[113]

[Vol . 10. No. 16. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 18, 1901. No. 16.


Mac na Bantraich Bharrach.

NIS,” arsise, “shàbhail thu mo bheatha dhomh. Feumaidh tun aire thoirt ort fheins an àite so. Theid thu suas a nis don tigh sheinnsud shuas. Cuiridh fear an tigh sheinnse ceist ort n luchd a thagad. Abraidh tusa luchd guail. Abraidh esan gur math a mhiadh sidsan aite a bheil thu airson a reic. Abraidh tusa gur ann airson a reic a thàinig thu; n tairgse bheir e air. Their esan, “Am màireach air sia uairean bidh waggon òir adol a sioss waggon guail adol a suas, air alts gun cumar an soitheach anns an aon trim gu sia uairean an ath oidhch. ’” Abair thusa gun gabh thu sid; ach anns an oidhche, mar am bi thusa a dearalas, thig iad nuair a tha h-uile duine nan cadal, le musgannans le dagannan, cuiridh iad an soitheach air a ghrunnd, marbhaidh iad a h-uile duine, ’s bheir iad leo an t-òr.” Chaidh e far an robh fear an tigh sheinnse agus chòrd e ris mar a sheòl ise. Thòisich iad an la-iar-na-mhàireachsa mhadainn air cur sios an òirs air toirt suas aghuail. Bha fear aig an sgiobairna sheasamh ag amharc gum biodh an soitheach ann an trim. Nuair a bhan gual am mach, ’sa bhan soitheach cho trom leis an òrs a bha i leis a ghual, ’s nuair a bha esan air tìr, fhuair ise òrdan na seòladairean a ghabhail a comhairle gus an tigeadh esan. “Cuiribh suas,” arsise, “na siuil, ’s tàirnibh na h-acraichean. Cuiribh ròpair tir.” Rinn iad sid. Thainig esan air bòrd. Sheol an soitheach air falbh feadh na h-oidhche. Chual iad urchair; ach bha iadsan a machs cha drug iad orra tuilleadh. Sheòl iad gu ruige Sasunn. Bha tri soithichean air tilleadh, ’s bha na tri sgiobairean am prìosan gus an tilleadh Iain. Ghabh Iain suass ràinig eoide. Chaidh an t-òr a thoirt air tìr, ’s bha da thrian aig a bhodach, ’s trian aig Iain. Fhuair e seombraichean don bhoirionnach far nach cuirteadh dragh oirre.

A bheil thu smaoineachadh gum falbh thu fhathast?” arsam boirionnach ris. “Tha mi smaoineachadh gu bheil gu leoir dhen t-saoghal agam an sid fhein.” “Dhfhalbh thu roimhe le dthoil fhein; nam biodh tu cho maths gum falbhadh tu nis lem thoil-sa.” “Ni mi sin.” “Falbh don bhùth ud a muigh agus thoir as còta, briogais agus peitean. Feuch am faigh thu luchd sgadain, agus theid thu don Spàin leis. Nuair a bhios an luchd a stigh thig far a bheil mise mun falbh thu.”

Nuair a fhuair en luchd air bòrd chaidh e far an robh i. “An dfhuair thun luchd air bòrd?” “Fhuair.” “Tha deisen so, ’s a chiad Dòmhnach an deigh dhuit an Spàin a ruigeachd cuiridh tu umad i agus theid thu don eaglais leatha. So fìdeag, agus fàinne, agus leabhar. Bidh each agus gille leat. Cuiridh tum fàinne air do mheur, agus bidh an leabhar adlaimh. Chi thu anns an eaglais tri cathraicheanda chathair amluidh òir, agus cathair airgid. Beiridh tu air an leabhars bidh tuga leughadh, ’s acheud duina theid a mach as an eaglais bi thusa mach; na fan ri duine beò mur an coinnich an righsa bhan-righ thu.”

Sheol e gu ruig an Spàin, ghabh e acarsaid, ’s ghabh e suas don taigh sheinnse. Dhiarr e dinneir a chur air dòigh. Chuireadh an dinnear air a bhòrd, agus dhfhiadhaicheadh sios ega iarraidh. Chuireadh trinnsear air abhòrd agus mias air a mhuin, agus thuirt bean an tigh sheinnse ris, “Tha biadh as deoch gu leoir air a bhòrd mur coinneamh; gabhaibhur leoir, ach na togaibh a mhias a thair muin an trinnseir.” Tharruinn in dorus leatha. Thòisich e air a dhinneir. Smaoinich e aige fhein ged a belàn òir a bhiodh anns an trinnseir, nalàn daoimean, nach deachaidh sgath riamh air abhòrd nach fhaodadh e phàigheadh. Thog e mhias bhar an trinnseir, ’s bhair an trinnsear ach da sgadan. “Mas e so rud a bha i falach orm cha ruigeadh i leas e.” Dhith e aon sgadans an darna taobh don fhear eile. Nuair a chunnaic bean an taighe gun robhn sgadan ithte— “Mo chreach mhor!” arsise, “mar a dheirich dhomh; nach robh mi latha riamh nach fhaodainn muinntir na rioghachd a ghleidheadh gus an diugh.” “ dheirich dhuit?” arsIain. “Tha nach robh mi latha riamh nach faodainn sgadan a chur air am beulthaobh gus an diugh.” “ bheireadh tu air baraille sgadan?” “Fichead punnd Sasunnach.” “ bheireadh tu air luchd soithich?” “Sin rud nach burra micheannach.” “Mata, bheir mise dhuit da cheud sgadan airson an da sgadain. Bfhearr leam gun robhn soitheach air falbhs na sgadain creichte.”

A cheud Di-dòmhnaich fhuair e each le strainus diollaid, agus gille. Dhfhalbh e don eaglais. Chunnaic e na tri cathraichean. Shuidh a bhan-righ air an laimh dheas den righs shuidh e fhein air an laimh thoisgeil. Thug e mach an leabhar as a phòcas thòisich e air leughadh. Cha bann air searmoin a bha airaig an righ no aig a bhanrigh, ach asileadh nan deur. Nuair a sgaoil an t-searmoin ghabh e mach. Bha triuir stàtan as a dheigh, ag eubhach ris gun robh gnothuch aig an righ ris. Cha tilleadh e. Thug en tigh sheinnsan oidhche sin air. Dhfhan e mar a bha e gus an ath Dhomhnach. Chaidh e don t-searmoin, chan fhanadh e ri duine, ’s thill e don tigh sheinnse. An treas Dòmhnach chaidh e don eaglais. Am meadhain na searmoin thainig an righs abhanrigh a mach. Sheas iad aig gach taobh don t-sréin. Nuair a chunnaic an righ esan a tighn a mach, leig e as an t-srian, thug e ada dheth gu làr, ’s rinn e modh dha. “Ler cead, cha ruig sibh a leas a leithid sin de mhodh a dheanamh dhomhsa, ’s ann a bu choir dhomhsa dheanamh dhuibh fhein.” “Nam beur toil gun rachadh sibh leinn a ghabhail dinnear don phàileas.” “Ud, ud! ’s e duine sios uaibhse rachainn-saghabhail dinnearach leis.”

Rainig iad am pàileas. Chuireadh biadh an àitechaitheadh dhaibh, agus deoch an àiteh-òl, ’s ceol an àitéisdeachd. Bha iad acaitheadh na cuirmes na cuideachd le solass le toil-inntinn, ri linn dùil a bhi aca gum faigheadh iad naigheachd air an nighinn. “A sgiobair na luinge,” arsa bhanrigh, “na ceil orm dad a tha mi dol a dhfhoighneachd dhiot.” “Dad sam bith a thagamsis urrainn mi innseadh dhuibh cha cheil mi oirbh.” “Na ceilibh orm nach lamh boirionnaich a chuir achulaidh sin mar driom, bhur còta, bhur briogais, ’sur peitean; ’s a thug dhuibh am fàinne bha mur miar, ’s an leabhar a bhanur laimh, ’s an fhìdeag a bha sibh aseinn.” “Cha cheil mi. Le laimh dheas boirionnach a shineadh a h-uile sgath dhiubh sin dhomhsa.” “ ’S càitan dfhuair thu i? ’s nighean leamsa than sin.” “Chaneil fios agamsa co dan nighean i. Fhuair misi anns an Tuirc adol ga losgadh ann an craoslach mor teine.” “Am fac thu boirionnach comhla rithe?” “Chan fhaca. Bha in deigh a losgadh mun drainig mi. Cheannaich mi ise le òrs le airgiod, thug mi leam i, ’s tha i ann an seombar an Sasunn.” “Bha seanailear mor aig an righ,” arsabhanrigh, “ ’s rinn e ach gaol a ghabhail oirre. Bhah-athair ag iarraidh oirrephòsadhs cha phosadh i e. Dhfhalbh i fheins nighean bhrathar a h-athar le soitheach, feuch an leigeadh e air diochuimhi. Chaidh iad thairis don Tuirc. Ghlac an Turcach iad, ’s cha robh duil againn am faicinn beò gu bràth. Mas eur toilse, ’s gu bheil sibh fhein deonach, cuiridh mise long leibhga h-iarraidh; gheibh sibh i fhein a phòsadh, leith na rioghachd fhads is beò an righ, ’s an rioghachd uile nuair a bhios e marbh.” “Chan fhiach leam sin a dheanadh, ach cuiridh sibhse soitheach agus sgiobair air falbh, ’s bheir mise dhachaidh i, ’s mas e sin a toil fhein dhfhaodte nach bi misena aghaidh.” Chaidh soitheach a dheanadh deas. rinn an seanailear ach gille phàigheadh airson a thoirt air bòrd gun fhios don sgiobair. Fhuair esan àm e fhein fhalach ann am baraille. Sheol iad, fada goirid gun robh iad, gu ruige Sasunn. Thug iad ise air bords sheol iad air an ais airson na Spàin. Am meadhain achuain, latha briagh, thainig esan agus ise nios air an deck. chunnaic e ach eilean an taobh thall dheth. Bha e gu math fèitheilsan àm“ ’Illean,” arsesan, “thugaibh misair an eilean treis a shealg, gus an dthig coslas soirbheis oirnn.” “Bheir,” arsiadsan. Chuir iad air tir air an eilean e. Nuair a dhfhàg iad air an eilean e thill am bàta. Nuair a chunnaic an seanailear gun robh e air an eilean, gheall e tuilleadh tuarasdail don sgiobair agus don sgioba, ’s iad fhàgail an sid, agus dhfhàg iad Iain air an eilean. Nuair a mhothaich ise gun dfhàg iad air an eilean e, chaidh i air a chaothach, ’s beigin a ceangal. Sheol iad don Spàin. Chuir iad fios a dhionnsuidh an righ gun robh a nighean air fàs gòrach, a reir coslais, airson call aobhar a firs a leannain. Chaidh an righ gu mulad, ’s gu leann-dubh, ’s gu bròn, ’s gu bristeadh-cridhe, chionn mar a dheirich dha, ’s gun a bhi aigach i do mhac na nighean.

Bha Iainsan eilean, fhionnas fhiasag air dol thairis air, a ghruag sios eadar a dha shlinnean, na brògan air an cnàmh, ’s gun snàthainn aodaich air nach robh air falbh na bhìdeagan, gun ghreim feol air, ach na cnàmhan aleantail ra cheile. Oidhche de na h-oidhchean chual e ach iomram bàta tighn thun an eilean. “A bheil thun sin Iain Albannaich?” arsam fear a bhas a bhàta. Ged a bha cha do fhreagair. Bfhearr leis bàs fhaotainn taobh cnoic na gum biodh e air a



[114]

[Vol . 10. No. 16. p. 2]

mharbhadh. “Tha fhios agam gu bheil thugam chluinntinn agus freagair; ’s cearta cho math dhut mise fhreagairt, ’s mi dhol suas, ’s gun toir mi nuas gun taing thu.” Dhfhalbh es ghabh e sios. “A bheil thu deonach falbh as an eilean?” “Mata tha, ’s mi tha sin, nam faighinn mo thoirt as.” bheireadh tu do dhuine bheireadh as a so thu?” “Bha uairs dhfhaodainn rud a thoirt do dhuine bheireadh as a so mi, ach an diugh chaneil sgath agam.” “An dthoireadh tu dha leith do rioghachd?” “Cha bhi rioghachd am feasd agam, nam bitheadh bheireadh.” “An dthugadh tun darna leith de dmhnaoi do dhuine bheireadh as a so thu?” “Chaneil sin agam.” “Chaneil mise ag radh ged bhitheadh gun dthugadh tu seachad i.” “Bheireadh.” “An dthugadh tu leith do chloinne do dhuine bheireadh as a so thu?” “Bheireadh.” “Nuas, suidh an deireadh abhàta.” Shuidh en deireadh a bhàta. “Co dhius fhearr leat dol do Shasunn na don Spàin?” “Don Spàin.” Dhfhalbh e leis, ’s mun dthàinig an latha bha esan Spàin.

Ghabh e suas don tigh sheinnse. Dhaithnich bean an tigh sheinnsesa mhionaid e. “An e so Iain?” arsise. “ ’S en truaill de na bhann deth a thann,” arsesan. “ ’S bochd mar a dheirich dhut,” arsise. Dhfhalbh is chuir i fios ga bùth bearradairs ghlanadh e, chuir i fios gu bùth tàilleirs fhuaradh aodach dha, chuir i fios gu bùth greusaiches fhuaradh brògan dha.

An la-iar-na-mhàireach, nuair a bha e air a ghlanadhs air a sgeadachadh gu dòigheil, chaidh e gu pàileas an righ, ’s sheinn en fhìdeag. Nuair a chual nighean an righ an fhìdeag thug i leum aisde, ’s bhrist in treas earrann den t-sreang a bhaga ceangal. Dhiarr iad oirre fuireach socairs cheangail iad tuilleadh sreang oirre. An la-iar-na-mhàireach thug esan sgàl air an fhìdeigs bhrist i da earrann de na bhoirre. An treas latha, nuair a chual in fhìdeag, bhrist i tri earrannan. Air acheathramh latha bhrist i na bhorra gu léir. Dheirich is chaidh i machna chomhdhail, ’s cha robh boirionnach riamh a bu stòldacha na i. Chuireadh brath suas gu righ na Spàin nach robh nighean riabh na bu stòldacha na bha i, ’s gun dthainig aobhar a firsa leannainga h-ionnsuidh.

Chuireadh carbad a dhiarraidh Iain. Bhan righs a mhòr uaislean comhla ris. Thugadh suas air bhàrr bàs e. Thogadh ceòls leagadh bròn. Chuireadh biadh an àita chaithidh, deoch an àit a h-òl, ’s ceòl an àitéisdeachd. Rinneadh banais shunndach, eibhinn, aighearach. Fhuair Iain an darna leith den rioghachd. An déigh bàis an righ bhan rioghachd uile gu léir aige. Rugadh air an t-Seanailear, riasladh eadar eachaibh e, loisgeadh eadar theintean e, ’s ligeadh an luath leis aghaoith.

An dèigh bàis an righs na banrigh bha Iainna righ air an Spàin. Rugadh triuir mac da. Oidhche bhan sin chual e bualadhsan dorus. “Than t-iarrtaich air tighinn,” arsesan. bhann ach a cheart duina thug as an eilean e. “A bheil thu airson do ghealladh a chumail?” arsam fear a thàinig. “Tha,” arsIain. “Biodh do rioghachds do chlann agad fheins mo bheannachd-sa. A bheil cuimhnagad nuair a phàigh thu na h-ochd mairg airson cuirp an duinanns an Tuirc? Be sin mo chorp-sa. Slàn leat. Chan fhaic thu mise tuilleadh.” —Sgeulachd.


Athair,” ars Uilleam, “carson a chanas iada chainnt mhàithreilris a chànain againne?”

Tha, a laochain, a chionn cho ainneamhsa gheibh tathair cothrom air facal dhith a labhairt.”


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHANAN CADAL.

CAIB. IV.

CHUIR an righ fios air Giafar, an t-ard chomhairleach agus an uair a thainig e, thuirt e ris: “Chuir mi fios ort, a Ghiafar, a chum gun innsinn dut mun obair a thagad ri dheanamh, agus air eagal gum bi ioghnadh ort am maireach an uair a thig thuchum na comhairle, an uair a chi thu an duine so, a thana laidhe anns an leabaidh agamsa, ’na shuidhe air an righ-chathairnam thrusgan rioghail-sa. Cuiridh tu failte air leis acheart umhlachd agus urram leis am babhaist dhut a bhithcur failte ormsa. Dean a h-uile rud a dhiarras e ort a cheart cho umhail agus cho ealamhs ged a bhithinnsag a iarraidh ort. Bidh e gle fhialaidh, agus bheir e ordugh dhutsa airgiod a thoirt seachad. Dean mar a dhaithneas e dhut, eadhoin ged a bhiodh e cho fialaidhs gun tugadh e seachad a h-uile bonn a thagam ris an t-saoghal. Agus cuimhnich gun innis thu do na cinn-fheadhna gu leir, agus do na h-oifigich a tha mun cuairt na luchairt, gum bheil aca ri urram a thoirt dha anns achomhairle mar a bheireadh iad dhomhsa, agus gum feum iad uile an dleasdanas a dheanamh cho fior mhaths nach cuir e uidhireachd air rud sam bith a chuireadh stad air an spors a tha toil agam fhaotainn air.”

An uair a dhfhalbh Giafar, chaidh an righ a chadal do sheomar eile, agus thug e ordugh do Mhesrour, ceannard nan caillteanach, mu dheidhinn gach ni a bhaige ri dheanamh, a chum gun rachadh a h-uile car air aghart mar bu mhiann leis, air chors gum faigheadh Abou Hasan an suidheachadh ard a bha emiannachadh, agus gum faicteadh cia mar a ghnathaicheadh e cumhachd agus ughdarras righ fad na h-uine ghoirid a bha eg iarraidh a bhithna righ. Os cionn gach ni, dhiarr e air a dhusgadh mun duisgeadh e Abou Hasan, on a bha toil aige fhaicinn ciod an suidheachadh inntinn anns am bitheadh e an uair a dhuisgeadh e.

Rinn Mesrour a h-uile dad a dhaithn an righ dha a dheanamh. Cho luaths a chaidh an righ don t-seomar arms an robh Abou Hasanna chadal, dhfhalaich e e-fhein ann an closaid bhig far am faiceadhs an cluinneadh e a h-uile car a rachadh air aghart.

Bha na h-oifigich uile agus na mnathan-uaisle, a bha ri dhol an lathair Abou Hasain anns an t-seomar-chadail aig an am. Sheas iad anns an ordugh anns am bu ghnath leotha seasamh gach madainn, bha iad uilenan tosd, agus deas gus an dleasdanas fa leith a dheanamh, mar gum be an righ fhein a bhiodh adol a dheirigh.

Direach an uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, agus a bhan t-am aigeirigh gus a dhol gu urnuigh na maidne mun eireadh aghrian, chuir an t-oifigeach a bfhaisge do cheann na leapadh spong air a tumadh ann an fion-geur ris an t-sroin aig Abou Hasan. Anns amhionaid chur e car dhecheann, agus mun dfhosgail e shuilean chuir emach smugaid de reum ann am meis oir a chum fear eile dhe na h-oifigich fobheul air eagal gun tuiteadh i air an lar-bhrat. So mar a bhatachairt an comhnuidh an uair a bheireadh an righ fudar do dhuine. Bhiodh an cadal fada no goirid a reir an tomhais a bhiodh anns an fhudar.

An uair a leag Abou Hasan a cheann air achluasaig, dhfhosgail e a shuilean. Agus leis abheagan soluis a bha air tighinn don t-seomar, chunnaic e e-fhein ann an seomar mor, maiseach anns an robh innsreadh anabarrach briagha; agus bha mullach an t-seomair air a chomhdachadh le dathan dhe gach seorsa. Bha larbhrat anabarrach maiseach de shioda air an urlar, agus bha cuachan oir is airgid anns an t-seomar. Bha aireamh mhor de mhnathan uaisle oga, maiseach anns an t-seomar, agus bha inneal-ciuil aig cuid dhiubh.

An uair a sheall e air abhrat a bhair an leabaidh, thug e an aire gur e aodach òir a bhann, agus gun robh e air a dheanamh maiseach le daoimein. Agus bha cluasag ri taobh na leapadh air an robh deise coltach ri brat na leapadh, agus cionadhar (turban) a bha freagarrach don righ.

An uair a chunnaic Abou Hasan na nithean lainnireach so, bha e fo bhreislich agus fo ioghnadh anabarrach, agus bha duil aige gur e bruadar a bha efaicinn; gidheadh bha am bruadar a reir an ni a bha emiannachadh.

Arsesan ris fhein: “Tha mi faicinn gum bheil minam righ; ach,” arsesans edol fosmaointean, “chaneil mi ach abruadar a reir nam briathran a labhair mi ris an duine don dthug mi aoidheachd an raoir.”

An sin chuir e car dheth anns an leabaidh, agus dhuin eshuilean.

Aig acheart am labhair Mesrour ris le mor urram agus thuirt e, “A Cheannard nan Creidmheach, than t-am aig bhur morachd eirigh agus a dhol a dhurnuigh; thamhadainn adol seachad.”

An uair a chunnaic Mesrour nach dthug e freagairt sam bith dha, agus nach robh e toileach eirigh, thuirt e ris a rithist: “Feumaidh bhur morachd a cheadachadh dhomh aon uair eile a radh gum bheil an t-am agaibh eirigh gus a dhol gu urnuigh na maidne, mureil toil agaibh an cothrom a leigeadh seachad. Thaghrian direach ag eirigh, agus cha drinn sibh riamh roimhe dearmad air an dleasdanas so.

Tha mi mearachdach,” arsAbou Hasan; “chaneil minam chadal achnam dhusgadh; oir cha chluinn an fheadhain a bhiosnan cadal facal, agus tha misecluinntinn cuideiginn abruidhinn rium.”

An sin dhfhosgail e a shuilean, agus on a bhan latha air soilleireachadh gu math, chunnaic e gu soilleir na nithean nach robh efaicinn ach air eiginn roimhe sid. Dheirich ena shuidhe, le fiamh gaire air a ghnuis, mar gum biodh duine a bhiodh lan aoibhneis a chionn gun deachaidh ardachadh mor a thoirt dha anns an t-saoghal. Bhan righ agabhail beachd air gu dluth, agus thuig e gu math ciod na smaointeanan a bhana inntinn.

Na dheigh sin rinn na mnathan-uaisle oga bhanns an luchairt umhlachd dha le iad-fhein a chromadh siosna lathair le an aghaidhean a chromadh gu lar. Agus an fheadhain aig an robh inneal-ciuilnan lamhan, sheinn iad failte na maidne dha le ceol binn, fuaimneach. Thug so aoibhneas anabarrach mor dha, ach cha robh fhios aige caite an robh e, no an robh ena chiall fhein; agus an uair a smaoinich e rithist beagan na bfhearr air cuisean cha robh fhios aige co dhiubh be, no nach be, bruadar a bhanns na bha e faicinns acluinntinn.

Thuirt e ris fhein: “Ciod is ciall do na nithean so gu leir? Caite am bheil mi? Agus co dha bhuineas an luchairt so? Ciod is ciall do na bheil de chaillteanaich, de dhoifigich dhreachar ann an eideadh riomhach, de mhnathan-uaisle maiseach, agus de luchd-ciuil anns an aite so? Cia mar nacheil comas agam air a dheanamh am mach co dhiubh a tha minam chiall fhin, no tha mifaicinn bruadair?”



[115]

[Vol . 10. No. 16. p. 3]

An uair a thug e a lamhan oshuilean, dhfhosgail e iad, agus thog e a cheann. Bhaghrian aig an am adearrsadh a steach troimh uinneag an t-seomair. Aig acheart am thainig Mesrour a steach, agus an uair a leig e e-fheinna shineadh air beulaobh Abou Hasain, thuirt e: “A Cheannaird nan Creidmheach, gabhaidh bhur morachd mo leithsgeul air son innseadh dhuibh nach babhaist dhuibh a bhith cho fada so gun eirigh, agus gum bheil uair na h-urnuigh air a dhol seachad. Mur robh bhur morachd tinn re na h-oidhche, than t-am agaibh eirigh, agus suidhe air cheann na comhairle mar bu ghnath leibh. Tha na seanalairean, na fir-riaghlaidh, agus ard-oifigich eile na rioghachdgur feitheamh ann an talla na comhairle.”

An uair a chuala Abou Hasan na briathran a labhair Mesrour ris, thuig e gu math nach robh e aon chuidna chadal, no abrurdar. Ach aig acheart am bha e gu morna bhreislich o nach robh fhios aige ciod bu choir dhadheanamh. Mu dheireadh dhamhairc e gu geur air Mesrour, agus thuirt e ris ann am briathran durachdach; “Co ris a tha thubruidhinn, agus co dheth a tha thugairm Ceannard nan Creidmheach? Chaneil miseg ad aithneachadh, agus feumaidh gum bheil thug am ghabhail ann an riochd cuideiginn eile.”

Bheireadh na briathran so gaire air duine sam bith ach air Mesrour: agus on a bha e air a theagasg anns achuis cho math roimhe sid leis an righ, rinn e mar a theagaisgeadh dha cho maths a ghabhadh deanamh.

Mo thighearna agus mo mhaighstir urramach,” arsesan, “is ann gu deuchainn a chur orm a tha bhur morachd alabhairt rium air an doigh sin. Nach e bhur morachd Ceannard nan Creidmheach, righ an t-saoghail on Aird an ear gus an Aird an iar, fear-ionaid an fhaidh a thug Dia dhuinn? Chaneil Mesrour, bhur seirbhiseach bochd, ’gur leigeadh air dichuimhn idir, an deigh na h-urram agus an t-sonais a bhaige o chionn iomadh bliadhna ann a bhithfrithealadh agus atoirt urram dhuibh. Bhiodh eg a mheas fhein dhuine cho neo shonas a thair an t-saoghal nan saoileadh e gun dthug o mithoileachadh sam bith dhuibh, agus tha e gu h-umhail aguidhe oirbh gun toir sibh mathanas dha ma chaidh e as an rathad. Ach tha esmaointean gum faca sibh bruadar an raoir a chuir dragh air an inntinn agaibh.”

Rinn Abou Hasan glag mor gaire an uair a chuale na briathran so a labhair Mesrour ris, agus leag e a cheann air achluasaig. Chord an gnothach cho math ris an righs gun do theab a ghaire bristeadh air. Bha e air glag gaire a dheanamh mur be gun robh eagal air gun cuireadh e stad air achulaidh-abhacais a bhaige. An uair a bha Abou Hasan sgith gaireachdaich, dheirich ena shuidhe, agus thuirt e ri seirbhiseach beag dubh a bhana sheasamh dluth dhaInnis dhomh co mi.”

Mo thighearna,” fhreagair an seirbhiseach, “is e bhur morachd Ceannard nan Creidmheach, fear-ionaid Dhe air an talamh.”

Chan eil annad ach am breugaire beag, dubh,” arsAbou Hasan.

An sin ghairm e air mnaoi-uasail a bha dluth dha: “Trobhad an so, a bhean mhaiseach,” arsesan, agus esineadh am mach a laimhe, “thoir greim as mo mheoir feuch an aithnich mi co dhiubh tha minam chadal nonam dhusgadh.” Bha fhios aig amhnaoi-uasail gun robh an righ afaicinn a h-uile car a bhadol air aghart, agus bha aoibhneas oirre a chionn gun dfhuair i cothrom air cuideachadh a dheanamh leis achulaidh-abhacais a bhaige. Chaidh i dluth do Abou Hasan, agus an uair a chuir i a mheoir eadar a fiaclan, thug i fasgadh cho teann oirres gun do ghortaich i gu mor e. Tharruinn e a lamh air ais cho ealamhs a burrainn e, agus thuirt e, “Tha minam dhusgadh gun teagamh sam bith. Ach ciod amhiorbhuil leis an dthainig mi, ann an aon oidhche, gu bhithnam righ? Is e so rud cho iongantachs a thachair riamh air an t-saoghal!” An sin labhair e ris amhnaoi-uasail, agus thuirt e: “Tha miguidhe ort ann an ainm Dhe, anns am bheil thug earbsa cho math rium fhin, nach ceil thu an fhirinn orm. Am mi da rireadh Ceannard nan Creidmheach?”

Tha e cho fior,” fhreagair abhean-uasal, “ ’s gum bheil sinne, agus sinn cho fadanur seirbhis, fo ioghnadh mor nacheil sibh-acreidsinn gur sibh Ceannard nan Creidmheach.”

Chaneil annad ach abhana-mhealltair,” fhreagair Abou Hasan; “tha fhios agamsa gle mhath co mi fhin.”

An uair a chunnaic Mesrour gun robh toil aig Abou Hasan eirigh, rug e air a laimh, agus chuidich e e gu tighinn am mach as an leabaidh. Cha bu luaithechuir e a chasan air an urlar na ghlaodh na h-oifigich agus na mnathan-uaisle comhladh, ag radh, “A Cheannaird nan Creidmheach, gun deonaicheadh Dia latha math a thoirt do bhur morachd.

O chruitheachd!” ghlaodh Abou Hasan; “nach iongantach an ni so! An raoir bu mhi Abou Hasan, agus anns amhadainn so is mi Ceannard nan Creidmheach! Chan urrainn mi idir a thuigsinn cia mar a thainig an t-atharrachadh iongantach so orm cho aithghearr.”

Gun dail sam bith thoisich cuid dhe na h-oifigich ri cur uime. An uair a bha iad deiseil, threoraich Mesrour e do sheomar na comhairle. Choisich Mesrour roimhe gus an drainig e bonn na righ-chathrach, far an do stad e. An sin chuir e fhein agus oifigeach eile lamh fo gach achlais aige, agus chuidich iad e gu direadh thun na cathrach. An uair a shuidh e air achathair, rinn na h-uile a bhanns achomhairle iolach ard, agus ghuidh iad sonas agus soirbheachadh dha.

(Ri leantuinn).


Aisling Fhirinneach agus Eagalach.

FAODAR làn earbsachàramhsan aisling a leanas. Thachair i ann an teaghlach measail. Chaneil focal air a chur rithe, no air a chumail air ais, ach air a h-innseadh direach mar a thachair i; agus ged nach eil sinn air àm sam bith acuir earbsann am bruadar, gidheadh faodar feum math a dheanamh de chuid diubh.

Bha triùir pheathraichean ògamnathan uasal, eireachdail, measailacòmhnuidh maille ri chéile ann am baile-mòr Lunnuinn. Bha dithis dhiubh anbharrach diadhaidh, stòlda, suidhichte agus socrach, nan inntinnibh, ach an treas , bha i cuideil, eutrom, agus ann an tomhas àraid diorasach, agus duilich a comhairleachadh. Bha i suarach mupeathraicheanbha iad tuilles diadhaidh, cràbhach, ’na barail-sa; ach rinn iadsan an dìchioll a chum isethoileachadh, agus a gràdh a chosnadh. Air oidhchàraidh sabliadhna 1814, bha isemach aig dannsa mòr a bha sabhaile, agus air an latha-màireach, mhothuich a peathraichean gun robh i stolda, stéidheil, ciallach, trom-inntinneach, ann an tomhas os-cionn na bàbhaist dhi. Smuainich iad gun robh ni-eigin acur oirrenach robh ina slàintegun do thachair ni-eigin oirre a dhuisg imcheist agus cùram innte. Bha i tosdach, trom-inntinneach, gun fhocal as a ceann. Bha i muladach. Chluinnta h-osnadh throm, thùirseach; ach cha do labhair i diog: agus gu tric bhan t-sùil làn, ’s an deur aruith gu frasach a sìos air a gruaidhibh. Dhfheoraich a peathraichean di, le bàigh agus le anabarr caoimhneis, ciod a bhacuir oirre; ach chan aidicheadh i gun robh abheag. Chuir i seachad achuid bu mhò den lathana seòmar fein. Cha diths cha dol i abheag nomhòr; agus, air coinneachadhsan anmoch, bha i cho trom, tùirseach, ’s a bha i samhaduinn.

Dhealaich i riu an àm gabhail gu tàmh; agus anns amhaduinn bha a sùilean air at, mar nach biodh i air lochd cadail fhaotuinn. Dhfheoraich a peathraichean a ris dhi ciod a bhacuir oirre, ach chan aidicheadh i abheag nomhòr. “Coma leibh,” arsise, “ciod a tha cuir ormsa; sin ni nach cluinn sibhse no neach eile. Tha e taisgtenam uchd féin, agus cha chluinn neach eile.” Chaidh latha agus latha seachad, agus bha isefas na bu bhrònaiches na bu mhuladaiche; agus bha anabarr iomagain air a peathraichean mudéidhinn. Mu dheireadh labhair aon da peathraichean rithe, “Nach innis thu dhomh ciod sothacuir ort?” “Chan innis,” arsise; “dheanadh tu fochaid orm. Cha robh ann ach aislingbruadar faoin; ach chan urrainn dhomh a thilgeadh as minntinn. Ach coma dhiùbh; feuchaidh mi a dhi-chuimhneachadh. Chaneil thusa no mo phiuthar eilecreidsinn ann am bruadaraibh.” “Chaneil,” arsa piuthar; “ach chan fhaodar àicheadh nach do thoilich Dia labhairt ri cuid ann am bruadaraibh. Cha chòir tàir a dheanamh air bruadar, no air an dòigh a tha Dia agabhail a chum inntinn an duinetharruinn a dhionnsuidh an ni a tha ceart. Chan fhaodar àicheadh nach do dheònaich Dia labhairt ri daoine ann ann aisling na h-oidhche, ’nuair a thuit trom shuain orra. So ni a rinn e aon uair: dhfhaodas a ràdh nach faod edheanamh a rìs? Innis thusa dhuinnem bruadar a bhagad. Mas ann o neamh a thainig e, cha chòir a dhì-chuimhneachadh, no tàir a dheanamh air.” Mu dheireadh dhinnis i dhoibh e. “Ciod am math,” arsise, “ ’bhiga chleith; ach guidheam oirbh, na deanaibh fochaid orm. Cha baisling chumanta bhann. Chan fhaca mise riamh a leithid. Chaneil comas agam a h-innseadh ann am briathraibh freagarrach. Chan fhaca sibhsa leithid, agus cha tuig sibh i; ach feuchaidh mi a h-innseadh mar is féarr is urrainn dhomh.

Ar leam,” arsise, “gun robh mi ag imeachd ann am meadhoin baile-mhòir anns an robh dòmhladas sluaigh. Bha moran a bharrachd ormsa ag imeachds agluasad air feadh nan sràidean; ach cha robh iad cosmhuil ri aon sluagh a chunnaic mise riamh. Bha iad tosdach, stòlda, suidhichte, ciallach; achsan àm cheudna bha iad aighearach, sunndach, ait— ’se sin, bha iad do reir coltais làn riaraichte, làn thoilichte, làn sith; agus ar leam nach do shochdraich mo shùil riamh air feadhainn a bha uile gu leir, a reir coltais, cho diadhaidh, cràbhach, spioradail, air an togail cho mòr os-cionn an t-saoghail so. Bha solus abhaile-mhòir uile gu leir eu-coltach ri aon solus a chunnaic mi riamh. Cha bu ghrian a bhanncha bann den t-seorsa sin idir an solus glòrmhor, àigh; agus idir cha be solus fann na gealaich a bhannbha e cho dealrach, soilleir, glan. Bu sholus a bhann uilesolus àghmhor, àilidh gun atharrachadh, gun laigse. Mar a bheachdaich mi air na tighean, bha iad uile mar phaluinnean rioghail, ach eu-coltach ri pàluinnean rioghail an t-saoghail so. Bhan cabhsair air an do choisich mi, agus na tighean air an do bheachdaich mi, mar an t-òrdealrach, soilleir, glan, mar ghloinne. Bha na h-uinneagan adealradh mar bhogha braoin nan spéur, an solus afalbhs atighinn mar ghathaibh; agussen

(Air a leantuinn air taobh 118).



[116]

[Vol . 10. No. 16. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OCTOBER 18, 1901.

Cogadh nam Boereach.

Cluinnear o àm gu àm sgeul a bheir oirnn a chreidsinn gu bheil an cogadh so a dlùthachadh ris a chrìchgu bheil na Breatunnaich a buadhachadhs na Boerich a call, air dhòighs nach urrainn iad seasamh a mach moran nas fhaide. Ach an uair a bhios sgeul dhen t-seòrsa sin air dòchas dhaoine thogail air dhòighs gum bi iad ag amharc air son sgeul striochdaidh nam Boereach, ’s am a thig sgeul eile bhios fadan aghaidh sin, agus a leagas dochas dhaoine gu làr. ’S in fhirinn gu bheil na Breatunnaich abuadhachadh, agus na Boerich acall, ach gu bheil a bhuaidh air an darna taobhs an call air an taobh eile a riuth an cùrsa gle mhall. Chan eil teagamh sam bith nach eil a bhuaidh gu bhi le Breatunn, ach chan eil cinnt sam bith gu bheil na Boerich adol a gheilleadh an ùine ghearr. Tha buidhnean mora dhiubh a mach fhathast, agus on tha an cuid mhnathan us chloinne gu socair, seasgair, ann an campaichean a tha air an ullachadh air an son leis na Breatunnaich, chan eil uallach no cùram sam bith orra, ach an cogadh a chumail air adhart fhads a dhfhaodas iad. Chan eil baile no daighneachd aca ri dhion; chan eil aca ach bristeadh a stigh air na Breatunnaich far am bi iad lag, agus an seachnadh far am bi iad làidir. Bidh iad an so an diugh, agus an sid am màireach. Tha air an laimh eile moran àiteachan aig na Breatunnaich ri dhion, tha an t-arm trom, moran innsridh aca ri ghiulan leotha nuair a ni iad gluasad, agus mar sin tha e doirbh dhaibh a bhi suas ri naimhdean nach eil ach gle ainneamh rim faotainn an diugh far am facas an iad. Agus nuair a chuimhnichear gu bheil an dùthaich farsuinn, garbh, monadail, ’s gu bheil na Boerich cho eòlach inntesa tha na Breatunnaich aineolach, faodar a thuigsinn nach em furasd an cogadh a thoirt gu crìch. Feumar foighidin a chleachdadh, oirs ann le foighidins le diorras a chleachdadh a gheibhear buaidh. Chaidh na Breatunnaich don chogadh gun fhios aca co ris a bhan gnothuch; tha iad a nis ann an tomhas gan tuigsinn, agus chan eil neach a tha fior eòlach air suidheachadh na dùthchas air tréine nam Boereach a creidsinn gum bi crioch air an ar-a- mach gu ceann àireamh mhiosan.


Mar is Abhaist.

Tha sgriobhaiche àiridh ann am Boston a cur an ceill a bharail nach robh aobhar sam bith aig an t-Shamrock air an reis mu dheireadh a chuir i a chall; gun drinn iadsan a bha gaseòladh mearachd nan cùrsa, agus mur biodh iad air sin a dheanamh gu robh i air an reis a chosnadh. Bha làn dhùil againn ri leithid so. Chan eil ach seachdain no dha on sguireadh a dhinnse dhuinn an dòigh air an faodadh na lighichean a bha frithealadh don Riaghlair Mac-Fhionnlaidh an duine còir sin a chumail beò; tha daoine geur-fhiosrach gu blàth seasgair, nan taighean fein ann an Lunnuinn, atoirt sheòlaidhean do Mhorair Robertss do Chitchener mu chogadh nan Boereac; agus bhiodh e iongantach da-rireadh mur faighte cuid-eiginn a dhinnseadh do Shir Tomas Lipton mar a dhfhaodadh a bhirlinn aige an reis a chosnadh. Tha an sean-fhacal ag radh gunsaoil esan a bhios na thamh gur e fein as fhear lamh air an stiuir;” agus tha e cho fior an diughsa bha e latha riamh.


Thachair ni anns an Tuirc o chionn ghoirid a tha bagradh aimhreit aobharachadh eadar an dùthaich sin agus na Staidean. Bha Miss Stone, ban-soisgeulaiche a mhuinntir nan Staidean a bha saoithreachadh anns an Tuirc, air a glacadhs air a thoirt air falbh do gharbh-chriochan na dùthcha le spùineadairean a tha niseg iarraidh coig fichead mile dolair air son a toirt suas. Chaidh an t-suim sin a chur cruinn, ach cha dthainig iad ga iarraidh don àite gheall iad, agus tha eagal mor air càirdean Miss Stone gum bi i air a cur gu bàs. Tha moran dhen bharail gu bheil làmh aig an t-Sultan anns a ghnothuch, agus tha na Staidean a bagradh dioghaltas a dheanamh air ma dhearbhar gu bheil. A reir sgeoil eile tha na spùineadairean ag obair fo ùghdarras riaghladh Bhulgaria. Ge be co aig am bheil lamh ann, cha chòir an leigeil seachad gun trom dhioghaltas, oir ma shoirbhicheas leotha anns an oidhirp so, chan eil fhios co aige stadas iad.


AM PRIONNSA ANN A HALIFACSRuigidh achàraid rioghail, Diuc agus Ban-Diuc Chornwall, Halifacssa mhaduinn am màireach. Bidh àireamh mhor sluaigh gam feitheamh a chur fàilte orra, agus bidh mu dheich mile saighdear adol troimh chleasan airm a mhor chuid den latha. Gabhaidh iad an cead den bhaile sin toiseach na seachdain. Taghlaidh iad ann an Newfoundland air an turus dhachaidh. Bha an cuairt ann an Canada na thoileachadh mor dhaibh féin, agus na fhior thoil-inntinn do shluagh nadùthcha. Cha robh àites an do stad iad nach robh iad air am fàilteachadh gu càirdeil, mar bu chòir a dheanamh riuthasan a tha gu bhi aon latha a riaghladh mar righ us banrigh thairis air an Impireachd Bhreatunnaich. Gu ma slàn, fallain a ruigeas iad an dachaidh!

Chaidh deich duine fichead a bhag obair timchioll cala ùr an rathaid-iaruinn a mach airstrikemaduinn Diordaoin. Tha iad a faotainn $1 .25san latha, ’s tha iad ag iarraidh $1 .50. Thainig fios a Moncton gun na bha iad ag iarraidh a thoirt dhaibh, ach gach duine dhiubh a chur bhar na h-obrach. Tha na h-Eadailtich a thag obair anns a bhaile a faotainn $1 .50san latha.


Ma tha thug iarraidh
Deagh Bhrogan Obrach
a sheasas rin cosg gu cruaidh ri side bhog, theid againn air an toirt dhut. ’S ann againn a gheibhear
BROGAN AMHERST
an seorsas fhearr a thatar a deanamh.
A . W. Redden & Co.
ROSS BLOCK.SIDNI.


$10 ,000.00
Feumaidh an t-suim so a bhi againn
MUN RUITH TRI FICHEAD LATHA
AGUS
So an doigh air am bheil
Sinn adolga fhaotainn.

Chan ann le bargain a thairgse dhut ann an aon no da sheorsa bathair, ach leis gach ni a thasa bhuth againn a thairgse air prisean a riaraicheas duine reusonta sam bith.

Deagh chothrom air Caiseart agus Aodach Math fhaotainn saor do chloinn a thadol dhan sgoil.

Thig latha no oidhche sam bith gus am bi an Reic Shaor seachad.

Ma bhios tu ceannach fiach $4 .00 no barrachd de bhathar, agus nach tachair dhut a bhi comasach a phaigheadh aig an am, faodaidh tu pairt dhe a phaigheadh, agus cumair an ni tha thu ceannach fad seachdain dhut.

Mills , MacKenzie & Ross.


Caradh Uaireadairean,
Chlocaichean agus Sheudan
. .. .ANN AN STOR.. ..
K . BEZANSON.
Theid iad an urras air gach obair a ni iad.. .. . ..
An Togalach Hanington. SIDNI.



[117]

[Vol . 10. No. 16. p. 5]

Naigheachdan.

ACHUIRT MHORTha achuirt mhorna suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so. Tha àireamh mhor de chàsan ri bhi air am feuchainn, còrr us leth-cheud uile gu leir. Chan eil e ro-choltach gum bi iad uile air am feuchainn aig an t-suidhe so.

LATHA BRETH AN RIGHThatar ag aithris gu bheil an naodhamh latha de Nobhember, latha breth an righ, ri bhi air a chumail saor ann an Canada, gu bheil lagh na duthchaga òrduchadh. Mas math ar cuimhne, bhatar ag innse toiseach an t-samhraidh gun do roghnaich an righ féin co-ainm latha bhreth a bhi air a chumail air a cheathramh latha fichead dhen Mhàigh latha-breth a mhàthar, Banrigh Victoria. Ma bha sin fior, feumaidh gun do dhatharraich e inntinn.

TIM-CHLAR A GHEAMHRAIDHTòisichidh an carbad-iaruinn ri ruith air tim-chlar agheamhraidh air an t-seachdain sa tighinn. Bha dùil an t-atharrachadh a dheanamh toiseach na seachdain so, ach chunnacas iomchuidh a chur seachad gus an deigh don chàraid rioghail falbh dhachaidh. Tha an trein acasan a bhi tighinn an ear a cur nan treineachan eile air aimhreit. Tha air innse dhuinn nach bi ach beagan mùthaidh air a dheanamh an àm falbh us tighinn nan treineachangum bi iad a ruith car mar a bha iad fad an t-samhradh.

MAOIR SHIDNI TUATHDi-luain sa chaidh, leig maoir Shidni Tuath dreuchdan dhiubh. ’Se baobhar dha sin gun robh iad air an casaideachadh air son a bhi tuilleadh us dana anns na taighean-òil. Rachadh fear dhiubh a stigh do thaigh anns am biodhte creic stuth làidir, ghabhadh e den deoch na thigeadh ris gun phàigheadh air a son, agus cha leigeadh an t-eagal le fear an taighe gearan sam bith a dheanamh. Nuair a rinneadh casaid nan aghaidh air son na h-obrach sin, leig iad dhiubh a bhi nam maoir, agus chaidh daoineile churnan àite.

BAS LE SGIORRADHChaidh Luther Watson, aois cheithir bliadhndeug, a mharbhadh faisg air Truro Di-luain sa chaidhse a sealg chearca-tomain. Cha robh eòlas sam bith aig air gunna, agus chaidh e mach leis féin. Nuair nach do thill e romh bheul na h-oidhche, chaidh buidheann dhaoine ga iarraidh. Fhuaireadh e marbh anns a choille, agus taobh a chinn air a thilgeadh dheth. Bha an gunna air an làr faisg air, agus bha e soilleir gum bann le tuiteamas a dhfhalbh an urchair as. Tha moran sgiorraidhean dhen t-seòrsa so atachairt on thàinig àm seilg, ged nach eil iad uile, gu fortanach, ag aobharachadh bàis.

BAILE HALIFACSS AN T-ARMTha còmhstri o chionn iomadh bliadhna eadar baile Halifacs agus ceannardan an airm a thaobh raointean air cùl a bhaile air am bheil iad le cheileg agairt còir. Ach thàinig a chùis gu ceann an la roimhe, agus fhuair am baile chuid a bfhearr dheth. On thòisicheadh air ullachadh a dheanamh air son fàilte chur air Diuc agus Ban-Diuc York, bha an t-arm a gabhail gach ni os laimh, agus cha robh air a chur mu choinneamh a bhaile dheanamh ach a chosguis a phàigheadh. Thug Coirneal Biscoe, ceannard an airm, cead do dhithis dhaoine bha air son airgead a dheanamh togalach a chur suas air an raon mum bheil a chòmhstri, air son daoine bhi gabhail seallaidh dheth an latha thig a chàraid rioghail. Bha luchd-riaghlaidh abhaile dhen bharail gum bann dhaibhsan a bhuineadh an cead sin a thoirt seachad, agus dhòrduich iad don luchd=obrach stad. Mhaoidh an còirneal an sin gun deanadh e an t-arm a ghairm a mach nan cuirteadh dragh sam bith air an luchd-obrach. Ach an deigh sin ghabh en t-aithreachas, ’s dhiarr e mathanas; dhfhag e an raon an lamhan luchd-riaghlaidh a bhaile, agus tha muinntir a bhaile ameas gun do choisinn iad buaidh mhor.

MORT ANN AN YARMOUTHBha Iudhach dam bainm Nathan Kaplan air a mharbhadhna bhùth fhein aig Clarkes Harbor, an siorrachd Yarmouth, Di-màirt air an t-seachdain sa chaidh. Tha Iudhach eile dan ainm Iulius Rill, air a chur an greim air amharus gum be thainig ri bheatha. Bha an dithis a deanamh gnothuich cuideachd gu beagan lathaichean roimhe sin, nuair a mhi-chòrds a dhealaich iad. Tha cùisean ag amharc gle làidir an aghaidh Rill. Chan eil e, a reir a sgeòil fhéin, ach sia bliadhndeug a dhaois.

A BHREAC ANN AN SIDNIFhuaireadh duine tinn leis a bhric anns a bhaile toiseach na seachdain so. Chaidh a thoirt don taigh-eiridinn aig Point Edward, agus tha muinntir an taighe anns an robh efuireach air an cumail a stigh, a chums ma tha a bhreac aca nach sgaoil i am measg dhaoineile. Chan eilear a meas gu bheil cunnart mor sam bith gun sgaoil i, ach thatar a gabhail gach cùraim a ghabhas deanamh. Tha uiread sluaigh a falbhs a tighinn á Sidnis gu bheil e iongantach nach dainig an euslaint so roimhe, oir tha i gle phailt ann an cearnan de dhOntarios de Chuebec. ’S Frangach dan ainm Lapierre an duine tha tinn leatha ann an Sidni.

MORTAIR MHIC-FHIONNLAIDHTha moran seanachais a dol anns na paipearan naigheachd mun duine thruagh so. Ann an cuid dhiubh tha barrachd air a ràdh mu chadals mu dhùsgadhs mu dhòighean uile, na tha air a radh mu nithean cudthromach agus feumail. A reir barail cuid, cha bhiodh dòigh a bfhearr air stad a chur air ais-innleachdan na feadhnach dam buin e, na gum biodh ainmsa shloinneadh, a bheathasa bhàs, air an cumail cho mor an cleithsa ghabhadh deanamh. Mar a tha, thaainm air a dhol do gach iomall dhen t-saoghal; leugh na milleinean sluaigh mun ghniomh a rinn e, agus leughaidh a cheart uiread mu bhàs. Bidh sin na bhuaireadh mor do dhaoineile dhe sheòrsa, leis an ionmhuinn fàs ainmeil, agus a dhfheuchas ris anns an doigh cheudna.

RABHADH DO LUCHD-GABHAILOn thainig am foghar, chaidh cùnntas a chur dhionnsuidh luchd-gabhail MHIC-TALLA a tha air deireadhsa phàigheadh. Tha dòchas againn cluinntinn uapa uile an ùine ghoirid, oir tha sinn feumach air an airgead. Tha cosguis mhor ann a bhi cur a mach paipeir, cosguis nach gabh coinneachadh mur dean iadsan a tha ga ghabhail an dleasdanas. Tha iadsan nach eil apàigheadh nan uallach trom oirnn, agus iadsan nach pàigh eadar so us BliadhnUr, feumar an ainmean a thoirt bhar an leabhair. Tha sinn a creidsinn nach bi an àireamh a dhfheumar a pheanaisteachadh mar sin mor, oir tha fhios againn nach biodh Gàidheal ceart sam bith an dùrachd a chuid féin a chumail o MHAC-TALLA. Ach tha dearmad gu tric a cheart cho cronail ri droch rùn.


Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.


Thig sinn suas ris an fheadhainn as fhearr
ann an deanamh
Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa
Bathair-Each.

N uair a bhios tudol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’sen seorsas fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agussen seorsas fhearr a tha sinne daonnan a creic, agusse sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut.



[118]

[Vol . 10. No. 16. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 115.)

solus a bhann solus an aoibhneis. Bàite gu dearbh a bha na àite fìor fhreagarrach do ghràdh agus do naomhachd neo-thruaillidh. Bha uamhas naomha air lìonadh manama. Cha burrainn domh gun ghlaodhach a mach, “Chan fhaod ebhith nach e so àite-còmhnuidh fìr-innteachd agus naomhachd.” Cha robh ann gu léir ach àilleachdsoilleir, àillidh, fìor-ghlan. Chaneil fios agam ciod a thachair dhomh. Thuig mi cia glòrmhor an t-àite bhann; ach bha seòrsa de sgàth, de dhfhiamh, air manambha uamhas orm. “Chaneil mise,” arsmi fhéin, “deas airson an àit àird so.” Bha a h-uile h-aon càirdeil, caomh, caoimhneil; ach bha ni-eigin a dhì air mo thaobhsacha robh mise mar a bha iadsan. Bha iad uile sona, ach cha robh mise sonabha sachd trom air minntinn nach burrainn domh a thilgeadh dhiom. Bha iadsan sona, subhach, ait, bha mise trom, muladach, brònach, ’s gun fhios carson. Thug mi fainear gun robh iad uilegluasad an t-aon rathad. Lean mi iad, gun fhios agam ciod a bha na mbheachd. Ach mu dheireadh chunnaic mi iad agabhail a dhionnsuidh aitribh mhoir àillidh, na bu dreachmhoires na beireachdala na aon àiteilebha rifhaicinn. Chunnaic mi iad adìreadh a suas staidhreach mhòir eireachdail, agus agabhail a stigh air dorus an aitribh. Cha robh déidh air bith orm a dhol maille riu, ach lean mi iad gu bonn na staidhreach. Chaill mi an sin sealladh orra, mar a chaidh iad a stigh don aitribh àrd. Chunnaic mi feadhainn eilegabhail a stigh air an robh éideadh gach rìoghachd agus gach dùthcha. Cha bu mharmor, cha bòr, cha bairgiod, ’s cha bu chlachan prìseil, dhen robh an t-aitribh air a dheanamh; ach solussolus glan, mar gum biodh e comasach a laimhseachadh. Be solus na gealaich a bhann, gunfhuairead; be solus na gréine bhann, gun a dhealrachd. Bann den t-solus bu ghlòrmhoire an staidhir; agus bheachdaich mi air ceumanaibh eutrom ait na feadhnach a bhaga dìreadh, len trusgain ghlana gheala. O! bu ghreadhnach, glòrmhor an sealladh; ach chriothnaich mi le eagal, gun fhios carson. Thug mi fainear aon neach aig bun na staidhreach, ag amharc orm le mòr bhàigh agus le mòr chaoimhneas. Chan fhaca mi uiread chàirdeis riamh ann an gnùis. Cha bu ghràdh saoghaltabhann. Dhfheoraich e dhiom, le guth co millis ri fuaim nan teud grinne, “Carson nacheil thu agabhail a stigh maille ri càch? Carson a tha thutionndadh air falbh? Bàill leat sìth fhaotuinn: càitam bheil sìth rifaotuinn? Am bheil sòlas ri fhaotuinn ann an aitribh an uilc, no ann an slighibh an dorchadais?” Cha robh focal agam ri ràdh; bha mi amthosd; cha do labhair mi focal. Dhfhalbh esan, ach thainig neach eilena àite; cosmhuil ris air gach dòighan t-aon chàirdeas àrdna ghnùis, an t-aon ghràdh, an t-aon bhàigh. Bu mhiann leam a sheachnadh, ach cha robh sona mchomas. Dhlùth-bheachdaich e orm, agus mar so labhair e rium:— “An dthainig thu,” arsesan, “am fad so, agus am pill thunis? An e nach téid thu air taghart? An caill thu do shaothair gu buileach? Nach dealaich thu ri déideadh féin, ri dthrusgan féin, ’s nach gabh thu an nasgaidh agus gu saor an trusgan a tha uidheamaichte, agus air a thairgse dhuit?” Dhfheuch e méigneachadh gu dol a stigh; labhair e rium gu dùrachdadh, gràdhach. Mu dheireadh bha corruich orm agus labhair mi ris gu cas, frionasach. “Cha téid mi nas faide,” arsa mise; “chaneil feum dhuit labhairt. Chaneil tlachd sam bith agam na dchuideachd, no ann an suaicheantas na muinntreach a thadol a stigh. —than àilleachd dhealrach acur uamhais orm.” Tharruing e osann throm, agus dhfhag e mi. Chaidh buidheannus buidheann seachad ormcuideachd an deigh cuideachd; agus bha gach aon diubh aguidhe orm an leantuinn, le bàigh mhòir. Thairg iad cuideachadh leam dol a stigh. Thairg iad mo ghlacadh air làimh, ach dhùlt mi iad. Mu dheireadh thainig aon teachdaire òg àillidh, agus labhair e rium le cainnt nèamhaidh. “Thig,” arsesan; “na diùlt mise. Na fàg sinn, na pill, na tionndaidh air falbh, na fàg sinn; na dean maille, na dean dàil nas faide. Carson a tha thu ann an iomchomhairle? Nach faic thu gur e beatha gach aoin? Am faic thu neach sam bith air a dhiùltadh, no air a bhacail, no air a chumail air ais i? Nach faic thu mar a tha iad uile air an ionnlaid as air an nighe, air an éideadh as air an sgeudachadh, agus air an lìonadh le sòlas? Toir dhomh do làmh,” arsesan. Rinn mi so, agus lean mi e. Air ball bha mi air mionnlaid. Chuireadh orm trusgan geal, agus dhìrich mi an staidhir àillidh le ceum eutrom, maille ri mchompanach. O! be sin an sealladh glòrmhor a dheàrs air manamnuair a ràinig mi shuas; ach cha tugadh briathran-beòil do dhuina rugadh le mnaoi riamh an sealladh so a chuir an céill. Chaneilsan t saoghal so uile ni ris am faodar an àilleachd sochoimeas. Thuit mi air an làr; cha robh em chomas an sealladh sosheasamh. Thainig crith uamhais orm. Thuit mi gu taobh, agus dhfheuch mi mi féin a chleith o shùil, as o bheachd gach aoin a bhalàthair; oir thuig mi nach robh mi comasach no uidheamaichte gu companachd a bhi agam ri bithean co àrd agus co glòrmhor riu. Bha iad mar gum biobh cuideachd agluasad fo cheòl cho binns nach cuala cluas chruidhichte riamh a leithid. Dhfhàg mo chompanach mi, agus chaidh emeasg chàich. Chunnaic mi, ma dhfhaodar a ràdh ris, an dannsait, achoisridh rioghail, dheal-


MAC-TALLA

AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. ATIGHINN A MACH UAIRSAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1 .00SA BHLIADHNA DO CHANADAS DO NA STAIDEAN; $1 .52 DO BHREATUNN, DONEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE.


CEUD mile furain agus failt
Air aMhac-Talla, ceann an aigh!
S ann leam is ait gum bheil efas
O bhliadhngu bliadhn
An gliocas, tuigse, tur is ceill;
An eolas air gach ni fon ghrein;
Am meas, an clius am moran speis,
An ears an iar.

Chaneil fear eilen diugh fon ghrein
As mo don tug mithlachds aspeis;
S a bhuadhan co ni chur an geill
Le peanns le guth?
An t-armunn maiseach, uasal, grinn,
A choisinn cliu le luaths a phinn
Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir
S an cluinnteadhghuth.

Mo mhile beannachd aig an dream
A thatoirt aoidheachd dha gach am,
S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall,
An am an fheum’:
Dhearbh iad gum bheil fuil nan sar,
A choisinn cliu is buaidhs na blair,
Aruithnan cuislean gu bras, blath
S gach aitfon ghrein.

Bodachan aGharaidh.


THA NA H-UGHDAIR GHAILIG AS FHEARR ASGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN.

Cho Gaidhealach ri Fad Moine.”



[119]

[Vol . 10. No. 16. p. 7]

rach, ghlòrmhor, fo ghluasadatogail an aoin òrain bhinnan gnùisean àrda làn de thaingealachdsòlas aitnan sùilibh. Mu dheireadh chunnacas neach a bàirdes bu ghlòrmhoire na càch uile. Bha gach sùil air an tionndadh air, agus á solus glan a ghnùise-san tharruing gach gnùis eile an aoibhneas. Bann mar onoir dhàsan a bhan ceòls an dannsa; agus bha iad uiletarruings ag òl uaithsan an sòlais, am beatha, ’s an toileachas-inntinn. Mar a bha mi mar so adlùth bheachdachadh air na bhadol air aghaidh, bha neach ann a chunnaic mi, a dhfhag a chuideachd eile, agus a thainig a nall far an robh mi amsheasamh. “Carson,” arsesan, “a tha thu co tosdail, bronach, air leth o chàch? Thig, tog an ceol maille rinne, agus gluaissan dannsa.” Chaneil fios agam ciod am buaireas a thainig orm, ach bha mìothlachdus corruich orm; agus fhreagair mi gu grad, “Cha tog min t-òran, oir chan aithne dhomh am fonn; —cha toir mi ceumsan dannsa, oir chaneil eòlas agam air.” Tharruing e osann throm agus dhfhag e mi. Tiota beag na dhéigh so, thainig fear eile, agus labhair e rium mar an ceudna le bàigh agus le anabarr iochd; ach fhreagair mi esan mar a rinn mi acheud fhear. Bha duilgheadas mòr air. Ar leam, nam burrainn dha, gun dealaicheadh e ri aoibhneas fhlaithinnis air mo shon, agus gun tugadh e dhomh, ’na ghràdh, an trusgan soilleir glormhor a bha e féin agiùlan. Thréig e mi, agus sheas mi amaonar. Mu dheireadh mhothaich àrd cheannard an àigh miesan a bha iad acliùthachadh le dannsas le ceol. Chunnaic e mi, agus dhlùth-bheachdaich e orm. Thainig uamhas air manamthainig crith air mfheòiltuainealach amcheann; agus dhéirich, ar leam, mfheoil o mchamhaibh le eagal. Labhair e; ach O! binnead aghutha sin, is urrainn a thuigsinn nochuir an ceill? “Carson,” arsesan, “a tha thufuireach air tais? Ciod so an grabadh nomhaillethaga dbhacail? Carson a tha thusa duillich, brònach, muladach, agus gach aon an so aighearach, lan sòlais? Thig don dannsa le càch; oir bhuadhaich mise, agus tha gach aon subhach. Tog an ceol, oir tha mo shluagh-sa deanamh gairdeachais ann an gràdh.” Bha de bhàigh, de ghràdh, de dhiochd, de chaoimhneas, ann am briathraibh an aoin àird so, ’s a dhfhaodadh achlach bu chruaidheleaghadh; ach cha dthainig taiseachadh sam bith air mo chridhe-sa. Dhamhairc mi air, agus fhreagair mi, “Cha teid mi don dannsa, cha tog mi an t-òran, cha dean mise gàirdeachas. Chan aithne dhomh am fonn, ’s chaneil tlachd agamsan t-seòrsa ghàirdeachais a thum pobull so adeanamh.” O an atharrachadh uamhasach a thainig air aogas, theicheadh achruidheachd uile le oillt. Bhaghnùis a nis mar dhealanach; agus, le guth mòr na bàirde na deich mile tàirneanach, labhair e, “Ciod, matà, a tha thudeanamh an so? Imich air falbh ort!” Air ball dhfhosgail an t-ùrlar fo mchasan, chriothnaich an talamh uile, agus thuit mise sìos do lasraichibh sìorruidh; agus leis an eagal dhuisg mi!” Bha oillt air na peathraicheannuair a chualiad an aisling eagalach. Mu dheireadh labhair an t-aon bu shine, agus thubhairt i,— “A phiuthar ghràdhach, chuala sinn an aisling. Na diùlt an rabhadh a tha Dia atoirt duit. Is ann o Dhia than sanas sin. Ma dhéisdeas tu guth Dhésan aisling, faodaidh ibhi gu mòr air a beannachadh a chum math tanama. Ciod am baile-mòr a chunnaic thu ach am baile sin air am bheil iomradh againn ann an Taisbean an diadhair Eòinam baile glòrmhor sin aig nacheil feum air gréin no air gealaich? Oir tha Diaan sin, agussen t-Uan is solus da. Gach aon a than sin, ’s éigin gun tilg iad dhiùbh an trusgain fein,— ’se sin, am fìrinnteachd féin, —agus gum bi iad air an éideadh ann an anart geal agus glan, eadhon fìrinnteachd nan naomh; “aguss ann uamsa,” arsa Dia, “tham fìrinnteachd.” Iadsan a thasan teampull àrd sin, sin iadsan a thainig tre amhghair, a nigh an trusgain, a rinn iad glan ann am fuil an Uain. Tha iad atogail an òrain nuaidh, eadhon òran Mhaois agus an Uain. Tha gliocas nèamh afeitheamh a h-uile latha aig na ceumanaibh, aglaodhaich air gach aon dol a stigh do thigh agus do theampull Dhé. Tha muinntir an Tighearna a ghnàth ag iarraidh orra dol a stigh, agus tha ministeirean as leabhraichean an t-soisgeil agairm orra. Tham Fear-Saoraidh glòrmhor e féin agairm, ’s aguidhe, ’s ag aslachadh orr’, iad a theachd. A phiuthar ghràdhach,” arsiadsan, “tha thu eòlach air an t-slighe. Strìochd; leig dhìot tuaill agus do thoil féin, agus éisd an guth a thaga dghairm. Thig maille rinne. Foghlum òran nan naomh a sheinn air thalamh. Thig, guidheam orttuit a sìos an làthair Dhéiarr maitheanasgabh, O gabh an rabhadh a fhuair thu!”

Chriothnaich ithainig gruaim eagalach air a malan. “Cha ruig sibh a leas,” arsise, “ ’bhisearmonachadh dhòmhsa; ni mi mar is àill leam.” Mar so mhair i deich làithean, gu gruamach, brònach, bochd, gun mhothachadh, gun taiseachadh. Ach air maduinn àraid, air do h-aon depeathraichean dol a stigh da seòmar, fhuair i na corp fuar ina leabaidh, gun phlosg, gun deò! Chaochail i gun atharrachadh, gun iompachadh!

Gun tugadh Dia dhuinn uile suim a ghabhail de gach sanas agus rabhadh a tha sinn afaotainn!

[Tha sinn a cur na sgeul so an clò air iarrtus aBhrathair Ananias, a chuir ugainn i á San Francisco. Fhuair esan i ann an seann aireamh den Chasket a thainig a machsa bliadhna 1852. Bha an sgeul air a cur an clò an toiseach ann an Cuairtear nan Gleannsa bliadhna 1842. ]


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAIR.

[Clàr - ama]


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY.
NOW
MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.



[120]

[Vol . 10. No. 16. p. 8]

Oran an Lathan Diugh.

Chuireadh an duanag a leanas am mach anns a Chasket, paipeir a tha gle mheasail air a Ghaidhlig, leis an Urr. A. M. Sinclair.

LUINNEAG.
Ho ro, mo dholar gaolach,
Ho ri, mo dholar gaolach,
Mo dholar laghach, gaolach,
Co thaobhainn ach thu?

A dholair, ’s e mo shòlas
Bhith breith ort ann am chrògan;
Gur cumadails gach dòigh thu,
S gur bòidheach do ghnùis.

Thug mi le mchridhe gaol dhuit
Nach dealaich rium ri mshaoghal;
S nam burrainn mi gun slaodainn
Ri mthaobh thu don ùir.

Biodh amadain gun stòldachd
A ruith an déidh nan òighean;
Ach cumaidh misan còmhnuidh
Do ghlòir-sa roimh mshùil.

Biodh daoinair bheagan léirsinn
Ri duanagan ag éisdeachd,
Achs mise nach doir spéis dhaibh;
S leat féin mi gu mchùl.


Banais Chiostal Odhair.

LE GILLEASBUIG NA CIOTAIG.

Abhanais a bhan Ciostal Odhar,
Ann an Ciostal Odhar, odhar,
Abhanais a bhan Ciostal Odhar,
Cha robh fothail choir orra.

Thainig fear a stighgam ghriobadh,
Dhinnse gun dthainig am pige,
Fhuaras botal, lionadh slige,
Bu bhinn gliogus cronan.

Thainig fear a nuas le mi-mhodh,
Gus e fein a chur an ire,
Thoisich e air bleith nan iongnan
Gu mi fhin a sgrobadh.

Ach labhair mise gu fiadhaich,
Mas e mi-stath tha thug iarraidh,
Gur docha gun cuir min fhiacail
Air iochdar do sgornain!”

Smaointich mi eirighnam sheasamh,
On bu ghnàth leam a bhig eadradh,
Olc no dheiginn fhuair mileagail,
S bhuail mi breabs an tn air!

N uair a chaidh na fir gu riasladh,
Gun robh ceathrar dhius aghriosaich;
M fear bu laige bha en iochdar,
S thug iad mirean beo as.

N uair a thoisich iad ri buillean,
Cha robh mi fein acur cuir dhiom,
Gusn do mhùigh iad air mo mhuineal,
S air duilleag mo shroine.

A sinn uair dheirich an trioblaid,
Thainig iad far an robh mise,
Thog iad mi mach thun na sitig,
Theab gun ithte beo mi.

Thug iad a mach thun nan raointean,
Mar gun rachadh ri caoirich,
S am fear nach do sgrob iad aodann,
Bha aodachna shroicean.

N uair thoisich iad air a cheile,
Sradadh na folanns na speuran,
Bha misan aiteg an éisdeachd,
S gum béibhinn an spors iad.

Bhuail iad air a cheile chnagadh,
Leag iad air a cheile shadadh,
Shin iad air aithris na braide,
S air cagnadh nan ordag.

Fear ri caoineadh, fear ri aighear,
Fearna sheasamh, fearna laidhe,
Fear apogadh bean an taighe,
Fear agabhail orain!

Cha robh ann ach beagan dibhe,
Leig iad a dhionnsuidh an cridhe,
Bha fearus fear aca rithist
Gun bhruidhinn gun chomhradh.

Sinn uair a labhair am fidhleir,
Chuir sibh mo phuirt feadh na fidhle,
S misem fear, gun tig an dilinn,
Nach toir sgriob air ceol duibh.

Tha Ciostal Odhar, an t-àite anns an robh a bhanais ainmeil so, anns an Eilean Sgiathanach. Bha e astar math a Uidhist a Chinn a Tuath, dùthaich Ghille na Ciotaig, (Gilleasbuig Domhnullach), ach bu mhath a bfhiach dha an astar a dheanamh air son cuspair an orain so. Chan eil teagamh nach eil a bhanais air a deanamh pailt cho donasa bha i, ach chan eil fhios am bheil e cur facal bréigoirre. Ceud no ceud gu leth bliadhna air ais cha bi an fhothail bu choire bhiodh anns a Ghàidhealtachd air na toraidhean gun tighinn air na bainnsean.


Iadsan a Phaigh.

Ruairidh H. Mac Coinnich, Loch Bhlackett
A. S. Dùghlach, S. W. Margaree.
Domhnull Domhnullach, (Gobha), Abhainn Dhennis
D. I. Mac Leoid, Sidni.
Bean Iain Mhic Nimhein, Catalone.
Gilleasbuig Mac-a- Bhiocair, Catalone.
Seumas Mac Gilleain, Clarke ’s Road.
D. I. Mac Aonghais, Horne ’s Road.
Iain E. Mac Leoid, Ingonish.
Dùghall Mac Cuithein, Glace Bay Mhor.
Gilleasbuig Mac Gilleain, Kennington Cove
Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove
Micheal Mac Neill, Glengarry Valley.
Iain A. Mac Ille-mhaoil, Grand Mira.
Ruairidh Mathanach, St. Esperit.
Mairearad Dhomhnullach, Ashfield .
Iain Mac Coinnich, Mira Gut.
Murchadh Mac Leoid, Baddeck Bay.
I. W. Domhnullach, Malagawatch.
Seonaid Ros, Baddeck Mhor.
Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien.
Cairistine Nic-a- Bhiocair, Port Morien.
M. B. Domhnullach, Abhainn Dhennis.
Gilleasbuig Mac Gilleain, Beinn Young.
Bean Chaluim Mhic Leoid, Big Intervale, Margaree.
D. F. Beuton, Mabou.
Bean D. Bheutoin, Glenora Falls.
Domhnull J. E. Mac Neill, Benacadie.
Bean MhurchaidhIc Gilleain, Big Intervale Margaree.
P. D. Mac Neill, Big Pond.
Niall Mac Gilleain, (Eildear), Roseburn .
Andra Mac Fhionghain, Maryvale , N. S.
Iain I. Siosal, Antigonish , N. S.
Iain Domhnullach, Antigonish , N. S.
An t-Urr. Seumas Friseal, St . Andrews, N. S.
Domhnull Beuton, Cardigan Bridge, P. E. I.
Domhnull Mac Coinnich, Orwell Cove, P. E. I.
Aonghas Mac Cuthaig, Kirk Hill, Ont.
D. R. Mac Cuthaig, Kirk Hill, Ont.
D. R. Mac Gillebhràth, Kirk Hill, Ont.
Iomhar Mac Cuithein, Stayner , Ont.
D. D. Siosal-Bayne, White Fish, Ont.
Domhnull Mac Cuthaig, Dailché , Ont.
Tormad Mac Rath, Alexandria , Ont.
Niall Bàn Mac Coinnich, Lucknow , Ont.
Iain Màrtuinn, Morriston , Ont.
Domhnull Mac Rath, Vancouver , B. C.
I. Mac Gill-fhinnein, Los Angeles, Cala.
An t-Urr. W. Gleeson, Oakland , Cala.
Niall Mac Gilleain, Omemee , No. Dakota.
Seumas B. Stiubhart, Bottineau , No. Dakota.
Iain A. Camaran, Bottineau , No. Dakota.
Eachunn Dùghlach, Exeter , N. H.
Eoghan G. Caimbeul, Sycamore , Ills.
Cairistine A. Nic-Pheitris, Plymouth , Mass.
BeanC . B. Fox, Dorchester, Mass.
Calum Caimbeul, Fountain , Mich.
A. R. Domhnullach, Albany , N. Y.
An t-OillearJ . D. Prince, New York.
Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba.
Iain Domhnullach, Cnoc-nan-Torran, Uist.
Iain Jack, Bombay, India.
Dr. Zimmer, Berlin, ’sa Ghearmailt.
Calum Mac Leoid, Hakataramea , N. Zealand
Iain Mac Gill-fhinnein, Hakataramea , N. Zealand
Iain Ceamp, Waipu , N. Zealand.


Bais.

Ann aWaipu , New Zealand,air a 25mh latha de Ogust, Murchadh Mac Gilleain, tri fichead us deich bliadhna dhaois, afagail ceathrar nighean us triùir mhac. Chaochail a bhean aige o chionn iomadh bliadhna. Be an dara mac aig Domhnull Mac Gilleain a thainig an so a ceann Cobh Bhaddeck.

Anns an àite cheudna, air a cheud latha de September, Coinneach Mac Gill-fhinnein, da fhichead us coig bliadhna dhaois, a fàgail bantraich agus aon phàisde nighinn. Be mac bu shine do Iain Mac Gillfhinnein, as an Acarsaid Mhoir.


De Witt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


NUAIR A BHIOS TU.. ..
ag uidheamachadh taighe
tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinns is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhecoig piosanair $35 .00.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT,
Manger, Charlotte St.


Brogan Saora.
Brogan matha dhe gach seorsaBrogan Fhear, Brogan Bhan, Brogan Cloinne, na seorsachan a thatar a cosg an cumantas, no mar a theirear riutha, Brogan Obrach. Tha iad so rim faotainn gu saor aig
Mills , MacKenzie & Ross.
Air seann larach Iain A. Mhic Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Feb 7011 yr
Sidni, C. B.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 16
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 16. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page