[81]

[Vol . 10. No. 11. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 13, 1901. No 11.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. XVII.

AN déis dhaibh iad fhein a chur air dòigh, smaointich iad gum ben gliocas dhaibh togail air falbh, ’s gun fhios n cuideachadh a dhfhaodadh na h-Innseanaich fhaighinn, ma bhan treubh dam buineadh iad faisg, air son tòrachd a thogail air son an dìol a fhuair iad. Direach an uair a bha iad air togail a mach chunnaic iad Ni Math a tighinn, ’s e le dichioll a slaodadh rudeigin na dheigh. Thill iad gu cladachsa mhionaid, ’s an uair a choinnich iad, chunnaic iad gum be Innseanach beag tioram, crotach, toitidh a bha am fear òg a slaodadh, agus anns an achlais eile aige bha pasgan do bhéin luachmhor. Bha iadsan a smaointean, an uair a dhionndrainn iad Ni Math, gum be nàdar a chinn tuilleadh is làidir air a shon, an uair a chuale gaoirus gleadhraich a cho-bhraithreansa choille, ’s gun do lean e iad. Dhinnis e dhaibh a nis mar a chunnaic e am meairleach beag, crotach so a liugadh thun na canùaichean, an uair a bha aire chàich air an aimhreit, ’s a lean e e, a tuigsinn nach bann air son math a bha e deanamh direach orra. Fhuair e air falbh leis a chreichbéin sionnaich dhubhaco-dhiu mun drainig esan an canù. Lean e air a thòirsa mhionaid, ged nach robh sin furasda, oir cha robh cùil na frog a bfhalachaidhe na chéile nach do thagh each tha e ri ràdh gur e geing dheth fhiodh fhéin a sgoilteas an darach. Rug e air ann an deagh àite falaichtoll mor fo bhun craoibhe, a thuits a thog an talamh leis na freumhaichean. Gu nàdarra cha robh e ro dheònach e-fhéin nochreach a thoirt suas, ’s mar sin chaidh an tarruinn le chéile mar a chunnaic sinn. Cha robh nàire na athadh sam bith naghnuis an làthair a bhreitheamhan, ach ag amharc cho neo-chiontach ri uan céitein; cha mhotha bha dad a dhfhiamh eagail naghùis, ged a bha e smaointean nach biodh a shaoghal fada, a reir an cleachdannan borb fhéin. Cha robh dùil sam bith acasan a dhol cho fad singa pheanasachadh, ’s cha mho bha iad air son a leigeil air falbh saor. Bha cuid ag iarraidh sud is so a dheanamh air, ’s cuid eile na aghaidh sin.

Innsidh mise ni sinn,” arsa Calum, “agus n cuimhneachan a bheir sin dha. On is e béin a bha bhuaithe cha bu chorr dhuinn an duine bochd a leigeil air falbh gun chraicionn air choireigin. Tha fios agaibh an craicionn a tha miciallachadh?” Bhual na Frangaich am basan an uair a thuig iad bha Calum a ciallachadh, ’s rinn iad deiseilsa mhionaid air son an sanas a chur an gniomh.

Beagan làithean roimhe so, mharbh iad tarbh òg fiadhaich air an tainig iad tarsuinnsan amhainn. Ghleidh iad an t-seice aigesa chànu, an dùil gun deanadh iad feum dhi, ach bhan teas cho mors gun do thòisich i ri grodadh an ùnine ghoirid. Bann an canù nam Frangach a bha i, oir bhan càileachd-san cho laidir ris na daoine buidhe fhéin. ’S fhad on a bha na Gàidheil air a h-ìobradh do spiorad na h-aimhne nam bann aca bha i, ach bha na Frangaich fhéin, cho làidirs gun robhn càil, a bruidhinn air a cur a mach an lathud fhéin, ged a thuirt Aonghas riutha nach ruigeadh iad a leas, gun coisicheadh i-fhéin a mach eadar sins feasgar, ’s gun i cùram sam bith a chur orra. Be so, ma ta, an trusgan cùbhraidh a bha iad air son a thoirt don Innseanach bheag, chrotach. Rug iad airs chomhdaichus phaisg iad uime i gu cùramach air muin a bheagan a bhuime, eadar adhairceanus earballus eile, ’s gach ni na àite fhéin. Rinn iad tuill air son nan lamh, ’s cheangail iad gu teann, cruaidh, le iomadh cuairt do dhiall làidir, uime gach ni, ’s gach snaim far nach ruigeadh e orra. Thugadh comas nan cas dha, ’s leigeadh air falbh e, rud a rinn e gu math toilichte, ’s e ga chunntas fhéin gu math fortanach faighinn as cho saor.

Cha bu toigh leam a bhi air taobh an fhasgaidh dheth air a thurus,” arsa Calum. “Theid mi fhìn an urras gun cùm na fiadh-bheathaichean fhéin fad sgadain bhuaithe.”

“ ’S gòrach thu, ’Chalum,” arsa Mac Leòid; “bheir edheagh dhìnneir as a bhroilleach aice mun ruig echàirdean.”

Mu dheireadh thall rainig iad daighneach bheag air an amhainn far an robh beagan de dhaoine gealacomhnaidh. Bann an so a bha aig na Frangaich ris na béin fhàgail, ged a bhan dachaidhean astar thri latha air falbh fhathast. Chomhairlich iad do dhAonghass do Chalum am béin fhéin a thoirt don bhaile mhor, rud a dhfhaodadh iad a dheanamh o nach buineadh iad do na trapairean. An déis dhaibh latha no dha a chur seachad a leigeil an analach, ’s ag amharc gach ioghnaidh a bha mun cuairt, thog iad air falbh comhladh ri cuideachd a bha dol don bhaile mhor. Dhealaich iad ris na Frangaich mu choinneamh an dachaidhean fhéin, a toirt taing agus duais dhaibhsan dealachadh. Lean Mac Leòid a luchd-dùthcha. Bha e ag ràdh cho maths gu robh na Frangaich, gu robh e sgìth dhiubh, gu h-àraidh on a chualasa chunnaic e muinntir a dhùthcha gu robh e air son cumail faisg orra, rud a bha gle fhortanach dhaibhsan, oir bha Mac Leòid eolach air an fhalbhanus air gach àite. Rainig iad mu dheireadh an ceann-uidhebha iad a sireadh air oidhche Shatharna, ’s mar sin chum iad fo choill gu maduinn Di-luain. Bhan t-Innseanach òg nan cuideachd cho dlùth ri faileas. Bha esan a nis air saoghal ùr da rireadh, ’s dhfhàs na sùilean aige uiread ri da ghealaich, leis na h-ioghnaidhean a bha e faicinn. Ged a chitheadh esheorsa fhéinsa bhaile, cha tuigeadh e iad nis na thuigeadh e na h-eòin. Fhuair na gillean moran a bharrachd air na béin na bha iad an dùil a bfhiach iad, ’s le stiùireadh Mhic Leòid chaidh iad a chur deuchainn air an stuth throm bhuidhe a fhuair iadsan amhainn an dùthaich nan Innseanach. ’S e òr gle ghlan a bhann, agus ri linns ann a fhuair na gillean iad fhéin nan daoine beairteach. ’S ann a bha truas aig Calum ris an fhear mhor a bhasa bhanca. Bha coltas muladach gu nàdarra air an duine, ged a bha Calum an dùil gur h-ann a bhristeadh na fhuair edhairgiod air a bhanca, ’s gur e so a bha fàgail an duine cho tùrsach. Air eagals gun tachradh sin, thug Calum Aonghas a thaobh, ’s thuirt e ris: “Abair ris na daoine nach ruig iad a leas a thoirt dhuinn uilen drasd, air neos cinnteach gum faod iad na dorsan a dhùnadh, nach bin corr aca ri ghleidheadh.” Chaidh innse do Chalum, ged nach creideadh e e, nach ruigeadh e leas cùram sam bith a bhi air, nach ionndrainneadh iad idir e, ach air a shon sin gum bfhearr dhaibh fhàgail ann, ach na chuireadh iad feum air san àm. Bha iad a nis ann an éideadh coltach, gun a bhi leòmach, ’s mar an ceudna chomhdaich iad Ni Math gu math, rud nach robhtaitinn ris ro mhath an toiseach, ach fàsaidh duine ri rud sam bith, ’s mar sin bha esan cho spaideil ri balachan lecheud bhriogais, an ceann latha no dha. Faodar a bhi cinnteach gun do sgriobh na gillean gun càirdean an uair a fhuair iad cothrom air sin a dheanamh, ach on a bha dùil aca fhéin leantuinn an ùine ghearr cha dubhairt iad guth mu bheairteas no mu airgiod. Cha robh e buileach sàbhailte ri chur air falbhs na h-amannan ud co-dhiù. Sheall iad an sin mun cuairt orra feuch am faigheadh iad àite anns am fàgadh iad an t-Innseanach òg, air son ionnsachadh fhaotainn mar a bha toil aige. Fhuair iad mu dheireadh eòlas air cuideachd chòir a chual an sgeul aca, on a dhfhàg iad tìr an àraich. Chòrd gluasad Ni Math riutha, ’s ghabh iad os laimh ionnsachadh freagarrach a thoirt dha. Bha iad làidir, beairteach, ’s bhiodh iad daonnan ag ionnsachadhs a cur air falbh luchd-teagaisg do dhùthchannan céin. Chaidh an t-Innseanach le cridhe math an dàil nam beann a bhaige ri dhìreadh, ’s ghabh e le subhachas ri Dia nan Criosdaidheans ritheagasg. Dhfhosgail einntinn do gach fiosrachadh a bha dùil aigethasgadh innte, gu math spioradail agus aimsireil a cho-bhràithreansan fhàsach. Ach bha chuing ro throm, ’s ged nach do ghearain e riamh, bhrist a chridhesa bhaile mhor, ’s mun tainig ceann na bliadhna bha Ni Math fon fhòd ghorm, an sàmhchair chùbhraidh an fhàsaich, far an robh a smaointeans a chridhes na mionaidean deireannach, fad o fhuaim aognaidh a bhaile mhoir.

Faisg air a bhaile so cheannaich na gillean fearann mor agus math, leis gach togail a dhfheumadh iad, ’s gach inneal a bha dolsan àm, a bhàrr air crodhus eich agus caoirich. Fhuair iad gach ni gu math saor o Shasunnach a bha fàgail na dùthcha, ’s dìleab air tighinn a stigh air. An uair a fhuair iad gach ni ann an òrdugh rinn iad deiseil air son cuairt a thoirt do thìr nam beann. Fhuair Mac Leòid fearann dlùth dhaibh, ’s o nach robh duine a bhuineadh dha beò an tìir an fhraoich bha cho math leis fuireach, ’s gheall ebhi ag amharc thairis air an cuid-san gus an tilleadh iad. Mar sin thog iad orra gun chùram, ’s chuir iad an aghaidh air Tìr nam Beann, nan Gleanns nan Gaisgeach.

(Ri leantuinn).


Tha iomadh fear aineolach aig nacheil fios gum bheil e aineolach. Agus is e sin a thagam fàgail cho fìor aineolachs a tha iad. Aon uair s gun tuig fear gum bheil e aineolach, bidh e gu nàdarrag iarraidh fiosrachaidh agus eòlais.



[82]

[Vol . 10. No. 11. p. 2]

Litir o Mhurchadh Cam.

FAILT oirbh! ’s fhad on uair sin! ’S en t-aobhar is motha thagam air sgriobhadh nan sreathan so, gus an dolair gormsachur airson MHIC-TALLA, agus gu dearbh chaneil mo shùil na dheigh. Aobhar eile thagam a ghluais mi, thug Mìcheal còir putadh dhomh gu mo dhùsgadh, ’s eagal air gun do chaill min t-sùil eile. Mo bheannachd aige! ’S iomadh fear a thanns an t-saoghal a bhiodh coma ged a bhithinn cho dall ri dallaig! Tha e toirt toileachadh mor dhomhbhi faicinn fear thallsa bhos as ùr a sgriobhadh gu MAC-TALLA, agus tha dòchas agam gun tuit na lannan bhar sùilean moran eile de na Gàidheil gu bhi faicinn an dleasdanais ann an cuideachadh MHIC-TALLAs na Gàilig.

Nise chaneil naigheachdan ùr agam, oir tha mi creidsinn gu bheil gach sgeul ùr aig a h-uile duine cho mathsa tha iad agamsa. ’S e seann rudan a chuala min uair a bha mi òg is dluithe tha leantuinn ri minntinn na nithean a thachair o chionn ghoirid. Agus ged a tha e neònach leibhse (maois, a dhuine!) mi bhi cho mear, bidh e toirt plosgail gàirorm, ged a bhithinn leam fhìn a falbh an rathaid mhoir. Canaidh sibhse: “O, nach e thafàs gòrach!” Innsidh mi pàirt dhiubh, agus is docha gun toir e gàire oirbhse cuideachd.

Rinn Coinneach Odhar fiosachd gum biodh luchd chasagan bàna tighn air tìr air an Sgeir Leith, air an taobh siar den Eilean Sgiathanach, cho lionmhor ris na cuileagan. Agus an uair a bha cogadh mor eadar an Fhraingus Breatunn, chan fhaigheadh an sluagh cadal na h-oidhche ach an suil air Sgeir Leith. Dheirich Gilleasbuig Aotrom moch aon lathasan ceò cho dlùths nach fhaiceadh e fhad fhéin dhen talamh. Fhuair e mosgaid mhor agus poca fùdair, agus thòisich e air losgadh urchraichean aig an Sgeir Leith. Cha robh fear no bean no leanabh anns an sgireachd nach tug am monadh orra.

Bha Murchadh Mac Dhonnachaidh na dhuine beag samhach, ciùin, socair, ’s bha e na bhàrd. Bha e na bhantraich nuair a bha mise eòlach air. Bha e cho nàrachs nacheil fhios ciamar a fhuair e bean, mar an deach i-fhéinga iarraidh, mar a rinn a bhàn-righ air a phrionnsa. Bhiodh an uair ud na Morthirich, mu àm na nollaigs na bliadhnùire, a creic stuth-làidir aig Port-earlais. Bhiodh bùth acasa charn. Bhiodh na fir ag òl, cuid dhiubh h-uile h-oidhche fad na seachdain. Thug uilc ghillean leotha Murchadh don charn, ’s an uair a chuir iad sradag air dhfhalbh e gus a dhol dhachaidh, ach thuirt na gillean ris gun robh nigheanan Iain a cadalsan t-sabhal. Rainig es fhuair e staigh, ’s cha chuireadh coin Fhinn na Eòghain a mach e. Bha sùil aig na caileagan còire ri cuideigin eile. Bha iad am maoidheadh air nan tigeadh am bodach a bhiathadh a chruidh gun deanadh e fàsgadh na cabhruich agus prannadh nan deargunn air. Mu dheireadh thall dhfhosgladh an dorus. Rinn Murchadh direach air uinneig bhig a bhanns a bhalla chloiche. Stad en sin. Bha leth a muighs leth a staigh dheth, ’s eg eigheach, ’s ceathrarga tharruinn gus na theab iad a thoirt as na h-uilt. Fhuair e dhachaidh, ’san uair a dhfhuaraich e rinn e òran air na thachair dha. Thòisich e mar a leanas:—

Sguiridh mina cheaird, ’s cha bfheairrde min t-òl,
Cha teid mi gu bràth o tharr mi as beò;
Sguiridh mina cheaird, ’s cha bfhearrde min t-òl.

Oidhche dhomhs mi beadradhs mor a ghabh mi dheagal,
Shaoil leam gu robh mo dhreag am feadanIc Leoid.
Sguiridh mi, &c .

Innsidh mi dhuibh mu rudan a bha daoine matha ag ràdh an ùine gun bhi fada. ’S docha gum bi sibh a gearain air cho fadsa than litir so. Ma bhitheas deanaibh cleas na cnàmhaig oirrefàgaibh i gus an teirig na thann a spliùcan.

Tha C. C. gu math; tha e mar chlobha gobha. Ach an uair a bhios na comanaichean uile seachads docha gun cluinn sinn rudeigin uaithe as fhiach an t-saothair. Bidh sibh toilichte chluinntinn gu bheil Alastair, a mhac, a tighn air aghart beaganseadh, nas fhearr na bha eagal air daoine bhitheadh e. Ged a tha cridheachan cruaidh againn an so, bidh truas againn ri duine air an tig doilghios air muin doilghios.

Nise, cuiridh sibh an litir so anns a MHAC-TALLA dhuibh féin; chan fhiach i toirt do chàch. Slan leibh.

MURCHADH CAM.


Mu na Rionnagan.

FHIR-DEASACHAIDH: —Chunnaic mi anns a MHAC-TALLA cunntais air seallaidhean a bhitheadh cuid a faicinn air rionnagan anns an latha. Chunnaic mise cuideachd rionnag anns a bhliadhna 1886. Chaneil fios agam gu an latha, ach gur h-ann goirid o Bhealltainn a bhann. Air Di-sathairne àraid bha mi a gearradh connaidh aig an dorus. Bha an t-sìde a fàs gle bhlàth, agus bha mi coimhead air an adhar gu math tric, feuch an robh àm dinneir a teannadh orm. Sùil dhan tug mi mhothaich mi do rionnaig anns an adhar air thoiseach air a ghréin, agus choimhead mi do mhuinntir an taighe i, agus bha i ri faicinn fhad beagan làithean an deigh sin. A reir coltaiss e so an rionnag a chunnaic Domhnull T. Caimbeul air latha Bealltuinnsa cheart bhliadhna.

Bhan rionnag ud a bhi cho soilleir agus ri faicinn air an latha gam chur gu tric a rannsachadh leabhraichean air speuradaireachd. Ach geamhradh a bha mi dol dhan sgoil anns na Stàidean fhuair mi beagan fiosrachaidh air an reusan, agus gu an rionnag a bhann. ’S e an reul shiubhlach Bhenus(the planet Venus)a bhann, agus bhitheadh i a tighinn an ceann a h-uile ochd bliadhna gle theann air an aon àite. Tha i an drasda rifaicinn a h-uile feasgar an deigh dol fodha na gréine anns an àirden iar, agus ma bhios gin do leughadairean MHIC-TALLA a cumail beachd oirre chi iad gu bheil i ag eiridh nas àirdesan adhar agus gun aithnich iad sin cha mhor a h-uile seachdain oirre. Tha i mar sin a tighinn nas dluithe oirnn a h-uile latha gus an tig i cha mhor eadar an saoghals a ghrian. Tachraidh sin air an aonamh latha deug do Dhesember sa tighinn. Chaneil analmanacatoirt cunntais gu bheil an ni so dol a thachairt ach tha i toirt cunntais air rudan eile as an gabh e deanamh a mach. Bidh an saoghal agus an reul shiubhlach Bhenus nas dluithe air a cheile an uair sin na bha iad bho chionn bhliadhnachan roimhe so. Ach aig a cheart àm so bidh an taobh soilleir air neo an taobh air am bheil solus na gréine a boillsgeadh ris a ghréin, agus an taobh a tha anns an dubhar ris an t-saoghal.

Mu chòig seachdainean romhn àm sin agus an deigh an ama sins iad amannan as soilleire a chi sinn air an t-saoghal so i. Bidh i gu math soilleir mu sheachdain an deigh Samhna, ach tha mi smaointean nach gabh i faicinn anns an latha, a chionn gum bi i cho fada deas, agus gum bàth solus na gréine an solus aice aig an àm ud. Ach mun choigeamh latha deug de Ianuaraidh, na beagan an deigh sin, tha mi làn chreidsinn gun gabh i faicinn leis an t-sùil rùisgte air an latha, a chionn bidh i gle theann air a bhi cho fada deassa bhitheas i uair sam bith. Bidh a ghealach làn mu dheireadh a mhios, agus tha mi creidsinn gun gabh na tri faicinnsa mhaduinn goirid an deigh éiridh na gréine, mu thoiseach Februaraidh no roimhe sin.

Tha mi gle chinnteach gu bheil fios aig cuid do leughadairean MHIC-TALLA air moran a bharrachd mun ni so na tha agamsa, agus bhithinn gle thoilichte nan innseadh pàirt dhiubh tuilleadh dhuinn mu dheighinn so.

Is mi do charaid,
IAIN I. MAC RAING.
Bruachan Bhroad Cobh, C. B.


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHANAN CADAL.

CAIB. I.

RI LINN an righ Haroun Alrashid, bha marsanta anabarrach beairteach ann am Bagdad. Phos e boirionnach a bha greis aoise, agus cha robh de theaghlach aige ach aon mhac air an dthug e Abou Hasan mar ainm. Thog agus dhfhoghluim e le mhac le curam agus le mor-aire.

Fhuair e bas an uair a bhamhac mu dheich bliadhna fichead a dhaois, agus on a bha e fad a bheathana dhuine glic, curamach, cunndach, deanadach, dhfhag e saoibhreas anabarrach mor aig a mhac.

Ach bha Abou Hasanna bheachdan agusna chleachdaidhean gle neo-choltach riathair, agus chuir e roimhe gun deanadh e mar a thogradh e fhein ris an t-saoibhreas mhor a dhfhagathair aige. Cha dthugathair riamh dha de dhairgiod fhads a bha e beo ach gann na bha feumail dha, agus bha farmad gu leor aige an comhnuidh ris na daoinoga a bha mun aon aois ris fhein air nach robh eis airgid aig am sam bith, agus nach do chum iad fhein o aon dhe na nithean taitneach do am bheil tlachd ro mhor aig daoinoga. Air an aobhar sin chuir e roimhe gun cosgadh e an saoibhreas mor a dhfhagadh aige ann an ruidhtearachd.

A chum so a dheanamh, roinn e a chuid saoibhreisna dha earrann. Leis an darna leith dheshaoibhreas cheannaich e taighean is fearann, agus gheall e dha fhein nach beanadh e don tighinn-a- staigh a gheibheadh e o na taighean agus on fhearann, ged a bhan t-suim mor gu leor gus a chumail suas, ach gun cuireadh e ma seach a h-uile sgillinn dheth mar a gheibheadh e e. Leis an leith eile dhen airgiod chuir e roimhe gun rachadh e an cois na chaill e de ghoraiche na h-oige an uair a bhaathairg a chumail fo smachd.

Cha bu luaithe shuidhich einntinn gun deanadh e mar so na rinn e suas companas ri aireamh de dhaoine a bha mun aon aois ris fhein, agus shuidhich e inntinn air a h-uile toileachadh a thoirt dhaibh.

Thug e feusd mhor dhaibh a h-uile latha, agus cha robh biadh no deoch a bfhearr na cheile nach robh air abhord aca. Bhan luchd-ciuil a bfhearr a bha ri fhaotainn acluich dhaibh, agus bha na daoin oga fhein, agus iad air mhire le fion, agabhail oran len glaineachan lan nan laimh. Mar bu trice bha na cuirmean so air an criochnachadh le bannal dannsa far am biodh na firionnaichs na boirionnaich a bfhearr gu dannsa a bhann am Bagdad cruinn.

Bha na cuirmean so, a bha ecumail suas o latha gu latha, cho cosgail do Abou Hasans



[83]

[Vol . 10. No. 11. p. 3]

nach burrainn e an cumail air aghart na bfhaide na bliadhna; oir theirig an t-suim mhor airgid a bhaige gus a chosg aig ceann na bliadhna.

Cha bu luaithesguir e dhe na cuirmean so a chumail na threig a chairdean gu leir e. Ge be uair a chitheadh iad e, sheachnadh iad e; agus nan tachradh dha le tuiteamas a h-aon diubh a choinneachadh agus bruidhinn ris, ghabhadh iad leithsgeul air coireigin gus grad dhealachadh ris.

Chuir so ioghnadh mor air Abou Hasan, oir cha do smaoinich e riamh roimhe gun treigeadh a chairdean e an uair a sguireadh e nochdadh caoimhneis dhaibh; ach is e chuir annas gu buileach air gun do chuir iad cul ris an deigh na rinn iad de mholadh airs de dhinnseadh dha nach treigeadh iad gu brath e. Bu mho a bha de dhragh inntinn air a chionn gun do threig a chompanaich e na bhair a chionn gun do chosg e gun fheum an darna leith dhen mhaoin a dhfhagathair aige.

Le ceann crom, le inntinn bhronach, agus le aghaidh thursaich, chaidh e don t-seomars an robhmhathair, agus shuidh e air ceann sofa astar uaipe.

Ciod a tha cur dragh ort, a mhic,” arsise, an uair a chunnaic i anns an t-suidheachadh ud e. “Car son a tha thuna leithid sin de staid, agus cho bronach, agus cho neo-coltach ri mar a babhaist dhut a bhith? Cha burrainn dut a bhith na bu mho curam ged a bhiodh tu air do chuid dhen t-saoghal a chall. Tha fhios agam gun robh thucaitheamh do bheatha ann an doigh ro chosgail, agus tha micreidsinn gum bheil thun deigh do chuid airgeid a chosg gu leir. Ach tha cuid mhath dhen t-saoghal agad fhathast. Agus be an t-aobhar air son nach do chuir mise moran an aghaidh dhut a bhith cho cosgails a bha thu, gun robh fhios agam gun do chuir thu gu glic an darna leith dhe do chuid den t-saoghal fo ghleidheadh a chum nach cosgadh tu e. Air an aobhar sin, chaneil mifaicinn aobhar agad air a bhith fo leithid sin de lionn-dubh.”

An uair a chuala Abou Hasan na briathran so, thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach; agus ann am meadhainosnaichs a thuirse, thuirt e, “Ah! mhathair, tha mifaicinn a nis air mo chosg fhin cho doirbhs a tha e do dhaoine cur suas le bochdainn. Tha mig aithneachadh gun toir bochdainn air falbh ar n-aoibhneas mar a bheir dol fodha na greine air falbh an solus. Mar a bheir bochdainn oirnn dichuimhn a dheanamh air a h-uile moladh agus cliu a fhuair sinn o dhaoine an uair a bha sinn saoibhir, bheir i oirnn mar an ceudna feuchainn ri sinn fhin fhalach, agus gach oidhche chur seachad ann an sileadh dheur agus ann am bron. A dhaon fhacal, tha cairdean agus luchd-daimh ag amharc air an duine bhochd mar gum bu choigreach e. Tha fhios agaibh, a mhathair, cho caoimhneils a bha mi ri mchairdean o chionn bliadhna. Bha mi anabarrach fialaidh riutha le biadh is deoch is toileachas inntinn gus an do chosg mi mo chuid arigid gu leir, agus a nis o nach urrainn mi bhith cho fialaidh riuths a babhaist dhomh, threig iad mi. An uair a their mi riutha nacheil airgiod agam tuilleadh gus a chosg riutha ann an cuirmean greadhnach, seachnaidh iad mi le gruaim air an gnuis. A thaobh mo chuid thaighean is fearainn, tha mi toirt buidheachas do Dhia air son gun dthug e dhomh neart gus cumail ris na mionnan a thug mi nach beanainn don mhal a tha mi faotainn air an son. Agus a nis cumaidh mi gu dluth ris na mionnan a thug mi, agus tha fhios agam cia mar a ni mi feum math dhe na tha fhathast agam. Ach cuiridh min toiseach deuchainn air mo chairdean, ged nach airidh iad air cairdean a ghairm dhiubh, feuch am faigh mimach ciod e cho fior mhi thaingeils a tha iad. Theid mi far am bheil fear an deigh fir dhiubh, agus an uair a leigeas mi ris dhaibh na rinn mi air an son, iarraidh mi orra suim airgid a dheanamh suas dhomh eatorra, a chum mo thoirt as an eiginn anns am bheil mi air saillibh na rinn mi chum an toileachadh. Ach mar a thuirt mi mar tha, cha dean mi so ach a chum deuchainn a chur orra feuch am faigh mi mach am bheil abheag no mhor de thaingealachd fhathast annta.”

Fhreagair a mhathair, agus thuirt i ris: “A mhic, chaneil misegabhail orm fhin bacadh a chur ort o dheanamh mar a tha thug radh; ach faodaidh mi innseadh dhut roimh laimh, nacheil aobhar sam bith agad a bhithsmaointean gum faigh thu dad uapa. Creid thusa mise, chan fhaigh thu cuideachadh sam bith ach on fhearann as leat fhein. Tha mi faicinn nacheil thu fhathast eolach gu leor air an t-seorsa dhaoine ris an can thu fhein agus do leithid, cairdean; ach bidh tu eolach orra ann an uine ghoirid. Agus is e mo ghuidhe air Ni Math gum faigh thu eolas orra anns an doigh as miannach leam; sin ri radh, a chum do mhath fhein.” “A mhathair,” arsAbou Hasan, “tha mi cinnteach gu leor gum bheil a h-uile facal a tha sibh ag radh fior, ach bidh mi nas cinntiche as aghnothach an uair a bhios fios nas fhearr agam air cho suarach agus neo-fhaireachails a tha iad.”

Gun dail sam bith chaidh Abou Hasan far an robh a chairdean. Fhuair e uile aig an taigh iad. Leig e ris dhaibh an eiginn anns an robh e, agus ghuidh e orra an sporrain fhosgladh agus cuideachadh a thoirt dha. Gheall e bann-sgroibhaidh a thoirt do gach fear dhiubh gum paigheadh e dhaibh a h-uile peighinn a bheireadh iad dha an iasad, cho luaths a rachadh aigair. Agus leig e ris dhaibh aig acheart am, gum bann air an saillibh fhein a bha e ann an eiginn cho mor, ann an duil gum brosnaicheadh so iad gus caoimhneas a nochdadh dha. Agus cha drinn e dearmad air a radh riutha gnn robh dochas aige gum biodh e fhathast comasach air fleadh is cuirm a thoirt dhaibh mar a rinn es an am a dhfhalbh.

Cha robh buaidh sam bith aig na h-argumaidean a ghnathaich Abou Hasan air fear seach fear dhe na daoine a bhag itheadhs ag ol air a bhord fad na bliadhna roimhe sid. Agus cha be so gu leir a chuir dorran air, ach gun robh cuid dhiubh ag radh nach robh aithne no eolas sam bith acair.

Thill e dhachaidh lan doilighis agus corruich. Agus an uair a chaidh e don t-seomar anns an robh a mhathair, thuirt e: “Ah! mhathair, is sibhsebha ceart. An aite chairdean, cha do thachair a h-aon rium ach truillich thruagha, neo-thaingeil, nacheil airidh gun deanainn cairdeas riutha. Tha micur dubh-chul riutha, agus tha migealltainn dhuibh nach bruidhinn mi riutha agus nach leig mi orm gum faic mi iad gu brath tuilleadh.”

Chuir e roimhe gun seasadh e rifhacal agus rinn e gach ni a ghabhadh deanamh a chum nach tuiteadh e tuilleadh anns amhi-fhortan cheudna.

Thug e mionnan nach tugadh e aoidheachd fhads bu bheo e do dhuine sam bith de mhuinntir Bhagdad. Thug e am bocsa anns an robh ecumail amhail a bha efaotainn air son nan taigheans an fhearainn, as an aites an robh e an gleidheadh aige, agus chuir e e anns an aites an robh an t-airgiod a chosg e, agus chuir e roimhe nach tugadh e bonn as ach na bhiodh feumail gus e fhein a chumail suas, agus suipear a thoirt do dhaon duineile. Ach a reir nam mionnan a thug e, cha robh e gus aoidheachd a thoirt do neach sam bith ach do choigreach a thigeadh do Bhagdad, agus a dhfhalbhadh as an la-iar-na-mhaireach an deigh dha a bhiadh a ghabhail.

(Ri leantuinn.)


Dhfhoghnadh a Neart.

Bha tuathanach a comhnuidh ann an siorramachd Inbhirnis aon uair, a bhana dhuine mor calma, tosdach agus be an gleachdair a bfhearr a bha anns an duthaich. Bha a chliu air a sgaoileadh feadh uile chearnan na duthcha agus rainig e Sasunnach araidh a bha air turus ann an Albainn. A nis, bha an Sasunnachna dhuine mor agus shaoil leis gun deanadh e an gnothuch air aGhaidheal. Mharcaich e a dhionnsuidh an achaidh far an robh an tuathanach atreabhadh, cheangail eeach ri craoibh agus thuirt e ris aGhaidheal, “A charaid, chuala mi moran mu do dheibhinn agus thainig mi dhfheuchainn co am fear as treise dhinn.” Cha dthuirt an Gaidheal facal, ach ghlac e an Sasunnach mu mheadhon a chuirp agus thilg e a mach thariris air agharadh e, agus chaidh e fein air aghaidh le chuid oibreach. Dheirich an Sasunnach an ceann beagan mhionaidean, agus sheall e thairis air agharadh. Chunnaic an Gaidheal e, agus thuirt e risAm beil feum agad air ni sam bith eile?” “Tha,” ars an Sasunnach, “Bithidh mi fada nadchomain ma bhitheas tu cho maths gun tilg thu meach gamionnsuidh.”


Bardachd Naduir nan Gall.

Cha saoil mi gur duine an Gall no an Sasunnach a tha gu nadurra teom air toilinntinn fhaotainn ann am maise no an greadhnachas oibre a chruthachaidh. Co-dhiu, cho fada agus is leir dhomh, chan fhaighear dearbhadhnan litreachas gus o chionn ceithir fichead bliadhna, gu robh aon chuid an suil no an cluas no an cridhe ro fhosgailte do na faireachduinean soluimte agus taitneach a mheal daoine anns gach linn aig an robh ceangal na bu dluithe na bha aca-san ri beinnus traigh, ri uisgeus sliabh. Chi sinn, ann an Salm Dhaibhidh agus an leabhraichean Iob agus nam Faidhean mar a bha na h-inntinnean a bairde am measg nan Iudhach air an lionadh le maise agus le gloir an duthcha fein. Ann an tomhas nas lugha, gheibhear an fhianuis cheudna am measg nan Greugach agus nan Romanach. Ach gus o cheann ceithir no coig do fhicheadan bliadhna chan fhaighear a bheag den fhianuis so ann an litreachas nan Gall no nan Sasunnach. Bha e na chleachduin am measg nam Bard Ghreugach agus Romanach a bhi seinn mu thoilinntinn agus mu aoibhneas caithe-beatha air an duthaich eadar-dhealaichte o stri, o sharuchadh, agus o upraid nam bailte-mora. An uair a bhiodh toil aig na Baird so sith agus toilinntinn agus neo-chiontas a mholadh dhuit, sheinneadh iad mu bhuachaillean agus mu bhana-bhuachaillean acur seachad an saoghail ag ionaltradh an treudan anns na h-aitean a bu taitniche, atighinn beo air an toradh, agus aseinn ciuil a la agus a dhoidhche. Thug na Bàird Ghallda agus Shasunnach oidhearp no dha air a ghne Bhardachd so a thaladh do na rioghachdan so agus, cleas nan Gall an comhnuidh, ghoid iad an t-ainm—pastoral poetry—cho maith ris an ni leoadearbhadh nach robh iad a gabhail naire as a ghnothuch. Ach cha do chinn aghne Bhardachd so am measg nan Gall; agus ged chinneadh cha dearbhadh i gun robh tlachd an t-sluaigh ann an oibre naduir.

Tha ena chuis-ioghnaidh dhuinne an diugh a bhi leughadh beachdan luchd-turuis mun Ghaidhealtachd corr agus ceud bliadhna roimhe so. Chaidh aon no dha de Shasunnaich a dhfhag cunntasnan deigh dar duthaich mun robh rathaidean-mora, no earladann, no batan smuid, no tighean osda afreasdal orra. Ciod am barailsan mu mhaise ghleann lochan, ’us bheanntan na Gaidhealtachd. Tha aon a sgriobh fon ainm R. Franck Philanthropos, anns abliadhna 1694.

(Air a leantuinn air taobh 87).



[84]

[Vol . 10. No. 11 .p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, SEPTEMBER 13, 1901.

Is fheudar dhuinn facal no dha a radh ri luchd-gabhail MHIC-TALLA a thaobh a phàighidh. Tha am paipear so cha mhor gu h-iomlan an eisimeil a luchd-gabhail air son a chumail suas. Agus nam biodh na thaga ghabhailga phàigheadh gu riaghailteach gach bliadhna, ged nach eil an àireamh cho mors bu choir i bhith, cha bhiodh dith no deireas air. Achs ann mar a tha gu bheil àireamh mhor a deanamh dearmad air; tha iadga ghabhailsga leughadhsga thoirt an iasad don coimhearsnaich na h-uile seachdain, ach an còrr chaneil iad a deanamh. Tha iad a cheart cho cothromachs cho pailt a dhairgead riuthasan a tha deanamh an dleasdanais gu riaghailteach; ach far nach bi toil cha bhi gniomh. Tha againn ri innseadh don mhuinntir sin aig an àm so gu feum ath-leasachadh mor tighnn orra romh cheann na bliadhna so, no gun sguir MAC-TALLA thaghal orra. Le sin a radh chan eil sinn a ciallachadh gun gearrar den leabhar ainmean muinntir don tachair a bhi beagan mhiosan no eadhon bliadhna no bliadhna gu leth air deireadh; gheibh iad sin, ma bhios iad ann, deiligeadh riutha a reir mar a bha iad a deanamhsan àm a chaidh seachad. Ach iadsan ris am bheil sinn a feitheamh o chionn àireamh bhliadhnachan, ’s o nach eil taing no duais a tighinn, ’se am pàigheadh an aon ni a chumas an ainmean o bhi air an dubhadh bhar an leabhair. Tha tri miosan gu leth dhen bhliadhna so gun ruith fhathast. Tha dòchas againn anns an ùine sin gun tig an t-ath-leasachadh feumail orra-san a tha air deireadh, agus co-dhiu thig no nach tig, gun gleidh iadsan nach eil air deireadh iad fein o thuiteam ann an cleachdaidhean chàch, oirsann riuthasanna Gàidheil dhìleasa tha MAC-TALLA ag amharc an còmhnuidh air son soirbheachaidh.


Chuala an saoghal le uamhas mu ionnsuidh eagalach a rinneadh air beatha Mhic Fhionnlaidh, Ceannsuidhe nan Stàidean, ann amBuffalo , New York.Beagan an deigh ceithir uairean air feasgar Di-haoine sa chaidh, ’s an Ceann-suidhe ann an Teampuil a Chiùil am pàirce anExhibition ,chunnacas duine a deanamh a rathaid tromhn t-sluagh a bhanan sesaamh mun cuairt, mar gum biodh e air son fàiltechur air Mac Fhionnlaidh. Bha neapaicin aige air a shuaineadh mun cuairt aon dhelamhan, bha daga aigem falach fon neapaicin, agus nuair a bha e mu dha throidh bhon Cheann-suidhe, ’s e ma bfhior a dol a chrathadh laimhe ris, loisg e da urchair air. Chaidh aon de na peilearan na chom agus am fear eile na uchd. Ann an tiota leum triùir dhaoine air a mhortair, bha an daga air a thoirt bhuaithe agus a lamhan air an ceangal air a chùlaobh. Fhuaireadh am mach gum be Leon Czolgosz a bainm dha. Tha dochas làidir aig na dotairean a tha frithealadh air Mac Fhionnlaidh gun tig e bhuaithe, ged a tha a bheatha ann an cunnart mor fhathast.

Cha be so a cheud uair a thugadh ionnsuidh bàis air Ceann-suidhe nan Stàidean. Anns a bhliadhna 1865 chaill an sàr dhuine ainmeil, Lincoln, a bheatha air a cheart dòigh so. Chuireadh urchair anns e na shuidhe ann an taigh-cluich le cleasaiche, agus cha robh e beò ach beagan uairean. Agus anns a bhliadhna 1881 mhortadh Garfield, nach robh na Cheannsuidhe ach mu cheithir miosan. Bha esan beò faisg air da mhios an deigh a thilgeadh.

Rugadh Mac Fhionnlaidh ann an Niles, an Ohio, ’sa bhliadhna 1843. Bha e air a thaghadh na Cheann-suidhe anns a bhliadhna 1896, agus bha e air ath-thaghadh a rithist anns bhliadhna 1900. A reir nam fiosan mu dheireadh a thainig mun deachaidh am paipear an clò, tha e ann an suidheachadh iseal, agus chan eil e gle choltach gun teid e am feobhas. Bhiodh e na bhuille throm do na Stàidean a leithid a dheagh dhuine agus de fhear-riaghlaidh glic a dhfhaotainn bàis air dòigh cho muladach.


Chaidh Gaidheal araidh gu Iamaica o chionn beagan bhliadhnaichean. Rainig e Baile-an-Righ gu sabhailte agus nuair a bha an long air acair anns achala, thainig moran bhataichean mu timchioll a chum na muinntir a thoirt gu tir. Chuir an Gaidheal a threallaich air bord bata anns an robh dhuine dhubh, agus rinn e suidhe maille riu. Bha aGhailig aig fir abhata, ach cha robh fios aig aGhaidheal air sin gusn do thoisich iad air bruidhinn ri cheile ann an canain nam beann. Ghabh e moran iongantais, agus shaoil e gum bu Ghaidheil a bha annta. Dhamhairc e orra car uine agus mu dheireadh dhfhoighnich e ri aon diubh, an robh e fada anns an duthaich sin. Fhreagair an duine dubh, “Mu thimchioll sia miosan.” “Mu thimchioll sia miosan!” arsan Gaidheal, le guth cagalach; “Sia miosan agus thu dubh a cheana! thoir air ais a dhionnsuidh na luinge mi. Cha bu toigh leam maodann a bhi cho dubh ri sin, ged a gheibhinn de ruma agus de shiucar na bha riamh ann an Iamaica.”


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Reic Mhor Bhrog
Brogan laidir is fhiach $1 40 air $ 99
Brogan laidir is fhiach $2 00 air $1 25
Brogan Grinn Dongola $2 00 air $1 35
Brogan Carte $2 .00 air $1 .49
Brogan Buidhe-bhan $1 50 air $1 10
agus iomadh bargan eile ann am brogan dhaoine a nis ri fhaotainn ann an
STOR BHROG Redden.
ROSS BLOCK.


Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a thagainn air $3 .50s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios gan iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.



[85]

[Vol . 10. No. 11. p. 5]

Naigheachdan.

Tha Sir Uilleam Van Horne dhen bharail gum bi ceud millein buiseal crithneachd air a bhualadh ann an Iar Thuath Chanada air an fhoghar so. Bidh sinna bhàrr anabarrach math, agus ni e soirbheachadh mór a chur air a chearna sin den dùthaich. Gu ruige so, cha drinn reothadh no ni eile cron sam bith air a chrithneachd, agus tha a mhor chuid dheth cheana air a bhuains air a chur fo dhion anns na taighean-tasgaidh.

Bhrist teine mach ann am baileSt . Johns, Newfoundland,Di-ciaduin sa chaidh, agus rinneadh call mor leis. Thòisich esa mhaduinn agus cha dfhuaireadh a chur as gu h-oidhche. Chaidh dithis dhaoine a bhag obair a feuchainn ri chur as a mharbhadh. Am measg nan togalaichean a bha air an losgadh bha ochd taighean comhnuidh, agus tri no ceithir do thaighean mora ceannachd. Tha an call uile gu leir air a mheas aig coig ceud mile dolair.

Chaidh fear Bernard Lewis a mharbhadh aig aon de mhèinnean Ghlace Bay feasgar Di-ciaduin sa chaidh. Bha e air a phrannadh eadar da char guail, agus air a leònadh cho donas gun do chaochal e mun dainig an latha. Cha robh ann ach duinòg, bliadhna air fhichead a dhaois. Tha e iongantach ri innse gun robh e air a mharbhadh leis na ceart charaichean a mharbh Mìcheal Mac-Fhionghain aig an Dominion feasgar an latha roimhe sin.

Chaidh duine dam bainm Calum Mac-Gilleain a mharbhadh leis an dealanach aig Little Sands, E. P. I., maduinn la na Sàbaid sa chaidh. Bha e na sheasamhsan dorus, ag amharc na stoirme, nuair a chaidh a bhualadh. Bha a bhean na suidhe taobh a stigh an doruis aig an àm, ach cha drinneadh dochann sam bith oirre, ged a bha pios dhen mhat a bha focasan air an ùrlar air a leth losgadh. Bha an tigh air a mhilleadh gu dona. Bha a chlannnan cadal air an lobhta, ach cha drinneadh an goirteachadh bu lugha air gin dhiubh, ged a ruith an dealanach air an t-seòmar anns an robh iadnan laidhe.

Aig a choinneamh a bhann oidhche Di-haoine sa chaidh, dhaontaicheadh ris an t-suim a bha comhairlebhailemeas feumail, $257 ,000, a bhòtadh air son obraichean a bhaile chur air adhart. Tha an earainn as motha dhen t-suim so air son na h-obair-uisge. Leis an fhàs a thainig air a bhaile o chionn da bhliadhna tha an t-uisge air fas gann, agus feumar tuilleadh uisge fhaotainn. Air an t-samhradh so, on thainig an tiormachd, thatar ag uisneachadh uisge na h-aibhne am measg uisgebhaile fhéin, ach tha e air innse dhuinn nach eil e fallain, agus gum biodh e glic a ghoil mun rachadh òl.

Tha dùil ri Diuc agus Ban-Diuc Chornwall a ruigheachd Chuebec maduinn Di-luain sa tighinn. An deigh do mhuinntir abhaile sinseann cheann-bhaile Chanadaam fàilteachadh, theid iad an iar, ataghal anns na bailtean air an rathad, agus adeanamh céilidh anns gach baile a reir am meud agus an ullachaidh a rinn an sluagh air son gabhail riutha. Ruigidh iad Victoria, ann an Columbia Bhreatunnach, air an darna latha de dhOctober, agus an sin tillidh iad an ear, a ruigheachd Halifacs maduinn an naodhamh latha deug. Air an aonamh latha fichead, fàgaidh iad am baile sin air an turus-cuain dhachaidh.

Chaidh fear Mìcheal Mac-Fhionghain a mharbhadh aig Dominion No. 1 Di-màirt sa chaidh. Bha eceangal da charbad guail ri cheile nuair a bhrist ni eigin a leig na carbadan le buille throm ri cheile, ’s bha esan air a phrannadh eatorra. Bha e marbh air ball. Bha e deich bliadhna fichead a dhaois, agus bhuineadh e do French Vale. Cha robh e pòsdidir.

Tha e coltach gu feum cuid de dhfhactoridhean càise Nobha Scotia dùnadh mu dheireadh a mhios so. Leis an tiormachd a bhann re an fhoghair tha an t-ionaltradh cho donas gu bheil am bainne gach seachdain a fàs nas gainne. Bàbhaist do na factoridhean a bhig obrachadh gu meadhon no faisg air deireadh October. Ann an New Brunswick bha an tiormachd cho mors gum bfheudar na factoridhean a dhùnadh ann am mios Ogust.

Tha cothrom ri bhi air a thoirt do mhuinntir Shidni a chur an ceill am bheil no nach eil iad deònach làrach a cheannach do obair togail shoithichean ma bhios cuideachd deònach obair dhen t-seòrsa sin a shuidheachadh ann. Than làrach a thas an amharc an ceann tuath a bhaile, timchioll Rudha Anderson, agus thatar ameas gun cosg i eadar leth-cheud us tri fichead mile dolair. Bidh latha air a chur air leth an ùine ghoirid air am faod an sluagh bhòtadh air son no an aghaidh sin, direach mar a bhiodh iad a bhòtadh aig taghadh fir-pàrlamaid.

Chaidh an Dotair Krause, a bha roimhe so na riaghladair air baile-mor Johannesburg, a ghlacadh ann an Lunnuinn toiseach na seachdain sa chaidh air son àrd fhoill. Nuair bha am baile sin a striochdadh don arm Bhreatunnach, besan a liubhair na h-iuchraichean do Mhorair Roberts, agus an deigh sin ghabh e mionnan a bhi dileas don chrùn. Thainig e do Shasuinn o chionn cheithir miosan, agus fhuaireadh a mach o chionn ùine ghoirid gu robh e, o am gu àm, a cur fiosrachadh falachaidh a dhionnsuidh nam Boereach a bha glé chronail do na Breatunnaich. Chuireadh air ball mu dheidhinn a ghlacadh, agus chaneil teagamh nach bi e air a pheanaisteachadh a reir a thoillteannais, agus air dhòigh a bhios na rabhadh geur do mhuinntir eile dhfhaodas a bhi ris an droch obair cheudna.

Nuair a bha an comanachadh ann an Catalone, tri Sàbaidean air ais, fhuaireadh fear-cumail taigh-oil a mhuinntir Louisburg an deigh e-fhéin a shuidheachadh anns a choille faisg air a chruinneachadh, ’s e deiseil gu tòiseachadh air creic stuth làidir. Cho luathsa fhuaireadh am mach gu robh e ann, chaidh cùnntas mhionaidean a thoirt dha air son e chuibhteachadh an àite, agus an ceann beagan lathaichean chaidh a thoirt gu cùirt, agus an sin chuireadh càin leth-cheud dolair air. Thug sin leasan math cha bann a mhàin dha fhéin ach mar an ceudna do mhuinntir eile dhe sheòrsa. Agus bha sin ri fhaicinn air an t-Sàbaid sa chaidh, nuair a bha na h-òrduighean aig Marion Bridge; cha do nochd gin dhiubh ris an àitebha fhios aca gu robh an fhàilte cheudna feitheamh orra. Bha muinntir Mhira aig gach àm comanachaidh o chionn àireamh bhliadhnaichean acur suas le moran mi-riaghailt us aimhreit, a bha air aobharachadh gu h-iomlan le malairt thruaillidh an òil, agus bha lan àm stad a chur orra. Tha sinn toilichte gun deachaidh sin a dheanamh.


Stor Ur! - Bathar Ur!

Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.


Thig sinn suas ris an fheadhainn as fhearr
ann an deanamh
Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa
Bathair-Each.

N uair a bhios tudol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’sen seorsas fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agussen seorsas fhearr a tha sinne daonnan a creic, agusse sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic.. .. . ..
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut.



[86]

[Vol . 10. No. 11. p. 6]

Domhnall Mor aBhocain.

LE DEARG MAC-DHONNACHAIDH.

IS ann de mhuinntir Lochabair bha Domhnall Mór, agus is ann anns an dùthaich sin bha e fuireach. Tha e air a ràdh gur ann de Dhomhnallaich na Ceapaich bha e agus gun robh e pòsda air bana Ghriogarach a Raineach. Bha en aDhomhnall Mór,” co dhiubh, iomadh la mun dfhuair e an t-ath leasachadh air an ainm a rinnDomhnall Mór aBhocaindeth gu ceann an t-saoghail. Is ann air bliadhna dhubh Thearlaich thachair, agus bho sgiorraman a thachair oirre, a thoisich an ni a bha ann air a bhi gu h-àmhgharach ag claoidheadh Dhomhnaill.

Bha air abhliadhna a bha ann, da thuathanach ann an Inbhir-Chadain an Raineach, agus aon chrann aca eatorra. Nuair thàinig gairm an éirigh, chuir am fear mu dheireadh a bha ris an treabhadh dhiubh iaruinnean na croinn am falach ann am bruaichean Allt Chadain agus mach a ghabh e leis a Phrionnsa òg. Ach, mo thruaighe e! thachair dha mar a thachair do iomadh duine eile a bhatreubhach a muigh agus meadhrach a stigh,” agus dhéirich a mach air an aon chuairt, cha do thill e tuilleadh. Thuit e agus a aghaidh ris an namhaid, agus bhrùchd an fhuil bhlàth bho a chridhe mach air an fhraoch aig Culfhodair. Bha a ghnothaichean fhéin sgaoilte, a thigh gun a chur an ordugh, agus a theaghlach gun an taic. Deuchainneach agus mar a bha sin cha robh ni ann air nach toireadh ùine leasachadh. Ach bha na h-iaruinnean sin ann agus gun fhios aig an duine aig an robh còir orra no aig duine eile càit an robh iad. Nam be ni air bith eile ach iarunn a bha ann cha deanadh muth no difir, ach nam biodh ni air bith a bha air a dheanamh de iaruinn, ’g a chumail bho an neach aig an robh coir air chan fhaigheadh taibhse an fhir bu choireach fois a dheanamh agus cha sguireadh i de bhi atathaich dhaoine gus an cuirteadh an gnothach ceart. A reir a bheachd sin cha burrainn do spiorad an duine a dhfhalaich na h-iaruinnean agus a bha mar sin ged nach bann de dheoing an cumail bho a choimhearsnach ann an Inbhir-Chadain, fois a dheanamh, ach bfheudar dha bhi asiubhal.

Bha Domhnall Mor fhein aig Culfhodair is ged rinn e a dhichioll ann thar e as. Mach bho sin chaneil fios air bith carson is ann ris-san seach a h-uile duine eile a dhluthaicheadh taibhse an fhir a Raineach, ach ge be aobhar a bha ann, no nach robh ann, air roghainn a dheanamh de Dhomhnall is ann air a thuit an aimliog. Bho sin a mach mur robh fois aig an taibhse cha mho bha aig Domhnall. Cha robh car a chuireadh e dheth nach biodh an taibhsen a bocan roimhe. Shios is shuas, a muigh is a stigh thachaireadh i air agus bu choingeis leatha fliuch is tioram, sian is feath. Bha na caoban agus na clachang an caitheadh air gach duine a bhitheadh anns an tigh. Cha ghabhadh dorus cumail dùinte, no biadh cumail glan. Chan fhaigheadh daimheach no taisdealach oidhche a chur seachad ann an sith. An oidhche bha Aonghas mac Alastair Bhain anns an tigh mhothaich e feadh na h-oidhche ni éigin adeanamh greim air a dha ordaig mhoir agus ged a bann an gramaiche aghobhainn bhiodh iad, cha burrainn daibh bhi nas do-fhuasgladh.

Bolc a bheatha bha ann. Cha robh sin fhein de riarachadh aig an duine sharaichte gum burrainn da aradh mar a thubhairt Conan is e air chuairt anns an ait anns nach robh achuideachd a bfhearr, “Mas olc dhomh chan fhearr dhaibh.” Anns acheud dolamach, shaoileadh an duine truagh an drasda is a rithis gun dfhuair e saor is i, agus theagamh mun cuireadh e an ath char dheth fhein, gur ann bhiodh i ri a thaobh no ri a aodann. Bha aon oidhche gu h-araidh, le uisge agus sian bha air bhi ann fad thri laithean, bha na h uillt air bhuaireadhn an caoir isn an deannruith sios thar gach bruach, agus cha robh dol null no nall ann do dhuine beò. Thàinig gean is gàire air Domhnall an uair a chunnaic e an oidhche bha ann. Shaoil leis bhon nach robh comas aig mhuinntir an t-saoghail fo thuinn dol thairis air uisge ruith, gum faigheadh e aon oidhche fhois, agus leis cho math is a bha e air a dhòigh agus gun robh nithean ann air an do leigeadh dearmad ro fhad leis an anshocair anns an robh e air a chumail, chaidh en a tharruing agus shin e air an cur ceart. Thog e sunnt leis an obair agus bha e ag gabhail air agus fonn aige an uair a mhothaich do ni éigin bhi atighinn am faire dha. Bha bocan Dhomhnaill an sin mar a bàbhaist. “Obh, Obh!” arsa Domhnall, “am bheil thu ann agus a leithid so dhoidhche? Ciamar idir fhuair thu seachd air na tuiltean mora ruadha so?” “Thàinig mi mun cuairt,” arsam bocan cho ciuin, socrach is ged nach deanadh e ach tighinn a ceann eile an tighe. Cha robh aig Domhnall air ach bhi ag cur leis an droch caramh a bha am bocan a deanamh air, mar a bàbhaist. Bha e gidheadh afeuchainn a h-uile seoltachd air sith fhaotainn. Ghabh e dochas aon uair nan teideadh e air imrich gu tigh eile, gum fanadh am bocan theagamh aig an t-sean laraich. Anns abheachd so fhuair e daoine agus sgioblaich iad leotha a h-uile ball beairt ach da chliath-chliata a bha ri taobh an tighe. Mun do rainig na daoine an larach ùr, thug fear dhiubh éigh as agus ghlaodh e, “Nach fhaic sibh an da chliath-chliata ud tighinn as ar déidh as an ceann fhéin!” “Ma tha sin mar sin,” arsa Domhnall, “is co math leam tilleadh. Gheibheadh e an rathad thun antighe ùir cho luath rium


MAC-TALLA

AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. ATIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1 .00SA BHLIADHNA DO CHANADAS DO NA STAIDEAN; $1 .52 DO BHREATUNN, DONEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE.


CEUD mile furain agus failt
Air aMhac-Talla, ceann an aigh!
S ann leam is ait gum bheil efas
O bhliadhngu bliadhn
An gliocas, tuigse, tur is ceill;
An eolas air gach ni fon ghrein;
Am meas, an clius am moran speis,
An ears an iar.

Chaneil fear eilen diugh fon ghrein
As mo don tug mithlachds aspeis;
S a bhuadhan co ni chur an geill
Le peanns le guth?
An t-armunn maiseach, uasal, grinn,
A choisinn cliu le luaths a phinn
Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir
S an cluinnteadhghuth.

Mo mhile beannachd aig an dream
A thatoirt aoidheachd dha gach am,
S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall,
An am an fheum’:
Dhearbh iad gum bheil fuil nan sar,
A choisinn cliu is buaidhs na blair,
Aruithnan cuislean gu bras, blath
S gach aitfon ghrein.

Bodachan aGharaidh.


THA NA H-UGHDAIR GHAILIG AS FHEARR ASGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN-T- SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN.

Cho Gaidhealach ri Fad Moine.”



[87]

[Vol . 10. No. 11. p. 7]

fhéin, agus bhon a gheibheadh, chan eil mise dol a thoirt mo shean laraich bhlath air son na laraich uir fhuair.” “Tha thu glé cheart,” arsa na daoine agus air ais a ghabh iad air ball.

Mar a bha ùine adol seachd, leis na bha e fulang bho riuth abhocain is ann thoisich e air smuaineachadh air cul a chur ri tir a dhuthchais. Eadar am bocan is dol thairis, cha robh e afaicinn ach dhiu, gun aon roghainn.” Mu dheireadh thall dhfhas e cho sgith de an droch caramh bha e afaighinn is gun dfhalbh e thairis math no dona. Fhuair e sith an uair a chaidh e air bord an t-soitheich, agus thoisich e air beagan misnich a bhi aige. An oidhche a rainig iad thall, chaidh e a thoirt sgriob troimh abhaile, agus mun do thill e bha e afeorach cuin a gheibheadh e soitheach a bheireadh dhachaidh a dhAlbainn e. Be am bòcan a cheud neach a thachair air air an t sraid. “Ciamar thainig thusa an so?” arsa Domhnall. Fhreagair am bocan cho ciùin socrach is a rinn e roimhe, “Thainig mi mun cuairt.” Thainig Domhnall air ais gu Lochabair air a cheud chothrom.

Chaidh aige as deidh so air doigh eigin, air toirt air a bhocan am fath air son an robh e a ruith duine beo mar so innseadh. Be sin an t-aon ni a bha am bocan ag iarraidh a dheanamh a chum is gum biodh e aig fois, agus nan coinnicheadh Domhnall e aig a leithid so dham, gun sgian, gun bhiodaig, gun ni air bith de iarunn a thoirt leis, dhinnseadh e dha a h-uile facal a bha aige ra radh. Rinn Domhnall mar a dhiarradh air. chainnt a bha eadar e is am bocan cha robh riamh air a innseadh, ach bha so air fhacinn as deidh sin gun deachaidh Domhnall gu h ealamh gu Inbhir-Chadain, gun do bhuirich e anns abhruach gus an dfhuair e iaruinnean na croinn, agus gun tug e iad don fhear a bfhearr coir orra. Agus be sin achuid mu dheireadh de bhocan Dhomhnaill Mhoir. —Am Bard.


Bhan Turus Fada.

Bha Eoghan Ruadh na chroitear anns aGhlaic fad ioma bliadhna. Bha e fada bochdgun fhios gu ro mhath ciod a bha cearr air— ’se direach a bhairgalar fadas eug na bhun.” Mu dheireadh thug en leaba air, ’s cha robh eg eiridh idir. Bha e fas na bu laiges na bu laige gu mu dheireadh an tubhairt an Doctair ri Mairi, bean Eoghain, nach robh uine fada a nis agus gum faodadh i rud air bith a dhiarradh Eoghan a thoirt dha, agus ma bha gnothaichean air bith aice rishocrachadh le Eoghan mar bu luaithe a ghabhadh in cothrom air sin a dheanamh gum be a bfhearr. Cha robh an doctair fada air a rathadn uair a ghlaodh Eoghan air Mairi, agus arsesan, “Tha migam fhairichdinn fein a fas lag, agus a Mhairi, tha ni beag no dha a bu mhath leam a shocrachadh mum fas mi nis laige. Chan fada bhios mise leat agusnuair a dhfhalbhas mi cuiridh tu don Chill-aluinn mi leis na daoine dam buin mi agus bheir thu ordugh do na h-uile duinesa bhaile tighinn thun an torraidh. Chaneil a bheag agam fhagail agad a Mhairi achs leat e uile, ’s am Freasdalgad chuideachadh!”

Tacan beag na dheigh so ghlaodh e air Mairi agus arsesanA Mhairi than t-acras orm, a bheil dad agad a bheir thu dhomh?” “Tha,” arsa Mairis i ga thogail na shuidhes an leabas a cur nan cluasagan mun cuairt air. “De thagad,” ars esan, “oir tha mi fann fann.” “Tha agamEoghain, deuran doghrual tana,” fhreagair Mairi. “Grual tana,” ars am fear a bhas an leaba, “gu dearbh nach be sin am biadh do dhuines an t-siorraidheachd air thoiseach air!” —Fionn.


Bardachd Naduir nan Gall.

(Air a leantuinn o thaobh 83.)

ag innseadh dhuinn gu bheil ar duthaich air a deanamh suas deshalachar a thilgeadh a thaobh an uair a chaidh aitreabh ghreadhnach an t-saoghail a chur suas:” gu bheil icho fada air deireadh ann am maise agus a than luchd-aiteachaidh ann am modh agus ann an deadh-bheus.” Tha aon eile dhiu, duine tuigseach, beachdail, a sgriobh mu chuig-bliadhna-deug roimh Chuil-fhodair, Mr. Burt, acoimeas mullach nam beann arda riceann sgreabach,” ag innseadhcho uamhasach agus a tha an sealladh an uair a dhamhaircear air ar beanntan on ear gus an iar agus a chithear am meudachd anacuibhseach, an cumadh oillteil, agus an dorchadas eagalach a tha eatorra leis an dubhar a tha gach aon atilgeadh.” Ach dhfalbh an latha so. Thug Seumas MacMhuirich seachad Bardachd Oisean anns aBheurla o chionn dluth air seachd fichead bliadhna; agus riamh on am sin tha Litreachas nan Gall agus nan Sasunnach cho lan de mhaise na tìre agus a bha i roimhe sin cho falamh. Coma an trathsco-dhiu is e MacMhuirich e fhein a rinnOiseanno nach e. Bfhior Ghaidheal e a dhaon chor. Be acheud aon a sheinn am port so do na Goill; agus tha iad gu dichiollachg a dhannsadh gus an diugh.

D. MK.


Bha Domhnull posda an darna h-uair agus bha a bhean an comhnuidh afeorach dheth co a bfhearr leis ise na a cheud bhean a bhaige. Cha dthug e freagradh sam bith an toiseach, ach bha ig a sharachadh, agus aon latha an deigh dhi a cheist a chur ris, fhreagair e gu cas i; “Gu dearbh a Chaorstidh, tha mi a fas sgith dhen cheasnachadh sin, ach air mfhacals air mfhirinn, nam biodh Mairi beo an diugh cha bhiodh tusa far am bheil thu.”


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAIR.

[Clàr - ama]


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO.
Sidni, C. B.
Phone 217
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN,
&c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[88]

[Vol . 10. No. 11. p. 8]

Marbhrann do Aonghas MacEacharn
a chaidh a mharbhadh an Californias a bhliadhna 1857.

LE DOMHNULL MAC-GILL-FHAOLLAIN.

N sgeula thainig thar tuinn,
Sgeula dubhach ar caoidhs ar broin,
Sgeula cruaidh nach ait leinn,
Air an Eacharnach ghrinn nach beo;
Tha do bhràithrean dheth truagh,
S iad gun mhacnus, gun luaidh air ceol,
Thu bhin cadal nach gluais,
Thall air beanntannan fuar an oir.

Gur e tfhàgail air chùl
Chuir do chàirdean gun sunnd rim beò,
A chuir snighair an sùil,
S beag an t-ioghnadh, than ionndrain mor;
Co a sheasas do chliù,
Bhon la fhuair thu bhon bhrùid do leòn,
A chuir Ailean ort ùir,
Air bheanntanaibh dlùth a cheò?

Eadar deas agus tuath,
S fads a bha thu air chuairts gach cearn,
Do mhac-samhuil cha dfhuair
Riut gu seasamh cha chualas e;
Bha thu curanta, cruaidh,
Bha do mhisneachtoirt buaidh air càch,
Bha thu treun am measg sluaigh,
N uair a thogte tfhuil uaibhreach, àrd.

Cha robh tlachd air gillog
Nach do thog thu le eolas suas,
Fhir bu ghrinne mun bhord,
Dha robh spiorad, ’s ochoin! bu dual;
Nam be spionnadh do dhorn
Bhiodh tu feuchainn le comhraig chruaidh,
Bhiodh do naimhdean fo leon,
S cha bhiodh tusa fon fhodsan uaigh.

Bha thu laidirs an streup,
Bha thu foghainteach, treun, gun sgàth,
Ann an cluichs ann an leum,
Bu tun curaidh nach eisdeadh tàir;
Bha do nàdar math reidh,
A co-sthreup ris gach beus a bfhearr;
Chaill na Gaidheil an reis,
Bhon la thuit thus nach eirich slàn.

Fhir gun ghaise, gun ghiamh,
Gun taise, gun fhiamh, gun sgath,
Rachadh laidirsan t-stri,
Cha do sheas anns a mheinn na bfhearr;
Cuim nach sgaoilte do ghniomh
Ann an eachdraidh, ’s am bial luchd dàin;
Sgeulas cruaidhe bhon iar,
Thu bhid shineadh air sliabh fon chlàr.

S e bhi dshineadh fo bhùird,
Chuir do bhraithrean gun sunnd a ddheigh,
Gun do chairdean ri dchul,
Gus do thogail air ghiulan ceum;
Gus do chuir anns an ùir
Fhir nach tionndadh do chuls an t-streup
Dhfhag sud deoir agus tùrs
Air do mhuinntir addhùthaich fhéin.

Chaidh thu, ’Ailean, bho dcheil,
N àm do litir a cheireadh suas,
N uair a sgriobh thu mun sgeul
Nach bu shubhach ri eisdeachd bhuat;
Thu thighinn dhachaidh leat fhein,
S e na shineadh, ’s be am beud a luaths;
Dhfhàg iad thu fo throm chreuchd,
A dheagh Mhic Eachran, a beuchdach buaidh.

Dhfhàg thu tathair gun sunnd,
Bhon lafhuair e sgeul ùr do bhais,
Tha lion-dubh air a ghnùis,
S trom an t-eallach ri ghiùlan e;
Tha do pheathraichean ciùirt,
Goirt le tiomadh gun sunnd ri stath,
S trom an osnasa chùil,
S deoir a tuiteam bhon sùil gu lar.

Tha na Gaidheil an Iar
Ga do chumha, ’s gum bfhiach thu e,
Bhon la chaill iad an t-ian
Bhair an culthaobh mar sgiath gan geard;
Och, a dhaoine! cha bhreug
Tha mig innse dhuibh sios le mdhàn;
S tric a dhearbh e gum bfhior,
S e a choisneadh air beulthaobh chàich.

Bha thu siobhaltadchainnt,
Cha robh eallach le sannt ort suas,
Bha do nàdar gun sgraing,
Cridhe duineil, ’s cha bann le fuath;
Bha thu caoimhneils gach àm,
Bha thu iochdmhor, neo-ghann, gun chruas,
Fhir nach leughadh an call,
Ged a chosgadh tu bonn na luach.

Bha thu ceanalta, suairc,
H-uile taobh anns na ghluais thu og,
Bha do chridhe mar chuan,
N uair a shuidhe tu suas aig bord;
Fhir a chosgadh gun ghruaim,
S a phaigheadh a luach le or,
Bfhearr leat onairs uaisl’,
Na do ghini bhi buan adphoc.

Ghleidh thu urramus cliù,
S gun do shaoghal na dùine ach gearr,
Bha gath a bhàis air do chùl,
Roimh sheachnadh nach lùbadh e;
Chuir e Domhnulls an ùir,
S baobhar gearain is diubhail e,
Achs e so an sgeul ùr
Dhfhàg Cloinn Eacharn gun sunnd gu bràth.

Bhons e am bàs ar ceann-crich,
S eigin striochdadh don Ti as mo,
Guidheam sonasus sith
Dha t-anam gun diths en gloir;
Aonghais oig a chuil duinn,
S goirt do chuideachd, ’s e brigh mo sgeoil,
Do mharbhrann ga seinn,
S tusa adshineadh air beinn an oir.

Cha duisg caismeachd na piob;
Cha duisg neach thu le innleachd làmh;
Cha soillsaich a ghrian
Air do leabaidh, far an triall do thàmh;
Biodh ar n-urnuighean dian,
Bhon fhuair sinn sgeul fior do bhàis:
Tha mo dhochas an Dia,
Gu bheil t-anam gun phian aig tàmh.


Facal a Montreal.

Cha bhithinn as aonais a phaipear Ghailig ged bhiodh e notsa bhliadhna. Ged nacheil mi fhein math air litir Ghailig a sgriobhadh, theid mi troimh na h-uile facal dheth cho luath ris a charbad-iaruinn an la thig e mun caidil mi, le mor thoil. Agus nam biodh a h-uile mac agus nighean ann an Canada aig am bheil Gailig mar tha mise, bhitheadh MAC-TALLA a choig uireadsa tha e. Chaneil teagamh sam bith nam bitheadh Gaidheil Chanada dileas air son a Ghailig a chumail suas, nach burrainn iad dolair a sheachnadh gus cuirga iarraidh.

Ma gheibh mi misneach mhath bhon t-sluagh,
Aig ceann gach seachdain bheir mi cuairt,
Le comhradh, orain agus duain
A chuireas fuadach air gach gruaim,
Us bidh mo thaic ri cainnt nan Gaidheil,
Gum faigh icoirsa h-àite fhein;
Oirs iomadh bàrd a sheinn a cliù,
Ged tha in diughga cur air chùl.

Eiribh suas ma ta gu dileas
Dhion bhur dùthcha, ’s cliù bhur sinnsir!
Us bithibh seasmhach, fearail, cruaidh,
An taic MHIC-TALLA mar bu dual;
S ged bhiodh bhur saothair searbhus buan,
Cha robh na Gaidheil riamh gun bhuaidh.

DOMHNULLACH.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt,
faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Ceannachd Posta.
Tha sinn faisg ort cia be ait am bheil thu.. .. . ..
Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dhAirneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu ga iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir tainm ugainn air post card agus gheibh thu e.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


CLOIMH! CLOIMH!

THA sinn a paigheadh a phris as airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dhan stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.

Mills, Mac Coinnich & Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham,
Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 11
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 11. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page