[121]

[Vol . 10. No. 17. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 1, 1901. No. 17.


AChathair Fhalamh.

(Eadar-theangaichte on Bheurla le IAIN).

CAIB. I.

IS cinnteach gun cuala sibh uile iomradh air na beanntan ris an canarCheviot .Tha iad aig achrìch Shasunnaich. Is iad na beanntan so a thug dhuinn an t-ainm a tha againn air na caoraich mhaola, bhàna leis am bheil iomadh fear de thuathanaich na Gaidhealtachd astocachadh a chuid fearainn. Tha na beanntan so gu math àrd, agus làn de gharbhlaichean. Ann an dùllachd na bliadhna bidh iad gu math tric fo chomhdach trom sneachda. Agus bidh stoirmeannan mòra nam measg aig iomadh àm. Ach air na comhnardan a tha faisge orra, tha achaidhean farsuinn anns am bheil fearann glé thorach, far an robh tuath thapaidh atuineachadh anns na linntean a dhfhalbh. Bhan tuath so gu tric ann an aimhreit ris na Sasunnaich a bhan taobh thall dhen chrìch. Bhiodh iad fheins na Sasunnaich atogail creiche o chach a cheile an uair a gheibheadh iad an cothrom, direach mar a bhiodh aon treibh dhe na Gàidheil atogail creiche o threibh eile. Bha na h-Alabannaich pailt cho treuns cho cruadalach ris na Sasunnaich a bha cumail crìche riutha, agus mar bu trice bann aca a bhiodh a’ [ ? ]idh anns gach cath is caonaig a bhiodh eatorra.

Be fear dom bainm Padraig Elliot, aon den tuath a bha anns an àm ud afuireach faisge air na beanntan a dhainmicheadh. Bha taigh mor math aige, agus mu chòig ceud acaire de dhfhearann math torach. Cha robh slat de ghàradh-crìche eadar a chuid fearainn-san agus fearann nan coimhearsnach. Bha sgonn maide, no clach mhòr, an sids an so acomharrachadh am mach far an robh na crìochan. Ged a rachadh an spréidh uair is uair thar nan crìochan cha chluinnteadh facal aimhreiteach eadar Padraig agus a choimhearsnaich. Cha robh iad ameas gum bfhiach dhaibh teannadh ri togail aimhreit air son beagan acraichean fearainn. Bhiodh na caoraich aig Padraigs aig na coimhearsnaich a nulls a nall air na crìochan, agus iad acheart cho fialaidh agus cho càirdeil mun fheurs a bhiodh Padraig agus a choimhearsnaich an uair a bhiodh iad agabhail bidh ann an taighean cach a cheile.

Cha robh Padraigga fhaireachadh fhein ann an suidheachadh cho maths bu mhiann leis; oir bhan taigh aige air a thogail air achrìch a bha eadar Alaba agus Sasunn. Agus gu mi-fhortanach, cha robh fhios aige co dhiubh a bha ena Alabannach nona Shasunnach a thaobh breith. Cha robh e an comas dha fios fhaotainn mu dheidhinn nan daoine on dthainig e na bfhaide air ais nashinn-seanair, mun robh cunntas aige anns aBhiobull teaghlaich, far an robh e sgriobhte gun drugadhathair agus a sheanair air an làthraich air an robh e fhein. Ach air a shon sin cha robh a h-aon aca fon dragh-inntinn fon robh esan. Cha robh teagamh sam bith nach bann air fearann Alaba a bhan seòmar-suidhe. Ach bha earrann dhen chitsin air fearann Shasuinn. Rugadhathairs a sheanairs a shinn-seanair anns an t-seòmar a bha os cionn an t-seòmair-shuidhe, agus air an aobhar sin cha robh teagamh sam bith nach be Alabannaich a bhannta. Ach rugadh Padraig gu mi-fhortanach anns an t-seòmar a bha os cionn achitsin, agus o nach robh duine sam bith comasach air a dheanamh am mach co dhiubh a bha no nach robh an leaba anns an drugadh Padraig os cionn fearann Alaba, no os cionn fearann Shasuinn, bha e tur neo-chomasach a dheanamh am mach co dhiubh a bAlabannach no bu Shasunnach a bhann, gu sònraichte o nach robh ach ochd troidhean air gach rathad anns an t-seòmar. Ged a bha e gle dhoirbh do Padraig cur suas leis, bfheudar dha aideachadh nach robh fhios aige co an rioghachd dhe na dhà dom buineadh e. Is e an rud gu sònraichte a dhfhàg a shuidheachadh inntinn cho draghail gum bfhearr leis gu mòr a bhithna Albannach nona Shasunnach.

Bha rud no dhà ann a bhatoirt toileachadh dha, agus be sin, gun robh a chuid fearainn gu léir ann an Alaba; gun robh càirdeas fad as aig a mhàthair ris na Stiubhartaich; agus gum bainneamh teaghlach a bha cho measail agus cho sean ris an teaghlach on dthainig e a thaobhathar.

Cha burrainn duine a dheanamh am mach air cainnt Phadraig co dhiubh a bAlabannach no bu Shasunnach e. An uair, a bhiodh ebruidhinn, labhradh e cuid a dhfhacail dhen Bheurla chruaidh Shasunnaich, agus cuid dhen Bheurla Alabannaich.

Bha am fearann aige saor as aghrunnd, agus air an aobhar sin theirteadh ris ann an rathad a bhithtoirt urram dha, Padraig Elliot, Esquire, no Squire. Fad iomadh bliadhna cha robh fear eile air an taobh air an robh e dhen dùthaich a bheireadh barr air gu ruiths gu leums gu carachd, gu tilgeadh an ùird, agus gu caitheamh na cloiche. An àm caitheamh na cloiche dhfhalbhadh i olaimh le luaths agus le fuaim mar gum biodh calaman afalbh air iteig. Cha leigeadh an t-eagal ach gann le fear sam bith eadar cheann na dùthchadh a dhol ga fheuchainn aig caitheamh na cloiche. An uair a bhiodh etilgeadh an ùird mhor, shaoileadh daoine nach robh e ach mar bhioran maidena laimh, agus an uair a chuireadh e an t-òrd beagan uairean mun cuairt gu h-ealamh os cionn a chinn, dhfhalbhadh e olaimh mar gum falbhadh peillear á gunna. Sheasadh an fheadhainn a bhiodhg a fheuchainn air an ais, agus ghlaodhadh an fheadhainn a bhiodhg a amharc le àrd iolaich.

Cha robh dad de thlachd aig Padraig ann a bhithg a mholadh an clàr an aodain. Air lathàraidh an uair a bha ecaitheamh an ùird, thuirt fear dhe na bha làthair, “Nach math a gheibhear an Squire! An Squire gu bràth!” “An Squire! Co air a tha thubruidhinn?” arsa Padraig. “Droch crìoch ort! Cait an robh thu an uair a bhaisteadh mis a thugadh Squire mar ainm orm? Is e Padraig Elliot mainmfear a sheasas riutsa no ri fear sam bith a thogras sibh!”

Bha inntinn Phadraig cho saors cho aotroms cho beòthails cho treun ris an oiteig thlàth, no ris an stoirm làidir a thigeadh o na beanntan a bha dlùth dha. Bha ena dhuine làidir, fallainn, beòthail, sgairteil, agus bha mu thri clachan deug de chudrom ann. Ged a bha e pòsda, cha dthug am pòsadh atharrachadh sam bith air. Tha iadsan a thasmaointean gun toir am pòsadh air falbh gach sunnd is aoibhneas is toileachadh a bhios aig daoine, atoirt maslaidh don chloinn ghràdhaich a tha, an àm sgios is éis is trioblaid, le an aoidhs len caoimhneas, atogail suas agus aneartachadh inntinn nam pàrantan.

Bha Padraig fichead bliadhna pòsda ri Seonaid. Ach bha Seonaid a cheart cho ciùins cho caoimhneils a bha i riamh; agus, ann an sealladh Phadraig, bha i cho maiseachs a bha i an latha phòs e i. Agus bha esan mar an ceudna cho sonas cho fialaidhs cho math nàdars a bha e an latha phòs e.

Rugadh naoinear chloinne dhaibh, agus bha an aon a bòige dhiubh air glùin a mhàthar. Cha dthainig bròn no trioblaid riamh an rathad Phadraig; agus bha soirbheachadh mòr aigena mhnaoi, na theaghlach, agus na stoc. Bha e na bu bheairtiche na bhaathraichean. Bha meas mòr aig na coimhearsnaich gu léir air, agus mar an ceudna aig a h-uile aon dhechuid seirbhiseach. Cha robh farmad no eud aig neach sam bith ris air son cho maths a bha esoirbheachadhna chuidsna theaghlach. Ach thainig trioblaid agus bròn ro thromna rathad aig an àm a thug a shonas air falbh fad iomadh bliadhna.

Thachair so air latha Nollag. Chan fhacas latha Nollag riamh a thòisich cho gruamach ris. Bha na speuran air an comhdach gu buileach le neul trom, tiugh, dubh. Fad iomadh seachdain roimhe sid bha còta tiugh sneachda air an talamh gu léir. Agus on a bha uisge trom, dlùth ann fad an latha, dhfhàs an talamh cho dubhs cho gruamach ris na speuran fhein. Bha fead brònach aig aghaoith am measg nan creags nan gleann coltach ri caoidh a bhiodh legion de spioradan neo-fhaicsinneach adeanamh. Bha mill mhòra dhen t-sneachda abruchdadh a nuas muin air mhuin le fuaim eagalach o mhullach nam beann a dhionnsuidh achomhnaird. Dhat na sruthain bheaga a bhiodh aruith o bhruaich nam beann gus an robh iad mu dheireadh cho mòr ri aimhnichean. Bha na h-aimhnichean acur thar am bruaichean, agus ataomadh an tuiltean brasa le corruichs le cop air feadh nan gleanns nan comhnard mu gum be latha na h-aon dilinn a bhiodh ann. Ach anns an taigh aig Padraig bha na teintean agabhail gu bras; bhan citsin luma làn de nithean matha a bha air an ullachadh air son na feusd aoibhnich; agus bha aghaidhean ro aoidheil rim faicinn asiubhal o sheòmar gu seòmar.

A h-uile latha Nollag bhiodh cuirm shòghmhor ann an taigh Phadraig, cha bann idir mar urram don latha, ach a chionn gum bann air latha Nollag a rugadh Tomas, a cheud-ghin mhic, a bha naoi bliadhna deug an lathud. Ged a bha gràdh mòr aig Padraig da chloinn gu léir, bha gràdh neo-chumanta aige do Thomas.

Cha robh e aig an àm ud cumanta anns achuid ud dhen dùthaich a bhithcur litrichean a dhinnseadh nach burrainn daoine a dhol thun na cuirme; agus on a tha fhios aig na



[122]

[Vol . 10. No. 17. p. 2]

h-uile nach leigeadh Padraig aon chuid le deoch laidir no le misgear a bhith aig cuirmna thaigh, bha fhios aca gum biodh am pailteas dhe gach seòrsa bidh a bfhearr na cheile air abhòrd aige, agus mar sin bha na càirdeans na coimhearsnaich agabhail a chuiridh gu toileach.

Bha na h-aoidhean air cruinneachadh agus on a be an citsin seòmar bu mhòs a bfharsuinne a bhanns an taigh, bha bòrd mòr, fada air a chuibhreachadh le anart grinn, geal, agus am pailteas dhe gach biadh math air o cheann gu ceann. Bha ceann dhen bhòrd ann an Alaba, agus ceann eile dheth ann an Sasunn. Air acheann Shasunnach dhen bhòrd bha marag mhor phlumbais a bheireadh uisge o fhiaclan duine sam bith, agus ròst dhen mhairt-fheoil a bfhearr a bha rifhaotainn; air acheann Alabannach dheth bha taigeis mhor air a deadh dheasachadh, agus ceann is casan caorach. Bha am pailteas dhe gach seorsa bìdh a bfhearr na chéile a bha ri fhaotainn anns an rioghachd air meadhain abhùird.

Bha Alabannaich is Sasunnaich aig abhordnan suidhe am measg a chéile mar a fhreagradh dhaibh. Bha duinena shuidhe air a h-uile cathairach an aon te. Bhachathair so aig deas laimh Phadraigs gun duinena shuidhe oirre. Thog e suas a lamhan rishuilean, agus dhiarr e beannachd Dhe air na nithean matha bha fan comhair, agus bha edol a thoiseachadh ri gearradh na feòla do na h-aoidhean an uair a sheall e air achathair a bha falamh ri thaobh. Thuit an sgian as a laimh air a bhòrd. Mar gun tigeadh saighead o neach nach robh rifhaicinn, ghrad bhuail iomaguin throm e, agus dhfhàs a ghnùis cho geal ris an anart.

(Ri leantuinn).


Uruisg Choire-nan-Nuallan.

THACHAIR o chionn fada gun dthainig Righ Othaileam á Tùr Athaileam a shealg do Ghleann nam Mangs nam Maoiseach, is bha a chòmhnaidh

Fo annart thar gheig bharraich,
An sealladh sroil am barr-chrannaibh a long.”

Agus thachair air de na làithean, an uair a bha iad am mach asealg, gun deachaidh mac an righ, Talamsan nan dual òir, air seacharan o chàch, ’s gunna chuideachd ach dithis ghillean, agus a chu, Luran, agus fhadsa bha iad ag iarraidh an rathaid thainig an t-anmoch orra. Agus thachair gun robh an rathad dhachaidhg an toirt troimh Choire-nan-Nuallan, agus nuair a bha iad adol seachad air bothan na h-àiridh aig Cailleach Bun-na-beinne bha isemach, agus thubhairt i riutha, “Tillibh, a chlann; chaneil an Coire glan roimhibh.”

Cha till ach gealtaire, a chailleach chrom,” arsa Talamsan. “Ciod is air Talamsan, mac Righ Othaileam á Tùr Athaileam thu féin no na bheilsa Choire.”

Is àrd dinbhe, a dhiùlanaich, achs diù nach gabh comhairle,” arsa Chailleach.

Ghabh na laoich air an aghaidh troimh Choire-nan-Nuallan gus an dthàinig iad gu Slochd-nam-Meall, agus an sin chunnaic iad an ainnir bu luraiche air an do dhearc sùil riamh.

Bhasùil ghorm mheallach mar dhriùchd meala
Air bharr failein nan lios;
Mar uchd eala no cloimhead cannaich
Bha snuadh lannair a cneis.

Bha slatag sheilichna laimh dheis, agus bha a làmh chli air a cùlaobh. Chaidh an ceum air thoiseach air na daoine, agus an sin sheas e, ’us thòisich e air comhartaich rithe.

Caisg do chù, a Thalamsain? Bithidh coin nam flath air éill gus an tòisich an fhaoghaid,” arsise.

Laigh, a Lurain,” arsa Talamsan.

Is e sin Luran do dhunaich-sanochd!” arsan ainnir, nach robhna h-ainnir na bfhaide, achna caillich nuallaidh, neamhail, ghuinich. Dhfhàs an t-slatag sheilich a bhana laimhna slacan draoidheachd, ’s bha nathair shligeanach, theinnteachna broilleach.

Bhacraicionn mar bhoicionn
Ciar bhoc nan carn
Bhios eadar an ceardsan t-srad.
Chnap-bhristeadh ichno
Eadar a sroinsa smeig.

Cho luathsa fhuair i ainm achoin, ghairm i ga h-ionnsuidh e, ’us cha dthugadh e feairt tuilleadh air a mhaighstir. Is ann a chaidh en a charaibh leis an ùruisg, oir bi sud Uruisg Choire-nan-Nuallan, ged bu mhaiseach i air acheud sealladh a fhuair iad dhi.

Nuair a chunnaic na gillean mar thachair, theich iad dhachaidh leis an sgeul mhuladach, gun do mharbh Uruisg Choire-nan-Nuallan Talamsan, mac an Righ.

Thog an Righ am mach an la-iar-na-mhaireach, leis a h-uile duinebha mar mhiltean dha, a shireadh a mhic. Fhuair iad an , Luran, marbhs gun ribe fionnaidh air. Ach chan fhac iad Mac an Righ, no Uruisg, ach meall ùr an Sloc-nam-meall. Thill an Righ dhachaidh gu dubhach, brònach. Cha robh aige de chloinn ach Talamsan agus aon nighean, Caol-mhala dhonn. Agus thug Caol-mhala bòid nach pòsadh i fear gu bràth ach am fear a mharbhadh Uruisg Choire-nan-Nuallan.

Chuala Breac-ghlùn, mac Thorcuil, Righ Dhùnfhad an Eirinn, mun bhòid a thug Caol-mhala dhonn. Be sud Breac-ghlùn nan seachd cath, ’s nan seachd buadh, agus bhiodh seachd laoich acath air gach laimh dheth.

Air latha de na làithean thainig e air tir aig Amar-nan Eithear, agus thog e ris an aonachsan anamoch, agus o nach robh aige ach cailleach ri choinneachadh cha bfhiach leis a chuid laoch a thoirt leis, ach thug e leis an t-Easgadach luath-chasach,

A bheireadh air aghaoth luaith Mhàirt,
S cha bheireadh aghaoth luath Mhàirt air.

Adol seachad air bothan na h-àiridh aig Cailleach Bun-na-beinne, bhaChailleach am mach, agus thuirt i, “Tillibh, achlann; chaneil an Coire glan roimhibh.”

Gabh romhad, achailleach liath,” arsa Breac-ghlùn, “cha till ach gealtaire. s air Breac-ghlùn, mac Thorcuil, Righ Dhùnfhad nan coig stuadh an taobh tuath na h-Eirinn, thu féin no na thas aChoire!”

Is àrd dinbhe, a dhiùlanaich, achsdiù nach gabh comhairle,” arsaChailleach.

Nuair a ràinig Breac-ghlùn Coire-nan-Nuallan, chunnaic e an ainnir bu mhaisiche air an do dhearc sùil riamh.

Thar gach ainnir an snuadh
Atoirt buaidh air mnai na h-Eirinn.

Bha slatag sheilichna laimh dheis, ’us thuirt i ris, “Cia das, ’us dthuige, a laoich? fàth do shaoids do shiubhail?”

Is mise,” arsesan, “Breac-ghlùn, mac Thorcuil, Righ Dhùnfhad nan coig stuadh an taobh tuath na h-Eirinn, agus tha midol do Choire-nan-Nuallan a reir iarrtuis Caol-mhala duinn, nighean Righ Othaileam an Tùr Athaileam.”

Arsan ainnir: “An e gaol ainnir no fuath ùruisg a thug Breac-ghlùn á Eirinn? Mas e fuath ùruisg lùbaidh a chruaidh rih-uchd; mas e gaol ainnir, is sleamhainn an greim air an easgainn a h-earball. Tha ochd flaithean le mòr-fhir (Iarlan) an Tùr Athaileam an nochd

Is sleamhainn leac an doruis Tùir,
Is sleamhna na sin ùidhs na dhaog.

Is mise nighean Righ Garbh-shleagh an Talla-nan-Sògh, ’s tha maithean mathar aig ròic a nochd. Cuir do ghille a shireadh do laoich, ’us thigibh uile do Thalla-nan-Sòghus gheibh sibh aoidheachd nach dfhuair thu riamh air talamh na h-Eirinn.”

Falbh, Easgadaich,” arsa Breac-ghlùn, ’s e cur cagar na chluais, “greas an so na laoich, ach biodh iad nan éideadh.”

Dhfhalbh an t-Easgadach; ’us mun robh e ach gann air falbh dhatharraich an ainnir a cruth, ’us dhaithnich Breac-ghlùn gum bin Uruisg a bhaige. Dhfhàs a slatag sheilichna shlacan draoidheachd, ’us tharruinn Breac-ghlùn a shleagh,

A bha sadadh air slacan na h-Uruisg,
S a toirt mac-talla a stùcan nam beann.

Achnuair a thill an t-Easgadachs na laoich cha dfhuair iad mac righ, ainnir, no ùruisg, ach meall ùr an Sloc-nam-meall.

Achs e thachair air latha àraidh,

Nuair a sheinn na h-eoin bhuidhe bhadanach
An ceol binn, feadanach,

gun dthainig Fearchar Og na faoghaid le chuid ghaothar air éill. ’Nuair a bha e dol seachad air bothan na h-àiridh aig Cailleach-Bun-na beinnes an anmoch, bha aChailleach am mach, ’s thuirt i, “Tillibh, a chlann: chaneil an Coire glan roimhibh a nochd.”

Cha do thill nach do thréig, a mhuime chaomh na h-àiridh,” arsa Fearchar. “Nach tig thu seachd ceumannan am chuideachd? Thoir dhomh do bheannachdus cuir air falbh mius caidlidh minochd fo sgàil an leamhainan Gleann nam mangs nam maoiseach, lem thriùir ghillean ruadh as mo dha chù lonach,

S mo ghallag bhig, robaich, nan gonagan giar,
Bheir fuil air an fhiadh air gach beum.”

Fhreagair aChailleach: “An do thog Fearchar a shùil ris an ainnir as ciùine rosg?”

Cha diarr mi ainnir no urram,” arsa Fearchar; “ach tha midol don bheinn shithinnus sheilg, a ruagadh abhuic, abhruicus an fhéidh mun éirich aghrian am màireach.”

An sin thuirt muime na h-àiridh, “Theid mi seachd ceumanan leat, ’us bheir mi seachd beannachdan dhut,

Fhearchair, Mhic Airt, Mhic Aillinn,
Nighean Righ Mhanainn achuain,
Thainig thar stuadh Innis-Orc;
Mac an athar nach dthug càin
Eadhon o nàmh le h-an-iochd.

So agad mo lorg dhireach nan tri meangan, den abhall nach crion, a chuir Manach air taobh deas balla crò a Chaibeil, ’s a bheannaich Manach tri uairean, ’us roimhn lùb faobhar an umha ma bhuailear a bhuille le daoi. Cuir dhìot gartan na coise clì, ’us cuir coingheall dheth mu amhaich na galla, thoir driùcan fala á cluais dheis an da choin, ’us na gairm a h-aon diubh air an ainm on théid aghrian fodha gus am blais an t-eun an t-uisge an la-iar-na-mhàireach, ’us mo bheannachd adchuideachds bi triall.”

Dhfhalbh Fearchar leghilleans lechoin, ’us bha sòrag na h-oidhcheseinn ciùil dha. An uair a ràinig e Sloc-nam-meall thachair ainnir airs bu mhaiseach a snuadh.

Bhah-àrd bhroilleach min
Mar shneachd fiorghlan air fonn;
Bha gucag a cich
Mar bhlàth fearra-dhrissa choilleig
Am blàthas doire nan tom.



[123]

[Vol . 10. No. 17. p. 3]

Bha slatag sheilichna laimh dheis, agus thòisich na coin air comhartaich rithe. “Caisg do choin, a laoich,” arsise.

Cha greass cha ghrab mi iad,” arsa Fearchar. Bha na coins a h-uile rib a bhorran a sheasamh cho direach ri frioghain an tuirc. Chas an ainnir greannus dhatharraich icruth gu bhina h-ùruisg cho oillteil, agus na boillteile na bha i aon chuid do Thalamsan no do Bhreac-ghlùn.

Mur a caisg thusa do choin, caisgidh mise iad,” arsise, ’us itoirt ionnsuidh air aon dhiubh leis an t-slacan.

Tharruinn Fearchar a shleagh, ’us thoisich an slacadh. Mar robh nuallanaich an Coire-nan-Nuallan riamh roimhe, bha gu leoir dheth ann air an oidhche ud eadar na coin agus an Uruisg.

A h-uile leum a bheireadh Bruid
Thilleadh e le fuil ma bhial;
A h-uile beum a bheireadh Speach
Thug an Uruisg sgread-da-sgriach.

Leum an nathair shliginneach, theinnteach á broilleach na h-Uruisge, ’s thug i ionnsuidh air Fearchar, ach bhuail esan i leis an luirg aig muime na h-àiridhs chaidh ina cuaich, agus an sin dhat agus sgàin i,

Le fuaim faoghair a chuir crith
Air gach ladhars a ghleann.

Chaidh in sinna lasair theine achuir an Uruisg ri theine comhladh rithe, agus ann am prioba na sùla cha robh aig Fearchar ach torran luadha.

Chaidh e fo sgàil barraichus thàinig an cadal air, oir bha e sgìth, agus dhùisgeadh am bristeadh na faire e le Brionn ag iomlaich aodainn. An sin sheinn

Na h-eoin bhuidhe, bhadanach
An ceol binn, feadanach;

agusnuair a sheall Fearchar mun cuairt air chunnaic e gun robh mòran de mhill chlach iongantach an Sloc-nam-meall. Bhuail en lorg abhaill air aon de na mill, agus thionndaidh am meallna dhuine, ’s theich Fearchar. “Na teach le abhall nam buadh, ’Fhearchair,” arsan duine; “tha feum ort fhathast an Sloc-nam-meall.”

Thill Fearchar agus bhuail en lorg air meal an deigh mill, air a h-uile meall an Sloc-nam-meall, ’s a h-uile meall dhfhàsna ghaisgeach gus an robh naoi naonar laochnan seasamh ra thaobh, agusn am measg bha Talamsan mac Righ Othaileam, agus Breac-ghlùn mac Righ Torcuil, agus thug Fearchar iad air fad gu Tùr Athaileam.

Us fhuair e nighean an Righ agus ùmhlachd,
S a chomhnaidh an Tùr Innis-Slòth.

Agus mur do shiubhail iad o sin, tha iad beò fhathast.


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AN T-SEACHDNAR A BHANAN CADAL.

CAIB. V.

AIG acheart am thainig an righ am mach as an t-seomar anns an robh eg a fhalach fhein, agus chaidh e do sheomar eile, far am faiceadhs an cluinneadh e a h-uile dad a bhiodh adol air aghart ann an seomar na comhairle. An uair a bhiodh e fhein tinn, be an t-ard-chomhairleach a bhiodh air cheann na comhairlena aite. Ach an lathud, be Abou Hasan a bhana shuidhe air achathair rioghail, agus bhan righ gle thoilichte an uair a chunnaic e gun robh edeanamh aghnothaich a cheart cho ordail agus cho stolda ris fhein.

Cho luaths a shuidh Abou Hasan air an righ-chathair, leig Giafar e-fheinna shineadh aig bonn na cathrach, agus an uair a dheirich ena sheasamh, thuirt e: “A Cheannaird nan Creidmheach, gum frasadh Dia a nuas a bheannachd air bhur morachd anns abheatha so; gun tugadh e do pharras sibh anns an ath shaoghal; agus gun cuireadh e bhur naimhdean gu h-amhluadh.”

An deigh na thachair anns amhadainn, agus an deigh nam briathran so a labhair Giafar ris, cha robh teagamh sam bith aig Abou Hasan nach robh ena righ, mar a bha emiannachadh; agus gun fheitheamh ris an tuilleadh feoraich a dheanamh mu thimchioll mar a thainig a leithid a dhatharrachadh air a shuidheachadh, thoisich e anns amhionaid ri cur a chumhachd mar righ ann an gniomh. Dhamhairc e le aghaidh gle stolda air Giafar, agus dhfheoraich e dheth ciod a bhaige ri radh.

A Cheannard nan Creidmheach,” fhreagair Giafar, “tha na cinn-fheadhna, na comhairlich, agus na h-oifigich eile a bhuineas don chomhairle, ’nan seasamh aig an dorus afeitheamh gus an iarr bhur morachd orra tighinn a steach, agus umhlachd a thaisbeanadh dhaibh mar bu ghnath leotha.”

Anns amhionaid dhordaich Abou Hasan an dorus fhosgladh, agus an uair a thionndaidh Giafaraghaidh ris an dorus, thuirt e ri fear dhe na maoir a bhafeitheamh ri ordugh aig an dorus: “Ard-dhorsair, tha Ceannard nan Creidmheach ag ordachadh dhut do dhleasdanas a dheanamh.”

An uair a dhfhosgladh an dorus, thainig na comhairlich, na cinn-fheadhna, agus luchd-dreuchd eile na cuirte a steach, agus iad ann an eideadh anabarrach maiseach, agus an uair a choisich iad gu h-ordail gu bonn na righ-chathrach, thug iad umhlachd do Abou Hasan. Agus len cinn gle chrom, agus iad air an leith ghluin, dhfhailtich iad e mar Cheannard nan Creidmheach, a reir mar a theagaisg Giafar dhaibh, agus an sin shuidh gach fear dhuibhna aite fhein.

An uair a bhan deas-ghnath so seachad, agus a shuidh gach fearna aite fhein, agus gun aon fhacal ri chluinntinn anns an talla, sheas Giafar, an t-ard-chomhairleach, air beulaobh na righ-chathrach, agus thoisich e ri cunntas a thoirt seachad as aphaipear a bhana laimh, mu dheidhinn gach cuis a bhaig achomhairle ri shocrachadh an lathud; ach cha do thachair gun robh gnothuichean ro chudthromach ri dheanamh. Ach air a shon sin, cha burrainn an righ gun meas mor a bhith aige air an doigh anns an drinn Abou Hasan a dhleasdanas. Bha e cho stoldana inntinn agus cho ciuins cho measarrana chainnt ri breitheamh sam bith. Thug e breith air gach cuis a thainig fa chomhair a cheart cho glic, cho ordail, agus cho cothromachs ged a bhiodh ena shuidhe air an righ-chathair o laitheanoige.

Ach mun do chuir Giafar crioch air cunntais a thoirt, seachad mu gach cuis a bhan lathud atighinn fa chomhair na comhairle, thug Abou Hasan an aire gun robh ard-bhreitheamh abhaile anns achomhairle; oir dhaithnicheadh e rifhaicinn e.

Dean stad,” arsesan, ris an ard-chomhairleach. “Tha ordugh sonraichte agam ri thoirt do dhard-bhreitheamh abhaile.”

Thug ard-bhreitheamh abhaile an aire gun robh Abou Hasan ag amharc air, agus ag ainmeachadh ainme. Ghrad dheirich e, agus choisich e air a shocair fhein gus an drainig e bonn na righ-chathrach, far an do leig e e-fheinna shineadh leaghaidh air an urlar.

Ard-bhreitheamh abhaile,” arsAbou Hasan, “bi falbh anns amhionaid a dhionnsuidh a leithid so de dhearrann dhen bhaile, agus don leithid so de shraid, far am bheil eaglais, agus dean greim air sagart na h-eaglais, agus air ceathrar de sheann daoine air am bheil feusag fhada, liath, agus thoir ceud buille le slait do gach fear dhen cheathrar, agus ceithir cheud buille don t-sagart. ’Na dheigh sin cuiridh tu an coignear aca air muin camhail an deigh dhut an comhdachadh le luideagan. Agus biodh aghaidh gach fir air earball achamhail. Treoraich troimhn bhaile gu leir iad, agus biodh fear aglaodhaich rompa, agus ag radh: ‘Is e so am peanas a nithear air a h-uile neach a bhios a gabhail gnothaich ri rud sam bith nach buin daibh, agus aig am bheil e mar chleachdadh a bhithtogail aimhreit agus eas-aonachd am measg theaghlaichean, agus adeanamh a h-uile olc as urrainn daibh.’ Is e mo run mar an ceudna, gun tugadh tu ordugh dhaibh grad fhalbh as an earrann ud dhen bhaile, agus gun tilleadh air ais ann gu brath tuilleadh. Agus am feadhs a bhios na daoine a tha fo dlaimh atreorachadh achoignear feadh abhaile, thig thusa air ais an so, agus bheir thu dhomhsa cunntais air mar a chuir thu do dhleasdanas ann an gniomh.”

Chuir ard-bhreitheamh abhaile a lamh air a cheann mar chomharradh gum fuilingeadh e an ceann a thoirt dheth mur deanadh e mar a dhordaicheadh dha; agus an uair a leig e e fheinna shineadh an dara uair air beulaobh na righ-chathrach, dhfhalbh e. Bhan righ anabarrach toilichte leis an doigh ghreimeil anns an dthug Abou Hasan seachad an t-ordugh so, agus thug e an aire nach robh toil aig Abou Hasan an cothrom a bhaige air dioghaltas a dheanamh air an t-sagart, agus acheathrar sheann daoineile a leigeadh seachad.

Aig acheart am chaidh an t-ard-chomhairleach air aghart leis achunntais a bhaige ri thoirt seachad mu gach cuis a bha ri tighinn air beulaobh na comhairle, agus bha e direach air criochnachadh an uair a thainig ard-bhreitheamh abhaile air ais an deigh dha a dhleasdanas a chur an gniomh. Chaidh e dluth don righ-chathair, mar a bha iomchuidh dha a dheanamh, agus thuirt e: “A Cheannaird nan Creidmheach, fhuair mi an sagart agus a cheathrar chompanach anns an eaglais a dhainmich bhur morachd dhomh; agus mar dhearbhadh gun drinn mi mar a dhaithn sibh dhomh, tha agam an so paipear ris an do chuir na daoine as air de inbhe anns an earrann ud dhen bhaile an ainm.”

Aig acheart am thug e paipear am mach as a bhrollach, agus thug e do Abou Hasan e. Rug Abou Hasan air aphaipear, agus an uair a leugh e gu curamach e, agus a thug e an aire gun robh ainm dhaoine ris air an robh e gle eolach, thuirt e ris abhreitheamh, agus fiamh gaire air a ghnuis: “Is ma a fhuaras tu; tha mi riaraichte leis an obair a rinn thu; suidh far an robh thu roimhe. An sin thuirt e ris fhein, agus e gle thoilichte, “Is math a thoill na seana chealgairean ud, a bha cho tric afaotainn coire dhomhsa, a chionn gun robh mi atoirt aoidheachd do dhaoine coire, am peanas a chaidh a leagadh orra.” Thuig an righ aig an am gach smaointean a bhair an inntinn aige, agus bha aoibhneas do-labhairt air, a chionn gun robh achulaidh-spors adol air aghart cho mathsa bha i.

An sin thuirt Abou Hasan, agus elabhairt ris an ard-chomhairleach: “Bi falbh far am bheil an t-ard fhear-ionmhais, agus faigh sporran anns am bi mile bonn oir uaithe, agus thoir e a dhionnsuidh mathair fir don ainm Abou Hasan, ris an canar gu cumanta, anstruidhear.’ Tha i

(Air a leantuinn air taobh 126).



[124]

[Vol . 10. No. 17. p. 4]

MAC-TALLA.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, NOBHEMBER 1, 1901.

AFGHANISTAN.

THA Afghanistan o chionn iomadh bliadhna na dùthaich a bha togail aire dhaoine ann an tomhas nach robh dùthaich sam bith eiles an Asia. ’S e baobhar dha sin mar a tha i air a suidheachadh, eadar fearann Ruisia air an taobh tuath, agus na h-Innsean, a tha fo riaghladh Bhreatuinn, air an taobh deas, mar sin a cumail Ruisia us Bhreatunn o bhi nan dlùth nàbuidhean da chàch a cheile. Tha an da dhùthaich gle dheònach air a bhi nan càirdean do Ameer no Impire Afghanistan; agus bha an t-Ameer a chaochail o chionn ghoirid a faotainn suim mhor airgeid agus neart de dhairm-chogaidh o Bhreatunn na h-uile bliadhna, fhads bu bheò e. Bha e air an aobhar sin gle chàirdeil rithe. Ach on dhfhàg e tir nam beò, chan eil Breatunn buileach cho cinnteach as a greim air an dùthaich, ged a tha mhac a ghabhàite gu ruige so a nochdadh càirdeis gu leor rithe. Tha an t-Impire òg so na dhuine glic, tuigseach, ach chan eil e cho seasmhach no cho laidir riathair gu bhi riaghladhs a cìsneachadh nan treubh an ceannairceach a than taobh a stigh de chriochan a dhùthcha. Agus on tha Ruisia daonnan furachail, agus deiseil gus gach cothrom a gheibh i a ghabhail air son a cumhachd féin a mheudachadh agus cumhachd Bhreatunn a lughdachadh, faodaidh gun teid aice air troimhe-cheile dhùsgadh. Ach tha fear-riaghlaidh glic aig Breatunn anns na h-Innsean, Morair Curzon, duine glic, comasach, ris am faodar cùisean Afghanistan as leth Bhreatuinn earbsa, le cinnt gum seas e còir a dhùthcha, agus gun cùm e na Ruiseanaich o chothrom na bruthaich fhaotainn air Breatunn anns an Asia fhads a ghabhas sin deanamh.


RIAGHLADH BAILENEW YORK.

THA cath mor a tòiseachadh ann anNew Yorka thaobh riaghladh a bhaile. O chionn àireamh bhliadhnaichean tha riaghladh na caithir mhoir sin ann an lamhan dhaoine aig nach eil nis an amharc ach lionadh am pòcaidean féin; tha gach dreuchd us oifig air an toirt do na daoine tha deònach pàigheadh air an son; agus tha iadsan a tha air son laghannan us reachdan a bhaile bhristeadh afaotainn cead sin a dheanamh le suim bhliadhnail a phàigheadh do Thammany. Chaidh moran dhen obair sin a thoirt am follais air a bhliadhna so, agus thatar a nise deanamh deiseil air son ionnsuidh gharg a thobhairt air stad a chur oirre, le Tammany a chur á cumhachd! Tha iadsan a tha air son an t-ath-leasachadh a dheanamh an deigh Seth Low a thoirt a mach gu ruith air son a bhi na àrd-bhaillidhsa bhaile. Ma theid aca air a chur a stigh, gheibhear riaghladh glan agus onorach a chur air chois, agus casg a chur air moran uile a tha dol air adhart. Ach bidh an cath cruaidh agus salach. Chan eil bhòt a ghabhas ceannach le airgead, le deoch làidir no le ais-innleachd sam bith nach bi aig Tammany, agus chan eil teagamh nach bi moran bhòtaichean meagh-bhlàth nach gabh ceannach air am faotainn còmhla riutha. Tha sin nas dòcha a chionn gu bheil Mr Shepard, am fear a tha Tammany a toirt a mach, na dhuine bha gu ruige so aseasamh an aghaidh achomuinn sin, agus a bha gu pearsanta fo dheagh chliù. Bidh roinn mhath de shluagh Americas na Roinn-Eòrpa ag amharc air a chath mhor so, agus afeitheamh le geur aire ris gach fios a thig mu dheidhinn gu lathan taghaidh, nuair a gheibh Tammany buaidh no bàs.


FACAL MUNMHAC-TALLA

GED nach drainig an teine mor a bha ann an Sidni cho fada tuath ri taigh-gnothuich MHIC-TALLA, chuir e call air, agus call nach bu bheag. Mar is fios do ar leughadairean, bha agus gach àireamh dhen phaipeir Sanasan o luchd-gnothuich anns a bhaile a bha air son fios a thoirt do luchd na Gàilig mu gach seòrsa bathair us innsridh a bha iad a creic. Air son nan Sanasan sin bha roinn mhath airgeid a tighinn a stigh an ceann gach mios no ràidhe, a bha na chuideachadh mor ann am pàigheadh cosguis clo-bhualaidh aphaipeir. Tha moran dhiubhsan aig air robh Sanasan anns a MHAC-TALLA air an dthainig call leis an teine, agus mar sin nach bi airson an leantuinn anns a phaipeir nas fhaide. Tha sinn air an dòigh so a call roinn nach beag dhe ar teachd-a- steach, agus a chum àite nan Sanasan a lionadh, dhfheumamaid a dhol gu cosguis nach biodhnar comas a ghiulan gus am MAC-TALLA chumail a taghal air a chàirdean na h-uile seachdain. Feumar mar sin a bheairt as fhearr a dheanamh dhen bheairt as miosa, agus a chur gan taghal an deigh so uairsan da sheachdain. Tha fhios againn nach bi ar luchd-gabhail garn iomchoir air son sinn a ghabhail a cheuma so, oir chan ann dar deòin a tha sinn ga dheanamh. Agus ma sheasas iad ri ar cùl gu dìleas, agus gun dean gach aon a dhichioll air tuilleadh luchd-gabhail fhaotainn don MHAC-TALLA, ’s i ar barail nach ruith moran ùine gus am binar comas a rithist a chur am mach uairsan t-seachdain, agus sin gun a bhi ach gle bheag an eisimeil luchd-nan-sanas. Tha barrachd shanas anns an àireamh sos bu chòir a bhi annchum gach drip a thainig oirnn an deigh an teine air ais san obair sinn. Ach anns an ath àireamh, a bhios a mach air achoigeamh latha deug dhen mhios, agus anns gach àireamh a thig na deigh, bidh barrachd mor leughaidhsa bha ann an aon àireamh riamh roimhe. Tha barail againn gum bi enar comas paipear nas fhearr a chur a mach uairsa cheithir-la-deug na bha dol againn air a dheanamh uairsan t-seachdain; agus ma chuireas ar càirdean deuchainn air, tha sinn a creidsinn gum bi e nas taitniche le roinn mhor dhiubh na bha e riamh. Tha dòchas againn gum bi MAC-TALLA an deigh so air fhàilteachadhs air a dhi-beathachadh anns gach dachaidh agus an robh e faotainn aoidheachd roimhe so, agus mar an ceudna ann an àireamh mhor anns nach dfhuair e eòlas fhathast.


Falbh Chaluim Oig.

BHA Calum òg a smuaineachadh gun robh an t-àm air tighinn anns an robh e dligheach gu leòir dha taighathar fhàgail agus dol do na Stàidean air thòir an fhortain, mar bha triuir eile de cho-aoiseans a choimhearsnachd a cur rompa dheanamh gun dàil. Cha robh athair nomhath idir deonach e dhfhalbh, eadhon ged biodh e comasach dhoibh deanamh as eugmhais. Bha iad le cheile faisg air an tri fichead bliadhna; agus is iomadh la cruaidh a dhoibrich iad e mhoch gu dubh mun deachaidh aca air an dachaidh fhaotuinns an t-suidheachadh chomhfhurtails an robh i air an dearbh oidhche bhan sid. Ged nach robh Calum fhathast fichead bliadhna dhaois, bha em barail gun drinn esan làn leoir de obair chruaidh re nan tri bliadhna on sguir e dhol don sgoil, na phaidheadh a phàrantan gu math air son gach ni a rinn iad riamh air a shon.

Bha an t-aon bhràthair a bhaige ceithir bliadhna na bòige na e fein; agus a chionns nach robh en seilbh air deadh shlainte, cha robh e comasach air a bheag de chòmhnadh a dheanamh riphàrantan. Cha do chur sin dragh sam bith air inntinn Chalum, oir bha e smuaineachadh gun rachadh aca air seirbheiseach fhasdadhs na h-amannan as bhiodh feum air, agus gum faodadh iad fein an gnothuch a dheanamh a chuid eile dhen ùine. ’Nuair bhan t-suipeir thairis thòisich e air cur a chuid aodaichn a thrunga, a chum a bhi deas gus an rathad iaruinn a ghabhail gu moch an la-iar-na-mhàireach. Bhamhathair, ’s i sileadh nan deur, a pasgadh suas shocsaichean, miotagan agus aodaichean eile bhiodh feumail dha nan tigeadh air dol a dhobair don choille re a gheamhraidh, a bha nis a tarruing dluth. ’Nuair bha Calum a dùnadh na trunga, thainig i da ionnsuidh le Biobull ur, ag radh, “So, a mhic, thoir leat am Biobull so a cheannaich mise air do shon an diugh. Ge be àit am bi thu na dean dearmad air a bhig a leughadh, ach gu h-àraidh air an t-Sàbaid. Biodh do ghluasad a reir teagasg na firinn, agus cha teid thu gu brath a thaobh le droch cuideachd.”

Ghabh e am Biobull as a laimh, ach an àite churs an trungas ann a chuir e am pòca achlais a chòta e. ’Nuair bha athair a cuairteachadh an aoradh teaghlaich roimh àm dol a laidhe, bha e furasda aithneachadh gun robh a chridhe an impis bristeadh le bròn. Ghuidh e gu dùrachdach gum biodh an Ti air nach aom codal no suain a gabhail cùram da mhac a bha rùnachadh dealachadh riu cho luath, agus gum biodh en uine ghearr air aomadh gu pilleadh. An deigh sin ghabh iad mu thàmh, ach cha bann gu cadal. ’Nuair chaidh Calum da sheomar smuainich e gun tugadh e suil anns a Bhiobull ur. Air dha fhosgladh be an ceud àite air an do thuit a shuil an ceud rann den deicheamh caibideil de Ghnath-fhocail SholamhNi mac glic athair subhach; ach is e mac amaideach dubhachas a mhathair. Air ball thoisich ni-eiginn an taobh a stigh dheth air a radh ris, Am bheil thusa admhac glic? Am bheil thu adaobhar subhachais do dathair agus do dmhàthair air an oidhche nochd? Leig dhiot damaideachd, agus na dealaich ri do phàrantan aosda, ’s cha bhi la aithreachais gu bràth ort. Leig se e feinna shìneadh air an leabaidh. Cha robh fios aige ciod a dheanadh e. Mar bu mhodha bha e smuaineachadh mun chùis, bhan t-eagal a meudachadh gum biodh e gle chearr dha falbh. ’Nuair dhfhairich e athair a dol a bhiadhadh an eich roimh bhriseadh an la, bha e ann an suidheachadh gle an-shocrachn a inntinn. Dheirich e goirid an deigh sin, agus fhuair e bòrd de gach ni a bfhearr na cheile suidhichte aig a mhathair. Dhiarr i air athairs air fein suidhe sios gun dail, air eagals nach ruigeadh iad caladh an rathaid-iaruinnn a thràth. Fhreagair Calum, “Suidhidh sinn sios gu dearbh, ach chan fhaic sibh mathair no misedol gu caladh an rathaid-iaruinn an diugh.” Dhaithris en sin mar chur en oidhche seachad, mar a bhuail a chogais air an deigh dha an rann ud a leughadh anns a Bhiobull, ’s a dhoibrich i air gus an robh e nis an deigh am falbh a leigeil as a cheann gu buileach. Dhamhairc a phàrantan air a cheile gun fhios aca ciod a theireadh iad. ’S shuidh iad an sin sios gu sona nan triuir a ghabhail a bhiadh a bu bhlasda, mars minic a thuirt Calum, air na bhlais e fein riamh. Dhfhan e maille riu a gabhail deadh chùram dhiubh gu la am bàis, ’s bha e fhads bu bheò e làn riaruichte leis an roghainn a rinn es bi a chomhairle a ghnath gun dearmad a dheanamh air pàrantan, gu h-àraidh nan sean aois.



[125]

[Vol . 10. No. 17. p. 5]

Naigheachdan.

UAIRSAN DA SHEACHDAINBidh am MAC-TALLAn deigh so a tighinn a mach uairsan da sheachdain. Chithear air taobh eile dhen àireamh carson a rinneadh an t-atharrachadh.

LOSGADH SOITHICH IASGAICHChaidh soitheach-iasgaich luachmhor a losgadh ann an acarsaid Sidni Tuath feasgar Di-haoine sa chaidh. Bhuineadh i do Chaiptean Sol Jacobs, an t-iasgair-rionnaich as fhearr a tha seòladh á Gloucester. Bfhiach i seachd mile fichead dolair, agus bha i air a h-urrasachadh air son seachd mile deug. Bha innealgasolineair bord an t-soithich, agussen t-eagal gun spraidheadh an t-amar anns an robh an olla sin air a cumail a chum daoine o dhol gasàbhaladh. ’S e bainm dan t-soitheach, Helen M. Gould.

TEINE AN SIDNI TUATHChaidh an stor mhor aig na Braithrean Vooght, ann an Sidni Tuath, a losgadh gu làr maduinn Di-màirt. Thòisich an teine beagan romh thri uaireansa mhaduinn, agus bha e cho fad air adhart mun dugadh fa-near dhas nach robh doigh air an togalach, no am bathar a bha na bhroinn a shàbhaladh. Bfhiach an da chuid dlùth air sia fichead mile dolair ( $128 , 000), agus bha leth-cheud us coig mile de dhurrasachadh orra. Tha an call mar sin gle mhor. Be so an taigh-ceannachd bu mhotha bha air an eilean, agus aon den fheadhainn bu mhotha bha ann an Nobha Scotia.

OIDHCHE SHAMHNABin raoir an oidhche ris an canar Oidhche Shamhna. Ged a tha na cleasans na cleachdaidhean air son an robh an t-Samhainn ainmeilsan àm a dhfhalbh air a dhol ann an tomhas mor á cuimhne, chan eil na gillean ògaga leigeil seachad gun spors gu leor a dheanamh dhaibh féin. Air an dùthaich bidh gàraidhean-cail agus pàirceannan-tuirneap air an spùilleadh, agus geatachan agus dorsan shaibhlean air an toirt bhar nan lùdag. Anns na bailtean bidh othail agus gleadhraich neo-àbhaisteach air na ballaich, agus bidh ceumannan-dhorsan agus nithean eile dhen t-seòrsa sin air challsa mhaduinn. Ach am bitheantas cha bhi cron no call mor sam bith air a dheanamh. Anns na cearnan den dùthaich anns nach eil na Gàidheil air fàs ro-Ghallda, gheibhear an fhuarag agus cuid de na cleachdaidhean a bhiodh an sinnsir a gnàthachadh anns na làithean a dhaom.

MORT GRAINEILRinneadh mort gràineil ann a Westmount, am Montreal, oidhche Di-sathairne sa chaidh. Bha gille beag, aois ochd bliadhna, air a mharbhadh le duine doraich. Bhan gille dol dhachaidh á taigh a sheanamhar mu shia uairean feasgar. Bha a dha laimh na phòcaideans e gleadhraich beagan shentichean a bhannta nuair a thachair an duinairsa dhiarr e an t-airgead air. Dhiùlt e sin a dheanamh, agus rug an duine air sgòrnan air, agus stob e sgian na amhaichs na chom, ’s an deigh an t-airgeadcoig sentichean dengaa thoirt as a phòcaidean, dhfhalbh e a dhòl. Fhuaireadh corp a ghille mu dheich uairean san oidhche, agus cha robh fhios co thainig ri bheatha gu maduinn an la.iar-na-mhàireach, nuair a thug am mortair e-fein suas, ’sa dhinnis e an sgeul mar a thatar ga h-aithris. Is duine mhuinntir Denmark e. Is ainm dha Thorvald Hansen. Be ainm a ghille Eric Marrotte.


An Teine.

Chan fhacas ann an Ceap Breatuinn riamh roimhe teine cho mor no cho sgriosailsa bha anns abhaile so Di-sathairne an naodhamh latha deug de dhOctober. Bha tri fichead us seachd togalach, beag us mor, air an losgadh gu làr, agus tha an call uile gu leir air a mheas aig coig ceud mile dolair. Cha robh ach mu dha cheud us sia air fhichead mile dolair de dhurrasachadh air na chaidh a losgadh, agus mar sin tha an call gle mhor. Bu storaichean agus taighean gnothuich a mhor chuid de na togalaichean a chaidh a losgadh, agus mar sin ged a than call mor, chan eil ach àireamh gle bheag a chaill na bhaca ris an t-saoghal, agus a tha air an toirt gu bochduinn. Anns an dòigh sin cha robh an teine cho cronailsa bhitheadh e nan robh e air ruith air earainn dhen bhaile anns am biodh àireamh mhor de thaighean còmhnuidh.

Thoisich an teine anns an stor aig Gordon & Keith, air taobh an iar sràid Shearlot. Bha e air aobharachadh le stobh olla, air an robhas a leaghadh glaoidh, a dhol thairis. Bhatar acàradh aon de na pioban uisge air an t-sraid, cha robh deur uisge san stor aig an am, ’s mar sin fhuair an teine ùine air greimeachadh. Bha gaoth làidir a séideadh on àirden iar agus an ùine ghoirid chunnacas gu robh teine mor gu bhi ann. Fhuair e greim air na togalaichean air gach taobh agus tarsuinn an t-sràid, ’s as a sin sgaoil e. Air taobh an iar sràid Shearlot loisgeadh oisean McDonald & Hanrahan gu oisean Ingraham. Air an taobh an ear dhen t-sràid loisgeadh cho fada tuath ri oisean Mhoore, far an dfhuaireadh an teine chasg. Cha robh air fhàgail air an dasquaresin, eadar sràidean Wentworth agus Pitt ach aon tightigh-comhnuidh Mrs Ingraham. Chaidh àireamh thaighean a losgadh an ear air sràid Bhentick, agus air sràid Sheòrais. Chaidh sàbhaladh caol air an eaglais Bhaisteich, air eaglais St Andrews agus air Talla nan DaoinOga. Bu shealladh grànda bha ri fhaicinnsa chuid sin den bhaile maduinn an ath latha, làraichean dubha, loisgte an aite nan togalaichean anns an robhas o chionn iomadh bliadhna adeanamh a mhor chuid de ghnothuch abhaile, sealladh nach leig neach a chunnaic e air diochuimhn ri bheò.

Gu fortanach cha do thachair droch sgiorradh sam bith aig an teine; bha iadsan a bha cur cath ris gu tric ann an cunnart, agus nochd iad an tréinesan tapadh iomadh uair, ach cha dfhuair goirteachadh ach fear no dha dhiubh, agus cha robh an goirteachadh a fhuair iad dona. Fhadsa bhan teine losgadhs daoine trang a sàbhaladh an cuid bathair us innsridh, bha na meairlich ag obair air an ceaird féin, agus ghoideadh moran de na chaidh a shàbhaladh on teine. Chaidh àireamh de luchd na braide a ghlacadh, agus maduinn Di-luain fhuair iad am peanaisteachadh.

Anns a chearna chaidh a losgadh agus a deas gu sràid Dorchester chan fhaodar a chur suas an deigh so ach togalaichean cloiche nobrickAir son a gheamhraidh faodar taighean beaga fiodha chur air na laraichean loisgte leothasan a chaill an taighean gnothuich, ach feumaidh iad sin uile bhi air an toirt air falbh romh dheireadh na h-ath bhliadhna.


Ma tha thug iarraidh
Deagh Bhrogan Obrach
a sheasas rin cosg gu cruaidh ri side bhog, theid againn air an toirt dhut. ’S ann againn a gheibhear
BROGAN AMHERST
an seorsas fhearr a thatar a deanamh.
A . W. Redden & Co.
ROSS BLOCK.SIDNI.


Thig sinn suas ris an fheadhainn as fhearr
ann an deanamh
Thruncaichean, Mhaileidean, Charbadan, Acuinn, agus gach seorsa
Bathair-Each.

N uair a bhios tudol a cheannach acuinn no carbad, no ni eile, ’sen seorsas fhearr is coir dhuit fhaotainn. Agussen seorsas fhearr a tha sinne daonnan a creic, agusse sin is aobhar na h-uiread a bhi ceannach uainn. Tha stoc mor againn, agus tha ar prisean ceart.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Caradh Uaireadairean,
Chlocaichean agus Sheudan
. .. .ANN AN STOR.. ..
K . BEZANSON.
Theid iad an urras air gach obair a ni iad.. .. .. ..
An Togalach Hanington. SIDNI.



[126]

[Vol . 10. No. 17. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 123.)

fuireach anns an earrann sin dhen bhaile don chuir mi an t-ard-bhreitheamh. Bi falbh, agus na bi fada gun tilleadh.”

An deigh don ard-chomhairleach a lamh a chur air a cheann fhein, agus e fhein a leigeadhna shineadh air beulaobh na righ-chathrach, chaidh e far an robh an t-ard-fhear-ionmhais, agus an uair a fhuair e sporran uaithe anns an robh mile bonn oir, thug e do sheirbhiseach e gus a ghiulanna dheigh gu ruige taigh mathair Abou Hasain. An uair a thug e dhi e, thuirt e: “Sin tiodhlac a chuir an righ gad ionnsuidh.”

Ghabh i ioghnadh gu leor a chionn a leithid de thiodhlac fhaotainn. Cha burrainn i a thuigsinn idir ciod a thug air an righ a bhith cho fialaidh rithe, oir cha robh fhios aice air na gnothaichean a bhadol air aghart anns an luchairt.

Fhads a bhan t-ard-chomhairleach air falbh, thug ard-bhreitheamh abhaile cunntas seachad mu dheidhinn gach obair a rinn e; agus thainig an t-ard-chomhairleach air ais mun am anns an do chuir e crioch air na bhaige ri innseadh.

Cho luaths a thug an t-ard-chomhairleach fios do Abou Hasan gun dthug e am mile bonn oir seachad mar a dhiarradh air, thainig Mesrour don talla, agus thug e comharradh seachad do na cinn-fheadhna, do na comhairlich, agus don luchd-dreuchd eile, gun dthainig obair na comhairle gu crich, agus gum faodadh iad a bhith falbh. An uair a rinn iad an umhlachd a bha iad a gnathachadh a dheanamh, dhfhalbh iad.

Ann an uine ghoirid thainig Abou Hasan a nuas bhar na righ-chathrach, le cuideachadh Mhesrour agus na oifigich eile, mar a chaidh e suas. Thug iad air ais e don t-seomar as an dthainig e, agus Giafar acoiseachd rompa.

An uine ghoirid thainig feum aige air a dhol do sheomar araidh, agus thug iad e gu closaid ghrinn air an robh urlar marmoir. Thug iad dha drathais de shioda air a h-oibreachadh le snath oir gus eg a cur uime mun rachadh e steach. Ghabh e an drathais as an laimh; ach o nach robh fhios aige ciod e am feum a bhoirre, stob e suasna mhuilichinn i. Mar is trice, is e rud beag, suarach is trice a bheir gaire air daoine na rud cudthromach, agus cha mhor nach do bhrist an gaire air Giafar, air Mesrour, agus air an luchd-dreuchd eile, an uair a chunnaic iad mar a rinn e; ach chaidh aca air cumail orra fhein, agus bfheudar Ghiafar mu dheireadh am feum air son an robh an drathais innseadh dha mun deachaidh e steach don chlosaid.

Am feadhs a bha Abou Hasan anns achlosaid, chaidh Giafar far an robh an righ, agus e air a dhol do sheomar-falaich eile, agus dhinnis e dha a h uile car mar a thachair. Chord na dhinnis e ris an righ anabarrach math.

(Ri leantuinn.)


Searmon Airson na h-Oigridh.

EARRANN I.

MO chàirdean òg! chuala sibh gu tric mu thimchioll Dhé, agus chuala sibh mòran mu dheidhinn. Tha misair an àm a dol a dhfheòraich ceisd chudthromach dhibhseCiamartha fios agaibh gu bheil Dia ann? Am faca h-aon agaibh e riamh? Chan fhaca; oir tha eg ràdhna Fhocal naomh féin, “Chan fhaca neach air bith Dia riamh.”

Am bheil sinn làn chinnteach gu bheil iomad san t-saoghal so nach fhaca sinne riamh? Thagun teagamh, iomad . Chan fhaca h-aon agaibh riamh baile-mòr Pharis, ceann-bhaile na Frainge, no is dòcha Lunuinn; ach tha fios agaibh gu bheil a leithid sin do dhaiteachan ann. Ciamar a ta fios agaibh? Thà chionn gun robh feadhainn eila chunnaic iad, ’s a thug cunntas orra. ’Nis, mar biodh neach air bith ann a chunnaic na bailtean mòr sin riamh, nathug cunntas dhuinn mun déidhinn, am burrainn fios a bhi againn gu robh a leithid do dhaiteachan ann? Cha burrainn; bhiodh e eu-comasach dhuinn eòlas air bith a bhi againn mun déidhinn. Ciamar, matà, ’tha fios againn gu bheil Dia ann? An ann a chionn gu bheil iadsan a sgriobh am Bìobull ag ràdh gu bheil Dia ann? Ciamartha fios acasan? Chan fhaciad Dia. Ach an urrainn duinna chreidsinn gu bheil ni air bith ann nach fhaca duine riamh? Tha e comasach dhuinn a chreidsinn gu bheil iomad ann nach facas, agus nach urrainnear fhaicinn. Seas aig an uinneig latha gaothar fuar. Faic mar tha na craobhan agluasad, agus air an ais as air an aghartna geugan air an crathadhna duilleagan a tuiteam, as air an sguabadh a nulls a nall. Ciodtha ga dheanamh so? Tha fios agaibh gur ighaoth is coireach, ’s a thaga dheanamh. Ach an urrainn dhuibh aghaoth fhaicinn? Chan urrainn, ach tha fios aig a h-uile h-aon agaibh gu bheil an sin ann ris an can sinn aghaoth, ged nach léir dhuinn i ler sùilean.

An robh a h-aon agaibh riamh tinn, ann an dòruinn, no ann am péin chorpora? Is dòcha gu robh. Ach am faca h-aon agaibh riamh pian no dòruinn? —an cuala sibh iad? —na laimhsich sibh iad? Chan fhaca, cha chuala, ’s cha do laimhsich; agus gidheadh tha sibh acreidsinn gu bheil pian as dòruinn ann.

Ciamartha fios agaibh gu bheil an sin ann ris an canar acras? Chan fhaca sibh e, cha do laimhsich sibh e. Ach mhothuich sibh dha, ’s mar so thuig agus chreid sibh gu robh an ni sin ann ris an canar acras.

Nan canainn a nis nacheil an sin ris an abrar gràdhsan t-saoghal, am biodh sin fìor? Dearbh dhomh gu bheil gràdh ann; chan fhacthu riamh e. Chan fhacach mhothuich thu e. Tha athair as màthair agadtha thu toirt gràdh dhoibh; ’s tha fios agad gu bheil gràdh ann, ged nach fhaic thu e.

Nan cailleadh a h-aon de na leanabanan beaga sin ris abheil mi alabhairt a dhà shùil, bhiodh e na dhall; ach bhiodhinntinn fathast aige, as comas air smuaineachadh. Dhfhaotadh e, ged a robh e na dhall, a bhi smuaineachadh leis féin mu thimchioll tighathar, agus mu choslasathar agus a mhàthar. Ged a chailleadh e na dheigh sin a chlàisneachd, ’s mar sin a bhi bodhar, dhfhaodadh ebhi cuimhneachadhs asmuaineachadh mu ghuthathars a mhàthar, an uair a bàbhaist doibhbhi labhairt ris. Ged a chailleadh e na dheigh sin a bhlasad, gidheadh burrainn dabhi smuaineachadhs acuimhneachadh blas abhithidhs na dibhe a bàbhaist dabhi gabhail. ’Seadh, ged a chailleadh e a fhradharc, ’sa chlàisneachd, ’sa chomas air sam bith a laimhseachadh, burrainn da innseadh dhuinn ciamar a bàbhaist do gach a bhina bheachd. Dhfhaodadh e a ràdh. “Bàbhaist don ghréin amharc cruinn, dealrach;” agus mar an ceudna, “Bàbhaist boladh cùbhraidh e bhi den bhlàth so, ’s den bhlàth so eilebabhaist do bhlas milis a bhi den mhils den t-siucar, agus fonn binn on inneal-chiùil sos on inneal-chiùil ud eile.” ’Se sin ri ràdh, burrainn da smuaineachadh mu dhéibhinn na nithe sin.

Ciod e, matà, ’tha mar so asmuaineachadh? Tha an t-anam a tha an taobh a stigh dhiot. Ciamar a ta fios agad gu bheil obair anns an uaireadair sin a thagad adlàimh? Tha do bhrìgh gu bheil thug éisdeachd abhuile bhigtha thu acluinntinnnuair a chuireas tu ri dchluais i, ’s a chionn gu bheil thu faicinn nan làmhan beaga sintha cuimseachadh mach nan uairean agus na mionaidean agluasad. Chan fhaca neach air bith riamh an t-anam, ’s gidheadh tha fios againn gu bheil anam againn, do bhrìgh gur léir dhuinn iomad than t-anam so adeanamh. An uair than t-anam subhach, tha so ri léirsinn adghnùis: an uair than t-anam trom, brònach, fo mhìchean, tha so ri léirsinn air taogas, agus theagamh le deuraibh do shùl.

Nis, ’s ann leis an dòigh chreidsinn sotha fios againn gu bheil Dia ann. Thoir fainear na tha mi dol a ràdh riut, agus faiceamaid an urrainn duinn a dhearbhadh gu bheil Dia ann, a thaobh gu bheil edeanamh iomad .

Amhairc air an eaglais so anns abheil sinn cruinn. Mothuich achrannag so anns abheil miseseasamh, an staidhir so air an do dhirich mi, agus an t-àite anns abheil mi air uairibh amshuidhe. Carson a rinneadh iad? Nach drinneadh achranaig so airson amhinisteir? —àrd, chums gum faiceadh gach aon e, an staidhirga chuideachadh chum tighinn a nuas don àite so. Rinneadh na h-àiteachansan eaglais airson an t-sluaigh, air am faod iad suidhe na searmonachadh. Rinneadh na h-uineagan airson solus a leigeadh a stigh. Chuireadh lobhtachan gu h-ard, airson barrachd sluaigh a chumail. Chuireadh postachan fodhpa mar thaic, chum an cumail o thuiteam agus o fhàilneachadh. Rinneadh na dorsan chum aghaoth, le fuachd, a chumail a mach, an tigh a dheanamh seasgair, agus a dhùnadhnuair nach robh feum orra. Chan fhaic thu leapaichean ann, no àiteachan-cadal. Tha thu leis a so atuigsinn nach ann na àite-tàimh no cadal a tha e. Chan fhaic thu prasach no buaigheal ann. Tha thu leis a sotuigsinn nach ann airson eich no a thogadh e, ach gun drinnear e gu bhi na thigh-aoraidh do Dhia.

Nisnan canainn sa riut nach do thogadh an tigh so riamh le neach air bithgun robh e riamh mar sogun déirich e suas leis féin tre thuiteamas, direach martha thuga fhaicinngun dfhàs am balla, na clachan, an t-aol, am fiodh, na sgliadan, na h-àiteachan-suidhe, achrannag, na h-uinneagan, aghloinne, agus na h-uile ceart mar a ta iadgun dthàinig iad ri chéile tre thuiteamasam burrainn dhuit mo chreidsinn? Cha chreideadh am balachan nochalag is aineolaichenar measg mi. Theireadh tu rium, “Chan eil fios agam dhealbh nathog iad, ach tha mi làn chinnteach gun do thogadh e le fear-eigin.” Nis, tha thu ceart; ach innis dhomh am faca tu riamh an duine a thog e? —am faca tu an slochd as an tugadh na clachanan duine a shnaidh iad, a chàraich air muin a chéile iadam fear a loisg an t-aol, ’s a chuir aghaineamh air fheadh? Am faca tu achoille anns an dfhàs am fiodhan saor a lochdraich e, a rinn na h-àiteachan-suidhe, achranag, ’s na lobhtachan? Am faca tu am fear a rinn aghloinne? —am faca tu an gobhainn a rinn an obair iaruinn? Chan fhaca tu a h-aon dhiubh, ach tha thu làn dhearbhta gun robh an leithid do dhaoine ann. Tha thu cho cinnteachsa than t-anam adchom gun robh an leithid ann, oir tha thu léirsinn obair an lamhan. Tha sin agad mar dhearbhadh, agns chan eil thug iarraidh barrachd.

Sann direachsan dòigh cheudnatha fios agad gu bheil Dia ann; oirs Esan a rinn achreag as an do chladhaicheadh na clachan— ’s Esan a rinn achoille as an do ghearradh am fiodh— ’s Esan a rinn an t-iaruinn as an drinnear na tairngnean— ’s Esan a rinn achlach-aoils aghaineamh as an drinnear aghloinne— ’s Esan a rinn an solustha tighinn a stigh air na h-uineagan— ’s Esan a rinn na sùilean leis an léir dhuit a solus, achluas leis an éisd thu am ministeir, an inntinn leis an tuig thu e, amheothair leis an cuimhnich thu, agus an teanga leis an aithris thu na tha thu cluinntinn.



[127]

[Vol . 10. No. 17. p. 7]

Cagaran Eireannach.

Fhuair mi do mleanaban leaba bhlàth
Air Craobh na Suain.
Fairidh mi thu gu dils gu tlàth
Le tàladh duain.
Cagaran seinnidhn duilleach min
Air Craobh na Suain,
A dhfhuadachadh o mluran crion
Gach broins gach bruain.

Caol-chuairsgein airgid na h-og luain
Ni long do mghaol.
A shnàmh gu reidh air Muir na Suain
Mun cuairt an saoghl.
S aig crioch do chuairt feadh reul nan neamh,
Bho Mhuir na Suain,
Thig thu gu tir am uchd gu sèamh,
Mannsachd is muan!


Iadsan a Phaigh.

Rob Mac Gille-mhoire, am Beighen Iar.
Bean Neill Mhic Leoid, Jubilee P. O.
Lachuinn Mac Gille-mhaoil, Loch Ainslie.
Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath.
Iain Mac Coinnich, Beechmont .
Aonghas Domhnullach, Abhainn a Tuath.
An t-Urr. D. M. Mac Eamuinn, Sidni.
Padruig Mac Gille-mhaoil, Gleann Ainslie.
Seumas Mac Aoidh, Beinn a Mharmoir.
A. V. Mac Gillebhràth, Seana Bhridgeport
Iain M. Domhnullach, Stellarton , N. S.
Alasdair D. Domhnullach, Glenroy , N. S.
An t-Urr. Iain Siosal, Pictou , N. S.
Iain Mac Fhionghain, Allt-a- Bhàillidh, N. S.
Iain I. Siosal, Pictou , N. S.
Alasdair Sutharlan, Diamond , N. S.
Murchadh Mac-a- Ghobha, Belfast , E. P. I.
D. Mac Neacail, Commercial Cross, E. P. I.
An t-Urr. Donnacha Mac Leoid, Milan , Que
Domhnull I. Domhnullach, Milan , Que
Murchadh Ros, Montreal , Que
Ceit F. Nic Leoid, Peveril , Que
Padruig Mac-an-t- Saoir, Presque Isle, Ont.
Calum Mac-a- Phi, Belleville , Ont.
A. A. Dùghlach, Victoria Mines, Ont.
Iain Mac Thearlaich, Ottawa , Ont.
R. I. Domhnullach, Bridge End, Ont.
Domhnull Mac-a- Ghobha, Duntroon , Ont.
Dughall I. Caimbeul, Toronto , Ont.
An Senator Cox, Toronto , Ont.
Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont.
Iain Mac Gille-mhoire, Dunbheagain, Ont.
Padruig Crabhart, Mitchell ’s Bay, Ont.
Iain F . Mac-a- Ghobha, Fort Steele, B. C.
An t-Urr. P. R. Cunningham, Bear Lake.
Calum I Mac Leoid, Rockport , Mass.
Domhnull Calldanach, Butte , Mont.
Theodore Napier, Duneideann, Alba.


Sop as Gach Seid.

Tha na doill nas lionmhoire anns an Spainn, an Norway, agus an Eirinn na tha iad ann an dùthaich Eorpach sam bith eile. Anns an Spainn tha da cheud us sia deug as gach ceud mile dhen t-sluagh dall, ann an Norway da cheud us ochd, agus ann an Eirinn ceudsa h-aon deug.

BAILE GLAN— ’S em bailes glaine tha air an t-saoghal baile Bhrock, anns an Olaint. Than sluagh a thann cho glan nan doighs nach fuiling iad uiread us each air na sràidean. Tha da mhiles seachd ceud sluaigh ann, aguss in obair ris am bheil a mhor chuid dhiubh, adeanamh càise.

BHA IAD SABHAILTETha easbuig a tha saoithreachadh am measg nan Innseanach anns na Staidean an Iar ag innse na sgeul a leanas: “Bha seirbhis gu bhi agam aon latha faisg air baile beag Innseanach. Bha mi fuireach comhla ris a cheann-fheadhna, agus bha mo chuid aodaich us innsridh eile anns a champ aige. Nuair a bha mi dol a mach, dhfheoraich mi dheth am biodh e sàbhailtem fàgail ann gus an tillinn on t-seirbhis. ‘Bithidh, gu dearbh,’ ars esan; ‘chan eil duine geal nas fhaisge na cead mile oirnn! ’”

LAGH NEONACHTha lagh neonach aca anns aGhréig a thaobh daoine bhios air am faotainn ciontach de ghniomh a tha toillteanach air bàs. Nuair a theid duiue dhiteadh, feumaidh da bhliadhna dhol seachad mum bi e air a chur gu bàs.


TEINE MOR LUNNUINNBe an teine mor a bha ann an Lunnuinnsa bhliadhna 1666, an teine bu sgriosaile bha riamh air an t-saoghail o làithean Shodoim agus Ghomorrah. Bha ceithir mile deug taigh, eadar bheag us mhor, air an losgadh, agus bha ceithir cheud sràid air am fàsachadh. Dhfhàgadh da cheud mile pearsa gun dachaidh, agus chailleadh mu mhile beatha. Bfhiach na chaidh a losgadh uile gu leir da fhichead millein dolair; agus feumar a chuimhneachadh gu robh an uiread sin do dhairgeid moran na bu luachmhoiresan àm sin na tha e an diugh. Ach ged a rinn an teine call, bha ena bheannachd mor don bhaile. Bha a phlàigh ann fad àireamh bhliadhnaichean roimhe sin, agus ghlan an teine as i mar nach gabhadh deanamh air doigh sam bith eile.


SGEULA-BAIS CZOLGOSZChaidh Leon Czolgosz a chur gu bas a reir binn an lagha, ann am priosanAuburn , N. Y. ,maduinn Di-màirt sa chaidh. Bannsa chathair electric a chuireadh crioch air, oirse sin an dòigh bàis a tha lagh staid New York ag òrduchadh. An deigh a bhàis bha a chorp air a losgadh, agus chuireadh a chuid aodaich agus gach ni a bhuineadh dha as an rathad air an dòigh cheudna. Fhadsa bha am mortair anns a phriosan, thainig àireamh mhor litrichean ga ionnsuidh leis a phosta, a bharrachd air bascaidean us bocsaichean làn de mheasan, de bhiadh blasdas de nithean eile air son a bheathasa phriosan a dheanamh na bu toilichte. Cha robh ni dhiubh sin air a thoirt dha; bha iad air an losgadh, agus mar sin chan eil snàithnean aodaich no bideag paipear a bha mu thimchioll ri fhaotainn. Tha luchd cumail a phriosain ag radh nan rachadh ainmeannan na feadhnach a bha cur nan gibhtean ga ionnsuidh a dheanamh follaiseach gun cuireadh e ioghnadh nach bu bheag air an t-saoghal.

SGIORRADH DAGAThachair droch sgiorradh ann an Glace Bay Di-domhnaich so chaidh. Bha gille le Iain Mac Neill a cleasachd le daga, agus air do nighinn a bhasa choimhearsnachd tighinn a stigh, chaidh e ma bfhior a losgadh oirre, an dùil nach robh urchair san daga idir. Ach bha urchair innte, ’s dhfhalbh i, agus chaidh am peilear an sàs ann an leth-cheann na h-ighinn, a deanamh leònadh cunnartach oirre. An cùnntas mu dheireadh a fhuair sinne, bha am peilear gun fhaotainn, agus bha an nighean a fulang moran cràidh, ach cha robh eagal sam bith air na lighichean gun rachadh a beatha ann an cunnart.

AIMHREIT MHASLACHAnns na Staidean a Deas, tha droch ghamhlas aig na daoine geala do na daoine dubha, mar a tha iad gu tric a nochdadh. La na Sàbaid sa chaidh bha aimhreit uamhasach eatorra ann am Balltown, an Louisiana. Bha aon duine geal air a mharbhadh, ’s fhuair dithis eile leòin bhàsmhor; agus bha naodhnar dhe na daoine dubha air am marbhadh, ’s deich no dusan eile air an leònadh cho donas nach tig iad uaithe. Thòisich an aimhreit aig eaglais anns an robh na daoine dubha ag aoradh. Biad na daoine geala thòisich.


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM-CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m.Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAR.

[Clàr - ama]


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY.
NOW
MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI., - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.



[128]

[Vol . 10. No. 17. p. 8]

Iomram Bean-na-bainnse.

LE MRS. K. W. GRANT.

FONN— “Piobaireachd Dhomhnuill Duibh.”

Dùbh-ghorm an t-iar-chuan
Fo ghuirme nan speuran;
Gaoth mhor an ear-thuath
Le fuar-fhead aseideadh;
Tonnan aluasgadh
Fo bhuaireas abeucadh;
Eoin-mhara luaineach
Mun cuairt orrag eigheach.

Faic, feadh nam bàth-thonn,
Atearnadhs adireadh,
Bàtag a sàruchadh,
S fhada o thir i!
Féitheach na gàirdeana,
Calma na daoine
Tha nis ann an gàbhadh
A sireadh achaolais!

Faic anns an deireadh,
Le a maighdean air chomhlath,
Ribhinn nan eileana,
Màiri nighn Donuil;
Air Raonull a h-aire,
A dochas atraoghadh,—
Mo thruaigh, bidh ar banais
Measg ròd agus fhaochag!’

Smiorail na gillean,
Is tàireil leo striochdadh,
Ach spionnadh na gaillinn
Bheir barrachds an stri so:
Cho dlùth air amhor-thir,
An sealladh an càirdean,
Gun lùgh tha na h-oig-fhir
Air ùrlar abhàta!

Ràmh ghlac na h-oighean
S gach dornagn an àite;—
Suas leathaMhorag,
A ghràidh!” arsa Màiri:
Suas i don chamus
Air bharra nam bàirlinn!—
Sàbhailts a chala
Tha Raonull is Màiri!

Choisinn an t-òran so an duais a bàirde bha air a toirt seachad air son bàrdachd Ghàilig aig Mòd aChomuinn Ghàidhealaich, air a mhios a dhfhalbh.


Maduinn Earraich.

LE NIALL ROS.

Nach aoidheil tiorail fuaim nam fras
An doire chaoil nan geug;
Gach boinne min a tuiteam bras
Le lainnir lith nan leug,
Ag uisgeachadh nam meanglan og’,
Sg an tabhairt beo bhon eug.

Bi iomradh buan aig fuinn is dàin
Mu sgèimh nan earrach ùr;
Mun neoinean bheag, ’s mun t-sobhraich bhàin,
Len cuailean làn gun smùr;
Mu bhrog-na-cuthaig feadh nam bruach,
S mu dhochas cluain nam flùr.

Tha bith na beathabriosgadh beo
An tos an earraich nuaidh;
Tha blàths na gréin ag aiseag deo
Don talamh reodhta, chruaidh,
Sa claoidh nan sian gun dreach gun loinn,
A thug achoill fodh bhuaidh.

Nach sunndach mireag lùthmhor, luath
Nan uan air srath an fheoir;
A cluichs a gleachd le gean gun fhuath,
A chionn gun dfhuair iad treoir,
Bho àrach fial abhainne bhlàth;
S am màthraicheann an coir.

Than spreidh a direadh slios nam beann
S am buachaille rin ceum;
Oir ghabh iad frith nan àrd fon ceann
Is ghabh iad cead len geum
Den àlach shios an gleann nan lòn,
Laoidh ogaruiths a leum.

Nach tùrail a ni eoin nan speur
An nid fodh sgàil nam bruach;
Tha cannach, cointeach agus feur,
Cho grinn an dlùths nan cuach,
Gu seomraichean don teaghlach og,
A chunntair mor an luach.

Than t-seisreach bheartaichtes a chluain
A treabhadh fod an fhuinn;
Gu direach, reidh, mar thuinn achuain,
Than talamh dearg fom buinn;
Than fhaoilinn bhàn, is breac-an-t- sil
A leantuinn sgriob achroinn.

Mar cheol am bruadar sèimh nam bàrd,
Tha torman tiorail, binn
Nan allt o shliabh nam fireach àrd
A tearnadh troimh na glinn;
Is lainnir eisg, air fiamh an oir,
Fodh scorr nan glunag cruinn.

Mar chrùn nan seud is àille snuadh
A sgeadaich ceann an righ,
S amhaduinn seolaidh ceo nan stuadh
Air tulaich fhuair nam frith,
Mar choron boillsgeach anns aghrein,
No leug is boidhche lith.

Cia sgiamhach lùb abhogha-frois
Buan-earlas grinn na bàigh;
Gach dathna chuairt mu leud na bois;
Thaghlaic tharr bheinn is tràigh;
S an gorm nan speur tha loinn a sgèimh
Mar phaidir neamhnuid àigh.

Is ghleus an uiseag luinneag shuas
Feadh bogha-frois nan neul;
A h-oran thug fo chis mo chluas,
Oir bha i nuadhn a sgeul;
Is chuir i solasn a mo chridh
Le righ nam port-a- beul.

Tha cuimhne throm nam bliadhna dhfhalbh
A toirt nan deur gu mghruaidh;
Than dochas àrd nach fuirich balbh
A lasadh eud na buaidh;
Tha bith na beathabriosgadh beo
An tos an earraich nuaidh.

Thug Comunn Catach Ghlascho seachad tri duaisean air son nan tri òrain a bfhearr a rachadh a dheanamh do Mhaduinn Earraich, agusse so an t-òran a choisinn an duais a bàirde. Cha be so idir a cheud duais a fhuair an t-ùghdar; tha ainm ri fhaicinn am measg luchd-cosnaidh nan duaisean aig a Mhòd na h-uile bliadhna. Buinidh e doEilean gorm a Cheò,” agus mar sin chan ioghnadh ged a bhiodh tomhas mor de spiorad na bàrdachd aige.


Fhleasgaich Uir, Leanainn Thu.

SEISD
Fhleasgaich ùir, leanainn thù,
Fhir achùil bhoidhich;
Fhleasgaich ùir, leanainn thù.

S mi gun rachadh ad choinnimh,
Air mo bhonnaibh gun bhrogan.
Fhleasgaich ùir, &c

Air bonnadh mo chasan,
Ged bhiodh clachan gan stroiceadh.

Ged bhiodh reothadh ro chruaidh ann,
S sneachda fuar air amhointich.

Fhir nan camagan donna,
Rinn mi coinneamh gle og riut.

Fhir nan calpa geal, gasda,
Tharruinn dastair troimhn mhointich.

Fuil abhruic air do léine,
S fuil an fhéidh air do chota.

Fuil an laoigh bhric, bhallaich,
Mar bhannaibh mu ddhornaibh.

S mi gun siùbhladh Gleann Raoill leat,
Agus da thaobh Loch Lòchaidh.

Dhfhalbhainn air muir no aittir leat,
Gu ruig crioch na Roinn-Eorpa.

Ged nach leat mim bliadhna,
S tric a dhiarr thu mo phog orm.

Cha bhi mi ga dchàineadh
Gar an dàn dhomh do phosadh.

Ach guidheam gu slàn thu
Gach fhads is beo mi.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


NUAIR A BHIOS TU.. ..
ag uidheamachadh taighe
tha cothrom agad air leigeil fhaicinn cho grinns is aithne dhuit a dheanamh, mar sin a cosnadh meas do chairdean, agus a toirt toilinntinn dhut fhein. Anns a bhuth againne tha cothrom agad air na bhios a dhith ort a roghnachadh a stoc airneis a tha ur agus fasanta, agus air a dheagh dheanamh. Tha sinn a creic airneis seomar-suidhecoig piosanair $35 .00.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT,
Manger, Charlotte St.


Bathar Teine.

Bathar a chaidh a shabhaladh on teineiomadh seorsabeagan dhe na h-uile rud. Bidh e air a chreic Saor, Saor!!

Tha aireamh de dheiseachans de chotaichean-uachdair againn a fhreagras air daoine mora.

Tha iad againn cho ard ri No. 44.

Mills , MacKenzie & Ross.
Air an t-Seann Laraich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 17
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 17. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page