[Vol . 10. No. 18. p. 1]
MAC-TALLA
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 15, 1901. No. 18.
Facal do na Mnathan Posda.
LITIR IX.
FHIR MO CHRIDHE—Tha e coltach gu bheil na litrichean a tha mi sgriobhadh ugaibh o àm gu àm, air an leughadh le mor aire air feadh gach cearn de ’n dùthaich. Tha e coltach mar an ceudna gu bheil cuid de na fir-phòsda a’ gabhail fadachd nach ’eil mi ’toirt ruith chàinidh air an cuid ban. Bu mhiann leam gu ’n tuigeadh na fir so nach ’eil mi a’ càineadh duine sam bith. Tha mi comharrachadh a mach an uilc, agus toirt comhairle na corach air gach neach ris am bheil mi labhairt. Tha dealachadh mor eadar a bhith ’toirt comhairle seachad agus a bhith càineadh muinntir. Aon ni a th’ agam ri ràdh riutha their mi riutha e ann an clar an aodainn. Tha ’n cuid fhein de ’n fhìrinn a feitheamh air na fir-phòsda. Cha ruig iad a leas a bhith ’n dùil gu bheil iad saor o mhearachd. ’S iad nach ’eil. Tha ’n cuid fhein aca de na bheil a dh’ olc a’ dol cho math s’ a th’ aig muinntir eile. Tha aon ni a dh’ fheumas mi thoirt air aghaidh anns an litir so, is e sin gu bheil cuid de na fir a tha ’gearain air an cuid ban. Ma tha gus nach ’eil aobhar aca air a bhith deanamh so tha iad ris. Is math leam fhein a bhith ann an reite ris na mnathan, oir is e te dhiubh aon neach a b’ fhearr dhomh, ’s bu mho a rinn air mo shon a sheas ann am bròig. Cha ’n ’eil e ’na chomharradh math air muinntir an uair a dh’ fheumar a bhith g’ am brosnachadh an drasda ’s a rithist a chum gu ’n dian iad an dleasdanais do chàch a chéile.
Ciod sam bith doigh air an d’ fhuaradh a mach co mise, sgriobh dithis no triuir a’ m’ ionnsuidh ag iarraidh orm iomradh a thoirt air mar a bha na mnathan a’ cur dragh orra. Chuir dithis litrichean a’ m’ ionnsuidh, agus dh’ iarr iad orm an cur ’s a’ phaipeir. O ’n tha mi meas nach ’eil e chum cron sam bith na litrichean so a dheanamh aithnichte, tha mi nis g’ an cur do ’r n-ionnsuidh. Tha cheud fhear dhiubh a’ gearain gu ’n d’ fhàs a bhean coma dhith fhéin o ’n a phòs e i. Tha toil aige an litir a chur ’s a’ phaipeir facal air an fhacal, agus ’na ainm fhéin. So agaibh i:—
“FHIR A’ PHAIPEIR,— ’S ann agam fhéin a tha ’n aon bhean a’s fhearr a bh’ aig duine riamh. Tha i modhail, umhail, glic, ciallach, deanadach gu leor. Cha chualas i riamh a’ trod ri nàbuidh no ri ban-nàbuidh. Cha mho chithear air chéilidh nan tighean i. Nach ’eil sin math? Tha; ach tha aon chron agam oirre, agus cha ’n urrainn mi gu ’n innse dhuit; ’s e sin, cha ’n ’eil i ga cumail fhéin cho grinn, glan, sgiobalta’s bu mhath leam. Cha robh sinn leth bhliadhna pòsda ’nuair a chunnaic mi gu ’n d’ fhàs i car mi-chùramach mu i-fhéin a chumail cho glan, sgiobalta ’s bu choir do mhnaoi òig an tus a pisich a bhith. Bha leisge orm teannadh ri gearain oirre cho tràth, agus cha do leig mi dad orm. Coma leat, cha b’ ann a dol na b’ fhearr a bha cùisean an uair a fhuair sinn pàisde. Bhiodh i ’n comhnuidh ag obair air feadh an tighe ach an uair a bhiodh am pàisde na ’h-uchd. Bha so a’ toirt orm fuireach sàmhach. Mu dheireadh, ruith m’ fhoighidin a mach gu buileach ’s cha b’ urrainn mi cumail orm na b’ fhaide. Thairg mi ’n aire a thoirt do ’n phàisde fhad ’s a bhiodh i ’cur boiseag air a h-aodann, agus a’ toirt sgriob dhe ’n chìr air a ceann, air eagal gu ’n teannadh na coimhearsnaich ri bruidhinn oirre. Dh’ eisdeadh i gu bog, sàmhach rium, ach bhiodh i mar a bha i roimhe. Bha i riamh cho coir na nàdur ’s nach leigeadh mo chridhe leam gròcadh oirre, ged a bha fios agam nach robh i ’toirt sgriob dhe ’n chìr air a logaidh o Dhi-luain gu Di-sathairne. A’ dh’ innse na firinn bha e ’na bhriseadh air mo spiorad a bhith g’a faicinn an uair a thiginn dhachaidh am beul an anamoich ’s an droch logaidh ud oirre. Mhaoidh mi o chionn tri bliadhna gu ’n cuirinn a’ phaipear i mar a cumadh i i-fhéin an òrdugh mar a bha i deanamh mu ’n do phòs sinn. Ghabh i ’n t-eagal an uair sin, agus ghrios i rium gun mi a dheanamh sid air na chunnaic mi riamh, agus gu ’n deanadh ise a dichioll air mo chomhairle a ghabhail. Thug mi dàil dhi, ach tha ise mar a bha i ’n uiridh. Dé nis a ni mi? Direach an rud a tha mi deanamh—a h-ainm a chur ’s a’ phaipear. Nam faiceadh tusa i sid mu ’n do phòs mise i. Cha chuireadh tu do lamhan gun nighe innte. A gheamhradh ’s do shamhradh, moch is anamoch, is meadhon latha, no ge b’ e air bith uair a chithinn-sa thusa, a Mhairi; bhiodh do logaidh-sa ’cheart cho sleamhuinn ri botul! Bha duil agam an uair sin nach dealaicheadh an grinneas, agus a ghlainne, agus an sgiobaltachd rithe gus an tugadh a ceann snag. Saoil thu nach ’eil eagal orm gu ’m bi an nighean a’s sine a th’ agam—aois choig bliadhna—seachd uairean ni’s miosa na ’màthair. Ma dh’ fhaoidte an uair a thig mi dhachaidh o m’ obair ’s an fheasgar gu ’n tachair i orm aig an dorus le a ceann mor crasgach gun chìreadh. ’S ann a chuireas a ceann iomadh uair a’ m’ chuimhne a’ mhapaid a chunnaic mi aig an t-saor mhor a’ tearradh nam bàtaichean iasgaich! Ma chuireas am Freasdal teaghlach nighean a’ m’ luibsa, agus gu ’m bi iad uile na ’m mapaidean ’s docha nach fhaigh mi bhar mo lamh gu brath iad.
“Nis, cuiridh tu a h-uile lideadh dhe so ’s a phaipear. Ach air na chunnaic thu riamh na cuir m’ ainm sa aig bonn na litreach. Ma chuireas ’s docha, cho ciùin, seimh ’s gu robh Mairi riamh o ’n chuir mise eolas oirre, gu ’n gabh i seachd leumanan dhe ’n chuthach. ‘Is minic a thainig muir mhor á plumanaich.’ Tuigidh i gur i fhein a th’ ann, ach o nach tuig muinntir eile cha ghabh i cho olc e. Ma leughas i so leigidh mi fios ugad. O ’s ann ri radh riutsa e, tha té no dha de ’leithidean Mairi agamsa ’s a’ h-uile baile ’s dùthaich. —D’ fhior charaid, CALUM.”
Tha ’m fear eile a sgriobh ugam a’ gearain gu trom gu bheil a bhean aige air fàs anabarrach crosda o phòs iad. So an litir a chuir e ugam:—
A BHODAICH, A LAOCHAIN, —Is math a gheibhear aig a’ pheann thu. B’ fhearr leam fhin na bonn-a- sia agus toll ann gu ’n deanainn sgriobhadh cho math riut. Nan deanadh, ’s mise chuireadh an litir mhor, fhada thun a’ phaipeir mu ’n dòigh a th’ aig Anna o chionn ’dol a nis ’s an da bhliadhna. Nam biodh tu cho math ’s an litir so eile a chur do ’n phaipeir air mo son fhin, bhithinn anabarrach fada ’n ad’ chomain. Mur ’eil na facail air an litreachadh mar is coir dhaibh, cuiridh tu fhein ceart iad. Abair ri fear a’ phaipeir, o ’n is aithne dhuit e, nach ’eil diog anns an litir ach an dul fhirinn, agus gu seas mise ris a h-uile diog dheth ged a chuirte air mo mhionnan mi. Nis, ma chuireas tu ’n litir gu fear a’ phaipeir ann am ainm fhin mar tha mi ’g iarraidh ort bheir mi dhuit ceannach. —Is mi, ceann nan croisean, FIONNLADH.
“Gob-an-rudha, Latha Fheill-Micheil.”
“FHIR A’ PHAIPEIR, —Tha mi airson innse dhuibh gu bheil mi gle neo-fhoiseil ’nam inntinn o chionn iomadh latha. Mar nach d’ iarr am fortan orm thòisich mi ri deanamh suas ri Anna o chionn choig bliadhna. Ged is mor am facal ri ràdh e, cha robh te eile eadar da cheann na sgìreachd, agus, ged a theirinn e, eadar da cheann na dùthcha, cho eireachdail rithe an uair a chuir mi eolas oirre ’n toiseach. Agus, gus an fhìrinn a ràdh, cha ’n fhaicinn bean a dreach, tha mi smaointean, ged a shiubhlainn a h-uile sgriob eadar Taigh Iain Ghròt agus Maol-Chinntire. O ’n latha chuir mi eolas oirre ’n toiseach gus an d’ fhuair mi air dheas laimh i le òrdugh na cleire cha robh moran foise aig m’ inntinn. Bha ’n cridhe air chrith agam air eagal gu faigheadh fear eile greim oirre. Is iomadh oidhche dhorcha a bha mi muigh gu fliuch, fuar air a tàilleamh. Is iomadh lon agus lodan as an do chuir mi steall, a’ falbh mar gu ’m biodh cas-shiubhail-an-t- sleibhe ann, coig mìle tarsuinn a’ mhonaidh da uair ’s an t-seachdain ga faicinn. Agus an uair a gheibhinn, mar is minic a fhuair, tiotadh dhe ’comhradh taitneach aig taobh an teine, no aig an dorus an àm a bhith fagail slàn aice, dh’ fhalbhainn cho sunndach ’s cho lugha sgios ri mac màthar a bha eadar da cheann na dùthcha. Thuirt neach is neach rium gu robh i car cas, crosda, ach cha tugainn geill sam bith do ’m briathran. B’ e mo bheachd nach robh annta ach luchd-tuaileis a bh’ air son cur eadrainn. Coma co-dhiu, phòs sinn, agus bha banais mhor, eibhinn, aighearach againn. Ach cha robh sinn fada pòsda an uair a leig Anna an cat as a’ phoca. An uair a ghabhadh i ’chaiseanachd shaoileadh sibh gu rachadh i ’na sradaidhean a mach air an luidheir. Tha i, mar a tha fhios aig na coimhearsnaich, a cheart cho cas ri mac Iain Chaim. Ciod e th’ agam air ach gu feum mi bhith cho umhail dhi ris an luchaig fo spògan a’ chait. Cha do throid sinn riamh fhathast, ’se sin, cha do throid mise rithe-se ged is iomadh uair a throid ise riumsa. Tha mi fhein gu nadurra an geall air an t sith. Is beag orm fir is mnathan a bhith ’g itheadh ’s a’ clamhadh a cheile. Bha i sid latha ’deanamh an ime (agus gu cinnteach tha ’n t-urram aice gu sin a dheanamh), agus thachair nach deachaidh gach m leatha cho math ’s a b’ àbhaist. An uair a thainig mi dhachaidh anns an fheasgar dh’ aithnich mi air a cheud shealladh a chunnaic mi dhi gu ’m b’ fhearr dhomh an aire mhath a thoirt ciod a theirinn ’s a dheanainn. Coma leat, thraogh i as an fheirg, agus mu ’n deachaidh sinn a laidhe shaoileadh neach sam bith nach fhaca riamh i gur i aon te cho ciùin, ceanalta ’s a
[Vol . 10. No. 18. p. 2]
gheibhte eadar da cheann na dùthcha. Thuirt mi fhein as mo ghuth taimh, ‘Anna, a ghràidh nam ban, nach neonach leam thu fhein a bhith cho cas ’s a tha thu. Nach mor a b’ fhearr dhuit a bhith siobhalta, ciùin, caoimhneil riumsa, mar a bha thu mu ’n do phòs sinn. Nan robh fhios agam gu robh thu cho cas ’s a tha thu cha do phòs mi fhathast thu. An ainm an fhortain cuir stamhnadh air do theangaidh, air neo mur cuir “bithidh sinn le cheile ainmeil anns an dùthaich.’ Ciod a tha agam air ach gu ’n do theab i m’ ithe beò. Ghabh i leithid de bhrath orm a nis ’s nach ’eil rathad agam air m’ àite fhein a sheasamh ni ’s fhaide ann am thaigh fhein. Ge b’ e air bith ni a chuireas dragh oirre ’s ann ormsa a tha i g’a dhioghladh. Nan robh fios agam ciod an doigh air an gabhadh a chaiseanachd toirt aisde, dh’ fheuchainn an doigh sin; ach cha ’n ’eil sin agam. Faodaidh e bhith gu bheil fear is fear eile a’ fulang a cheart ni a tha cur dragha ormsa. Ma tha, agus gu ’n d’ fhuair iad leigheas air a’ ghalar leigeadh iad fios ugamsa, agus bidh mi ’nan comain ri m’ bheò. —Is mi chulaidh-thruais,
“FIONNLADH MAC—— .”
A reir coltais tha ’n duine bochd so air a chur thuige gu mor le crosdachd na mna, ach tha eagal orm nach ruig e leas dùil a bhith aige ri chaochladh fhad ’s is beò e. Nan do chum e fo smachd i an uair a phòs iad, ma dh’ fhaoidte gu robh e ’n diugh mar nach ’eil e. Tha eagal orm gu ’n d’ fhuair i tuilleadh ’s a’ choir de ’toil fhein anns a’ cheud dol a mach. Mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh;—
“An leann a rinn thu g’ ad dheoin
Ol do leor g’ ad aindeoin deth.”
Is mi, &c .,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
A’ Chathair Fhalamh.
(Eadar-theangaichte o’n Bheurla le IAIN).
CAIB. II.
C’ AIT’ am bheil Tomas, a Sheonaid?” arsa Padraig; “am faca h-aon dhibh e?” Agus, gun fheitheamh ri freagairt fhaotainn, thuirt e, “Cia mar a tha e comasach gu ’m biodh e air falbh aig a’ leithid so a dh’ àm? Agus air a leithid so a latha cuideachd? Gabhaibh mo leithsgeul, a chàirdean, car beagan mhionaidean gus an toir mi ceum am mach feuch am faic mi e. Riamh o ’n a thòisich mi ri cumail an latha so, mar a tha fhios aig gu leor dhibh, bhiodh e ’n comhnuidh ’na shuidhe aig mo dheas laimh anns a’ cheart chathair so; agus cha ’n urrainn mi smaointean gur còir dhuinn tòiseachadh ri ar dinnear fhad ’s a chi mi a’ chathair falamh.”
“Mur ’eil a dh’ fhuireach oirbh gun tòiseachadh ach duine ’shuidhe anns a’ chathair, suidhidh mise innte gus an tig Tomas,” arsa cabairneach de thuathanach òg do ’m b’ ainm Mac Iain.
“Cha ’n ’eil thu fhathast ’nad athair, a dhuine òig,” arsa Padraig ’s e ’falbh am mach as an t-seòmar.
Chaidh mionaid an deigh mionaid seachad, ach cha robh Padraig a’ tilleadh. Thòisich na h-aoidhean ri fàs acrach, feargach, gruamach, am feadh ’s a bha ’n deadh dhinnear air a’ bhòrd mu ’n coinneamh ’s i ’dol o fheum. Bha bean Phadraig, agus i ’na boirionnach cho math nàdar ’s a b’ urrainn a bhith, a’ feuchainn mar a b’ fhearr a b’ urrainn i ris an ùine chur seachad cho taitneach ’s a ghabhadh deanamh, a chum na h-aoidhean a chumail o ghabhail fadachd, agus o fhàs ro mhi-thoilichte.
“Tha Padraig cho dona ri Tomas fhein,” ars’ ise, “an uair a chaidh e mach air a thòir agus fios aige gu ’n rachadh an dinnear a dholaidh. Is math a bha fhios aig Tomas gu ’m biodh i deiseil aig an uair gun mhionaid air no dheth. Cha ’n ’eil e mothachail no caoimhneil dhaibh a bhith ’cumail dhaoine ’gam feitheamh air an doigh so.
Sheall i air nighinn òig dhreachair mu aois sheachd bliadhna deug a bha ’na suidhe ri taobh, agus dh’ fheoraich i dhi am fac’ i Tomas.
Dh’ fhàs aghaidh na h-ighinn dearg. Thug a’ cheisd fuasgladh do na deòir a bha ’cruinneachadh ’na sùilean, —na h-aon sùilean bu bhriagha a bh’ anns an t-seòmar, —agus fhreagair i gu beag, agus thuirt i “Cha ’n fhaca.” Cha chuala duine dhe na bh’ anns an t-seòmar ciod a thubhairt i ach bean Phadraig.
Chuir i aon an deigh aon de ’n chloinn a dh’ amharc am mach feuch am faiceadh no ’n cluinneadh iad an athair no am bràthair a’ tighinn; ach cha robh iad ri ’m faicinn no ri ’n cluinntinn. Cha robh ri chluinntinn ach fuaim is osnaich throm na gaoithe.
Chaidh uair an deigh uair seachad, ach cha d’ thainig Tomas no Padraig. Thug bean Phadraig an aire mu dheireadh gu ’n robh cuid dhe na h-aoidhean bu mhò asda fhein a’ bagradh falbh dhachaidh, agus thuirt i nach b’ urrainn i thuigsinn ciod a bha ’cumail Thomais agus ’athar air falbh cho fada, agus nach d’ rinn iad a leithid riamh roimhe. Cha robh fhios aice, thuirt i, cia mar a ghabhadh i an leithsgeul ris na h-aoidhean air son mar a rinn iad orra; ach o ’n a bha ’n ùine dol seachad, ghuidh i orra tòiseachadh ri gabhail a’ bhìdh gun tuilleadh dàlach.
An uair a chuala na h-aoidhean so, cha d’ iarr iad an dara cuireadh. Thainig coltas aoidh orra gu léir, agus thoisich gach feòil is sithionn, agus gach biadh math eile a bh’ air a’ bhòrd ri dhol as an t-sealladh gu luath. Fad ùine glé ghoirid bha bean Phadraig mar gu ’m biodh i air am bròn ’s an smuairinn a bh’ air a cridhe a leigeadh air dichuimhn. Ach bha osnaich na h-ighinn òig a bh’ aig a h-uilinn ’g a cur fo chùram. Thug i sùil air ceann shuas a’ bhùird, agus thug i an aire gu ’n robh na cathraichean air am biodh Padraig is Tomas ’nan suidhe falamh. Thuit a cridhe gu trom an taobh a staigh dhi; dhùisg gràdh na màthar ro laidir ’na cridhe. Dh’ éirich i o ’n bhòrd, agus thuirt i ’s i coiseachd gu cabhagach thun an doruis, “Ciod air an t-saoghal is ciall da so?”
Thachair Padraig rithe am muigh aig an dorus. “C’ ait an robh thu, Phadraig? Am fac’ thu Tomas idir?”
“Cha ’n fhaca, cha ’n fhaca. An d’ thainig e fhathast idir?”
Thug e sùil mhuladach rathad a’ bhùird, agus an uair a chunnaic e a’ chathair fhalamh, chaidh a bhilean air chrith, agus stad a theanga na bheul, agus cha robh e ’n comas dha facal a ràdh.
Mu dheireadh thuirt e, “Gu ’n tugadh Ni Math mathanas dhomh! agus a leithid so de latha cha ’n iarrainn mo nàmhaid a bhith muigh ris! Bha mi shìos is shuas anns gach àite anns an saoilinn am bitheadh e, ach cha ’n fhaca ’s cha chuala duine beò guth no iomradh m’ a dheidhinn. Gabhaidh sibh mo leithsgeil, a nàbuidhean. Feumaidh mi bhith falbh a rithist, oir cha ’n urrainn mi fois a ghabhail,” ars’ esan ’s e gabhail am mach as an taigh.
Am measg na cuideachd bha Sasunnach do ’m b’ ainm Adam Bell. An uair a chunnaic e mar a bha cùisean, thuirt e, “Tha mise ’tuigsinn orm fhin, a chàirdean, gu ’m bheil cridhe athar a cheart cho furasda ghortachadh ri clach na sùl, agus tha mi ’smaointean gu ’m bu chòir dhuinn ar co-fhaireachadh agus ar meas a nochdadh do ar deagh nàbuidh le grad fhalbh le ar cuid each g’a chuideachadh a dh’ iarraidh a mhic. Oir, a reir mo bharail-sa, feumaidh gur e ni eiginn neo-chumanta a tha ’cumail Thomais gun a bhith an so maide ruinn. Tha fhios againn nach b’ e olc sam bith a bh’ ann fhein a thug air falbh e. Cha ’n ’eil mealladh sam bith ann ar beanntan ann an rathad eile. A bharrachd air sin, tha ’n stoirm mhor ann,” ars’ esan ’s e labhairt gu beag.
Thoisich bean Phadraig ri fàsgadh nan dòrn, agus thuirt i, “Oh! bha mi ag aithneachadh o chionn iomadh latha gu ’n robh so gu tighinn orm. Bha mo cheann ’na thuaindealaich le sonas, ach bha smaointeanan a’ tighinn orm gun fhios domh mar gu ’n tigeadh spioradan, agus bha faireachdainean ag eirigh ’nam chridhe nach robh mi ’tuigsinn; ach tha mi ’gan tuigsinn a nis! Tha Tomas, mo ghradh-sa, aobhar uaill mo chridhe, agus ceud chuideachadh mo theaghlaich—air a chall—air a chall dhomhsa gu bràth!”
“Tha fhios agamsa, a bhean Phadraig,” ars’ Adam Bell, “gu ’m bheil e furasda gu leòr do dhaoine nach d’ fhairich bròn comhairle a thoirt air daoine eile iad a bhith foighidneach. Ach aig a’ cheart àm, tha sluagh mar a tha sinne glé bhuailteach air am beachd a’s miosa a ghabhail air a h-uile mi-fhortan a thig ’nar rathad. Chuala mi m’ athair iomadh uair ag ràdh, agus thug mi fhin an aire dha gu math tric, gu ’m bheil rudeigin neo-ghnàthach a’ tighinn gu cridhe ’s gu inntinn dhaoine, mar gu ’n tigeadh neul eadar sinn ’s a’ ghrian, an uair a tha tubaistean gu tachairt ruinn. Tha e mar gu ’m biodh guth balbh a’ tighinn do ’r n-ionnsuidh as an t-saoghal eile. Agus ged a tha dòchas agam nach ’eil tubaist sam bith gu tighinn an rathad an taighe so, gidheadh, mar a thuirt sibhse, an uair a gheibh mise mo cheann a’ fàs aotrom, mar gu ’m b’ eadh, le sòlas, cuimhnichidh mi air na briathran a chuala mi gu math tric aig mo mhàthair, a bhean bhochd. ‘A chlann, a chlann,’ theireadh i, ‘tha tuilleadh ’s a’ chòir de sheinn ’nur cinn a’ nochd: thig fras oirnn roimh àm cadail.’ Agus cha ’n fhaca mi riamh o rugadh mi a’ chùis air atharrachadh.”
Nam b’ e àm sam bith eile bhiodh ann, dh’ eisdeadh a chuideachd gu foighidneach ris na bh’ aig Adam Bell ri ràdh mu na faireachaidhean a tha daoine ’faotainn, agus bheireadh iad greis air labhairt mu gach bruadar agus manadh agus faireachadh a chunnaic iad gu léir, agus a bha air an aithris a nuas o linn gu linn leis na daoine o ’n d’ thàinig iad. Ach anns an àm bha iad a’ cur an comhairle ri chéile a thaobh ciod na rathaidean bu chòir dhaibh a ghabhail a’ dol air thòir Thomais.
An ùine ghearr bha dà mharcaiche dheug, agus sianar no seachdnar dha ’n cois, air falbh air thòir Thomais. Ghabh iad caochladh rathaidean. Bha ’n oidhche air tuiteam an uair a dh’ fhalbh iad, agus bha coltas gu ’m biodh an oidhche gu math fliuch agus dorcha.
Bha na mnathan agus na h-igheanan aig na fir a dh’ fhalbh air thòir Thomais a staigh a’ cumail cuideachd ri bean Phadraig. Bhiodh i an darna h-uair a’ teannachadh na cloinne ri a h-uchd ’s iad a’ caoineadh gu goirt, agus an uair eile bhiodh i ag iarraidh orra fuireach samhach, agus nach biodh fada gus an tigeadh am bràthair dhachaidh. Aig a cheart àm bhiodh na deòir a’ sruthadh sios le a gruaidhean fhein, agus bha an leanabh a bha ’na h-uchd a’ caoineadh a chionn gu ’n robh a mhàthair a’ caoineadh.
Bha na càirdean gu léir a’ deanamh na b’ urrainn daibh a chum misneach a thoirt dhi, agus na’n deanadh comhradh deas-bhriathrach agus comhairlean glice feum anns an àm, bha am pailteas aicese dhiubh.
[Vol . 10. No. 18. p. 3]
Ach bha aon ’nam measg nach dubhairt aon fhacal. B’ i so Ealasaid, nighean Adam Bell, a bha ’na suidhe aig a’ bhòrd aig an dinnear ri taobh bean an taighe. Bha i aig an àm so ’na suidhe ann an oisinn leatha fhein, agus a neapaiginn ri a sùilean ’s i ’caoidh gu trom; agus an dràsta ’s a rithist dheanadh i osna a chluinnteadh air feadh an t-seòmair gu léir, agus bha mhuinntir òg a bha staigh a’ bruidhinn m’ a deidhinn eatorra fhein.
Chaidh bean an taighe far an robh i, agus an uair a rug i air laimh oirre gu teò-chridheach ’na dà laimh, thuirt i, “Oh cheisd! a cheisd! tha d’ osnaich a’ dol troimh m’ chridhe mar gu ’m biodh sgian ann! Agus ciod is urrainn domhsa a dheanamh a chum comhfhurtachd a thoirt dhut? So, so, Ealasaid, mo ghràdh bòidheach, cumamaid suas ar cridhe agus biodh dòchas laidir againn. Tha thu ’faicinn màthair bhrònach mil do choinneamh! màthair aig an robh dòchas làidir gu ’m faiceadh i thusa agus—cha ’n urrainn mi bruidhinn air! —is olc is aithhe dhomh comhfhurtachd a thoirt seachad, an uair a tha mo chridhe fhìn coltach ri amhuinn! Ach oh! feuchamaid ris na briathran beannaichte so a chumail ’nar cuimhne, ‘An ti a ghràdhaichear leis an Tighearna, smachdaichidh e e.’ Agus biomaid a’ guidhe gu ’n tugadh Dia dhuinn neart gus a ràdh, ‘Do thoil biodh deante. ’”
(Ri leantuinn).
Sgeulachdan Arabianach.
MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL.
CAIB. VI.
AN uair a thainig Abou Hasan as a’ chlosaid threoraich Mesrour e do sheomar maiseach far an robh gach seorsa bidh a b’ fhearr na cheile ann am pailteas air a’ bhord. Aig a’ cheart am thoisich an luchd-seinn agus an luchd-ciuil ri seinn ’s ri cluich air a leithid de dhoigh ’s gu ’n robh gairdeachas mor air. Cha robh fhios aige ciod a theireadh no ’dheanamh e. “Ma ’s e bruadar a tha ’n so, is e bruadar gle fhada ’th’ ann,” ars’ esan. “Ach cha ’n e bruadar a th’ ann, idir; oir tha mi ’faicinn ’s a’ faireachadh, a’ coiseachd agus a’ cluinntinn, agus a’ bruidhinn gu reusanta. Ciod sam bith rud a th’ ann, tha mi ’cur m’ earbsa ann an Dia. Ach an deigh a h-uile rud, cha ’n urrainn mi gun a bhith ’creidsinn gur mi Ceannard nan Creidmheach, oir cha ’n urrainn neach sam bith eile a bhith air a chuartachadh le leithid so de ghreadhnachas. Tha’n t-urram agus am meas a tha mi ’faotainn, agus an umhlachd a tha iad a’ toirt do gach aithne a tha mi ’toirt seachad, a’ dearbhadh so dhomh gu soilleir.”
A dh’ aon fhacal, bha Abou Hasan a’ creidsinn gu ’m b’ e fhein Ceannard nan Creidmheach. Agus bha e lan-chinnteach as an uair a chaidh e steach do ’n talla mhor, mhaiseach a bha air a dheanamh cho eireachdail le uisg’ oir, agus le lith de dh’ iomadh seorsa dath. Bha seachd buidhnicheadh de mhnathan ciuil bu mhaisiche na cheile ’nan seasamh mor-thimchioll an talla, agus bha seachd geugan oir an crochadh ri mullach an talla, agus iad air an dath gu h-innleachdach le or agus le gorm. Ann am meadhain an talla bha bord mor air an robh aireamh mhor de mhiosan agus de thrinnsearan oir, agus bha faileadh cubhraidh an spiosraidh a bha air a’ bhiadh a bh’ air a’ bhord a’ lionadh an talla. Bha seachdnar de mhnathan-uaisle oga a bha anabarrach maiseach, agus a bha comhdaichte le eideadh iomadh dath a bha anabarrach riomhach, ’nan seasamh mor-thimchioll a’ bhuird agus guite ann an laimh gach te dhiubh gus a bhith ’toirt fionnachd do Abou Hasan fhad ’s a bhiodh e ’gabhail a dhinneireach.
Ma bha duine riamh air a lionadh le mor-thoileachadh, b’ e Abou Hasan an duine sin an uair a chaidh e steach do ’n talla. A h-uile ceum a dheanadh e, stadadh e gus beachd a ghabhail le mor-ioghnadh air na nithean maiseach a bha f’a chomhair. Shealladh e air gach taobh dheth air a shocair fhein; agus thug so toileachadh gu leor do ’n righ, a bha ann an seomar beag falaich a’ faicinn a h-uile car a bha e ’cur dheth.
Mu dheireadh shuidh e aig a’ bhord, agus ghrad thoisich na mnathan-uaisle ri fionnachd a thoirt dha leis na guiteachan. Sheall e air te an deigh te dhiubh, agus thaitinn an doigh a bh’ aca gle mhor ris. Thuirt e riutha, agus fiamh gaire air a ghnuis, gu ’m foghnadh aon te dhiubh a bhith ’toirt fionnarachd dha, agus gu ’m b’ fhearr do ’n t-siathnar eile suidh’ aig a’ bhord comhladh ris, triuir air a laimh dheis, agus triuir air a laimh chli. Agus o ’n a bha ’m bord cruinn, chuir e ’nan suidh’ iad air dhoigh gu ’m faiceadh e gun, ach gann, a cheann a thionndadh a null no ’nall, a h-uile te dhiubh.
Ged a shuidh an t-sianar mhnathan-uaisle aig a’ bhord air a chomhairle, mar chomharradh air an urram a bha iad a’ toirt dha, cha robh iad a’ blasad air a’ bhiadh. An uair a chunnaic e so, thoisich e ri biadh a chur air am beulaobh, agus ri ’n coiteach gus a ghabhail. ’Na dheigh sin, dh’ fheoraich e dhiubh ciod a b’ ainm dhaibh. Dh’ innis iad dha gu ’n robh Amhach Gheal, Bilean Dearga, Solus Gealaich, Solus Greine, Taitneas Sul, Taitneas Cridhe. Agus b’ e Siucar ainm na te a bha ’toirt fionnarachd dha. Labhair e ann am briathran tlath, taitneach mu dheidhinn nan ainmeannan a bh’ orra, agus cha ’n ’eil ioghnadh ged a chord a bhriathran geur-chuiseach gu mor ris an righ.
An uair a chunnaic na mnathan-uaisle gu ’n do chuir Abou Hasan crioch air a dhinnear, thuirt te dhiubh ri fear dhe ’n luchd-frithealaidh: “Tha Ceannard nan Creidmheach a’ dol do ’n talla anns am bheil am biadh-milis—thoir a steach uisge.”
Ghrad dh’ eirich iad o ’n bhord. Thainig te dhiubh far an robh e le meis oir, te eile le soitheach-uisge oir, agus te eile le searbhadair, agus chaidh iad air an gluinean aig casan Abou Hasain, agus dh’ iarr iad air a lamhan a nigheadh.
’Na dheigh sin dh’ fhosgladh an dorus, agus chaidh iad uile steach do thalla mor eile a bha anabarrach maiseach le dealbhannan, le soithichean oir is airgid, le lar-bhrat, agus le innsreadh luachmhor eile. Bha seachd buidhnichean de luchd-ciuil anns an talla so mar an ceudna, agus cha bu luaithe a nochd Abou Hasan a steach na thoisich iad ri cluich. Bha bord ann am meadhain an talla so, agus bha seachd soluis mhora ann mar an ceudna. Bha ’m bord comhdaichte le measan tiorama dhe gach seorsa a b’ fhearr na cheile. Bha iad air an carnadh suas air seachd miosan oir. Bha seachdnar de mhnathan-uaisle ’nan seasamh timchioll a’ bhuird, agus, nam bu chomasach e, bha iad uile na bu mhaisiche nan t-seachdnar a bh’ anns an talla eile. Agus bha guite ann an laimh gach te dhiubh.
Thug na nithean so air Abou Hasan gu ’n robh moran a bharrachd ioghnaidh air na bh’ air roimhe. An uair a dh’ amhairc e air gach ni a bh’ anns an talla, shuidh e aig a’ bhord, agus car uine bha e ’g amharc le ioghnadh agus le annas air na seachd mnathan-uaisle a bha f’a chomhair, agus e gun fhios aige co ’n te dhiubh dhe ’n deanadh e roghainn. Mu dheireadh dh’ ordaich e dhaibh na guiteachan a chur uapa, agus suidhe aig a’ bhord comhladh ris, agus biadh a ghabhail. Thuirt e riutha nach robh an teas cho mor ’s gu ’n ruigeadh iad a leas a bhith ’toirt fionnarachd dha.
An uair a shuidh na mnathan-uaisle mu ’n bhord, dh’ fheoraich e dhiubh ciod a b’ ainm dhaibh. Dh’ innis iad an ainmeannan dha. An uair a thairg e measan dhaibh, labhair e riutha ann am briathran tuigseach, glic, geur-chuiseach. “Ith an fhige so,” ars’ esan ri Bann nan Cridheachan, “agus dean an ceangal a rinn thu air mo chridhe na ’s fhusa ’ghiulan na bha e a’ cheud shealladh a chunnaic mi dhiot.”
An sin thionndaidh e ri Pian an Anama, a bha ’na suidhe air an taobh eile dheth, agus thuirt e rithe, “Gabh am bagaide dhearcan so air chumhnanta gu ’n tog thu dhiom tomhas dhe ’n Phian a tha mi ’fulang air do sgath.”
Labhair e ann an doigh coltach ris a so ris gach te de chach.
Leis na briathran so thug Abou Hasan toileachadh agus culaidh-abhachais nach bu bheag do ’n righ. Thaitinn na labhair agus na rinn e ris anabarrach math. Bha e ro thoilichte gu ’n do chuir e eolas air a leithid de dhuine, agus gu ’n robh comas aige air am barrachd eolais a chur air.
An deigh do Abou Hasan na measan a bhlasad, lean e Mesrour am mach do ’n treas talla, a bha moran na bu mhaisiche anns gach doigh na h-aon dhe ’n da thalla eile. Anns an talla so bha a’ cheart aireamh de luchd-ciuil agus de mhnathan-uaisle ’s a bh’ anns an da thalla eile. Agus bha ’m bord comhdaichte leis a h-uile seorsa de bhiadhannan milis. An uair a sheall e mu ’n cuairt dha le ioghnadh ur, shuidh e aig a’ bhord. Bha ’n luchd-ciuil a’ seinn gus an do shuidh e. Shuidh an t-seachdnar mhnathan-uaisle aig a’ bhord comhladh ris mar a dh’ aithn e dhaibh, agus chuidich iad iad fhein mar a dh’ aithn e dhaibh. Dh’ fheoraich e mu dheidhinn an ainmeannan, agus labhair e riutha cho tlachdar agus cho geur-chuiseach ’s a labhair e ri cach. Chual’ an righ a h-uile facal a thuirt e riutha, agus chord a bhriathran ris gle mhath.
Mu ’n am so bha beul na h-oidhche air tighinn. Thugadh Abou Hasan do ’n cheathramh talla, a bha moran na bu mhaisiche anns gach doigh na na tri tallachan eile. Bha seachd coinnlearan ann agus iad laiste le coinnlean ceireach, agus bha ’n solus anabarrach briagha. Cha robh a leithid anns na tallachan eile, oir cha robh feum air. Bha cheart aireamh de luchd-ciuil anns an talla so ’s a bh’ anns na tallachar eile, agus iad a’ seinn ’s a’ cluich le sunnd agus le toileachadh. Bha seachdnar mhnathan-uaisle ’nan seasamh mu ’n cuairt a’ bhuird mar an ceudna. Bha seachd miosan oir luma lan de dh’ aran milis, agus de bhiadhannan grinne eile air a’ bhord. Rud nach fhac’ e anns na tallachan eile, bha seachd soithichean mora airgid air a’ bhord agus iad luma lan de dh’ fhion cho math ’s a bha ri fhaotainn. Agus bha seachd glaineachan criostail ri ’n taobh.
A reir a’ chleachdaidh a bh’ ann am Bagdad, cha d’ ol Abou Hasan deur anns na tri tallachan eile ach an t-uisge fuar. B’ e so an cleachdadh a bh’ aig gach neach o ’n righ a dh’ ionnsuidh an duine a b’ isle staid; cha ’n oladh iad deur fiona gus an tigeadh am feasgar. Duine sam bith a dh’ oladh re an latha, bha e air a mheas mar phoitear, agus cha bu dana leis e-fhein a nochdadh am measg dhaoine air an latha. Tha ’n cleachdadh so na ’s ion-mholta, do bhrigh gu ’m
(Air a leantuinn air taobh 134).
[Vol . 10. No. 18. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear ga luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, NOBHEMBER 15, 1901.
FIOS A DUN MHIC UISDEAN.
CHUALAS á Dùn Mhic Uisdean mu dheireadh thall. Bha Mac Uisdean, is duilich leinn a chluinntinn, an droch shlàinte fad an t-samhraidh, gun fonn gabhail phort no sgriobhaidh air. ’S e sin a chum air ais na puirt-a- beul. Ach fhuair sinn litir thomadach uaithe air a bhòn-raoir, a bhios air a toirt seachad anns an ath àireamh. Cluinnear uaithe gu math tric mu’n teirig an geamhradh.
BAS LI HUNG CHANG.
CHAOCHAIL an Sineach ainmeil so maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e tri fichead us ochd bliadhna deug a dh’ aois, agus bha e na dhuine saoithreach, deanadach re uile laithean a bheatha. Bha cumhachd agus inbhe mhor aige ann an Sina, agus b’ e an aon fhear-stàite a bh’ aig an dùthaich a bha comasach air a còir a sheasamh an aghaidh luchd-stàite na h-Eòrpa. Bha amhrus làidir air o chionn bliadhna no dha gu robh e an co-bhoinn ri Ruisia an aghaidh ua rioghachdan Eòrpach eile, ach thatar a nise ’g innse gu robh a bhàs air a ghreasad le còmhstri a bh’ aige ri teachdairean na dùthcha sin, a bha air son còirichean fhàsgadh á Sina nach robh esan toileach a thoirt seachad. Tha a bhàs a deanamh lagachadh mor air greim Ruisia ann am Manchuria.
AN SEANALAIR BULLER.
THA an Seanalair Buller air leagadh mor fhaotainn. Air tàileabh òraid a rinn e o chionn ghoirid chaidh a chur á dreuchd ceannard airm. Bha sgeul a dol am measg nam paipearan o chionn còrr us bliadhna gu’n do chomhairlich Buller do ’n t-Seanalair White Ladysmith a thoirt suas do na Boerich agus a chuid sin de ’n duthaich fhàgail. Bha Buller a reir coltais a fàs searbh dhe ’n sgeul sin, agus aig dinneir a thugadh dha air a mhios a dh’ fhalbh, rinn e òraid a chreachaidh, anns an d’ aidich e gu ’n d’ rinn e cead a thoirt do White baile Ladysmith a thoirt suas, agus a cur nam paipearan gu ’n dùbhlan. Labhair e air dhòigh a chuir ioghnadh air na chual e, agus chuir an t-aideachadh a rinn e tàmailt mhor air muinntir a dhùthcha. Anns an arm Bhreatunnach, cha ’n eil e ceadaichte do cheannardan airm a bhi cur chathan le ’m beòil, agus cha deach ach beagan us seachdain seachad an deigh dha an òraid a labhairt, nuair a fhuair Buller fios gu ’m feumadh e a dhreuchd a leigeil uaithe, dreuchd nach robh e air fhaotainn ach ùine ghoirid roimhe sin. Tha duilichinn mhor air sluagh Bhreatuinn air son mar a thachair. Tha Buller na shaighdear cho treun ’sa tha agus an rioghachd, mar a dhearbh e iomadh uair, ach thainig e gearr ann am breithneachadh. Chaidh e cearr ’sa cheud àite ann an comhairleachadh do White an daighneachd a bha e dion a thoirt suas, agus a rithist ann an sin aideachadh gu follaiseach nuair nach robh iarraidh air, agus nuair a bha e ’n aghaidh riaghailtean an airm dha a dheanamh. Cha b’ urrainn do ’n Riaghladh Bhreatunnach, an deigh dha sin a dheanamh, buntainn ris ann an dòigh sam bith eile ach mar a rinn iad.
TEAGASG IS TUIGSE.
THA so a dhìth ’nar measg mar Ghàidheil air iomadh dòigh. Tha sinn eòlach gu leòir air ar feuman féin mar Ghàidheil, agus tha sinn ’na uairean glé àrd-labhrach mu ar cùisean féin an taobh a stigh do chrìochan àraidh. Ach cha ’n ’eil sinn a ghnàth cho cuimhneach ’s a bu chòir dhuinn a bhi air na tha a’ tachairt air an taobh eile. Tha taobhan agus duilleagan eile ann an cùrsa gach beatha; agus ann am beatha ar cinneach féin tha e soilleir gu ’m bheil teagasg do gach seòrsa a dhìth oirnn. Cha ’n e mhain sin, ach tha tuigse a dhith oirnn mar an ceudna. Thigeadh dhuinn a bhi cuimhneach air na teagasgan agus air an t-solus a thàinig g’ ar n-ionnsuidh gun teagamh; ach thigeadh dhuinn mar an ceudna a bhi smuainteachail mu ’n chùrsa a bu chòir dhuinn a leantuinn mar shluagh a tha a’ labhairt Gàilig, agus aig am bheil an crìochan féin, an còirichean féin, agus an cliù féin ri chumail air chuimhne. Tha teagasg, tuigse mu riaghladh, agus a bhi ’gan cur so gu feum a dhith am measg nan Gàidheal. —Oban Times.
BAISTEADH A’ PHRIONNSA OIG.
’S ANN an caisteal rioghail Windsor bha ’chuideachd mhòr, ’s an greadhnachas, air an latha ’bhaisteadh am Prionnsa òg! Bha ’n aimsir fabharrach—an latha grianach, soilleir—feachd lionmhor fo airm, a’s gathan na gréine ’dealradh air an stàilinn lìomhaidh ’s air an glogaidibh àrd—iomadh bratach gu h-àrd ri crann, a’s caithream-chiùil de gach seòrsa ri eisdeachd air gach taobh. Bha cuideachd an deigh cuideachd de chùirtearan, àrd-flaithean, is mòr-fhearan na tir, ann an carbadan eireachdail, riomhach, is uaislean, is àilneachd, is urram nan tri rioghachdan, a nis ri fhaicinn mu lùchairtean a’ chaisteil àird.
Beagan an deigh mheadhon-latha, thòisich an eaglais rioghail ri lionadh leis an fheadhainn a fhuair comas uapasan ris an robh na riaghailtean an earbsa. Lionadh e gach duilleag a th’ againn mìon chunntas a thoirt air gnothaichean an latha so. Ach da rireadh bu shealladh e a b’ fhiach fhaicinn, mar bha ’chuideachd urramaichte a’ gluasad o’n chaisteal do ’n eaglais.
Bha ’n naoidhean òg, am Prionnsa, air a ghiulan ann an carbad riomhach, le ’mhuime is mnathan uasal eile. Thog a mhuime suas e an dràsd ’sa rithist, gu sealladh a thoirt dhe do ’n t-sluagh, a chuir fàilte cridheil, shunndach, rioghail air, mar bha ’n carbad a’ gabhail seachad; agus dh’ fhàiltich am feachd a bha fo arm e ’nuair dhlùthaich e orra. Bha ’Bhan-righ agus Prionns’ Albert ann an carbad le chéile. Leth-uair an deigh meadhon-latha chualas na gunnaichean-mòr a toirt sanas gu ’n robh iad air a’ chaisteal fhàgail. ’N uair a chaidh ise stigh, lean Righ Phrussia agus flaithean na cùirt i. Dh’ eirich gach aon a bha ’san eaglais, is thog na h-orgain bu bhinn pong a suas—an ceòl bu sholuimte.
Dh’ fhosgail àrd easbuig Shasunn an leabhar mu choinneamh na h-altraich, agus leugh e seirbheis a’ bhaisteadh, do reir gnàth Eaglais Shasuinn. Fhad ’sa bha esan a leughadh so, bha ’Bhan-righ agus a céile prionnsail air an glùnaibh. B’ e Righ Phrussia an t-àrd ghoisdidh. Thainig iad air an aghaidh, agus ghabh iad na bòidean orra féin. Fhreagair Righ Phrussia, ’na ainm féin, ’san ainm na goisdidhean eile, le guth làidir, pongail. Thainig an sin Ban-Diùc Bhuccleugh a stigh, ’s an naoidhean òg aice air a da ghairdean, ’ga ghiùlan suas a dh’ ionnsuidh an àite ’san robh an t-àrd easbuig ’na sheasamh. Thug i an leanabh dha; chàirich i e ’na uchd. Dh’ fheòraich e an sin ciod an t-ainm a b’ àill leo thoirt air an leanabh, agus fhreagair Righ Phrussia Albert Edward. An sin thubhairt an t-Easbuig, “Abhairt Imhear, tha mise ga d’ bhaisteadh an ainm an Athar, a Mhic, ’san Spiorad Naoimh. Tha sinn,” ars’ esan, “a nis a gabhail an leinibh so a stigh am measg sluagh agus treud Chriosd.” An deigh dha an ùrnuigh ghnàthaichte a thairgse suas, bhaist e am Prionnsa. Thug e an sin am pàisd air ais do ’n Bhan-Diùc, agus dh’ fhalbh i null leis far an robh a’ charaid rioghail nan suidhe, far an d’ fhan i leis gus an robh seirbheis an latha seachad. Thog na h-orgain a’s luchd-ciùil suas an halleluidhadh bu bhinn, mar bha ’chuideachd a gabhail am mach as an eaglais. Bhaisteadh am Prionnsa òg le uisge a thugadh fad an rathaid o abhuinn iomraiteach Iordan!
A’ CHUIRM AN DEIGH A’ BHAISTEADH.
Cha robh cuirm riamh an caisteal àrd Windsor a thug bàrr air an aon so. Cha robh soithichean òir no airgiod a bhuineadh do theaghlach rioghail Shasuinn nach robh mach air a’ bhòrd, ’s b’e sin am bòrd eireachdail. Tha ’n seòmar mor ’san robh a’ chuirm so dà cheud troidh air fad, agus do reir sin air leud. Cha robh soitheach de sheòrsa sam bith—mar na truinnsearan, na spàinean, na ladair, na sgeanan, na forcan—nach robh an darna cuid do dh’ òr, airneo do dh’ airgiod air òradh thairis. Shuidh a’ chuideachd leth-uair an deigh seachd, a’ Bhan-righ air an darna taobh de ’n bhòrd, le Righ Phrussia air a làimh dheis, agus Prionns’ Albert m’a coinneamh air an taobh eile. Mu ’n d’ éirich a’ chuideachd, thainig dà phìobaire stigh, a’s chluich iad cuairt air a’ phìob mhòir Albannaich, a’ siubhal ceithir-thimchioll an t-seòmair. Cha chuala sinn ciod am port a chluich iad, ach ’s dòcha gu ’m b’e Fàilte a’ Phrionnsa òig. Bha ’Bhan-righ agus Righ Phrussia barrachd ’us toilichte leis a’ phìob.
Thug Diùc Shussex, brathair-athar na Banrigh, cuirm mhòr, mar urram air Rìgh Phrussia; agus bha MacAoidh, pìobaire an Diùc, a cluich mar dh’ fhàg an Righ a’ chuideachd. Thug e air a’ phìobaire iomachd roimhe, a cluich gu sùrdail. Cha b’ iongantach leinn ged bhiodh a’ phìob-mòr Albannach fasanta, ’s fo onair an Sasunn agus an rioghachdan coimheach.
[B ’ e Di-sathairne s’a chaidh latha breith an Rìgh, —a cheud uair a thainig e mu ’n cuairt an deigh dha tigh’nn dh’ iounsuidh a chrùin. Is ann air an aobhar sin a tha an cùnntas gearr so (á Cuairtear nan Gleann, Màrt, 1842) air a bhaisteadh air a thoirt d’ ar leughadairean. Aig an àm sin cha robh na prionnsachan rioghail cho lionmhor ann am Breatuinn ’sa tha iad an diugh. Cha robh oighre mic air Victoria ach e-féin, agus bha eagal air na Breatunnaich gu ’m faodadh a crùn a dhol gu prionnsa Gearmailteach. Faodar mar sin a thuigsinn gu robh othail agus greadhnachas mu bhaisteadh Ailbeart Imhear nach robh air a chleachdadh mu bhaisteadh aon de na prionnsachan a thainig na dheigh. ]
[Vol . 10. No. 18. p. 5]
Naigheachdan.
AN RIGH ’S AN T-SABAID—Tha Righ Iomhar an deigh ioghnadh agus miothlachd a chur air cuid de na h-uaislean a tha mu thimchioll le bhi cur roimhe gach obair agus subhachas is urrainn e a sheachnadh air Di-dòmhnaich. Cha ghabh e turus air an rathad-iaruinn, agus cha toir e cuireadh ’s cha ghabh e cuireadh gu dinnear mhor no cruinneachadh spòrsail sam bith air an latha sin.
SIDNI SAOR O’N BHRIC—A bharrachd air an duine thug a bhreac do’n bhaile cha robh tinn leatha gu ruige so ach aon duin’ eile. Tha iad a nise air a dhol am feobhas, agus air an leigeil m’a sgaoil. Tha an tigh anns ’n do bhrist i mach fo laimh nam maor, agus cha d’ fhuair iadsan a bha fuireach ann fhàgail fhathast. Tha dòchas againn nach bi tuilleadh iomraidh oirre anns a bhaile so.
GNIOMH OINNSICH—Chaidh boirionnach le Eas Niagara o chionn ghoirid am broinn baraille, agus fhuaireadh as beò i. B’e so a cheud uair a fhuair neach a dhol leis an eas gun bhi air a mharbhadh, agus o’n chaidh i so ann dha deòin fein air sgàth an ainm a choisneadh e dh’i, tha daoine ri ’m faotainn nach biodh ro dhuilich ged bhiodh i air a cur ri aireamh chàich. Cha’n eil daoine no mnathan a chuireas am beatha féin an cunnart air sgàth glòir fhaoin an t-saoghal a nochdadh gliocais no treine, agus cha ’n eil iad airidh air a bheatha no air an t-slàinte tha iad a’ mealtuinn.
FACAL MU “MHAC-TALLA” —Tha MAC-TALLA a nise air a chur a mach uair ’san da sheachdain, an àite gach seachdain mar a bha e roimhe. Anns an àireamh a thainig a mach air a cheud latha de Nobhember, tha an t-aobhar air son an d’ rinneadh an t-atharrachadh air a chur an ceill. Tha dòchas againn gu’n seas na Gàidheil gu dileas ri chùl, a chum nach bi an còrr calla air a chur air; gum bi e air a neartachadh agus iadsan a tha ga dheasachadh ’s ga chur a mach air am misneachadh nan obair os leth na Gàilig agus nan Gàidheal. Seasadh na Gaidheil an guaillibh a cheile agus cha’n eil eagal no cùram do MHAC-TALLA.
IMRICH NA BLIADHNA ’N UIRIDH—Air a’ bhliadhna chriochnaich le mios Iun, 1901, thainig leth-cheud mile de luchd-imrich do Chanada. Bha ochd mile deug dhe’n àireamh sin as na Staidean. Thainig an corr thar cuain, agus nam measg bha 9,331 á Sasunn, 833 á Eirinn, agus 1,476 á Alba; bha càch uile bhar tir-mor na h-Eorpa. Tha a mhor chuid dhe ’n luchd-imrich air fad a’ suidheachadh anns an Iar Thuath. Tha iadsan a thainig as na Staidean na’s luachmhoire do’n dùthaich na muinntir tir-mor na h-Eòrpa, oir ’s ann as na Staidean an Iar a tha iad a tighinn, agus tha iad na’s eòlaiche air side agus gnè na dùthcha na b’urrainn dhaibh sin a bhith.
COMHAIRLE NA SIORRACHD—Bithear a taghadh buill comhairle nan siorrachdan ann an Nobha Scotia Di-ciaduin s’a tighinn. Anns an t-siorrachd so tha àireamh de na daoine bha anns an t-seann chomhairle air an leigeil a stigh gun duine ruith nan aghaidh. Anns an àireamh sin tha H. LeVatte, Louisbourg; Niall Mac Fhearghais, Marion Bridge; Domhnull Moireasdan, Catalone; Aonghas Camaran, Sidni Forks; Alasdair Domhnullach, Baoghasdal; agus fear no dha eile. Cha’n eil againn ri radh mu na h-àiteachan anns am bheil taghadh ri bhith, ach gu bheil sinn an dòchas gur h-iad na daoine a’s fhearr ’s a’s airidhe air an urram a bhios air an cur do ’n chomhairle.
DUINE AIR CHALL—Tha fear Uisdean Mac Cuthais, a bha ’fuireach air Rathad Lingan, air chall o chionn còrr us seachdain, agus tha a chàirdean fo iomguin nach beag dh’ a thaobh. Dh’ fhàg e a dhachaidh mu sheachd uairean feasgar Dior-daoin. Bha e anns a bhaile fad an fheasgair, agus mu dheich uairean chunnacas e air sràid Shearlot, ’s e, a reir an rathaid a bha e gabhail, a dol dhachaidh. Cha ’n fhacas uaithe sin e. Bha e mu dha bhliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Bhuineadh e do Loch Lomond, agus bha e-féin ’sa chuideachd a fuireach air Rathad Lingan o chionn shia bliadhna. Bha e ’na dheagh chosnaiche. Bha fichead dolair aige a fàgail an taighe. Tha cuid am barail gu bheil e ann am Boston.
AIR A SAORADH—Ann am Brantford, Ontario, bha Mrs White air a feuchainn air son mort, air àmhrus gu’n do phuinnseanaich i a fear-pòsda fein. Bha esan air a phuinnseanachadh cinnteach gu leòr, ach cha robh dearbhadh sam bith air a thobhairt gu ’m b’ ise rinn e. Bha an duine trom air an òl, agus cha robh luchd a cheartais cinnteach nach b’e féin a chuir crioch air a bheatha. Bha a bhean air an aobhar sin air a leigeil m’a sgaoil.
REIC NANCIGARETTES—Aig cruinneachadh cloinne a bha ann an Abaraidhean o chionn ghoirid, labhair Iarla Abaraidhean mu’n duilichinn a bh’ air a chionn gu robh bùthan anns a bhaile sin anns am faodadh gillean ògacigarettesa cheannach air Di-domhnaich. Mhol e dhaibh an lagh a bh’ againn ann an Canada nach ceadaicheadh an creic ri cloinn air latha sam bith dhe ’n t-seachdain. Cha do chuir an t-Iarla, a reir gach coltais, moran eòlais air an doigh anns an robh an lagh sin air a chumail ann an Sidni.
ANNS AN YUKON—Tha fiosan a tha tighinn as an Yukon ag innse gu bheil cùisean a’ dol air adhart anns an àite sin gu gasda. Tha baile Dawson gu rianail agus gu comhartail. Tha a mhi-riaghailt ’s am mi-bheus a bha ’dol air adhart ann an toiseach air an cur as gu buileach. Cha ’n eil beatha duine uair sam bith an cunnart, agus tha sith agus rian ri fhaicinn anns gach cearna dhe’n bhaile. Faodar a thaing sin a thoirt ann an tomhas mor do na maoir agus do ’n luchd-ceartais a chuir an t-àrd riaghladh ann.
Facal an Cois Dollar.
FHIR DEASACHAIDH, —Thàinig do rabhadh gu laimh. ’S ann le toileachas a tha mi cur a’ d’ ionnsaidh an t-suim a tha dligheach dhuit. Thoir sùil ann am pòca achlais na litir so, ’s gheibh thu an sin dollar airson MAC-TALLA fad bliadhna eile, ’s cha ’n eil e ach ceart agus freagarrach gu ’m biodh sibh ag iarraidh ur cuid fhein. Tha na Gaidheil rudeigin iongantach san dòigh so. Ma ni sibh dol na ’n rathad, bheir iad aoidheachd dhuibh fad seachdain aig cosdas a phaigheadh coig no sia phrisean de MHAC-TALLA; ach iarraibh ar cuid fhein troimh ’n phaipeir—dollar de dh’ airgiod cruaidh—agus smaointichidh iad thairis air a ghnothuch gus an di-chuimhnich iad gach m mu ’n cuairt air, ’s tha sibhse am mach dollar. Cha ’n urrainn dhomh an gnothuch a dheanamh soilleir; ach ma ni iad mar a rinn mise—an dollar a chur air ball ann an litir—bidh fiamh gàire orra gu bheil an gnothuch seachad, ’s ni am fear-deasachaidh gàire cridheil nuair thig dollar an deigh dollar a stigh dha.
An là chi ’s nach fhaic, ’s mi do charaid,
Toronto , Oct. 30, 1901.
DUGHALL.
Chunnaic i Seachd Linntean.
Tha aois tri fichead ’s a sia de bhoirionnach air Abhainn Mhargaree a chunnaic seachd linntean. ’S i ’m boirionnach bean Dhùghail ’Ic Pharlain, aig Eaglais na h-Aibhne. Agus cha ’n ’eil mi ag ràdh nach ’eil feadhainn eile air an Abhainn a’s òige na ’m boirionnach so a chunnaic na seachd linntean ceudna. Chunnaic i, mata,
1. Mòr, nighean Iain ’ic Uilleim ’ic Gillios, bean Iain ’ic Dhomhuill ’ic Gilleolain.
2. Mairi nighean Iain ’ic Dhomhuill so—bean Iain ’ic Eoghainn ’ic Iain oig Dhùghalaich, a dh’ eug bho chionn mu leth-cheud bliadhna aig Abhainn Mhargaree.
3. Iain mac Iain ’ic Eoghain—mac Mairi so. B’ e so athair bean Dhùghail ’Ic Pharlain fhein.
4. Catriona nighean Iain so—bean Dhùghail.
5. Mairi Nic Pharlain, nach maireann, nighean Catriona so, a bha pòsd’ aig Iain Mac Eacharna.
6. Iain Mac Eacharna, mac Mairi so.
7. Mairi Nic Eacharna, nighean Iain so, nach ’eil ach ’na leanabh.
Co aige tha fios nach fhaic am boirionnach linn eile? Ma chi, faodaidh Eoghain mac Aonghais ’ic Eoghainn is Catriona bhan am beòil a’ dhùnadh.
Do charaide,
RAONALL BEAG A PHEATAIN.
Litir a Ceap Nor.
THA daoine an deigh an cuid buntàta a thogail o chionn cho-la-deug, agus tha iomadh aon a gearan air an gainne ged tha stuth math annta gu leir. Cha do lion an gràn math sam bith, le meud na tiormachd deireadh an t-samhraidh agus toiseach an fhogharaidh; ach ’s math a ni ged dh’ fhaodas am bàrr a bhi fad air ais an cuid a chearnan de’n t-saoghal, mar tha tachairt gach bliadhna, gu bheil deadh fhàs an cearnan eile, air chor ’s nam biodh e comasach toradh luachmhor na talmhainn a roinn gu cothromach air gach sluagh fa leth, nach ruigeadh neach sam bith a leas ocras fhulang le dith bidh. Cha’n ’eil tuathanaich an àite so idir a togail na dh’ fhaodadh iad air an cuid fearainn. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil sin an tomhas mòr air aobharachadh le e bhi eucomasach dhuinn faotuinn gu margadh gach uair as miann leinn.
Nam biodh an acarsaid againn air a fosgladh, air chor ’s gu ’m faigheadh soitheach seolaidh no bàta smuide a mach ’s a stigh, mar a dh’ fheumadh sinn, thigeadh adhartas mòran na ’s fearr air iomadh ni ’n ar measg. Leis an fhosgladh a tha eadar an acarsaid agus an cuan a bhi cho eu-domhain, agus air uairean ag atharrachadh a chùrsa, agus le easbhuidh soirbheas fàbharach ’n uair’ tha làn-mara aig àirde, ’s minic a tha na pacaidean air an cumail a feitheamh ri faotainn a mach aisde re uine fhada. Mar sin cha’n ann aon uair a thainig air daoine crodh ’us caoraich a bhiodh iad a rùnachadh a chur gu Sidni, a thoirt a ris air ais gu’n dachaidean, an deigh do na h-ainmhidhean bochda bhi air an cuibhreachadh re seachduin no còrr ann an aon de na pacaidan ud. Na’m foghnadh geallaidhean briagha aig àm taghaidh ’s fada o’n bhiodh sinne ’deanamh gairdeachas ann an deadh acarsaid a bhi againn, ach is ni cinnteach nach fosgail geallaidhean gun choimhlionadh gu bràth i.
Tha daoine gu tric a’ gabhail a bhàta smuide gu ruige Sidni, agus a chum sin a dheanamh, ’s minic a dh’ fheumas iad dol àireamh mhòr mhiltean air dhroch rathad gu ruige Acarsaid Neill. A tighinn an taobh so ’s tric a dh’ fheumar a fàgail an sin air son an aobhar cheudna, se sin, sinn fhein a bhi gun acarsaid.
Tha daoine ag innse dhuinn gu bheil deadh ghual ri fhaotuinn ’sa ghleann, eadar an t-àite so agus Bàgh St. Lawrence, agus tha daoine cheana cladhach air son airgid aig an Acarsaid a Deas, ’s iad a deanamh cinnteach gu’m pàidh a mheinn sin gu math ’n uair gheibh iad ullamh gu àireamh fhreagarrach dhaoine ’chur a dh’ obair innte. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil gual ri ’fhaotuinn ’s an àite so fhein mar an ceudna; ach ged nach biodh aon chuid gual no airgiod ri ’m faotuinn ann, bu choir do’n Riaghladh an acarsaid air am bheil an dà bhàgh so cho feumach, fhosgladh suas dhuinn gun dàil.
An uiread so mu na gnothuichean cearbach ud; ach feumaidh mi a nis iomradh goirid a dheanamh air ni a dhi-chuimhnich mi chur ’s an litir roimhe, se sin, an t-àite iongantach ’s an d’ fhuair aon de na ban-choimhearsnaich againn nead sheillean air an t-samhradh s’a chaidh. Bha uinneag aon de sheòmraichean an taighe air a fàgail fosgailte re ùine fhada. Bha iarnan snàtha an crochadh ’san t-seomar, ’s tha e coltach gu ’m buail e ’n ceann sgaoth sheillein gu ’m bu sheasgair an t-aite chum nead a dheanamh innte aon dheth na h-iarnan. ’Sann mar sin a bha, ’s ghabh iad seilbh air an rum re an t-sàmhraidh, ach mar ’s minic a tha tachairt do chreutairean ceannairceach, chuireadh an ruaig orra na’n cabhaig air a cheann mu dheireadh.
M. D.
Ceap Nor, Oct. 31, 1901.
[Vol . 10. No. 18. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 131).
feum daoine a bhios a’ deanamh gnothaich an cinn a bhith glan, stold fad an latha. Agus o nach ’eil duine sam bith ag ol fiona re an latha, cha ’n fhaicear duine air mhisg air na sraidean re an latha; agus cha bhi tuasaid anns a’ bhaile.
Cho luath ’s a chaidh Abou Hasan a steach do ’n cheathramh talla, ghabh e direach a dh’ ionnsuidh a’ bhuird, agus shuidh e. Bha e uine mhath ’na shuidhe gun fhacal a’ tighinn as a cheann le meud an aoibhneis a bh’ air, air dha a bhith gabhail beachd gu dluth air an t-seachdaar mhnathan-uaisle a bha ’nan seasamh m’ a thimchioll. Bha iad moran na bu bhriagha na ’n fheadhainn a chunnaic e anns na tallachan eile.
Bha toil aige fios fhaotainn air an ainmeannan; ach bha fuaim a’ chiuil cho ard ’s nach cluinneadh e ach gann facal a theireadh iad ris. Mu dheireadh bhuail e a dha bhois ri ’cheile, mar chomharradh gu ’n robh e ag iarraidh air an luchd-ciuil stad. Agus bha samhchair mhor anns an talla.
An sin rug e air laimh air a’ mhnaoi-uasail a b’ fhaisge dha, agus an uair a thug e oirre suidhe ri ’thaobh, agus a thairg e aran-milis dhi, dh’ fheoraich e ciod a b’ ainm dhi.
“A Cheannaird nan Creidmheach,” ars’ ise, “is e Neamhnaid a theirear rium.”
“Cha b’ urrainnear ainm bu fhreagarraiche a thoirt ort,” ars’ Abou Hasan. “Gu cinnteach ceart tha d’ fhiaclan na ’s maisiche na na neamhnaidean a’s fhearr a chunnacas riamh. A Neamhnaid, o ’n is e sin d’ ainm, bidh mi ’nad chomain ma bheir thu dhomh glaine fhiona as do laimh mhaisich, agus ma dh’ olas tu fhein glaine eile comhladh rium.”
Ghrad chaidh a’ bhean-uasal thun an t-soithich fhiona gu h-aoidheil, agus thug i glaine fhiona g’ a ionnsuidh.
Ghabh Abou Hasan a’ ghlaine as a laimh agus fiamh gaire air, agus thuirt e rithe ’s e ’g amharc oirre le tlachd, “A Neamhnaid, tha mi ’g ol air do shlainte; is e mo mhiann gu ’n lionadh tu glaine eile dhut fhein, agus gu ’n oladh tu air mo shlainte-sa i.”
Ghrad chaidh i agus lion i glaine; ach mu ’n d’ ol i am fion, ghabh i oran a thaitinn anabarrach math ri Abou Hasan.
(Ri leantuinn.)
Searmon Airson na h-Oigridh.
EARRANN II.
CHUNNAIC mi aon uair dealbh maighich agus eòin. Bha iad anbharrach coslach—cho innleachdach air an tarruing, ’s gu ’n saoileadh tu gu ’n robh iad beò. Thainig cuilean beag coin a stigh; ’s air dha amharc orra, ghrad thòisich e air tathunnaich ’s air leumraich timchioll orr, a’ feuchainn an glacadh, fo bharail gu’n robh an deò annta—gu’n robh iad beò. Nis, am b’ urrainn teagamh ’bhi aig neach air bith gur duine ’tharruing an dealbh so? Cha b’ urrainn; ni mò an robh e comasach a bhi an teagamh gur e Dia ’rinn an cuilean beag ’bha tathunnaich riu.
Chunnaic mi dealbh aon uair oscionn dorus tigh-òsda—dealbh sguaib chruineachd. Thainig mart a bha dol seachad, agus dh’ fheuch i greimeachadh air an dealbh ’na beul, a’ smuaineachadh gur sguab fhìrinnich chruineachd a bh’ann. Nam faiceadh tusa ’n dealbh sin, nach tuigeadh tu air ball gur duine thaobh-eigin a tharruing i? agus is dòcha gu’n canadh tu, “Da rìreadh, is gasd’ a tharruing e dealbh na sguaibe chruineachd.”
Nis, ’nuair a chi thu cruineachd a’ fàs ’san achadh, a’s crodh a’s caoraich ag ionaltradh sa’ mhachair, tha fios agad gur neach no ni-eigin a linn iad. ’Se an neach sin Dia.
An uair a chluinneas tu sgeul taitneach, ’bheil a’ chluas toilichte? Cha’n eil toileachas air bith aig a’ chluais. An uair a chì thu sealladh, taitnich air bith, am beil an t-sùil toilichte? Cha’n ’eil sòlas air bith aig an t-sùil; ach tha ’n inntinn toilichte. An uair a chì thu sealladh àillidh, a dh’ éisdeas tu sgeul taitneach, a chluinneas tu ceòl binn, tha’n inntinn toilichte. So an nì ris an abair sinn toileachas-inntinn. Ach ciamar a thachair do’n inntinn sin a bhi agad? ’Nann o thuiteamas a fhuair thu inntinn? Cha ’n ann, ni mò na ’s ann o thuiteamas a thachair do ’n chranaig ’s do na lobhtaichean so a bhi ’san eaglais air a’ bheil mi labhairt. ’Si a’ choluinn an tigh; tha’n t-anam na chòmhnuidh ’san tigh sin; agus rinn Dia a’ chluas chum fuaim bhinn a leigeil stigh do’n anam. Rinn Dia na sùilean chum ’s gu’n tigeadh solus a stigh mar troimh uinneig; an teanga, chum ’s gum faodadh an t-anam labhairt agus innseadh na bha ’dhith air, ’s na tha e a’ mothachadh ’s a’ toirt fainear. Rinn Dia na casan chum tigh-còmhnuidh an anaim a ghiùlan mu’n cuairt o àite gu h-àite; na lamhan, chum a bhi nan seirbhisich do’n anam, agus gach nì a dheanamh is miannach leis an anam. Tha feum aig a’ choluinn air biadh a’s lòn; agus rinn Dia an teine chum a dheasachadh, agus na fiaclan chum itheadh. Tha feum aice air deoch; rinn Dia an t-uisge, agus na bò chum bainne ’thoirt. Tha feum aig a’ cholunn, tigh an anaim, air a bhi air a comhdachadh; agus mar so thug Dia air a’ chotan fàs as an talamh. Thug e seiche do na bò, agus olunn do na caoraich; agus chruithich e cnuimh àraidh chum sìod’ a shniomh dhi. Tha feum aig an duine air acfhuinn, cungaidh oibreachadh; rinn Dia uime sin iarunn a’s umha, a’s luaidh, airgiod, a’s òr, a’s fiodh. Tha feum aig a’ cholunn a bhi blàth; agus chroch e a’ ghrian, mar theine mòr, a thoirt solus agus blàs do’n t-saoghal. Tha’n domhan uile, a’ chruinne-cé an saoghal mu’n iadh a’ ghrian, làn de na rinn Dia. Nach léir dhuit ’oibridh anns gach àite?
Amhairc air an leabhar bheag so a th’ agam a’ m’ làimh. Tha e làn do dhuilleagan, ’s gach aon dhiubh sin làn do litrichean, air an clòdh-bhualadh orra. Tha h-uile focal ceart, agus ’na àite féin. Cha’n eil mearachd air bith ’san leabhar bheag so. ’Se is ainm dha, an Tiomnadh Nuadh. Cha’n fhac’ thu riamh an duine ’rinn am pàipear, na’n duine ’chuir sa’ chlòdh-bhualaidh e, a chuir gach litir ’na h-àite féin; na’n duine ’chuir an craicionn caorach so mu’n cuairt da, a dh’ fhuigheal e suas, a chuir an t-ainm air a chùl, agus a chuir anns an dreach shnaidhte so e. Cha’n fhac thu a h-aon seach aon dhiubh, ach tha thu làn chinnteach gu’n robh an leithid ann. Cha’n fhaic thu iad, is dòcha, gu bràth; ach tha thu co dearbhta ’sa tha ’n cridhe a’ d’ chom gu’n robh iad, no gu bheil iad beò.
Direach mar so, tha fios agad gu bheil Dia ann; oir is Esan a rinn an cotan o’n d’rinn duine na duilleagan, an stugh den d’rinnear an ink; craicionn na caorach a chuireadh uime, agus a th’air a dhath ’s air uidheamachadh co snasmhor. Bha fios aig Dia gu’n gràdhaicheadh tus’ a sholus, agus mar sin chruithich e ’ghrian agus a’ ghealach. Bha fios aige gu ’n gràdhaicheadh tusa nithe bòidheach, taitneach, maiseach; agus mar sin chruthaich e a botha braon ’sna spéuran, chòmhdaich e a’ mhachair le brat àillidh gorm, chruthaich e gach blàth cùbhraidh tha cinntinn, chruthaich e ’choille, agus thug e air meas fàs á craobhan, agus dearcan blasda air na preasan beaga. Bha fios aige gum bu taitneach leat ceòl binn; ’s mar so thug e guth taitneach do d’ mhàthair, agus chàraich e coisridh bhinn anns gach coille a’s anns gach preas—eòin bheaga bhinn nan spéur. Bha fios aig Dia gu’m biodh feum agaibh air tighean; ’s mar so chruthaich e fiodh, a’s clachan, a’s teine. Bha fios aige nach robh do thuigse no do reusan agaibh a threòraicheadh sibh gu dìlinn do néamh, ’s mar sin linn e am Bìobull. Bha fios aige gu’n robh agaibh droch cridheachan, truaillidh, peacach; agus thug e dhuibh Sabaidean. Bha fios aige gu’n robh sibh’ caillte, fo dhìte bàis, eu-comasach air sibh féin a théarnadh, neo-thogarrch pilleadh ’ga ionnsuidh-se; agus gun achaineadh ’s gun iarraidh, thug e a Mhac dhuibh mar Slanuighear, ’s a Spiorad Naomh “chum mothuchadh a thoirt duibh air ’ur cionta agus air ’ur truaighe, a shoillseachadh ar n-inntinn le eòlas Chrìosd, ag ath-nuadhachadh ar toil, agus mar sin ’gar deanamh deònach agus comasach air Iosa Crìosd a dhlù gabhail d’ar n-ionnsuidh, mar a ta e air a thairgse dhuinne gu saor anns an t-soisgeul.” Bha fios aige gum bu mhiannach leibh a bhi beò gu bràth, agus mar sin rinn e nèamh, far am faod sibh a dhi beo gu dìlinn ’s gu bràth, ma dh’ earbas sibh ann an Crìosd, ma tha sibh math agus naomh. Có, ’matà, nach ’eil a’ léirsinn gu bheil an sooghal so làn do Dhia, agus de na nithe a rinnn e? Cha mhò is urrainn dhuibh teagamh ’chuir an so na’s urrainn dhuibh ’bhi fo theagamh am bheil no nach ’eil sùilean aig a’ bhalachan bheag ud mu’m choinneamh, a’s mi ’gam faicinn làn fhosguilte, a’s iad ag amharc orm ’san aodann. Cha’n ’eil teagamh sam bith na amharras orm nach ’eil anam aig gach paisde ris a’ bheil mi a’ labhairt, ged nach fhaca mi an anmanna; oir is léir dhomh mar ’tha an sùilean, an lamhan, an casan, agus an cinn fo ghluasad, agus ’gan cuir gu feum leis an anam a ta annta.
Agus a nis, mo chàirdean òg, tha sibh a’ faicinn ’s a’ tuigsinn, tha mi’n dòchas, gu bheil Bith mòr agus glòirmhor mu ’n cuairt duibh, a tha do ghnàth a’ deanamh math, ged nach léir dhuibh e. Nach bu chòir dhuibh, matà, an Dia sin a chuimhneachadh, a ghràdhachadh, agus ùmhlachd a thoirt dha? Nach bu chòir dhuibh smuaineachadh uime ’nuair a theid sibh a luidhe ’san oidhche; oir is Esan a ghabh cùram dhibh ré’n latha, a dhion sibh o cunnart, a bhuilich oirbh gach sochair agus coram a sheilbhich sibh? Aidichibh so, air ’ur glùnaibh tuitibh, agus thugaibh taing d’a ainm. Cuimhnichibh air sa’ mhaduinn a ris; oir is Esan a ghléidh sibh, a dh’ fhair thairis oirbh, a dhùisg sibh, agus a dh’ fhosgail ’ur sùilean chum solus na gréine ’fhaicinn a ris. ’Se ’thug mu’n cuairt nach robh an leabaidh an raoir dhuibh na uaigh. O! guidhibh air gu’n cum e sibh o pheacadh ré ’n latha. Cuimhnichibh air ’nuair a theid sibh am mearachd, ’sa ni sibh nì air bith as an rathad, ma pheacaicheas sibh ann an cainnt, ann an gnìomh, no ann an smuain. Tha ’shùil do ghnàth oirbh. Smuainichibh air ’nuair ’tha sibh tinn, no bochd, no euslan; oir ’s Esan is urrainn ’ur leigheas. Smuainchibh uime air là na Sàbaid, oir ’se féin ’thug an t-Sàbaid dhuibh. O! thugaibh urram da ’ainm àrd agus glòirmhor. ’Se ’thug dhuibh gach beannachd; seadh, am beannachd anns a’ bheil gach beannachd eile fillte steach—Mac a ghràidh gu bàsachadh air ar son. Mo leanabanan beaga, na mheòraich sibh air ’ur teangan an dara Dàn? Mar d’rinn sibh so, foghlumaibh e gun dàil. Cuiridh mi ms a sìos a’ cheud dà rann. Slàn leibh! Amen.
Na speuran ard is aillidh dreach,
’S a sgaoil an gorm-bhrat cian a mach,
Le ’n reulta dealrach, maiseach, grinn,
’Tha seinn d’ an Chruithear co-sheirm bhinn.
Tha ’ghrian gun sgios, o là gu là,
A’ sgaoileadh cliù a Dia ’s gach àit’,
’S a’ glaodhaich feadh gach tir fa leth,
“Cia treun an Dia ’thug dhomh mo bhith!”
—Cuairtear nan Gleann.
[Vol . 10. No. 18. p. 7]
Oran do Ghlaschu.
LE DONNACHADH MAC-A- PHEARSAIN.
’S mi so an Glaschu nam bùithean,
Far bheil fasain a’s ioghnaidh gu leoir,
Leis na chunnaic mo shùilean,
Tha mo chridhe air dùsgadh gu ceol;
Sluagh mar sheangain gun àireamh
Ruith gach rathad ’s na sràidean nan deann
Am measg toit ’s droch fhàile,
’S pailteas fearainn dol fas feadh nan gleann.
Ged tha Glaschu cliùiteach
Anns na fasain a’s ùire fo ’n ghréin,
’S iomadh trioblaid a’s neoghloin
Tha luchd misg toirt dh’ an deoin orra fhéin;
Cha ’n ’eil bainne ann ri fhaotainn,
An deoch is fearr air an t-saoghal gu leir,
Ach beirm làidir a’ chaochain,
A’ cur mhnathan is dhaoin’ as an céill.
Dol troimh Mhargadh an t-salainn,
Far an lionmhor luchd malairt an éisg,
’S iomadh bodachan peallach
Bhios a’ seinn air gach ealaidh fo ’n ghréin;
Cailleach mhor, bhuidhe, ghris-fhionn
’Figheadh stocaidh a’s piob ann na beul,
Ag éigheach, “Sgadan Lochfìne,”
’S i air tùchadh le innseadh nam breug.
Ged as àillidh an sealladh,
Mnathan uaisle a’ bhaile gu leir
Ag imeachd feasgar ’na Sàbaid
Air sràid Earraghaidheal nan seud,
Sioda comhdach gu’n sàiltean,
’S iad a’ sguabadh na sràid as an deigh,
Le gnùis-bhrat ’s cochuill làmh orra,
’S gun na fiaclan slàn ann nan deud.
Chi mi caile chinn ghuanaich,
Le falt ceannaich a fhuair i an dé,
’S a bhoineid thall cùl a cluasan,
Mar tha air adharcan luachrach an t-sléibh;
Ged is stuireanach, caol-chasach,
Astarach, eutrom a ceum,
Cha bhiodh a pogan ach searbh leam,
’S fiaclan tilgte dhaoine marbh ann na beul.
’S bochd an sealladh tha againn
Air oidhche Di-sathairne fhéin,
Fir a’s mnathan a’ caonnag,
’S an clann leth-rùisgte caoineadh nan déigh,
Fuil ga ’n dalladh ’s na sùilean,
’S iad le anacainnt toirt dùlan d’a chéil’;
’S nan deanadh Gàidheil an tùrn ud
Bhiodh iad ainmeil nan dùthaich na dhéigh.
Iadsan a Phaigh.
Iain C. Gillios, Gleann nan Sgiathanach,
Aonghas Strachan, St. Esperit.
Aonghas Domhnullach, Abhainn Mhuileach
Gilleasbuig Mac Fhionghain, Beechmont.
Iain I. Mac Philip, Reserve Mines.
Uilleam Domhnullach, Marion Bridge.
Bean Iain Mhic Citheagain, Horne ’s Road.
Domhnull Mac Gilleain, Caledonia Mines.
Mrs Nic Rath, Abhainn Mheadhonach.
D. A. Mac Gill-fhaollain, S . W. Margaree.
A. R. Mac Neacail, Barrasois.
Iain Mac Fhionghain, Sidni.
Uisdean A. Mac-a- Phi, St . George’s, E. P. I.
A. D. Mac Leoid, Charlottetown , E. P. I.
Eoin Mac Gilleain, Gleann Màrtuinn, E. P. I.
Iain C. Domhnullach, Ardness , N. S.
Aonghas Sutharlan, Elmsfield , N. S.
Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifacs, N. S.
A. G. Domhnullach, Antigonish , N. S.
Bean Chaluim Mhic Leoid, Springhill , Que.
Domhnull D. Mac Leoid, Milan , Que.
Domhnull I. Friseil, Vankleek Hill, Ont.
Iain Mac-an-Leigh, Fort William, Ont.
F. Mac Cuthaig, Victoria Mines, Ont.
Iain Mac Gilleain, Spragge , Ont.
Iain Dughlach, Sowerby , Ont.
Iain T. Domhnullach, Cornwall , Ont.
Domhnull Mac Neacail, Ladysmith , B. C.
C. L. Smith, Lakeport, N. H.
Uisdean Mac Aonghais, Allston , Mass.
Iain Domhnullach, Topeka , Kansas.
Uilleam Mac Amhlaidh, Seiseadar, Alba.
An t-Oillear Masson, Duneideann, Alba.
Alasdair Beuton, Alligin, Alba.
Probhaist Mac-Rath, Dingwall, Alba.
Sop as Gach Seid.
NA H-IUDHAICH—Tha aona millein deug Iudhach anns an t-saoghal. Tha sia millein dhiubh sin ann an Ruisia, da mhillein us ceud mile ann an Austria-Hungary, sia ceud mile anns a Ghearmailt, agus dluth air da cheud ’s da fhichead mile ann am Breatunn. Tha e iongantach gu bheil barrachd mor dhiubh ann an Ruisia—an dùthaich a’s motha tha toirt de dh’ ana-ceartas dhaibh—na tha ann an dùthaich sam bith eile.
LEABHAR LUACHMHOR—Chuir Righ Phersia o chionn ghoirid gibht luachmhor dh’ ionnsuidh Righ Afghanistan. B’e an gibht a bh’ann “Coran,” leabhar-creideamh nam Mahomedanach, agus cha’n eil teagamh nach e an leabhar a’s luachmhoire tha air an t-saoghal. ’S fhiach an còmhdach a tha air fichead mile punnd Sasunnach. Tha gach taobh dhe’n chorer air a dheanamh de dh’ òr fior-ghlan da òirleach us tri chairteil a thiughad, air am bheil dealbhan ciàbhach air an gearradh, agus anns am bheil coir us ceithir ceud seud luachmhor air an suidheachadh.
A REIR NA GAOITHE—Ann an Sumatra ’s ann aig a ghaoith a tha ri shuidheachadh cia fhad ’sa dh’ fheumas bantrach fuireach gun phosadh. Direach an deigh bàis a fir, tha aice ri breid a chrochadh ri crann aig a dorus. Fhad ’sa bhios am bréid sin gun shracadh leis a ghaoith, cha ’n fhaod i, a reir gnàths na dùthcha, posadh; ach a cheud reubadh a chi i air, ged nach biodh e leth an oirlich a dh’ fhad, faodaidh i a culaidh-bhroin a thilgeadh dhith, i fein a dheanamh cho boidheach ’s is urrainn i, agus a cheud fhear a thairgeas a làmh dh’i a phosadh.
Naigheachdan.
BOCHDAIN ’SA GHEARMAILT—Tha droch thimeannan anns a’ Ghearmailt aig an àm so. Tha taighean mora ceannachd a bristeadh, bancaichean a fàs mi-chinnteach, agus tuarasdail anns gach obair agus ceaird a sior thuiteam.
TEINE ANN AM PUGWASH—Bha teine mor ann am bhaile Phugwash, N. S., maduinn Di-dòmhnaich s’a chaidh. Loisg e coig togalaichean fichead, agus tha an call air a mheas aig 35,000. Cha robh ach mu dha mhile dheug dolair de dh’ urrasachadh orra.
BARR NAN STAIDEAN—Cha robh am bàrr crithneachd anns na Staidean riamh cho mor ’sa bha e air an fhoghar so. Chaidh seachd ceud gu leth mile buiseal dhe bhualadh. Tha moran de’n t-siol ri bhi air a chur a null do’n Roinn-Eorpa, far nach robh toradh na talmhainn am bliadhna cho trom ’s a b’ àbhaist.
CHAILL TAMMANY—Chaill a bhuidhean sin de mhuinntir New York ris an canar Tammany gu h-olc aig an taghadh a bh’ anns a bhaile sin air a choigeamh latha dhe’n mhios. Bha Seth Low air a thaghadh gu bhi na àrd bhàillidh, agus bha iadsan a bh’ air a thaobh cha mhor gu h-iomlan buadhach. Bidh sùil an t-saoghail a nise ri New York feuch ciod an t-ath-leasachadh a ni Low agus a chuideachd ann an cùisean-riaghlaidh na caithir mhoir sin.
Cape Breton Electric Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM-CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m.Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.
TURSAN FEASGAR.
[Clàr - ama]
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Didomhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 10. No. 18. p. 8]
Tuireadh.
LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN, NACH MAIREANN.
’S trom mo ghleus air an stùchd
Anns an fheasgar chùbhraidh, chéit’,
Dealt nan speur a’ teurnadh dlùth,
Inneal ciùil am bàrr gach geug.
Chrom a’ ghrian, tha ’n iarmailt ruadh,
Air cuan mor nan stuadhan àrd;
Feuch an long ag éiridh suas,—
Mar thannasg fuar i seach a’ snàg.
Tha ’n oidhche ’teachd le ’trusgan ciar,—
Tha ’n àirde ’n iar air dol ’n a smàl;
Thréig an t-seisd ’bha ’m beul gach ian,
Gidheadh cha ’n ’eil mi ’triall o’n aird.
Tha gach dùil, ’s gach cuileag fhaoin
Air gach taobh a’ gabhail tàimh;
Ach mise ’am shineadh anns an fhraoch,
Fo iomairt smaointean baoth gun stàth.
O’n a thàinig mi do ’n t-saoghal
’S beag a rinn mi ’smaointean glic;
Mar bhlàth cluarain air an raon,
’Ghluaiseas leis gach gaoth a thig.
Gidheadh tha smaointean tiamhaidh, bochd
’Nochd a’ mosgladh ann am chridh’,
Tha mar fhàsach falamh, fuar,
’S e gun luaidh air neach, no ni.
Cha ’n ’eil agam leannan gaoil,
No caraid caomh agam fo ’n ghréin,—
Cha ’n ’eil agam bean no clann,
No neach a b’ annsa leam na ’chéil’,
Amhuil mar bhrùid air a mhagh,
Gun eagal Dhé, gun ghràdh, gun dùil;
Cha ’n ’eil cùram air mo chridh’,
’S mi gun ni ’s an cuir mi ùigh.
Ard-Righ nam feart tionndam riut,
A’s air mo ghlùinean guidheam ort,—
Deonaich dhomhsa cridhe nuadh,—
Eisd ri m’ ùrnuigh thruaigh an nochd.
Doirt a nuas do Spiorad caomh,—
Ris an t-saoghal bheiream cùl;
Dhuit a mhàin, O! thugam gaol,
A’ d’ Aon Mhac féin, O! cuiream dùil.
Eisd, a Shlànuighear nam buadh,
Ri ùrnuigh thruaigh a’ teachd o m’chridh,
Tha mo cheum air slighe ’bhàis,
’Thriath nan gràsan sabhail mi.
Fios Thun a’ Bhaird.
LE UILLEAM MACDHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH.
Tha ’mhaduinn soilleir grianach,
’S a’ ghaoth ’n iar a’ ruith gu réidh,
Tha ’n linne sleamhuinn sìochail,
O na chiùinich stri nan speur.
Tha ’n long na h-éideadh sgiamhach,
’S cha chuir sgios i dh’ iarraidh tàmh,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
A’ toirt an fhios so thun a’ Bhàird.
Thoir am fios so thun a’ Bhàird,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
So crùnadh mais’ a mhios’,
’S an teid do ’n dìthreadh treudan bho,
Do ghlinn nan lagan uaigneach,
Anns nach cuir ’s nach buainear por,
Leab-innse buar nan geum,
Cha robh mo roinn diubh ’n dé le càch,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise.
Thoir am, fios so thun a’ Bhàird.
Tha miltean spréidh air faichean,
’S caoirich gheal air creachain fhraoich,
’S na féidh air stùcan fàsail,
Far nach truaillear làr na gaoith,
An siolach fiadhaich neartmhor,
Fliuch le dealt na h-oiteig thlàth,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Tha ’n comhnard ’s coirean garbhlaich,
Cors’ na fairg’ ’s gach gràinnseach réidh,
Le buaidhean blàthas na h-iarmailt,
Mar a dh’ iarramaid gu léir,
Tha ’n t-seamair fhiadhain ’s neoinein
Air na lointean feoir fo ’m blàth,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Na caochain fhior-uisg’ luath
A’ tighinn a nuas o chùl nam màm,
Bho lochain ghlan gun ruadhan,
Air na cruachan fad’ o’n tràigh,
Far an ol am fiadh a phailteas,
’S boidheach ealtan lach ’gan snàmh,
Mar a fhuair’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Tha Bogha-mòr an t-sàile
Mar a bha le reachd bith-bhuan,
A’ morachd maise nàduir,
’S a’ cheann-àrd ri tuinn a’ chuain,
A riombal geal seachd mile,
Gainmhean siobt’ o bheul an làin,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Na dùilean stéidh na cruitheachd,
Blàth ’s ’us sruithean ’s anail neul,
Ag altrum lusan ùrail,
Air an luidh an driùchd gu sèimh
’Nuair a thuiteas sgàil na h-oidhche,
Mar gu ’m b’ ann a’ caoidh na bha,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Ged a roinneas gathan gréine
Tlus nan speur ri blàth nan lon,
’S ged a chithear spréidh air àiridh,
A’s buailtean làn de dh’ àlach bhò,
Tha Ile ’n diugh gun daoine,
Chuir a chaor’ a bailtean fàs,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Ged ’thig ànrach aineoil
Gus a’ chala, ’s e ’s a’ cheo,
Cha ’n fhaic e soills’ o ’n chagailt
Air a’ chladach so ni ’s mo;
Chuir gamhlas Ghall air fuadach
Na tha bhuainn ’s nach till gu bràth,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Ged a thogar feachd na h-Alb’,
Is cliùiteach ainm air faich’ an àir,
Bithidh bratach fhraoich nan Ileach
Gun dol sios ’ga dion le càch;
Sgap mì-run iad thar fairge,
’S gun ach ainmh’ean balbh ’na ’n àit,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Tha tighean seilbh na dh’ fhag sinn
Feadh an fhuinn ’na ’n càrnan fuar,
Dh’ fhalbh ’s cha till na Gaidheil,
Stad an t-àiteach, cur a’s buain,
Tha stéidh nan larach tiamhaidh
A’ toirt fianuis air ’s ag ràdh,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Leig am fios so thun a’ Bhàird.
Cha chluinnear luinneag oighean
Seisd nan oran air a’ chléith,
’S cha ’n fhaicear seoid mar a b’ abhaist
A’ cuir bàir air faiche réidh;
Thug ainneart fograidh uainn iad,
’S leis na coimhich buaidh mar ’s àill,
Leis na fhuair ’s na chunnaic mise,
Biodh am fios so aig a’ Bhàrd.
Cha ’n fhaigh an déiceach fasgadh,
Na ’m fear astair fois o ’sgios,
Na soisgeulach luchd éisdeachd,—
Bhuadhaich eucoir, Goill a’s cis;
Tha ’n nathair bhreac ’na lùban
Air na h-ùrlair far an d’ fhas
Na fir mhor a chunnaic mise,—
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Lomadh cearn na h-Oa,
An Landaidh bhoidheach ’s Roinn Mhic Aoidh
Tha ’n Learga ghlacach ghrianach,
’S fuigheal cianail air a taobh,
Tha ’n gleann ’na fhiathair uaine
Aig luchd fuath, gun tuath, gun bhàrr,
Mar a fhuair ’s a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a’ Bhàird.
Ma tha thu ’g iarraidh
Deagh Bhrogan Obrach
a sheasas ri ’n cosg gu cruaidh ri side bhog, theid againn air an toirt dhut. ’S ann againn a gheibhear
BROGAN AMHERST
an seorsa ’s fhearr a thatar a deanamh.
A . W. Redden & Co.
ROSS BLOCK.SIDNI.
Caradh Uaireadairean,
Chlocaichean agus Sheudan
. .. .ANN AN STOR.. ..
K . BEZANSON.
Theid iad an urras air gach obair a ni iad.. .. . ..
An Togalach Hanington. SIDNI.
Bathar Teine.
Bathar a chaidh a shabhaladh o’n teine—iomadh seorsa—beagan dhe na h-uile rud. Bidh e air a chreic Saor, Saor!!
Tha aireamh de dheiseachan ’s de chotaichean-uachdair againn a fhreagras air daoine mora.
Tha iad againn cho ard ri No. 44.
Mills , MacKenzie & Ross.
Air an t-Seann Laraich.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY.
NOW
MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
title | Issue 18 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 18. %p |
parent text | Volume 10 |