h-adagan;
’S iad na h-adagan a ni na cruachan.”
Mur bi rian air gnothuch duine cha’n fhada sheasas e ’chasan. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh—
“Ciall a thogas teine:
Rian a chumas baile.”
Chi sinn o na briathran so, cho mhath ’s gu bheil saothair agus obair, nach dean iad an gnothuch mur bi ciall agus rian maille riutha. Feumaidh an long mu ’n dean i seoladh gu ceart cha ’n e mhain croinn is siuil, ach mar an ceudna stiuir is compaiste, agus deagh stiuramaiche. Mar tha ’n stiuir ’s an compaiste do’n luing tha ciall ’s rian do ’n mhnaoi. Ionnsaicheadh na nigheannan òga an aire mhath a thoirt do gach ni a bhuineas dhaibh. An te nach toir an aire mhath d’a h-aodach ’s d’ a caiseart, ’s do gach ni a gheibh i ri ’laimhseachadh ann an taigh a’ h-athar, cha ruigear a leas duil a bhith gu’n toir i an aire mhath do ghnothuch a taighe fhein an uair a phosas i.
A nigheanan oga, an tus ur laithean thugaibh an aire gu’n ionnsuich sibh mar is coir dhuibh ’ur n-obair a dheanamh agus ’ur taighean a riaghladh an uair a phosas sibh.
Is mi bhur dearbh charaid,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.
LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.
CAIB. XV.
A BHEIL sibh réidh a nis, ’Aonghais?” arsa Calum, ’s e gabhail fadachd, o nach robh e ’tuigsinn a bheag dhe na bha iad ag ràdh, oir bu toigh le Calum facal a bhith aige ’n cuideachd daonnan. Mu ’n do thàrr e na briathran a ràdh, leum duine mòr, bàn a nall á measg nam Frangach, ’s rug e air dha laimh air Calum, ag ràdh, “A charaid mo ghràidh! an e gur e Gàilig a labhair thu ’sid? Tha mo theanga-sa air meirgeadh leis an ùine o nach do labhair mi i! Nach e am fortan mor a chuir an rathad mi!”
“An creid mi mo chluasan!” arsa Calum; “a bheil am Frangach air tionndadh na Leodhasach! Mur a bheil mi air mo mhealladh, a réir do theanga, ’s ann an Leodhas a fhuair thu d’ altrum co-dhiu. Agus gu dearbh bha mi smaointean, ’s mi ag amharc ort an uair a bha mo charaid, Aonghas, a godail ris na Frangaich, nach robh thusa, le d’ fhalt buidhe ro choltach ri càch.”
“Tha thu ceart, a charaid,” ars’ am fear bàn, “is Leodhasach mi gu m’ chùl, agus Leodach cuideachd; ’s ged tha iomadh bliadhna o’n a dh’ fhàg mi eilein mo ghràidh, cha do dhichuimhnich mi e-fhéin na Ghàilig fhathast, ’s cha di-chuimhnich. ’S ged a labhras mi Fraingeis agus Beurla, b’ fhearr leam aon fhacal Gàilig, a charaid, na iad uile; oir fhuair mi ’Ghàilig le gràdh o m’ mhàthair, ’s dh’ fhàs i nàdarra annam, ach càch, fhuair mi ’n iasad o choigrich fhuara, ’s
[Vol . 10. No. 10. p. 2]
ged tha iad feumail dhomh, cha ’n ’eil mi, mar gu ’m b’ eadh, ach g’ an cumail ’sa chidsin, ach a Ghàilig, cainnt mo mhàthar, tha i daonnan agam ’san t-seomar uachdrach.”
“Tha mi ag aontachadh leat,” arsa Calum gu cridheil. “Thoir dhomh do lamh a rithist, a charaid. Cha ’n ’eil làmh fior Ghàidheal cho furasda ’fàsgadh, tha mi duilich a ràdh, ’sa shaoileadh neach; oir chunnaic mise spalpairean spaideil na m’ dhùthaich a chailleadh a Ghàilig na ’m faiceadh iad baile mor as an cadal.”
Bha seanachas gu leor eadar na Gàidheil a nis. Cha ’n iarradh Mac Leòid sgur idir. Rinn iad suas gu ’m falbhadh iad comhla riutha, an uair a gheibheadh iad air dòigh. Fhuaras gu fortanach nach robh doimhneachd mhor sam bith ’san àite ’s na chuir na Geancaich fodha na canùaichean, agus chaidh aca air iad fhein ’s gach ni a chaill iad a thogail gun strith. Bha na béin air am pasgadh cho innleachdach ’s nach do rinneadh milleadh sam bith orra. Bha beithe geal pailt ’san àite, ’s leis an rùsg chuir iad tuthagan air a chanù, ’s an ùine ghoirid bha iad deiseil gu falbh. Bha na Geancaich toilichte gu leor fuireach comhla ris na h-Innseanaich. Dh’ aontaich càch gu ’m fàgadh iad an cuid fhéin aca dhe na béin, air son an toil a dheanamh. Tha e ri ràdh, agus tha e fìor, nach ’eil duine sam bith, cho borb ’s cho ìosal ’s gu ’n tuit e, gun sradag de mhathas an àiteigin dhe ’chom, na ’n amaiseamaid air an goillein a chur iomchuidh rithe. Dhùisg an caoimhneas a rinn na Gàidheil riutha an t-sradag mhathais a bha, a réir coltais cho fada gun bhith, anns na Geancaich, agus le car de nàire nan gnùisean ghuidh iad orra iad na béin a ghabhail bhuatha.
“Dh’ fhosgail thu ar sùilean,” ars’ iadsan ri Aonghas, “le d’ bhriathran an uair a bha thu ’tagradh air son ar beatha ris na Frangaich, agus tha dòchas againn an t-slighe dhìreach a leantuinn á so suas, ’s mar sin gus am bi sinn na ’s treise ’san rùn sin, ’s fhearr a bhith ’san fhàsach fhéin, cha bhi ’m buaireadh ann cho mòr. Slàn leibh,” ars’ iadsan; “ ’s dòcha gun tachair sinn fhathast. Cha ’n ’eil an saoghal ach beag ged ’tha e mòr, ’s bidh dòchas againn an uair sin làmh ghlan, onarach a shìneadh dhuibh.” Le sin a ràdh thionndaidh na Geancaich air falbh, ’s bha Calum ag ràdh gu ’m fac e boinne na dha gle choltach ri deòir ri gruaidhean fir dhiubh.
Thug an ceann-feadhna ’sa ghaisgich fa near feisd mhor ullachadh dhaibh ’san dealachadh. Bha e gu math duilich a dol a chall Aonghais, oir bha e air geall mor a ghabhail air; ach bha fios aige nach robh e toilichte, a tuigsinn ciamar a bhiodh e-fhéin ’na àite am measg choigreach. Mar sin, an déis gibhtean beaga ’thoirt seachad air gach taobh, leig e air falbh iad le ’bheannachd. Dh’ fhàg Aonghas dag’ aige, ’s bha e cho pròiseil (ged nach d’ fhuair e dad a chuireadh e ann) ’s ged bu leis America.
Bha iad mu dheireadh thall air uchd na h-aimhne, air an t-slighe air ais dh’ an t-saoghal. Lean an t-Innseanach òg, Ni Math, iad cho dlùth ri faileas, ’s chuir e cheart uiread ioghnaidh air Mac Leòid ’s a chuir e air Calum a chluinntinn a bruidhinn Gàilig. Bha iad uile gu math inntinneach—na Frangaich anns an darna bàta, ’s na Gàidheil ’s Ni Math ’s an fhear eile, ’s fonn aca air òrain iomraidh. Bha seanachas is òrain gu leoir aig Mac Leòid, agus tagha a ghuth air son an gabhail, ’s cha b’e càch dad bu mhiosa. Thug Calum gu h-àraidh an snaim thar a phoca an lath’ ud, ’s cha do cheangail e ro theann e tuilleadh fad iomadh latha. Rainig iad mu dheireadh an amhainn mhor fhéin, ’s b’e sin i da rireadh.
“Na ’m faiceadh i so,” arsa Calum, “na sruthain ris an canamaide aimhnichean uaireigin dhe ’n t-saoghal, thigeadh fiamh gàir’ oirre.”
Bha iad aon latha ’dol air adhart gu sunndach, cridheil, mar bu ghnath leotha, greis ma seach ri òrain air son cur seachad na h-ùine. Tha na Frangaich mar shluagh gu nàdarra aotrom, àbhachdach, cuireadach, os cionn gach sluaigh. Tha na Gàidheil ann an dòigh na dha na aghaidh sin; co-dhiù ’se sin co-dhùnadh gun dig duine, a leughas agus a bheir breith air litreachas nan Gàidheal. Aidichidh duine sam bith gu bheil a chuid mhor dhe na h-òrain ’s dhe na sgeulachdan againn air an taobh thiamhaidh, bhrònach. Bidh so buailteach air son a leughas no dh’ éisdeas iad ’fhàgail car trom-inntinneach, ’sa bhith sealltainn tuilleadh ’us tric air an taobh dhorcha, shearbh dhe ’n bheatha. An ni dh’ fhalbhas cha ’n e dh’ fhoghnas, agus mar sin bhiodh ar beatha moran na bu thaitniche nan ionnsaicheamaid dhuinn fhìn a bhith sireadh ’s a sealltainn air an taobh shoilleir daonnan. ’S iomadh flùr searbh anns am faighear mil ma sheallas sinn air a son. Tha cùram an latha màireach agus smaointean air mi-fhortan, ’s docha nach dig na ’r rathad gu brath, a deanamh moran a bharrrachd de sgrios ’san t-saoghal na ’n galair is gabhaltaiche ’th’ ann. Ach c’àite bheil ceann snathlein mo sgeul, mu ’m faigh na cait greim air. Bha iad a dol gu reidh, na Gàidheil a bha so co-dhiu, a bha cho sunndach ris na Frangaich fhéin. Bha ’ghrian gu math teith, ’s i teannadh ris a mheadain latha. Chunnaic iad bagh beag dubharrach air thoiseach orra, agus ruith iad na canùaichean a stigh gu tir air son an dìnneir a ghabhail, agus a chuid theith dhe ’n latha ’chur seachad ann. ’Se so a rinn iad. Chaidh iad a stigh fo chraobhan a bha ’fàs ri bruaich an uisge, ’s cheangail iad an da chanù gu teann. An uair a ghabh iad am biadh, thagh gach fear àite dubharach dha fhéin—cuid ’s na canùaichean ’s cuid air tir— ’san uine ghoirid bha iad nan cadal, ’s gun dad ri chluinntinn ach fuaim an uisge gu leasg a nighe nam bruach. Na ’m biodh fios aca cho dlùth ’sa bha ’n gàbhadh dhaibh, cha bhiodh iad cho cadalach, trom. Ach bha dithis nam measg aig an robh cadal a gheòidh, ’s nach robh ga ’m faighinn fhéin cho tearuinte ri càch. B’e sin Aonghas ’s an t-Innseanach òg, Ni Math. Bha Aonghas car na bu shàmhaiche na càch fad na h-ùine, ’s mar sin bha e gabhail beachd na b’ fhearr air an dùthaich a bh’ air gach taobh dhiubh. Air an latha so shaoil leis, ’s e gabhail beachd mar so, ’s iad a falbh a stigh ri bruaich na h-aimhne, gun cual’ e stàireachd uair na dha gu fàillidh ’sa choille làmh ris. Chual an t-Innseanach e cuideachd, ach cha do chuir iad uibhreachd mhor air, a smaointean gur e fiadh-bheathach lùbach a bh’ ann a sireadh a lòin. Ach ’s e bh’ ann àireamh lionmhor de dh’ Innseanaich bhorb a bha fuireach faisg air an amhainn, a thug an aire dhaibh ’sa mhaduinn, agus a lean iad gu fàillidh, gus am faigheadh iad cothrom orra nan tigeadh iad air tir. Thachair gach ni a réir am miann cho fad so. Chunnaic iad a tighinn gu tìr iad, ’s bha iad a dlùthachadh riutha mar nathraichean lùbach, gus leum orra fhad ’sa bhiodh an cothrom cho math. Bha ’n dithis a dh’ ainmicheadh car an-fhoiseal, amhrusach, ged a bha iad a feuchainn ri lamh-an-uachdair fhaighinn thairis air, ’s cho sàmhach, lùbach ’s gu ’n robh ’n nàmhaid a gluasad dh’ fhairich iad iad. Dhùisg iad càch an clisgeadh, ’s mu ’n do thàrr iad a bhi air am bonnaibh leum na h-Innseanaich a mach le glaodh eagalach, mar o aon sgornan, a cur fras shaighead rompa. Gu fortanach cha do rinn iad moran calla, leis cho tiugh ’sa bha ’choille ’bha ga ’n cuartachadh. Ann am prioba na sùl bha na h-Innseanaich nam measg, a leigeil iolach thoilichte asda, an dùil gu ’n robh gach ni mar bu mhiann. Bha iad air am mealladh. Leum an fheadhainn a bha ’s na canùaichean gu tìr a chuideachadh chàich, ’s cuaille mor beithe an laimh gach fir. Thug Iules, am fear-iùil Frangach, fa near na slachdan so ullachadh air an earalas, o’n a bha na h-airm aca gun fheum le cion fùdair, ’s thionndaidh iad a mach gu math feumail air an turus so. Bha tuaghan a’s saigheadan aig an naimhdean, a bhàrr air gu ’n robh iad ann ceathrar na còignear mu ’n aon do chàch. B’ fhearr gu mor an triùir Ghàidheal na càch uile. Cha robh slachdan Aonghais uair a tuiteam, nach robh fear ruadh ri talamh. Bha Calum e-fhéin ’s “theath ” aig’ air a h-uile buille ri ghuallain, a cur iomadh fear a bhreabadh an làir. “Bha mise,” arsa Mac Leòid, “uair eolach gu leor air bualadh bhrat anns a Ghaidhealtachd, ach cha d’ fhuair mi ’leithid an fhir so fo m’ shùiste riamh.” Bha na Frangaich iad fhéin gu math guineach, air chor ’s gun do thòisich na naimhdean ri gabhail na h-iomain chùil. Mu dheireadh thionndaidh iad ’s thug iad na buinn di, a fàgail gu leor na ’n deigh aig an robh cnamhan goirte. “Tha mi creidsinn,” ars’ Aonghas, ’s e tiormachadh ’fhalluis, “nach fhac’ iad uiread rionnagan riamh air a mheadhain-latha ’s a chunnaic iad an diugh.” Thug iad aon ruais eile ’n deigh nan daoine buidhe, a toirt chuimhneachain dhaibh ’san dealachadh. Chruinnich iad an sin aig na canùaichean, a nigheadh gach sgròbag a fhuair iad ’sa chunntais a challa.
B’e Calum bu mhiosa fhuair leòn. Chaidh saighead romh chluais ’sa cheud tòiseachadh, a rinn droch tholl innte, a bha gle chràiteach, ged a bha e-fhéin a deanamh faoin a chreuchd. “ ’S ann a tha mi ’nan comain!” ars’ esan. “ ’S fhad o’n a bha toil agam mo chluasan a tholladh, far an d’ fhuair mi greim air paidhir aigileanan àluinn air an son. Thòisich mi-fhìn air an tolladh le snathaid mheirgeach, ’s dìreach an uair a fhuair mi ’n gob aice ’san àite cheart, thainig sreathart cas orm, ’s sid suas a ghabh i eadar dha lìnigeadh, ’s bha i leith latha ann mu ’n do leig mi le m’ mhàthair a toirt as. Bhreug Padra’ beag (toirmeasg a bha faisg orm) bhuam ‘na ‘rings’, mar a theireadh e-fhéin, ’s an ceann seachdain chunnaic mi iad an cluasan a leannain, Màiri ruadh a chìobair!”
“Ach c’àite bheil Ni Math?” ars’ Aonghas, ’s e toirt sùil ma chuairt. Sheall iad uile mu ’n cuairt, shios ’us shuas, ach cha robh sealladh air an Innseanach òg, Ni Math.
(Ri leantuinn).
Domhnull Ban a’ Bhocain.
BHA sinn eòlach air an Tàillear Abrach bho làithibh ar n-òige. Bha e a’ fuireach làmh ruinn. Is e Iain Domhnullach a b’ainm dha. Rugadh is thogadh e an Lochabar. Bu mhac e do Ghilleasbuig, mac Aonghais, mhic Alastair Bhàin, mhic Alastair Mhóir, mhic Aonghais a’ Bhòcain, mhic Aonghais Mhóir Bhoth-Fhiunntain, mhic Alastair, mhic Iain Duibh, mhic Raonaill Mhóir na Ceapaich. Bha e corr agus deich bliadhna fichead a dh’ aois an uair a thainig e do ’n dùthaich so. Bha cuimhne mhath aige, agus bha moran tlachd aige ann an eachdraidh nan Gàidheal. Bha e gle fhiosrach mu Dhomhnullaich na Ceapaich, agus gu sonruichte mu Shliochd an Taighe, am meur de ’n robh e-fhéin. Bha beagan de chriomagan òran aige air a theanga, ach ’s gann gu ’n robh òran sam bith aige bho cheann gu ceann. Thach-
[Vol . 10. No. 10. p. 3]
air dhuinn a bhi aig an taigh, aig ar seann dachaidh, air an darna latha deug de cheud mhios an fhoghair, ’sa bhliadhna 1885. Chuir sinn fios air an Tàillear, agus thàinig e a shealltainn oirnn am beul na h-oidhche. Dh’ iarr sinn air eachdraidh Dhomhnuill Bhàin a’ Bhòcain a thoirt duinn. Sgriobh sinn a sios i facal air an fhacal mar a thug e seachad i. ’N uair a’ bha ’n Tàillear a dol dachaidh thug sinn ceum comhladh ris. Rainig sinn glé fhaisg air an taigh leis. Bha e soilleir gu ’n robh e a dol air ais gu mór. Bha na casan lag is an anail goirid seach mar a b’ àbhaist. Cha ’n fhaca sinn tuilleadh e. Chaochail e an ceann beagan mhiosan. Bha e mu cheithir fichead bliadhna ’s a tri a dh’ aois. So agaibh, ma ta, eachdraidh Dhomhnuill Bhàin a Bhòcain, mar a thug an Tàillear dhuinne i:
Bha Domhnull Bàn a’ Bhòcain a fuireach ann am Muin-Easaidh. Bu Domhnullach e de Thaigh na Ceapaich. Bha e pòsda ri bana-Ghriogaraich, a mhuinntir Raineich.
Bha Domhnull Bàn ann am blàr Chuil-fhodair. An deigh a’ bhlàir bha e ’ga fhalach fhéin ann am bothan àiridh. Bha da ghunna aige, fear dhiubh làn ’s fear nach robh. Thainig cuideachd Mhic-Dhomhnaill Shléite air, agus leum e am mach troimh uinneig chùil. Thug e leis gu tubaisteach an gunna falamh. Loisg iad ’n a dheigh, ’s bhrist am peileir a chas. Thainig na saighdearan far an robh e. “Co thu?” ars’ iadsan. “Is Domhnullach mise,” ars’ esan. Thug iad leò e gu Ionar-Nis. Bha e greis ann am prìosan an sin. Bha cùirt ac’ air, ach fhuair e as. ’N uair a bha e ’sa phrìosan chunnaic e bruadar. Chunnaic e e-fhéin, Alastair mac Cholla, agus Domhnull mac Raonaill Mhóir ag òl. B’e Domhnull mac Raonaill Mhóir am fear a bha iad ag ràdh a bha da chridh’ ann. Chaidh a ghlacadh ’san Eaglais Bhric ’sa chur gu bàs an Carlisle. An deigh do Dhomhnull Bàn am bruadar fhaicinn rinn e an duanag so:—
Gur h-e mise ’tha sgìth,
’S mi air leaba leam fhin,
’S iad ag raitinn nach bi mi beò.
Gur h-e mise, &c .
Chunnacas Alastair Bàn,
Is da Dhomhnull mo ghràidh,
’S sinn ag ol nan deoch-slàint’ air bòrd.
’N uair a dhùisg mi a m’ shuain,
’S e dh’ fhàg m’ aigneadh fo ghruaim,
Nach robh agam ’san uair ach sgleò.
Ged a tha mi gun spréidh,
Bha mi mor asam fhéin
Fhad ’sa mhaireadh sibh fhéin dhomh beò.
Faodaidh balach gun taing
’N diugh bhi ’raidh air mo cheann;
Dh’ fhalbh mo thaice, mo chàil ’s mo threòir.
Bha ’m bòcan a’ cur dragh air Domhnull Bàn. Smaointich Domhnull na ’m fàgadh e ’n taigh nach cuireadh e dragh tuilleadh air. Thug e leis a h-uile ni gu dhol air imrich ach a chliath chliata, a dh’ fhàg e aig taobh an taighe. Chunnaic an fheadhainn a bha ’falbh leis an imrich a chliath chliata a’ tighinn ’n an deigh. “Fhalbh, fhalbh,” arsa Domhnull Bàn, “ma tha a chliath chliata a’ tighinn ’n ar deigh, tha e cho math dhuinn tilleadh.” Thill e air ais far an robh e roimhe, ’s cha d’ fhalbh e riamh tuilleadh.
Bha mo sheanair, Aonghas mac Alastair Bhàin, duine firinneach, onarach, oidhche ann an taigh Dhomhnuill Bhàin, agus chaidh e ’chadal ann. Rug rud air dha òrdaig a choise, agus cha ’n fhaigheadh e as na ’s mo na ged a bhitheadh e ann an gramaiche a ghobhainn. Cha ’n fhaigheadh e gluasad. ’S e ’m bòcan a bh’ ann; ach cha do rinn e dad air ach sud.
Bha Raonall Abaràrdair oidhch’ an taigh Dhomhnuill Bhàin. Thubhairt Nic-Griogair, bean Dhomhnuill, ri Raonall, “Ged a bheir mi dhuibh an t-ìm an nochd air a’ bhòrd theid a shalachadh.” Thubhairt Raonall, “Theid mise thun a’ churrasain ime ’s mo bhiodag ’am dhòrn ’s a bhoineid os cionn a churrasain ’s cha shalaich e ’n nochd e.” Chaidh Raonall a sios comhla rithe ’s thug iad leo an t-ìm; ach bha e salach mar a b’ àbhaist.
“Na clachan agus na caoban
Cha leigeadh leis na naomhan cadal.”
Chaidil Mr. Iain Mór MacDhùghaill, an sagart, oidhche no dha ann an taigh Dhomhnuill Bhàin, ach cha digeadh am bòcan an oidhche bhiodh esan ann.
Bhiodh am bòcan a’ tilgeadh rud as na balachan. Bhiodh iad a’ cluinntinn nan sgianan ’gan giarachadh aig ceann leaba Dhomhnuill Bhàin.
An oidhche mu dheireadh a thainig am bòcan bha e ’g innse gu ’n robh iad so ’s iad so comhla ris, spioraid eile. Thuirt a’ bhean ri Domhnull Bàn, “Shaoilinn fhìn na ’m biodh iad sin comhla ris gu ’m bruidhneadh iad ruinn.” Fhreagair am bòcan, “Cha ’n fheil comas bruidhinn aca na ’s mo na tha aig bonn do choise.” Thuirt am bòcan, “Thig am mach a’ so, a Dhomhnuill Bhàin?” “Theid,” arsa Domhnull Bàn, “agus taing do Ni Math gu ’n d’ iarr thu mi.” Bha Domhnull Bàn a’ dol am mach ’s a toirt leis na biodaige. “Fàg do bhiodag a staigh, a Dhomhnuill Bhàin,” ars’ am bòcan; “fàg do sgian a staigh, cuideachd.” Chaidh Domhnull am mach. Chaidh e-fhéin ’s am bòcan an sin troimh Acha-nan-Comhachan air feadh na h-oidhche. Chaidh iad an sin troimh uillt ’s troimh choille bheithe, mu thri mile, gus an d’ rainig iad an Fheairt. ’N uair a rainig iad sin dh’ fheuch am bòcan dha toll anns an do chuir e am falach iarunn croinn ’n uair a bha e beò. ’N uair a bha e a’ toirt nan iarunn as an toll bha da shùil a’ bhòcain a’ cur an coir do dh’ eagal air na ni eile a chuala no ’chunnaic e. ’N uair a fhuair e na h-iaruinn thill iad dhachaidh gu Muin-Easaidh, e-fhéin ’s am bòcan. Dhealaich iad an oidhche sin aig taigh Dhomhnuill Bhàin.
Chaidh am bòcan an sin gu taigh tuathanaich. Bha e sìneadh a lamhan thairis air an tuathanach ’s a cur an aodaich air bean an tuathanaich. “Dé tha thu deanamh an sin?” ars’ an tuathanach. “Tha mi cur an aodaich air mo bhana-charaid.” Dh’ fhalbh am bòcan an sin ’s cha ’n fhacas riamh tuilleadh e.
Bha gille aig Domhnull Bàn, Caimbeulach, a chaidh a mharbhadh an Cuilfhodair. Thug an gille so do dh’ fhear-an-taighe, uair, tuilleadh is a chòrd ri Dòmhnull Bàn. Throd Domhnull Bàn ris. Thuirt an gille ris, “Bidh mi dioghailt beò na marbh airson so.” Bha amhrus aig daoine gu ’m b’e an gille so am bòcan, ach cha d’ innis Domhnull Bàn co a bh’ ann.
Theab an sluagh Domhnull Bàn a chreach a’ dol a shealltainn air. Bha da mhac aige, Aonghas Ruadh Chraineachain agus Domhnull Bàn. B’e Domhnull Bàn Marsanta, a bha ’san dùthaich so, mac Alastair, mhic Dhomhnuill Bhàin, mhic Dhomhnuill Bhàin a’ Bhòcain.
[Chuireadh an sgeul so air “Domhnull Bàn a’ Bhòcain” g’ ar n-ionnsuidh le caraid leis ’m bu toil a faicinn anns a’ MHAC-TALLA. Bha i air a clo-bhualadh ann anReportera’ bhaile so anns a bhliadhna 1890, agus mur eil sinn air ar mealladh bha i air a sgriobhadh le Maighstir Mac-Gilleain Sinclair. Tha sgeul air “Domhnull Mor a’ Bhòcain,” air a h-aithris le Dearg Mac-Dhonnachaidh anns A’ Bhard, am paipeir ùr Gàidhealach air an d’thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh.
Cha chreid sinn gu robh ann ach aon “Domhnull a’ Bhòcain,” ged a tha e Ban ann an sgeul an Tàilleir, agus Mor ann an sgeul Mhic-Dhonnachaidh, ach cha’n eil an da sgeul co-ionnan; tha ni no dha ann an sgeul an Tàilleir nach eil ann an sgeul Mhic-Dhonnachaidh, agus tha barrachd us aon ni aig Mac-Dhonnachaidh ’na sgeul nach robh aig an Tàillear. Bheir sinn an sgeul a reir Mhic-Dhonnachaidh do ar leughadairean ann an àireamh na seachdain s’a tighinn. ]
An Seoladair agus an Cuan.
Tha ioghnadh orm, A chuain! gu’m biodh tu ’feuchainn ri giùlan a thoirt dhut fhéin nach buin dhut. Tha thu ’tighinn thun a’ chladaich mar gu’m biodh tu miodal ris, agus tha do stuadhan beaga ’comhartaich mar mheasan. Tha do stuadhan beaga, camlagach, a tha nis coltach ris na camlagan a bhios air cinn nan nigheanan òga, a ruith gu cois na tràghad ag atharrais air a chéile.
An uair a sheallar ort, cha saoileadh neach sam bith (cha smaoinicheadh iad gu ’m biodh e comasach) gu’m bristeadh tu loingeas, no gu’n reubadh tu seoladairean as a cheile le d’ fhiaclan geura, geala.
Cia fhad, m’ aon bheag ghradhach, o’n a bha do mheoirean fada, caola a’ teannachadh sgornain nan seoladairean aig an luing ud a chaidh a bhristedh?
So, so, aon ghòraich, cha’n ’eil feum sam bith dhut a bhith ’feuchainn ris a’ char a’ thoirt asamsa air an doigh so.
A chuain! tha thu iongantach ’na d’ neart agus ’na d’ chumhachd; ach cha ’n ’eil barrachd tlachd agam dhiot mar a tha thu nis na an uair a tha thu air a’ chaocladh de dhòigh.
An uair a tha thu ’nad chadal, tha thu ’cur cait ’nam chuimhne. Cha’n ’eil cronan do stuadhannan dad na’s lugha mealladh na cronan a chait an uair a tha e ’na leith-dhusgadh. Bheir thu leum asad gu grad as do chadal, agus tu gu h-acrach, borb, agus bidh leir-sgrios uamhasach ’nad dhéigh.
Theid do bheucaich suas a dh’ ionnsuidh nan speur, agus le cop mu do bheul, le do spuirean an-iochdar leumaidh tu ris na creagan.
A chuain! ged a tha mi ’bruidhinn ruit mar so, na brist mo bhata.
Tha mi beag agus lag; am feadh ’s a tha thusa cumhachdach agus mor; cha ’n fhiach dhut dragh a chur air mo bhata beag-sa, an uair a chaidh agad air cabhlach mor na Spainne a sgrios.
Cha’n ’eil agam ris an t-saoghal ach i fhein; agus is math a fhreagradh dhutsa fabhar sonraichte a nochdadh dhomhsa.
Tha thu na’s neo-sheasmhaiche na boirionnach, agus na’s an-iochdmhoire na cat. Ged a tha fiamh gaire ort, agus tu ’gluasad gu mothar mall, cha mheall thu mise; agus, A chuain! cha’n eil earbsa sam bith agam ’na do chrònan, agus ’na do ghuth ceòlmhor binn. —Am Bard.
Cha ’n eil latha de’n t-seachdain nach eil air a chur air leth son aoraidh le aon chinneach no cinneach eile air feadh an t-saoghail. Tha Di-donaich no la na Sàbaid ’na la aoraidh aig na Criosduidhean (Caitliceach us Protstanach); Diluain aig na Greugaich, Di-mairt aig na Persianaich, Di-ciaduin aig na h-Asirianaich, Dior-dain aig na h-Eipheitich, Di-haoine aig na Turcaich, agus Di-sathairne aig na h-Iudhaich.
Tha moran ann a labhras ni ’s lugha gu mor na smuainicheas iad. Tha iad a’ deanamh sin gu glic. Tha moran eile ann nach smuainich air darna leth na labhras iad. Tha iadsan a’ deanamh gu h-amaideach, agus bithidh a’ bhuil orra.
[Taobh -duilleig 67 san leabhar fhèin]
[Vol . 10. No. 10. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, anNew Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, SEPTEMBER 6, 1901.
Litir as na h-Eileanan Coille.
MO sheachd beannachd aig MAC-TALLA agus aig an òigear uasal a tha ’ga iomairt ’s ’ga stiùireadh. Tha e tighinn air an t-samhradh so a h-uile Di-luain, cho cinnteach ris an latha; agus tha e gach seachdain a dol am feobhas ann an naigheachdan, an òrain, am paipeir, agus ann an clo-bhualadh. Ach gu dearbh tha mi ag ionndrainn nan litrichean laghach a b’ àbhaist a bhi ann, ach cha ’n ’eil coire sam bith ri chur oirbhse air son sin, ach air na sgriobhadairean a b’ àbhaist a bhi cho fileanta air a pheann.
Chunnaic mi litir ghasda bho Mhìcheil còir bho chionn àireamh no dha, a toirt dhuinn naigheachd bheag as a Chuairtear mu Dhomhnull nan stòp. Bha mise gle eòlach air a Chuairtear. Bha mi ’ga ghabhail bho chionn leith-cheud no tri-fichead bliadhna air ais, agus bhithinn ’ga thoirt an iasad do chuid, agus mar sin chaill mi sealladh orra. Bhithinn gle fhada an comain neach sam bith aig a bheil iad nan cuireadh iad ugam iad, oir tha mo chuimhne fhéin a fàs rudeigin dona.
’S fhada bho bha dùil agam ri sgriobhadh ugad, ach cha robh naigheachdan a b’ fhiach agam, a chionn cha ’n ’eil mi ro fhalbhteach ann, agus cha ’n ’eil mi math gu naigheachdan a dheanamh ni ’s mo, agus mar sin cha bhi moran a’s fhiach ’san litir so, ach direach a dh’ innseadh gu ’m bheil mi beò fhathast, agus feuch an cuimhnich pàirt dhe na seann chàirdean sgriobag a chuir ugainn. Gu dé thainig ri mo dheagh charaid, Murchadh còir? agus moran eile nach ruigear a leas ainmeachadh. Ach ma chi iad so faodaidh iad fhéin a thuigsinn gu bheilear ’gan ciallachadh.
O, nach e Bodachan a’ Ghàraidh fhéin aig am bheil an gnothuch ri comhairlean a thoirt air na gillean òga, agus air na h-igheannan cuideachd! Cha chreid mi nach robh e gle eòlach air moran dhe ’n doigheannan, a chionn cha robh guth aig’ ach an tul fhìrinn. Ach tha eagal orm nach dean a chomhairlean am feum air am b’ airidh iad, a chionn cha chluinn an òigridh moran a feasda dhiubh; cha leugh iad féin iad agus cha ’n éisd iad ri neach ’gan leughadh dhaibh; agus bu mhor an dollaidh sin, oir bhiodh iad nan deagh shearmoin dhaibh.
Tha cuimhn’ agam air m’ athair a bhi ag innse naigheachd air fear air choireigin a bha ’san t-seann dùthaich—tha dùil agam gur e Eòghan a chinn bhig, no fear-eigin dhe na bhiodh ri cogadh ’s ri blàir ’san t-seann aimsir a bh’ ann. Ach coma co dhiù bhiodh e creidsinn facal a bhiodh nam measg anns an àm sin, na ’m faigheadh fear ìm gun iarraidh aig a bhiadh-maidne, nuair a bhiodh e dol gu blar, gu ’n cinne[ ? ]h a ghnothuch leis. Ach bha ’bhean aige glé spiocach, mar a tha mi creidsinn a bhiodh cuid d’a seorsa ’s na h-amannan ud, agus air maduinn àraidh a bha sin, air dha bhi ’falbh gu blàr, nuair a dh’ eirich e ’s e cur uime gu falbh cha robh guth aig a mhnaoi air gluasad, agus cha robh fios aige fhéin c’aite robh an t-ìm. Thòisich e ri bruidhinn mhor ris fhéin, mar gu ’m bitheadh cuideachd mhor leis, agus nuair nach robh sin g’a dùsgadh, thòisich e ri bualadh buinn nam bròg ri chéile, a deanamh a h-uile stararaich a b’ urrainn e, ach cha dùisgeadh ise, ’s b’ fheudar falbh gun an t-ìm, ’s chaill e ’m blàr, ’s cha do thill e. Bhiodhte sin ’ga fhaicinn a marcachd air muin eich, ’s an ceann ’ga dhìth, ma ’s fior an sgeul. Ach co dhiù theireadh e mu ’n d’ fhalbh e, nuair a bha e bualadh nam bròg— “Cha dùisg bròg no bruidhinn droch bhean-taighe.” Agus tha eagal orm gur a th’ ann mar sin a thachair ri cuid mhath do na sgriobhadairean againne. Tha eagal orm gu bheil Mac Uisdean a di-chuimhneachadh nam port-a- beul. Tha dòchas agam gu ’n dùisg e “gun bhròg no bruidhinn,” agus gu ’m faic sinn tuilleadh dhiubh an ùine gun a bhi fada.
Mo mhìle beannachd do ’n fhear a tha ag iomairt agus a stiùireadh a MHAC-TALLA, agus gu a luchd-cuideachaidh air fad. Bidh sinn a sealltainn a h-uile seachdain tuilleadh air son an clàr anns am bi ainmean na feadhnach a phàigh a dol an lion-mhorachd, bho ’n a bhios na h-oidhcheannan a dol ni ’s fhaide. Is mi ur caraid an la a chi ’s nach fhaic,
SEUMAS A’ CHIUIL.
Na h-Eileanan Coille, E. P. I.
Chaidh ceathrar dhaoine a bha ’g obair aig calla ’n rathaid-iaruinn anns a’ bhaile so, a chur an greim air an t-seachdain s’a chaidh air amhrus gu robh iad a goid stuth làidir. Bha aig cuideachd a ghuail caochladh uairean ri pàigheadh air son stuth a bha ’dol air chall an àm a bhi g’a thoirt am mach dh’ionnsuidh an luchd-reic anns na mèinnean. Chaidhdetectivea chur a dh’ obair, agus ùine ghoirid an deigh sin a dheanamh, bha ceathrar air an glacadh, agus thatar aig an àm so ga’m feuchainn aig cùirt fir-ceartais. Ma theid a chùis a dhearbhadh orra bidh iad air am peanaiseachadh gu trom.
REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.
Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.
Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.
Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois.
Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.
Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.
Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain.
THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Reic Mhor Bhrog
Brogan laidir is fhiach $1 40 air $ 99
Brogan laidir is fhiach $2 00 air $1 25
Brogan Grinn Dongola $2 00 air $1 35
Brogan Carte $2 .00 air $1 .49
Brogan Buidhe-bhan $1 50 air $1 10
agus iomadh bargan eile ann am brogan dhaoine a nis ri fhaotainn ann an—
STOR BHROG Redden.
ROSS BLOCK.
Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a th’ againn air $3 .50 ’s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.
[Vol . 10. No. 10. p. 5]
Naigheachdan.
B’e Di-luain s’a chaidh Latha na h-Obrach, an latha bhios a mhor chuid de ’n luchd obrach ’nan tàmh agus a cumail mar latha saor. Bha reis each agus cluichean eile ann an Sidni ’s an Sidni Tuath.
Tha pàrlamaid ùr ri bhi air a taghadh ann an Nobha Scotia air an darna latha de dh’ October. Bidh iadsan a tha dol a dh’ fheuchainn ri faotainn a stigh air an ainmeachadh air a choigeamh latha fichead dhe ’n mhios so.
Tha Martin Almon a bha air a ghoirteachadh air trein nam buanaichean faisg air Winnipeg, air tigh’nn dhachaidh gu Leitche’s Creek. Tha e ’cur roimhe dhol a lagh ris an C. P. R. air son a’ ghoirteachaidh a fhuair e. Tha e dhe ’n bharail gu ’m b’ ann le cion faicill agus le mi-chùram a thachair an sgiorradh.
Tha bhòt anns a bhaile so aig da cheud de na h-Eadailtich, a thainig ann o’n thòisich an obair-iaruinn. ’Se sin ri ràdh tha còrr us da cheud ainm Eadailteach air clàr-bhòtairean a bhaile. Tha cuid diubh sin gun teagamh ann an cearnan eile dhe ’n t-saoghal roimhe so, oir cha ’n eil iad mar shluagh a tuineachadh ro fhad ann an aon àite sam bith; bidh iad ag imeachd mu ’n cuairt air an talamh, agus a siubhal sios agus suas air, ag iarraidh obrach.
Tha fiosan a tigh’nn a nall á Breatunn, o àm gu àm, gu bheil Morair Salisbury an dùil a dhreuchd mar Phriomh Mhinisteir a leigeil uaithe, ach tha e tionndadh a mach gach uair nach eil na fiosan sin fior. Cha ’n eil teagamh nach biodh an àireamh a’s motha de thaobh fhéin deònach am Morair a leigeil á dreuchd, na ’m biodh na b’ fhearr aca gus àite ghabhail. Ach cha ’n eil sin ann aig an àm so, agus gus am bi, no gus am brist air a shlàinte, fanaidh e far am bheil e.
Tha Diuc Chornwall, air a chuairt timchioll an t-saoghail, a cosnadh meas mor dha fhéin o’n t-sluagh anns gach àite ’s am bheil e taghal. Anns na h-òraidean a labhair e, tha e nochdadh gliocais agus tuigse, agus cha ’n eil ni a’s fhearr a ’chòrdas ris an t-sluagh na sin. Cha dean tapadh gun ghliocas no fileantachd gun tuigse drùghadh mor sam bith orra. Bidh turus an Diuc ’s na Ban-Diuc na mheadhon air Impireachd Bhreatuinn aonadh mar nach robh i riamh roimhe, le bhi tarruinn cridheachan an t-sluaigh anns gach cearna dhi ri chéile, agus ’g an toirt gu bhi tuigsinn ’sa creidsinn, ged tha iad sgapte bho chéile, gu ’m buin iad do ’n aon teaghlach.
Bha pic-nic an rathaid-iaruinn ann Di-sathairne s’a chaidh, ann an Orangedale. Bha an latha briagha, agus chaidh cùisean air adhart gu h-òrdail a mhor chuid de ’n latha. Bha beagan mi-riaghailt air aobharachadh ann le sgioba a ghabh an turus, a reir coltais, làn uidheamaichte romh laimh air son sin a dheanamh. Ma tha luchd-riaghlaidh an rathaid air son latha saor a thoirt do ’n luchd-obrach, bu chòir dhaibh aon chuid luchd nan sabaidean a chumail bhar nan carbad airneo an grad chur an greim nuair a thòisicheadh iad ri mi-riaghailt. A bharrachd air a bhi mi-thoilichte thaobh na h-aimhreit, tha cuid dhiubhsan a bha air a’ phic-nic a’ gearain gu robh biadh doirbh fhaotainn—gu robh e aon chuid gann no air a dhroch roinn.
Tha duine mhuinntir Ontario, a bha air chuairt ann an Ceap Breatunn o chionn ghoirid ag radh gur h-i bharail-san gu bheil an t-eilean so tuilleadh us saoibhir air son math an t-sluagh a tha fuireach ann. Anns an àite ’sam beil esan ’a deanamh a dhachaidh, cha’n eil dòigh thighinn beò aig an t-sluagh ach air an tuathanachas. Duine nach bi leagte ri dhol a thionndadh na talmhainn cha ’n eil aige ach falbh aisde no bhi anns a bhochdainn. Ach air an eilean so, faodaidh duine beolaind mhath a dheanamh mar thuathanach, mar iasgair, mar mheinneadair, no mar fhear-obrachaidh iaruinn. Mur còrd aon cheaird ris faodaidh e gabhail ris a cheaird eile, agus ’se tha cumail moran air ais ’nan crannchur nach eil iad a leantuinn ri aon obair sam bith, ach a toirt buille air gach aon m’a seach. Tha cuid a’ roinn an saothair eadar an t-iasgach ’s an tuathanachas, ’s cuid eile eadar an tuathanachas ’sa mhèinneadaireachd, agus tha sin ’gan cumail o bhi cho soirbheachail ’sa bhiodh iad ’nan leanadh iad ris an aon obair. ’S i so barail duine thuigsich a fhuair àrach anns a mhor-roinn a’s fhearr a tha ’n Canada; agus cha-n eil e ’meas idir gu bheil Ceap Breatunn mar àite air son beòlaind mhath a dheanamh ann, air deireadh air a mhor-roinn fhein, ach air toiseach oirre. Cha’n eil teagamh againn nach cuir sin iongantas orrasan a bhios gu tric a labhairt mu’n dùthaich so, mar gu’m b’i an aon dùthaich a’s miosa tha fo’n ghrein.
Iadsan a Phaigh.
An t-Urr. D. Siosal, Heatherton , N. S.
Alasdair Domhnullach, Allt Mhic-Ara, N. S.
Mor Mhunn, na h-Eileanan Coille, E. P. I.
An t-Urr. Calum Caimbeul, Strathalba, E. P. I.
D. R. Stiùbhart, Belle Creek, E. P. I.
Alasdair-Mac Ealair, Sault Ste. Marie, Ont.
Calum Mac Guaire, Norman , Ont.
An Dotair Beutan, Orillia , Ont.
H. A. Mac Gille-mhaoil, Finch , Ont.
Uisdean Mac Colla, Strathroy , Ont.
Sìne Bhellairs, Springbank , Ont.
Domhnull Mac Neacail, Ladysmith , B. C.
C. L. Nic-a- Ghobha, Lakeport , N. H.
Iseabail Oudekerk, Chase ’s Lake, N. Y.
Euphemia Rothach, Allston , Mass.
Martuinn Mac-a- Phearsain, Cleona, Cala.
I. S. Ros, Cleona, Cala.
Domhnull E. Mac-Amhlaidh, New Haven
An t-Urr. A. Beutan, Ouray , Colo.
Liuthais Mac Aonghais, Victor , Colo.
Iain Rothach, Rudha Mharsden, N. Z.
Alasdair Ceamp, Waipu , N. Z.
Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni
Iain I. Mac-an-t- Saoir, Sidni
Domhnull Mac Phàrlain, Cox Heath
Iain A. Mac Coinnich, Cox Heath
Tormad Mac Leoid, Bucklaw
Domhnull Mac Gilleain, Rudha ’n Rothaich
Iseabail Nic Gilleain, Narrows Mhora
D. B. Mac-a- Mhaighstir, Creiginnis
Iain Camaran, Grand River
Aonghas Mac-a- Ghobha, Tarbert
An t-Urr. Calum Mac Leoid, Baile nan Gall
Aonghas Mac Cuthais, Seana Bhridgeport
Aonghas Domhnallach, am Beighe ’n Ear
Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn
M. L. Mac Fhionghain, Point Clear
Ruairidh Mac Philip, Loch Laomuinn
D. A. Mac Cuthais, Rathad Shalem
Domhnull Domhnullach, an Acarsaid Mhor
Iain Mac-a- Mhaighstir, Markton
Sim R. Mac Gillfhinnein, an Simealair
Ruairidh Mac Coinnich, Kingross
Caitriona Chaimbeul, am Bras d’Or Beag
Alasdair N. Domhnullach, Port Morien
Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien
Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien
Iain Mac Gilleain, Strath-Lathuirn
An t-Urr. D. Domhnullach, Strath-Lathuirn
Iain Domhnullach (Gobha) Baoghasdal
Aonghas Mac-a- Phearsain, Blackstone
Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.
Thig sinn suas ris an fheadhainn a’s fhearr
ann an deanamh
Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa
Bathair-Each.
’N uair a bhios tu ’dol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’se ’n seorsa ’s fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agus ’se ’n seorsa ’s fhearr a tha sinne daonnan a creic, agus ’se sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.. .. . ..
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut.
[Vol . 10. No. 10. p. 6]
Domhnull Beag.
EARRANN II.
LE IAIN MAC AONGHAIS.
THAINIG sifeag do leth-Ghall do ’n dùthaich geamhradh a bha sid a chumail sgoil sheinn. Chruinnich moran do ’n òigridh a cheud oidhche agus nam measg bha Domhnull, a thaobh bha brathair a mhathar na “phrecentor” anns an eaglais, agus bho nach bu bheo esan bha mathair Domhnuill a’ smaointeachadh gu ’m bu chòir fhalluinn tuiteam latha eigin air Domhnull. Thug am fear teagaisg air na caileagan an toiseach, té an deigh té, salm no laoidh a sheinn, air son gu ’n deanadh e a mach an seorsa guth a bha aig gach aon diubh fa leth. Thainig e sin a dh’ ionnsuidh nan gillean agus rinn e an t-aon ceudna orrasan. “Seadh! mo ghille maith,” thuirt e ri Domhnull, “Cluinneamaid gu de a ni thusa.” Thoisich Domhnull. Sheall am fear teagaisg air. “Fosgail do bheul, a dhuine, ’s leig a mach do ghuth.” Ach cha b’urrainn e tuilleadh a radh. Thainig seorsa do thioma air. Bha“desk”air a bheulaobh agus dh’ fhosgail e e, agus chrom e sios a cheann ann mar gu ’m biodh e sealltuinn air son rudeigin. Nuair a bha Domhnull ullamh, thog am Maighstir a cheann ’s na deoir ’na shuilein. “Cha chuala mi riamh a leithid,” thuirt e. Chuir so moit mhoir air Domhnull, agus bha e fhein ag innse a rithist gur e cho tiamhaidh sa bha am fonn a sheinn e a thug na deòir ann an suilein an fhir theagaisg. Cha d’ fhuair Domhnull bochd a bhi na “phrecentor” an deigh a h-uile rud a bh’ ann, ach ’s docha gu robh sin fhéin cho maith dha fhein s do chach.
A measg a h-uile foghlum a fhuair Domhnull, cha robh e riamh ag ionnsachadh ann an sgoil dannsa. Ach coma co dhiu, ’nuair a bhiodh gnothaichean fabharrach—cuideachd chridheil, ceol togarrach, urlar maith, ’s ma dh’ fhaoite boinnein anns a cheann, dheanadh e dannsa gasda, laidir, cumanta de dh’ iomadach seòrsa mar a bhios sluagh a cleachdadh ann an àiteachan duthchail. Tha e air innse mu dheighinn uair a bha e aig banais gun a thòisich e fhein agus’a mhùtag ghille aig Calum greusaiche air strith ach co b’ fhearr air dannsa, agus gu ’n d’rinn Domhnull a mach e, le cuibhleadh no dha ’thoirt timchioll an urlair ann an“waltz, ” ’us cha tug a mhutag ach cuairt na dha as ’nuair a thainig tuainealaich air, ’us b’ fheudar dha suidhe ’s mar sin fhuair Domhnull Beag urram an dannsa. Bha dannsa fuathasach neonach aig Domhnull a dh’ ionnsaich e bho Eirionnach a bhliadhna a bha e aig iasgach“House. ” ’Nuair a thòisicheadh e air an dannsa sin dh’ fheumte a chuid mhoir de ’n airneis a chuir a mach as an t-seòmar. Co ’thàinig air chéilidh oidhche a bha sin ach Donnachadh Ruadh, brod an trombair, agus fear no dha eile. Thoisich iad air bruidhean air dannsa; agus mu dheireadh cha deanadh blasd feum ach gu’m feuchadh Domhnull ri dhol roimh dhanns an Eirionnaich. Chaidh an seomar a réiteachadh, agus thoisich an ceol; ’s ma thoisich chaidh Domhnull fo uidheam. Bha cuaille bata aige na ’laimh dheis, agus chuireadh e an drasda ’s a rithist le fead tri uairean timchioll a chinn e, ’us e spreideadh le a chasan fad na h-uine. Shineadh e an sin am bata a mach air a bheul-thaobh ’s am barr aige car sios thun an làir, agus chuireadh e cas mu ’n seach thairis air cho luath ’s a b’ urrainn e—ann an dòigh a bha gu maith iongantach do dhuine cho ceangailte ’na phearsa ris-san. Mu dheireadh ge be air bith a mhi-shealbh a thachair sid car ma char sios an t-urlar do Domhnull, us do na phoit ghuirmein a bha ’suidheachadh air chul an teine. “Chaidh an ceol feadh na fidhle.” Thoisich Morag air trod, ’s b’ fheudar do ’n a chuideachd sgaoileadh.
’Nuair a thainig Domhnull dhachaidh bho ’n iasgach co a thachair air latha bha sin air an rathad mhòr, ach Donnachadh Ciobair, duine a bha làn dibhersion. Chuir e fàilte shuilbhearra air Domhnull, a cheart urrad agus ged a bhiodh e air cuairt a chuir ma ’n t-saoghal. “Do bheatha ’an duthaich, a Domhnuill,” thuirt Donnachadh. “Tapadh leibhse,” fhreagair Domhnull. “S e duine a shuibhail ro fhada a th’ annadsa” arsa Donnachadh. “Mata,” fhreagair am fear eile. “Chuir mi car na dha dhiom bho na chunnaic mi sibhse mu dheireadh.” “ ’S iomadach tonn mor a chuir thu seachad bho nuair sin,” thuirt Donnachadh. “Sibh a dh’fheudas sin a radh,” arsa Domhnull. “Am biodh sibh a’ dol fada a mach bho fhearann,” dh’ fheoirich Donnachadh. “Oh! bhiodh gu dearbh,” thuirt Domhnull, ‘a mach a sealladh fearainn.” “Oh! a dhuine, arsa Donnachadh, “agus ciamar, air an t-saoghal, a dh’ amaiseadh sibh air ’ur rathad dhachaidh a rithist.” “Nach robh sinn,” fhreagair Domhnull, a stiuireadh a bhata air rud mar gu ’m biodh cuman ann.” “Oh, ’dhuine ’dhuine,” arsa Donnachadh, “ciamar a stiuireadh tu fhein bata le cuman.” “Haoh,” thuirt Domhnull, “gu de math dhomhsa a bhi ’g innse rud do dhuine aineolach nach deachaidh riamh a realladh mullach nan cnoc.” Ghabh e fior mhithlachd ri Donnachadh air son a chuid stallacaireachd.
Cha’n ’eil fhios agam an cuala sibh riamh mu thurus a thug Domhnull Beag air falbh air bàta-smùide. B’ àbhaist dhasan a ràdh coltach ri iomadach Gàidheal eile ’nuair a bhiodh e bho’n tigh gu’n òladh e, ach nach itheadh e. Tha mi cinnteach gu ’m faca cuid agaibh fhein air ’ur siubhal gillean gasda a laidhe air an òl ann an seomar fo chlàr luinge agus a cheart cho luath ’sa thigeadh an gille bùird leis an anart gus am bord a chuibhrigeadh mu ’n rachadh biadh a chur air,
MAC-TALLA
AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1 .00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1 .52 DO BHREATUNN, DO NEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE.
CEUD mile furain agus failt’
Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh!
’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas
O bhliadhn’ gu bliadhn’
An gliocas, tuigse, tur is ceill;
An eolas air gach ni fo ’n ghrein;
Am meas, an cliu ’s am moran speis,
An ear ’s an iar.
Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein
A’s mo do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ speis;
’S a bhuadhan co ni chur an geill
Le peann ’s le guth?
An t-armunn maiseach, uasal, grinn,
A choisinn cliu le luaths a phinn
Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir
’S an cluinnteadh ’ghuth.
Mo mhile beannachd aig an dream
A tha ’toirt aoidheachd dha gach am,
’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall,
An am an fheum’:
Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar,
A choisinn cliu is buaidh ’s na blair,
A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath
’S gach ait’ fo ’n ghrein.
—Bodachan a’ Gharaidh.
THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN.
“Cho Gaidhealach ri Fad Moine.”
[Vol . 10. No. 10. p. 7]
sid suas a ghabhadh na fearaibh gu clàr-uachdarach an t-soithich, lasadh iad na pioban tombaca, agus ’s docha gur a gann a bhiodh am biadh seachad ’nuair a ritheadh iad sios do ’n t-seomar òil a rithist, a thaobh a reir coltais, tha e na mhasladh do Ghaidheal ceart acras no fuachd a ghearan ged a dh’ fhaodas, a reir cleachdaidh, pathadh anacuimseach a bhi air agus lan a chuirp òl gus a chasg. ’S lionmhor caraid a choinnicheadh air Domhnull ’nuair a bhiodh e bho bhaile. Dh’ innseadh e dhuibh gu maith pogail, a rithist an deigh a thuruis a h-uile car a chuir e dheth. “Chaidh sinn a’ stigh,” theireadh e; no “chaidh sinn sios;” no “chaidh sinn a null,” ’s mar sin air aghaidh. ’S ann “sios” a bha e fhein agus a chompanaich a’ dol air bord bàta na smùide—agus gu maith tric, cuideachd! Mu dheireadh chaidh a chur air shùilean doibh, le beagan dragh, gu ’n robh iad a tighinn faisg air an ceann-uidhe, agus an deigh tuilleadh agus aon “deoch an doruis” òl rinn iad a mach air doigh eigin an staidhre a dhireadh; agus ge be seorsa tuainealaich do thuigsinn a chaidh na ’n cinn na an laigse iongantach a thainig orra, ruitheadh iad mu ’n cuairt fear an deigh fir, cho luaith ’s a bheireadh an casan iad, agus mu dheireadh thuit iad air muin a cheile air clàr na luinge. Bha feodhain a bha anns an làthair, nach buineadh do ’n chuideachd acasan a’ deanamh a mach gu’n do shaoil le Domhnull an toiseach, ’nuair a dh’ fhalbh a chasan bh’ uaithe, gu’m biodh e ’toirt oidhirp air buillein snàmha a dheanamh. Cha robh cinn nan gillein ceart fad latha no dha an déigh an turuis a bha ’sin; agus bha iad fhein ’us cuid do ’n cairdein a deanamh a mach gun do chuir “fear lom a chota ghoirid” (mar a dh’ ainmich iad stiùbhart a bhata) “droga” nach robh cneasda anns an deoch a dh’ òl iad; agus a thuilleadh air chomhdaicheadh iad oirbh gu ’n robh seorsa do stuth aig, a thug e as na rioghachdan thall, a bha e cur a measg na deoch, agus na’m blaiseadh sibh oirre an deigh an aimleisg rud sin a mheasgnachadh leatha gu’n cuireadh i miann òil oirbh ged bu sibh sluagh bu stuama a bh’ ann am Breatunn! ’Se gnothuch neonach a bh’ ann, a réir sgeoil, mar a thachair do Dhomhnull agus do chompanaich; ach cha ’n eil ceann agam fhein a ghabhas a ’stigh an seorsa “sgoil dhubh” sin ann!
Mar bu trice, bhiodh Domhnull agus a mhàthair còrdte gu leor, ach corr’ uair thigeadh facal eatorra. Feumair a ràdh gu robh teanga gu maith loisgeach aig a chailleich ’nuair a thoisicheadh i air càineadh, agus cha robh Domhnull bochd ro fhileanta ’s an teangaidh co dhiu. Ged nach robh e briathrach, bha e gnìomhach. Aig amannan mar sin, ma ta, bhagradh e sud ’us so a dheanamh gu sonruichte ’nuair a bhiodh e roimh cheile le dìth tombaca! “Tha mi air mo pheubrachadh le ’ur droch theanga. Cha’n urrainn mi a seasamh ni ’s fhaide. Tha mi falbh g’a mo bhàthadh!” theireadh e. “Gu d’eile a ni thu ach dol ga do bhàthadh,” fhreagradh a chailleach. “Mata cha teid piochd dhiom ann,” theireadh esan. Bha ’n fheoghainn a bha fior eòlach ag radh nach robh an aimsir aig na ceart amanna sin freagarrach air son a leithid sin do ghniomh a dheanamh gu’r e cho fuar sa bha an t-uisge am bitheantas a bha g’a chumail air ais! Chanadh cuid eile na ’m biodh, a chailleach air cur na aghaidh gu robh e air dhol ann. Sin mar a bhios bruidheann sluaigh.
Uairean eile bhagradh Domhnull pòsadh! “ ’Dhuine, dhuine,” theireadh a mhàthair, “ ’se am posadh a rachadh á fasan an latha a gheibheadh tusa bean! Ach ma ta cha ’n eil fhios a’m nach faigheadh tu te an deigh sin ’s air fad. ’Se fear gu maith neònach nach faigh bean! Innsidh mise dhuit far am faigh thu te a fhreagras tu air leth maith—am bun caile dhubh sin aig Fear a Bhaile Mhoir ud thall—bho ’n a dh’ fhairtlich oirre fear eile fhaotainn co dhiu! Gheibh thu i! Ud, Ud! sinn a bhios mor an sin! Mrs Donald—”
Bhiodh Morag ri magadh ’s ri cabadh mar sin ’nuair a bheireadh Domhnull iomradh air pòsadh; ach cha do phòs esan riamh, ach ’s iomadach fear ni bu mhiosa na e a fhuair bean air a shon sin.
A nise, a chairdean, ceadaichibh dhomh taing a thoirt dhuibh air son an éisdeachd fhoighidinnich a thug sibh dhomh, agus tha mi an dochas nach misde gin agaibh gu’n do thachair sibh air Domhnull Beag agus orm fhein an oidhche ’nochd. —Highland News.
(A’ chrioch).
Chuala mi iomradh uair air piobaire leis am bu chleachdach a bhi aig gach posadh a’s banais ’s an duthaich an làithibh ’oige; agus mar sin a’ tional moran airgeid. Ach air dha ’bhi tighinn gu aois shin feadhainn eile air a’ cheaird, agus cha robh an sean phiobaire ’faighinn cuireadh gu aon bhanais anns an fhichead a bha e cleachdadh ’s na làithibh a dh-aom. Latha de na làithibh choinnich duine eile ris, a shin air bruidhinn mu na piobairean oga mu ’n cuairt: “O droch shiubhal orra,” ars’ an seann fhear. “Cha’n fhaigh thu’n diugh clach a thilgeas tu air cù ach piobaire!”
Chaidh duine-uasail araidh a steach do thaigh-ionghnaidh ann am baile Sasunnach aon uair a dh’ amharc air na nithe neonach a bha ann. Am measg nithe eile, chunnaic e claigionn beag, agus thuirt fear an taigh ioghnaidh ris gu ’m b’e clagionn Chromueil a bha ann. Fhreagair an duine-uasal nach b’ urrainn da sin a bha, a chionn ’s gu’n robh Cromuel ’na dhuine air an robh ceann mor. “Tha sin fior gu leoir,” ars am fear eile, “ach is e so a chlaigionn nuair a bha e ’na ghille beag.”
Cape Breton Electric Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
Tim-Chlar.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.
TURSAN FEASGAR.
[Clàr - ama]
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO.
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 10. No. 10. p. 8]
Oran do dh’ Fhionnladh Marsanta
Air son e chuir as a chéile seana chuirn agus clachan iobairt a bh’ aig na Draoidhean o shean.
LE SEUMAS MAC GILLE-SHEATHANAICH, BARD LOCH-NAN-EALA.
Chunna’ mi bruadar air Fionnladh,
’S chuir e ioghnadh orm r’a fhaicinn,
’S ghabh mi iongantas ro mhor dheth,
Gu sonraicht’ o’n bha mi ’m chadal;
Thuirt an guth rium dol da ionnsuidh,
Dh’ innse nach e cùis a b’ fhasa,
Dol a rùsgadh càrn nan Druidhneach,
Na ’n car a thoirt a muinntir Ghlascho.
Ach dh’ fharraid mi co as a dh’ fhalbh e?
’S fhreagair e le seanachas grad mi,
Thuirt e gu ’n robh a chairdean dileas,
Eadar a Chill ’s Allt-na-dacha;
Bha cuid air an Dun so shuas diu,
’S bha uair a bha iad na bu phailt’ ann;
’S cha ’n ’eil mi buidheach a dh’ Fhionnladh
’Dhol ga ’n dùsgadh as an cadal.
’S chi thusa fhathasd le d’ shùilean,
Ma bhios tu ’s dùthaich ri fhaicinn,
Gu ’n teid an gnothuch so dhioladh,
Cho cinnteach ’sa bha ’n crùn an Sasunn.
Sgoilt e ’n steigh bh’ ann an uachdar,
Chladhaich e ’n uaigh fo na leacan;
E gun fhios co dhiù bha innte,
Mac an righ na sliochd a bhaigeir.
’N saoil sibh fhein nach robh e dàna,
Marsanta màileid no paca
’Dhol a rùsgadh an àit-iobairt,
’S iomadh linn a chuir e seachad;
’N t-àite ’n robh cnaimhean an t-seann-duin’
’N tiodhlacadh ann o cheann fada;
Mu ’n teid an gnothach gu crìch,
Gur duilghe dha na fiach a bhlastidh.
Ma dh’ eireas mise ’s mo luchd leanmhuinn,
Gu ’m bi gnothuch garbh a’s dùthaich,
Theid Mac- ’Ille-dhuibh a mharbhadh,
’S cha dion a chuid airgeid Fionnladh,
Leagar an taigh air ’san sabhal,
Sgriosar am bathar ’sa bhùth air,
’S theid Gilleasbuig ri posta,
Agus crochar mac a chùbair.
Eiridh an tubaist do’n chìobair,
’S laidhe binn air Mac-na-Ceairde,
’S ma dh’ òrdaicheas e gu h-olc e,
’S gnothuch neo-chiontach sud dàsan,
E na sheirbhiseach aig Fionnladh,
Tuilleadh a null gu Féill-Màrtuinn,
’S ma chuireas e nail na leacan,
Ma bhios meachainn ann sann dàsan.
Bhi cuir fùdair anns na creagan,
Chuireadh e eagal air bòcan,
Bhi ga ’n tolladh leis an tora,
’S bhi ga ’n sparradh leis na h-òrdan,
Daoine marbha bhi ga ’n gluasad,
’S gnothach uamhraidh gu leoir e,
’S na ’n leanainn e gu grunnd an t-seanchais,
B’ ainmeil’ e na arm righ Deòrsa.
’S cha teid a chorp fhein gu dìlinn
’Thiodhlaiceadh an àite gràsmhor,
’S ann theid a losgadh mar ìobairt,
Air a dhìteadh leis na fàidhean,
Theid a luath a chuir le abhuinn,
’N àite nach fhaighear gu bràth i,
’S cha ’n fhaigh e ach an rud a thoill e,
’Chionn gu ’n d’ rinn e gnothuch gràineil.
Ach dh’ fhalbh an guth ’s thug e chùl rium,
Agus thionndaidh e gu h-ealamh,
Thuirt e rium gu ’n d’ rinn e diochuimhn,
’S e ga innse dhomh mar charaid,
Fios a thoirt a dh’ ionnsaidh Dhùghaill,
Gu ’n robh a ghual a’s ùird ro ealamh,
Dheanadh torachan do dh’ Fhionnladh,
Chuir fùdair an Dail-a- charra.
Smaointich mi so ann am inntinn,
Nach bithinn a dìteadh Dhùghaill,
Thuirt mi ris gur duine grinn e,
Do dh’ fhuil Righrean nan Stiùbhart,
Tha e fhein na dhuine toileil,
Dheanadh gnothuch do dh’ fhear dùthcha;
’S o’n bha Fionnladh na chabhaig,
Cha bu mhath leis bhi ga dhiùltadh.
’Nuair a dhùisg mi ghabh mi eagal,
’S e na sheasamh air an ùrlar,
Dh’ fheuch am faighinn reidh air falbh e,
Los nach coisninn na lorg diùmbadh;
Tha Dùghall trom air an tombaca,
’S tha pailteas deth sin aig Fionnladh;
’S o’n a labhair mi cho deas ris,
Ghabh e pairt de leithsgeul Dhùghaill.
’S ann a tha ’n naidheachd so cinnteach,
Ged shaoileadh sibhse gur bòsd e,
Cha ’n innis mi a neach gu brath e,
Ach do chuideachd araid eolach;
Cha robh a leithid ri innse,
Eadar an sìthean ’s Lag-Chòthain,
Co dhiù th’ ann breug no firinn,
Sin agaibh mar dh’ innseadh dhomhs’ e.
Oran do Shir Cailean Caimbeul.
So deoch-slàinte Shir Cailein
Thar fearaibh an t-saoghail,
An Caimbeulach sgairteil
’Chaidh am mach na cheann-feadhna;
Bho ’n a chaidh thu thar chuantan,
Dh’ eirich buaidh air gach taobh leat:
Rinn do naimhdean dhut striochdadh,
’S rinn iad siochaint a ghlaodhaich.
Tha mo chion air an uasal,
Morair Cluaidh, tha mi ’g raitinn,
Fhuair thu meas agus urram
Thar gach duine do ’n àl so,
Ann am foghlum ’s an gliocas,
’S ann am misneach neo-sgàthach,
Cha bu mheat air ceann sluaigh thu
’Chur an ruaig air do nàmhaid.
’S truagh nach cluinninn an sgeula
Gun eubht’ ann ad dhiùc thu,
’S gun tigeadh tu dhachaidh
Làn aiteas gu d’ dhùthaich:
A cheann-feadhna nan Gaidheal,
Do dheoch-slàinte cha diùlt sinn—
’S mi gun deanadh a tràghadh
Ged a phàighinn na crùntan.
’Nuair a chaidh thu do Ruisia
Fhuair thu urram o d’ dhùthaich,
’Nuair a fhuair thu brigade
Do na Gaidheil fo ’d stiùireadh;
An la thug iad aig Alma
Gu ’n do do dhearbh iad an cliù dhut
Le an lannan geur, sgaiteach,
’S cha bu tais air an cùl iad.
Craobh is àird anns an doir thu
Ann an coille nan Gàidheal,
Seobhag uasal na h-ealta,
’S ursann chatha ’s na clàraibh;
Thu gu h-iriosal, macant’,
Caoimhneil, tains ri d’ chàirdean,
’S mar an leoghann gu casgradh
’N àm bhi tachairt ri d’ nàmhaid.
’S iomadh mais’ tha ri innis ort
Nach cuir mi sios anns an dàn so:
Foinnidh, dìreach am pearsa,
’S tu gun athadh a’ d’ nàdur;
’Fhir nach d’ fhoghlum a’ ghealtachd
Bu tu cul-taice nan Gàidheal,
’S beag an t-ioghnadh leam fhein e
Ged ’thug iad speis dhut cho làidir.
’S ann a shaoil le luchd Beurla
Gur h-ann daibh fein a bu dìsl’ thu,
Bho ’n ’chaidh t-àrach car tamuill
Ann an Glascho nan stìopall;
Dhomhsa b’ aithne do sheanachas,
Le dearbhadh ’s le fìrinn—
Bha thu ’theaghlach ro chliuteach,
’Bha ’n Aird-na-h- Uamh an Ile.
’S iomadh sruthan mear, uaibhreach
A direadh suas ann ad phòraibh,
’S tu do ’n fhine bha dileas
Air taobh an righ is na còrach;
Dream curanta, làidir
’Bha ’n Earraghaidheal a chomhnuidh,
’S mairg nàmhaid ’gan tàrladh
Teachd fo àrdan a chomhlain.
Cuiream crioch air an dàn so,
Bho nach bàrd mi ni òran,
Tha mo dhùrachd ’s mo bheannachd
’H-uile latha ri m’ bheò dhut;
Ach nan cluinninn thu thighinn,
Bhiodh mo chridhe làn sòlais,
’S ged tha ’n aois air mo lagadh
Rachainn astar ad’ chòmhail.
Chuireadh an t-òran so gu ’r n-ionnsuidh le Iomhar Mac Cuithein, ann an Stayner, Ontario. Cha d’ innis e ’na litir co am bàrd a rinn e.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt,
faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Ceannachd Posta.
Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu.. .. . ..
Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,
CLOIMH! CLOIMH!
THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.
Mills, Mac Coinnich
&
Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
WM . COYNE, Traffic Manager.
C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham,
Ceann-Suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies”dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 10 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 10. %p |
parent text | Volume 10 |