[97]

[Vol . 10. No. 13-14. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 4, 1901. No. 13-14.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. XIX.

FHUAIR an Drobhair breac bhuaithe an drobh mu dheireadh, agus le sporan math, reamhar bha e air a thurus dhachaidh. Bha etaghadh gach rathad a baonaranaiche na chéile romh dhùthaich nan Gall, oir bfhearr leis an Drobhair a mhaoin a bhi far am faiceadh e i na fo ghlasan stàillinn am banca sam bith. Bha e gu math subhach a tilleadh, oir chaidh leis gu math, agus rud nach bàbhaist dha, ged bu toigh leis e, bha botul dubh air a shiubhal de dhuisge-beatha cho saorsa gheibheadh e, a cheannaich e leairgiod fhein. Air an rathad romhn mhonadh dhfhàs an latha gu math teith, agus bhuail pathadh mor an Drobhair. Thug e mach am botuls chum e tacan e eadar esa ghrian, mar gum bitheadh etairgse drama dhi, achsa mhionaid thionndaidh am botul a mhàs ris na speurans chàirich echeann an craos an Drobhair. Am mach bhuaithe sin bham botul gu math tric ris a chleas so, achs ann a bha pathadh an Drobhair a sior fhàs na bu mhotha. Bha e triall mar so, am botul nalaimhs an sporans an te eile, ag òl air a shlàinte fhéins a gabhail oran, gus na thràigh em botul. An sin thòisich am monadh ri droch dhiol a dheanamh air an Drobhair bhreacfar an saoileadh e gnoban a bhi air son a chas a chur airs ann a bhiodh ann lagn uair a bhualadh i ann, ’s an uair a leumadh e thairis air claisuisge, bha chlais aleum air thoiseach airsa stad direach far an saoileadh i am bualadh casan an Drobhair. Mu dheireadh bhual an cadal e, ach ghabh e curam dhen sporan mun do ghéill e dha, leghleidheadh gu cùramachsa bhoneid ghuirmsa ceangal gu teann, cruaidh mu cheann. Bhan cleas so na chleachdadh aig an Drobhair bhreac, oir bha e gle theoma, agus bhiodh e giulan sporan bréige eile na phòcaid air son saothair robairean a phàigheadh, mas es gun tachradh dhaibh ionnsuidh a thoirt air an spuilleadh, rud a rinn dithis dhe na h-òganaich sin air an turus so, an uair a fhuair iad e na chadal. Fhuair iad air falbh leis a chreich, co-dhiu, mar a bha dùil aca, ged nach bfhiach an seann sporrans na bha na bhroinn de sheann phràisich tri sgillinn, mun do nochd dithis òganach eile bha gabhail na slighe cheudna ris an Drobhair.

Than dithis so a tighinn gu math sunndach, ’s an aghaidhean air a Ghaidhealtachd. Agus air dhaibh tarruinn dlùth saoilidh mi air an gluasad gum faca sinn iad le cheile roimhe so.

O, nach taitneach am fraoch fom chois aon uair eile, Aonghais,” arsam fear bu lugha dhen dithis. “ ’S gann a theid agam air mi-fhein a stamhnadh ri coiseachd idir, ach ruithus leum. Agus gu dearbh tha bhlianag ghorm so air thoiseach orm na buaireadh tuilleadhus làidir air mo shon, agus marsin slàn leat an dràsd,” arsesan, ’s e toirt na roid ud as.

OChalum, a Chalum,” arsAonghais, (oir biad a bhann gun teagamh), ’s e deanamh gàire, “ ’bheil dùil agad fàs glic gu bràth?”

Ach am meadhain ruiteis Chalum sheas e cho ealamhs ged a rachadh peileir ann, ’s e air tighinn tarsuinn air duine marbh, mar a bha dùil aigen toiseach. “Greas do cheum, ’Aonghais,” arsesan; “tha seann duine an so a tha marbh, no faisg air a bhi marbh co-dhiu. Agus ma tha e marbhs en gliocas dhuinn an t-àitfhàgail cho luathsa ni ar casan e.”

“ ’S fhad o bhi marbh mo laochan!” arsAonghas [ ? ] e cromadh. “Ach tha e marbh air an daoir[ ? ] chan ioghnadh, ma thràigh e am fear dubh ud! ,” ’s e toirt a bhotuil á laimh an Drobhair. An uair a dhfhairich an Drobhair breac a bhiga phutadh ghlaodh e, “Coig-tasdain-deugs gun sgillinn ach sin!” Bhan Drobhair còir a ceannach gamhnasan àm, ’s chaneil teagamh nach robh e air deagh bhargan fhaighinn mar a bàbhaist, nam biodh na gillean air leigeil leis na shìneadh greiseag eile. Ach dhiùlt casan an Drobhair a ghiulan, ’s mar sin bfheudar dhaibh a chuideachadh gu taigh cìobair a bha faisg air laimh. Fhads a bha iad a sàs ann bhan Drobhair a cumail a dha laimh gu teann, cruaidh ma cheann, ’s ag ochanaich, a dian a sporain, ’s truas mor acasan ris, a smaointean gur ann am fiabhrus a bha e.

An duine bochd!” arsa Calum, “bheireamaid dheth a bhonaids cuiridh sinn uisge fuar air a cheann?”

Cha chuir, cha chuir,” arsan Drobhair, ’s e air a ghuth fhaighinn. “Mas ann a dol gam mharbhadh a tha sibh, a robairean, fàgaibh a bhonaid mum cheann, air neo bidh mo thathasg gar leantuinn gu bràth!”
Na biodh eagal sam bith ort romhainne,” arsAonghas. “ ’S e Mac-an-tòisich is docha sin a dheanamh ort, ma bhios tuga ghiùlan á mòintich fhàsail mar so.”

An la-iar-na-mhàireach bha an Drobhair breac dòigheil gu leor. Agus an uair a thuig e nach ruigeadh e leas eagal a bhi aige romh na daoinòga dhfhalbh e nan cuideachd toilichte gu leor. Air dhaibh a bhi triall le ceum math, sgairteil mar so gu feasgar, thòisich an Drobhair ri fàs gu math sgìth, agus mu dheireadh bfheudar dha suidhe aig bruaich sgala chas a leigeil analach. Gu tubaisteach, co air a shuidh an Drobhair ach air muin nead sheilleinean beò, agus faodar a thuigsinn nach robh e fadag eirigh. Ach bhan Drobhair misneachail, agus air dha faileadh na meala fhaighinn bha e air son a blas fhaighinn cuideachd, ’s e fann. Agus cha ben Drobhair an gille nach deanadh strith chruaidh air son rud sam bith a rachadh aigair fhaighinn a nasgaidh! Chaidh an Drobhair a sàssa mhil, ’s chaidh na seilleinean a sàssan Drobhair, ’s mun dfhuair e cuibhteas iad, chan aithnicheadh a mhàthair e. Bha ega roladh fhéin air a chnoc air son an sguabadh dheth, gun chuimhne gu robh e air bruaich chas, gus an dfhuair e e-fhéin aig a bonn, le cas bhriste. Bfheudar do na gillean a ghiùlan aon uair eile gu taigh-òsda beag anns an robh dùil acan oidhche chur seachad. Ann an sin fhuair iad gun robhn aodann aige air at cho dona o ghath nan seilleineans gum bfheudar dhaibh fuar-lita chur air gudha shùil. Ben dotair a rinn so an deis a chas aigechur air doigh. Agus air sons gum faigheadh eanail rium iad toll mu choinneamh a bheòil, anns na chuir iad piob bheag, mu shia oirlich a dhfhad, agus tromhm biodh e gabhail rud a chumadh beò e cuideachd. Bhan Drobhair bochdna shealladh iongantach a nis. Agus air do bhean an taighe tighinnga amharc, an uair a fhuair iad air doigh e, thuirt i ris na gillean, “Càitair an t-saoghal na leon sibh a ghuilbneach mhor so, ’illean? ’S ann dhuibh fhein a thigeadh a dhol a shealgaireachd!” Thug an Drobhair sùil ghruamach oirre, ’s chaneil teagamh nach robh ega beannachadh romhri fheadan.

Dhfhàg na gillean an Drobhair air a dhruim direach ann an so, far am feumadh e fuireach fad iomadh latha mun toireadh a chasan dhachaidh e, agus ghabh iad air adhart gun seann dachaidhean fhein. Dhealaich iad mu dheireadh, an deis iomadh latha bhi comhladh, agus ghabh gach fear gudhachaidh fhéin, a gealltainn a dhol a dhamharc a chéile mum fàgadh iad slàn a rithist aig tir an fhraoich. Fhuair Aonghas gach ni car mar a dhfhàg e, agus bu mhor an toileachadh a rinn iad ris. An deis beagan làithean a chur seachad an taigh athar, chaidh Aonghas sgriob a dhamharc caraidebha comhnaidh an cearn eile dhen dùthaich. Chaneil teagamh nach ann a thaobh an caraide so a bhi fuireach faisg air dachaidh Catriona a chaidh Aonghasga amharc cho luath, a toirt de thombaca thun an duine chòir na chumadh ceò ris fad da bhliadhna. Ràinig e oidhche Shatharna, agus an deis dha fàilt a chur air a chàirdean smaointich e, on a bha gealach ann, gun gabhadh e cuairt feuch thachradh ris.

(Ri chriochnachadhs an ath aireamh).


Leum an Garadh Far an Isle.

IS e mo bheachd gun dearbh ar canain air doigh no dha gur Sluagh sinn aig abheil baigh ris na feartan a tha deanamh suasmodh.” ThaGhaidhlig, gun amhurus, ’n aCainnt laidir ruidhteach, is neo liotach fuaim;” achse teisteanas Dhonnachaidh Bhain is firinniche mu fhior ghne na canain:—

Asugradhs abruidhinn le cheile,
Atogail eibhnis, mir’, ’us manrain;
Siobhalta, farasda, beusach,
Am beul gach neach a ta narach.”

Bheirear air aghaidh mar dhearbhadh air modh nan Greugach cho buailteachs a bha iad do bhi toirt seachad am beachd air dhoigh sheimh, theagmhach, mar gu bem miann eadhon an nannhdean a thoileachadh. Tha am feart co nas comharraichtes aGhaidhlig na eadhon anns aGhreugais. Chaneil neach a dhamhairceas roimhn Ghràmar Ghaidhlig nach faic gu bheil sinn easbhuidheach anns na doighean labhairt a dhearbhass a dhàicheas. Chaneilnonoyesidir againn. ’S iad achuid is deise den Bheurla; ach chan fhaighears aGhaidhlig iad. Chan abair sinnthanobhaach ainmig; ’s ebithidhusbhitheadha roghnaicheas sinn. Tha sinn teom air fiosrachadh a thoirt seachad mar gum bann afeoraich a bhitheamaid. Tha sin cleachdta bhi labhairt oirnn fheinus air an aon ris abheil sinn



[98]

[Vol . 10. No. 13-14. p. 2]

abruidhinn mar gum bu neach eile bhiodh ann— “An e so Eachann? ’S e so fhein na tha lathair dheth,” &c . Tha mi meas gu bheil achleachduinn so ag eirigh on rùn a bhi cur toil neach eile an aite ar toil fein— “ann an urram athoirt toisich gach aon da cheile.” ’S e an aon bhuaidh inntinn a thug dhuinn na h-uiread de fhocail airson ar graidh do chach acheile chur an ceill; agus gu h-araid an doigh labhairt ris an abair iads aBheurlaEuphemism, ”aguss an aite dam buin mibeul-boidheach.” Mar so their sinn an aitebhasaich enodheug e,” “shiubhail e, chaochail e;” agus mu neach a tha marbh, “Am fear nacheil a lathair, Am fear nach maireann.” Anns an Sgireachds an do thogadh mi, ’s eA ghin mhaitha theirear ris an aon mu dheireadh de chluain uirceinean a tha, mar is trice, moran nas lughas nas laige nan corr; aguss eAm bogha samhacha theirear ris achreig air an àirde bheucas an tonn.

Ach foghnaidh so an traths’. Dhfhaodte deagh leabhar a sgriobhadh air an rian son ar canainsn ar litreachas. Dearbhaidh ar canains ar n-Eachdraidh gum bu daoine modhail, cuirteil ar n-Aithrichean, ’n an cainntsn an giulan. Anns an rathad so, codhiu, thug sinn làn umhlachd do theagasg an t-Seann-fhocail. Ach air an laimh eile, an robh sinn cho seoltan ar gniomhs a bha sinn cho modhailn ar cainnt? Their aon der Sean=fhocail , “Theid seoltachd thar spionnaidh;” agus aidichidh sinn gu bheil an radh fior. Ach abheil sinn an comhnuidhn ar n-obair a gleidheadh na firinn air chuimhne? Theirear gu tric nacheil. ’S em beachd cumanta mur Sluagh, gu bheil iad ro dhana, ro dheas a dhol an dail cunnairt. An aite a bhileum a ghàraidh far an isle,” nach abrar gu tric gur ann a thaghas an Gaidheal, le comhairle shuidhichte, an t-aites airde chi e, agus nach foghainn so leis, ach gun cuir e fein, le dhà laimh, ploc eile, gu minic, air aghàradh, a chums gun dearbh e don t-saoghal nacheil neach ann a leumas cho ard ris-san? Feudaidh e bhi gum faicear air uairean cuid der Sluagh gan gluasad fein air doigh leth chosmhuil ri so; ach cha saoil mi gun dearbh ar Sean-fhocail, gum be so ar cliu. Bha agus tha ar Sluagh misneachail, neo-sgathach ri uchd cruadail, agus gu ma fada bhios an cliu sin fior; ach is aon ni cunnart a choinneachadh gu calma, agus is ni eile dol ga shireadh. Chan ionann misneachus an-danachd. Tham fior ghaisgeach glic;

Na h-iarrsa carraid nan sgiath,
S na diult i air sliabh nan cruach,”

arsa Fionnghal ri Oscar; agus co theireadh gun tugadh esan comhairle shuarach airmac a mhicas an robh uaill cho mor.

Feudar a radh gur e modhus faicilln ar caint teagasg nan Sean-fhocal, a tha a reir an Abstoil, eu-comasachceannsachadh na teangaidh. Ach gheibh sinn teagasg eug-samhuil eadhon anns achuis so. TheirearBagairs na buail,” ach a ris, “Bruidheann bheagus fuann dhorn.” Theirear gu fior“ ’S e glor mhilis a mheallas an t-amadan;” ach bheirear seachad mar fhreagairtIs searbh aghlor nach feudar eisdeachd.” Anns na Sean-fhocail, chan fhaighear modhn ar cainnt air a mholadh cho tric ri faicill. TheirearBrisidh an teangadh bhog cneath;” “ ’S e cordadh a reubas reachd;” ach airson faicill ler teangaidh tha na Sean-fhocail lionmhor agus teann. Is eiginn gun robh an luath-bheul na bu draghaile dar n-Aithrichean nan droch-bheul: “Na h-abair ach beag, ’s abair gu maith e:” “Am fear a ghleidheas a theangaidh, gleidhidh echaraid;” “Bithidh breith-luath lochdach;” “Is olc an teangaidh is luaithe nan teine;” “Ma their thu nas leir dhuit, their thu nas nàr leat;” “Cuiridh an teangadh snaim nach fuasgail an fhiacail.” ’S e foighidinn, faicill, ’us seoltachd an àm dol an ceann gnothuich teagasg nan sean-fhocal. Gheibhear aon no dha de chaochladh dreach, “An ramh is faisge, imir;” “An cuirm is luaithe bhitheas ullamh, suidheamaid uile ga ghabhail” —achs ann gun teagamh air taobh faicillus seoltachd a tha chuid gu mor is lionmhoire. Biongantach nam biodh an t-atharrach fior. Cha mhor dhaoine aig an robh barrachd aobhair na bha aig Gaidheil na h-Alba airson earlaisus faicill. Bha iad re moran den Eachdraidh buailteach do ionnsuidhean sgriosal, gun rabhadh, on naimhdean. Tha fathasd moran diubh aig abheil gnothuch ris amhuir; agus chan aithne dhomh ceird a dhiarras barrachd faicillus curann a cheapadh cothroim air sruths air soirbheas, nas trice dhiarras barrachd seoltachd on luchd-obair, na ceird an iasgair Ghaidhealaich. Gheibh sinn cuid de na Sean-fhocail ateagasg geilleadh an uair tha cuisean adaghaidh: “Clachan dubha an aghaidh shruithean.” Bha ar n-Aithrichean teom air a bhi comharrachadh cunnartus amaideachd turn a ghabhail os laimh nach be gu ro cheart do ghnothuch, agus as nach biodh e ro fharasda faotainn ma sgoil. “Na cuir do lamh eadar achlachs asgrath;” “Eadar longus lamhrig;” Eadar am boghas an t-sreang. Bhan cothrom maith a ghabhail air a theagasg leis an deagh Shean-fhocal, “Deasail air gach ni;” achs e curamus faicillus earalas bunus barr sgeoil nan Sean-fhocal a tha far comhair an traths’: “Fanaidh duine sona ri sith, ach bheir duine dona dui-leum;” “Cha toir thun aire gus an teid bior adshuil;” “Chaora luideagach a theids an dris, fagaidh i h-olainns an dos;” “Mar is luaithes faisge mho-ille;” “Cha nen ro dheifir is fearr;” “Na gearr do sgornan le dtheangaidh fein;” “Am fearr nach seall roimh, seallaidh en a dheigh;” “Amhairc romhad mun toir thu do leum.” Tha na h-earailean so cothromach, agus tha earailean den t seorsa lionmhorn ar Sean-fhocail. Is co-ionann teagasg do mhoran der sgeulachdan. Chuala sinn uile mar a thachair Diarmad ribhas. Thomhais en torc, le troighibh ruisgte, oshoc gushail, ’s cha dfhuiling beud; ’s ann an uair a dhfheuch e ri thomhas an aghaidh achuilg a reubadh a shail le mile lot. Ma bha ar sluagh bras, dian ren Eachdraidh, mar theirear gu minic a bha iad, cha be so teagasg a fhuair iad, ann an tomhas nor co-dhiu. Agus chaneil mi cho cinnteach gun robh ar n-Aithrichean cho bras no cho dians a chuirear cho tric as a leth. Fagar orra gu bheil iad mairnealach, leisg an dara uair; agus cluinnidh sinn uair eile nach buin foighidinn no faicill dar daoine. Feudaidh beagan den fhirinn a bhis an da bheachd; ach chan en dara aon na n-aon eile an toll a mhill an t-seiche Ghaidhealach, mas es gur ann millte tha i. Tha earailean nan Sean-fhocal a dhainmich mi feumail, cha deanar moran rath as an eugmhais; ach tha iad easbhuidheach. Tha cainnt mhodhailus giulan eireachdailn a nithean maiseachus cliùiteach; ach eadhon an so gheibhear an gath an taice na meala. Feumar an comhnuidh barrachd luach a chur air Firinn na air Modh; agus mur gleidh thu meas ort fein, caillidh tu urram dhaoine eile. Tha Sodal ann an dlu dhaimh ri Modh; is ro tric a dhfhas an Cùirtearn a Sgimileir. Tha faicillus earalas mun toir thu lamh air gnothuch feumail; ach cha dean faicillus earalas, air a meud, leo fein chu Sluaigh a chuir am farsuingeachd. Feumaidh buaidhean is airde bhi air an cleachdadh: tuigse gheur a thaghas a chuis is glic, rùn seasmhach a chum achuis a thoirt gu buil a dhaindeoin gach grabadh a thigs an rathad, seoltachd a ni am feum is fearr do gach grabadh a thigs an rathad, seoltachd a ni am feum is fearr do gach meadhonus cothrom air an ruig do lamh, agus dichioll nach failnich ann a bhig oibreachadh a mach do rùin. Ma gheibhear na feartan so air an cleachdadh ann an tomhas riaghailteach, ’s ann dona da rireadh a than t-aite anns nach bi an Sluagh sona agus sealbhach.

D. MK.


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHANAN CADAL.

CAIB. II.

BHA Abou Hasan gach latha adeanamh ulluchaidh air son na cuirma bha gus a bhith aige anns an oidhche, agus an uair a thigeadh an feasgar bha edol gu ceann drochaid Bhagdad, agus asuidhe feuch am faiceadh e coigreach atighinn an rathad. Agus cha bu luaithechitheadh e coigreach atighinn an rathad a bha e, co dhiubh bu duine bochd no bu duine beairteach e, na chuireadh e failte gu cridheil, caoimhneil air agus bheireadh e cuireadh dha gus a shuipear a ghabhail, agus an oidhchechur seachad maille ris; agus an deigh dha an ni a runaich e dheanamh innseadh don choigreach, threoraich e dhionnsuidh an taighe e. Cha robh an t-suipear a bha Abou Hasan ag ulluchadh air son nan coigreach acosg moran dha, ach cha robh gainne beidh ann, agus bha am fion gu math, agus bha am pailteas ann dheth; agus bhan t-suipear amairsinn gus am biodh greis mhath dhen oidhche air a dhol seachd. Cha bi achuirm gun a comhradh a bhiodh aca, oir bha Abou Hasanna dhuine cho comhraiteach agus deadh-fhaclach, agus cho tuigseachs gun cumadh e suas comhradh taitneach fad na h-oidhche, agus chuireadh a chomhradh tuigseach, geur-chuiseach sunnd agus aoidh air an duine cho trom inntinns a burrainn e a bhith. Air an ath mhadainn, an uair a bha ecur air falbh an neach don dthug e aoidheachd, bha en comhnuidh alabhairt ris mar so: “Gun gleidheadh Dia thu o gach bron, ge be taobh a theid thu. An uair a thug mi cuireadh dhut an de gus do shuipear a ghabhail comhladh rium, dhinnis mi dhut an doigh a runaich mi a dheanamh. Air an aobhar sin na gabh gu h-olc e, ged a tha mig innseadh dhut nach fhaod sinn a cheile fhaicinn gu brath tuilleadh, agus nach mo a dhfhaodas sinn biadh no deoch a ghabhail maille ri cheile aon chuidnam thaigh-sa no ann an taigh sam bith eile, air son aobhar air nacheil fhios aig duine sam bith ach mi-fhin; agus gun treoraicheadh Dia thu.”

Bha Abou Hasan acumail gu dluth ris na mionnan a thug e, agus cha do sheall e riamh air son choigreach don dthug e aoidheachd, agus cha mho na sin a bhruidhinn e riutha. Ge be uair a thachradh e riutha air an t-sraid, no ann an cuideachd, cha leigeadh e air gun robh eg am faicinn, agus thionndadh e air falbh gus an seachnadh air eagal gum faigheadh iad cothrom air bruidhinn ris.

Air feasgar araidh, an deigh dha bhith uine fhadadol air aghart anns an doigh so, bha ena shuidhe air an drochaid, beagan roimh dhol fodha na greine, mar bu ghnath leis. Co thigeadh an rathad anns an am ach righ Haroun Alrashid, agus e an deigh e fhein a chur as aithne cho mors nach aithnicheadh neach sam bith e; oir, ged a bhan luchd dreuchd a bha folaimh adeanamh an dleasdanais gu cothromach agus gu curamach, bha toil aige fhein, air a shon sin, fios fhaotainn



[99]

[Vol . 10. No. 13-14. p. 3]

mu thimchioll gach ni a bhadol air aghart, agus air an aobhar sin bha eg a chur fhein as aithne, agus acoiseachds an fheasgar air feadh abhaile, agus mun cuairt iomall abhaile.

Be an lathud acheud latha dhen mhios, agus chuir an righ uime deise mar gum be marsanta do mhuinntir Mhosul a bhiodh ann, a bhiodh air ur thighinn dh Bhagdad, agus bha dithis de sheirbhisich mhora laidir afalbhna dheigh.

An uair a chunnaic Abou Hasan an coltas tlachdar, stolda a bhair an righ, shaoil leis, cho luathsa chunnaic e e, gum be aon de mharsantan Mhosul a bhann, agus an uair a chuir e failte air le mor urram, agus a thug e pog dha laimh, thuirt e ris: “Mo thighearna, tha mi ro thoilichte gun dthainig sibh gu sabhailte. Tha miguidhe oirbh gun cuir sibh a dhurram orm gun gabh sibh bhur suipear maille rium, agus gun gabh sibh tamh anns an taigh agam anochd an deigh an sgios a fhuair sibh air bhur turus.” Agus a chum nach diultadh an righ dha am fabhar a bha eg iarraidh air, dhinnis e dha gun robh e mar chleachdadh aige a bhithtoirt aoidheachd fad aon oidhche don cheud choigreach a thachradh ris.

Chuir na thuirt Abou Hasan ris annas gu leor air an righ agus bha fior thoil aige fios fhaotainn mu dheidhinn an aobhair a bhaige air son a bhithcumail suas a leithid de chleachdadh. Agus air an aobhar sin, cha do leig e air nach be aon de mharsantan Mhosul a bhann idir. Thuirt e ri Abou Hasan, gun robh e fadana chomain air son achuiridh chaoimhneil a bha etoirt dha, agus gun duil sam bith aige ri leithid do chuireadh fhaotainn ann am Bagdad, agus gun gabhadh e an tairgse gu toilichte, agus nach robh aige ach a threorachadh thun an taighe, agus gun leanadh e e.

O nach robh fhios aig Abou Hasan gun robh an duine don robh etoirt aoidheachd ann an inbhe moran na bairde na e fhein, bha e cho dana airs ged a be fear dhe sheorsa fhein a bhiodh ann. Thug e e do sheomar grinn anns an robh earnais mhath, agus chuir ena shuidhe air sofa e anns am aite burramaiche a bha staigh. Bhan t-suipear deiseil, agus chuireadh brat air abhord. Bha mathair Abou Hasain anns achearna acur na suipearach air doigh, agus chuir i suas tri miosan. Anns acheud mheis bha coileach agus ceithir eireagan, agus chuireadh air meadhain abhuird i. Chuireadh an dara agus an treas mios air gach taobh dhen bhord; bha giadh air a rostadh ann an te dhiubh, agus bha calamain air an rostadh ann an te eile. Be so na bhann gu leir; ach bha iad de sheorsa math, agus gu math air an deasachadh agus bha sabhs math orra.

Shuidh Abou Hasan air taobh eile abhuird mu choinneamh an righ, agus thoisich iad le cheile ri gabhail abheidh gu sunndach, agus, a reir cleachdadh na duthchadh, cha robh iad ag radh facal, agus cha mho a bha iad ag ol deur.

An uair a ghabh iad na thainig riutha dhen bhiadh, thug seirbhiseach an righ uisge uca gus an lamhan a nigheadh. Aig acheart am thug mathair Abou Hasain air falbh na soithichean agus am biadh bhar abhuird. Thug i caochladh sheorsachan de bhiadh milis thun abhuird, agus measan mar a tha dearcan fiona, ubhlan, peirean agus mar sin sios.

An uair a thoisich an oidhche ri dorchnachadh, lasadh coillean ceireach, agus an uair a dhiarr Abou Hasan air a mhathair curam a ghabhail de sheirbhiseach an righ, chuir e botuil is glaineachan air abhord.

Shuidh e rithist aig a bhord, agus mun do bhlais e air na miosan lion e glaine dhen fhion, agus thuirt e ris an righ, agus en duil gur e fear de mharsantan Mhosul a bha comhladh ris: “Tha fhios agad, mo thighearna, nach ol an coileach deur dhen uisge gus an gairm e air na cearcan gu tighinn a dhol comhladh ris. Tha mig iarraidh ortsa meisimpleir a leantuinn. Chaneil fhios agam ciod a dhfhaodas tusabhithsmaointean; ach air mo shon fhin dheth, cha chreid mi gum bheil duine sam bith ghlic mureil tlachd aige don fhion. Leigeamaid an leud fhein leis na daoine mugach, gruamach ud, agus deanamaid sinn fhin subhach le pailteas dhen fhion a ghabhail.”

An uair a bha Abou Hasan ag ol, rug an righ air aghlaine a bhair a bheulaobh, agus thuirt e: “Is e duine gasdath annad; is toigh leam an nadar math athannad, agus tha dochas agam gun lion thu aghlaine so gu math lan dhomh.”

Ghrad lion Abou Hasan aghlaine don righ, agus an uair a thug e dha i, thuirt e: “Blais air an fhion so, mo thighearna; theid mi an urras gum bheil e gle mhath.”

Tha mi lan-chinnteach gum bheil,” ars an righs edeanamh gaire; “is math is aithne dhut fion math a thaghadh.”

Oh,” arsAbou Hasan, an uair a bhan righ atraghadh na glaine fhiona, “foghnaidh do dhuine amharc ort fhein ann an clar an aodain, agus tuigidh e gum facthu moran dhen t-saoghal, agus gur aithne dhut ciod a thann am biadh math, agus ann an deoch mhath. Nam burrainn mo thaigh-sa smaoineachadh, agus an t-aoibhneas a thair a chur an ceill, nach ann air a bhiodh an toileachadh gum bheil thuna bhroinn, agus chromadh enad lathair, agus theireadh e, “Nach ann agam a than t-aobhar gairdeachais ann a bhithfaotainn a leithid a dhurram o neach a tha cho measail, agus cho iomchuidh riut.”

Bhan righ gu nadarrana dhuine cridheil, sunndach, agus chord na labhair Abou Hasan gle mhath ris. Agus thug e gach oidhirp laghail air toirt air Abou Hasan cuid mhath dhen fhionol, a chum gun leigeadh e ris inntinn dha. Agus bha e fhein ag ol glaine air aghlaine ri Abou Hasan. A chum, air an aobhar sin, an tuilleadh comhraidh a bhith eatorra, dhfheoraich an righ dheth ciod a bainm dha, ciod an obair a bhaige agus cia mar a chaith e na chaidh seachad dhe bheatha.

Fhreagair Abou Hasan, agus thuirt e: “Is e mainm Abou Hasan. Chaneil mathair beo. Bha ena mharsanta ann am Bagdad. Agus ged nach be bu bheartaiche a bha ann am Bagdad, bha cuid mhath dhen t saoghal aige. An uair a dheug e, dhfhag e gu leor a dhairgiod agamsa gus mo chumail suas gle mhath fad uile laithean mo bheatha. Ach on a bha e an comhnuidh gann gu leor rium le airgiod fhads a bha e beo, an uair a dheug e, bha toil agam a dhol ann an cois na chaill mi de sholasan an t-saoghail. Ach air a shon sin, bha mi na bu ghlice na bha moran de dhaoinoga a thag an toirt fhein thairis do mhisg agus do mhi-bheus, gun smaointean air mar a bha iad adol air aghart gus an tigeadh iad gu fior bhochdan, agus dom bfheudar a bhithfulang air a shon fad uile laithean am beatha. Gus am mi-fhortan so a sheachnadh, rinn da earrann air gach ni a bhuineadh dhomh ris an t-saoghal. Bhan darna leith dhena airgiod ullamh agam, agus cheannaich mi fearann agus taighean leis an leith eile. Chuir mi romham gun cosgainn an t-airgiod ullamh orm fhin agus air mo luchd-eolais. Ach chuir mi romham mar an ceudna nach cosgainn bonn dhen mhal a bha mifaotainn air son an fhearrainns nan taighean. Rinn mi companas ri daoin oga a bha mun aon aois rium fhin, agus leis an airgiod ullamh, air nach robh caomhnadh sam bith agam, bha mitoirt cuirm shoghmhor dhaibh a h-uile latha. A dhaon fhacal, thug mi mi-fhin thairis do gach seorsa toil-inntinn. Ach cha do mhair so fada; oir aig ceann na bliadhna theirig a h-uile bonn dhen airgid a chuir mi air leith; agus an sin threig mo chompanaich mi gu tur. Chaidh mi far an robh a h-uile aon dhiubh, agus dhinnis mi dhaibh an staid bhochd anns an robh mi, ach cha do thairg a h-aon dhiubh cuideachadh a thoirt dhomh. An uair a chunnaic mi mar a rinn iad orm, chuir mi cul gu buileach riutha. Agus thoisich mi ri caomhnadh mo chodach, a chum gun rachadh agam air tighinn beo leis na bhatighinn a staigh orm a h-uile bliadhna. Thug mi mionnan nach cumainn cuideachd ri duine sam bith ach ris acheud choigreach a thachradh rium air ur-thighiun an latha sin fhein do Bhagdad, agus nach tugainn aoidheachd dha ach an aon oidhche. Dhinnis mi dhut an corr mar tha; agus tha mi taingeil gun do chuir am fortan an diugh coigreach cho fior ghasda riutnam rathad.

(Ri leantuinn).


S e an Claon-Bhreith an Darna Breith.

BHA fear de righrean na Frainge anabarrach deigheil air òran a dheanamh. Bha dithis oide aig ateagasg dha ciamar a bu choir na focail a chur ri chéile agus na sreathan a chur an òrdugh ach a dhaindeoin sin cha robh an obair asoirbheach leis. La a bhann chur e ri cheile, air moran dragh, luinneag bheag nach bfhiach an spàirn, agus as nach robh tlachd sam bith aig an righ féin. Coma co dhiu an ath la nuair bha na h-uaislean cruinn, thug an righ seachad don fhear a bu shine agus a bonaraichesa chuideachd am paipear air an robh an luinneag sgriobhtaus thuirt e, “On a tha fios aig cach gur toigh leam na h-orain, tha iad atoirtg am ionnsuidh na h-uile seorsa rannan chums gun innsinn mo bheachd orra. Nis leugh thusa an luinneag sin agus innis dhomh an do thachair thu riamh air rud idir cho suarach ris.” Leugh an sean-duine an luinneag agus fhreagair e. “Tha sibh ler cead an comhnuidh ceart, a righ, agus gu h-araid tha sibh ceart an trasd; luinneag cho suarach agus cho amaideach chan fhaca mis cha chuala mi riamh.”

Thoisich an righ ri deanamh gàire ag raidhtinn, “ ’s nach be an t-amadan am fear a rinn e.” “An t-amadan gu dearbh e,” fhreagair an t-uasal; “neach a dheanadh luinneag mar sin cha tigeadh ainm a bfhearr dha.” “ ’S math leam do chluinntinn,” arsan righ“ ’s e mise mi fein a rinn e.” “Mo mhearachd a righ!” do ghlaodh an truaghan, “nach leig sibh leam a rithist, ’s ann a leugh mina mo chabhaig an luinneag.” “Ma ta cha leig, thuirt an righ, “ ’s e an claon-bhreith an darna breith.” Bha gaireachduinn gu leoir aig moran den chuideachd air cho sgiobalt agus a thug an righ an car as an t-sean-uasal. Ach bolc am protaig i an duine aosmhor coir a mhealladh agus cuis-bhuirt a dheanamh dheth, agus cuid eile cha dubhairt iad diog, agus iad a smuaineachadh nach biodh an gnothuch gun toirbheachd don righ fhein nan toireadh e air a bhi tuigsinn cia cho tric agus a dhfhaodadh ceum no dha a bhi eadar e fhein agus an fhirinn.


Is fearr beò na leomhan marbh;
S fhearr min gharbh na bhi gun bhleth;
An rud a chì thuthogas fearg,
Na dean dearmad air a chleth.



[100]

[Vol . 10. No. 13-14. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OCTOBER 4, 1901.

Taghadh na Parlamaid.

Bha a phàrlamaid ùr air a taghadh Di-màirt, agus mar a bha a mhor chuid an dùil a bhitheadh, fhuair na Liberals a bhuaidh. Cha robh uiread bhòtaichean air an toirt seachadsa bàbhaist, oir mar a thug sinn iomradh roimhe, cha robh an sluagh agabhail suim mhor sam bith dhen ghnothuch; bha iad dhen bharail gu robh am blàr adol mar a chaidh e. Ann an siorrachd Cheap Breatunn bha Mac Coinnich agus Gillios mu 1500 bhòt air toiseach air Mac Fhionghain agus Mullins. Ann an Richmond bha Mac Fhionnlaidh agus Joyce air an taghadh; ann an Inbhirnis, Seumas Domhnullach agus Doucette; ann an Victoria, Deorsa H. Moraidh agus Iain G. Moireasdan. Ann an Antigonish fhuair na Liberals, an t-Onarach Aonghas Mac Gillebhràth agus C. P. Siosal, a stigh gu h-aon-ghuthach lathan ainmeachaidhcha do thairg duine ruithnan aghaidh; agus thachair an ni ceudna ann an Yarmouth. Tha an taghadh so a nochdadh gu bheil an sluagh làn riaraichte le riaghladh Mhoraidh, agus làn-earbsach as gum bi a riaghladh cho maths na ceithir bliadhna tha tighinnsa bha es na coig a dhfhalbh. Ach tha fhios nach robh riaghladh ann riamh nach bfheaird a bheag no mhor de bhuill an taighe bhi nan aghaidh, agus mar sin tha a mhor chuid de na Liberals fhein duilich gun deachaidh a chuis cho aon-taobhach. Cha robh air an taghadh de Chonservatives uile gu leir ach a dithis, Domhnull Mac Leoid ann an Cumberland, agus Tearlach E. Tanner ann am Pictou; agus chan eil taghadh Tanner gle chinnteach, oir cha robh e ach àireamh bheag bhòtaichean air thoiseach air an fhear a bfhaisgair, agus faodaidh an ath chùnntas a chur air deireadh.


An Riaghlair Roosevelt.

A reir lagh nan Staidean, cho luathsa chaochail an Riaghlair Mac-Fhionnlaidh bha an t-Iar-Riaghlair, Theodore Roosevelt, air a chur na aite. Is e Roosevelt an duines oige ghabh an dreuchd so riamh anns na Staidean; chan eil e ach da fhichead us tri bliadhna dhaois. Ghabh e na h-aon luchd-comhairlesa bha aig Mac Fhionnlaidh agus thug e a ghealladh seachad gum biodh a riaghladh gu h-iomlan a reir mar a shuidhich an duine sin romh a bhàs. Gu ruige so tha deagh chliù air Roosevelt; gheibheir e daonnan air taobh mathais us ceartais, agus ni a chuireas e roimhe bheir e gu crich. Fhuair e don inbhes am bheil e an aghaidh toil na feadhnach sin aig an abhaist lamh laidir a bhith ann an taghadh Riaghlairean; mar sin chan eil enan eisimeil, agus bidh làn chomas aig air an ni a bhios ceartna shealladh féin a dheanamh, gun uireads an cead iarraidh. Bidh sinna shaorsa mhor dha, agus on tha tri bliadhna gu leth roimhe, bidh deagh chothrom aig air fhoillseachadh ciod a ghnè dhuine thann, agus am bheil no nach eil e cho freagarrach air dreuchd àrd na Riaghlaireachdsa bha e air na dreuchdan anns an robh e roimhe.


Cha robh MAC-TALLA air a chur a mach air an t-seachdain sa chaidh, agus mar sin tha aig an àireamh so ri seasamh air son na da sheachdain. Faodaidh e bhi nar comas an call a dheanamh suas do ar leughadairean aig àm eile.


Chan eil na lighichean a bha frithealadh don Riaghlair Mac Fhionnlaidh air leabaidh a bhais a faotainn cliù mor sam bith. Thatar afàgail orra nach robh iad cho faiceallachs bu choir dhaibh a bhith, gu robh iad adeanamh uaill ro mhor as a bheagan soirbheachaidh a bha leotha, agus gun dug iad biadh ro laidir dha cho luathsa bha e nam beachd á cunnart. Faodaidh e bhith gun drinn iad mearachd, ach tha e gle shoirbh tuilleadhsa choir dhen choire chur orra. Chan eil teagamh nach robh an Riaghlair air a lagachadh gu mor le obair agus iomguinean nan coig bliadhna chaidh seachad, agus mar sin nach robh seasamh aige ri tinneas trom sam bith, gun tighinn air na lotan bàsmhor a fhuair e. Aig a cheart àm, ma bha na lighichean mi-churamach no agabhail tuilleadhsa choir orra fein, tha e gle iomchuidh nach biodh sin air a chumail an cleith.


Thainig Prionnsa Chun á Sina don Ghearmailt gus ùmhlachd a thoirt don Impire agus cionta dhùthcha aideachadh a thaobh mort fir-ionaid na Gearmailt ann am Pekin. Ach than t-Impire Uilleam agus moran de dhuaisleans de dhìslean na Gearmailt a nise car teagmhach mun chùis; chan eil iad buileach cinnteach co-dhius ann mar mhagadh no a cheart da-rìreadh a bha Prionnsa Chun anns an ùmhlachd a rinn e. Chaidh e gu dleasdanach troimhn t-seirbhis a chuireadh mu choinneamh, agus rinn e gach beic agus modh a bha air àithne dha, ach bha ni-eigin cho pròiseil na ghiùlans na ghluasads nach eil muinntir na Gearmailt uile gu leir saor on eagal gun dfhalbh Prionnsa Chun ag radh ris féin, “Ma thug sid toileachadh do Uilleam, cha do chuir e tàmailt mhor sam bith ormsa.” Tha na Sineichnan sluagh seòlta, domhain, agus tha an dòighean doirbh an tuigsinn.


Reic Mhor Bhrog
Brogan laidir is fhiach $1 40 air $ 99
Brogan laidir is fhiach $2 00 air $1 25
Brogan Grinn Dongola $2 00 air $1 35
Brogan Carte $2 .00 air $1 .49
Brogan Buidhe-bhan $1 50 air $1 10
agus iomadh bargan eile ann am brogan dhaoine a nis ri fhaotainn ann an
STOR BHROG Redden.
ROSS BLOCK.


$10 ,000.00
Feumaidh an t-suim so a bhi againn
MUN RUITH TRI FICHEAD LATHA
AGUS
So an doigh air am bheil
Sinn adolga fhaotainn.

Chan ann le bargain a thairgse dhut ann an aon no da sheorsa bathair, ach leis gach ni a thasa bhuth againn a thairgse air prisean a riaraicheas duine reusonta sam bith.

Deagh chothrom air Caiseart agus Aodach Math fhaotainn saor do chloinn a thadol dhan sgoil.

Thig latha no oidhche sam bith gus am bi an Reic Shaor seachad.

Ma bhios tu ceannach fiach $4 .00 no barrachd de bhathar, agus nach tachair dhut a bhi comasach a phaigheadh aig an am, faodaidh tu pairt dhe a phaigheadh, agus cumair an ni tha thu ceannach fad seachdain dhut.

Mills , MacKenzie & Ross.


Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a thagainn air $3 .50s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios gan iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.



[101]

[Vol . 10. No. 13-14. p. 5]

Naigheachdan.

Tha Latha Taingealachd ri bhi air a chumail ann an Canada am bliadhna air an Diordaoin mu dheireadh de Nobhember, an t-ochdamh latha fichead.

Tha Sir Louis Davies a nise na bhreitheamh an Ard Chùirt Chanada. Tha Sir Louis anns a phàrlamaid o chionn còrr us fichead bliadhna, agus bha e air fear de na daoine bu tapaidhe bha air taobh nanLiberals .Cha deachaidh duine roghnachadh fhathast air son na dreuchd a bhaigeMinisteir Mara agus Iasgaich.

Tha e coltach gu bheil na Portuigich ann an Africa mu Dheas a ceadachadh do na Boerich a bhi faotainn arm troimhn fhearann aca. Chuir fear-ionaid Bhreatuinn ann an Lisbon an ceill do Riaghladh Phortugal an la roimhe gu feumadh an obair sin stad. Tha cuid de na Portuigich gle fheargach air son sin, achses docha gun dean an riaghladh mar a bhair àithne dhaibh.

Thatar ag obair gu sunndach air rathad-iarruinn a chladaich a deas. Tha mu cheithir mile fichead dhen rathad eadar Point Tupper us St. Peters air a réiteach cheana. Tha mu sheachd ceud duine ris an obair, agus tha dùil ri luchdrailsa nall á Sasunn romh mheadhon a mhios so. Tha ceud car obrach air an orduchadh air son an rathaid, agus an ùine ghoirid bithear a leagail nanrails ’sa tòiseachadh ris an rathad a dheanamh.

Bha an fheill bhliadhnail ann a Halifacs air an t-seachdain so chaidh, agus chuir i an duthaich anns an ainbhfhiach mar a babhaist. Ann an doigh no dha bha i air toiseach air feilltean bhliadhnaichean roimhe, agus ann an doigh no dha eile bha i fad air deireadh. Tha cuid ag agairt nach eil feum sam bith air feill a bhi ann a Halifacs na h-uile bliadhna, gun deanadh uairsan da bhliadhna an gnothuch. A dhaon rud cha bhiodh feill uairsan da bhliadhna cho cosgail dhan duthaich.

Cha drinneadh dail sam bith ann an toirt mortair an Riaghlair Mhic-Fhionnlaidh gu ceartas. Tha a chuirt seachad agus tha e ri bhi air a chur gu bàs mun ochdamh latha fichead dhen mhios so. Bidh e air a chur gu bas anns a chathair electric, oirse sin an doigh laghail air fear-cionta chur as an rathad ann an staid new York. Cha robh ceartas cho mall na gluasadsa bha i a thaobh Guiteau am fear a mharbh an Riaghlair Garfieldsa bliadhna 1881. Mhair a chuirt aig an robh am fear sin air fheuchainn corr us da mhios, agus cha deach a chur gu bas gu ceann bliadhnan deigh dha Garfield a thilgeadh.

Di-sathuirne sochaidh bha a cheud reis aig na birlinnean, agus choisinn an Columbia. Sheòl iad deich mile fichead ann an ceithir uairean gu leth, agus cha robh an t-Shamrock ach beagan us leth mionaid air deireadh. Chaidh na birlinnean a mach a sheoladh da la eile, Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, agus Di-mairt air an t seachdain so, ach bha an soirbheis cho lags nach burrainn daibh an reis a chriochnachadh. Bha iad ri feuchainn a rithist an , ach gu àm dol a chlò cha chuala sinn ciamar a chaidh dhaibh. Faodar a bhith cinnteach gu bheil an luaths a nochd an t Shamrock a toirt dochais do na Breatunnuich, ’sa cur eagal air na Geancaich gun coisinn i an duais.

Ann an Troy, Ontario, chaochail fear Adhamh Nuzener a bha ceud us tri bliadhna dhaois. Rugadh e ann an Ontario, agus bha e fuireach faisg air Troy o chionn ceithir fichead bliadhna.

Air Di-mairt an ceathramh latha fichead de September bha Niall Beutan, duin òga mhuinntir Leitches Creek, air a mharbhadh aig Abhainn Sheòraisseg obair ann am meinn-chloiche. Thuit torr cloiche air a mhuinga ghoirteachadh cho donas nach robh e beò ach da uair an deigh don sgiorradh tachairt.

Feasgar us oidhche Di-haoine sa chaidh bha am baile gun deur uisge ach na ghabhadh faotainn anns na seann tobraichean. Tha amar-uisge a bhaile aig an àm so ga chàradh, aguss e uisge Loch na Forks a thatar ag uisneachadh. Sgàin a phiob troimhm bheil an t-uisge sin a tighinn, agus gus an dfhuaireadh a càradh bfheudar don bhaile dhol tioram.

Tha duinòg ann an Sheffield, New Brunswick, risn do chuir a leannan cul an deigh dhi gealladh pòsaidh a thoirt dha, a nise dol ga sumanadh air son fàine, deiseachan, agus goireasan eile thug e dhi air choinneamh na bainnse. ’S fhiach na thug e dhi uile gu leir mu cheithir dolair fhichead, agus tha e cur roimhe mur toir an lagh sin dha gun sumain e i air son bristeadh-geallaidh.

Chaidh fear Eanruig Brooks, a mhuinntir na Meinne Tuatha, a bhàthadh aig Sidni Tuath oidhche Di-dòmhnaich sa chaidh. Bha e féin us fear eile air bòrd soithichsan acarsaid, agus nuair a bha iad a tilleadh gu tir chaidh am bàta chur thairis le oiteag gaoithe. Rinn am fear eile greim ris a bhàta agus fhuaireadh a shàbhaladh. Dhfheuch Brooks ri snàmh gu tir, ach bha e air a chlaoidh mun dràinig e agus chaidh e fodha.

Air an aonamh latha fichead den mhios sochaidh, bha Uilleam Domhnullach, gillòg aois choig bliadhndeug, air a mharbhadh aig callan rathaid-iaruinn aig Stellarton, N. S. Bha e feuchainn ri dhol air bòrd na trein nuair a thuislich esa thuit e fo na cuidhlichean. Bha te dhe lamhan air a gearradh dheth aig a ghuala, agus bha e air a ghoirteachadh cho donas gun do chaochail e mu dheich uairean an oidhche sin fhéin. Bu mhac e do Dhomhnull F. Domhnullach, air am bheil moran de ar leughadairean eòlach, agus ris am bi co-fhaireachdain aca anns a bhuille ghoirt a fhuair e.

Tha na Boerich acogadh fhathast agus a cur dragh agus call nach beag air an arm Bhreatunnach. Tha e coltach nach do chuir an rabhadh a thug Citchener dhaibhgum biodh iadsan nach striochdadh romhn choigeamh latha deug de September air am fògradh as an dùthaichs an cuid fearainn air a ghlacadh leis a chrùneagal sam bith orra. Ach tha iad a sior fhàs nas laige, agus ged a dhfhaodas iad seasamh a mach ùine mhor fhathast, bheirear gu striochdadh iad air a cheann mu dheireadh. Chan eil teagamh sam bith nach iad na ceannardan is coireach iad a bhi cho diorrasach a cur an aghaidh an ni a dhfheumas tachairt. Mas fior an sgeul, tha suim araid den airgead a thug Crugar leis as an Transbhaal air a chur ri creideas nan ceannardan ann am bancas an Olaint aig ceann gach mios, agus mar sin mar is fhaide chumas iad an cogadh air adharts ann is fhearr a bhitheas iad dheth— ’se sin mas urrainn iad cumail á lamhan nam Breatunnach.


Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.


Thig sinn suas ris an fheadhainn as fhearr
ann an deanamh
Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa
Bathair-Each.
N uair a bhios tudol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’sen seorsas fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agussen seorsas fhearr a tha sinne daonnan a creic, agusse sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut.



[102]

[Vol . 10. No. 13-14. p. 6]

Na Laithean a dhFhalbh.

THUG mi sgriob air feadh nan garbh chrioch agus ruaig ameasg eileanan Innse-gall, agus feudaidh sibh a bhi cinnteach gur e sgriobhadh a bu lugha bha air maire. Bu leoir leam a bhi ag ol a stigh an t-sonais a bha sruthadh thugam o bhi coimhead air beanntan mo ghaoil as abhi beachdachadh air ailleachd do-choimeas tir thuinidh nan treum, no obhig eisdeachd sgeula mu na laithean a dhfhalbh as mu na cleachdainnean ud a tha gu luath adol as an t-sealladh am meag sgailean dorcha na h-aimsir a threig. Chaneil mi idir asaoilsinn gum bheil e na ni cearr na nithean sin a chur air chuimhne mum basaich iad gu buileach. Tha ioma aon diubh faoin gu leoir ach tha foghlum us teagasg annta aig am. Is eadhon ged nach bitheadh idir, is airidh iad air cuimhne a chumail orra do bhrigh gum bheil iad freagarrach a chum soluis a thilgeil air na h-amanan us air na cleachdainean a thanis air siubhal seachad a chaoidh. Is ann o na sgeulachdan, o na baoth bharailean agus o na sean ubagan aig sluagh a tha sinn comasach air eolas fhaotainn air ciod i fìor eachdraidh pobuill agus ciod iad na smaointeanan agus na breithneachaidh a bu ghnath leo a bhi cleachdadh. Faodaidh mata beachdachadh air na nithean ud a tha faoin gu leoir annta fein a bhi na ni buanachdor a chum ar n-eolas a mheudachadh mu dheibhinn nan linntinn ud a tha gu luath gam follach fein a measg ceo nam bliadhnachan agus sgailean na h-aoise. Chaneil mise, aLeughadair ionmhuinn, gan creidsinn nis motha na thu fein, ach air dhomh a bhisan lan bharail gum bheil solus ri fhaotainn iomadh uair far an lugha am bheil suil ris, agus ghocas aig àm fo chleoca na h-amaideachd, tha mi am beachd gur fhiach sean nithe nan Gaidheal aithre a thoirt dhoibh. Maille ri iomadh ni eile a tha air caochladh ann an tir nam Beann tha beachdan an t-sluaigh mu na nithean amaideach ud air atharrachadh mar an ceudna. Agus is maith gum bheil, oir tha en a dhearbhadh gum bheil foghlumus eolas a dol am meud agus luchd-aiteachaidh nan garbh chrioch afas nis tuigsiche. Ach is fheudar dhomh aideachadhnuair a thairneas mi coimeas eadar staid na Gaidhealtachd mar a tha i nis agus mar a bha is na linntin a dhfhalbh gum bheil mi iomadh uair ann an teagamh a thaobh na cùise, agus air uair chan eil e cho soileir dhomh gum bheil cuisean air caochladh, anns gach ni a chum na cuid is fearr. Tha a thaobh an ni soda thaobh air aMhaoil.” Air aon taobh tha beannachdanus buanachdan ri am faicinn air an taobh eile, tha tiamhachd agus bron. A thaobh nam buanachdan a thainig rathad na Gaidhealtachd, faodaidh mi na nithean a leanas a chomharachadh a mach. Tha sgoilean agus eaglaisean air an suidheachadh ann an iomadh gleann uaigneach agus air iomadh eilean cuain far an robh aig aon am meadhona teagaisg agus grais gle thearc. Tha rathaide mora air an deanadh air feadh nan garbh chrioch, a chum is gum feud carbad nan ceithir each dol troimh na gleann is fiadhaiche cho socrach reidh is air cabhsair a bhaile mhoir. Tha mac talla nan creag aco-fhreagairt do sgriach an eich iarruinn agus do dhfhuaim rothan nan carbad aige feadh ghleanntanus bheanntan na h-airde tuath far am bu chruaidh ann an linn ar n-athraichean do neach an rathad a dheanadh na chois. Tha bata na smuide air eileanan iomalach Innse Gall agus air Lochan fasgach na h-airde niar a thoirt ro dhluth do bhaile Ghlasacho. Tha trid so iomad goireas aig luchd-aiteachaidh na Gaidhealtachd nach robh aig an athraichean. Tha eadhon an innleachd iongantach sin, a tha air cearcal a chur air an t-saoghal air a leithid a dhoigh is gun dthig naidheachd ann am priobadh na sul o America fein, air cuid do na h-eileinean a thoirt cho dluth oirnn is gum feud neach ann am Muile no Ile (ma tha cuid thasdan aige ri chosd) comhradh a chumail ri a charaid ann an Glaschu mar gum biodh iad nan suidhe mu choinneamh a cheile aig an aon bhord. Tha mar so gun teagamh iomadh caochladh aigh air tighinn air tir nan Treun, o na laithean ud anns an robh na Finneachan do ghnath ann an naimhdeas da cheileo na linntinn anns an robh suil gun leigeadh gach Ceann Feadhna og air dha teachd a chum a thighearnas fhaicinn a thapadh agus a threubhantas trid a chreich a thogal o fhearan a choimhearsnaich, agus anns am bi a chulaidh spuirt a bu togaraiche a bha aigur n athraichean a bhi morts a spuineadh nan Gall. Tha e nis moran nis furasda agus nis sabhailte do Bhailidhean Ghlaschu cuairt a thoirt feadh nan garbh chrioch na bha e anns an linns an robhBailie Nicol Jarviecho treun agus sgriob a thoirt, fo cheannsal Rob Ruaidh Mhic Griogair, a dhfhaicinn maise nan Troisichean, ailleachd Loch-Chatriona agus garbh shlios Bheinn Lomuinn. Ach ged a tha so uile fior agus ged a tha gach Gaidheal ro thaingeil air a shon, tha gidheadh atharraichean eile air teachd ann an lorg nan nithean sin a lionas mo chridhe le tiamhachd agus bron gach uair a bheir mi ruaig air feadh Gaidhealtachd mo ghaoil. Tha trid nan goireasan ud agus o aobharan eile, luach fearainn air ardachadh a chum is gum bheil na Tighearnan trid gaol nam màltan mora air iomadh gleann tioral agus srath tarbhach a chur fas a chum caoraich a chur an aite nan daoine. Is fada on a thubhairt an Slanaighear BeannuichteCia mor is fearr duine na caora?” Ach chan eil uair a bheir mi cuairt feadh ionada fasa tir mo dhùthchais, nach dthig an smuain ann am aire, gur eigin nach


MAC-TALLA

AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. ATIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1 .00SA BHLIADHNA DO CHANADAS DO NA STAIDEAN; $1 .52 DO BHREATUNN, DONEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE.


CEUD mile furain agus failt
Air aMhac-Talla, ceann an aigh!
S ann leam is ait gum bheil efas
O bhliadhngu bliadhn
An gliocas, tuigse, tur is ceill;
An eolas air gach ni fon ghrein;
Am meas, an clius am moran speis,
An ears an iar.

Chaneil fear eilen diugh fon ghrein
As mo don tug mithlachds aspeis;
S a bhuadhan co ni chur an geill
Le peanns le guth?
An t-armunn maiseach, uasal, grinn,
A choisinn cliu le luaths a phinn
Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir
S an cluinnteadhghuth.

Mo mhile beannachd aig an dream
A thatoirt aoidheachd dha gach am,
S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall,
An am an fheum’:
Dhearbh iad gum bheil fuil nan sar,
A choisinn cliu is buaidhs na blair,
Aruithnan cuislean gu bras, blath
S gach aitfon ghrein.

Bodachan aGharaidh.


THA NA H-UGHDAIR GHAILIG AS FHEARR ASGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN.

Cho Gaidhealach ri Fad Moine.”



[103]

[Vol . 10. No. 13-14. p. 7]

eil an earainn sin ann am Biobul Tighearna Fearain na Gaidhealtachd idir, no gum bheil iad fein is an luchd gnothaich air solus ur fhaotainn oirre, oir tha an deanadas acur an ceill gur i a bharail acasan gur mor is fearr caora na duine. Is tha iad air an aobhar sin air an t-sluagh fhogradh is air iomadh srath boidheach agus gleann àillidh fhagail nam fasaichaan tiamhuidh. Far an robh iomadh dachaidh chomhfhurtachail, anns an robh sluagh moralta, diadhaidh ag gabhail comhnuidh, chaneil a nis ach na liath lathraichean fuara agus na tolmain fheurach ghorm gu fianuis a thoirt air na bha. Air an Leithir thorrach far an cluinnte ann an ciuin shamhchair an anmoich shamhruidh guth nan salm ag éiridh o iomadh altair teaghlaich, le co sheirm thiamhuidh bhinn cha bhuail fuaim air achluais an diugh, ach meilich nan caorach bàna agus tabhann madadh breac achiobair ghallda. Da rireabhIs e lionmhorachd nan caorach, chuir clann nan daoinair alaban.” Oir tha e fior mu iomadh cearn do thir gharbh na h-Alba, mar thubhairt am Bard Ileach mu Eilein glas an fheoir, far an dfhuair e arach.

Tha tighean sealbh na dhfhàg sinn
Feadh an fhuinnn an càrnan,
Dhfhalbhs cha till na Gàidheil
Stad an t-àiteach, curus buain;
Tha stéidh nan làrach tiamhuidh
Atoirt fianuis airs ag ràdh:
Mar a fhuairsa chunnaic mise,
Leig am fios so thun aBhàird.

Cha chluinnear luinneag Oighean,
Séist nan oran air achléith,
S chan fhaicear seoid marbabhaist
Acur bàir air faiche réidh.
Thug ainneart fograidh uainn iad,
S leis na coimhich buaidh mars àill,
Leis na fhuairs na chunnaic mise,
Biodh am fios so aig aBhàrd.

Chan fhaigh an déirceach fasgadh,
Nam fear astair fois osgìos,
Non Soisgeulach luchd éisdeachd,—
Bhuadhaich eucoir Goill is cìs.
Tha nathair bhreac na lùban
Air na h-ùrlair far an dfhàs
Na fir mhor a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun aBhàird.”

Nuair a bheachdaicheas mi air na h-atharrachuidh so uile, ged tha mi ullamh gu leoir gu aideachadh gum bheil iomadh caochladh maith air tighinn air aGhaidhealtachd, gidheadh thig tiamhachd air manam agus tiomadh air mo chridhe trachuimhnicheas mi air na laithean ud anns an robhaiteas is agh feadh nan gleann,” mar bha an oidhche fhada gheamhraidh air a cur seachad ann an cairdeas agus ann an cridhealas, le toimhseachain, ursgeulan agus cleasan gun lochd, le iomradh air chu na Feinne agus le aithris dain Oisein is a cho-luchd ciuil. Is ged a tha solus is airde a nis air sgaoladh ann am measg na fuigheal a dhfhagadh do shiol nan treun, na na sgeulachdan faoin ud, chaneil fhios agam neo air thainig gach neonachas dan dthug iad geill nach robh toiseach aca oirnne a dhaindeoin ar bosd as ar moit mu ar n-eolas, ann an iomadh subhaile agus buaidh mhaiseach. Oir bha caoimhneas as cairdeas, moralachd as deagh bheas ri fhaotuinn nam measg a dhfhaodadh naire a chuir oirnne an diugh. Bha iad aoidheil agus tabhartach ri bochdan, rachadh furan failte a chur air achoigreach, is a bheatha dheanadh ged nach biodh bonnn a sporan, as rachadh gabhail aige gu maith is gu roth mhaith, gun pheighinn, gun chain. Nan tugadh e lamh air paidheadh air son a shuipeirs a leabaidh cha ghabhta uaith e, is gheibheadh e mar fhreagairt, “Ud, ud, is gann an t-earrach anns an cunntar na faochagan. Chaneil sinn cho gallda is sin fhathasd.” Ged nach biodh mor fheum mata anns na sean nithean sin, tha mis a bheachd gum bheil iad aithridh air aite fhaotainn, do bhrigh is gum bheil iad mar thanasg sgaileach nan laithean a dhfhalbh, a dhùisgeas iomadh aigne thla, agus cuimhneachan thiamhuidh ann am broilleach muinntir a tha an diugh math dhfhaodte fada fada o sgaile nam fuar bheann. Oir tha sgeul na h-aimsir a dhfhalbh, chan e mhain mar ghath soluis don anam, ach mar fhuaim thiamhuidh nan caochain uisge ann an gleann uaigneach fasail“ ’nuair a thuiteas sgaile na h-oidhche, mar gum bann acaoidh na bha,” no mar ghaoir ìosal mhuladach nan tonn air feasgar ciuin anns acheitinn, a ghiuileanas air falbh an t-anam gu beachd smuain, agus breithnachadh air seasmhachd naduir agus a h-obair, agus air neo-nitheachd fhalasach gineil chlann daoine. —An Gaidheal.


Duine Spiocach.

Theireadh na coimhearsnaich uime gu robh e cruaidh, agus gu robh e spiocach, ach cha robh e cuid seach cuid. Bha e deanadach, gleidhteach, agus cùramach. Cha do chosg e ni a ghabhadh cùmhnadh. Shaothraich e gu cruaidh uile laithean a bheatha. Thoisich e gun sgillinn ruadh, ach bha da ghairdean laidir aige, agus bha e suidhichte air beolaind onarach a dheanamh dha fein, agus air beagan a chur ma seach air son an latha fhliuch. Thoisich e anns achoille. Reitich efhearann fein. Fad nam bliadhnaichean saoithreach sin, dhfheumadh e bhi cùmhnach, ach cha robh e aig àm sam bith spiocach. Bha a bheans a theaghlach air an deagh chomhdach agus air dheagh bhiadh. Bha leabhraichean agus paipearan rim faotainnna thigh. Fhuair a chlann na burrainn da thoirt dhaibh de sgoil. Bhafhearann an comhnuidh air oibreachadh gu math agus gach ni air uachdar ag amharc cho maths bu choir dha. Bha e cho onarach ris an or. Bha fhacal cho math ri ghealladh sgriobhte, agus bha a ghealladh sgriobhte cho math ris an airgead chruaidh, ge be aiten robh eolas air. ’N am biodh lan dùthcha againn dhen t-seorsa dhaoinud, cha chluinntiomradh air ceannaichean no bancaichean a bhi bristeadh, ’s cha bhiodh bochdainn ach gann idirsan tir. Faodar gaire fanaid a dheanamh ris na daoine so, agus a radh gur a spiocairean iad, achs iad na daoine thacumail suas creideas na duthcha, agus cha bhiodh adhartas no soirbheachas oirre as an aonais.


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAR.

[Clàr - ama]


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY.
NOW
MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.



[104]

[Vol . 10. No. 13-14. p. 8]

Cath Alma.

LE DUGHALL MAC PHAIL.

AIR FONN— “An am dol sios bhi deonach.”

A cheolraidh uasal, ’s tric a ghluais
Mo bhuadhan an tùs moige,
Gu dealbh nan rann fo sgàil nam beann;
O! thig san àm gu mchomhnadh,
Gu bhi ri iomradh ann am dhàn
Air cliù nan sàr-laoch cròdha
Nach dfhàilnich riamh air muir no tir,
A dhion na Rioghchds na corach.

A shliochd nan sonn, bho thir nam beann,
Nan raon, nan gleanns nan réidhlein;
A chlann nan Gàidheal, ’s eur stàilinn
Dheanadh àr as réubadh;
Tha eachdraidh làn dur n-euchdan àrd,
Do chruasur làmhs dur tréine,
Ri uchd gach nàmhaid beur n-àbhaist
Buaidh no bàs, mun géilleadh.

Nuair thug an Russach ionnsuidh fhuilteach
Air an Tuirc le foirneart
Gu toirt fo chis; ’sa luaisg e sìth
Gach rioghachdsan Roinn-Eorpa:
N sin dhéirich Breatunn as an Fhraing
Len cumhachd toinnte comhla,
Am banntaibh dhith le Omar Pasha
S iad mar lànain phosda.

Mun gann a fhuair iad dol gu tir
Air isleach Bhaileclabha,
Bha feachd nan Russaineach fon gleus,
Air àirdan t-sléibh aig Alma,
Mar choilich dhùnain atoirt dùlain
Do na diùnnlaich àluinn,
Nach faigheadh dlùth dhaibh taobh an sùil,
Ach ann an sùil na lamhaich.

Ach beo no marbh, chan fheudta stad,
Ach suas gu grad nan comhdhail;
Cha robh dol as bhon teine chiurrail
Ach tighn dlùth rin sgornain;
S ioma fiuran ùr neo-chlaon,
Gun ghiomh, gun ghaoid, gun fhotus,
A thuit gu lar an suain abhais,
Mun dfhuair sibh àird achomhnaird.

Tharruing Raglan as Canrobert
Na fir chogaidh uasal
Am feachd shluagh taghta air an adhart,
Dhol ri aghaidh bualaidh;
Ach ged bha Sasunnaichus Frangaich
Clis, neo-mhallsan tuasaid,
S iad na Gàidheilrinn a bhearn
A chuir an gu buadhach.

Bha Batri mhurtail aig na Russaineach
Air uchd an aonaich
Adoirteadh sios nan garbh-fhras siontach
Mar chruaidh-ghliobs an fhaoilteach,
Bhan teine trom ud ri mor-dhiobhail,
Sgathadh sios nan laoch geal
As cha ben sùgradh tarruing dlùth
Ri beul na fùrneis chraosaich.

Achs in Reiseamaid Dhubh ghaisgeil,
Fo Shir Cailean Caimbeul
Curaidh treun nan iomadh blàr,
Bhachliu ro àrd mar cheannard
A tharruing suas gu dileas, dluth,
Gun gheilt air cùl a shàlach,
S a chuir na gunnaireansan tuimhnich
Le geur rionn na stàilinn.

N uair a chunnacas air abhearradh
Na fir gheala lùthor,
Buidheann ghlan nam breacan uallach
Dan robhbhuaidh mar dhùthchas,
Mun gann a fhuair iad builletharruing
Leis na lannan geura,
Ghabh na Russainich an ruaig,
As bhuail iad an Ratreuta.

Bha sian an àigh mu chom achuraidh
Urranta, ghlan, mheamnach,
A bhairur ceann gun sgàth gun eagal
Ris an teine mharbhteach;
Ach air mo laimh, ’s e féin a dhfhaodadh
As a dhaoinbhi earbsach
Ben iolach-chathaBuaidh no bàs,”
S an àbhaist anns gach aimsir.

S iomad làrach ri uchd fear-ghniomh
S an do dhearbh sibh cruadal,
Na fola priseil, uasal, rioghail,
Bu ghlan linur gruaidhean
As gus an deachaidh crioch le onair
Air achogadh bhuan ud,
Dhion sibh cliù na tir a dhfhàg sibh
Anns gach spàirn as cruaidh-chas.


Duthaich nan Gaidheal.

LE PADRUIG MAC GRIOGAIR.

FONN— “Slan gu tir gun till Ben Lomond.”

SEISD.
Teann a nall is éisd na facail,
Bithibhnur n-éideadh gu gaisgeil,
Cuimhnichibh na treun laoich sgairteil
Nacheil maireann chum ar comhnadh.

S fhadam thàmh mi, ’s tim dhomh gluasad,
Nam bu bhàrd a dheanamh duan mi,
Is na tàlantan a fhuair mi
Fhoillseachadh aon uair mars deoin leam.
Teann a nall, &c .

An cluinn sibh mi, ’chlann nan Gàidheal?
Seasaibh gu duineil air làrach,
Daingeann, dileas mar bu ghnàth leibh
Anns na blàirnuair bha sibh comhladh.

S lionmhor miorbhuilbheir an cleachdadh
Fad air chùl bho chùrsa ceartais,
S nàmh fo thuinn le rùn a pheacaidh
Gar sior chreach a neart ar beo-shlaint.

S cian bhon reitich iad air falbh sinn,
Lag is treun thar sléibhtean Albainn,
S gar co-éigneachadh thar fairge
Gusn do shealbhaich damh nan croc iad.

Dhfhàg iad sinn air udail faontraigh,
Deas is tuath air feadh an t-saoghail,
Gar casgradh fo achd na daorsa,
Am prasgan faoin a dhfhuirich beo dhinn.

S lionmhor cridhe blàthbha deurach
N àm dhuinn dealachadh ri chéile;
Sgiùrs iad as ar dùthaich fhéin sinn
Mar dhubh reubalaich air fogradh.

S léir a bhlàth air feadh an t-saoghail,
Na tha dhfhàsaichean fo chaoraich,
S iad len àl an àitnan daoine,
Far am baobhach glaodh na h-oigridh.

Far an gluaiseadh sluagh gun àireamh,
A chuireadh ruaig air an nàmhaid,
Dhfhàgadh na milteans an àireich,
Suain abhàis gu bràths gun deo annt’.

Gun do dhfhogair iad gu leir sinn
As ar coraichean le eucoir,
S ar blàth chomhnardan fo fhéidh,
Is luchd na Beurlagabhail spors dheth.

Ciod en stà dhomhbhig a innseadh
H-uile caochladhthair an rioghachd?
Tha gach raon fo fhraoch air cinntinn
Anns na glinns an robh sinn eolach.

Mhic- ’Ille-Bhàin, tha-mor chliù ort
Aig na Gàidheil anns gach dùthaich,
Cumaidh tuchànainn a dùsgadh
A bha dùthchasach gar seorsa.

Mfhear-cinnidh fhéin ni mi luaidh air,
An lighiche Mac Griogair uasal,
Nam bitheadh iad dileas righualainn
Chuireadh e ruaig air na toireach.

Oban Times.


Thug duine àraidh uair aodach gu creachadair-mara a bha air a thilgeadh air achladach agus e an impis a bhi air a chur a dhìth le doirbheadas na h-aimsir; an sin thug e dhionnsuidh a thaighe e, agus fhritheil e dha leis gach goireas a bhaige. Air do neach eile a chronachadh air son e dheanamh math ri aon a bha cho olc, fhreagair e, “Rinn mi an caoimhneas so, cha bann air sgàth an duine féin ach air sgàth a chinne-daonna.” —Epictetus.


De Witt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt,
faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


NUAIR A BHIOS TU.. ..
ag uidheamachadh taighe
tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinns is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhecoig piosanair $35 .00.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT,
Manger, Charlotte St.


Brogan Saora.
Brogan matha dhe gach seorsaBrogan Fhear, Brogan Bhan, Brogan Cloinne, na seorsachan a thatar a cosg an cumantas, no mar a theirear riutha, Brogan Obrach. Tha iad so rim faotainn gu saor aig
Mills , MacKenzie & Ross.
Air seann larach Iain A. Mhic Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach ach cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabh os sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 13-14
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 13-14. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page