[Vol . 10. No. 12. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 20, 1901. No 12.
Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.
LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.
CAIB. XVIII.
TILLIDH sinn a nis air ais do ’n Ghaidhealtachd. Tha iomadh caochladh ’sa Ghleann o’n a dh’ fhàg sinn e mu dheireadh, ged nach ’eil an ùine ro fhada. Bha fiabhrus gle dhona ’n iomadh cearn de ’n Ghaidhealtachd air a bhliadhna ’chaidh seachad, ’s rinn e droch sgrios ’sa Ghleann, mar ri iomadh àit’ eile. Dh’ fhag e Catriona na dilleachdan, agus mar sin an taing Ailein ruaidh na bu mhotha na bha i riamh. O nach d’ fhuaras guth o Aonghas o’n a dh’ fhàg e tir an fhraoich, bha daoine smaointean nach robh e beò, oir bha iad ag radh nach buineadh Aonghas do ’n treubh a dhichuimhnicheas am pàrantan cho luath ’sa dh’ fhàgas iad an sealladh ’san t-seann nead, agus thionndaidh an t-amhrus so gu cinnt an uair a chual iad nach do rainig an long air na sheòl e a ceann-uidhe riamh. Cha do mhi-chord an sgeul so ri Ailein ruadh idir, agus dheanadh e fhein gach sgeul a bha e ’cluinntinn mu ’n chùis na bu duibhe ’s na bu chinntiche an àm a bhith ’g an aithris do Chatriona, rud a bha e cinnteach a dheanamh, gu h-àraidh na’n cluinneadh e ni dh’ fhàgadh bàs Aonghais na bu chinntiche. Cha robh cothrom nach robh Ailein coir a gabhail gus cuimhne Aonghais a dhubhadh ’s a chur á inntinn ’s á cridhe Catriona.
“Rud fortanach dhutsa cuideachd, a Chatriona,” ars’ esan, aig àm, ’s e bruidhinn mar so, “gu bheil an slaodaire mor, le ’theanga shleamhuinn, na bhiadh bhiorach fada roimhe so, ’s mar a biodh tu fhein gun tùr shealladh tu air mar so cuideachd, an sàbhaladh a chaidh ort, oir cha bhiodh agad ach a bhochdainn ’sam brochan dubh comhla ris ri d’ bheò. ’S na ’m biodh fios agad dé bhiodh a chum do mhath, ghabhadh tu gu toilichte agus gle thaingeil mo sheann charaid, an Drobhair breac, aig a bheil fearann agus spreidh, agus gliocas ’na cheann. —Glas, an dubhairt thu? Tha e glas gun teagamh; ach dé dhe sin. Cha’n ’eil e cus os cionn tri fichead bliadhna! Agus smaointich thusa air an spréidh a th’ aige? Tha coig-deug aige de chrodh ballach, boidheach Gallda, agus bha e ag innse dhomh an dé gun do rug an té mu dheireadh dhiubh an la roimhe. Smaointich fhéin, a chreutair ghòraich: coig-mairt-dheug Ghallda, agus coig-laoidh-dheug nan cois! ’s iomadh té a bhiodh gle thoilichte an tairgse ’ghabhail a dhol nan ceann. Agus bha e ag innse dhomh ’n dé gu ’m feum e, mur a gabh thus’ a thairgse eadar so agus ceann seachdain eile, searbhanta fhastadh—nach urrainn e-fhéin ’s a sgalag an gnothuch a dheanamh. Bu tu fhéin a ghòrag gun tùr, mur a gabh, ged nach pòsadh tu e ach air son mi-fhin a thoileachadh ’n déis na rinn mi air do shon. Seall fhéin an t-eòrna ’th’ aige! Cha fhaca mi ’leithid riamh! Agus na mucan—a deich mhora—cha ’n fhaca mi idir an aicheadh!” B’e so, no car dhe leithid, a bhiodh Catriona ag éisdeachd, gle thric moch ’us anamoch.
Cha ’n ’eil gruaidh Catriona cho dearg no cho cruinn ’sa bha, no idir a ceum cho aotrom, ’s cha ’n ’eil fiamh a ghàire ri fhaicinn a nis idir air a gnùis bhòidheach. Ged a bha càch cinnteach á bàs Aonghais, bha Catriona ag altrum beagan dòchais fhathast, ged a bha gach ni ag amharc cho dubh, duaichnidh ’s a ghabhadh a bhith. Cha robh i ag ràdh a bheag an aghaidh bràthair a màthar aig àm sam bith, ach leig i fhaicinn dha gu soilleir ann am beagan bhriathran nach pòsadh i an seann Drobhair breac air son maoin, na fear eile. Cha dubhairt i dad ri Ailein an aghaidh gach maoidheadh a bh’ aige oirre air na rinn e rithe. Cha do fhreagair i gun do phàigh i tri fillte e le ’h-obair na ’thaigh o’n a chaidh i ann. Ach ’s ann a bha Ailein còir a nis air son a faighinn far a lamhan, ’s e nis na bhantraich. Mu ’n robh e ach gann mios mar sin thòisich e air smaointean na inntinn fhéin air cho math ’sa fhreagradh tochradh reamhar aon seann nighean mhor Uilleim ghobha ’sa chuid fhéin air a chéile. Air son sin a thoirt mu ’n cuairt thug Ailein ionnsuidh air duine òg a dheanamh dheth fhéin. Ged a bha Catriona trom-inntinneach, rinn i snodha gàire latha ’s i air a dhol a stigh do sheòmar diomhair Ailein ’ga chur air doigh. Bha ann a sin de bhotuil bheaga ’s do chrogain anns an robh, ma b’ fhior, stuthan a dh’ fhàgadh daoine cho suigeartach, òg, aotrom aois fichead bliadhna—a bheireadh air falt glas fàs sleamhainn, dubh—agus na b’ fhearr na sin, a bheireadh air falt fàs far nach robh e, air gach coiseachd latha bha eadar a h-uile gas aonaranach a bha geard seann cheann Ailein ruadh nam bó. Ach gu tubaisteach, co-dhiu ’chuir Ailein an stuth cearr ri ’cheann no nach do chuir, thug e caochladh cruth air co-dhiu, oir fhuair o aon mhaduinn ghrianach, ’s e air dùsgadh o bhruadar thaitneach, (anns an robh e ’ga fhaicinn fhéin le ceann air an robh barr math fuilt) gun ghas idir, ach a h-uile friodhan a bh’ ann a cur fàilte na maidne air air a chluasaig, agus an darna taobh dhe ’n fheusaig aige cho briagha dearg ris an sgarlaid, mar a dh’ fhàs an corr dhe aodann an uair a chunnaic e e-fhéin.
Cha robh Ailein idir cho còir ri Catriona o’n a dh’ fhàgadh na thaing buileach i, gun athair gun mhàthair, agus cha robh smaointean idir aige nis air fiach fride dheth chuid fhàgail aice. ’S ann aige nach robh, ’s gun fhios nach ann a chuireadh am freasdal agus nighean mhor Uilleim ghobha oighre air fhéin fhathast. Air son bàs Aonghais a dheanamh cinnteach do Chatriona, rinn Ailean agus an Drobhair breac suas litir eatorra gu Catriona, mar gu ’n tigeadh i á tìr chéin, agus litir eile na broinn, a fhuaradh, ma b’ fhior, air corp Aonghais, a bh’ air a sgriobhadh uice fhéin, agus air an robh choltas a bhith ’san uisge ùine mhor. Cha deanadh an sgoileir a b’ fhearr a mach dé bh’ innte, agus cha b’ ioghnadh, an déis dhi bhith fad mhios an grunnd barailte sàile ann an taigh an Drobhair bhric! Bha iad air an gonadh o nach do bhuail Catriona na basan an uair a fhuair i an litir. Ach cha do leig i ’bheag oirre; ’s docha gu robh amhrus aice air na seòid.
Thainig air an Drobhair falbh mu dheireadh gu margadh leis an drobh bheag a bhiodh e ceannach uair ’sa bhliadhna. B’ ann an uair a shaoileadh e ’bhiodh na daoine bochda ’s na bantraichean nan fior éiginn, agus a bhiodh e cinnteach am faighinn gu math saor, a bhiodh an Drobhair breac a ceannach a chruidh. An uair a chluinneadh e fathunn air duine bochd mar so, dh’ fhalbhadh e sgriob, ach cha ghabhadh e direach gu taigh an duine idir. ’S docha gu ’n rachadh e seachad air mile no dha, ma b’ fhior air gnothuch eile, agus air a thilleadh rachadh e stigh a dh’ iarraidh bior-stocainn a dh’ fhosgladh a phiob ’s i air stopadh air, rud a bha nàdarra gu leòr. Ach chitheadh e le deireadh a shùl an damh beag dubh mu ’n rachadh e stigh, agus dheanadh e suas na inntinn fhein dé b’ fhiach e agus an sin dé bheireadh e air.
“Tha sibh gu math, a bhean?” thòisicheadh an Drobhair breac. “Dé tha cearr air cas an aighe dhuibh a chunnaic mi muigh ud? O, ’n e damh a th’ ann! Tha ’n ceann aige coltach ri ceann aighe co-dhiu. Bha e crathadh a choise; cha chreid mi nach ’eil at innse. O, ’s docha nach ’eil, ’s docha nach ’eil a bheag cearr air, cha do sheall mise ro mhath air. Dùil agaibh a reic, a bheil? Ma ta, ’bhean bhochd, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil Ruairidh feumach air rud a neartaicheadh e gun teagamh, ged nach deanadh e ach tighinn thun an teine fhéin. Ach tha eagal orm nach bi e soirbh dhut a reic, tha na prisean air tuiteam, cha ’n ’eil cogadh a dol, gu mi-fhortanach, ’s tha ’n crodh cho pailt; bha moran dhe ’n chrodh ’san Tuirc aig an robh da laogh am bliadhna. Tha iad ag ràdh ’rithist, nach ’eil feòil dhamh tha ag ithe an fhraoich ro fhallain. Agus aithnichidh neach sam bith air calg an daimh agaibhse gur fraoch a bheathaich e. Ach nach mi chaill mo shuim! ’s nach robh duil agam ach seasamh. Chum Dughall mor shuas ann a sid mi cho fada. B’ àill leis gun toireadh e orm na daimh aige fhéin a cheannach. Ach (le osna) tha ’n t-airgiod gann, tha ’n t-airgiod gann. Feasgar math leibh, a bhean. ’S mi tha duilich a thaobh Ruairidh. Na ’m biodh greim aige de bhiadh sughmhor fad mios no dha, cha bhiodh duine san dùthaich cho làidir ris.” Rachadh e ceum thun an doruis, ’s sheasadh e. “ ’S toil leam fhìn Ruairidh, ’s dheanainn rud air a shon na ’m b’ urrainn mi. Agus o’n a thuit dhomh tighinn an rathad tha mi coma (ged a bhios call mor, mor agam as) ged a bheirinn dhut sia tasdain deug air a ghamhainn. Bidh sin agad, a bhean, a dha—dheug—air—fhichead de shiathacha-sgillinn, agus is iomadh greim blasda, làidir a cheannaicheas sin.”
Cha ’n ’eil an so ach samhladh de cheannach an Drobhair bhric. Ach ged a bha e deanamh dùbladh, agus na uairean a thri uiread ’sa bheireadh e fhein orra, ’s mar sin a cur ma seach airgiod gu leor, cha robh caileag no cailleach san dùthaich a phòsadh e uige so. Bha e cho féineil ’s nach drughadh e air an inntinn aige idir nach robh iad ’ga iarraidh. Co ’n té a choisich feur a dhiùltadh esan—an Drobhair! ’S ann a bha e smaointean nach robh iad ’ga ghabhail da rireadh idir—gun robh e tuilleadh is àrd os an cionn, ’s mar sin nach b’ urrainn dhaibh a thuigsinn gu ’n robh bean bhuaithe am measg nan cumantan. B’ ann mar so a bha e riarachadh inntinn fhéineil
[Vol . 10. No. 12. p. 2]
fhéin. Ach bha làn dhùil aige ri Catriona. Ghabh e barrachd dragh air son a buanachd na ghabh e ri gin riamh roimhe. Ach b’ ann air an tochradh ’bha Ailein a gealltainn dhi a bha ’n Drobhair a suiridhe, ged nach robh dùil sam bith aige ’thoirt seachad ’nuair a bhiodh an snaim ceangailte. Cho ladarna ’s gu ’n robh ’n Drobhair gu cumanta, cha d’ fhuair e riamh de mhisneach na thuirt a bheag ri Catriona fhéin. Bha sealladh a bha na gnùis ’ga chumail aig seanachas eile. Ach fhuair e e-fhéin cho tapaidh aon latha, ’s glaine mhath làidir shios aige, ’s gun do dh’ fhosgail e ’n cuspair a bha gus duine sona dheanamh dheth mar so; “Gu—gu d—dé theireadh tu, ’ghra—ghràdhag, na ’n iarradh duin’ -uasal thu ri d’ phòsadh? Na—nach tu bhiodh toilichte!”
“B’ fhiach e taing a thoirt dha co-dhiu,” arsa Catriona. “Ach cha ruigeadh e-fhéin a leas innseadh dhomh gu robh e uasal. Na ’n deanadh e sin dh’ iarrainn air e-fhéin agus uaisle agus a thairgse ’thoirt gu margadh eile.”
“Cha—cha ’n ann mar mhagadh ’tha mi idir,” ars’ an Drobhair.
“Cha ’n ann no mise,” arsa Catriona, ’S cha robh ’n corr eatorra.
Coma co dhiu fhuair an Drobhair an drobh air an turus so, agus mu ’n d’ fhalbh e leis dh’ fhàg Ailein ruadh e ’n deagh dhòchas le innseadh dha gu ’m biodh Catriona gle thoileach a ghabhail an uair a thilleadh e—gu ’m fàgadh esan a beatha cho mi-thaitneach na thaigh fhéin fhad ’sa bhiodh esan air falbh ’s gu ’m bu bhuidhe leatha ’n tairgse ’ghabhail a rithist. Mar sin làn misnich agus dòchais thog an Drobhair air gu margadh, le chrodh, ’s le chù, ’s le bhata.
(Ri leantuinn).
Leum an Garadh Far an Isl’e.
MA tha mi tuigsinn an t-Sean-fhocail gu ceart, ’s e so brigh a theagaisg. Anns gach ceum do d’ dhleasdanas air thalamh—anns gach ni a thig fa d’ chomhair a bhitheas mar fhiachaibh ort a ràdh no dheanamh, tha do roghainn de dhà dhoigh agad airson do dhleasdanas a choilionadh. Tha aon de na doighean so na ’s ’usa, na ’s seimhe, ’s na ’s modhaile na ’n aon eile; agus tha ’n Sean-fhocal ag iarraidh an doigh is ’usa’s is modhaile ’roghnachadh. Is aithne dhuinn gu leir co bhuaithe tha samhladh an t-Sean-fhocail ag eirigh. Air croitean beaga na Gaidhealtachd tha ’m fearann aitich ’s an t-ionaltradh sgarte o cheile le gàradh. Deireadh an earraich, an uair a theid am pòr ’s a’ ghrunnd, cuirear an crodh, na h-eich ’s na caoirich cul a’ gharaidh dhroma. Cha ’n ’eil, mar is trice, an greim ach lom cul a’ gharaidh; agus chithear, gu minic, an spreidh a’ sealltainn, le suil mhiannach, acrach, air an fhochann ghorm ’s air an fheur dhlù a tha cinntinn taobh stigh a’ gharaidh. ’S ann, mar gu ’m b’ eadh, ri mart òg gun ghò, a tha earail an t-Sean-fhocail, gu litireil air a labhairt. Air bò, no air each, no air caora mhi-mhodhail cha ruigear a leas comhairle de ’n t-seorsa so a thoirt. Tha ’n comhairle ’n an ceann fein. Cha ’n ’eil neach a chunnaic mart a’ cur a cinn tha gàraidh, ’s a beachdachadh gu geur air a’ chuirm a tha fa comhair—a toirt suil luath a sios agus a suas air eagal gu bheil cù no duine ’s an t-sealladh—a tomhas airde a’ ghàraidh r’a neart ’s r’a h-acras fein—a’ toirt ceum air a h-ais ’s air a h-aghaidh dh’ fheuch am faic i bearn no isleach no eadhon àite socrach d’a casan airson a leum, nach aidich ge b’e cho feumail ’s a tha ’n earail “Leum an garadh far an isl’ e” a thoirt air daoine, gu ’m b’e bhi ’cur ime do thigh àiridh a toirt air crodh.
“Leum an gàradh far an isl’ e” —ach, nach i ’cheud cheist, an còir an gàradh a leum idir? Cha ’n i so, a charaid, a cheud cheist, no ’n dara ceist. Ann am fior bhrigh an t-Sean fhocail, cha cheist idir i. Tha sinn, gun teagamh, a’ cleachdadh an t-samhlaidh—leum a’ ghàraidh—gu tric, airson a bhi deanamh an ni nach bu choir. Tha ’n samhladh freagarrach; oir, anns an t-seadh so, ’s e ’n gàradh a chrioch a tha eadar am fearann toirmisgte. Cha ’n ’eil teagamh nach ni mi-laghail a tha ’bhò a’ deanamh; agus feudaidh e bhi gu ’m b’i cheud cheist a bu choir dh’ ise fheoraich, co dhiu bha no nach robh e ceart an gàradh a leum, an aite iosal no ard. Ach fhreagair am mart a’ cheist, ma ’s e ’s gu ’n do chuir i i, mar a fhreagras a’ chuid mhor, de ’n chinne dhaonna i, air a doigh fein. Ma dh’ fhaodte gu bheil e cho fior mu chrodh ’s a tha e mu dhaoine gu ’m faigh iad
“Tuilleadh beannachd ann an dùil,
Na an crùn le bhi ’na sheilbh;”
ach cha chum so crodh na ’s mo na daoine toilichte le bhi ’n comhnuidh a’ beathachadh air duil.
Is ceist mhor agus chudthromach a cheist so mu leum a’ ghàraidh—cha teid na ’s cudthromaiche mu d’ choinneamh air thalamh. An còir an gàradh a leum idir; agus ma tha so ceadaichte air uairean, c’uin’ is còir agus c’uin’ nach còir; is ceistean iad so a tha tur eadar-dhealaichte, agus na miltean uair na’s cudthromaiche na ’cheist a tha ’n Sean-fhocal a’ dusgadh. Is ceist so a tha buntainn ri ciod tha laghail, agus ciod tha mi-laghail—ciod tha ceart agus ciod tha cearr. Tha ’n Sean-fhocal a’ buntainn a mhain ri ceist gu mor is isle na so—eadhon ciod tha iomchuidh no freagarrach agus ciod nach ’eil. Tha ’n Seanfhocal a’ gabhail os laimh, mar gu ’m b’ ann, gu ’n do shocraich thu a d’ inntinn fein gu bheil e laghail dhuitse, air an àm, an gàradh a leum; agus an sin tha e toirt comhairle ort airson an doigh anns an leum thu e. Mur biodh a’ chuis mar so—na ’m biodh e an teagamh co-dhiù bu choir an gàradh a leum no nach bu choir, bu theagasg cunnartach teagasg an t-Sean-fhocail, oir an sin bu sheoladh e airson euceart a chur an gniomh air an doigh a bu taitniche ’s a bu tearuinte.
Cha ’n ’eil earail an t-Sean-fhocail, ma ta, a’ buntainn, ann am fior-bhrigh cainnt chothromaich, ri d’ bhuannachd ’s ri d’ thoilinntinn fein ’s do choimhearsnaich ann a bhi ’cur do dhleasdanas an gniomh. Cha ’n ’eil, mar so, teagasg an t-Sean-fhocail a’ buntainn ris a’ choguis idir ach ris an tuigse. Cha ’n ’eil umhlachd a thoirt d’a theagasg ceart, agus easumhlachd cearr, gu bhi labhairt gu neo-chearbach: ach a mhain buannachdail no caillteach. Bhiodh ar n-Aithrichean gu tric a’ cur dealachaidh eadar Lagh ’us Ceartas agus tha sin comasach, ach dhuinne tha e moran na ’s feumaile bhi cur dealachaidh eadar na nithean a tha mhain iomchuidh no freagarrach. Is ni cunnartach each a chur air teaghair ghoirid ri aodann gairt. Ach ma bheir thu do ’n each a chur air teaghair cho fada ’s gun ruig e air a leoir feoir, cumaidh teaghair gle shuarach á cron e; mur toir, brisidh an t-acras an teaghair, agus cha ’n ann air feur a chromas an t-each an uair a gheibh e ma sgaoil. Is tric a bha mi smuaineachadh gu ’n do ghiorraich sinne an teaghair air uairean gus an deach a briseadh; agus gu ’n cuala mi uair ’us uair teagasg anns an robh feur air a thoirmeasg cho maith ri fochann—an e gu’n robh sùil a’ bhuachaille cho claon no cho dall ’us nach bu leir dha co-dhiu b’e feur no fochann air an robh an treud an tòir?
’S e do bhuannachd an comhnuidh geill a thoirt do earail an t-Sean-fhocail; agus tha mi meas gur e do dhleasdanas e mar is trice. Nach e do dhleasdanas e do ghnothuch a dheanamh air an doigh is lugha dragh dhuit fein ’s is mo toilinntinn do d’ choimhearsnaich? Nach e do dhleasdanas a’ chainnt is modhaile ’s is taitniche a chleachdadh a chum do smuaintean a chur an ceill? ’S e gun teagamh; ach is aon dleasdanas an gniomh a dheanamh no ’chainnt a labhairt, agus is dleasdanas tur dhealaichte an doigh air an deanar an gniomh no air an labhrar a chainnt. Tha slighe an dleasdanais, air a feabhas, docrach, garbh; is e do dhleasdanas cho maith ri d’ bhuannachd an ceum is socraiche thaghadh. Feudaidh amannan teachd anns am fairich thu gur e do dhleasdanas, a chum fianuis fhollaiseach a thoirt an aghaidh eucoir no air taobh firinn shonruichte, an ceum is docraiche ’s is cunnartaiche ’thaghadh. Gheibh thu air uairean cuid de nithean ri dheanamh ’s ri ràdh, anns a’ bheil an doigh air an oibrich thu ’s air an labhair thu cho feumail a shonruchadh ris an obair ’s ris an labhairt fein.
Ach cha tachair so ach ainmig. An uair a shocraicheas thu ann ad’ inntinn fein ciod e do dhleasdanas, tha thu, mar is trice, sàbhailte ann a bhi gabhail seoladh an t-Sean-fhocail a chum do dhleasdanas a choilionadh. ’S e Modh ann an cainnt agus Seoltachd ann an gniomh teagasg an t-Sean-fhocail. A’ bheil na feartan so dligheach d’ ar Sluagh? Theirinn gu bheil ann an tomhas na ’s mo na shaoilear; agus co-dhiu ’s e mo bheachd gur fiach fheoraich c’aite ’bheil sinn lag, agus c’aite ’bheil sinn laidir anns na cuisean so. Gheibhear an Sean-fhocal aig na Goill—“Loup the dyke where it’s laighest. ”Tha e cosmhuil gu ’n tug an dara Sluagh an Sean-fhocal o’n t-Sluagh eile. Co aige aca ’chinn e, cha ’n fhios duinn, oir bha ’chleachdain o’n d’ eirich an samhladh cumanta do ’n dà Shluagh. Ach co-dhiu a fhuair sinn an Sean-fhocal na thug sinn seachad e, chaidh a theagasg a sheirm ’n ar n-Eachdraidh; agus air aon doigh co-dhiu thug sinn geill do’n teagasg nach d’ thug moran shluagh eile.
’N ar co-luadar ri coigrich, agus, feudaidh mi ’radh, ri càch a cheile, nochdaidh sinn, ann an Gaidhealtachd na h-Alba, ’n ar cànain, ’n ar guth, ’s ’n ar giulan barrachd meas agus urraim na nochdas na Goill. Anns an ni sin ris an abair sinn modh, tha ’n Gaidheal, anns an rioghachd so co-dhiu, fada air thoiseach air a’ Ghall. Cha bhiodh e duilich aobhar no dha fhaotainn ’n ar n-Eachdraidh airson cho teom ’s a tha sinn air urram ’us meas a thoirt seachad; ach tha mi de ’n bheachd nach ann an Albainn a mhain a gheibhear an Gaidheal air thoiseach anns a’ bhuaidh so. Dearbhar gu soilleir, tha mi meas, gu ’m buin a’ bhuaidh so ann an doigh chomharraichte d’ ar Sluagh. Bheir Gaidheil na h-Eorpa barrachd air na Cinnich eile ann am maise an conaltraidh ’s an giulan ann an cuideachd. Tha fios againn nach ’eil Sluagh ’s an Roinn-Eorpa a thig a nios ris na Frangaich ann an suas ’s an grinneas, ’n an giulan, ’s ’n an obair. Airson modh a’ chainnt tha ’m Frangach comharraichte. Agus cha ’n ’eil teagamh agam nach e ’m boinne Gaidhealach a tha ann am fuil an Fhrangaich a thug a leithid de atharrachadh as an Laidinn, neartmhor, riaghailteach, greadhnach mar iadsan a labhair i, ’us gu ’n do thiunndaidh i ’n a Fraingis—cànain, shnasmhor, loinnearach, mhilis, gheur. Ann am Breatunn, cha ’n ’eil teagamh nach labhair na Gaidheil na ’s fearr agus na ’s modhaile, a reir am foghluim, na labhras na Goill. Tha cunntas creideasach againn air urram na Uelseach agus na Manannach ann an labhairt. Co nach cuala mar a shleamhnuich an t Eireannach a’ theanga ri Clach-an-t- sodail; agus co aige nach ’eil fios
[Vol . 10. No. 12. p. 3]
gu ’n do gheuraich e i gu maith ’s gu ro mhaith ri Leac-na-fanoid?
Theirear gu tric agus theirear le firinn nach faighear Sluagh an diugh air aghaidh an t-saoghail, air cho beag foghluim, a labhras cho cothromach, agus a bheir uiread dearbhaidh air bhi faighinn fior thoilinntinn ann am maise cainnt ’us samhlaidh, ann am Bàrdachd ’s an Seanachas, ri Gaidheil na h-Alba. Bheireadh an dachaidh leth-oireach agus caithe-beatha cairdeil nan Ceann-cinnidh ’s nan Uaislean teangadh mhodhail ’us giulan cuirteil do ’n t-Sluagh; agus thug a bhi ghnath ’g eisdeachd Bardachd ’us Sgeulachdan deigh dhoibh air smuaintean àrd ’s air cainnt ghloin nach do dhealaich riu, ged theirig, ann an tomhas mor, na deagh chleachduinean sin. Cha robh eolas Eachainn Thiristich ro fharsuing, ach chuireadh a sheanachas, ann an urram ’s an deisead cainnt, beul sios air moran de Sgoilearan Albainn.
“Cuairtear. —An e so Eachann?
“Eachann.— ’S e so fhein, le ’r cead, na tha làthair dheth; a’ bheil sibh fhein ’n ’ur slainte?
“C. —Cha ’n fhaod mi bhi gearan. Co e ’n t-òganach a tha leat an so, Eachainn?
“E. —Sgonn balaich as mac dhomh, aig a’ bheil toil seanachas a bhi aige ribh. Thainig sinn á mach á Tirithe le làn bàta, le cead duibhse, de mhucan granda; agus ma tha leth-uair an uaireadair a dh’ ùin’ agaibh ri sheachnadh, tha sinn fior thoileach ’ur comhairle fhaotainn.”
’S e ’n “Cuairtear,” gun teagamh, a sgriobh an comhradh; ach cha ’n ’eil neach a chuala Tiristeach ri seanachas a dh’ aidicheas gu bheil maise no blas cainnt Eachainn air a meudachadh.
(Ri leantuinn).
Litir a Ceap Nor.
A CHARAID: —B’ eigin dhomh am mios s’a chaidh a leigeadh seachad gun sgriob a chur ad’ ionnsuidh, ach ma ’s comasach dhomh ni mi sin suas mu ’n criochnaich am mios so. Cha mhath a tha fios agam ciod a sgriobhas mi. Tha ni-eigin ag radh, Sgriobh mar a’s fhearr a dh’ fhaodas tu mu ’n fhacal a tha gu tric ad’ bheul fhéin agus am beul nan uile—an tiormachd.
Tha ’n tiormachd gun teagamh mor. Cha do shil ach beagan uisge o chionn fada. Tha tobraichean tioram nach do thiormaich o chionn moran bhliadhnaichean. Tha sin fior a thaobh Cheap Breatuinn gu leir. Tha moran a gearain nach do shil uisge a bheireadh fàs air toradh na talmhainn, agus a ghleidheadh e gun seargadh le teas na gréine an deigh dha fàs; ach is tearc iad a chluinnear a gearain air an ni a dh’ aobharaich gainne an uisge, eadhon aingidheachd na tìre. Ma rannsaicheas sinn na Sgriobtuirean chi sinn an iomadh àite gu bheil an Tighearna ’gealltainn moran bheannachdan aimsireil dhaibhsan a bhios umhail dha, agus a bagairt iomadh mallachd orrasan a bhios eas-umhail dha. Ann an leabhar Lebhiticus xxvi: 2-4, gheibh sinn na briathran so sgriobhte:— “Gleidhidh sibh mo Shàbaidean, agus bheir sibh urram do m’ ionad naomh: Is mise an Tighearna. Ma ghluaiseas sibh a’ m’ reachdaibh, agus ma ghleidheas sibh m’ aitheantan, agus ma ni sibh iad; an sin bheir mise dhuibh uisge ’n a àm fein, agus bheir am fearann a mach a thoradh, agus bheir craobhan na macharach am meas uatha.” Ann an Deuteronimi xi: 14, 15, tha ’n gealladh so aig cloinn Israel, air chumha umhlachd de thoil an Tighearna— “Bheir mise dhuibh uisge bhur fearainn ’na àm fein, an ceud uisge, agus an t-uisge deireannach, agus cruinnichidh tu stigh d’ arbhar, agus d’ fhion, agus d’ oladh. Agus cuiridh mi feur a’ d’ mhachair do d’ spreidh, agus ithidh tu, agus sasuichear thu.” Ann an leabhar an fhaidh Amois, iv: 7, 8, tha ’n Tighearna labhairt mar so ri Israel— “Agus chum mi uaibh mar an ceudna an t-uisge, ’n uair bha fathasd tri miosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thainig an t-uisge; agus a’ chuid eile air nach d’ thainig an t-uisge, shearg e. Agus shiubhail dà no trì bhailtean gu aon bhaile, a dh’ òl uisge; ach cha robh iad air an sasuchadh; gidheadh cha do phill sibh riumsa, deir an Tighearna.” Tha e soilleir ri fhaicinn o na h-earrannan so dhe ’n Fhìrinn gur e eas-umhlachd do thoil fhoillsichte an Tighearna a tha tarruing mallachd gainne uisge, cho math ris gach mallachd eile, air cloinn nan daoine; agus a tharruingeas fadheoidh mallachd nach gabh atharrachadh air gach aon nach pill le aithreachas tràthail d’a ionnsuidh. ’S cinnteach mi nach e ’shluagh féin a’s ullamh gu ràdh nach ’eil coire sam bith ri ’chur as an leth san air son na tiormachd. Cha ’n iad idir, ged dh’ fhaodas e bhith gu ’m feuch cuid ris a choire gu h-iomlan a chàradh air an cinn, mar rinn Ahab aingidh nuair thuirt e ri Eliah, “An tusa esan a tha ’cur Israel fo bhuaireas,” no mar tha cuid ag eadar-theangachadh, “Am bheil thusa an so, a bhuaireadair Israel.” Ach ciod tha Eliah ag ràdh ris? “Cha mhise chuir Israel fo bhuaireas, ach thusa agus tigh d’ athair, a thaobh gu ’n do thréig sibh aitheantan an Tighearna.”
M. D.
September , 1901.
Australia ann an 1842.
THA iomadh feallsanach iomraiteach am barail nach do chruthaicheadh an dùthaich so idir co trath ri iomadh tìr eile; agus gu cinnteach tha mi féin, còr uair de’n bheachd cheudna. Uair saoilidh mi gur ann mar sin a bha—gu’n do dhi-chuimhnich Nàdar rud-eigin eireachdail de na bha na beachd a dheanamh ri càch; agus, mar sin, gu ’n robh i ’na h-earalas an uair a theann i rithe so Uair eile, bithidh mi a’ smuaineachadh gur ann a bha i ’na fòghlumaich ’san àm anns an d’ rinn i càch, agus a’ gabhail cuid a cunnairt de ’h-obair-latha; agus bheir sin gu mo chuimhne mar thubhairt am filidh:—
Dh’ fheuch i gu dichiollach, an tòs,
Ris an Roinn-Eòrp’ ’s ri Asia;
’S nuair fhuair i ’h-innleachdan ’an dòigh,
Chuir i air seòl Australia.
Agus, ubh! ubh! cha b’e sin an seol cearbach. Tha an so beanntan air chumadh leth gucaige uibhe, leis a cheann shlàn di os a ceann, mar uidhe bheagan mhilte d’a chéile, an sud ’s an so, le luibhean gorma de dh’ iomadh seòrs a’ borcadh ’mach, mar gum b’ ann a’ comh-strith fais ri chéile,
“Anns na h-uile mìr diubh, o’n bhun is ìsle,
Gu ionad cìrein na crìch is àird.”
Tha na mulain uaine, aghmhor so, air am breacadh, an sud ’s an so, le corra chraoibh bhig, dhosanaich, dhomhail, a tha ’n comhnuidh a’ beò-chrathadh le “eoin bhuchallach, bhreac na coille,” a bhios a’ feadarsaich “air bhogadan, ’s a’ togairt dol a dhannsadh” air bhachd gach geige. Tha na srathan, dá thaobh nam beann so, anabarrach aillidh mar an ceudna. Tha iad an trasa(September)comhdaichte le feur agus luibhean, fo “mhile blath us suaicheantas.” Gach gne fheoir a tha tarbhach agus feumail a thoirt pisich, fais, agus saille air feudail, co aca crodh, caoraich, eich no gobhair. Tha lochain-uisge, mu leud seol luinge—cuid ni ’s mo, agus cuid ni’s lugha—thall ’s a bhos feadh an aite so. Tha cuid diubh so co domhainn a’s nach ’eil fios agam am faighear iochdar aca. Gheibhear iad ’an aiteachan mar dheich mile, ’an aiteachan mar choig, agus an aiteachan mar thri mile d’a cheile. Tha dithis diubh mar urchair-cloiche do m’ dhorus, air am faodadh biorluinn Cloinne Raonuill seoladh. Ach tha aibhnichean, uilt, caochain de gach meudachd, agus lòin, anabarrach tearc. Mar sin, faodaidh duine bochd siubhal gun a chas a fhluichadh fad an latha, agus a leòir òladh ’nuair thig an oidhche. Cha nàr le cuid a ràdh nach ’eil an tuisge so fallain; ach ’si mo bharail-sa, nan òladh iadsan barrachd de’n uisge, agus na bu lugha de’n bhranndaidh, nach biodh euslaint ’us galaran cho lionmhor. Air mo shonsa dheth, a thaobh aimsreach, uisge, agus dùthcha, tha fath taingealachd agam; oir, mur
“Do chuidich iad gu fàs mi,
Thug iad dhomh slàint’ ’us fallaineachd”
gun teagamh sam bith. Agus cha’n ioghnadh sin: cò do nach toireadh sealladh de ’n tìr mu ’n cuairt leigheas-shul? An uair a dhearcas mi, bhàrr mullach cnuic, air gach maoil bhuidhe—gach lag ùrail, agus druim lurach a tha ’m fhianuis, —chì mi a’ choille ’na bearradh dlù-ghorm, gruamach mar bharraibh thonn ri cois traghad, no gàraidh droma ri cùl raoin; ach an uair a ruigeas mi i—ni nach bi idir fad a’ teachd gu buil, le mo steud-each lùthmhor— ’sann a bhios a h-aoidhealachd ’s a tlus ’gam’ fhuran féin ’s an ainmhidh gus ar beatha a chaitheadh ’na diomhaireachd. An so, da rireadh, tha
“Choill gu h-uile fo làn duilleich,
’S i ’na culaidh bhainnse,”
na h-uile latha s’a bhliadhna. Ach cha’n e so fàth mu’m molainn i. ’Se thug an t-urram buileach dhi, gum bheil i co reìdh mu làr, ’s gu ’n greasar seachd cuing dhamh, le feunaidh mhòir cheithear roth, luchdaichte còig ciad mile troimphe gun snasadh ceuma, far nach do chasadh gnùis gheal ri fuaradh riamh roimhe. Tha a’ choille, cuideachd, ’na h-àras feudalach co math ’s bu mhiann le neach fhaicinn. Cha bhi dith no deireas air ceithir-chasan aig am bi beul, fiacail ann no às, a gheibh a’ chead falach-fead a dheanamh feadh nan craobh so. Nach ann a tha ’n tubaist air bodaich pheallach a tha ’paidheadh nan ceud punnd màil ann an tir nam breacan, an uair a gheibh iad an so barrachd farsuinneachd ’s a tha ’m monadh Druimuachdair, agus an t-iomlan de sin ni’s fhear fonn na gàradh-càil a bha riamh aig an athair no’n seanair, airson deich puinnd amhàin sa’ bhliadnna. ’Se so na tha an duin’ uasal fo’m beil dreuchd agamsa a’ pàigheadh, agus gach duin-uasal no an-uasal eile tha ’san àite, ged tha mile ceanna cruidh, agus deich mile fichead caor aige; gun luaidh ’thoirt air tuathanachas do nach faighear samhladh ach ainneamh, an sin no’n so—muileann-bualaidh, muileann-meillidh, muileann-fasgnaidh, agus gach muileann eile ’tha aona chuid fasanta no feumail, air an greasadh leis an aona inneal-toite; ged nach ’eil an sin uile ach earball beag de mhaoin an t-seoid.
An uair a sheallas mi ris an àird’ -an-iar, chì mi sreath bheann ag éiridh gun athadh, agus a’ sgoltadh nan neul—na Pyrenees, agus mullach na Garbh Bheann. Cha tholmain beaga iad so idir, ach cruachan gualuinneach, dòmhail, a tha ’chòig uireadh deug ri Beinn-a- ghlogha, a h-ogha ’s a h-iar-ogh’. Cha robh mise co ard riutha so fathast, agus cha ’n urradh dhomh dad a radh mu ’m feothas; ach tha mi ’tuigsinn gum beil Gaidheil ni ’s leor a’ tàmh mu ’m bun. —Cuairtear nan Gleann.
Is fhearr aon ian ’s an làimh, na ’dhà dhiag air iteig.
[Vol . 10. No. 12. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’s a bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, SEPTEMBER 20, 1901.
Mar bha ro choltach an uair thug sinn an t-iomradh mu dheireadh do ar leughadairean, chaochail Mac-Fhionnlaidh, ceann-suidhe nan Staidean. Tràth ’sa mhaduinn Di-sathairne s’ a chaidh, chriochnaich e a thuras anns an t-saoghal so. Bha na lighichean a bha ’frithealadh dha ann an deagh dhòchas dh’a thaobh fad na seachdain, agus cha ’n eil iad fhathast a tuigsinn ciod a dh’ aobharaich a bhàs, oir bha gach cunnart ris an robh dùil aca thairis, agus bha e a reir gach sgeòil a dol am feobhas, agus a fàs na bu làidire gach latha. Ach feasgar Di-haoine thòisich a chridhe ri lagachadh, uaithe sin lean e air tuiteam, agus mu bheul na h-oidhche cha robh dùil ris. Cha robh air ach gu ’n robh e beò gu cairteal an deigh da uair ’sa mhaduinn, nuair a shiolaidh e air falbh gun spàirn, gun osna, cho sàmhach ’s nach robh neach comasach air innse cuin a dh’ fhàg an anail e ach an lighiche bha ri thaobh. Toiseach na h-oidhche dh’ fhàg e beannachd le mhnaoi ’s le chàirdean, agus b’ iad na briathran mu dheireadh a chualas e labhairt: “Is e so toil Dhé: a thoil-san biodh deante, ’s na b’i ar toil-ne.” Tha caoidh mhor air, cha ’n ann a mhàin na dhùthaich fhein, ach anns gach cearna dhe ’n t-saoghal. Bha e na fhear-riaghlaidh glic, agus na dhuine firinneach, seasmhach, do ’m bu ghnàth bhi deanamh gnothuich a reir mar bha e creidsinn a bhiodh ceart.
Chuala sinn uile mu ’n aimhreit a dh’ éirich eadar an Fhraing agus an Tuirc o chionn ghoirid, ’sa bha air a h-aobharachadh leis an t-Sultan a bhi diùltadh pàigheadh air son ceadhachan a chaidh a thogail dha le cuideachd Fhrangach. Le dhol na dhàil ann an ealamhachd mar a rinn i, thug an Fhraing leasan dha nach leig e as a chuimhne an dà latha so. Ach tha e aig a cheart àm so a cur feum air leasan goirt eile, ged tha e na aobhar eagail nach eil e dol g’a fhaotainn. Tha sgeul a tighinn á Armenia a bu chòir gluasad a chur air dùthchannan Criosduidh an t-saoghail. Thugadh ruith sgriosail air an dùthaich bhochd sin leis na Turcaich o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, agus tha iad am bliadhna air tòiseachadh ris an obair cheudna, a mort ’s a marbhadh ’s a creach nan Criosduidhean a chionn gur Criosduidhean iad. Cha d’ rinn rioghachdan na h-Eòrpa cuideachadh sam bith leis na h-Armenianaich an uair a bhatar ga ’n sàrachadh roimhe, agus cha ’n eil gu ruige so an coltas a’s lugha gu ’n dean iad na ’s fhearr aig an àm so. Tha sin na ghnothuch fior mhaslach. Bhagair an Fhraing cogadh air an t-Sultan nuair a rinn e eucoir air cuid de ’h-iochdarain; dheanadh Breatunn, a Ghearmailt, Ruisia agus na Staidean an ni ceudna os leth an cuid iochdaran fein; ach cha chuir aon seach aon diubh bacadh air a chasgradh bhrùideil a tha ’dol air adhart ann an Armenia.
Tha Czolgosz, am fear a mhort Mac-Fhionnlaidh, ceann-suidhe nan Staidean, de theaghlach a thainig a nall á seann rioghachd Pholand, a tha nise na cearna de Ruisia. Tha e na dhuin’ òg, agus buinidh e do bhuidheann dhaoine ris an canaranarchists ,d’ an rùn gach lagh agus riaghladh a thilgeadh bun os ceann. Thug e bòid gu ’n deanadh e an gniomh oillteil ud air dha éisdeachd ri òraid a labhair boirionnach d’ an ainmEmma Goldman. Tha am boirionnach sin, a reir gach barail, aig bun na cionta, agus, ni a bha ceart gu leòr, chaidh a cur an greim cho luath ’sa ghabhadh sin deanamh. Tha i nis anns a phriosan, agus na maoir a lorgachadh a mach fhianuisean na h-aghaidh. Tha fhios gu bheil àireamh mhor dhe ’n t-seòrsa sluaigh ud anns na Staidean, ach cha’n eil teagamh nach bi bàs muladach Mhic-Fhionnlaidh na mheadhon air an ruagadh air falbh, agus air tuilleadh dhiubh a chumail a mach. Bha dorsan na dùthcha roimhe so ro fhosgailte do gach gnè dhaoine a thigeadh, agus air tàilleabh sin gheibhear an diugh an taobh a stigh d’ a geataibh moran choigreach nach eil na ’n neart sam bith dhi, ach na ’n cunnart ’s na ’n cuis-eagail na h-uile latha bhios iad innte. Is docha gu ’n toirear ionnsuidh làidir a nise air na daoine cronail sin a chumail fodha, a chum gu’ m bi beatha dhaoine, —ìseal cho math ri àrd, —an còmhnuidh tearuinte bho ’n ais-innleachdan.
Posaidhean.
Ann am Boston, air an dara latha dhe’n mhios so, leis an Urr. Alasdair D. Mac-Fhionghain, B. A., S. T. B., Ph. D, Freeman C. Seavey, á Maine, ri Cairistine I. Dunbar, Loch Ainslie, C. B.
Ann an Roxbury, air an aonamh latha deug dhe’n mhios, leis a mhinisteir cheudna, Ian A. Ros ri Anna Nic-Fhionghain, le chéile á Margaree, C. B.
Ann an Newtonville, air an 26mh latha de Iun, leis a mhinisteir cheudna, Iain Johnson ri Amelia Davis Nic-a- Phearsain, le cheile a Eilean a Phrionnsa.
Ann an Somerville, leis a mhinisteir cheudna, Ruairidh A. Hume ri Mairearat Nic-Eanruig, le cheìle a Eilean a Phrionnsa.
Bais.
Air a choigeamh latha deug de’n Iuchar, aig a dachaidh féin am Paru Bay, New Zealand,le tinneas cridhe, Fionghal, bean Alasdair Stiubhairt, ’s an Acarsaid Mhoir. Bu nighean i, an ceathramh te, do Choinneach Stiubhart a thainig a Gleann St. Anns. Dh’fhag i ceathrar nighean, agus dithis mhac.
AigGrand Lake,an Catalone, air Di-màirt, an deicheamh latha de September, Uilleam Domhullach, ceithir fichead us ochd bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an Uidhist a Chinn a Tuath.
REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.
Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.
Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.
Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois.
Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.
Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.
Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain.
THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Reic Mhor Bhrog
Brogan laidir is fhiach $1 40 air $ 99
Brogan laidir is fhiach $2 00 air $1 25
Brogan Grinn Dongola $2 00 air $1 35
Brogan Carte $2 .00 air $1 .49
Brogan Buidhe-bhan $1 50 air $1 10
agus iomadh bargan eile ann am brogan dhaoine a nis ri fhaotainn ann an—
STOR BHROG Redden.
ROSS BLOCK.
Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a th’ againn air $3 .50 ’s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.
[Vol . 10. No. 12. p. 5]
Naigheachdan.
Bha an t-uisge anabarrach gann timchioll nam mèinnean o thoiseach an fhoghair, cho gann ’s gu robh aig cuideachd a ghuail r’a tharruinn àireamh mhiltean air son an obair a chumail air adhart. Bha uisge nan tobraichean, an t-uisge bhatar ag òl ’s ag uisneachadh anns na taighean, gann agus mi-fhallain, agus bha moran tinneis air aobharachadh leis. Ann an Glace Bay bha faisg air ceud aig an aon àm tinn le fiabhrus a thug an droch uisg’ orra, agus ged nach robh e cho dona sin aig na mèinnean eile, bha àireamh nach bu bheag tinn leis an fhiabhrus cheudna.
Tha latha ’n taghaidh a dlùthachadh oirnn; ’se Di-ciaduin s’a tighinn latha ainmeachaidh na feadhnach a tha gu ruith, agus an ath Dhi-ciaduin latha ’n taghaidh. Tha cuid de na paipearan loma-lan deasbuid us argumaid, agus cluinnear òraidean drùighteach, taobh air thaobh, air an labhairt ann an tallachan beaga ’s an taighean-sgoile na dùthcha. Ach ’se sin fhéin na chluinnear. Cha ’n eil an àireamh mhor de’n luchd-taghaidh a’ cur suim sam bith ann a’ chùis. Cuiridh iad an roghainn an céill nuair a thig an latha, ach gu ruige sin cha toir an iomguin no an deigh air duine sam bith a chur a stigh no chumail a mach, orra moran caithris a dheanamh.
Bha e air innse, am measg nan ceud fhiosan a thainig an deigh an ceann-suidhe Mac-Fhionnlaidh a bhi air a thilgeadh, nach robh cead ri bhi air a thoirt do fhear paipeir-naigheachd sam bith am Mortair fhaicinn. Bha so air son nach biodh cothrom air a thoirt do’n duine bhi deanamh uaill as a ghniomh a rinn e, oir is cinnteach gur h-e an t-ainm a rachadh dheth air feadh an t-saoghail aon de na nithean a bhuair e gus am mort a dheanamh. A dh’ aindeoin a bhacaidh a bha mar so air a chur air luchd nam paipearan, chithear ann an caochladh phaipearan gach cearna, sgeul a mhort air a h-innse, ma’s fior, le Czolgosz fhein, mar a thainig na, inntinn an ceann-suidhe chur gu bàs agus gach car a chuir e dheth gus an d’ fhuair e sin a dheanamh. Tha moran de luchd naigheachd anns na Staidean air nach cuir bacadh tilleadh sam bith; ni iad sgeul as an cinn féin nuair nach urrainn iad sgeul fhaotainn.
Tha e air fàs gle choltach a thaobh luchd-obrachaidh an iaruinn a tha nan tàmh anns na Staidean o chionn mios no dha air ais, gu feum iad a dhol air ais a dh’ obair air cumhachan na cuideachd. Tha na h-obraichean-iaruinn a’s motha air feadh nan Staidean air an aonadh fo ’n aon riaghladh, agus tha e na ’s eu-comasaiche na bha e riamh roimhe do ’n luchd-obrach a bhuaidh a’s lugha fhaotainn orra ann an dòigh sam bith. Tha saibhreas gun chùnntas aig na cuideachdan ri’n cùl am feadh ’sa tha an luchd-obrach, gun a bheag a bharrachd air na dh’ fhóghnas dhaibh fein ’s dh’ an teaghlaichean, eadhon nuair is fhearr an suidheachadh. ’S e sin a chuireas crioch air an t-seasamh-mach air an turus so, ged is fheudar ainmeachadh gun do chaill iad deagh-ghean moran de ’n càirdean, a bha meas nach robh reusan ceart aca air seasamh a mach. Tha sin, cuide ris a bhochdainn, ga ’n lagachadh na h-uile latha, agus tha e gle choltach nach ruith moran ùine gus an fheudar dhaibh an t-strìth a leigeil seachad.
Di-haoine’sa chaidh fhuaireadh sgeul airLieut Peary ’ sair a chuideachd a tha comhla ris anns an airde tuath o chionn da bhliadhna; thainig an Erik, an soitheach a chaidh g’a shireadh air an t-samhradh so, air ais do Shidni Tuath air an latha sin. Tha Peary anns an fhuar-thir fhathast. Rainig e na b’ fhaide tuath na rinn duine riamh roimhe, agus tha duil aige ionnsuidh eile thoirt air an crann a tuath a ruigheachd deireadh na bliadhna so. Tha e ann an deagh mhisnich, ged tha e aig an àm so a’ fulaig le cois bhriste, ’s ged nach eil ach a tri de mheòirean a chas gun reothadh dheth.
Ann an cearn de cheann a deas Eirinn, tha doigh air a cleachdadh leis an t-sluaigh a chum daoine nach eil a reir an cridhe ’s an toil féin a pheanaisteachadh nach eil ri fhaotainn ach gann an duthaich sam bith eile. Tha fear-ceartais ann am bail àraidh de’n dùthaich sin aig an àm so nach urrainn builionn arain a cheannach na’s fhaisge na da mhile dheug air a thaigh fhéin. Cha reic duine ’san astar sin greim bidh no ni sam bith eile ris. Cha’n ’eil e air innse co-dhiubh ’s ann air son e bhi riarachadh ceartais no ana-ceartais nam measg a tha an sluagh cho guineach ’na aghaidh.
Rainig an soitheach-cogaidh a bha giulan Diuc agus Ban-Diuc Chornwall baile Chuebec maduinn Di-luain. B’ iad Morair Minto agus Sir Wilfrid Laurier na ceud fheadhainn a dh’ fhailtich iad. Chaidh iad air bord air son gnothuichean a chur air doigh mu’n ligeadh a charaid rioghail air tir. Chuireadh fàilte chridheil orra le muinntir Chuebec agus cha’n eil teagamh nach bi iad air am failteachadh a cheart cho cridheil anns na bailtean a tha rompa. Tha iad a nise air an turus an iar agus iad ri taghal ann an aireamh de na bailtean air an t-slighe. Ma bhios nan comas idir “cumaidh iad air fheill air an latha,” anns gach baile beag us mor anns a bheil iad gu bhi eadar an tighinn ’s am falbh.
Tha luchd-riaghlaidh Sidni Tuath an deigh cur mu choinneamh luchd nan taighean-òil ’sa bhaile sin gu feum iad an deigh so an dorsan a dhùnadh agus sgur a chreic aig deich uairean na h-uile oidhche. Bha an riaghailt cheudna aca ann an Sidni o chionn còrr us da bhliadhna, ach cha deach a cumail, agus ma theid a cumail ann an Sidni Tuath, bidh e na ioghnadh. Agus co dhiu theid no nach teid, tha e ’g amharc gle neònach a bhi ’deanamh riaghailtean dùnaidh do thaighean do nach eil an lagh a ceadachadh a bhi aig àm sam bith fosgailte. Tha e nochdadh nach eil cùisean mar bu chòir dhaibh a bhith, nach eil luchd-riaghlaidh no sluagh nam bailtean so cho eudmhor air taobh lagha ’s a b’ e an dleasdanas a bhith.
Iadsan a Phaigh.
M. Mac Laomuiun, Bail-an-Tobair, E. P. I.
Tearlach Mac Coinnich, Elliots , P. O. E. P. I.
I. R. Mac-Gill-Fhaollain, Indian River, E. P. I.
An t-Urr Gill. Mac-Mhuirich, Sonya , Ont.
Calum Mac-an-Leigh, Duntroon , Ont.
W. I. Domhnullach, Fleming , Assa.
Coinneach Mac-Gilleain, New York.
Caitriona Chamaran, Saco, Maine.
S. Mac-Neacail, Abhainn Mheadhonach.
D. I. Mac Eachainn, Port Hastings.
An t-Urr W. A. Mac-a- Phearsain, Bail Iain
Mor Dhomhnullach, Abhainn a Bhradain.
Iain Mac-a- Bhiocair, Catalone.
D. D. Mac Pharlain, S. W. Margaree.
Padruig Mac Gill-Fhinnein, Baddeck.
Bean R. Dhomhnullaich, Marion Bridge.
Bean Dhomhnuill Mhic-Philip, Framboise.
Aonghas D. Mac Fhraing, Mabou.
Domhull I. Moireastan, Framboise.
Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn
Thig sinn suas ris an fheadhamn a’s fhearr
ann an deanamh
Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa
Bathair-Each.
’N uair a bhios tu ’dol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’se ’n seorsa ’s fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agus ’se ’n seorsa ’s fhearr a tha sinne daonnan a creic, agus ’se sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut.
[Vol . 10. No. 12. p. 6]
Calanas.
THA a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, ionad-còmhnuidh iarmad an t-sìl Ghàidealaich, o nach do bhuidhinn namhaid riamh buaidhlarach, fo chliù agus iomradh air son éuchd agus eachdraidh a tha a’ cur lainnir ghreadhnaich air beanntan na h-Alba.
Tha comh-stri nam fineachan a nis thairis; tha an claidheamh-mór air a chàramh anns an truaill—nara tig an là a thig e as! —agus tha an sluagh air gabhail gu gnìomhachais na sith.
A thaobh gu bheil ro bheag fearainn anns an duthaich a chumail beolainde riù, feumar ealdhainean agus ceirdean eile a chur air seirm, a chum agus nach bi sliochd nam fineachan uaibhreach agus nan aithrichean mora a ghleidh an saorsainnean leis an laimh-làidir, air an co-eigneachadh le claidheamh na h-uireasbhuidh gu bhith a’ fàgail tir an dùthchais agus an gràidh.
Is e bhith a’ deanamh clò aon de na ceirdean a dh’ ionnsaidh a bheil an sluagh air gabhail, agus tha aig an am so slaim nach beag air a cur cruinn anns na cearnaidhean sin far a bheil iad mar so ag oibreachadh na cloimhe. Is ann le suil ri cuideachadh agus seoladh a thoirt doibh-san a tha toileach iad fhein a chuideachadh a tha mi a’ sgriobhadh nam briathran a leanas.
Tha e air a radh le fìrinn gu bheil a pris aig gach saothair; agus tha am facal gu sonraichte agus gu comharraichte freagarrach do’n ealdhain so.
Tha droch obair daor, biodh a’ phris cho beag ’s a thogras i, am feadh a mheasar obair shnasmhor, choimhlionta, an comhnuidh luachmhor anns a’ mhargadh. Bhiodh e, uime sin, ro iomchuidh a nis, an uair a tha a’ ghne chlò so fo mhiadh cho mor anns a’ mhargadh, nach tugadh an luchd-oibre, droch cliù air le bhith a’ cur oìbre chearbaich troimh an lamhan, agus gum biodh iad a’ stri ri bhith a ghnath a’ toirt barr air na rinn iad roimhe.
Feumar a chumail air chuimhne gur da ni eadar-dhealaichte deagh chliu agus droch obair—feumar a’ chiad aon diubh a chumail suas agus an t-aon eile a chumail fodha. Minichidh mi gu gearr comharran sonraichte na h-iomairt agus bheir mi oidhirp air a bhith ag ainmeachadh nan aobharan o bheil droch obair a’ sruthadh, anns an dochas gun dean an luchd-oibre an dìchioll gu bhith a’ dearbhadh le deagh thoradh an saothrach fhéin gur i an fhirinn a tha mi a’ cur an céill.
Tòisichidh mi le ciad chéum a’ chalanais; is e sin seòrsachadh na clòimhe; agus labhraidh mi as a dhéigh sin air gach-céum de ’n obair.
SEORSACHADH NA CLOIMHE.
A chum mìr de chlò snasmhor a dheanamh bu chòir tomhas seòrsachaidh a dheanamh air a’ chloimh; air a’ chuid is lugha rachadh gach bunach a thoirt aisde, oir tha olann gharbh mar sin ealamh gus an clò fhàgail cruaidh agus reasgach ri ’laimhseachadh.
GLANADH NA CLOIMHE.
Chum an olann a ghlanadh faigh an t-uisge is buige is urrainn duit, agus na biodh e na ’s teotha na gun cumadh tu do lamh ann gun athadh. Le bhith a’ sealltainn gu cùramach ris an dà nì so is feairrde gilead na clòimhe e, agus cha bhi i cho brisg.
Gabh luath-fiodha(potash) ammonia,no siabann-bog air son a glanadh agus ma ’s comasach e na cuirsodaga coir, oir tha e ealamh gus an olann fhàgail neo-thlusmhor do ’n laimh. Ma tha an olann fìor shalach fàg am bogadh i car uair no mar sin—agus mar so bidh e na ’s fhasa gach sal a thoirt air falbh. Cuir pailteas uisge ga sruthladh agus leig leis sruthadh aisde. Tha cloimh a’ call bho 20 gu 35 meidhis as a’ chiad de a cudthrom an am a glanadh.
TIORMACHADH NA CLOIMHE.
Ann an tiormachach cloimhe, ma ’s fheudar a bhith ga dheanamh ann an aite far a bheil cunnart gum bi bileagan fraoich, no feòir, no ni air bith mar sin, a’ faighinn air a feadh, feuch gun cuir thu brata air choreigin foidhpe. Tha cladach dòirneagach, glan, na dheagh aite gu bhith ga tiormachadh. Cha bu choir dhuit a’ chloimh fhagail na laighe fada leth thioram gun a bhith ga tionndadh gu tric. Tiormaich i cho bras ’s a cheadaicheas an aimsir dhuit.
DATHADAIREACHD CLOIMHE.
Tha sinn air tighinn a nis gu earrainn ro chudthromaich a dh’ fheumas a bhith air a laimhsichadh le tuaiream agus le tuigse. Bu chòir am fior thomhas de na dathan a chuirear an greim a sgriobhadh sios gu cùramach, a los gun dean iad feum air son àm eile, oir bidh so na chuideachadh mor an uair a bhithear a’ deanamh a’ cheart dath a rithist.
Bruich an dath an toiseach anns an treasa cuid de ’n uisge, agus an sin cuir an còrr de ’n uisge na cheann a dh’ fhuarachadh na mùgaid. Cuir a’ chlòimh no an snàth anns a’ mhùgaid, agus bi ga thionndadh; fagaidh so an dath coimhlionta. Tionndaidh an snath thairis air bioran fiodha.
Cho fada ’s is comasach e gabh dathan a tha a’ tighinn á lusan; cuiridh iad snuadh air an obair.
A bharr air na dathan nadurra so, gnathaich no measgaich leo ‘camwood,’ màdar, ‘fustic,’ guirmein, agus mar sin sios; leò sin faodar cuairt chiatach de dhathan a dheanamh.
Seachain na dathan ris an abrar anns a Bheurla dathan ‘aniline’ agus ‘alzarin.’
Cha seas na dathan ‘aniline,’ agus chan ’eil moran feum annta air son a bhith a’ dath clò.
Tha cuid de na dathan ‘alizarin’ glé mhath ann an lamhan teoma, ach chan ’eil iad freagarrach air son calanas an duine-bhochd, oir feumar
MAC-TALLA
AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1 .00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1 .52 DO BHREATUNN, DONEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE.
CEUD mile furain agus failt’
Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh!
’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas
O bhliadhn’ gu bliadhn’
An gliocas, tuigse, tur is ceill;
An eolas air gach ni fo ’n ghrein;
Am meas, an cliu ’s am moran speis,
An ear ’s an iar.
Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein
A’s mo do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ speis;
’S a bhuadhan co ni chur an geill
Le peann ’s le guth?
An t-armunn maiseach, uasal, grinn,
A choisinn cliu le luaths a phinn
Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir
’S an cluinnteadh ’ghuth.
Mo mhile beannachd aig an dream
A tha ’toirt aoidheachd dha gach am,
’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall,
An am an fheum’:
Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar,
A choisinn cliu is buaidh ’s na blair,
A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath
’S gach ait’ fo’n ghrein.
—Bodachain a’ Gharaidh.
THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN.
“Cho Gaidhealach ri Fad Moine.”
[Vol . 10. No. 12. p. 7]
amraichean fiodha agus copair a ghnathachadh leò.
ARMADH NA CLOIMHE.
Air do ’n ghlanadh créis nadurra no fallus na cloimhe a thoirt aisde, feumar a h-armadh a chum agus gun aotromaichear an suathadh a bhios na cardan a deanamh oirre, agus gum fagar an ròinneag na ’s rìghne. Bidh na ’s lugha millidh air a’ chloimh, agus fagar i na ’s buige agus na ’s fhasa oibreachadh.
Is e an t-ola is fhearr air son armadh na clòimhe aon chuid an seòrsa ris an abrar‘olive, ’no ola éisg. Seachain ‘olein.’ Ma bhios e air ullachadh gu math ni e feum mar nach olc, ach gu tric tha e air a mheasgachadh le‘sulphuric acid; ’agus na seorsachan saora a gheabhar aig ceannaichean gun chogais chan eil annta ach ola a tha air a thoirt á gnè chloich-ghuail, agus ma ghnathaichear iad fagaidh iad an olann cruaidh, agus tha iad duilich a ghlanadh aisde a rithist.
CIREADH.
Is e an ath cheum ann an obair a’ chalanais cireadh na clòimhe. Tha so chum a deasachadh air son nan càrdan. Feumar gach ni fuadain a thoirt aisde, gach ceus a reiteachadh, agus gu sonruichte gach mùthadh dath a mheasgachadh gu math air a feadh gu leir, a chum agus gum bi an cothlamadh (co dhiubh is dlù no inneach a bhios ann) air a mheasgachadh gu reidh, coimhlionta.
Feumar an t-ola cuideachd a sgaoileadh gu mion air feadh na cloimhe.
Le deagh aire a thoirt do na nitheannan so bidh na dathnn gu léir air an roinn gu cothromach air feadh a’ chothlamaidh, agus bidh so na chuideachadh mor chum an clò fhagail iomlan snasmhor.
CARDADH.
Is e a tha anns a’ chàrdadh, mar gum b’ eadh, an ath cheum de ’n chireadh, agus tha e a’ toirt na clòimhe gu cor is co-ionannaiche, air mhodh agus gu bheil i na’s freagarraiche air son a sniomh. Cha mhor nach ’eil e eu-comasach tuilleadh agus a choir de dh’ oibreachadh a dheanamh air a’ chlòimh leis na càrdan-beaga; aig a’ cheart am feumaidh an càrdadh a bhith co-ionann thairis air an abhras gu leir.
Ann an togail na clòimhe chum a cur air na càrdan, feuch gun tog thu as gach cuid de ’n abhras i, agus mar so bidh an olann na ’s ro-fhearr air a cothlamadh.
Cuir na rolagan gu faicilleach, curamach, lamh riut ann am mùrlainn, ullamh air son an t-sniomha.
SNIOMHADH.
Is e an sniomhadh a tha a’ cur toinnidh anns an rolaig a rinneadh leis na càrdan.
Feumaidh an dlù tuilleadh toinnidh na dh’ fheumas an t-inneach, oir tha aig an dlù ri snàthadh na deilbh agus na fighidh fhulang.
Leig leis an rolaig ruith cho reidh, comhnard, ’s is comasach, ag oibreachadh a’ chasain, ma ’s i cuibheal bheag a tha agad, no a’ cur mu ’n cuairt na cuibhle moir aig luaths riaghailteach.
CROISEADH AN T-SNATHA.
Biodh a’ chrois no a’ chuibheal-iarna agad ann an suidheachadh freagarrach mu ’n tòisich thu air snàth cuta a chur oirre, agus stad cho luath agus a bhuaileas an clag, a chum gum bi an tomhas ceart agad, is e sin 300 slat snàtha. Na ceangail na cuinn ro theann ma tha an snàth ri dhath, a chum gun ruig an dath air an t-snàth gu leir, agus nach fagar buill anns a’ chlò. Ceangail na cutaichean na’n iarnachan, no na ’n cinn anns am bi ceithir no se cutaichean; ach am bitheantas tha tri cutaichean mor gu leoir ri laimhseachadh aig àm a dhath.
AN DEILBH.
Feuch gum bi fuaidnean a’ chroinn-deilbhe direach, oir aobharaichidh fuaidnean crotach cuairtean las agus cuairtean teann, rud a ni stiallan anns an dlù.
Biodh an dlù lan thioram oir fagaidh aitidheachd sam bith muthadh tinnead ann, agus bidh a chomharra air an fhigheadh o cheann gu ceann.
Thoir an aire gun criochnaich thu an deilbh mu ’n sguir thu, oir ma dh’ fhàgar cuid di gun chriochnachadh ré na h-oidhche bidh ball air a’ chlo, gu sònraichte ma tha eadar dhealachadh mor eadar dath an dlù agus dath an innich. Ma bhios an snàth dlù bog le bhith gann de thoinneadh, tagh beagan shnàithnean air an deagh thoinneadh air son oirean a’ chlò.
Ma tha an dlù fìor bhog bhiodh e cho math treisginn no glaodh a chur air, aon chuid anns an iarna no air a’ chrann-deilbhe mu ’n teid a chur anns a’ bheirt.
AM BEIRTEACHADH.
Is e an t-uchd-suidhichte is fhearr na an seann uchd-crochte. Tha an t-uchd-crochte ealamh gu bhith ag udal agus a’ bristeadh an dlù.
Gabh sliosan iarainn a chumail an dlù direach air a’ gharmain. Feuch gum bi iad air an suidheachadh aig an aon asdar o mheadhon a’ gharmain, agus beagan na ’s fhaide o cheile na bhios an dlù anns na h-iomallan; mar so bidh an fhigheadh na’s fhearr agus bidh na ’s lugha dragh agad le snàithnean a’ briseadh ann an oir a’ chlò.
Cuir an snàth air a’ chrann-dlù cho teann ’s is urrainn duit. Bheir so gach geilleachdainn as an t snàth, agus bidh an clo na’s diongmhalta.
FIGHEADH A’ CHLO.
Mu ’n toisich thu air figheadh a’ chlò feuch nach bi snaithean as aite fhein anns na h-iomallan, no moguil bhriste anns na h-iomallan fhein no bidh so na dhochair mhoir do ’n chlò.
Na tarraing sgonn mor aig aon àm bharr a’ chroinn-dlù, ach mir beag bitheanta. Cum an t-slat leòid gu math an aird o ’n gharmain-uchd, agus fuasgail o na h-oirean i aig crioch obair an la. Feuch gun tarraing thu an t-slinn air a h-adhart an uair a bhios sgaradh an ’dlù fosgailte, oir is ann is fhearr a theid a’ chuairt innich a sparradh g’ a h-àite fhein.
Bi a ghnàth furachair air son shnàithnean briste, agus na fag air chor sam bith aon diubh gun cheangal. Na biodh cuairtean briste agad anns an inneach.
Cape Breton Electric Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM-CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m.Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.
TURSAN FEASGAR.
[Clàr - ama]
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locrachean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO,
Sidni, C. B.
Phone 217
Feb 7 ’01—1 yr
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI., - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI., - - - C. B.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 10. No. 12. p. 8]
Impireachd Bhreatuinn.
LE D. MAC EACHARAN.
AM BARD.
A ghrian tha ’g éirigh thar mhonadh,
A’ sealltainn romhad ’s a d’ dhéigh,
’S a’ gluasad mu ’n cuairt an domhain,
Le freumh an toraid fo d’ sgéith,
Thoir dhomhsa sgeula do thuruis,
O’n thog thu umad an dé:
Na chunnaic ’s na chual’ thu ’d’ shiubhal
Air uachdar a chruinne ché.
’Bheil Breatunn a’ gleidheadh a h-àite
’Measg rioghachdan làidir treun,
No bheil a treise ’ga fàgail,
Mar thachair do Bhàbilon fein?
A’ GHRIAN.
Air ’chuan tha luingeis gun àireamh,
’S a’ mhuir dhaibh mar fhàsaich luim,
’Triall air an turus cho sàbhailt,
’S ged bhiodh iad air àird an fhuinn.
Cabhlaichean Bhreatuinn ’s gach àite
’S am faighear sàil’ air son luing;
A bratach ’s na croinn a’s àirde
Air faiche ’s air bhàrr na tuinn.
Air faidead mo chuairt ’am mhor-chrios,
’Am shealladh tha ’n leoghann garg;
’S gun eilean ’an cuan, no mor-thir,
’S nach fhaic mi an cota dearg.
A h-uachdranachd thar nan Innsean,
Bho Indus gu Mandalay;
A cumhachd a dh’ fhàs troimh linntean,
Cha lugha e ’n diugh na ’n dé.
’Sa mhoch-thrath ’n diugh anns a chearn sin,
Do mhuillionaibh sàraicht’ sluaigh,
Thug Breatunn an aran làthail,
Mu ’n d’ mhosgail thu, bhàird, a’ d’ shuain.
Measg ghinealach lag, ’s e ’h-àbhaist,
Bhi ’togail an àird an t-sluaigh,
’S a’ tagairt an cùis ’s gach àite,
’S gu minic an cànain chruaidh.
Gun chearn, gun earrann de ’n t-saoghal,
No eilean a dh’ fhaoidte ’luaidh,
’S nach ’eil a teachdairean saoithreach
A’ teagasg gu saor an t-sluaigh.
Sheall mi air fearann nam Phàraoh,
Do Iacob, fearann na daors’;
Tha Breatunn, an diugh, ’ga àiteach,
’S aig ciomach is tràill tha ’n saors’.
Ach chreachadh na h-àitean àrda;
Tha Memphis na sgàrnach gharbh;
Tha Luxor, is Thebes, is Kàrnak
Mar thannasg nan là a dh’ fhalbh.
Theich Isis, Amon, ’s Anùbis;
Tha ’n teampuill gun chùirt, gun dealbh;
Tha Memnon-labharr’ gun dùrd ann,
’Na laidhe na thùrais bhalbh.
Ged theich na dée is nach d’ fhàg iad
Ach aingeal a bhàis ’s an fhonn,
Tha spiorad a’ chota sgàrlaid
’Cur smior anns na cnàmhan lom.
Bho Chairo gu Ceap-an-Dochais
Tha rathad na leoghainn réidh;
’S a dh’ aindeoin farran luchd-comhstri,
Tha ’lorg anns gach ròd na déigh.
’Nuair thugadh do Bhreatunn dùlan,
Le buidheann do Dhùitsich bhreun,
Ghrad thionail a clann ’s gach dùthaich,
Is sheas iad r’a cùl gu treun.
Bho Labrador gu Alaska;
Thar fad is farsuinneachd fuinn;
’Nan uidheam—an t-each ’s am marcaich’,
Gu ’n d’ eirich gu bras na suinn.
Mar sin ’s Astralia chomhnard,
Cho pailt ann an or ’s an ni,
Chuir i, gun sireadh, an comhlan
A sheasadh a’ choir ’san stri.
New Zealand, cha ’n i bu tàire,
Le bannal de dh’ àrmuinn chruaidh;
Nach biodh air dheireadh ’san àraich,
’S nach tilleadh o’n bhlàr gun bhuaidh.
Ghabh Breatunn, mar sin, is dh’ àitich,
Na h-ionada fàs gun duais;
Ach thig iad a nis le ’n àlach,
A chumail a gàirdean suas.
Mar sin a shuidhich i ’n stéidh sin,
O’n d’ éirich cumhachd a’s àird’
Na bha aig Persach no Greugach,
Aig Caésar, Sultan, no Tsàr.
Chunnaic mi so air mo thurus,
Mar chi gach duine d’ an léir;
Ach thug mi fainear a bhunait,
O’n d’ éirich cumhachd d’ a réir.
Creid mi, tha cumhachd a’s àirde
Na bhuineas do ’n àraich bhréin;
An cridhe glan, agus bàigheil,
Na ’s treise na ’n gàirdean treun.
Aon rùn a ruith troimh na linntean;
Aon inntinn anail gach té;
Mar bha ’s e bhitheas ’s bi cinnteach,
Nach cinn an togail gun steidh.
Ach ’s mithich dhomhs’ a bhi ’g aomadh,
Cha ’n ann air an taobh so ’mhàin,
’Tha impireachd Bhreatuinn sgaoilte,
Tha ’n talamh d’ a saothair làn.
AM BARD.
Mo bheannachd, a ghrian, a’ d’ chuideachd,
Le beath’ na cruinne fo d’ sgéith;
Is tusa gu fialaidh ’chuireas,
Anail ’an cuinnean gach cré
A choimhead do ghlòir, na flurain,
A’ tionndadh an sùl a’ d’ dhéigh;
’S a’ cromadh an cinn gu tùrsach,
’Nuair chaillear thu cùl an t-sléibh.
’Nuair theid thu ’san iar fo dhubhar,
’S a chiaras uinneag nan speur;
Bidh talamh is iarmailt dubhach,
Gu tiamhaidh ’sruthadh nan déur.
Do bhurraidh a mhàin, a lòchrain,
Tha teagasg do sgeòil gun bhrigh;
Ach, eadhain ’an cùis na còrach,
Cha toigh leam an dòrn gun chlì.
Calanas.
Bi cinnteach gun cuir thu a stigh an spàl le iteachan ùr direach aig an aite anns an do theirig an snaithean roimhe.
Is iad‘twills’ceithir-chuairt chumanta is freagarraiche air son clò Ghaidhealaich.
Biodh da spàl no an corr agad an greim, eadhon ged nach bi agad ach aon dath innich, oir ni so clò moran is grinne agus is coimhlionta.
PIOCADH A’ CHLO.
Gearr air falbh gach fuigheag agus snaim a bhios air an aodach, agus càirich gach beud a dh’ fhaodas a bhith air tachairt da, mu ’n teid a luadh, agus cuir casa-feannaig leis an t-snathaid-mhoir thairis air cinn a’ chlò a chum ’s nach bi e a’ sgeith an àm a luadh.
AN LUADH.
Gnathaich ‘potash,’ siabann, agus maistir (fual). Nigh an clò gu math air a’ chliath-luaidh, agus sruthail e le pailteas uisge.
An uair a bheirear an t-ola gu leir as, cuir beagan tuilleadh siabainn air, oibrich a rithist air a’ chliath-luaidh e, gus am bi e cho tiugh ’s is math leat.
Sruthail an clò gu math a rithist, agus fill air bòrd còmhnard e. Leig leis laighe mar sin fad oidhche, a toirt gach preasaidh as, an sin tiormaich agus rol a suas e, agus bidh e deas air son a’ mhargaidh.
[A leabhar beag a chuireadh a mach le “Comunn Gniomhachais nan Gàidheal” ’sa bhliadhna 1895, air a sgriobhadh am Beurla le Walter Armstrong, agus air eadar-theangachadh gu Gailig le Iain Whyte. ]
De Witt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt,
faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
NUAIR A BHIOS TU.. ..
ag uidheamachadh taighe
tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinn ’s is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhe—coig piosan—air $35 .00.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT,
Manger, Charlotte St.
Brogan Saora.
Brogan matha dhe gach seorsa—Brogan Fhear, Brogan Bhan, Brogan Cloinne, na seorsachan a thatar a cosg an cumantas, no mar a theirear riutha, Brogan Obrach. Tha iad so ri ’m faotainn gu saor aig
Mills , MacKenzie & Ross.
Air seann larach Iain A. Mhic Coinnich.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
WM . COYNE, Traffic Manager.
C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY.
NOW
MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 12 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 12. %p |
parent text | Volume 10 |