[105]

[Vol . 10. No. 15. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 11, 1901. No. 15.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. XX.

BHA Ailein ruadh nam a cumail gu math ri ghealladh dhan Dròbhair bhreac— ’s e sin gum fàgadh e dachaidh gu math mi-thaitneach aig Catriona, agus bha sin aice da rireadhsan àm so. Their cuid, carson nach fàgadh i buileach glan dachaidh mar so; ach cha robh sin idir cho furasda dheanamhsan àm uds a tha en diugh. Cha robh na bailtean mora cho faisg idirsa tha iad a nis, air chors nach rachadh aig nighean no gille air leum air trein no bàta-smùid uair sam bith a chluinneadh iad briathran searbha, mar a dhfhaodas iad a nis, agus coig ceud milechur nan deigh mun ciar am feasgar. Air an latha so bha Ailein ruadh fuathasach greannach, crosda. Nan sealladh an cat air chaitheadh e seann bhròg air, ’s nan cluinneadh e cearc a glagadaich bheireadh e roid as a deigh. Faodar a thuigsinn nach do dhfhàg e dad na bu shiobhalta e am bata chaitheamh le uile neart as deigh cearc chrasgach, a bha le toileachadh mor ris an obair so, ’s mharbh e te eile, cearc de phor ùr, air na phàigh e gu daor, ’s air an robh meas mor aige; agus leis an fheirg a chuir am batair, o nach do dhamais echearc cheart, rug e air dha cheann airs bhrist e ri ghlùin e. ’S e dhfhàg cho fior chrosde air an latha so, gun do dhiùlt nighean mhor Uilleam ghobhe, ag radh ris gun robh deagh bhean taighe aige roimhe. Agus air dha tighinn dhachaidh bha litir roimhe on Dròbhair, ag innse mar a dheirich dha, ’s ag radh nach robh sgillin airgid aige, ach esan (Ailein) a chur uige beagan, ’s gum faodadh echumail a rithist á tochradh Catriona.

An uair a chiar am feasgarsa fhuair Catrionah-obair seachad, an déis a bhi fad an lathag éisdeachd dranndan Ailein, thog i oirres chuir ih-aghaidh air Creag-an-t- sìthich, far am biodh i cinnteach nach cuireadh Ailein na duineile a bhuineadh dhan àite dragh oirre. Bha e ri ràdh gun robh sìtheach ainmeil a comhnuidhsa chreig so uair air choireigin. Theireadh cuid, an uair a bhiodh a ghrian a dearrsadh, nach robh iadga chreidsinn, a toirt seachad mar reusan gur ann an cnoic bheaga ghormas nach bann fo chreagan a bhiodh sìthichean a comhnuidh. Bha càch ag ràdh gun cual iad na seann daoine ag ràdh, gur e chuir an sìtheach mor so dhan chreig a chomhnuidh, tuil mhor a bhann aon bhliadhna, ’s gun deach moran de na sìthichean a bhàthadh anns na cnoic, ach am fear mor so chunnaic echreag cho freagarrachs chord i cho math riss nach do dhfhàg e riamh tuilleadh i. Bha coltas car mi-nàdarra air a chreig gun teagamh. Bha toll mor a stigh fo bonn, agus cha chuireadh am fear bu tapaidhesa bhailecheann a stigh ann an deigh don ghréin a dhol fodha. Bha gu leor a creidsinn gun robh an sìtheachsa chreig fhathast. Chaidh Domhull tioram aon oidhche cho faisg air a chreig, ’s e tilleadh á Taigh-a- chlachain, ’s tuainealaichna cheann, ’s gun cualen sìtheach a gabhail òrain, agus chunnaic e solus aige stighsan toll, agus fàileadh roiceil, far an robh sìtheach a deisealachadh a shuipearach. Cha robh Catrionatoirt creideas dha so, oir cha robh i gisreagach ann, ’s mar sin is iomadh greis a chuir i seachad aig a chreig. Air an fheasgar so fhuair ih-àite-suidhe àbhaisteach, agus an ùine ghoirid bha deoir gu frasach ris na gruaidhean aice, a smaointean air iomadh ni a thachair ann an làithean a h-òige. Ged a bha i òg fhathast, bha i smaointean gun robh ceud bliadhna on a thriall na làithean taitneach sin.

O, Aonghais, Aonghais,” ars ise, le guth briste, “nam biodh fios agam gun robh thu beò, slàn agus toilichte, chuirinn suas le cridhe math leis gach trioblaid—”

Tha e sin, cho beò, slàn, uallach, agus a nis cho toilichte ris an righ!” arsa guth air a beulaobh.

Chaidh Catriona air chrith, oir dhaithnich in guth, ged nach do dhfhairich i duine tighinn, ’s mar sin bha i smaointean gur ann far an t-saoghail eile thainig e mar fhreagairt dha briathran. Sheall i suas agus bha Aonghas ann an sin mu coinneamh, ’s thuit i seachad ann an laigse. Cha robh uisge fad air falbh, ’s ann am beagan mhionaidean fhuair Aonghas a dùsgadh agus a chur air shùilean dhi nach be spiorad a bhann idir, a toirt comharran seachadga dhearbhadh nach cualas riamh aig spioradan. Chuir iad greis mhath seachad ann an sin a bruidhinn air iomadh ni, agus greis mhath dhen ùine sàmhach, oir bhan cridheachan le chéile tuilleadhus làn agus sòlasach airson bhriathran. Tha sinn car coma bhig éisdeachd cainnt leannanachd, ged a bhios i gu math milis leis a chàraid fhéin, cho faoins gum bi na faclan; ach cha tig i ri càileachd an luchd-éisdeachd idir. Bfhearr leam cupan don stuth lis an can na Goillcastor oilòl na bhi coig mionaidean ag amharc nog éisdeachd cuid a dhaoinòg, no seann fheadhainn, an uair a bhios iadsan staid sin. Mar sin cha bhi sinn ag aithris na bha eadar a chàraid òg so, ged nach robh iad cho dona sin, ach gu nàdarra cha burrainn dhaibh a chainnt bhog sin a sheachnadh buileach. Ach thàinig iad gu aon cho-dhùnadh co-dhiù, a bha dol a dhfhàgail Ailein ruaidh gun bhean taighe.

Seadh!” arsAilein ruadh nam bo an oidhche sin, ’s e faicinn coltas fuathasach toilichte air Catriona, ged a bha i feuchainn rignùis a chumail mar a bàbhaist, “tha min dòchas gu bheil thu air tighinn gu inntinn cheart a thaobh pòsaidh, ’s nach bi mise ga dchumail suas nas fhaide.”

Tha mi air minntinn atharrachadh,” arsa Catriona; “tha mi dol a phòsadh an ceann da sheachdain.”

Sin agad an uair a nochd thu beagan gliocais!” arsesan. “Tha min dòchas nach bibheag air a chois roimhe sin!”

O, chaneil dad orra mar tha,” arsa Catriona; “ chunnaic mi feasgar e, ’s cha robh ceum idir ann!”

Tha sin iongantach,” arsAilein; “feumaidh gur ann aige fhéin tha na cnamhantha furasdan snaim! ’S fhearr dhomhdholga fhaicinn on a than oidhche soilleir.”

Dhfhalbh Ailein air a cheum, ’s bha e le ceann crom a deanamh suasna inntinn theireadh e ris an Dròbhair a thaobh nach do fhreagair elitir. Rinn e sin gàire, ’s e air smaointean air briathran Aonghais an oidhche dhealaich iad aig fuaran Ghlinn Fraoich, an uair a thuirt e gum biodh Catriona aige gu boil leis. “Thig bhuat a nis,” arsAilein, “co-dhiù thu thu beò no marbh, agus—” Chaidh crioch aithghearr air briathrans air smaointean Ailein, ’s e air faileas dorcha fhaicinn a tighinn eadar esa ghealach. Be duine gu math mor a bha so, a tighinn an coinneamh Ailein, a bha, a réir coltais, a smaointean cho dian ri Ailein fhéin, air chors nach fhac iad a chéile gus na theab iad bualadh. “Gabhaibh mo leisgeul,” arsam fear mor, ’s e seasamh a thaobh airson Ailein ruadh a leigeil seachad. Leum a ghealach a mach as na neoilsan àm, agus dhearrs i gu boillsgeach air aodann Aonghais, (oir ben duine mor so), agus air do dhAilein sùil a thoirt suassan àm, dhéirich a ghrTheab mi ràdh gun do dhéirich a ghruag aiges gun i ann; ach thainig gaoir neonach sios mu chneamh an dromaige co-dhiu, ’s dhfhàs e cho bàn ris an anart, ’s e le oillt air Aonghas aithneachadham fear a bha e le tapachd mhor a cur gu dhùlan aig an àm. Bha Ailein fuathasach gisreagach, agus cha robhn so aige ach spiorad Aonghais, a tighinn a thogail tòrachd air son gach breug a chuir e air on a dhfhàg e talamh. Shìn Ailein a dha laimh a mach agus thoisich e ri dhol air ais an comhair a chuil, ’s e ag ràdh le guth fann, ’s a theanga a fliuchadh a bhilibh gun stad: “Air dais, air dais dha dàite fhéin! Chacha robh miciallachadh nam briathran idir! Chacha robhcha robh mi ach mar mhagadh!”

O, sibh a thann, ’Ailein!” arsAonghas, ’s e tionndadh; oir, air dha laige Ailein fhaicinn thionndaidh e, ’s e gu trang, ma bfhior, a sireadh rud air choireigin a thuit air. “O, sibh a thann, ’Ailein!” arsesan. “Ghabh mi droch cnatan o chionn ghoirid, ’s cha chluinn mi smid, ’s mar sin cha do dhaithnich mi sibh an uair a dhfhaoigheachd sibh mi.”

Thug so cothrom do dhAilein a mhisneachd fhaighinn, agus shìn e làmh gu ain-deonach an coinneamh laimh Aonghais. “Cuin a thàinig thusa?” arsesan, “no chuir an taobh so thu? Tha mi faicinn gu bheil thu gu math beò!”

A chumail ri mghealltanas,” arsAonghas,— “a dhiarraidh Catriona! Agus tha mi smaointean gun tainig mi ann an deagh àm, oir tha mi tuigsinn gu bheil i na h-uallach mor oirbhse.”

Tha mi tuigsinn a nis,” arsAilein, “co bha iciallachadh feasgar, agus tha mi faicinn gu bheil mi air mo bheatadh. Thoir leat i, ma ta, lem bheannachd, ma ni sin feum dhut; oir an aghaidh mo thoil tha mi air meas a ghabhail ort, a thaobh do ghiulan an uair a chaidh mise na mbhreislich an uair a chunnaic mi thu; agus tha mi faicinngu bheil deagh chlaisneachd a nis agad. Innis a nis dhomh gu saor, soilleir,” arsAilein, ’s e leantuinn, “a bheil gràin do chridhe agad orm?”

Chaneil gràin agamsa oirbh,” arsAonghas; “ach gun teagamh tha gràin agam air



[106]

[Vol . 10. No. 15. p. 2]

pàirt dur n-obraichean a thaobh Catriona; ach a thaobh gràin phearsanta, thabheatha so tuilleadh is aithghearr air son sinn a bhi ag altrum fuath dha chéile fada. Agus so agaibh mo lamh, agus tionndaidhidh sinn an duilleag gu bràth.” Mar so chaidh cùmhnant sìthe a dheanamh eatorra, agus thill Ailein dhachaidh na bu toilichtes na bu ghlice na dhfhàg e i.

Cuiridh sinn Ailein ruadh nam seachad le ràdh gun do chuir e seachad an corr dhe làitheanna aonaran truagh. Agus an Dròbhair breac, o nach dfhuair e Catriona, chuir e mach na lìn a rithist, agus fhuair e nighean mhor Uilleim ghobha, leis an tochradh reamhar. Ach phaigh e gu daor air a shon fad a bheatha, le bhi aice ann an uisge teith fhads bu bheò e.

. . . . . . . .

Ann an Canada uachdrach, faisg air baile-mor àraidh, tha ar sgeul a criochnachadh. Faisg air a cheile tha tri taighean geala ciatach, air an cuartachadh le iomadh seorsa meas, agus raointean àluinn de chruithneachds an adaig. Tha comhlan cridheil cruinn anns an taigh mheadhain far am bheil banais gus a bhith air an fheasgar so. Tha tri bliadhna fichead air a dhol seachad on a chunnaic sinn maighstirean nan taighean so; ach air an fheasgar so tha comhlan mun cuairt orra nach fhaca sinn riamh. Buinidh an taigh do dhAonghas Donn Ghlinn Fraoich, a tha le Catriona ri ghuallain gu toilichtega rian. Than nochd an nighean aig Aonghas agus am macus sine aig Calum a pòsadh, ’s cuideachd chridheil Ghàidhealach mun cuairt orra. Tha ceòl na piobas tha òrain Ghàilig ann, ’s tha bad fraoich am meadhain a bhùird mhoir, agus faodar a ràdh gu bheil sùilean na cuideachd air nas trice na tha iad air na gnothaichean matha a thaga chuartachadh. ’S Gàidheil iad uile. Tha gach dlùth charaid a bhuineadh dhaibh mun duairt orra. Tha Mac Leòids a bhean agus teaghlach lionmhor ann, ’s iad cho Leodhasachs cho binn uiles ged a bhiodh iad air am breith an Leodhas. Tha Calum fhéin cho cuireadachsa bha e riamh, agus tha e-fhéin agus Màiri Ailein fhathast a suiridhe. Air son a leigeil fhaicinn gu bheil a mhac gus a bhi coltach ris an athair, innsidh na briathran a leanas e.

Nach dubhairt mi riut an arsa mamaidh Aonghais bhig (mac Chalum), “gun dochnainn thu nan dòirteadh tu siùcar a rithist. Gabh a nis am mach agus thoir ugamsa slat a dhochnas tu?”

Chaidh Aonghas beag am mach, ach thill e an ùine ghoirid ag ràdh, “Chan urrainn mise gin dhiubhbhuain, a mhamaidh. Ach innsidh mi dhuibh ni sibh: ‘Seallaibh an ubhal mhor, dhearg ud gu h-àrd air an trinnseir; seasaidh mise ann an so, agus bualaidh sibhsorm i! ’”

(Achrioch).


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHANAN CADAL.

CAIB. III.

BHAn righ anabarrach toilichte leis an naigheachd a dhinnis Abou Hasan dha, agus thuirt e ris: “Chan urrainn mi moladh gu leor a dheanamh air an doigh a ghabh thu, agus air aghliocas leis an deachaidh tu ann an ceann aghnothaich, nuair a chuir thu cul ris an neo-mheasarachd a bha thuleantuinndoigh agus gliocas nach fhaicear ann an daoinoga ach uair gle ainneamh; agus tha am barrachd meas agam ort a chionn gun robh thu cho dileas dhut fhein. Bha thug imeachd air slighe a bha gle shleamhuinn, agus is gann a theid agam air moladh gu leor a dheanamh air an stamhnadh a chuir thu ort fhein an uair, an deigh dhut an t-airgiod ullamh a chosg, a chum thu thu-fhein gun am mal, agus eadhoin na taighean agus am fearann fhein a chosg. A dhaon fhacal, feumaidh mi aideachadh gum bheil farmad agam ri duine cho sona riut. Is tu duine cho sonas a thair an t-saoghal, an uair a tha de thoileachadh agad a h-uile lathabhith ann an cuideachd duine ris am faod thu comhradh saorsnail, taitneach a bhith agad, agus don toir thu cothrom, ge be taobh a theid e, air a bhithg innseadh cho coirs cho caoimhneils a bha thu ris. Ach tha sinn air moran bruidhne a dheanamh o nach dol sinn deur; so, ol fhein glaine, agus lion te dhomhsa.”

Chuir an righ agus Abou Hasan seachad an earann bu mho dhen oidhche ag ol fiona, agus acomhradh mu thimchioll moran de nithean. Bhan righ mu dheireadh aleigeadh air gun robh e sgith an deigh a thuruis, agus thuirt e ri Abou Hasan gun robh e feumach air beagan fois a ghabhail. “Ach,” arsesan, “o nacheil toil agam thusachumail o chadal, mun dealaich sinn (a chionn gum faod mise bhith air falbh mun eirich thu), tha toil agam a leigeadh ris dhut, gum bheil mi taingeil air son cho caoimhneil, cairdeils a bha thu rium, agus air son na h-aoidheachd a thug thu dhomh. Is e an aon rud a thacur dragh orm, nacheil fhios agam ciod an doigh anns an nochd mi mo thaingealachd dhut. Tha miguidhe ort, air an aobhar sin, gun innis thu dhomh ciod e an doigh anns an dean mi e, agus chi thu nacheil mi neo-thaingeil; oir feumaidh gum bheil duine mar a tha thusa adol ann an ceann gnothaich, no ann an eis air choireiginn, no amiannachadh gum faigheadh tu ni eiginn taitneach. Leig ris dinntinn dhomh gu saor, soilleir; oir ged nacheil annam ach marsanta, faodaidh gun teid again fhin, no aig mo chairdean air comain a chur ort.”

Fhreagair Abou Hasan agus thuirt e ris an righ, agus esmaointean fad na h-uine gur e marsanta a Mosul a bhana chuideachd: “Tha mi lan-chinnteach, mo dheadh thighearna, nach ann gus mo chur ann am moit a tha thutoirt tairgse cho fiallaidh sin dhomh; ach, air facal duinonaraich, tha mig innseadh dhut le cinnt, nacheil rud sam bith acur dragh orm; chaneil mi ann an gnothaich sam bith, chaneil mimiannachadh rud sonraichte sam bith, agus chaneil mi ag iarraidh dad air duine sam bith. Mar a dhinnis mi roimhe dhut, chaneil deigh sam bith agam air inbhe no air urram ard, agus tha mi lan-riaraichte le mo staid; air an aobhar sin, tha mitoirt moran taing dhut air son na tairgse mhath a thug thu dhomh, agus air son gun do chuir thu de dhurram orm gun do ghabh thu greim suipearach comhladh rium.”

Ach,” arsesans edol air aghart, “feumaidh mi innseadh dhut gum bheil aon rud ann leis nacheil mi riaraichte, ged nacheil e, air a shon sin, ’g am dheanamh neo-fhoiseil. Feumaidh mi innseadh dhut gum bheil baile Bhagdaid air a roinnna cheithir earrannan, agus tha eaglais anns gach earrann dhiubh so. Tha sagart anns gach eaglais agus air uair na h-urnuigh bidh e air cheann an t-sluaigh ag urnuigh anns an eaglais. Is e seann duine mor, liath a thanns an t-sagart a thanns an earrann so dhen bhaile. Tha aghaidh fhada, ghruamach, chrabhach air an comhnuidh; ach is e cealgaire as mo a thair an t-saoghal. Tha ceathrar de sheann daoine a tha ann an inbhe rud eiginn ard, agus aig am bheil saoibhreas, acoinneachadh a cheile a h-uile latha ann an taigh an t-sagairt. Tha iad asior thogail sgainnil agus mi-chliu air daoine matha, agus anochdadh mi-run an aghaidh an t-sluaigh a thanns an earrann so dhen bhaile, agusnam agaidh-sa mar an ceudna, agus tha iad air an doigh so atogail aimhreit agus tuasaid gu leor anns achearn so dhen bhaile. Tha iad amaoidheadh air cuid, tha iad acur eagail air cuid eile, agus, a dhaon fhacal, bu mhiann leotha a bhith nan ard-mhaighstirean, agus toirt air a h-uile duine a bhith fo smachd dhaibh, ged nacheil fhios aca cia mar bu choir dhaibh iad fhein a chumail fo smachd. Agus, gu cinnteach, ceart, tha doilghios orm a chionn gum bheil iad agabhail gnothaich ris ah-uile rud ach ris aChoran, agus nach leig iad an leud fhein le sluagh abhaile.”

Tha mi cinnteach,” ars an righ, “gum bu mhath leat stad a chur air an droch obair a thaca.”

Tha thu ceart gu leor,” arsAbou Hasan, “agus is e an aon rud a mhiannaichinn, gum faighinn a bhithnam righ fad aon latha an aite ar tighearna agus ar maighstir, Haroun Alrashid, Ceannard nan Creidmheach.”

Ciod a dheanadh tu nan biodh tuna aite?” arsan righ.

Leagainn smachdachadh cho trom orra,” arsAbou Hasan, “ ’s gun tugainn toileachadh do na daoinonarach a thanns an aite. Bheirinn ordugh ceud buille a thoirt don cheathrar sheann daoine air buinn an cas, agus ceithir cheud buille don t-sagart, gus a theagasg dhaibh nach coir dhaibh a bhithcaineadh nan coimhearsnach, agus atogail tuasaidnam measg.”

Chord na smaointeanan so a chinnich ann an ceann Abou Hasain anabarrach math ris an righ; agus on a bha e gu nadurra agabhail tlachd ann an driodartan dhen t-seorsud, bha toil aige an gnothach a dheanamh cho sporsails a burrainn e.

Tha an rud a tha thu miannachadh acordadh rium anabarrach math,” ars esan, “oir tha mifaicinn gum bheil etighinn o chridhe treibhdhireach, nach urrainn gun a bhithg iarraidh gun deantadh dioghaltas air daoine nacheil math. Bu mhath leam gun tachradh an rud a tha thumiannachadh, agus chaneil e idir mi-choltach gun tachradh a leithid. Tha mi cinnteach gun tugadh an righ dhut comas a bhithriaghladhna aite fad cheithir uairean fichead nam biodh fios aige air na ruintean a thana dinntiun, agus am feum math a dheanadh tu nam biodh tu nadrigh. Ged is e marsanta a thannam-sa nach buin don aite, tha de chumhachd agam na bheil cuideachadh dhut gus an ni a tha air dinntinn a chur gu feum math.”

Tha mifaicinn,” arsAbou Hasan, “gum bheil thudeanamh gaire a chionn misebhithsmaointean air gnothach cho amaideach ri sid, agus dheanadh an righ fhein gaire nam biodh fhios aige air na beachdan gun choltas a thagam; gidheadh, bfhearr leam gun robh fhios aig an righ air an obair a thaig an t-sagarts aig a chompanaich, a chum gun deanadh e peanas orra.”

Nar leigeadh am fortan,” arsan righ, “gun deanainnsa gaire fanaid ort an deigh na h-aoidheachd chaoimhneil a fhuair mi on a thainig mi an so feasgar. Agus cha mho a tha micreidsinn, ged nacheil a bheag a dheolas agam ort, gum biodh an righ diumbach dhiot ged a chluinneadh e na thubhairt thu. Ach leigeamaid leis achuis mar a tha i. Tha e dluth air amheadhain oidhche, agus than t-am ann a dhol a chadal.”

Cha bu math leam air chor sam bith do chumail o dhol a chadal,” arsAbou Hasan, “ach tha



[107]

[Vol . 10. No. 15. p. 3]

beagan fiona anns abhotul, agus mas e do thoil e, olaidh sinn an toiseach e, agus an sin theid sinn a ghabhail mu thamh. Is e an aon rud a tha mig iarraidh ort, nach fhag thu an dorus fosgailte an uair a dhfhalbhas tu anns amhadainn, mas es nach bi mise air mo chois, Cuimhnich gun duin thu an dorus.”

Gheall an righ gun duineadh e an dorus; agus am feadhs a bha Abou Hasan abruidhinn, rug e air abhotul agus air an da ghlaine, agus an uair a lion e aghlaine aige fhein, thuirt e, “Olaidh mi aghlaine so air do shlainte.” Agus an uair a bha elionadh na glaine eile, chuir e fudar beag innte gun fhios, agus an uair a thug e do Abou Hasan i, thuirt e, “Bha thu fhein alionadh nan glaineachan dhomhsa on a thainig an oidhche, agus cha mhor an rud dhomh ged a lionainn an te so dhut fhein. Tha miguidhe ort gun gabh thu aghlaine so as mo laimh, agus gun grad ol thu air mo shlainte a h-uile deur a thinnte.

Rug Abou Hasan air aghlaine as a laimh, agus gus a nochdadh gun robh e ro thoilichte leis an urram a chuireadh air, dhol e h-uile deur a bhinnte gun a toirt obheul. Mun gann a chuir e aghlaine air a bhord, thoisich am fudar a bhinnte ri churna chadal. Ann an tiotadh thuit e cho tromna chadals gun robh a cheann abualadhna ghluinean, agus cha burrainnn an righ gun a bhithgaireachdaich.

Thug an righ ordugh don t-seirbhiseach a bha comhladh ris Abou Hasan a thoirt leis air a mhuin, agus a leantuinn don luchairt. Ach mun dfhalbh iad, dhiarr e air an t-seirbhiseach beachd a ghabhail air an taigh gu math, a chum gun aithnicheadh e rithist e, an uair a gheibheadh e ordugh Abou Hasan a thoirt air ais.

Dhfhalbh an righ, agus bhasheirbhiseachg a leantuinn agus Abou Hasan air a mhuin, ach cha do dhuin e an dorus mar a dhiarr Abou Hasan air. Ghabh e direach a dhionnsuidh na luchairt, agus chaidh e steach air dorus diomhair don t-seomar aige fhein far an robh an luchd-frithealaidhg a fheitheamh. Dhordaich e dhaibh Abou Hasan a churna laidhe anns an leabaidh aige fhein, agus rinn iad anns amhionaid mar a dhordaich e.

Chuir an righ anns amhionaid fios air seirbhisich agus mnathan uaisle na luchairt gu leir, agus thuirt e riutha, “Is e mo mhiann gum bi gach aon aig am bheil ri bhithtighinnnam lathair-sa gach madainn, atighinn an lathair an duine so a thana laidhe anns an leabaidh agam, an uair a thig an t-am eirighs amhadainn am maireach, agus gun toir iad urram dha mar bu ghnath leothathoirt dhomhsa, agus gun toir iad umhlachd do gach aithne a bheir e dhaibh. Na biodh rud sam bith a dhiarras e air a chumail uaithe, agus labhradh iad ris, agus freagradh iad e, mar gum be Ceannard nan Creidmheach. A dhaon fhacal, tha dochas agam gun seall sibh air mar gum be fior righ agus Ceannard nan Creidmheach a bhiodh ann; agus as cionn gach ni thugaibh bhur ceart aire nach dean sibh mearachd ann an ni sam bith a tha miseg aithneadh dhuibh.”

Thuig an luchd-frithealaidh agus na mnathan uaisle anns amhionaid gun robh gnothach sporsail fo near don righ, agus fhreagair iad e le beic a dheanamh dha, agus an sin tharuinn iad air falbh, agus chuir iad rompa gun deanadh iad na burrainn daibh, a chum an ceol-spors a bha fo near don righ a chur air aghart.

(Ri leantuinn).


Is fhearr a bhidhìth achinn nabhi dhìth an fhasain,


Mac na Bantraich Bharrach.

BHA bantrach bhochd ann am Barraidh agus bha leanabh mic aice, aguss e Iain a bainm dha. Bhiodh i dol don tràigh a chruinneachadh maoraich airson i-fhéins an leanabh a bheathachadh. Nuair a bha isan tràigh latha bhan sid chunnaic i ach soitheach air an àird an iar de Bharraidh. Chuir triùir de na bha air bòrd a mach bàta, ’s cha bfhada bha iad atighn air tìr. Chaidh ise thun achladaichs dhòirt im maorach làmh riutha. Chuir maighstir an t-soithich ceist orra, den rud a bhan sid. Thuirt i gun robh maorach cladaich, am biadh a bhaice. “n gille beag, bàn a than so?” “Mac dhomh.” “Thoir dhomhse agus bheir mi dhuit òr agus airgiod, agus gheibh e sgoilus ionnsachadh, ’s bidh e nas fhearrna bhi agadsan so.” “ ’S fhearr leam bàs fhulang nam pàisda thoirt seachad.” “Tha thu gòrach; bidh thu fheins an leanabh gu math ma leigeas tu leam e.” Le gaol an airgid thuirt i gun tugadh in leanabh dha. “Seallaibh an so, ’illean. Theirigibh air bòrd; so dhuibh iuchair; fosglaibh preas anns a chabin, ’s bheir sibh ugamsa bocsan a gheibh sibh ann.” Dhfhalbh iad; rinn iad sids thàinig iad. Rug e air abhocsadhfhosgail e edhòirt ena sguirt e, ’s cha do chunnt e idir e, ’s thug e leis an leanabh. Dhfhan ise mar a bha i, ’s nuair a chunnaic leanabh a dol air bòrd bheireadh i na chunnaic i riamh gun robh e aice. Sheòl esan air falbh agus ghabh e gu ruige Sasunn. Thug e sgoilus ionnsachadh don bhalach gus an robh e ochd bliadhndeug air an t-soitheach. ’S e Iain Albannach a bhair abhalach an toiseach. Thug esan Iain Mac a Mhaighstir air, a thaobh gum be fhéin maighstir an t-soithich.

Bha aig sealbhadair an t-soithich seachd soithichean air muir, agus seachd bùthannan air tìrah-uile gabhail thun a bùth fhein le a luchd. Thachair do na seachd loingeas a bhi aig an taigh comhla. Thug an sealbhadair suas leis na seachd sgiobairean thun an taighe. “Tha mifàs trom, aosd’ ,” arsesan. “Tha sibh an sin seachd maighstirean. Tha mi gun duine cloinne ged a tha mi pòsda. Chaneil fhios agam co aig a dhfhàgas mi mo chuid, agus cuid mhor agam. Cha robh gin a bu docha leam a thoirt da na thusa, ach gu bheil thu gun chloinn mar mi fhìn.” “Tha agams’ ,” arsan sgiobair, “mac ochd bliadhndeug a dhaois anns an t-soitheach gun a liginn aisdidir.” “Nach neonach leamsa sin agads gun mise ga chluinntinn riamh.” “ ’S iomadh rud a dhfhaodadh a bhi aig mo leithidsa nach bithinn ag innseadh dhuibhse.” “Falbhs thoir thugamsa nuas es gum faicinn e.” Dhfhalbh es thug e nuas e, ’s chuir en òrdugh e. “An e so do mhacsa?” “ ’S e,” arsan sgiobair. “Co acas fhearr leat fuireach agamsa, na falbh le t-athair air amhuir mar a bha thu roimhe, ’s gun dean mise dìleabach dhiot gu bràth.” “Matas ann air muir a fhuair mi mo thogail riamh, ’s cha dfhuair mi dad o mòigair tìr; le sins ann air muir a bfhearr leam a bhi; ach on tha sibhacur roimhibh gun cum sibh mi gum fan mi agaibh fhein.” “Tha seachd bùthannan agam air tìr, agus feumaidh tu làmh a ghabhail anns na seachd bùthannan.” “Tha cléireach aig a h-uile fear riamh de na bùthannan,” arsesan; “cha ghabh a h-aon aca droch bharail orra fhein, nacheil iad cho math riumsa. Ma tha sibh a cur mar fhiachaibh ormsa gun gabh mi iad, gabhaidh min seachdamh fear dhiubh.”

Ghabh en seachdamh fear de na bùthannan; ’sa cheud latha dha dol ann chuir e fios feadh abhaile, an rud a bha roimhe punnd, gum biodh e air còig tasdain deug, air alts gun dthainig a h-uile rud a bhasa bhùth a nuass gun robhm bùth falamh mun dthainig na soithichean. Chaidh e stigh; chunntais echuid airgid, ’s thuirt e gun robhm bùth falamh. “Chan ioghnadh ged a bhitheadh, ’s an rud a bha roimhe air punnd thu ga leigeil sios gu coig tasdain deug.” “Agus, oide, ’bheil sibhsega ghabhail sin gu h-olc; nacheil sibh afaicinn gun cuirinnsa mach na bhanns a bhùth seachd uairean mun cuireadh iadsan a mach aon uair e.” “Leis a sin feumaidh tu làmh a ghabhail ri cach agus an leigeil a mach mar sin.” Ghabh en sin làmh ri càch, agus bha ena mhaighstir os cionn nan cléireach uile. Nuair a thainig na soithichean bha na bùthannan gu léir falamh.

Thuirt a mhaighstir ris a nis, “Co acas fhearr leat a bhid mhaighstir thar na bùthannan, na falbh le aon de na seachd soithichean? Gheibh thu do roghainn de na soithichean.” “ ’S ann air muir a thogadh riamh mis gabhaidh mi soitheach.” Fhuair e soitheach. “Seallaibh, cuiribh ugamsa na seachd sgiobairean.” Thainig na seachd sgiobairean ga ionnsuidh. “Nis,” arsesan ris na sgiobairean a bha dol le Iain, “tha Iain adol leibhcuiridh sibh tri soithichean air thoiseach, ’s tri air deireadh, ’s bidh esansa mheadhain; ’s mur an toir sibh ugamsa slàn e chaneil ach breith oirbhsur crochadh.” “Mata, moide,” arsIain, “chaneil sin freagarrach. Tha na soithichean afalbh comhladh; faodaidh stoirm tighinn agus ar fuadach o chéile. Deanadh a h-uile h-aon mar is fhearr a dhfhaodas e.”

Dhfhalbh na soithicheansheol iadagusse luchd guail a chuir Iain a stigh na thé fhein. Thainig latha mor stoirm orra. Dhfhuadaicheadh o chéiliad. Càit’ ’n do sheòl Iain ach don Tuirc. Ghabh e acairs an Tuirc trath latha. Smaoinich e dol air tìr a ghabhail sràid. Bha e gabhail roimhecoiseachd. Chunnaic e dithis as an léintean ag obair, ’s mar gum biodh da shùisd iaruinn aca. bhacach corp duine. “ tha sibh a deanamh ris achorp?” “ ’S e Criosdaidh a bhann. Bha ochd mairg againn air, ’s o nach do phàigh e sinn nuair a bha e beo bheir sinn as a chorp leis na sùisdean e.” “Mata leigibh leamse agus pàighidh mi dhuibh na h-ochd mairg.” Rug e airthug e uathephàigh e iad, agus chuir e ùirus talamh air.

Bha e luath leis tilleadh air ais gus am faiceadh e tuilleadh de dhfhearann na Tuirc. Ghabh e air aghaidh treis, agus chunnaic ensin ach grunnan mor dhaoine. Ghabh e null far an robh iad. chunnaic e ach craoslach mor teine, de theine moi leathann, agus boirionnach eadar an teines iad fhein. “,” arsesan, “ a tha sibh a deanamh an so?” “Tha,” arsiadsan, “ bhana Chriosdaidh a fhuair an Turcach mor. Rugadh orra air achuan. Tha iad o chionn ochd bliadhna aige. Bhan te sogealltainn da gum pòsadh i e h-uile bliadhna. Nuair a thàinig an t-àm cha phòsadh i bad deth. Dhòrdaich e i fheins am boirionnach a bha comhla rithelosgadh. Loisgeadh an darna dhiubhs tha i so gun losgadh fhathast.” “Bheir mi fhìn dhuibh tiodhlac math airgid agus òir ma leigeas sibh leam i, agus faodaidh sibh a ràdh ris gun do loisg sibh i.” Sheall iad air a chéile. Thuirt iad gum faigheadh e sid. Dhfhalbh es thug e leis air bòid i, agus sgeadaich e in aodachs an anart.

(Ri leantuinn).


Is fhearr a bhi leisg gu ceannach, na ruighinn gu pàidheadh.



[108]

[Vol . 10. No. 15. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OCTOBER 11, 1901.

MeudachdMhic-Talla.”

Tha caraid a sgriobh ugainn o chionn ghoirid ag radh gu bheil e an dochas nach eil an latha fad as anns am bi MAC-TALLA a dha uireadsa tha e. Chan eil ni a cumail a phaipeir cho beagsa tha e ach nach eil gu leor de na Gaidheilga ghabhail, agus nach eil moran dhe na thaga ghabhailga phàigheadh. Tha de Ghàidheil ann an Canada leatha fhéin na dhfhaodadh paipeir a choig uiread ri MAC-TALLA chumail suas; ach nuair nach cuir ach àireamh bheag dhiubh sin a dhiarraidh paipear Gailig, chan urrainn e ach a bhi beag agus fuireach beag gus an ionnsaich a mhor chuid an dleasdanas a dheanamh. Bu chòir do na Gaidheil anns gach cearna dhen t-saoghal seasamh gu dìleas ri cùl MHIC-TALLA, an aon phaipear-naigheachd Gailig a thann. Nan deanadh iad sin, chitheadh ar caraid a sgriobh mar a dhainmich sinn, a dhùrachd air a toirt gu crich an ùine gle ghoirid.


Am Mod Gaidhealach.

Bha Mòd bliadhnail a Chomuinn Ghàidhealaich air a chumail ann an Glascho, air Dior-daoin, an naodhamh latha deug dhen mhios a dhfhalbh. Bha an t-sìde fliuch, ach a dhaindeoin sin bha an cruinneachadh mor, agus chan eil teagamh nach be so am Mòd a bfhearr a bha aig a Chomunn Ghàidhealach riamh. Bha am Marcus Greumach, brod a Ghàidheil, air cheann na coinneimh, agus rinn e òraid ghasda a brosnachadh nan Gàidheal gu tuilleadh a dheanamh os leth cainnt an sinnsir, agus acomharrachadh a mach dhòighean air am faodadh iad an cainnts an ceol a theagasgs a neartachadh am measg an t-sluaigh, gu h-àraidh am measg na h-òigridh. Bha teachdaire á Eirinn aig a mhòd, agus labhair e gu blàth, càirdeil ris na Gàidheil, ag radh gum baon sluagh iad fein us muinntir a dhùthcha-san, gum bin aon chainnt a bha aca, agus gum bu chòir dhaibh a bhi aonaichte gacumail suas. Nachainnt fhein:— “Tha Gaidhealtachd na h-Eireann agus Gaidhealtachd na h-Alba dlùth cheangailte ri cheile. Nach ionnan ainmnean nan laoch a ta againn le cheile, mar a ta Conchobhar Mac Nessa, Cuchulainn, Fionn Mac Cumhail, Ossein, Diarmad ODubhne, agus Conan Maol Mallaichte Mac Morna? Ta Gaidheil na h-Albann agus na h-Eireann measgaichte le cheile agus a nis fos ta Clanna na Gaidheal an gualainn a cheile an toir air ceartas air son teanga nan Gaidheal.” Bha barrachd dhuaisean air an toirt seachadsa bha aig Mòd riamh roimhe, agus bha barrachd a strith air an son. Bha iad le cheile cho lionmhors nach gabh iad ainmeachadh ann an so. Chan eil ach deich bliadhna on chuireadh an Comunn Gàidhealach air chois, ach tha e cheana nochdadh deagh thoradh air son a shaothair, agus tha gach dòchas aig a chàirdean nach eil anns na bha e na mheadhon air a dheanamh gu ruige so ach sgàile na bhios air a thoirt gu crìch anns na bliadhnaichean a tha roimhe.


Gniomhan Oillteil.

Tha an cleachdadh bruideil a tha cho tric air a chur an gniomh anns na Staidean a deas a sgaoileadh do na Staidean a tuath. Bha duine air a chrochadh gu mi-laghail ann an Helena, Montana, air an t-seachdain sa chaidh, agus cluinnear o àm gu àm mun ni cheudna bhi air a dheanamh ann an Staidean tuathach eile. Beagan bhliadhnaichean air ais cha robh iomradh air a leithid ach a mhain anns na Staidean a deas, agus ann an cuid de na Staidean an Iar, agus bhiodh gach naigheachd a thigeadh acur gaoir uamhais air feadh an t-saoghail. Ach an diugh tha na crochaidhean agus na losgaidhean anns na Staidean a deas cho lionmhors nach eileas a gabhail suim sam bith dhuibh, agus mar a tha sinn a faicinn tha an cleachdadh asgaoileadh do na Staidean eile. Ach tha muinntir nan Staidean gu h-iomlan air an dùsgadh; tha iad a faicinn uile an ni so a tha fàs nam measg, agus chan eil teagamh nach bi ionnsuidh làidir air a toirt air a chasg. Chan iad an sluagh as fhearr a tha ris na gniomhan oillteil so idir, ach an sluagh as miosa thasan dùthaich, agus chan ann air sgath ceartais a tha iad ris, ach air sgath a bhi dòrtadh fola.


Fois.

Tha doigh no dha ann air anail a leigeil agus fois a ghabhail, —direach a reir na dreuchd no na h-oibre a tha aig neach. Mas gobhainn no fear aig am bheil obair throm, ghoirt, a tha ann, is solas agus faochadh dha suidhe am measg a theaghlaichs an fheasgar an uair a thaobair seachad, no eadhon ceum a ghabhail, lebhalachan aige air laimh, a dhfhaicinn ailleachd agus maise na cruitheachd. Mas cleireach no maighstir-sgoile a tha ann, gabhaidh eanail rud-eigin mar a ghabhas an taillear, no ma dhfhaoidte ann an tilgeil achabair no na cloiche-neirt. Mar so chi sinn nach e idir dith saothaire no oibre a bhi gabhail fois, ach iomadh uair gur e muthadh oibre an fhois as fearr agus as freagarraiche do dhuine. Thug ar sinnsearan an aire don ni so, oir, nach dthuirt iad anns na sean-fhacail, “An uair a bhios Murachadhn a thamh, bidh eruamhar,” agus, “Faochadh gilleghobhainn, —bho na h-uird gus na builg.”


Brogan Comhfhurtail
(COMFORT SHOES)
DO NA MNATHAN.

Tha iad anabarrach blath mu na casanair an deanamh air Feltcuid le buinn Leathrach agus cuid le buinn Felt.

Ann an Dubhs an Dathan eile} $1 .00 & $1 .15

Mar an ceudna
Brogan Seomair do na Caileagan, 75c.
Brogan Seomair don Chloinn 60c.

Ann an Stor Mhor Bhrog
REDDEN.
Ross Block, Charlotte St.


$10 ,000.00
Feumaidh an t-suim so a bhi againn
MUN RUITH TRI FICHEAD LATHA
AGUS
So an doigh air am bheil
Sinn adolga fhaotainn.

Chan ann le bargain a thairgse dhut ann an aon no da sheorsa bathair, ach leis gach ni a thasa bhuth againn a thairgse air prisean a riaraicheas duine reusonta sam bith.

Deagh chothrom air Caiseart agus Aodach Math fhaotainn saor do chloinn a thadol dhan sgoil.

Thig latha no oidhche sam bith gus am bi an Reic Shaor seachad.

Ma bhios tu ceannach fiach $4 .00 no barrachd de bhathar, agus nach tachair dhut a bhi comasach a phaigheadh aig an am, faodaidh tu pairt dhe a phaigheadh, agus cumair an ni tha thu ceannach fad seachdain dhut.

Mills , MacKenzie & Ross.


Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a thagainn air $3 .50s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios gan iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.



[109]

[Vol . 10. No. 15. p. 5]

Naigheachdan.

CEARTACHADH AINMEAnns an àireamh mu dheireadh thug sinn cunntas air bàthadh a rinneadh ann an Sidni Tuath, atoirt seachad mar ainm an fhir a bha air a bhàthadh, Eanruig Brooks. ’S e bainm dha Eanruig Lakes. Dhfhag e bean òg agus aon duine cloinne.

MARBHADH NAN CEARCA TOMAINTha cead aig daoine a nise air cearcan tomain a mharbhadh, ni nach robh aca o chionn da bhliadhna, agus tha gach duines urrainn gunna chur ri shùil a mach gan sealg. Tha iad gu math lionmhor an àiteachan, agus thatar a marbhadh moran dhiubh.

DROCH DHIOL AIR EACHBha fear Micheal Donnelly, mèinneadair, air a thoirt gu cùirt an Glace Bay air an t-seachdain sa chaidh, agus chuireadh càin $36 .00 air airson e dheanamh droch dhiol air each leis an robh eg obair. Tha e gle cheart gum biodh daoine bhios a toirt ana-ceartas do na brùidean bochda air am peanaisteachadh gu trom. Rinneadh gniomh graineil air each fiachail ann an Sidni Tuath o chionn ghoirid, —an teanga ghearradh as a bheul, —ach cha dfhuaireadh greim fhathast air an uile-bheist a rinn e.

SGIORRADH BASMHORDi-luain sa chaidh, chaochail Iain S. Domhnullach, aig a Bheighen Ear, air sàilleamh goirteachaidh a fhuair e beagan lathaichean roimhe sin. Bha esealg chearca tomain, agus bha an gunna bhaige sean, ’s air a lòdadh ro throm, agus nuair chaidh e losgadh bhrist an urchair a mach air a cheann gharbh. Bha a ghuallas a ghairdean air an reubadh gu dona, agus phuinnseanaicheadhfhuil, ni a dhaobharaich a bhàs. Bha e seachd bliadhndeug air fhichead a dhaois, agus dhfhàg e bean us triùir chloinne.

MORT ANGLACE BAY—Bha fear Paddy Porrier, a mhuinntir Cheticamp, air fhaotainn marbh ann an acarsaid Ghlace Bay o chionn cheithir la deug air ais. Bhatar an dùil nuair a fhuaireadh a chorp gum be bhàthadh a rinneadh, ach rinneadh a mach uaithe sin gun robh lamh aig duinena bhàs, agus gu robh e marbh mun deach a chur dhan uisge. Cha dfhuaireadh na ciontaich fhathast, agus ma tha amharus air neach sam bith cha drinneadh follaiseach e. Thachair bàs dhen t-seòrsa so ann an Glace Bay uair us uair o chionn beagan bhliadhnaichean, agus bu chòir gach oidheirp a thoirt air na ciontaich a thoirt gu ceartas air an turus so, a chum cliù na dùthcha agus tearuinteachd an t-sluaigh a ghleidheadh.

BATHADH MULADACHRinneadh bàthadh muladach aig na Narrows Bheaga Di-haoine sa chaidh, leisn do chaill Tearlach, mac do Chaiptean Iain Domhnullach, a bheatha. Bha an Caiptean air tilleadh á St. Pierre, ’s leis an stoirm a bhi gle mhor aig an àm bfheudar dha an soitheach a leigeil air acair astar beag o thir. Chaidh a mhac agus fear eile mach le bàta gus a thoirt gu tir, ach bha a mhuir cho garbhs gu robh am bàta air a chur fodha. Fhuair am fear eile snàmh gu tir, ach bha esan gun chomas snàmh aige, air dha bhi crùbach, ’s chaidh a bhàthadh. Bidh càirdean agus luchd-eòlais lionmhor a Chaiptein Dhomhnullaichsa theaghlaich duilich an sgeula bochd so a chluinntinn, agus bidh co-fhaireachdain aca riuthanam bròn an deigh na buille ghoirt a fhuair iad.

AIREAMH SLUAIGH CHANADATha e coltach nach robh an cùnntas a thugadh seachad roimhe so air àireamh sluaigh Chanada gun mhearachd. Agus bheir e toileachadh dhuinn uile fios fhaotainn gu bheil corr us coig gu leth millein sluaigh ann an Canada, an àite 5,338,883 mar a thugadh seachad roimhe. Bidh fàs na dùthcha anns na deich bliadhna, 1891 gu 1901, mar sin dlùth air 680,000.

SOIRBHEACHADH LEIS! —Fhuair sinn cairt o phost-mhaighstir air an dùthaich, ag innse dhuinn gun robh am paipear a bha air a sheòladh gu duinàraidh nach ainmich sinn air fhàgail anns an oifis; gu robh an duine air a dhol dhan Iar Thuath a dhionnsuidh na buana. Tha sinn a guidhe turus math agus soirbheachadh a bhi leis an duine thann; agus tha dòchas againn gun teid aig air a sheachnadh de dhairgiod na buana na phàigheas an da bhliadhna gu leth dhen MHAC-TALLA a dhfhàg ena dheigh.

SLAINTE RIGH IOMHAIRTha fathunnan a dol mun cunairt o àm gu àm nach eil Righ Iomhar a faotainn a shlàinte, ach tha iadsan aigm bu chòir fios a bhith ag radh nach eil eagal san bith dha thaobh. Bha amhach a cur dragh air o chionn beagan ùine air ais, agus tha e coltach gu robh amhrus aige féin gun tigeadh e gu cansair dha, ged a bha na lighichean dhen bharail nach robh cùram sam bith dha. Chan eil teagamh nach be so a dhaobharaich na fathunnan mu e bhi ann an droch shlàinte. Cha mhor iochdarain a tha aig Righ Iomhar nach eil an dòchas gu meal e a shlàinte, agus gun rioghaich e os an cionn gu glic agus gu ceart gu ceann iomadh bliadhna.

TORADH DHROCH LEABHRAICHEANChaidh losgadh air duinòg a mhuinntir an eilein so, Iomhar Mac Leoid, air an t-sraid ann a Halifacs an la roimhe le gille beag dan ainm Bulger. Chaidh am peilearna laimh beagan fon uilinn, agus ged nach eil an lot cunnartach tha cràdh mor ann. Cha robh aobhar sam bith aig a ghille air deanamh mar a rinn e, agus thatar a deanamh a mach gum be chuir an cronna cheann a bhi leughadh leabhraichean mu na daoine fiadhaich fuileachdach, a tha, mas fhior, rim faotainn anns na Staidean an Iar. Bha Mac Leoid ann an Sidni fad an t-samhraidh sa chaidh ann an oifis lagha, agus tha en dràsda dol dhan cholaiste. Is mac e do Mhurchadh Mac Leoid, ann an Dingwall an siorrachd Victoria.

AN CUPAN RI FUIREACHTha an duais air son an robh an da bhirlinn ag obrachadh, Cupan na h-America, ri fuireach air an taobh so dhen Atlantic. Choisinn an Columbia tri réisean an deigh a cheile, agus cha do choisinn an Shamrock aon idir, ged a chaidh i gach uair anabarrach faisg air. Cha robh i ach gann leth mionaid air deireadh air a Cholumbia anns gach réis, agus mar sin chaidh i na bu teinne air an duais a thoirt bho na Geancaich na chaidh birlinn Bhreatunnach riamh on thainig o nall an toiseach. Tha Sir Tomas Lipton an deigh còrr us da mhillein dolair a chosg a feuchainn air son a chupain, agus chan eil e ro choltach gun toir e ionnsuidh tuilleadh air. Tha e làn riaraichte leis mar a dhéilig na Geancaich ris, agus ag aideachadh gu saor gum be dhaobharaich e chall na réise nach bi an Shamrock a bhirlinn a bfhearr dhen dithis a bha ruith.


Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.


Thig sinn suas ris an fheadhainn as fhearr
ann an deanamh Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa
Bathair-Each.

N uair a bhios tudol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’sen seorsas fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agussen seorsas fhearr a tha sinne daonnan a creic, agusse sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHDS AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut.



[110]

[Vol . 10. No. 15. p. 6]

Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH: —Tha ùine mhor bho nach do sgriobh mi ni sam bith anns a chànain so, agus tha e gle dhuilich dhomh na nithean a bu mhath leam a chur sios a chur an òrdugh mar bu mhath leam. Ach nuair a ni duine mar is fhearr as aithne dha, chan urrainn en tuilleadh a dheanamh.

Than samhradh air falbh, agus earrann mhor don fhogharadh, agus cha bhi an ùine fada gun an tig stoirmeannan fuar a gheamhraidh oirnn. Ged a bhios sinn a gearain air an teas tha mi a smaointean gu bheil e nis usa bhi beò ann na bhi gar feannadh le fuachd a gheamhraidh. Bhan t-sìde gu math teith air so re an t-samhraidh, agus bha i fuathasach tiorm, agus leis a sin chaneil am bàrr ach gle aotrom agus goirid. Thainig an t-sìde gu math fliuch mun dfhuair moran ullamh am fogharadh, agus chaidh moran den bhàrr a dholaidh leis cho fliuchsa bhan t-sìde. Tha sinn an nis gu trang a bualadh. Tham bàrr a tionndadh am mach gle mhath, a réir na connlaich.

Bha moran tinneas againn anns an àite so na miosan a chaidh seachad. Bhàsaich moran, sean agus òg. Achs ann mar sin a bhitheas e am fadsa bhios duine beòbidh bàs ann.

Tha sinn a cumail beò na Gàilig ann am Priceville gle mhath, co-dhiu am fadsa bhios sinne aig am bheil i beò, agusna dheigh sin deanadh iad mar a thoilicheas iad rithe. Ach bidh muinntir éigin beò a chumas suas i air son cliù an sinnsir.

Bha mi a leughadh litir an duine chòir, Bodachan aGhàraidh, ann an toiseach a phàipear o chionn ghoirid, agus feumaidh mi aideachadh gun robh mi a tarruing dealbh chearr air an duine nam bliadhnachan a chaidh seachad. Bha mi a smaointean gur e bhann duine beag crotach, sean, a bha dol am mach a h-uile latha agus spaid na laimh a ruamhar a ghàraidh. Ach an uair a leugh mi a litir mu dheireadh thug i orm minntinn atharrachadh mu dheibhinn an duine, oir tha mi am barail gur e thann a nis duine mor, gasda, an-treis a spionnaidh agus a neart. Carson? Tha leis na comhairlean a bha etoirt air na nigheanan òga. Feumaidh iad a bhi gu math deanadach ma ni iad a réir comhairle Bodachan aGhàraidh, oir tha mi am barail gu bheil e ag amharc am mach air son de na creutairean matha so, nach fhaca duine bochd riamh an sàs gun truas a ghabhail dheth air son comhnadh a dheanamh dha an àm an fheuma.

Tha obair ancementa dol air aghart ann am baile Durham. Tha e toirt moran obrach do dhaoine agus do dheich.

Bha Iain Mac Artair agus Gilleasbuig Mac-an-Ime(Butter)ann an Glasacho air an t-samhradh so. ’S e Muileach a thann an Iain, agus Uidhisteach ann an Gilleasbuig. Tha iad a coimhead gu math an deigh an turuis.

Fhuair mi paigheadh bho Iain Mac Cuithein, á Boothville, air son MHIC-TALLA gu bhliadhnùr. Tha bean Iain na sgoileir math Gàilig, agus is math le Iain a bhean a thoileachadh ann a bhi toirt dhi MHIC-TALLA.

Tha mi cinnteach gun dean an ceartas dhomh a nis a bhi smaoineachadh air a bhi sgur. Ach ged a bhios mo litir car beag fada bha i gle fhada tighinn, agus leis a sin tha mi an earbsa mhathsan duin’ -uasal tha aig an stiùir nach dean e dearmad gun a bhi toirt àite do mlitirna phaipear gasda.

Bidh mi a nise sgur a sior ghuidhe soirbheachadh math leis a MHAC-TALLA agus leis an fhear-dheasachaidh.

Slàn leibh an drasd’.

Is miur caraid,
IAIN MAC ILLEASBUIG.


Soirbheachadh a Mhoid.

Bha soirbheachadh sonruichte aig achruinneachadh so air abhliadhna so; agus tha ena onoir don Oban gun dfhuair am Mòd a bhiths a bhreithna chrìochan mu dheich bliadhna roimhe so troimh altrumas grinn caoimhneil an Olla Urramaich, an Stiubhartach an Lochabar air am bi cuimhne ghràdhach ioma linn. Co-cheangailte ra ainmsan gheibhear ainm urramach eile air am bheil Gàidheil anns gach ceàrn feadh saoghal nan Albannach eolach, ’se sin an t-Olla Urr Raibeart Blàr, D. D., a ghléidh coicheangal gràidh is tairiseachd ris achànain is ris an t-sluagh o làithean òige gus an latha an diugh. Bha taic mhath air a toirt don chùis leis aphapeir so bhon thòisich an obair, agus tha ena aobhar phròis, mar chanas ar càirdean an Tuath, gun dthug ar siorrachd féin breith do ghluasad a thana mheadhon cho éifeachdach ann a bhi cumail ar cànain, ar litreachas, is ar cleachdainnean beò. Gun robh buaidh leis na seòid deas is tuath, sean is òg a tha deanamh an dìchioll air cliù na dhfhalbh a ghleidheadh mar bu chòir. —Oban Times.


Bas Chaluim-Chille.

SHUIDHICH Calum-Cille Taigh-foghluim ann an I, far an robh moran dhaoine òga air an teagasg ann an eolas nan Sgriobtur agus air an uidheamachadh gu dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air feadh na tire. Bhuanaich e re ceithir bliadhna deug air fhichead asearmonachadh anns gach aite air feadh na Gaidhealtachd gus an dthainig na Gaidheil no na Pictich thuathach gu leir gu bhi acreidsinn na firinn; agus tha e airaithris gun do thog e corr agus tri cheud Ceall no Eaglais air feadh na h-Alba ann an caochladh aitean. TheirearCillteanris na h-aitibh-aoraidh so gus an la an diugh mar a dhainmicheadh


MAC-TALLA

AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. ATIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1 .00SA BHLIADHNA DO CHANADAS DO NA STAIDEAN; $1 .52 DO BHREATUNN, DONEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE.


CEUD mile furain agus failt
Air aMhac-Talla, ceann an aigh!
S ann leam is ait gum bheil efas
O bhliadhngu bliadhn
An gliocas, tuigse, tur is ceill;
An eolas air gach ni fon ghrein;
Am meas, an clius am moran speis,
An ears an iar.

Chaneil fear eilen diugh fon ghrein
As mo don tug mithlachds aspeis;
S a bhuadhan co ni chur an geill
Le peanns le guth?
An t-armunn maiseach, uasal, grinn,
A choisinn cliu le luaths a phinn.
Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir
S an cluinnteadhghuth.

Mo mhile beannachd aig an dream
A thatoirt aoidheachd dha gach am,
S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall,
An am an fheum’:
Dhearbh iad gum bheil fuil nan sar,
A choisinn cliu is buaidhs na blair,
Aruithnan cuislean gu bras, blath
S gach aitfon ghrein.

Bodachan aGharaidh.


THA NA H-UGHDAIR GHAILIG AS FHEARR ASGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEACHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN.

Cho Gaidhealach ri Fad Moine.”



[111]

[Vol . 10. No. 15. p. 7]

iad air tus le Calum. Bha e fein agus a chompanaich asaoithreachadh gun sgios am measg an t-sluaigh gus an dfhuadaich iad saobh-chreideamh nan Druidhneach gu buileach a mach as an tir gus an dthainig an duthaich gu h-iomlan gu bhi ag aideachadh a bhicreidsinn ann an Criosd. TheirteadhCuildichmar ainm ris an dream a bhan an co-luchd-oibre maille ri Calum-cille ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil.

Fhuair Calum-cille bas anns abliadhna A. D. 597, air oidhche Di-Sathuirne, an 9mh la dan Og-mhios. Mu mheadhon oidhche chaidh e steach don Eaglais mar bu ghnath leis a dheanamh urnuigh. Chaidh e sios air a ghluinibh aig beulaobh na h-altarach. An ceann beagan uine lean a sheirbhiseach, Diarmad, a stigh as a dheigh, agus ghlaodh e a machCaitam bheil thu, athair?” Fhuair se en a shineadh an lathair na h-altarach agus e cosmhuil ris achrich dheireannaich. Thainig na braithrean uile a stigh an sin agus thoisich iad ri gul agus caoineadh an uair a chunnaic iad an athair spioradail cosmhuil ri dol a chum abhàis; ach smeid esan riutha lelaimh o nach burrainn e labhairt, aciallachadh gun robh e a guidhe beannachd orra, agus goirid an deigh sin thug e suas an deo. An ceann tri laithean chaidhadhlacadh ann an Reilig Orain.


Facal do na Nigheanan Oga.

LITIR VII.

Acaoidh aghaire a rinn in uiridh.”

THA e anabarrach iongantach cho beag airesa tha an aireamh as mo de shluagh an t-saoghail atoirt do na tha iad afaicinns acluinntinn o latha gu latha. Chi iad an co-chreutairean a tuiteam ann an iomadh tubaist len coireannan fhein, agus an aite rabhadh a ghabhails ann a tha iad, mar is trice, acur aghnothaich ann an neo-shuim. Feumar aideachadh gu bheil beag is mor, sean is og, ciontach den neo-shuim so. Ach ged a tha so uile fior chan fhaodar leithsgeul muinntir a ghabhail. Ged a dhfhaodas aireamh mhor a bhileantuinn bheachdan agus dhoighean faoine, cha tionndadh sin an fhaoineis gu gliocas. Bidh an fhaoineisna faoineis ged a bhiodh an saoghal mun iath aghrian an toir oirre. Ged a theireadh sluagh an t-saoghail gu bheil a h-uile eun a thanns an ealtuinn geal, chan atharraich an cainnt dath aoin ite ann an aon eun. “O,” arsa neach araidh, “tha fios againn air sin cho math ribh fhein.” Faodaidh gu bheil, achs i cheisd, Am bheil sinn adeanamh feum den fhiosrachadh a thagainn? Am bheil sinn ameudachadh ar fiosrachaidh, agus ar gliocais gach latha, le bhithtoirt fa near, agus abeachd smaoineachadh air mar a thainig cuid der luchd-eolais gu bhith anns an t-suidheachadh anns am bheil iad? Thugamaid fa near co muladachs a tha e bhithfaicinn mar a tha cuid nan truaghain bhochda, gun mheas, gun chliu, air tailleamh an goraiche fhein. “Chan en goraiche fhein uile gu leir as coireach gu bheil iad mar a tha iad, ach eutromas na h-oige,” arsa neach araidh. A charaid, chaneil ann an eutromas na h-oige ach ainm eile air goraiche. Tha duil aig cuid gu foghainn daibh ainm ur a thoirt air ni toirmisgte, agus gum bi chuis ceart gu leor. Ciod a thann an ainm? Faodaidh gu freagair sinn acheisd so aig am eile. Ach nacheil e fior gu leor gun cuir sealladh fhaicinn de nighinn oigs in deigh a dholna h-ablach truagh le a goraiche fhein cianalas oirnn? Chaneil ni ann, tha mim beachd, a bhuineas do chor na beatha tha lathair as luaithe bhristeas spiorad nighinn oig na bhithcaoidh a ghaire a rinn in uiridh.” Chaneil coire sam bith ann an gaire dheanamh an uair a tha aobhar air a shon, oir tha e sgriobhta gu bheil am gu gaire ann. Ach tha leithid de ni ann agusgaire mu aobhair aghuil.” Is e aobhar guil a thann a bhithfaicinn na h-oigridh acaitheamh nam bliadhnachan as fhearr dem beatha ann an obair a bheir iomadh deur on t-suil acana dheigh sin. ’Nuair a dhfhosglar an suileans a chi iad sealladh dhiubh fhein bidh iad toileach iad fhein fhalach, ach cha ghabh e deanamh.

Ge be nach seall roimhe seallaidh e na dheigh.” Seallaibh-se nigheanan òga romhaibh air eagal, ann an tùsur latha, gun gabh sibh ceum air son am bi aithreachas oirbh. Faodaidh sibh a bhith cridheil, aoidheil ris gach neach. Ach thugaibh an aire co ris a ni sibh companas. Chan ionnan a bhith aoidheil, cridheil, caoimhneil ri muinntir a thachras ribh, agus a bhithgabhail muinntir mar chompanaich nacheil aon chuid measail no modhail. “Truaillidh droch comhluadar deagh bheusan.” “Innis thusa dhomhsa co iad do chompanaich, agus innsidh mise dhutsa co thu fhein.” Thugaibh an aire nach bi sibh ro dheidheil air cuideachd anns am bi comhradh amaideach agus baoth shugradh. Na bithibh deidheil air a bhithfalbh o aite gu aite. So agaibh mar a thuirt nigheann og a bhacaoidh aghaire a rinn in uiridh

Bheirinn mo mhallachd
Air nionaig gu bràth,
Bhiodh trom air an danns’,
Agus gealltach air bàl;
Bha mise gle shiubhlach
O àite gu àit’,
Gus an dfhàs mi cho dùmhail
S nach lùb mi gu làr.”

Bheir mi iomradh air aon te eile, a fhuair a togail gu measail, cliuiteach, ach le bhith tuilleadh is tric ann an comunn na muinntir a tha amaideach, baoth, chaill i a meass a cliu, agus an uair a bha i ann an taigh beag, bochd leatha fhein, gun neach leis am bu truagh i, chuir i sios anns na briathran a leanas a beachd oirre fhein agus air muinntir eile:—

(Air a leautuinn air taobh 112).


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAR.

[Clàr - ama]


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY.
NOW
MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.



[112]

[Vol . 10. No. 15. p. 8]

(Air a leantuinn o thaobh 111.)

Facal do na Nigheanan Oga.

CAOIDH AGHAIRERINN IN UIRIDH.”

Sibhsenigheannan oga,
Thann an toiseachur toisich,
Cuiribh cùl ris aghoraich’,
Mun toir i bron airur cridh’;
Gabhaibh comhairle uamsa,
Ged a tha minam thruaghan,
Bha mi roimhe cho uallach
Ri h-aon a dhuaislean na tir;
Bu toil-inntinn gach la dhomh
Bhith ri mires ri manran,
S a bhithsireadh ceol-gaire
Air feadh gach cearna den tir;
Bard a chluinnteadh mo ghaire
N am bhith coiseachd na sraide,
S min duil nach bithinn gu brath
Nam aobhar naire dhomh fhin.

Fhuair mi comhairlo mmhathair,
O maon phiuthars o mbhrathair,
S on chuid eile de mchairdean,
Mi sgur gun dail de mo dhoigh;
N aite cluas thoirt dom briathran,
Sgur de nidhoighean mi-chiatach,
S ann a lean mi le diarras
Achuideachd dhiomhain, ’s an spors;
Ceum air cheum bha mi claonadh,
Leantuinn doighean an t-saoghail,
N cuideachd oigfhearan baoghalt
Bhan toir air faoineiss air ceol,
Gus mu dheireadh an dfhas mi
Dalma, ladurna, dana;
Be mo rogha ceol-gaire
Bhithmeasg palabhair is oil.

Chaill mi buileach mo naire,
Chaill mi comunn mo chairdean,
Cha tig piuthar no brathair,
Leis an naire, ’nam choir;
Dhfhalbh mo shunnds mo cheol-gaire,
Dhfhalbh mo mhires mo mhanran,
Dhfhalbh amhaises an ailleachd
A tharruinneadh gradh aghilloig;
Tha min diugh ann am thruaghan,
Anns abhothan gun tuar so,
Gun aon neach leis an truagh mi
Am measg an t-sluaighrinn mo leon;
Chuir iad cul rium gu buileach:
Latha bhroin is na dunach!
Dhfhalbh mo sholas on uiridh:
Tha mi buileach fo sgleo.

Mo chreachs mo léireadh mar thàinig!
Nigheann mathars mo mhathar,
A bhithn diugh mar a tha mi,
Nam chuis ghrain air gach doigh,
Nuair bu choir dhomh bhithgluasad
Ann an comunn nan uaislean!
Och, nach robh minam shuain
S an leabaidh fhuair tha fon fhoid!
An taigh dorocha gun solus,
Far an sealbhaichear sonas,
Farm bi fois o gach corruich
Aig acholuinn gun deo;
Fardach udluidh na di-chuimhn
Far nach araichear mi-run,
Gu la bhrath gus an cluinntear
Guth an Righ aig amhod.

An siol a chuirears na cluainibh
Anns an Earrachs e bhuainear,
S bidh an toradh, mo thruaighe!
Iomadh uair fichead fillt’:
Ged a dhinnseadh so dhomhsa
Iomadh uair le luchd-eolais,
Mheas mi suarach an comhradh,
O nach do chord e rium fhin;
Tha min diugh gu trom, tursach,
S tric snidhe air mo shuilean,
Chionn gun dchuir mi mo chul ri
Solus iuil an Ard-Righ,
A bha dealradh mun cuairt domh,
N uair a bha minam ghruagaich,
Eutrom, aigeannach, uallach,
An duil gum buanaicheadh tiom.

Gabhaibh rabhadh o msgeula,
Seachnaibh cuideachd mhi-cheillidh,
Bithibh banail, deagh-bheusach,
Aleantuinn ceutachd is cliu;
Seachnaibh comunn nan oigfhear
A bhios trics an tigh-osda;
Cha bhi rath air an seorsa,
Chaoidh na posaibh fear dhiubh:
Seachnaibh ceilidh na Sabaid,
S e thug uamsa mo naire;
Iarraibh gliocas on airde,
S bidh neart do ghnath airur cul;
Bidhur lamhan an comhnuidh
An obair mhath de gach seorsa:
Seachnaibh, seachnaibh aghoraich’,
Bheir sios le bron sibh don uir.”

Is mi bhur dearbh charaid,
BODACHAN AGHARAIDH.


Oran do Bhata.

LE AONGHAS MAC EACHARN, GLASCHU.

Mar dhearrsa reult na maidne
Roimh na baideil dhùmhl,
Chi mi Venus mhaiseach
Snàmhs a challa chiùin;
Buill dhireach, ruighinn, ghramail,
Toirt siùil gheala dlùth,
Ri sparraibh sùighte, fallain,
Air nach fàilnich lùths.

Do bhuadhans tric mig àireamh
Air an tràigh ri dthaobh,
Leughar air gach clàr dhiot
Grinneas làmh nan saor;
Sinnteach, sniomhach, lannach,
Dionach, dannar’, dlùth;
Giubhas fìnealt, fallain,
S aisnibh daraich shùight’.

N àm cur sheol ri dchrannaibh,
S t-acair thoirt a grunnd,
Gillean bhiodhnan cabhaig,
Tarruing bhallaibh dlùth;
Gu muir ghàbhaidh teannadh,
S frasan atighn dùmhl,
Na meallaibh àrd cha bhac thu,
S làmh neo-ghealtadstiùir.

Air bhàrr thonna caor-gheal
Mach air aodann cuain,
Frasan cruaidh nam faoileach
Tighn le gaoir on tuath.
Luingeis nan crann-caola
Pasgadh aodaich cruaidh,
S tusa mar an fhaoileig,
Air gach taobh toirt buaidh.

Chaneil euns an ealtainn,
N uair as caisen ruaig,
Dhfhàgas ann an astar
nan lannaibh ruadh;
Muir dhu-ghorm ga sgapadh,
Sruthaibh bras fo dchluais,
Buill chaineaba chruaidh an glacaibh.
Sgioba gaisgeil, cruaidh.

S tu thogadh fonn nam fearaibh,
N àm toirt fearainn dlùth,
Adireadh thonn gu h-eangarr’,
S gan cuir seachnan smùid;
Bhuait cha chluinnte gearan
Neo-mhearachdach do chùrs’,
H-uile meall a ghleachd riut
Chaill eneart roimh dghnùis.

Chan aithne dhomhsa dfheartan
Chuir gu ceart an céill,
Do bhuadhan as do thapachd
Tha gun stad am bheul;
Gu ma fadthud uidheam,
Sgioba ullamh, gleust’,
A sheasas treubhach, guineach
N uairbhios muir tighn breun.


OR AS AN YUKONThainig soitheach-smùide as an Yukon do Staid Washington toiseach a mhios so, agiulan fiach millein dolair de dhòr. Bha da cheud us sia deug de luchd-turuis air an t-soitheach, muinntir a bha air fas sgith dhen dùthaich, no a bha air son an dachaidhean fein fhaicinn aon uair eile. Tha an t-òr afàs gann anns an Yukon, agus cha mhair e moran bhliadhnaichean, ged a dhfhaodas iadsan aig am bheil àitean-cladhaich ann bheairteas mor a deanamh fhathast.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


NUAIR A BHIOS TU.. ..
ag uidheamachadh taighe
tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinns is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhecoig piosanair $35 .00.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT,
Manger, Charlotte St.


Brogan Saora.
Brogan matha dhe gach seorsaBrogan Fhear, Brogan Bhan, Brogan Cloinne, na seorsachan a thatar a cosg an cumantas, no mar a theirear riutha, Brogan Obrach. Tha iad so rim faotainn gu saor aig
Mills , MacKenzie & Ross.
Air seann larach Iain A. Mhic Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur=Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA=CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 15
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 15. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page