[137]

[Vol . 10. No. 19. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DESEMBER 6, 1901. No. 19.


Litir a Dunic Uisdein.

FHIR APHAIPEAR, —Tha latha no dhà o nach do sgriobh mi ugad. Agus, rud a tha nàdarra gu leòr, is docha gum bi thug ràdh gur e an leisge, no am mi-chùram a thorm; no, ma dfhaoidteadh, gum bi thusmaointean gum bheil an dhroch ghalair so orm. Ach innsidh mise dhut an fhirinn gu saor, soilleir, cha be aon chuid an leisge, no am mi-chùram a chum mi gun sgriobhadh gad ionnsuidh, ach a chionn nach robh mi ann an slàinte cho maths a bàbhaist dhomh. Ged a bha mise uair dhen robh mi cho slàn ris abhreac, dhfhalbh an uair sin. Agus chaneil agamsa agus agadsa ach feuchainn ri cur suas le gnothaichean na beatha so mar a gheibh sinn iad.

A nis, mar a tha cuimhne glé mhath agad fhein, bha migealltainn gun cuirinn ugad feadhainn dhe na puirt-a- beul a chuala mi an uair a bha minam Dhonnachadh òg; ach faodar a thuigsinn nach bi sunnd gabhail phort air daoine an uair a bhios iad ann an droch shlàinte, agus a bhios an saoghal ag àr nan aghaidh. Agus rud eile dheth, is ann a gheamhraidh, an uair nach bi mòran eile aca ri dheanamh, a bhios daoine, anns an dùthaich so co dhiubh, acur seachad cuid dhen ùine ri ceòl-spòrs, agus ri fearas-chuideachd. Chaneil misecaitheamh mo bheatha gu diomhanach nas na tha na Gàidheil chòire, chneasda a tha thall agaibh fein ann an America. Ach be àm a gheamhraidh an t-àm anns am bu ghnàth leis na seana Ghàidheil a bhith gu cridheil, càirdeil, sunndach acur seachad cuid dhen oidhche le fearas-chuideachd gun chron maille rin càirdean.

Bha mòran de spiorad na bàrdachd anns na seana Ghàidheil. Dheanadh iad ceathrannan òrain ann an ionad nam bonn mu dheidhinn iomadh rud. Ar neo chuireadh iad facail air fonn fear dhe na puirt a bhiodh iad acluinntinn gu cumanta air an cluich air innealan-ciùil. Is ann air an dòigh so a rinneadh na puirt-a- beul.

Is cinnteach gun cuala tu gum bu tric le cuid dhe na Gàidheil a bhanns na h-Eileanan an Iar a bhithdeanamh banais mhagaidh. Cha ruig mise leas a bhithg ràdh dad mu dheidhinn so, oir thugadh cunntas seachad ma dheidhinn anns an sgeul a bhanns aMHAC-TALLA an uiridh. Ach chan fhoghnadh leis na seana Ghàidheil banais-mhagaidh a dheanamh, ach dhfheumadh iad òrain mhagaidh a dheanamh mar an ceudna. Tha mi direach adol a chur fear dhiubh gad ionnsuidh. Tha e air a chur air fonn aon dhe na puirt a bha cumanta anns an àm. Is e ainm aphuirt-a- beul so: “A bhanais a bhan Iollaraidh.”

Is eIollaraidheilean comhnard a tha air taobh an iar-dheas Uidhist mu thuath. Chaneil ann ach talamh gainmhich gu léir. Agus mar is trice, gheibh daoine ann is as dhan cois, a h-uile latha eadar leitheach tràghaidh is leitheach lionaidh. Is e, “an t-eilean blath,” is brìgh don ainm Iollaraidh. Is e so an t-ainm a thug na Lochlannaich air an eilean, an uair a thug iad an aire gum bainneamh do shneachda laidhe air abheag a dhùine. So, ma ta, am port-magaidh a rinneadh do bhanais a bha uaireiginn ann an Iollaraidh:—

Abhanais a bhan Iollaraidh,
Bha Peigidh Mhor nion Uilleam ann,
Bha Donnachadh Dearg, an duinaice,
G an cruinneachadh lemusic .

LUINNEAG:—
Bidh fir abhaile farumach,
Bidh fir abhaile farumach,
Bidh fir abhaile farumach,
Anochd air banais Dhughaill.

Bha Domhull mac Callum Bòdaich ann,
Bu mhath gu bruich na feola e;
N uair dhith e fhein a leor dhith,
Thug en corr a dhIain Bàn Stiubhart.
Bidh fir abhaile, &c .

Bha moran de luchd-fiadhaich ann,
Mac Fhionghain mor a Lionacleit,
Am Bior a bhanns an Iochdar,
S Ruairidh ciar mac Iainic Fhionnlaidh.
Bidh fir abhaile, &c .

Bha moran de luchd-cosgais ann
Luchd ghigeachan is choachachan;
An t-ìm a bhanns na crogaichean
Ga chosg oir banais Dhughaill.
Bidh fir abhaile, &c .

Gun robh Ceit Bhraigh-Aoineart ann,
Gur nighean chridheil, chaoimhneil i;
A h-uile fear afaighneachd,
Con te ghrinn a bhair an urlar.

Bidh fir abhaile farumach,
Bidh fir abhaile farumach,
Bidh fir abhaile farumach,
Anochd air banais Dhughaill.

So na thagam air chuimhne dhen phort, ged a bha e gu math na bfhaide an uair a rinneadh e.

Cha bhiodh e as an rathad dhomh beagan a radh mu dheidhinn nan daoine a thair an ainmeachadh ann. Bha Donnachadh Dearg is Peigidh nion Uilleam ainmeil air feadh Uidhist gu léir. An uair a bhiodh daoine fad air ais ann an tùrs an tuigse, theirteadh gun robh carg an dìth. Agus faodar a ràdh gun robh iomadh car a dhìth Dhonnachaidh is Peigidh. Ach ged a bha carg an dìth, tha e coltach gun do ghabh iad tlachd dhe chéile, agus is ethainig as achùis gun do phòs iad. Bha aon nighean aca de theaghlachSeònaid. Agus ged nach robh Seònaid pòsda riamh, bha nighean aice fhein. Bha Seònaids a h-ighean cho fado bhith glics a bha Donnachadh is Peigidh.

Anns an àm bhiodh daoine gòrach dhen t-seòrsa dhen robh iad, afalbh o bhaile gu bhaile, agus o dhùthaich gu dùthaich, agus atighinn beò mar a bfhearr a dhfhaodadh iad air caoimhneas an t-sluaigh. Bha Donnachadhna phìobaire, agus gheibheadh e aoidheachd anns gach àite an rachadh e, cha bann a chionn gun robh ena phìobaire math, ach a chionn gum bu toigh leis an t-sluagh ceòl-spòrs fhaotainn air a shaillibh. An uair a thòisicheadh e ri seinn na pìoba, bhiodh na droch ghillean abrodadh amhàil leis na minidheans leis na snàthadan mora; agus mar a dhfhaodar a thuigsinn, bhiodh e faotainn deuchainn mhòr acumail gaoithe anns amhàl. Bhiodh a shùilean gu sgionnadh as a cheann, agus bhiodhaghaidh cho mòrs cho cruinn ris aghealaich, aseideadh anns aghaothaire. Ach an uair a dhiarradh Peigidh air toiseachadh ri seinn na pìoba, dhfheumadh e a comhairleghabhail ar neo gheibheadh e laimhseachadh uaipe a bhiodhna chuimhne fad iomadh latha. Dhfheumadh e bhith cho umhail dhis a bhiodh an luch fo spògan achait.

Cha robh àite anns am biodh banais nach biodh Donnachadh is Peigidh ann gun iarraidh gun sireadh. Ach cha diarr duine riamh Donnachadh gu ceòl a sheinn air banais, oir cha baithne dha ceòl ceart a sheinn. Agus bann gus culaidh mhagaidh a dheanamh dhen bhanais a bhan Iollaraidh a chuireadh ainm Dhonnachaidh is Peigidh anns aphort.

Be Domhull mac Callum Bòdaich aon eile dhe na h-amadain a bhann an Uidhist mu thuath aig an àm ud. Bha e mòran na bu ghòraiche na Donnachadh is Peigidh. Agus bann air a shon sin a bha e air a ràdh gum bann ris a dhearbadh an fheoil a bhruich.

Bha Iain bàn Stiubhart afuireach ann an Grimisaidh, eilean a tha air taobh an eara-dheas Uidhist mu thuath. Ged a bha ena dhuine bochd, mar a bha gu leòr eile anns an àm, agus mar a tha gu leòr air an lathan diugh, bha e cho glics cho tùrail ri fear sam bith eile dhe sheòrsa. Ach chuireadh anns aphort e mar a chuireadh feadhainn eile, a chionn gun robhainm freagarrach gus fuaim a chur air an t-sreith mu dheireadh dhen cheathramh ud dhen phort.

Cha robh triùir eile ann an Uidhist bu lugha lochd, agus a biomchuidhenan gluasad anns gach dòigh naMac Fhionghain mòr a Lionacleit, am Bior a bhanns an Iochdar, ’s Ruairidh ciar mac Iainic Fhionnlaidh.” Ach on a bha na h-ainmeannan aca glé fhreagarrach air son a phuirt, chuireadh ann iad. Chaneil dearbhadh sam bith gun robh fear seach fear dhiubh air abhanais.

On a tha mitoirt iomraidh air na daoine so, tha e cho math dhomh phort eile a thoirt seachad anns am bheil ainm dithis dhiubh:—

Bidh Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh
Ciar mac Iainic Fhionnlaidh;
Bidh Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh
Ciar mac Iainic Fhionnlaidh;
Bidh Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh, Ruairidh
Ciar mac Iainic Fhionnlaidh,
Am Bior a bhanns an Iochdar
S Ruairidh ciar mac Iainic Fhionnlaidh.
Am Bior, am Bior, am Bior, am Bior,
Am Bior is Iain mac Fhionnlaidh,
Am Bior, am Bior, am Bior, am Bior
Is Iain mac Fhionnlaidh,
Am Bior, am Bior, am Bior, am Bior
Is Iain mac Fhionnlaidh;
Bidh Gillebrighda Paibeil ann
Abragadaich air urlar.


Hum-un-um-bomhic aBhiora,
Mhic aBhiorair an robhn t-sùith,
Hum-un-um-bomhic aBhiora,
Tha thun geamhail, tha thun lùib;
Hum-un-um-bomhic aBhiora,
Mhic aBhiorair an robhn t-sùith,
Hum-un-um-bomhic aBhiora,
Tha thun geamhail, bha thun lùib.
Hum-un-um-bo, tha thun geamhail,
Tha thun geamhail, tha thun lùib,



[138]

[Vol . 10. No. 19. p. 2]

Hum-un-um-bo, tha thun geamhail,
Mhic aBhiorair an robhn t-sùith;
Hum-un-um-bo, tha thun geamhail,
Tha thun geamhail, tha thun lùib,
Hum-un-um-bo, tha thun geamhail,
Mhic aBhiorair an robhn t-sùith.

Cho luaths a gheibh mi as mo dhrip cuiridh mi port no dhà eile ugad, sin ri ràdh, ma bhios saod agus sunnd orm. Bfhearr dhuinn gu mor, taobh air thaobh, a bhithgabhail phort-a- beul na bhithcur seachad an fheasgair, mar a tha cuid as aithne dhomhsa, abruidhinn air a h-uile smodal suarach a tham measg dhaoine, agus afaotainn beum do ar coimhearsnaich.

Is mi do charaide dileas,
MAC UISDEIN.
Dunic Uisdein,
Oidhche Shamhna, 1901.


AChathair Fhalamh.

(Eadar-theangaichte on Bheurla le IAIN).

CAIB. III.

MU dheireadh thainig am meadhain-oidhche, agus thainig fear an déigh fir air ais, ach chan fhaciad Tomas, agus cha mhò a fhuair iad sgeul air a bheò no air a mharbh. Bha cluas ri claisneachd aig gach aons iad an dùil, a h-uile farum chas a chluinneadh iad gur e Tomas a bhiodh ann. Ach theireadh a mhathair an comhnuidh, agus a cridhe glé chràiteach, “Chan e sid idir farum casan mo leinibh-sa; chan e, chan e!” Aig acheart àm bha a sùil air an dorus gun stad, agus cha togadh i a sùil dheth gus an tigeadh an neach a bhatighinn, a steach, agus an innseadh e le fuireach sàmhach, agus le aghaidh ghruamaich, nach robh dad aige air son a shaoithreach.

An deigh amheadhain oidhche, thill iad uile ach Padraig fhein. Bha fuaim eagallach aig aghaoith; bhan t-uisge atighinn a nuasna dhòrtaidhean gun fhois gun dìobradh; chluinnteadh fuaim nan aimhnichean adòrtadh a nuas o bhràighe nam beann os cionn eadhoin fuaim na gaoithe. Bha iad an sidnan suidhe air an lionadh le bròn is eagal mun fhear a bhair chall, ag éisdeachd ri fuaim na gaoithes an uisge. Cha robh guth ri chluinntinnnam measg ach osnaich na màthar, caoineadh na cloinne, agus tuireadh trom, goirt na maighdinn a bhacaoidh Thomais, agus a ceann na laidhe air uchd a h-athar, ’s gun dòigh aca air comhfhurstachd a thoirt dhi.

Mu dheireadh chualas an acomhartaich, agus dhaithnich iad gun robh cuideiginn atighinn thun an taighe. Bha h-uile cluas fosgailte, agus a h-uile sùil air an dorus; ach mum burrainn iad a dheanamh am mach gun robh fuaim chas atighinn thun an doruis, “Oh, chaneil ann ach coiseachd Phadraig!” arsa bean Phadraig, agus i ag éirighna choinneamhs i guls acaoidh.

A Sheònaid a Sheònaid!” arsa Padraig, an uair a chaidh e steach, agus a chuir e a lamhan ma h-amhaich, “Ciod e so a thair tighinn oirnn mu dheireadh?”

Thug e sùil mun cuairt an t-seòmair, agus an uair a thug e an aire don chathair fhalamh, air nach suidheadh aon duine, chaidh e air chrith o bhonn gu bathais, ged bu treun, sgairteil e.

Chaidh uair an déigh uair seachad, ach cha do sgaoil achuideachd. Cha dùirigeadh iad falbh ann an cabhaig agus an teaghlach brònach fhagail leotha fhein. Bha na pàrantan ri caoidhs ri bron, agus bha na càirdean, cha mhòr, cho tùirseach riutha fhein; agus is e fior bheagan comhraidh a bha iad adeanamh.

A nàbuidhean,” arsAdam Bell, “bidh lathùr againns amhadainn, agus feithidh sinn gus am faic sinn ciod a bheir an latha mun cuairt. Ach anns acheart àm leughamaid cuibhrionn de dhfhacal Dhé, agus deanamaid ùrnuigh maille ri chéile, a chum as, co dhiubh a chuireas teachd an latha solus dhuinn air aobhar abhròin a thagainn anochd no nach cuir, gun éirich Grian na fireantachd le slàinte fo a sgiathaibh araon air cridheachan an teaghlaich a tha fo throm bhròn, agus air cridheachan nan uile a tha làthair.”

Amen!” arsa Padraigs e fàsgadh a dhòrn. Agus an uair a thug a charaid làmh air aBhiobull, leugh e an toiseach achaibidil anns am bheil e sgriobhte— “Is fhearr a bhith ann an taigh abhròin na ann an taigh na cuirme,” agus a rithist an earann a thag ràdh— “Is math dhomhsa gun robh mi air mo smachdachadh, oir mun robh mi air mo smachdachadh, chaidh mi air seacharan.”

Thàinig amhaduinn, ach cha dthàinig guth no iomradh air amhac a bhair chall. An déigh do na h-aoidhean slàn fhàgail aig an teaghlach, dhfhalbh iad uile dhachaidh ach Adam Bell, agus a nighean. ’Na dhéigh sin chaidh Padraig agus a chuid sheirbhiseach a rithist a shiubhal nam beann agus nam bailtean feuch am faigheadh iad forofhais air an fhear a bhair chall.

Chaidh laithean is seachdainean is miosan is bliadhnachan seachad, ach cha chualas guth no iomradh air Tomas. Ri ùine dhfhalbh tomhas mòr dhen bhròn a bha air inntinnean nam pàrantan, agus bha iad foighidneach fon trom smachdachadh a thàinig orra; ach cha do leig iad air dichuimhn gun do chaill iad an ceud ghin mhic, ged nach dfhuaras am mach ciod a dhéirich dha. Be barail dhaoine ann an cumantas gun deachaidh a chall anns an t-sneachda. Agus theireadh am beagan aig an robh cuimhne air mar a thachair, gur e gnothach glé neo-chumantabhann, agus gum bu duine òg e a bha glé bhras, dànana dhòighean.

Bha Nollaig an déigh Nollaig adol seachad, agus bha Padraig Elliot acumail an latha mar bu ghnàth leis mar chuimhne air latha-breith a mhic. Acheud bheagan bhliadhnachan an deigh dha a mhac a chall, cha robh aoibhneas no subhachas sam bith am measg nan aoidhean a bhiodh aig achuirm air latha Nollag. Agus bhachathair air am biodh Tomasna shuidhe aig deas laimh Phadraig falamh. Chan fhaodadh duine sam bith suidhe innte. Ach mar a bhan teaghlach afàs suas o bhliadhna gu bliadhna, bha iad beag air bheag aleigeadh air dichuimhn gun do chaill iad am bràthair. Bha latha Nollag dhaibh fhein agus do na h-uile a bha mun cuairt dhaibh, ’na latha gàirdeachais, agus thainig iad gu bhith acheart cho mears cho mireagach rin càirdean fhein. Agus bha am pàrantan atoirt misnich dhaibh gus a bhith aoibhneach agus subhach ged a bha iad fhein glé thùrsachnan cridhe.

Chaidh bhliadhna dheug seachad, agus thainig latha Nollag mun cuairt mar bu ghnàth leis. Bha e cho neo-choltach ris an latha air an do chailleadh Tomas ri latha Nollag a burrainn a bhith. Bha na beanntan faisge air a bhith cho gorms a bha iad anns an t-samhradh. Ged nach robh aghrian cho teiths a bha i anns an t-samhradh, bha i acheart cho boillsgeil agus cho maiseach. Agus bha i ag amharc a nuas air an talamh mar gum biodh i toileach gàirdeachas a dheanamh maille ris. Bha na speuran gorma cho sèimheil coltas ris a chuan an uair a bhios ena chadal fo ghathan tlàtha na gealaich.

Bha àireamh mhath da chàirdean cruinn ann an taigh Phadraig. Bha a chuid mhac agus na daoine òga eile a bhanns achuideachd cruinn air an réidhlein a bha faisge air an taigh, agus iad acur seachad na h-ùine acaitheamh an ùird, agus ris gach cluich eile a bha aig an àm cumanta anns an àite. Agus bha an fheadhain a ràinig aoisnan seasamh ag amharc orra, agus amoladh mar a bha iad adeanamh.

Bha Mac Iain, an tuathanach air an dthugadh iomradh roimhe so, ’na dhuine mòr, làidir, agus e mu dhà bhliadhna dheug air fhichead a dhaois. Bann aigesan a bha urram gach cluich. Uair is uair mar a bha Padraig afaicinn a chuid mhac acall urram gach cluich, bha a spiorad air a bhrosnachadh mar gum biodh e rithist òg. “Oh!” arsesan gu beag ris fhein, agus dorran gu leòr air a chridhe, “nan robh Tomas mo mhac beò, chuireadh e am mach fuil a chridhecaitheamh an ùird mun leigeadh e buaidh na cluich le aon Mhac Iain a bha riamhs an dùthaich!”

Am feadhs a bha e mar so abruidhinn ris fhein, agus e aig acheart am abagradhna inntinn a dhol a chaitheamh an ùird gus abhuaidh a thoirt o Mhac Iain, chunnacas fear atighinn an rathad a bha iad. Dhaithnich iad anns amhionaid gur e seòladair a bhann. Bha coltas glé làidir calama air. Bha e mu choig troidhean is naoi òirlich air àirde. Bhaaghaidh gu math daithearra, agus a reir choltais cha bhuineadh e don rioghachd. Bha coltas glé thlachdar air a ghnùis. Bha falt fada, camlagach dubh sios ma chluasan, agus bha pailteas feusaig dhen cheart dath airaodann, agus bha so acur coltas car garg air a chruth.

Sheas e car tiotadh, agus a lamhan paisgte, far an robh iad acaitheamh an ùird agus bha gach aon a bhanns achuideachd ag amharc gu dlùth air. Gun chead iarraidh, rug e air an òrd mhor, agus an uair a chuir e uair no dhà mun cuairt a chinn e, thilg e còig slatan e na bfhaide na thilg Mac Iain e.

Nach math a fhuaras e!” arsa h-uile duine a bhagan amharc. Theòidh cridhe Phadraig ris anns amhionaid, agus bha e le cabhaig adol a bhreith air laimh air achoigreach, an uair a thuirt e ris fhein— “Sid direach mar a thilgeadh Tomas mo mhac an t-òrd, nan robh e beò!” Shruth na deòir oshùilean, agus gun fhacal a radh, ghreas e dhionnsuidh an taighe air eagal gum faicteadh gun dthàinig tioma air.

Aig cluich an deigh cluich bhabhuaidh aig achoigreach. Mu dheireadh thàinig teachdaire a dhinnseadh gun robh an dinnear deas. Bha cuid dhe na h-aoidhean air suidhe aig abhòrd, agus bha feadhain eile adol a steach. Agus mar a babhaist bha Ealasaid Bellna suidhe ri taobh bean Phadraig aig abhòrd. Bha i anns an àmna lan mhaise, ged a chuir am bròn sgàile air a gnùis. Bha Mac Iain, agus e gle mhi-thoilichte a chionn gun do chaill e buaidh gach cluich, ’na shuidhe ri taobh. Ann an tus a làithean bha eagal air gun tugadh Tomas Elliot Ealasaid uaithe; agus ged nach robh dad aice ma dheidhinn, bha e gu trang air a tòir, on a bha fhios aige gun robh a h-athair comasach air àireamh mhiltean punnd Sasunnach a thoirt dhi mar thochradh.

(Ri leantuinn.)


Ubh gun ìm gun salann, ’an ceann sheachd bliadhna thig a ghalar.

Ubh na circedol a shireadh ubh agheòidh.

Uidh air n-uidh thig an t-slàinte, ’sn a tonna móran easlainte.

Tiodhlac na cloinne bige, ’g a thoirtsg a ghrad iarraidh.



[139]

[Vol . 10. No. 19. p. 3]

Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHANA CHADAL.

CAIB. VII.

AN deigh do Abou Hasan aghlaine fhionaol, thug e air te eile dhe na mnathan-uaisle suidhe aig abhord, agus an uair a thairg e dhi rud dhe na measan a bfhearr leatha, dhfheoraich e dhith ciod a bainm dhi, agus thuirt i ris gun robh Reul na Maidne.

Tha do shuilean briagha,” arsesan, “adealradh nas boillsgeile nan reul on dfhuair thu dainm. Bi cho maths gun toil thu fion gam ionnsuidh.”

Rinn i so gu h-aoidheil, toileach.

An sin thionndaidh e ris an treas mnatha-uasal, dom bainm Solus an latha, agus dhordaich e dhi fion a thoirt ga ionnsuidh mar an ceudna, agus rinn i so. Lean e mar so air iarraidh fiona air te an deigh te dhen t-seachdnar; agus thug se toileachadh mor den righ.

An uair a lion na mnathan uaisle gu leir glaine fhiona do Abou Hasan, chaidh an te dom bainm Neamhnaid thun an t-soithich fhiona, agus an uair a lion i glaine dheth, agus a chuir i ann beagan dhen fhudar a chuir anrigh ann dha an oidhche roimhne sid, thuirt i ris; “A Cheannaird nan Creidmheach, tha miguidhe air bhur morachd gun gabh sibh aghlaine fhiona so as mo laimh, agus mun ol sibh i, gun toir sibh dhomh a dhurram gun eisd sibh rium fhads a bhios migabhail orain a rinn mi an diugh fhein, agus a tha mismaointean a chordas ribh gle mhath. Cha do ghabh mi riamh fhathast e.”

Le muile chridhe,” arsAbou Hasan, agus e breith air aghlaine. “Mar Cheannard nan Creidmheach tha mig aithneadh dhut a ghabhail; oir tha milan-chinnteach nach deanadh bean-uasal cho maiseach riut oran ach oran a bhiodh gle mhath.

Rug abhean-uasal air inneal-ciuil, agus an uair a ghleusaich i gu math e, chliuch i air; agus ghabh i an t-oran air dhoigh cho taitneachs gun robh Abou Hasan air a lionadh le aoibhneas anabarrach mor. Thug e oirre a ghabhail a rithist, agus chord e ris cho maths a rinn e roimhe.

An uair a sguir i, dhol Abou Hasan aghlaine fhiona. Agus an uair a dhamhairc e oirre, thoisich e air moladh cho maths a rinn i; ach mun do tharr e ach beagan fhacal a radh, thug am fudar a mhothachadh uaithe. Bhabheul fosgailte, agus a shuilean duinte, agus bhacheann crom air abhord mar gum biodh duine a bhiodh air tuiteam ann an cadal trom. Bha ena shuain acheart cho troms a bha e an uair a thug an righ dha am fudar an latha roimhe sid.

Sheas te dhe na mnathan-uaisle laimh ris gus aghlaine a ghlacadh as a laimh mun tuiteadh i.

Chord gnothaichean ris an righ gle mhath, oir bha efaicinn agus acluinntinn a h-uile dad a bhadol air aghart.

An uair a thuit Abou Hasan gu tromna chadal, thainig an righ don talla. Dhordaich e an t-aodach rioghail a thoirt bhar Abou Hasain, agus aodach fhein a chur uime; agus dhaithn e don t-seirbhiseach a dhol dhachaidh leis, agus fhagailna laidhe air an t-sofa anns an t-seomar as an dthugadh e, agus dorus an taighe fhagail fosgailte.

Thug an seirbhiseach leis Abou Hasan air a mhuin don taigh aige fhein, agus chuir e e far an dordaicheadh dha, agus thill e gun dail gus innseadh don righ mar a rinn e.

Bha Abou Hasan,” arsan righ, “amiannachadh a bhithna righ fad aon latha, a chum gun deanadh e peanas air sagart na h-eaglais a tha dluth don taigh aige, agus air acheathrar sheann daoine a bhacur mi-ghean air. Thug mi dha comas air so a dheanamh, agus bu choir gum biodh e riaraichte.”

Aig acheart am bha Abou Hasanna laidhe air an t-sofa far an dfhag seirbhiseach an righ e. Chaidil e gu trom gus an robh greis dhen mhadainn air a dhol seachad.

An uair a chaill am fudar a bhrigh, dhuisg Abou Hasan, agus bha ioghnadh gu leor air an uair a chunnaic e gun robh ena thaigh fhein. Thoisich e air gairm air an ainm air na mnathan-uaisle a chunnaic e ann an luchairt an righ, agus air iarraidh orra tighinn far an robh e. Bha eg eigheach cho ards gun cuala mhathair e anns an t-seomar aice fhein, agus an uair a thainig ina ruith far an robh e, thuirt i, “Ciod a thacur ort, a mhic? Ciod a dheirich dhut?

An uair a chuala Abou Hasan na briathran so, thog e a cheann, agus sheall e air a mhathair gu proiseil, agus thuirt e: ‘Mo dheadh bhean! co ris a tha thug radh mac?”

Co ris ach riut fhein,” fhreagair a mhathair gu ciuin; “nach tu Abou Hasan mo mhac? Is e gnothach neonach gun leigeadh tu thu-fhein air dichuimhncho luath.”

An e gur e mise do mhac, a shean sgraoit!” fhreagair Abou Hasan. “Tha thu mearachdach, agus chaneil fhios agad ciod a tha thug radh! Tha mig innseadh dhut nach mise Abou Hasan. Is mi Ceannard nan Creidmheach?”

Duin do bheul, a mhic,” fhreagair a mhathair; “shaoileadh duine a chluinnneadh do bhruidhinn gur e dearg amadan a thannad.”

Chaneil annad fhein ach seann oinseach,” arsAbou Hasan; “bha mig innseadh dhut aon uair eile gur mi Ceannard nan Creidmheach, agus fear ionaid Dhe air an talamh!”

Ah! ’mhic,” ghlaodh a mhathair, “am bheil e comasach gum bithinngad chluinntinn alabhairt bhriathran a thanochdadh gum bheil thu air a dhol as do rian! Ciod e an droch ghne a thatoirt ort a bhithbruidhinn air an doigh sin? Gum beannacheadh Dia thu, agus gun gleidheadh e thu o chumhachd Shatain. Is tu mo mhac Abou Hasan, agus is mise do mhathair.”

An deigh dhi greis a thoirt air reusanachadh ris feuch an tugadh i guchiall fhein e, agus an leigeadh i ris dha cho fada cearrs a bha ena bheachd, thuirt i ris, “Nacheil thufaicinn gum bheil thunad sheomar fhein, agus nacheil e coltach ri seomar a bhiodh ann an luchairt an righ? Bha thucadal anns an t-seomar so riamh o rugadh tu. Smaoinich gu curamach air na tha mig radh, agus na bismaoineachadh air nithean nach robh riamh ann, agus nach mo a bhitheas. Aon uair eile, a mhic, smaoinich air achuis gu curamach.”

Dheisd Abou Hasan gu foighidneach ris a h-uile facal a thuirt a mhathair ris. Bhacheann crom, agus a dha laimh fosmig, mar gum biodh edol fosmaointean feuch am faigheadh emach co dhiubh bha no nach robh na chunnaics na chuale fior. Mu daeireadh thuirt e rimhathair, agus e mar gum biodh e air dusgadh a cadal trom: “Tha micreidsinn gum bheil thu ceart. Tha mismaointean gur mi Abou Hasan, gur tusa mo mhathair, agus gur e so mo sheomar fhin.”

An uair a dhamhairc e gu dluth oirre, agus air a h-uile rud a bha mun cuairt air anns an t-seomar, thuirt e: “Chaneil teagamh nach mi Abou Hasan, agus chan urrainn mi thuigsinn cia mar a chinnich na smaointeanan udnam cheann.”

Bhamhathair a lan-chreidsinn gun robh inntinn a mic air stoldachadh, agus on a bha ismaointean gur e bruadar a chunnaic e, thoisich i ri gaireachdaich comhladh ris, agus ri cur cheisdean air mu dheidhinn abhruadair. Agus am feadhs a bha ilabhairt ris, ghrad dheirich e, agus an uair a dhamhairc e le gruaim oirre, thuirt e, “A sheana bhuidseach, chaneil fhios agad ciod a tha thug radh. Cha mhise do mhac, agus cha tusa mo mhathair. Tha thug ad mhealladh fhein, agus baill leat mise a mhealladh mar an ceudna. Tha mig innseadh dhut gur mi Ceannard nan Creidmheach, agus cha teid agadsa gu brath air a thoirt orm a chreidsinn nach mi!”

An ainm Dhe, a mhic,” arsa mhathair, “sguireamaid dhen bhruidhinn so. Cuir thu fhein air churam Dhe, air eagal gun tig mi-fhortann ar rathad; labhramaid mu rud eiginn eile. Innsidh mi dhut mar a thachair an de don t-sagart a thanns an earrann so dhen bhaile, agus do ar ceathrar choimhearsnach. Thainig ard-bhreitheamh abhaile, agus an uair a rinn e greim orra fhuair iad moran bhuillean uaithe le slait. Bha fear afalbh air feadh abhaile ag eigheach: ‘So am peanas a nithear air na h-uile a bhios agabhail gnothaich ri rud sam bith nach buin dhaibh, agus bhios afeuchainn ri aimhreit a thogail eadar na coimhearsnaich.’ ’Na dheigh sin thugadh troimh shraidean abhaile iad, agus dhordaicheadh dhaibh gun tighinn gu brath tuilleadh don chuid so dhen bhaile.”

Cha robh smaointean aig mathair Abou Hasain gun robh lamh sam bith aig a mac anns an obair so, agus air an aobhar sin dhinnis i dha ma dheidhinn, an duil gun togadh iinntinn bhar nam beachdan amaideach a bha eg arach. Ach an aiteinntinn a thogail bhar agnothaich is ann a tharruinn iaire ga ionnsuidh na bu mho na bha i riamh.

Cha bu luaithechuala Abou Hasan an naigheachd a dhinnis a mhathair dha na ghlaodh e: cha mhi aon chuid Abou Hasan, no do mhac-sa. Is mi gu deimhin Ceannard nan Creidmheach. Chan urrainn mi teagamh a chur ann an deigh na dhinnis thu dhomh. Biodh fhios agad, ma ta, gum bann le mordugh-sa a rinneadh peanas air an t-sagart agus air acheathrar eile. Agus tha mig innseadh dhut gur mi Ceannard nan Creidmheach gun teagamh sam bith; agus air an aobhar sin, na big radh rium tuilleadh gur e bruadar a chunnaic mi. Bha minam dhusgadh acheart cho maths a tha min drasta. Tha thutoirt toileachadh dhomh an uair a tha thug innseadh dhomh gun do chuir breitheamh abhaile gu cothromach ann an gniomh an t-ordugh a thug mise dha. Agus tha mi ro thoilichte gun dfhuair na cealgairean ud am peanas a thoill iad. Bfhearr leam gun robh fhios agam cia mar athainig min so. Moladh gun robh do Dhia air son nan uile nithean! Is mi Ceannard nan Creidmheach gun teagamh sam bith, agus chan urrainn dutsa toirt orm a chaochladh a chreidsinn.”

Cha burrainn a mhathair idir a thuigsinn car son a bha Abou Hasanga dheanamh fhein cho lan-chinnteach gum be fhein air righ, agus uime sin cha robh teagamh sam bith aice nach robh e air a dhol gu buileach as a chiall. Thuirt i ris: “Guidh air Dia, a mhic, gun deanadh e trocair ort! An ainm an aigh sguir dhen bhruidhinn gun doigh a thort. Guidh air Dia gun tugadh e mathanas dhut, agus gun tugadh gras dhut gu labhairt nas reusanta na tha thudeanamh. Ciod a theireadh sluagh an t-saoghal nan cluinneadh iad gum bheil thulabhairt

(Air a leantuinn air taobh 142).



[140]

[Vol . 10. No. 19. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, DESEMBER 6, 1901.

EILEAN CHRETE.

GUS o chionn tri bliadhna air ais bha an t-eilean so fo riaghladh na Tuirce. Ach mun àm sin rinn na h-eileanaich ceannairc, agus an deigh moran fala dhòrtadh chaidh rioghachdan mora na h-Eòrpasan eadraiginn. Thugadh Crete bhon Tuirc, agus thugadh féin-riaghladh don t-sluagh, fo uachdaranachd Prionnsa Deòrsa na Gréige. Bha sin ri mairsinn tri bliadhna, agus than ùine sin a nis air ruith. Tha na Creitich fhéin, cho math ri Prionnsa Deòrsa, toileach gum biodh an t-eilean air a ghabhail a stigh fo chrùn na Gréige. Tha riaghladh na Gréige mar an ceudna toileach; ach tha na rioghachdan mora an aghaidh atharrachadh sam bith a dheanamh aig an àm so, agus gus am bi iad de bheachd eile, bidh Crete air a riaghladh mar a bha i re nan tri bliadhna chaidh seachad. Tha na Creitich den aon sluagh, den aon chainnt, ’s den aon chreideamh ris na Greugaich, agus chan eil teagamh nach tig iad ri ùine gu bhi fon aon riaghladh.


AN RIGHS A THIOTAL.

A REIR an achd a thug aPhàrlamaid am mach air an t-samhradh a dhfhalbh chuir an Righ am mach o chionn mios iomradh ùr mun dòighs mun tiotal fom bi e airaithneachadhs airaideachadh aig an tigh is thairis. Theirear ris o so a mach Rìgh Bhreatuinn Mhòir is Eirinn le gràs , is Impire India, Fear-dìon aChreidimh, is nan Crìochan Breatunnach thar nan Cuantan. Tha so air a chur am mach am Beurlas an Laidionn, agus bidh an tiotal so ri leughadh ás a dhéigh so air gach bonn òir, airgid, is umha a bhios air an cùineadh on àm so. Tha e air a thuigsinn mar an ceudna gum bi an t-Oighre, Diùc Chornwall is York, afaotainn ann an ùine gheàrr an t-seann ainms an tiotal a bha aigAthair gus an dthàinig e gus an righ-chathair. Bha gluasad mòr an taobh deas Shasuinn is an Lunnainnnuair a rànaig an t-Oighre ògs a Bhean cladach Bhreatuinn gu sàbhailte. Chìteadh an sud anns an aon charbad an t-Athair, am Mac agus an t-Ogha; agns bu mhòr tlachd an t-sluagh anns an fheadhainn bheaga. —Oban Times.


GAIDHEIL CHANADA.

THA na Gaidheil ann an Canada nas cumhachdaiche, agus barrachd dhiu anns gach dreuchd ard agus fhogluimte, thar sluaghs am bith eiles an duthaich, a reir an aireamh, agus tha meas agus iarrtas orra da reir. Agus ciod a rinn sin, an aghaidh gach cruaidh-chàs agus anacothrom a bha nan aghaidh air gach doigh, an coimeas ri sluagh eile na dùthcha? Chan e bhi caitheamh an uine le misg agus lunndaireachd, (ni a tha cuid ro ealamh air a bhi cur as an leith agus air am bheil cuid diubh ciontach, cho math ri daoine eile), achs e dichioll, ionracas agus stuaimeachd, maille rin ard bhuadhan naduir agus inntinn, a choisinn dhoibh am meas agus an cliu a tha aca a nise anns gach aite. ’S e son diugh staid nan Gaidheal ann an Canada, agus faodaidh sinn a radh le firinn air feadh an t-saoghail gu leir, cho fads a tha cunntas againn, ach ann an duthaich am breith, agus tha e leigeadh ris dhuinn ciod a tha iad comasach air a dheanamhn uair a bhios an cothrom aca; aguss e ar guidhe agus ar n-urnuigh dhurachdach nach ann air ais a theid iad.


SEALLADH MOR GHLASCHU.

THAINIG an sealladh mor so gu crìch o chionn ghoirid, agus tha ena aoibhneas do mhuinntir abhaile mhoir ud agus do Albainn gu léir gun robh soirbheachadh mathna lorg. Anns na seòmraicheans na cearnan grinn riomhach ud chiteadh moran do eachdraidhs do thoradh Eanchainn Gall is Gàidheal; agus tha ena thaitneas a bhi cluinntinn gun dthàinig beairteas is onoir an deigh na h-oidhirp airidh ud a thana cliù don dùthaich. An déigh gach ni a bhi air a phàigheadh bidh suas ri ceud mìle punnd Sasunnach an làmhan an luchd-riaghlaidh. Tha sona aobhar moladh sònruichtenuair a chuimhnichear nach robh ach call mor co-cheangailte ri Seallaidhean don aon t-seòrsa feadh an t-saoghail. Chunntadh suas ri aon mhuillein deug gu leth a chaidh a steach nam miosan a bha an sealladh greadhnach ud fosgailte. Tha e air a ràdh gur h-e aon do na nithean anns an do ghabh an sluagh tlachd àraidh ceòl a bhag an tarruinn an déigh an déigh a chéile. Tha so cuideachdna aobhar chliù do ar seann rìgheachd.


LATHA TAINGEALACHD.

BE Diordaoin sa chaidh Latha Taingealachd. Tha iomadh aobhar aig muinntir na dùthcha so air an taingealachd a nochdadh air son na sochairean, aimsireil agus spioradail, a tha air am buileachadh orra anns a bhliadhna a chaidh seachad. Tha an dùthaich so, da rireadh, ann an suidheachadh math aig an àm so. A tuaths a deas, an iars an ear tha sìthus sàmhchair eadar duineus duine. Agus tha Canada a toirt taing don Uile-chumhachdach gu bheil cùisean mar a tha iad.

Tha ar nàbuidh, na Stàitean, air adhartas mor a dheanamh mar an ceudna. Ged a tha e duilich ri innseadh gu bheil moran dhen dòigh fhéin aig an t-sluagh sinsin ri ràdh, gu bheil àireamh dhiubh a gabhail an lagh nan lamhan fhéina mortadhs a crochadh na daoine dubha, ni a tha toirmeasgte leis an lagh, gidheadh tha soirbheachadh air tighinn air an dùthaich ann an dòigh no dha. Agus tha fear aig an stiùir a tha comasach agus a ni na tha na chomas gus cùisean a dheanamh gu math.

Ged a tha an cogadh ann an Africa mu dheas fhathast gun chriochnachadh, tha gnothuichean na dùthcha sin a dol air adhart nas fhearr, agus chaneil teagamh nach bith sìth anns an dùthaich sin ann an ùine gun a bhi fada.

Chan urrainn dhuinn dichuimhn a dheanamhs a cho-dhunadh air a mhnaoi mheasail sin nach maireann, banrigh Bhictoria. Thainig beatha eireachdail gu crioch nuair a dheug ise; agus bha an righ-chathair air a lionadh le a mac, a tha cho fad so a deanamh a dhleasdanais gu maths gu ro mhath.


AN GEANCACHS AN T-ALBANNACH.

THA moran sluaighsan t-saoghal dhen bharail gur h-e an Geancach fear-gnothuich as tapaidhe tha ri fhaotainn, agus chan eil duine cho daingeannsa bharail sin ris aGheancach fhéin. Is ann uair gle ainneamh a theid na h-Albannaich a choimeas ris anns an dòigh sin; ach nochd a bhliadhna so gu bheil an t-Albannach, ann an cuid de ghnothuichean co-dhiu, fad air thoiseach air a Gheancach. Bha féill mhor aig muinntir nan Staidean fad an t-samhraidh sa chaidh ann am baile Bhuffalo. Miosan mun deach a fosgladh bha a h-ainm air a sheirm fad us farsuinn anns gach cearna dhen t-saoghal, agus bha gach dichioll air a chleachdadh a chum sluagh a tharruinn ga h-ionnsuidh. An uair a chaidh a fosgladh cha robh na geatachan air an dùnadh air Sàbaid no air latheile, agus bha cluichean agus seallaidhean rim faicinn nach robh buileach cho beusachs bu mhiann le cuid fhaicinn, ach a bha air an cumail suas air son gràisg nam bailtean a tharruinn. Cha robh dòigh no innleachd nach robh air fheuchainn air son sluagh mòr a chruinneachadh agus air son toirt orra an làmhan a chur gu domhain sios nam pòcaidean an deigh dhaibh tighinn.

Aig an àm cheudna bha Feill mhor eile dol air adhart ann an Glascho. Bha i sin dùinte bho fheasgar Di-sathairne gu maduinn Di-luain na h-uile seachdain; cha robh cluichean no seallaidhean mi-iomchuidh sam bith rim faicinn ann, agus cha robh spàirn mhor sam bith air a dheanamh a chum sluagh a tharruinn ga h-ionnsuidh. Bha i air a cumail air adhart gu h-iomlan a reir an t-seann fhasain; ach an deigh sin uile rinn baile Ghlascho mu cheithir ceud mile dolair a bharrachd air na phàigh a cosguis. Agus ciamar a chaidh le luchd-riaghlaidh Feill mhor nan Staidean? Chaidh iad ceithir millein dolairs na fiachan! Chaill iad a dheich uireadsa bhuinig muinntir Ghlascho. Chan fhaodar a chreidsinn co-dhiu, gun caill na Geancaich an cliù mar luchd-gnothuich air sàilleabh so. Tha an t-ainm aca o chionn iomadh bliadhna. Agus mar is math a tha fios againn, “Am fear a gheibh ainm na moch-eirigh, faodaidh e laidhe anmoch.”


GU ma fada beò ar caraid dìleas IAIN! Gheibhear ann an cearn eile dhen àireamh so naigheachdan as aGhaidhealtachd air an sgriobhadh leis, agus anns an ath àireamh gheibh ar leughadairean litir uaithe. Bfhearr leinn gu robh fichead no dha dhe sheòrsagainn; nan robh cha bhiodh dìth no deireas air MAC-TALLA. Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ur dha!


Treas sonas mhic an tuathanaich, nighean air achiad chloinn.



[141]

[Vol . 10. No. 19. p. 5]

Naigheachdan.

BAS LE TUITEAM GUAILBha fear Tomas Calvary, a mhuinntir a Bhras dOir Bhig, air a mharbhadh aig aMheinn a Tuath Di-mairt sa chaidh. Bha eg obair mu inneal nighe a ghuail, agus air dha bhi anns an amars am bheil an gual glan air a chumail, nuair a dhòirt mu dheich tunna fichead guail air a mhuin. Bha e air a thiodhlacadh beò ann, agus mun dfhuaireadh a ruigheachdsa thoirt as bha e marbh. Cha robh ann ach gille òg, mu fhichead bliadhna dhaois.

SGIORRAIDHEAN SEILGOn thòisich àm an t-seilg ann an staid Maine bha da dhuine dheug air an tilgeadh am mearachd. Tha moran de na sealgairean cho ealamh gu losgadhs nach stad iad ri fhaicinn co dhiubh is fiadh no cearc-thomain no duine tha gluasadsa choille rompa. ’S ann air an dòigh sin a tha a mhor chuid de na sgiorraidhean a tachairt. Tha càin mile dolair ga chur air duine bhios ciontach de laimhseachadh airm gu mi-chùramach; ach cha mhor feum a ni càin don duine theid a mharbhadh.

SGIORRADH BASMHORBha gille òg dam bainm Domhnull Mac-a- Phi air a mharbhadh Di-sathairne sa chaidh le tuiteam bhar mullach taigh-na-cùrtach air an robh eg obair. Sheas e air ceann bùird fo nach robh taic sam bith, agus thuit e mu leth-cheud troigh dhionnsuidh an làir. Cha robh e beò ach mu leth-uair an deigh dha tuiteam. Cha robh e ach mu shia bliadhndeug a dhaois. Bu mhac e do Alasdair Mac-a- Phi a bha roimhe so afuireach aig na Forks. Bha e air a thiodhlacadh ann an cladh na Forks maduinn Di-luain.

FEILL HALIFACSTha féill gu bhi ann a Halifacs air an fhoghar sa tighiun mar is àbhaist, ach bidh i air a cumail nas tràithemu dheireadh ceud mhios an fhoghair. Cha do phàigh féill na bliadhna so, no faisg air; chailleadh mu ochd mile dolair oirre. Ma chaillear an uiread sin air féillna bliadhna tha tighinn, chan eil fhios nach sguirear gan cumail uile gu leir. Chan eil a mhor-chuid de shluagh Nobha Scotia a faotainn feum sam bith dhiubh, agus mar sin chan eil aobhar mor air a bhi cur na dùthcha gu cosguis gan cumail suas.

AOIS MHORDheug bean Choinnich Dhomhnullaich anns an Eilean Mhor air an deicheamh latha dhen mhios so. Bha i ceud bliadhnas a tri a dhaois. Anns a bhliadhna 1833 thàinig i fheins a companach, maille rin cuid cloinne, dhan duthaich so á Eilean Leodhas, agus rinn iad dachaidh dhaibh fhein aigBig Bras dOr.Bha ina ball don Eaglais Chléireach corrus tri fichead bliadhna, agus gus o chionn beagan bhliadhnachan dhfhalbhadh i dha cois don eaglais, astar shia mile. Dheug a companach o chionn ochd bliadhna deug air ais. Be a mac, Iain, a tha dall, a rinn a chiste anns na chàradh a corp. ’S e saor a thann, agus theirear ris gu cumantaAn saor dall.” A bharrachd air a sin tha ena dheagh ghriosaiche. Bidh ecur ioghnadh airna coimhearsnaich cho innleachdachs a theid e an ceann a ghnothuich.

BATHADH MULADACHRinneadh bàthadh muladach aig Grand Grave, faisg air St. Peters, Di-dòmhnaich sa chaidh. Bha triùir nigheanan beaga le William Lafiord air am bàthadh ann an loch uisge faisg air an taigh. Bha am pàrantans an eaglais aig an àm, agus an deigh dhaibh tighinn dhachaidh cha dug iad fa-near nach robh a chlann mun taigh gu àm dinnearach. Chaidh am bràthair an sin gan iarraidh, agus air dha a dhol rathad an locha, chunnaic e an deigh briste, agus còmhdaichean-cinn dithis dhiubh air an deigh faisg air an àite bha briste. Bha an triùir bàthte ann an doimhneachd ceithir troighean de dhuisge. Thatar asmaoineachadh gun deach iad a chluich air an deigh nuair a bha chuid eile dhen teaghlach anns an eaglais, agus cha robh an deigh làidir gu leor gus an cumail. Cha robh iad ach seachd, naodh agus aona bliadhndeug a dhaois. Bha iad air an tiodhlacadh Di-màirt, agus be an tòrradh an sealladh bu mhuladaiche a chunnacas riamhsa choimhearsnachd.


Tiugainn, arsan Righ; Fuirich, gus am faod, arsaGhaoth.


A BHREAC ANN AN ST. JOHNGu ruige so bha mu thri fichead tinn leis abhric ann am baile St. John, N. B., agus chaochail tri deug dhiubh sin. Tha luchd-riaghlaidh abhaile adeanamh an dichill air cur as don euslaint mhosaich, ach tha sin gu math doirbh a dheanamh.

MUN MHAC-TALLABha am fear-deasachaidh tinn o chionn thri seachdainean, agus fad corr us da sheachdain dhen ùine sin gun chomas obair sam bith a dheanamh. Tha an àireamh so dhen MHAC-TALLA mar sin seachdain air deireadh. Tha sinn duilich gu bheil cùisean a dol nar n-aghaidh cho tric air an fhoghar so, ach tha dòchas againn nach tachair mar so tuilleadh.

MORT ANN AN CUMBERLANDAig Fishermans Cove, an siorrachd Chumberland, N. S., chaidh dithis dhaoine dam bainm Iain agus Seumas Spicer bhar a cheile Di-sathairne sa chaidhs iad ag obair anns achoille. Loisg Seumas air an fhear eile, dhfhag e marbh e agus chaidh e ga thoirt fhein suas. Tha eg radh gun dug am fear a chaidh a mharbhadh ionnsuidh air le tuaigh, ’s gum bfheudar dhasan logadh air gus e-fhein a shabhaladh. Bha iad a mach air a cheile a thaobh crioch an fearainn o chionn grunnd bhliadhnaichean. Tha Seumas Spicer na dhuine car neònach, agus bha e aon uair as a rian. Bha an duine marbh thairis air tri fichead us deich bliadhna dhaois.

LA FHEILL ANDRAISCha robh an latha so air a chumail air dòigh sam bith ann an Sidni am bliadhna. Bha dinnear aig sliochd na h-Alba ann an Glace Bay air oidhche Di-haoine, a bha gle shoirbheachail. Agus oidhche Di-luain bha cruinneachadh Gàidhealach ann am Bridgeport nach robh, tha sinn acreidsinn a leithid riamh an Ceap Breatunn. Bha ceòl, dannsa agus cluichean aca a bha toirt seann eachdraidh agus chleachdaidhean nan Gàidheal gu cuimhne, agus a thaitinn gu fior mhath ris an luchd-eisdeachd. Tha iadsan a bha air chùl achruinneachaidh so airidh air moladh air son an dilseachd mar Ghàidheil, agus tha sinn an dòchas nach sgithich iad anns an deagh obair.

REISEAMAID EILETha Canada adol a chur buidheann eile de shaighdearan do Africa mu Dheas, —sia ceud duine. Tha iad ri bhi air an togail ann an Canada, achs i Breatunn a phàigheas an cosguis fhadsa bhios iad air falbh. Tha moran anns an dùthaich so nach eil toilichte chùis a bhi mar sin. Tha iadsa bharail gum bu chòir do Chanada a cuid shaighdearan fein a phaigheadh, agus chan eil iad a meas gur ni mor sam bith don dùthaich a bhi cur dhaoine don chogadh gun an cosguis a ghiùlan. Tha uallaichean troma aig muinntir nan Eileanan Breatunnach ri ghiulan, agus tha làn àm aig Canada gabhail os laimh cuid de chosguis dion na h-Impireachd a phaigheadh. Mar a tha, tha an dùthaich mhàithreil ga dion air muirs air tir gu saor agus a nasgaidh.


Naigheachdan as aGhaidhealtachd.

BHA samhradh is foghar aig daoine anns aGhaidhealtachd cho maths a chunnacas o chionn iomadh bliadhna. Bham barr glé mhath, agus fhuaradh a chur fo dhion gun domail sam bith.

Thainig an geamhradh oirnn na bu luaithe na bha sinn an dùil. Thainig stoirm mhor air na tri rioghachdan Di-mairt sochaidh a rinn call mòr air muirs air tir. On a bann on àird an ear-thuath a bha ghaoth, cha drinneadh ach beagan calla anns aGhàidhealtachd. Ach air taobh an ear Alba rinneadh call mòr. Tha na paipearan-naigheachd o chionn latha atoirt cunntas air na rinneadh de chall air muirs air tìr. Bhaghaoth adeanamh dluth air tri fichead milesan uair an uair a bhan stoirmna h-àirde. Agus mar a tha gu tric atachairt an uair a tha stoirm atighinn on àird an ear-thuath, bhaghaoth atighinnna h-osnaichean anabarrach trom an drastas arithist. Mhair an stoirm mu cheithir uairean fichead.

An deigh na stoirme thainig sneachda trom oirnn. Chaneil cuimhne aig duine beò air sneachd cho trom ris fhaicinn mun àm so dhen bhliadhna. Ach tha sinn an dòchas nach mair e fada o nacheil abheag de reothadhna chuideachd.

Bha prìsean anabarrach math air a h-uile seòrsa spreidhe fad acheud chuid dhen t-samhradh. Agus bha daoine an dùil gum maireadh iad gu math fad na bliadhna. Ach bhan tioramachd cho mor ann an Sasunn, agus air taobh adeas na h-Albas gun robh am feurs an t-arbhars an turneip glé ghann ann an iomadh àite. Cha bhi prìs mhath uair sam bith air spreidh mur bi na dròbhairean Gallda atighinn an rathad. Agus mur bi samhrachadh is geamhrachadh gu leor aig na tuathanaich mhòrasan taobh deas, cha bhi faighneachd cho math air spreidh.

Than t-iasg anabarrach gann. Tha iasgairean nan lion-sgrìobaidh(trawlers)an deigh dolaidh mhor a dheanamh mor-thimchioll nan eileanan Gàidhealach. Ged a than lagh an aghaidh dhaibh tighinn nas dluithe na trì mìle don chladach, tha iad abristeadh an lagha so anabarrach tric a dhaindeoin na bheil bàtaichean aChrùin adeanamh gus an cumail an taobh am muigh dhe na criochan. Tha iomadh aon diubh air an glacadh, agus càin throm air a leagadh orra, ach tha cuid mhòr dhiubh afaotainn teicheadh air falbh an deigh dhaibh an t-olc a dheanamh. An uair a sgrìobas iad leotha na bheil a dhiasg beag, òg air na h-oitrichean air am bheil an t-iasg acladh, agus air am bheil an t-iasg òg airàrach, faodar a thuigsinn gum bheil iad adeanamh dolaidh mhòr air iasgach na rioghachd.

Ged a mharbhadh cuid mhath de sgadan mor-thimchioll na rioghachd fad an t-samhraidhs an fhoghair, is gann gum faighear barailte sgadain richeannachs an dùthaich an diugh. Cha luaithe mharbhar e na theid a chur air falbh do na bailtean mòra, no as an rioghachd far am faighear prìs mhath air. Tha aobhar eagail gum feum daoine an salann itheadh leis abhuntata am bliadhna.

IAIN.
15-11- ’01.


Bithidh Gach Ni Mar is Aill le Dia.

MA tha e fior gu bheil ar Daoine, ’s an rioghachd so co-dhiu, agabhail tlachd ann a bhig altrum smuaintean dubhach, cianail, agus gu h-araid ann a bhibeachdachadh gu tric air a Bhas agus an comhnuidh le ni-eigin de gheilts de uamhas; ma tha so fior, cha bhiodh e mi-fhreagarrach, saoilidh mi, a bhi feoraich, ciod e am fiosrachadh a gheibhear anns na Sean-fhocail mu bheachdan ar n-Aithrichean mun t Saoghal taobh thall na h-uaighe, agus mun cheangal a tha eadar Beatha dhiombuan, chaochlaidheach an t-Saoghal so agus Beatha mhaireannach, neo-chaochlaidheach na Siorruidheachd. Chan e no rùn air aon chor a bhi toirt seachad min-chunntas air aidmheil ar Sluaighs an linn so no an linn eile dar n-Eachdraidh, no idir a bhi toirt breith air fallaineachd am beachdans air an dilseachds air an eud a nochd ar Sluagh gu minic air taobh an Creidimh. Is airidh an Eaglais Ghaidhealach air a sgeul innseadh, agus chuireadh esan a dhinnseadh gu cothromach i ar luchd-duthcha fo chomain mhoir. Ach cha mhise an duine; agus chan e so an leabhar, a bu choir a leithid so de shaothair a ghabhail os laimh. ’S e mo rùn air an àm an fhianuis a bheir ar Sean-fhocail seachad mu chreidimh ar n-Aithrichean anns gach linn dan Eachdraidh a chur fa chomhair an leughadair mar is fearr a dhfhaodas mi.

(Air a leantuinn air taobh 142).



[142]

[Vol . 10. No. 19. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 139).

cainnt gun chiall. Nacheil fhios agad gum bheil cluasan aig na ballachan?”

Is ann a bhrosnaich na comhairlean so Abou Hasan gu tuilleadh feirge; agus bhrosnaich na thuirt a mhathair ris e cho mors gun duirt e: “A sheann bhean, thuirt mi riut mar tha do bheul a chumail duinte. Mur fan thu samhach, eirigh mi agus bheir mi dhut laimhseachadh a bhiosnad chuimhne ri do bheo. Is mise an righ, agus Ceannard nan Creidmheach; agus bu choir dhut mo chreidsinn an uair a tha mig a innseadh dhut.”

(Ri leantuinn).


Na Tairbh.

THAINIG roimhe so tarbh dearg a Sasunn, a chum maslachadh a thoirt do Albainn. Sheas e air gualla beinn Mhùrluig, ’s ghlaodh e, “Is truagh an dùthaich; is truagh an dùthaich.”

Bha tarbh dubh Gàidhealach air taobh eile Loch Laomainn, mu choinneamh braigh Dùn Pholochròdh, agus ghlaodh e, “Cia as a tha thu?” “Cia as a tha thu?”

Arsan Tarbh Dearg: “A tir do nàmhaid; á tir do nàmhaid.”

Arsan Tarbh Dubh: “Ciod e do theachd an tir? Ciod e do theachd an tir?”

An Tarbh Dearg: “Cruinneachds fion; cruinneachds fion.”

An Tarbh Dubh: “Chuirinn thu an comhair do chùil; chuirinn thu an comhair do chùil.”

An Tarbh Dearg: “Càite an do rugadh tu? Càite an do rugadh tu?”

An Tarbh Dubh: “An crò an Dùin; an crò Dùin.”

An Tarbh Dearg: “Ciod bu bhiadh dhuit on bha thu ad laogh? thu ad laogh? Ciod bu bhiadh dhuit en bha thu ad laogh?”

An Tarbh Dubh: “Bainnes bàrr fraoich; bainnes bàrr fraoich.”

An Tarbh Dearg: “An adharc chrom so am beul do chléibh: an adharc chrom so am beul do chléibh.”

An Tarbh Dubh: “Chugad mi! chan eagal domh Chugad mi! chan eagal domh.”

Agus chaidh an tarbh dubh timchioll ceann shuas beinn Mhùrluig, agus chuir iad an cinn ri cheile, ’s ghleachd iad.

Chuir an tarbh dubh an tarbh dearg air ais an coinneamh a chùil, gu ruig clach mhòr a bha an sin, ’s chuir iad car dhen chlach, ’s roil a chlach sios gu còmhnard, a ta aig taobh an rathaid mhoir, tuaiream air coig mile an taobh shuas an Tairebeart Laoimeanach, agus trì mile an taobh shios do cheann shuas an Loch Laomainn.

Chuir an tarbh dubh an adhairc chrom aige am beul a chléibh aig an tarbh dhearg, agus mharbh se e.

Agus is e Clach nan Tarbh an t-ainm a tha air a chlach gus an lathan diugh, agus is i clach is motha a tha anns na tri rioghachdan.


An Fheannags am Madadh Ruadh.

BHAn fheannags am madadh ruadh math air moch-eirigh, agus chuir iad geall richeile airson co a bu luaithe dheireadhs amhaduinn. Chaidh an fheannag ann am barr craoibhe agus chaidil i, ’s dhfhan am madadh ruadh aig bonn na craoibhe, ’s eg amharc an aird cuin a thigeadh an latha, ach cha do chaidil e idir. Co luaths a mhothaich esan don latha ghlaoidh e, “ ’S en latha bàn e.” Bhan fheannag gun smoisleachadh fad na h-oidhche gus an sin; dhuisg i le a ghlaodh-san, agus fhreagair ì, “ ’S fhad o be e.” Chaill am madadh ruadh an seo an gealls bhuidhinn an fheannag.


Bithidh Gach Ni Mar is Aill le Dia.

(Air a leantuinn o thaobh 141).

S i mo bharail gu bheil cuid de na Sean-fhocail a tha gleidheadh air chuimhne beachdan ar Sluaigh mhile bliadhna dhaois. An uair a bha priomh Bhard ar Duthcha agabhail seallaidh, le inntinn fharsuing fein, air cuairt na h-aimsirs air Eachdraidh a Shluaigh, sheinn e mar so:

Cia as tha sruthan na bha ann?
Cuin a thaomas an t-àm tha falbh?
Càitan ceil aimsir a da cheann
An ceathach e tha màlls nach gann,
A taobh ballach le gniomh nan seod?
Tha mo shealladh air linnte dhaom;
Chan fhaicear ach caol na bhann
Mar dhearrsa na gealaich tha faoin,
Air linne tha claons aghleann.
An so dheireas dealan achomhraig;
An sin thuineas, gun solas, neo-thréin;
Cha chuir iad an gniomhan air chomhla
Air aimsir tha motharn an dèigh.”

Feudaidh sinn, tha mi meas, cainnt agus samhladh Oisein a chleachdadh mu bheachdan cho maith ri mu euchdan ar Sluaigh. O chionn mhile bliadhna, bha aimsirean comharraichte ann an Eachdraidh aidmheil ar Sluaighaimsirean nach teid gu brath air di-chuimhne. Thugadh cumhachd nan Druidhean gu talamh; thainig solus gloirmhor an t-Soisgeil dar Tir; dhath-leasaicheadh an Eaglais; ’n ar linn fein chunnaic amhor chuid dar Sluagh gum be an dleasdanas Eaglais an Aithrichean fhàgail, agus dhfhàg iad i; agus nach iomadh ach a tha an diugh ag eigheach gu durachdach airson tuilleadh soluis a chum a threorachadh air an t-slighe thuislich, dhorcha a tha, reir coslais, air thoiseach air. Gidheadh, ann an cainnt Oisein; “chan fhaicear ach caol na bhann.” Buinidh na beachdan ghleidh ar Sean fhocail air chuimhne don Druidhs don Chriosduidh maraon. Bha iad cho fiors cho feumail o chionn mhile bliadhnas a tha iad an diugh, ’s a bhitheas iad gu crich an t-Saoghail. ’S iad so a rinnballachtaobh sgeith ar n-aidmheil.

Ann an aon ni tha mi saoilsinn gu bheil coimeas aBhaird mi-fhreagarrach dhuinne an traths’. Tha Eachdraidh, ann am beachd Oisean, air a deanamh suas deghniomh nan seoda bha deanamh taobh na h-aimsirballach;” agus tha naneo-thréin,” a tuineadh, gun sòlas, ’nam buidheann leo fein, —an gniomhan faoin gun chuimhne, an uair a tha aimsir asiubhal gu mòthar seachad. Chan eil teagamh nacheil smuain aBhaird oirdheirc agus airidh air inntinn ghreadhnaich fein. Ach chan fhaod sinn bhi foghlum on teagasg so gur ni faoin no suarach dleasdanas ar latha-ne, no ar n-inbhe-ne, ged, ma dhfhaodte, nach teid a bhreacadh air slios na h-aimsir, a chum ra cuimhne ghleidheadh beo nan linntean. Cha bhiodh e ceart air aon chor a bhi deanamh gaisgeach dheth-san a mhain a rinn gniomhan euchdach an suilean an t-Saoghail:

Is gaisgeach esan a bheir buaidh
Air eagal beatha, ’s uamhunn bàis,
S a chomhlaicheas le misnich cri’,
Na h-uile ni a tha dhan dàn.”

S e so gaisge air an ruig an neach is diblidhn ar measg. Agus tha làn dearbhadh againn ma bhuanaicheas e nach leigear a threuntas air di-chuimhne, ach gu faigh e gu cinnteach a dhuais. Ach air an laimh eile tha teagasg Oisean agus nan Sean-fhocail ro fhior, agus bhitheadh e ro bhuannachdail dhuinn an comhnuidh a ghleidheadh air chuimhne. Tha gnothuichean ar latha fein, cho fads a tha iad cothromach, mar dhleasdanais chudthromach oirnn a chur an gniomh ler n-uile neart; agus tha beachdan ar latha fein, cho fads a tha iad fior, ’n an tiodhlachan luachmhor nach faod sinn, gun chunnart, a dhearmad. Ach tha cuid de na dleasdanais so, agus cuid de na beachdan so, a bhuineas ann an doigh ro shonruichte dar latha fein; agus tha cuid eile dhiu a thag an ceangal feins ar ceangal-ne ris an t-sluagh gun aireamh a chaidh thairis agus ris an t-sluagh gun aireamh a thign ar deighdleasdanais agus beachdan a tha comhnuidh cudthromach agus an comhnuidh fior. A nis bu mhath leam a chreidsinn gur e an dleasdanais so a tha, ann an cainnt Oisean, adeanamh ballach taobh na h-aimsir. Chaneil teagamh nach e na beachdan so a mhain a ghiulain na Seanfhocail a nuas o chéin. Tha sinn a ghnath teom air a bhi cur barrachd meas air na nithean sin a tha luachmhor a mhainn ar latha fein. Tha mi meas nan sealamaid air cuairt na h-aimsir mar a rinn Oisean, no air beachdan ar n-Aithrichean mar a ghleidh na Sean-fhocail an chuimhne iad, gum faiceamaid iomadh cleachduin, dleasdanas, ’us beachd a than diugh acumail suas roinneanus coimheachaisn ar measg, a bhitheas gu tur air di-chuimhne, an uair a sheallas Bard eigin air ais, ceud bliadhnan a dheigh so, nach faic each caol na bhann.”

Tha triuir bheachd, gu sonruichte, a gheibhear air an cur far comhair gu tric anns na Seanfhocail, aguss e sin: (1). Gu bheil cionta toillteanach air peanas; (2). Gu bheil laghannan Naduir no cuairt Freasdail do-atharraichte, neo-chaochlaidheach; (3). Gu bheil Dia fior, ceart, maith.

Gheibhear suim aidmheil Creidimh ar n-Aithrichean, a réir nan Sean-fhocal, anns na tri firinnean so. Agus cho fads is leir dhomh, bha ar n-Aithrichean acreidsinn annta on a tha Eachdraidh againn orra. Chaneil ar n-eolas air teagasg nan Druidhean ach gann, ach saoilidh mi gun dearbh am beagan fiosrachaidh a tha againn mu thimchioll nan linntean céin anns an robh iad cumhachdach nar Tir gun robh iad acreidsinn agus ateagasg nam firinnean a dhainmich mi. Tha grian an eòlais adealradhn a lan neart agusn a lan mhaise oirnne. Fhuair sinn moran agus iarrar moran uainn. Ma thuislicheas sinne, chan ann le cion soluis. Ach tha mi meas nach aobhar so airson a bhith deanamh dimeas orrasan a bhag imeachds an dorchadas. A réir gach cunntais a tha againn mun timchioll bu daoine na Druidhean a bha airidh air meas agus air urram an da chuid airson an eolais agus an gluasaid. ’N ar suilean-ne bha, gun teagamh, an Creidimh mearachdach, easbhuidheach. Ach tomhais iad le meidh an linn fein, agus chi thu gum bu daoine fiosrach, glic iad, a ghleidh an cliùs am meas am measg dhaoine treuna, ’s a sheas gu daingean air taobh an Duthchas an Sluaigh ann an àm cunnairtus teinn. Anns na Seanfhocail tha iad air an ainmeachadh le moran barrachd urraim na tha na Sagairtean a thainignan àite. “Cho teoma ri Coibhi Druidh.” “Ge rogus clach don làr is foisge na sin cobhair Choibhi.” Tha so a nochdadh gliocais, comais, caoimhneis. Ach is ann airson feartan dealaichte uapa sofeartan is suaraiche air gach doigha tha Sagairteanus Cléirich air an cumail air chuimhne.’ “Chan fhiach Sagart gun Chléirich.” ’ ’Cha dòl an Sagart ach na bhaige.” “Chan iad na ro Chléirich is fearr.” “Is miann leis aChléireach mias mhaith a bhi aig an t-Sagairt.” “ ’S e leanabh fein is luaithe bhaisteas an Sagairt.” Tha an so companas eadar Cléirichus Sagairtean arrson a bhi sasuchadh achuirp le nithean ceaduichtes le nithean toirmisgte air an deanadh Coibhi Druidh tàir.

(Ri leantuinn).


Uaisle gun chuid, ’us maragan gun gheir.



[143]

[Vol . 10. No. 19. p. 7]

Moladh nan Laoch Gaidhealach.

LE CAILEIN CAIMBEUL.

Ho gur coma leam abhrigis,
Gur-a liobasda fo mshàil i;
S mor a bannsan t-éile cuaiche
Dhol a shealg feadh chruach as àrd-bheann.

Tha micuimhneachadh gach solais,
Far an robh mi og air màrach;
Gheibhteadh isg as eunlaith fhiadhaich
Sa bhi sealg nam fiadh feadh àrd-bheann.
Ho gur coma, etc.

Sud an t-àites an robhn t-éibhneas
Tha gach luibh ni feum afàs ann:
Biolair uainen uisgan fhuarain
Bheireadh do gach sluagh an slàinte.

Ceol bu bhinne leam bhig éisdeachd,
N àm eirigh grein air sgeith nan àrd-bheann;
Bhiodh an coileach-dubh adùrdail,
Cuthag asgu-gùg” ’s gach àitaic’.

Chluinnteadh langanaich an fhéidh ann,
S chiteadh treud diubh anns gach fàsaich
S bhiodh an crodh aruith gu buaile,
S dol air uairean thun na h-àiridh.

Far an lionmhor gillean oga,
Ged chaidh moran diubh thar sàile:
S bu chùis eagail do gach rioghchd iad,
H-uile linn diubh mar a dhfhàs iad.

Bha iad uile làn de chruadal,
Mar chuala sibh mu Dhonnachadhn Aighe;
As Ian Ruadh (gun robh gach buaidh leis!)
Bhana cheannard sluagh don bhanrigh.

Ach nam faighinn-sa an t-oran
Chur an ordugh ann an Gàidhlig,
Dheanainn moladh air na h-uaislean
Bha cho suairce ris na Gàidheil.

Bho nach dfhuair mi orra eolas,
Chan urrainn mi gu leoir a ràdhtuinn,
Air neo dhinnsinn dhuibh am buadhan,
S an stoc uasal as an dfhàs iad.

Mo mhile beannachd-sa gach uair dhaibh,
S guidheam gur-a buan dhaibh slàinte;
Bidh sinn uile an deagh rùn daibh
Sonan dùthaich anns an dfhàs iad.

Tha gach duine làn de sholas,
Mu chruinneachadh mor na Gàidheal;
Tilgeil cloiche, ’s car de chabar,
S ordn a dheannaibh le neart gàirdein.

Snuair chluinneadh iadsan sgal na pioba,
Bhiodh iad inntinneach mar bàbhaist;
Gum bu mhath a ruith na réis iad,
S leumadh iad mar fhèidh nan àrd-bheann.

Sud na gillean a bha treubhach
S mor an éifeachd anns na blàraibh,
N aghaidh na lasrach as na luaidhe,
Gu ro chruaidh gu bualadh stàilinn.

Sir Cailean féin, an ceannard uasal
S e Morair Chluaidh a chaintan dràst ris
S mor an t-urram e don rioghachd,
S is toil-inntinn e da chàirdean.

S ann le misnich as deadh-sheoltachd,
A thàirneadh ann an ordugh blàir iad;
S mur gabh an nàmhaid an ratreuta,
Gun laidh gach creubhag dhiubhs an àraich.

Cha robhn leithid riamhs an rioghachd;
Bheireadh iad gu sith gach cearna;
Aig an Alma, ’s aChrimea,
Gun dichuimhnbhi air Balaclàbha.

N uair bha tàirneanach nan canan
Cur mactalla as gach àite,
Bha Sir Cailean, agus buaidh leis,
Brosnachadh a suas nan Gàidheal.

Nis nam biodh iad uile dileas
Anns gach ni, mar bha na Gàidheil,
Bhiodh Sebastopol air striochdadh,
S Russia fo chis don bhan-righ.

Fhuair iad urram anns na h-Innsean
Nach bi air dichuimhn do na Gàidheil:
S e Righ nan dùl a ghabh dhiubh cùram-
Gach moladh as gach cliù bhi Dhàsan!


Modh.

RI linn an Righ Seòras II. bha ceatharnach mor Gàidhealach dam bainm Ruairidh Mac Cullach air a ghlacadh air son àrd-fhoills air a dhìteadh gu bàs. An uair a bhatar ga thoirt air falbh gu àite a dhith-cheannaidh thainig maille air na saighdearan a thug orra stad. Bha bean-uasal an sin ag amharc am mach air uinneig, agus dheibh i ris a phriosanach:—

A cheannaircich mhoir, fhada! bidh an ceann sin an ùine ghoirid bhar tamhaich, aguss math an airidh.”

Thug Ruairidh a bhoineid bhar a chinn agus rinn e beic mhodhail dhi.

Am bheil sin,” ars esan, “a toirt toileachadh mor dhuibhse, a bhean-uasail.”

Tha, gun teagamh,” ars a bheanuasal; “fior thoileachadh.”

Ma ta, a bhean-uasail,” arsa Ruairidhs e deanamh beic eile, “tha mise gle dheònach bàsachadh ma bheir e toil-inntinn sam bith do ur leithid-sa.”

Bha a bhean-uasal de nàdur mor aisde féin, agus ghabh i uiread tlachd den deas-fhreagairt a thug an Gaidheal oirre, ’s gun do chuir i air ball fios dhionnsuidh an righ ag iarraidh mathanais dha. Chunnaic Righ Seòras iomchuidh sin a thoirt dha. Agus tha Andra Lang ag ràdh gum facesan le shùilean fein am bann rioghail a thug a bheathas a shaorsa do Ruairidh.

Tha an seanfhacal ag radhnach do bhrist modh ceann duine riamh;” achs ann gle ainneamh a thachair e gun do choisinn modh a bheatha do dhuine bha cho dlùth air a bhàssa bha an ceatharnach Ruairidh Mac Cullach. Chan eil modh na uallach trom do neach sam bith, agus cha dean tomhas math dhen t-seòrsa cheart call no cunnart a chur air duine gu bràth.


Chaochail fear Iain Mac Done ann an Errislanin, an Eirinn, o chionn ghoirid an deigh dha aois sia fichead us coig bliadhna a ruigheachd. Rugadh esa bhliadhna 1776, agus bha deagh chuimhne aige air nithean a thachair am bliadhnaichean deireannach na h-ochdamh linn deug.


Chaochail duinòg a mhuinntir Hogamah, dam bainm I. Winburn Mac Phail anns an tigh-eiridinn am Boston, Di-ciaduin sa chaidh. Bha e air a mhùchadh le gasna sheòmar-cadail oidhche Di-sathairne. Fhuaireadh beò e, agus mhair e mar sin gu Di-ciaduin. Bu mhac e do Sheumas Mac Phàil, am marsanta, agus bràthair don Dr. D. T. Mac Phail, am Philadelphia. Bha e ag ionnsachadh lagha, agus bha e tòiseachadh ri dhol don cholaiste nuair a thachair an sgiorradh muladach a dhaobharaich a bhàs. Cha robh e ach ochd bliadhndeug a dhaois.


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAR.

[Clàr - ama]


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.



[144]

[Vol . 10. No. 19. p. 8]

Call naHesperuis.”

Rinneadh an t-eadar-theangachadh so le Mr. Iain Mac-Ille-Bhàin, an Inbhirnis. Choisinn e an duais a bàirde aig a Mhòd air an fhoghar sa chaidh.

Bu ghleusdasheol anHespuris,”
Ged béitigh, borb aghaoth;
S mar chuideachd thug an sgiobair leis
A nionag bhoidheach, mhaoth.

Mar fhlùr an lin bhasùilean gorm,
A gruaidh mar bhriste-fàir’,
S a broilleach min air dhreach aChéit’,
No canach geal achàir.

An sgiobair treunsa phiobna bheul,
An dàil na stiùrach sheas,
Acoimhead mar bhan toitsan t-sian
Aleum an Iars a Deas.

N sin labhair ris seann mharaiche
A sheol thar chuantan tric
Tha targradh gaillinn air an speur,
Ruig caladh-dions bi glic.

Bha broth mun ghealaich chiair an raoir;
Nochd tha i dubh fo neul;”
S ann rinn an sgiobair gàire sgeig,
Mar sheid en toit abheul.

Fuar is na bfhuaire sheid aghaoth,
N Iar-Thuath le sgaiteachd ghairg;
Chlach-mheallain dhian rinn feads achuan,
Sna cathadh geal bhan fhairg’.

Bhan long, le neart na doininn oillt,
Ga tuimhseadh is ga sniomh;
Chlisg i, is sheas, is leum in ceann,
Mar dheanadh steud fo fhiamh.

Na bi fo gheilt, mo nionag ghaoil;
Neadaich a nall am thaic’;
An stoirm sin air nach faighinn buaidh,
Chan fhaeas riamhs chan fhaic.”

Chuir e gadion on ghaillinn reot’,
A chota-mor gu teann;
Is cheangail e an àilleag mhaoth,
Gu daingean ris achrann.

Cluinnidh mi claig nan eaglaisean;
thann, O athair ghràidh?”
Sanas on chladach chreagach, chruaidh;”
Is stiùir e mach on tràigh.

Ar leam gun cluinn mi gunnachan;
Ciod e ceann-fàth na toirm’ ?”
Long ann an teinn, nach urrainn gleachd
Rileithid so de stoirm!”

Athair, s ciall don t-solus ud,
Thaboillsgeadh anns acheo?”
Ach bhah-athair fuar an glaic abhàis,
Gun chli, gun smid, gun deo.

Na shineadh ceangailt ris an ailm,
S aghaidh ri speur a suas,
Bhan lochran acur soillstroimhn t-sneachd,
Air a shùilean aognaidh nuas.

An nionag phaisg a lamhan beag,
S ghuidh i gun saorteadh i,
S ghairm i air Criosd, a chuir fo smachd
Muir onfhadhach Ghalili.

Bhan longsan duibhre chianail, oillt,
Troimhn t-sneachds troimhn doininn ghairbh,
Aruith air bodhan Lochlannaich,
Mar thannas duine mhairbh.

S a ghnàth thar nuallanaich na gaoith,
Chluinnteadh mar thailmrich feachd,
Trom-shlacraich air na sgeirean garbh,
S iad ri neart fairgegleachd.

Gun iùl, gun chli, bhan long, ’s an fhairg
Ma guailnean claoidhteleum;
Ghrad sguabadh an sgioba thar an taoibh,
Le tonn, a dhaona bheum.

Na tonnan càir-gheal timchioll dith
Sheall, mar an olann, maoth;
Ach na sgeirean cruaidh lem fiaclan geur’,
Chagainn is theum a taobh.

A buills a croinn, len comhdach reot’,
Chaidh thairis measg nan tonn;
S mar shoitheach ghloine bhrist a clàir;
Ho! bheuc amhuir le fonn.

Iasgair bhamuigh mu éirigh gréin
Mun chladach chreagach, gharbh,
Chlisg ri bhifaicinn caileig oig
Ceangailtri cranns i marbh.

Bhan sàile reodhte air a h-uchd,
Na deoirna sùilean tlàth,
S a cuailein bàn, mar fheamainn, donn,
Feadh chop nan tonn asnàmh.

Ceann-sgeoil na luinge, ’nHesperus”—
Sgeul doininn, duibhre, ’s bàis!
Bho shamhail Bodhan Lochlannaich
Gleidh sinn, a Dhia nan Gràs!


Marbhrann do Fhear Airidh-Mhuilinn.

Rinneadh am marbhrann a leanas le Aonghas Caimbeul, (Aonghas mac Dhomhnuillic Eoghainn), ar neo mar a theirteadh ris gu cumantana latha fhéin, “Am Bàrd Sgallach,” do Chaiptean Aonghas Domhnullach, Fear Airidh-Mhuilinn, ogha don mhnaoi ainmeil sin Fionnaghal Dhomhnullach. Bha an Caiptean Domhnullach air a bhàthadh anns abhliadhna 1809. RugadhAm Bàrd Sgallachann am Beinn-a- bhaoghla.

Aonghais Oig riomhaich
Gun seinneadh piob leatus bratach,
Air each aigeannach, cruidheach,
A ghearradh direach an t-astar;
S e mo chràdh do chorp cùbhraidh
N a luidhe dhith ris an aigeal,
Gun deach danam do Phàrras;
Na h-ostail chàirich do leaba.

Dia a ghleidheadh an céile
Do na dilleachdain uasal
A dhfhàg thu addhéigh,
S e so am foghar a ghuail iad;
Cha robh leithid an athar
Ann an cliù no maitheas mun cuairt daibh,
An treas pears’ ’s an Roinn-Eorpa
N a shuidhan comhlan dhaoin’ -uaisle.

Thuit achraobh leis an duilleach,
Chrion am buns gun do chrion e;
An latha rinneadh do bhàthadh,
Gun robh an t-Ard Righs an fhianuis;
Gun robh an uair air a cumadh,
Gaothus sruth mar an ceudna,
Chuir sud thairis an t-eathar,
Mo chreach! mu leitheach an lionaidh.

Thug thu ràimh do na gillean,
Cha robh tuilleadh a dhith ort;
Bha thun dùil mar a bàbhaist
Gun robh do shnàmh mar an fhaoileag,
Gun robh do shnàmh mar an eala,
A dhfhalbhadh aigeannach, aotrom;
Pearsa dhireach, dheas, dhealbhach,
S bochd a dhfhalbh thu gun aois uainn.

Bu tu sealgair amhonaidh,
Leis aghunna nach diùltadh,
Air damh cròcach nan cabar,
A leumadh aigeannach, sunndach;
N an leumadh gu marbhadh;
Bha thu dshealgair bho dhùthchas;
Ron, eala, ’us earbag
Nan gearra-chasa lùthor.

N uair a chruinnicheadh an camp
Bu tusa ceannard nan daoine;
An rud a theireadh tu dheante,
No dhfheuchadh tu faobhar.
Càiten robh ann an Alba,
Trath sheasadh tu calma fo daodach,
A h-aon a labhradh riut dàna?
Ben t-eun a bàirdes achraoibh thu!


Posadh.

Ann am Mansa St. Andrews, an Sidni, air an treas latha dhen mhios, leis an Urr. I. F. Forbeis, Daibhidh Mac-Dhùghaill agus Ceit I. Nic-a- bhiocair, le cheile a Aiseag Mhira.


Ma tha thug iarraidh
Deagh Bhrogan Obrach
a sheasas rin cosg gu cruaidh ri side bhog, theid againn air an toirt dhut. ’S ann againn a gheibhear
BROGAN AMHERST
an seorsas fhearr a thatar a deanamh.
A . W. Redden & Co.
ROSS BLOCK.SIDNI.


Caradh Uaireadairean,
Chlocaichean agus Sheudan
. .. .ANN AN STOR.. ..
K . BEZANSON.
Theid iad an urras air gach obair a ni iad.. .. . ..
An Togalach Hanington. SIDNI.


Bathar Teine.

Bathar a chaidh a shabhaladh on teineiomadh seorsabeagan dhe na h-uile rud. Bidh e air a chreic Saor, Saor!!

Tha aireamh de dheiseachans de chotaichean-uachdair againn a fhreagras air daoine mora.

Tha iad againn cho ard ri No. 44.

Mills , MacKenzie & Ross.
Air an t-Seann Laraich.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY.
NOW
MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr

titleIssue 19
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 19. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page