[9]

[Vol . 10. No. 2. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 12, 1901. No. 2.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. VIII.

Cha robh leithid do eacarsaich
Air Eachunn mor na Tròidhe;
Na idir air Hercules,
Na fiantaichean na Féinne.”

THOISICH a ghleachd; agus be sin a ghleachd! Cha bfhada sheas an daighneach aig Aonghas an uair a thòisich an ùpraid. Tha fios aig a h-uile duine gum bheil mathan air chreutair cho làidirsa thann dha urad. Agus faodar a thuigsinn n neart a bhann a fear anns an robh ceithir na coig ceud punnd mar a bhann am mathan Aonghais. Mar a thuirt mi cheana bha Aonghas na ghaisgeach neo-chumanta, agus bha feum aige air a sin iomadh uair. Gu teann, cruaidh bha iad a sàs na chéile, an Gàidheal an dùil gum be h-uile mionaid a mhionaid mu dheireadh dha. Ach bha cridhe math aige, agus cumail ris, aguss ann an oidhche ud a fhuair am mathan a mach rachadh aig laoch a fhuair a bheathachadh air min choircesa dhfhàs suas ann am fàileadh cùbhraidh an fhraoich a dheanamh an àm gàbhaidh. Fhuair e dha làimh mu amhaich na béisde, agus le ionnsuidh chruaidh theannaich eghreim iarnaidh, cumhachdach. Thionndaidh sùilean a mhathain, agus le spairn dheireannach dhfheuch e ri faighinn cuibhteas am bodach-mara uamhasach a bha muamhaich, ach cha deanadh en gnothuch. Thainig cop fola mubheul, ’sa theanga mach troimhethuit na spogan mora marbh richliathaichach cha do leig Aonghas as e na dheigh sin, gus an robh e cinnteach gun robh e cho marbh ri sgadan. Bha e greis ag amharc air a bhéisd mhoir a bha na shìneadh gu seimh aig a chasan, agus an sin shuidh e làmh ris, ’s e gu math sgìth le iomadh lot o innean a mhathain, ach gu fortanach cha robh aon dhiubh dona. Chaidh e na shìneadh. Bha bian a mhathain, ’s coltas mìn, blàth air, ’s chàirich echeann air. “Cha do chuir mi cluasag riamh fo mcheann cho soc—” arsAonghas, ’sa shùilean a dùnadh mun do chriochnaich e na briathran. An uair a dhùisg e, bha ghrian gu math àrd. Bha e gu math brùite, ach an deigh dha e-fhéin a nigheadhsan allt a bha faisg, agus biadh a ghabhail, bha e cho maths gun do thog e air aon uair eile.

Bha e mar so a falbh corr is da sheachdain gun duine beò fhaicinn na chluinntinn. ’S iomadh beinn is gleann a dhìrichs a thearn e na h-ùine sin, agus is iomadh uair a bha e smaointean nach burrainn e dhol na bfhaide. Ach far am bi toil bidh gniomh; géillidh gach cunnart is gàbhadh air a cheann mu dheireadh ach sinn stri chruaidh a chumail ris.

Thainig e air aon latha gu amhainn mhor, fhuaimneach, air an robh sruth làidir, agus bha eagal air ionnsuidh a thoirt air a snàmh, aig cho garbhs a bha coltas. Thug en aire gun robh buaile mhath de chrodh fiadhaich shios fad a sheallaidh air an taobh eile dhen amhainn, agus beagan air an taobh air an robh e fhéin, sios bhuaithe, mar gum biodh iad air son a dhol a null. Lean Aonghas iad gu fàilidh, agus an uair a ràinig iad mu choinneamh chàich, thug iad an aghaidh air an amhainn a shnàmh. Leum Aonghas nan deigh, agus rug e air earball air seann tarbh nam measg, agus fhuair e aiseag gu sàbhailte. Ach leis an ioghnadh a ghabh a bhrùid bhochd, thug e na buinn asn uair a fhuair e tìr, ’s chaneil cinnt na stad e fhathast.

Air feasgar àraidh bha e triall, ’s e fàs gu math trom-inntinneach, air feadh nam fàsaichean gun chrìch a than ceann a tuath America. Thainig e gu cnoc àrd, agus shuidh e na mhullach, ’s e glé sgìthm bodhaigs an inntinn. Bha e greis a dol fo smaointean ma cho caochlaideachs a tha an saoghal. “Tha mi ann an so,” arsesan ris fhéin, “a siubhal o latha gu latha, gun fhios agam càitebheil mi, na càitebheil mi dola ruith faileas, mar gum beadh. ’S fhada bhon a chuala mi mu bhith sireadh snathaid an cruaich fheoir. Agus gu dearbh tha mi cinnteach, ged a bhiodh Alba bheag, ghràdhach fo chruaich fheoir uile gu leir, gum biodh e na bfhasa snathad fhaighinn innte na tha e dhomhsa Calum fhaighinns na fàsaichean uamhasach so, gun cheann, gun chrìch. Ach gheibh foighidin furtachd; cha toir mi suas fhathast, ged a thigeadh orm America a shiubhal o cheann gu ceann!”

Dheirich Aonghas na sheasamh, an uair a bha e sgìth bruidhneadh ris fhéin mar so. Bha e nis air fàs na chleachdadh aige a bhicòmhradh ris fhéin an aonaranachd an fhàsaich. Sheall e ma chuairt mor thimchioll. bhan sid? Coltas smùid bheag ag eiridh os cionn nan craobh, tri na ceithir de mhìltean air thoiseach air. Las a shùilcha robh cuimhnair sgìosbheothaich a dhòchas, ’s thog e air a rithist. Chuir e aghaidh gu h-aigeannach air an smùid a bha ag éiridh gu seimh os cionn nan craobh, far an robh, bha e ag ràdh ris fhéin, duine no daoine fiadhaich air choireiginn a faighinn deiseal an suipearach. Cha robhbheòlaind fhéin ach caol o chionn àireamh làithean, agus ghreas so a cheum airson a bhi na chuid, nan gabhadh e bhith. Bha e ag éisdeachd le uile chumhachd a chluasan, feuch an cluinneadh e faragradh sam bith, na guth duine, dubh na geal; dheanadh e toileachadh ri seòrsa sam bith aig a cheart àm. An uair a bha e na sheasamh mar so greis a dhùine ri taobh tom preaslaich, shaoil leis gun cuale gluasad air chùl an tuim. Thionndaidh e a dol a dhamharc, an uair a fhuair e buillesa cheann, a chuir mìle rionnag a dhannsa mu choinneamh a shùilean, ’s thuit e. An uair a thàinig e uige fhéin, chuale godail iongantach a chuir iongadh gu leor air. Dhfhosgail eshùilean, ach thug an sealladh a chunnaic e air an dunadhsa mhionaid, a smaointean gun robh e air saoghal nan spioradan. Bha na chunnaic e neònach gu leor, le neach nach robh eolach air. Fhuair e e-fhéin, ma ta, air a cheangal gu teann, cruaidh, lamhus chas, agus air a chuartachadh le mu thri fichead Innseanach. Bha i nis dorcha, agus bha teine mugach, as an leumadh lasair dhearg an dràsdasa rithist, ’sa mheadhain. Cha robh ioghnadh ged a ghabhadh Aonghas iad ann an riochd spioradan dorcha, len gluasad fhàillidh, gun straighlich, gun fhuaim, ’s lasraichean an teinedearrsadhn dràsdasa rithist air an aodainn thoitidh, dhorcha, a bhag amharc cho stolda, ’s gun saoileadh duine nach tainig fiamh gàire riamh air gnùis aon dhe na bhann. Bha iad gun chòmhdach còir sam bitha chuid bu mhotha cha robh iad a giùlan do dhéideadh ach pios béin mumeadhain, agus am falt fada, peallach, dubh, nach fhaca cìr riamh, sios mun guaillibhcuid dhiubh air an dath leis a h-uile seòrsa chì sinnsa bhogha-frois. Bha na wigwams (campaichean) aca nan sreath ri taobh aimhne, ach bhon a bha i gu math blàth san àm, cha robh iad a cur moran feum orra. Bhan treubh bheag a bhan so, riamh ann an àite car iomallach, le eagal threubhan cumhachdach a bha mu dheas is an ear orra. Bha iad mar sin gun eòlas fhaighinn fhathast air plangaidean, na armaibh áHudson ’s Bay,na idir air duine geal.

An uair a chunnaic iad gun robh Aonghas air a shùilean fhosgladh, thainig pàirt dhiubh na bu dlùithe dha, am measg chàich bha da sheann chaillich phreasaich, air an robh coltas a bhith gu math guineach dha. Bham beòil a dol gu math luath, ’s cha bann ga mholadh, a réir a h-uile coltais; oir ged nacheil e ro laghach a ràdh no innse, bhan da sheann sgua so cho coingeis air na breaban ri da lothsa chéitein, aguss e Aonghas a dhfhairich sin, oir bha deagh chothrom acair. Ach cha robh iad so fada na dhàil, an uair a thainig nighean òg, dhan dthug en aire roimhe sin ag amharc le truas air, agus mhaoidh i air na cailleachan, a toirt orra falbh, agus fhàgail ann an sìth car greis. ’S iomadh òigh a chunnaic Aonghas na dhùthaich fhéin bu mhi-thlachdmhoire rim faicinn nan nighean Innseanach so. Fhuair emach a rithist gum bi aon nighean a chinn-feadhna, agus gum bainm dhi Driùchd-a- Chéitein. Ann an ùine ghoirid chualAonghas monmhor am measg a luchd-gleidhidh, ’s iad a sealltainn mar gum biodh iad a cluinntinn cuideiginn a tighinn ris an robh dùil aca. Sgap iad o chéile, ’s chunnaic e le solus an teine, seann Innseanach mor air leth-shùil, le ceum aigeannach a deanamh dìreach air.

(Ri leantuinn.)


Litir bho Alasdair Mathanach.

Cuan Atlantic, Lat. 50° 59N; Long. 19° W,
1825 mile a mach á Halifax; 975 mile gu Lunnainn.

THAINIG em inntinn beagan fhacal a chur gu MAC-TALLA, ach tha litreachadh na Gàilig ga mfhàgail car coltach ris a bhalachan a theann ri gabhail ùrnuigh. Lean e air aghart ag aithris na h-aibidil, a, b, c, &c , caochladh uairean. Chuala cuideiginn es e air a ghlùinean, a thuirt i ris, “ tha thu deanamh mar sin?” Fhreagair am balach, “Tha mi ag aithris nan litrichean, a chionns nach aithne dhomh briathran freagarrach; ach tha làn dòchas agam an uair a ruigeas iad shuas gun cuirear ri chéile anns na briathran ceart iad!” Mar sin, a charaid, cuir thusa ceart a h-uile facal a chì thu cearr anns an litir so. ’S e mo bheachd gu feum thu sin a dheanamh ris a chuid is mo dhiubh.

Tha sinn seachdain a mach á Halifacs agus anns a bhad a ta air ainmeachadh aig toiseach na litreach so. Ma thig thu air chuairt an rathad



[10]

[Vol . 10. No. 2. p. 2]

so feuch gun gabh thu beachd air. Tha gleanntanus beanntan fior mhinic ann, ach tha iad uile gu léir gle luasganach. Far am bin gleann air a mhionaid so, bidh meall maith de chnoc air an ath mhionaid, agus mar sin bidh iad a dol am measg a chéile air a leithid a dhòighs nacheil e furasda comharradh a shuidheachadh, a dhinnseadh dhut gu robh sinn anns a bhad so, nan tachradh dhut sgriob a ghabhail a nall.

Fhuair sinn sìde fhàbharach gu ruige so, agus tha aobhar againn a bhi moladh Dhé air a shon. Ged is e so mo cheud thurus cuan cha dthàinig mi-fhéin agus tinneas-na mara gu bhi cur eòlas air a chéile fhathast, agus cha mhò na sin tha iarrtas agam oirre. Tha an soitheach (S. S. Evangeline) anabarrach saor bho luasgadh. Gheibh neach moran nas do chrathadh ann an aon de na carbaid a tha Donnachadh còir a tarruing air cùl an eich-iaruinn na gheibh thu air an luing so. Air an turus air an deach i mach mu dheireadh thug i leatha luchd deLydditeagus de rudan mireagach eile den t-seorsa sin, a dhionnsuidh nan saighdearan gu Halifacs, agus air an turus so tha i toirt dhachaidh an t-seann fhudair a bha aca an sin roimhe so, ach a réir coltais nacheil iasgaidh gu leor air son feum an latha an diugh.

Tha mu thimchioll leth-cheud seòladair bho na longaibh cogaidh an Halifacs a tilleadh dhachaidhcuid aca tinn, agus cuid eile a thaobh an uine aca bhith air ruith a mach. Tha mu thimchioll deich air fhichead luchd-siubhail air bòrd, eadar fhear, mhnathan agus clann. Am measg chàich tha Dr. Friseal, a tha air ceann Sgoil nan Dall ann an Halifacs, agus a bhean. Tha an doctair an dùil moran de sgoilean nan dall ann am Breatunn fhaicinn( ?) mun till e air ais. Than doctair còir dall e-féin a reir an leth a mach, ach tha fiosrachadh anabarrach aige na inntinn, agus tha e gabhail mion-bheachd air gach ni a tha tachairt mun cuairt. Thabhanachompanach chòir na fior shùilean da.

Feumaidh mi innseadh dhut nach drinn mi atharrachadh sam bith air muaireadair on dhfhàg min taigh. Innsidh mi dhut carson. Tha fhios agad fhéin glé mhath nuair a tha e meadhain am Breatunn, nacheil e ach mun cuairt air ochd uaireansa mhaduinn an Ceap Breatunn. Leis an uaireadair fhàgail mar bha i, bidh mi comasach air beachd a ghabhail glé fhaisg air a mhionaid mu na gnothuichean air an robh mi eolach a bhios a dol air adhart ann an Sidni. Saoilidh mi gun cluinn mi clag St. Andrews aig na h-amannan àbhaisteach. Bidh mi comhladh ruibh anns an spiorad aig àm na searmoin, nan coinneamhan ùrnuigh agus an sgoil Shàbaid. Bheir so comas dhomhsa agus dhuibhse a bhi aig an dearbh mhionaid aig Cathair nan Gràs atagradh air son a chéile. Gu dearbh tha aobhar agamsa a bhi cuimhneach air St. Andrews. ’S iomadh sona a chuir mi seachad mu timchioll bho mòige gus a so. Ach cha do chuir mi romham searmoin a thoirt dhut. Ni Mr. Foirbes agus Mr. Simpson sin dhut. Gu robh mor shoirbheachadh aca le chéile ann an saothair.

Tha e aig an àm car annasach dhomhsa a bhi fad seachdain gunmailfhaicinn, agus gach cuis anns a bheil airgiod, an àite dollairean agus sentaichean tha againn na £ . s. d. air an robh sinn eòlach o chionn da fhichead bliadhna air ais. Cha mhor nacheil mi saoilsinn leis na nithean sin gu bheil mi am bhalach aois choig bliadhndeug a rithist.

Cha do thachair ni neo-àbhaisteach sam bith oirnn air ar turus gu ruige so. Tha sinn a dlùthachadh air a chearn a deas do Eirinn. Tha eòin ris an abair iadIrish Pilotsa tighn mun cuairt don luing. ’S dòcha gum faic sinn Eirinn am màireach. Chunnaic sinn muc-mhara an drasdasa rithist. Bha sinn ceithir no coig a làithean gun luing fhaicinn, ni a ta taisbeanadh cho mhorsa ta an cuan agus cho beagsa ta obair an duine an coimeas ri obair a Chruithfhear.

Chaneil fhios agam nacheil thu seachd seann sgìth de mrabhtaireachd, agus mar sin sguiridh mi. Ma dhfhaodte gun cluinn thu bhuam á Lunnainn no as a Ghaidhealtachd. Ach aig an àm slàn leat, ’s leis na càirdean gràdhach a dhfhàg mi as mo dhéigh. An chìs nach fhaic.

Do charaid,
ALASDAIR MATHANACH.
Iun 13, 1901.

Tha clag na dinnearach a bualadh 1 p. m. —9.25 a. m. aig an taigh. Tha sinn 24 uair nas fhaide an ear na bha sinn air ainmeachadh aig toiseach na litreach. A. M.


Cha Lion Beannachd Bru.”

CIOD e teagasg ar n-Aithrichean, chan annmun t-seirbhis a tha mhàin ann am biadhaibh agus ann an deochaibh,” ach mu Bhiadh agus mu Dheoch? Their sinn gu tricn ar latha fein gu bheil ar coimhearsnaich na Goill agus gu sonruichte na Sasunnaich acur barrachd luach air biadh na tha sinne. Ni sinn uaill as ar measarrachd fein anns an rathad so; agus ni sinn amharc sios gu tric air na Goill airson an deigh air biadh blasdas air moran dheth. Chaneil sinn cho mi-mhodhail, no, ma dhfhaodte, cho toibheumachus gun abair sinn gu bheil iadsan adeanamhdia dam brù”; ach, ann an coimeas ruinn féin, their sinn gun teagamh gur iad is a than an tràillean dam broinn. Ach nach tilgear oirnne gu minic ma tha sinn measarran ar biadh nacheiln ar deoch? Nach abrar ma tha na Goill gionach, gu bheil na Gaidheil pàiteach? Ma chuireas sinne geòcaireachd as leth ar coimhearsnaich, nach cuirear pòitearachd as ar leth fein? Chan fheoraich sinn an trathsco-dhiu tha no nacheil e fior gur geòcaich na Goill; no co is mo thag òl de dheoch mhisgichn ar latha-ne, an Gall no an Gaidheal; ach feudar sealltainn le buannachd air an fhianuis a gheibhearn ar cànain agusn ar litreachas air amheas a bha ar n-Aithrichean acur air Biadhs air Deoch; agus air na dleasdanaiss na cleachduinean a dheirichn am measg an co-lorg nan nithean so.

N ar latha-ne tha e gun teagamh fioragus is duilich gu bheil e cho fiorgun nochd ar Sluagh an cairdeass an deagh-rùn da cheile, an uair a choinnicheas iad, gu minic le deoch agus gu h-ainmig le biadh. Tachair air do luchd eolais on dachaidh no mun tigh-òsdaig baile. Gabhaidh iadus bheir iad seachad deoch am pailteas; ach is tàmailt leo biadh a phaigheadh ar an son, ged ma dhfhaodte nach do bhlais iad greim fad cheithir-uaire-fichead. ’S e so cleachduin ar Sluaigh ann an Albainnn ar latha fein. Ge be ar beachd mun fhaireachduin on deirich achleachduintha mi fein a meas gur ann o fhaireachduin ionmholta dheirich ichaneil aonn ar measg nach aidich gun gleidheadh ar luchd-dùthchan ar latha-ne a suas an cliu fein agus cliu an Sluaigh na bàirde nan itheadh iad barrachd air an turuis agus nan òladh iad na bu lugha. Cho fads is leir dhuinn cha robh achuis mar so o shean. Anns an fhianuis a tha againn air beachdan ar n-Aithrichean, saoilidh mi gum faighear dearbhadh nach aichear gun robh na seann daoine acur barrachd meas air Biadh, agus na bu lugha meas air Deoch, na tha sinne.

O chionn beagan bhliadhaichean rinneadh barrachd rannsachaidh air aGhàidhlig na rinneadh riamh. Aideachar a nis air gach laimh, abhuidheachas sin do shaothair nan coigreach, gu bheil achànain aosda, agus gum faighearn a fuaim, ’n a focail, ’usn a cumadh na feartan a bhuineas a mhàin do phriomh chànain a labhair daoine treuneadhon neart, maise, agus cumhachd. Cha dearbhar aon chuid gum bi cànain Adhaimh, no gur icànain is fearr fon ghréin,” mar bhiodh cuid dar Bàird Ghaidhealach, on earbamaid barrachd tuigse, acumail a mach; ach chan innis eachdraidh cuine no càite an drugadh i, agus airson a maises a neart, chan en ceannach a rinn i. Tha rathad eile anns am feudar ar cànain arannsachle buannachdrathad nacheil ro chomasach do choigrichaguss e sin fior-bhrìgh ar focail, ar coimeasan, ar samhlaidheans ar doigh-labhairt, agus an solus a tha gach aon diu so atilgeadh air smuaintean, beachdan, ’us cleachduinean ar Sluaigh. Nam biodh gach focal Gaidhlig a than an ceud-bhrìgh co-cheangailte ri Biadhs ri Deoch air an tarruing a mach air aon chlàr, gheibhteadh, saoilidh mi, dearbhadh nach gann air amheas bha aig ar n-Aithrichean gu sonruichte air Biadh.

Tha e comharraichte nacheil focail Ghaidhlig againn airson trathan bìdh(Breakfast, Dinner, Supper, )ged tha ar focail airson bìdh féin ro lionmhorlòn, aran, cuirm, cuilm, fleagh, féisd, féill, &c . Nach soilleir agus nach brighmhor am focalbeoshlainteairson nan nithean a tha feumail a chum beatha a chumail suas a chur an ceill? Their na Goilllorg na beathari aran, agus their iad gu math; ach their sinneslàinte na beatha” (beo-shlainte) ris, agus tha mi meas gun abair sinn nas fearr. Ach tha sinn adeanamh acheangail eadar beatha agus biadh nas dluithe na so; oirs ebeathachadhmar is trice a their sinn ribiadhadh.” Saoilidh mi gur anns na h-eileanan, far am biodh fiughair ri comhnadh on mhuir, a dheirich an t-ainm iongantach sin airson lòin, “teachd-an-tir”; co-dhiu cha bhiodh a leithid de ainm ro fhreagarrach ann an tìr phailt, thoraich. Thugadh fainear uairus uair ar bàigh ri dath buidhe— ’s e falt buidhe is maisiche; ’s e latha buidhe is briaghaon fhacal thug sinnbuidheach,” agusbuidheachas,” ’s e sin taing, agus gu h-araid taing as deigh bidh, mar gum feumteadh a bhibuidheach,” sasuichte, mun rachadhbuidheachasa thoirt seachad. Fhuair mi o chionn beagan làithean o charaid Altachadh agus Buidheachas nam Ban air an Airidh mar so: Altachadh— “A Dhia nan gràsan beannaich e”; Buidheachas— “A bhuidhe ri Dia mo chuid, fair mo chuigeal.” Cha choir dhuinn, tha mi smuaineachadh, eas-urram a chur á leth nam mnathan còire, ged fhuair iad roimhn dleasdanas so na bu luaithe na tha e cleachdtan ar measg-ne. Thug na Goill am focalperfecto na Romanaich airson ni tha air a dheanamh gu maiths gu ro mhaith. Their sinneiomlan” —air alionadhiomadh uairris an ni cheudna. Ri ball a tha reir a cheile their sinn gu bheil ecoimhlionta.” De fhocail den t-seorsa so tha moran againn; agus tha mi den bheachd gur airidh iad air an rannsachadh. Gabh mar eisempleir na seadhan anns na chleachd sinn gu tric na focail a leanas agus na ficheadan a thuilleadh orra:— “bolg, goile, sathach, reamhar, tarbhach, daor, ainfhiach, balach, cuireadh.”

Gheibhear moran dar samhlaidhean cumantaa thuilleadh air an doigh shamhlachail anns abheil sinn acleachdadh ar focaila tha tarruing am brìgh o bhiadhs o dheochA lion beaganus beagan, mar a dhith an cat an sgadan; Cho eolachs a than ladar air aphoit; Liunn dubh air mo chridhe; Geiread an liunn chaoil; Deoch



[11]

[Vol . 10. No. 2. p. 3]

an doruis; Beul an anmoich; —agus moran eile a bheir achuimhne fein fa chomhair inntinn gach neach.

Chaneil mi meas gum faighear ann an canain eile co liugha sean-fhocal, a réir an àireimh, a tha tarruing an cumadhs an dreach o itheadhs o òl, ’us a gheibhear anns aGhaidhlig. Le beagan dragh chunnt mi cuig fichead ann an cruinneachadh Mhic-an-Tòisich, agus chaneil teagamh agam nach faighear moran ann air nach damais mi. Tha iad so ateagasg caochladh bheachdanus dhleasdanais mu bhiadh, mu dheoch, ’us mu iomadh ni eile; ach is ann o bhiadhs o dheoch a tha an samhladh air a tharruing. Tha ni no dha comharraichte mu na Sean-fhocail so a tha tur dhealaichte on bheachd chumanta mur Sluagh.

A dhaon ni chaneil os cionn deich no dusan den chuig fichead mu dheoch; agus chaneil an deoch airson abheil ar Tìrs ar Sluagh a nis cho iomraiteachuisge-beathaair a h-ainmeachadh idir. Tha liunnus fion air an ainmeachadh ach chaneil deoch ach sin. A réir coslais cha robh na seana Ghaidheil cho eolach air sugh an eorna air a ruith roimh na poitean-dubhas a dhfhas an sliochd, no co-dhiu cha robh de mheas aca airs gur e uisge-beatha a theireadh iad ris. Agus chan fhaigh mi dearbhadh gun robh meas air misgear am measg nan seann daoine. TheirearIs fearr amhisg na bhi gun leth-sgeul” —ach a ris theirear nas fiirinniche, “Is donan leth-sgeul amhisg.” A ris theirear, “Misg gun liunn is measa tha ann”— ’s e sin, “Is fearr bhi air mhisg na air a chuthach.” Cha saoil mi gur moladh air deoch-laidir an claidheamh fhaobhair so, “Cha drinn uisge glan riamh liunn maith”; agus cha burrainn nàmhaid na dibhe misg a chàineadh na bu sheirbhe na so:— “Tagh do cho-luadar mun tagh thu dòl”; “Is coma leam comunn an òil”; “An uair a bhitheas an deoch a stigh, bithidh an ciall a mach.” “ ’S en suidh docharachs an tigh-òsd is fearr.”

Is ann air toradh an spreidh a bha ar n-Aithrichean anns a chuid bu mho tighinn beò. Chaneil moran den fhearann freagarrach airson barra ann an coimeas ris na tha math gu ionaltradh. Mun dfhas caoraich cho lionmhors a tha iad a nis, be toradh achruidh dhuibh, maille ri sithinns ri seilg air Tir-mòr, ’s ri iasg anns na h-Eileanan, a bha deanamh suas lòin an t-Sluaigh. Cha robh min no aran ach gann. Gheibhear làn dearbhadh air so anns na Sean-fhocail. Mu choinneamh aoin anns abheil iomradh air aran na air min, tha ceithir co-dhiu dan samhladh ìmus bainne. Ge be air bith an teagasgs e ìmus bainne mar is trice an cainnt: “Am fear aig am bi ìm, gheibh e ìm”; “Chan fhaodar abhó reic, ’s a bainne òl”; “Be ìm a chuir do thigh àiridh e”; “Cha dean corag mhilis ìm” —agus mar sin sios. Air an doigh cheudna gheibhear iasg gu tric air ainmeachadh. Chuala sinn uile an radh: “Breac na linne, slat na coille, ’s fiadh nam fireachmeirle nach do ghabh duine riamh nàire as”; agus a ris: “Gaoth an iar, iasgus bainne.” Anns na h-Eileanan cluinnear gu tric iad so, am measg morain eile: “Ithidh na cait fuigheall nan caolan”; “Mionach ar n-eisg aig ar n-eunaibh fein”; “An gad air an robh an t-iasg”; “Iasgach amadaincorra bheathach mor”; “Is lom an cladach air an cunntar na faochagan.”

Tha teagasg nan Sean-fhocal a tha buntainn ri biadhs ri itheadh, mar a bhiodh fiughair ris on àireamh, eug-samhuil. Gheibhear beachdanus comhairlean a tha calg-dhireach an aghaidh a cheile air an toirt air an aghaidh. Ach do aon bheachd tha na Sean-fhocail a tha far comhair an traths’, agus feudar a radh na Sean-fhocail Ghaidhealach thar cheann an comhnuidh dileas; aguss e sin am meas air pailteas, agus an dimeas air gainne na bochdainn. Chaneil mi smaoineachadh gum biodh e comasach dearbhadh cho laidir agus cho druighteach fhaotainn air bochdainn na tìre, agus air na cruaidh-chàsan a beigin dar n-Aithrichean gu minic fhulang a solar lòin dan teaghlaichean, ’s a gheibhear anns achainnt a chleachdar anns na Sean-fhocail agusn ar Bardachd mu phailteas agus mu ghainne lòin. Chaneil teagamh agam fein nach ann on bhochdainn so, maille ri gairbhead na tìres cion rathaidean mòra, a dheirich ann an tomhas mor abhuaidh airson an robh, ’s a bheil, ’s a tha min dòchas a bhitheas, sinn cliuteach am measg nan Sluagh— ’s e sin ar fialachd ri coigrich. Tha sinn teom air a bhi caoidh na tìm a bhann o shean, agus ann an tomhas tha aobhar againn nacheil aig moran Shluagh; ach tha eubh ateachd o chein air bilibh nan Sean-fhocal a dhearbhas dhuinn gun robh camadh nach bu bheag an crannchur ar n-Aithrichean. Cha robh duine saoibhir riamh gun dilibich; Cha robh caraid riamh aig duine bochd; Cha tig duine acrach fada uaithe; Is olc an ni bhi falamh; Fear falamhs e gun ni, suidhidh e fada shios o chàch; Is buidhe le bochd ean-bhrigh ged nach bi i ro bhruich: Is bochd an ainnis lomanach; Is iomadh cron a bhitheas air duine bochd; Is farasta fuine dheanamh le min; Meallaidh am biadh am fitheach on chraoibh; Is fada lamh an fheumaich; Chan fhaigh an gortach cnaimh.

Ann an dlu-cheangal ris an rian so, tha an luach a bha na seann daoine acur air beagan; am moladh a dheanadh iad air cruinnealachd; ’s an càineadh air sgapadh gun aobhar; Is fearr fuine thana na bhi uile falamh; Thig an t-acras uair; Is call caillich a poca, ’s gun tuilleadh bhi aice; Cha reic e chearcs an latha fhliuch; An toiseach an t-saic a than riaghailt; Bhiodh sonas aig an stroghairen am faigheadh e mar a sgapadh e; Isusa sgapadh na tional. Chaneil teagamh agam nach e gainne lòins an tir a thug dhuinn an Sean-fhocal so: Is fearr fuigheall na braide na fuigheall na sgeige. Agus is ann an uair a ghleidheas sinn air chuimhne fein-fhiosrachadh ar n-Aithrichean air gainne, a dhfhairicheas sinn fior chumhachd agus fior mhaise nan Sean-fhocal a leanas: Is fearr a bhi bochd na bhi breugach; Is fearr peighinn an fhortain nan rosadus cuig ceud; Is ann an uair is gainne am biadh is coir a roinn.

Chaneil mi meas gur ann do bhrighs gu bheil an geocaire acaitheadh barrachd bidh na dhfhoghnas dha, a chàinear e cho mor, ged a chreideas mi gum feud e bhith gum be so cuid den aobhar. Tha mi den bharail gun robh ar n-Aithrichean ameas geocaireachdus pòitearachdn an nithean nàrach, maslach; ach chaeil teagamh nach amhairceadh iad na bfhaiden deigh na chuireadh an glàmairs am misgear adholuidh de bhiadhs de dheoch na dhamhairceas sinne. A dhaon ni cha tugteadh fathamas do aon den phaidhir. Cha tuig an sàthach an seangis mairg a bhitheadhn a thràill da bhroinn; Cnuasachd uircein buainus itheadh; Cha dean cas làidir nach ith brù mhor; Cha robh brù mhorn a seis mhaithdo neach eile; Tilg mir am beul na beist. An aghaidh an ditidh so chan fhaigh mi ach aon radh a ghabhas leth-sgeul a gheocaire: Is tric a bha sonas air beul mor.

(Ri leantuinn.)


Tha dlùth glic ann, agus inneach gòrach.
Tagh do bhean mar bu mhath leat do chlann.
Teodhaidh feòil ri fine, ged nach deòin le duine.


Facal don Oigridh.

O MO chreachs mo leir! is muladach da rireadh an sgeul a thug Bodachan aGhàraidh dhuinn, (Facal do na gillean òga), agus chan echuid is fhearr dheth gur en fhìrinn ghlan a thann. Is mi thag aontachadh leis, oir is misa bha thalls a chunnaic e. Ach ruigeamaid bun aghnothuich mas urrainn duinn idir, idir. Is fhad on a baithne dhomhsa mar an ceudna gun robh, chan e mhàin na gillean a dhfhàg an taighagus is math trath thig miann togail orraach na caileagan, adeanamh dichuimhnair am pàrantan, cleachdaidhean agus eadhon cainnt an dùthcha. Is maths is ro mhath a chuir am Bodachan e, agus ged dhfhaodas cuid a radh gum bheil na sgriobh e car sgaiteach tha feum mor, mor air. Than galar domhan, agus feumaidh am fear-leigheas a dhol domhan chum ruigheachd air. Ach seallamaid beagan air ais a chum ruigheachd air bun aghnothuich mar thubhairt sinn, agus sin airson fàth an uilc. Ciod mu dheimhinn na pàrantan, ciod air na maighstireans na bana-mhaighstirean sgoil, ciod air na ministearan? Chan fhaod ebhith nacheil iadsan ann am mor thomhasno uile gu leirfreagarrach. an eisempleir, na rabhaidhean, an seòladh thug iad sin dan oigridh nuair agus on bha iad nam pàisdean? Theid an gille non caileag a mach don taobh deas cho aineolach air cuilbheartan an t-saoghail ri cuilean coin, an cridheachans an tograidhean cho ùrar, glan ri rol paipeir-sgriobhaidh. Tha fios gle mhath thachras; druidhidh a cheud chleachdadh no gnathachadh a thig nan rathad orra, agus, ge duilich ri ràdh leam e, is en cleachdadh olc, no faoin co dhiù, is tric a gheibhear adol. Is e na chì na big a ni na big, agus is ann beag glé bheag than Gàidheal nom bana-Ghàidheal òg am measg ciollachairean agus cleachdaidhean baile mor sam bith. Is e cheud rud, a réir mo bharailsa co dhiu, ar dichioll a dheanamh air ar luchd-dùthcha a sheòladh, agus oidhirp a dheanamh air an cumail bho bhidol air seacharan an deigh tighinn aineolach, neo-chiontach don bhaile; ach buinidh do na pàrantans eile mar thubhairt sinns a cheud dol a mach, an clann uidheamachadh airson buairidhean lionmhor abhaile, no eadhon an dùthaich fhein, oir chaneil a h-aon saor asd. Is ann orm a bha mhulads mi air sgriobthoirt don àites an dfhuair mi màrach, dùthaich mo ghaoil, ach anns nacheil a nis dachaidh agam, ’nuair chunnaic mi na cleachdaidhean grannda Gallda bha gan sàthadh fein a stigh air mo luchd-dùthcha. Chan fhoghnadh ach deiseachan dearrsach de dhaodach ghroda Gallda, ’s an clò bàbhaistbhi ga chaitheamh san àite gun fhighe, agus sin a chionn an olainn a bhi ga reic a mach air aGhalldachds an Sasuinn riusan a burrainn a meas. Chan fhòghnadh ach aranus min chruineachd, le ti, an aitaranus min choirce, no eòrna anns am bheil sùghus brigh tha, air a char is lugha, da fhichead uair nas mo.

Tha bhuil ann; seall air aodainn luchd-òil na ti, agus tha an sgeul air innse. Comas inntinn agus cuirp, neartus meud an chuid a dol an lughad o bhliadhna gu bliadhna, seadh o gu .

Amhathair a dhòlas an ti an àite bainne, seorsa sgoinn bhioss a phàisde? Agus a rithist cia nàrach an gnothuch an clann a bhi strith ri cainnt eilthireach nan dùthaichs nam measg fhein co dhiu. “Ciamar tha thuMhairearad?” arsa mise ri thainig dhachaidh o muinntireass an taobh deas. “O, chaneil mibut middlin’, ” ’s e fhreagair i. Cha dthubhairt min corr

(Air a leantuinn air taobh 14).



[12]

[Vol . 10. No. 2. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, IULAIDH 12, 1901.

Fhuair sinn o ar caraid, Gilleasbuig Mac-Phàil, an Orangedale, aon àireamh de leabhran Gàilig a bha air a chur a mach ann an Antigonishsa bhliadhna 1851. Is e bainm dhaAn Cuairtear Og Gaelach.” Be so an ceathramh àireamh dheth, bha e air a chur am mach am mios deireannach an earraich, agus bi aphris sgillean, no mar theirte an cumantas, “seachd us bonn-a- sia.” Tha fichead taobh-duilleig ann, ’s iad loma làn de leughadheachdraidh, sgeulachdan, comhraidhean, agus bàrdachd a tha fior thaitneach. Bha anCuairtear Ogair a chur a mach le Iain Boyd. Ma tha aon sam bith a leughas so comasach air tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhuinn mun leabhran so bhitheamaid gle thoilichte fhaotainn.

Tha sgoil-àiridh gu cuairt a chur air sgireachdan tuathanachas Cheap Breatunn air a t-samhradh so. Toisichidh an sgoil ann an Richmond, agus an deigh taghal anns na h-àiteachan as deiseile air feadh na siorrachd, thig i do shiorrachd Cheap Breatunn, agus an deigh sin do Victorias do Inbhirnis. Bidh an sgoil air a teagasg le Miss Laura Ròs, a bha riomhe so ateagasg ann an Sgoil Thuathanachais Ontario, agus bidh i air a cuideachadh le Uilleam Dughlach, à Truro. Bu chòir gun deanadh an sgiol so feum mor air feadh na dùthcha ann a bhi teagasg do na tuathanaich an dòigh as fhearr air bainnes uachdar a laimhseachadh air son an tomhas as mothas an seòrsas fhear de dhìms de chaise thoirt as.

Tha gibht Andra Charnegie do oilthighean na h-Alba air a ghabhail. Bidh an da mhillean punnd Sasunnach air a chuir a mach air riabh, agusse an riabh a mhàin na bhios air uisneachadh. Bidh darra leth an reibh air a thoirt seachad mar chuideachadh do fhòghlumaichean, agus an leth eile air a chur gu feum a neartachadhsa cumail suas nan oil-thaighean. Chan eil teagamh nach bi feum mor air a dheanamh don dùthaich an lorg na gibhte ao. Bha àireamh de na h-uaislean nach robh air son a gabhail idir, ach bha amhor chuid den t-sluagh gle dheonach a gabhail, oirs ann don t-sluagh chumanta nach eil comasach air an fhoglum bu mhiann leotha thoirt dan cloinn, a bhios an cuideachadh so feumail. Bha Alba riamh fad air thoiseach air Sasunns air Eirinns air iomadh dùthaich eile ann an toirt foghluim don t-sluagh bhochd, agus a nise le fialuidheachd aoin da mic féin theid i fad air thoiseach orra. Faodaidh iomadh òganach tapaidh an deigh so dreuchd agus inbhe thoirt a mach, a bha roimhe so air an cumail uaithe a chionn gu robh e bochd agus nach burrainn dha feuchainn rin cosnadh.


Ceisdean.

Tha e air aithris le daoine firinneach gum facas an solus ùr, air a cheathramh latha den ghealaich so, mu dheich uaireans a mhaduinn, —aghrians a ghealachg am faicinns an aon àm, iad le chéile, gun teagamh, ’s an aird-an-ear.

Am facas aleithid so riamh roimhean Ceap Breatunn? No am bheil e na ni iongantach fhaicinn an dùthaich sam bith?

Aon sam bith de leughadairean MHIC-TALLA a thilgeas solus ùr no sean air a chuis so, cuiridh e comain air iomadh aon, ach gu sònraichte air
OIGEAR AINEOLACH.


Am bi sibh cho maths gun innis sibh dhomh ciod a Bheurla cheart a tha air an ainm Mor? Tha cuid ag innse dhomh gur e Sarah, agus cuid eile gur e Marion no Marian. Bidh mi fadanur comain ma dhinnseas sibh dhomh co a tha ceart, no am bheil iad le cheile ceart?

FREAGAIRT.

Is e Sarah an aon ainm Beurla a tha co-fhreagairt don ainm Ghàilig Mor. Tha ainm Gàilig eile ann a tha aco-fhreagairt don ainm Marion; ’s e sin Muireall, ainm nach eil ri fhaotainn ach gle ainneamh am measg bhana-Ghàidheal an lathan diugh. Chan eil buntainn sam bith aig an da ainm Marion agus Sarah dha cheile.


An uair a bheir Dia dhuinn sith agus soirbheachadh, tha e mar fhiachan oirnn gach ninar comas adheanamh a chum sith agus soirbheachadh a thoirt do ar co-braithrean anns an t-saoghal. Tha ena aobhar broin do mhoran dhaoine a bhith faicinn cho feineils a than aireamh as mo do shluagh ar duthchadh. Ma bhios sith is soirbheachadh aca fhein tha iad cearta coma cia mar a thachras do dhaoine eile. Cha be so an spiorad leis an robh na daoine on dthainig iad air an gluasad an uair a dhfhuiling moran dhiubh am bas a chum gum biodh saorsa aimsireil agus spioradail aig sluagh na rioghachd so.


Chaochail fear Barnaidh Morris ann am Brooklyn, N. Y., air an t-seachdain sa chaidh, a bha ceud us naodh bliadhna dhaois. Rugadh e ann an Eirinnsa bhliadhna 1782. Bha e cho slàns cho tapaidhsa bha e leth cheud bliadhna roimhe so gus mu choig latha mun do chaochail e. Thoisich e an sin air cur uidhreachd air an teas, agus lean e air fàs na bu laige na h-uile latha gusn do chaochail e. Cha robh duine anns abhaile air am beolaiche an sluagh, agus bidh moran dhiubhga ionndrain.


LUACH ANABARRACH
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR, —Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life ASSOCIATION.

Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.

Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,870.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25

Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nampolicies” $1 ,505,546.25

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.



[13]

[Vol 10. No. 2. p. 5]

Naigheachdan.

Chaidh an tigh aig Padruig Guthro, ann an Leitches Creek, a losgadh gu làr an la roimhe. Bha e-fhéin air falbh aig an àm, agus chaidh an teine fhadadh leis achloinns iad a cleasachd le maidsichean. Cha deachaidh ni dhe na bha anns an tigh, aodach no airneis, a shàbhaladh.

Tha cuid de na rathaidean-iaruinn anns na Staidean an iar an deidh sgur de losgadh guail. Tha iad alosgadh ollana àite, agus tha iad afaotainn sin moran nas saoire. Cha chosg na loisgeas iad ach mu leth uireadsa bha an gual a cosg dhaibh. Ni sin caomhnadh mor dhaibh, agus aig an àm cheudna, bidh ena aobhar air pris a ghuail isleachadh.

Bha teas neo-chumanta air an t-seachdain sa chaidh anns na cearnan sin de Chanadas de na Staidean a tha fhada on chuan. Bha daoines mnathan air am bualadh leis a ghrein ann an caochladh àiteachan, agus bha iomadh beatha air a call. Tha aon bheannachd aig muinntir nan duthchannan a tha laidhe machsa chuan a tha iad gu tric a leigeil as an cuimhne; ged bhios an t-side air uaireannan cho fuars nach bi moran toileachaidh aig daoine, ’s ann uair ainneamh a bhios i cho teths gum bi beatha dhaoine air an cur an cunnart.

Cha bhi fios ceart gu ceann da mhios air àireamh sluaigh Chanada. Tha moran obrach ann a bhi cruinneachadh nan cunntasan a bha air an deanamh anns gach cearna dhen dùthaich agusgan cur ri chéile air dhòighs gum bi gach fiosrachadh a thatar ag iarraidh furasdfhaotainn. Cluinnear sgeul o àm gu àm mun àireamh sluaigh a thann an caochladh bhailtean us shiorrachdan us roinnean, ach tha luchd-aithris nan sgeul sin a labhairt air thuaimse, agus chan eil barrachd fiosrachaidh aca mun chùissa tha aig muinntir eile.

Chaidh Henry Patton a mharbhadh aig an obair iaruinn Di-sathairne sa chaidh. Bha e na bhrakesman air trein a bha giulan guail dhionnsuidh nanCoke Ovens,agus nuair a bha i dol troimhn togalach anns am bheil an gual air a thogail dhionnsuidh nan àmhunn, bha ena sheasamh tuilleadh us àrd agus bhuail a cheann ann am maide, ’s bha e air a thilgeadh fo na cuidhlichean far an deachaidh a ghrad mharbhadh. Cha robh coire ri chur air neach sam bith eile; chaidh e air aiss air adhart troimhn cheart àite iomadh uair fad an latha. Bhuineadh e do Abhainn Philip, an siorrachd Chumberland, agus dhfhàg e bean us sianar chloinne ann an Louisburg.

Tha na birlinnean a tha dol a chur réis air an fhoghar so aig New York an dràsd a cur réisean ris na birlinnean a bhanns an réis mu dheireadh. Tha anShamrock IItaobh thall a chuain a cur réisean ris an t- “Shamrock I”, agus air an taobh so tha an Constitution acur réisean us aCholumbia. Tha iad le cheile dearbhadh gu bheil iad air toiseach air na seann bhirlinnean, agus mar sin tha dùil aig daoine ri deagh réis air an turus so a rithist. Bu mhath le moran a bharrachd air na Breatunnaich fhéin gun giùlaineadh an t-Seamrag II an duais thar achuain; tha e air an taobh so o chionn aireamh mhor bhliadhnaichean, agus mur teid e mull a dhaithghearr chan eil fhios nach sguir na Breatunnaich a dhfheuchainn ri chosnadh gu buileach.

Bha pic-nic aig Conservatives Nobha Scotia ann a Halifacs air a cheud latha dhen mhios so. Bha Mr Borden, ceannard ùr na pairtidh, a lathair, agus liubhair e òraid. Bha bangaid aca air an oidhche ann am fear de na taighean òsda. Tha aphàirtidh adeanamh deiseil air son an taghaidh a dhfheumas a bhi ann mun ruith bliadhna.

Chaidh dithis ghillean beaga le fear Tomas Doucette a bhàthadh aig Tusket Forks, an siorrachd Yarmouth, Di-luain sa chaidh. Chaidh iad don abhainn a shnàmh, agus chaidh am fear a bòige dhiubh tuilleadh us fada mach. Dhfheuch a bhràthair ri a chuideachadh gu tir, achs ann a chaidh am bàthadh le chéile. Cha robh am fear bu shine ach aona bliadhndeug a dhaois, agus am fear a bòige ochd bliadhna.

Chaidh gille beag le fear Iacob Wyman, aois choig bliadhna, a losgadh gu bàs faisg air Yarmouth maduinn an roimhe. Ruith e mach as an tighna ghùn-oidhche, agus thoisich e ri lasadh mhaidsichean air an dfhuair e greim. Ghabh a chuid aodaich, agus ged a rinneadh na ghabhadh deanamh air son an teine chur as, chaidh an gille bochd a losgadh gu dona, agus chaochail e ann an cràdh mor mun dthainig am feasgar.

Tha e air innse gu bheil cuideachd aghuail a dol a dhath-fhosgladh seann mheinn Victoria. Bidh sona dheagh naigheachd dhaibhsan a bhag obair mun mhèinn sin, oir bha moran dhiubh aig an robh an dachaidhean féin, agus a chaill gu mor nuair chaidh a dùnadh. Tha gual Victoria air ghual bog cho mathsa tha ri fhaotainn, agus tha e nas soirbhe reic na gual aon sam bith eile de mheinnean na dùthcha so. ’Se baobhar don chuideachd a dùnadh gu robh i doirbh a h-obrachadh agus nach robh i mar sin a pàigheadh cho math ris na mèinnean eile.

Tha Mr Chamberlain agealltuinn don phàrlamaid Bhreatunnaich bill a thoirt a stigh an ùine ghoirid leis am bi tiodal an righ air a h-atharrachadh, gus am bi i agabhail a stigh Chanada, Australia agus cearnan eile den t-saoghal a tha fon chrùn Bhreatunnach. Aig an àm so, chan eil an tiodal athoirt iomraidh air cearna sam bith dhen impireachd a mach as na h-eileanan Breatunnach fhéin ach na h-Innsean a mhàin. Nuair a theid righ Iomhar a chrùnadh air an ath shamhradh, bidh a thiodal ag ainmeachadh gu bheil e riaghladh thairis air na dùthchannan eile chaidh ainmeachadh. Bidh sin gar toirt ceum eile air adhart gu aonadh na h-impireachd.

Thug an ceannard Breatunnach ann an Africa mu Dheas o chionn ghoirid cead don t-seanalair Botha fios diomhair a chur gu Crugar, agus fios diomhair fhaotainn uaithe. An deigh sin a dheanamh, thug Botha a mach air ball gum be òrdugh Chrugair an cogadh a chumail air adhart. Tha easan gu socair, seasgair anns an Olaint, far nach ruig luaidhes fùdar nam Breatunnach e, agus chan eil co-fhaireachdain sam bith aige ris na daoine bochda dhfhàg ena dheigh, ’sa thacur moran earbhsa ann-san. Leanadh iadsan air cogadh fhadsa bhios duine dhiubh beò no gun ghlacadh, agus bidh esan gu sòghail far am bheil e gus am faic e ciod a dhéireas dhaibh. Ma bha moran chàirdean aig Crugar riomhe so am measg dhaoine cearta, mi-fhéineil an t-saoghail, chan urrainn nach eil an àireamh a dol nas lugha.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


Uaireadairean
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas. Theid sinn an urras orra uile.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[14]

[Vol . 10. No. 2. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 11).

rithe-se. Chunnaic mi triùir ghillean aig an am sin, agus cha ben deoch bu choireach ris na smalan bhair an gruaidhean, fàth mo mhulaid, chan abair min còrr. Bfheàrr dhan duthaich nach do thill iad riamh.

Nis is e cheisdde ni sinn, agus sin a dhaindeoin co their, “Ciod e do ghnothach-sa ruinne?” Feumar na Gàidheil a dhusgadh on chlo chadail agus suain anns am bheil iad a tuiteam.

Cha cluinn sinn achCiamar a ni sinn airgiod, airgiod, airgiod?” Chan e ciamar chumas sinn sinn fein glan, ciamarchumas sinn suas cliù ar dùthcha, ciamar chuidicheas sinn le ar pàrantan: o chan e. Leanamaid cleachdaidhean gallda, fasana galldas iad cho breagha. Breagha ach grod, is e tha misag ìnnseadh dhiubh, freagraidh iad ann an tomhas do na gaill ach cha fhreagair do na Gàidheil ma thad déidheil air bhi nan daoine treun, glan, calma agus onarachs nan caileagans nam mnathan glan, fallainn agus eireachdail. Leanaibh mata ri cainntus cleachdaidhean ar duthcha, chaneil nas fheàrrno eadhon cho mathri fhaotainn an aite sam bith eile. Cuiribhur neartsur spionnadh a mach airur son fein, aig an tigh mas urrainn duibh idir, ach cuimhnich soCha sheas poca falamh.”

CARAID.


Da Sgeul Bheag mu Bhan-righ Victoria.

Nuair a bha Victoriana h-ighinn bhig, chaidh i aon uair a chur seachad latha comhla ri aon de na mnathan-uaisle a bhan dluth chairdeas dhi. Cha robh fhios aig a mhnaoi-uasail sin ciod a dheanadh i gus cridhealas a chumail ribanacharaid oig; aguss ann a thuirt i rithe: “A Victoria, faodaidh tu gach ni a thogras tu fhein a dheanamh an diugh. Iarr ni sam bith air an smaoinich thu, agus gheibh thu e, ma ghabhas e idir.” Smaoinich achaileag beagan uine, agus an sin thuirt i, “ ’S minig a bu mhiann leam a bhi nighe uinneagan, agus mase ur toil-se e, nighidh mi na h-uinnegan agaibh.” Cha deach a bhean-uasal an cois a facail; fhuaireadh uisge, bucaid, siabunn, agus breidean, agus chaidh ise a bha nceann beagan bhliadhnaichean gu bhi na ban-righnn air Breatunn, a dhobair i gu dichiollach gusn do chuir i crioch air na h-uinneagan uile.

Nach minig a bhios a mhuinntir sin ris am bheil farmad againne agabhail farmad ruinne! Dhfhaoite gu bheil sinne miannachadh shochairean agus sholasan a bhiodh iad-san gle dheonach iomlaid ruinn air son nan solasan airn do chuir sinne deuchainn agus a bhitheamaid gle dheonach a thoirt seachad.


Aig am araidh, bha a Bhan-Righ an caisteal Bhalmoral, sa Ghaidhealtachd; chaidh i aon latha mach leatha fhein gu dhol air cheilidh am measg nan taighean a bfhaisgoirre. Air dhi a dhol a stigh do thigh a bhann an sin fhuair i ann seann duine liath air an leabaidh, ’s gun duine aige ach e-fhein. “Gu de so?” arsise, “nach eil duinagad idir a dhfhuiricheas comhla riut?” “Chan eil,” ars an seann duine, “tha mo mhuinntir uile air falbh a choimhead na Ban Righnn; bha iad asmaoineachadh docha gum faiceadh iad sealladh dhi.” Shuidh aBhan-Righ rithaobh treis a dhuine, a bruidhinn ris, agus aleughadh dha. Air dhi a bhiga fhagail shin i not choig puinnd dha, agus thuirt i ris, “Nuair a thig do theaghlach dhachaidh abair riutha, nuair a chaidh iad-san a choimhead na Ban-Righnn gun dthainig a Bhan-Righa choimhead ortsa.” Is ann le caoimhneasan beaga dhen t-seorsa so a fhuair Ban-Righ Victoria aitecho blath ann an cridheachan an t-sluaigh. Bha i riamh cuimhneach air na bochdan, agusses docha gu robh iad-sanga faicinn na bu trice na bha urrachan mora na rioghachd. Ann an laithean a h-oige bha na croitearan agus na daoine bochda timchioll air a caisteal anns a Ghaidhealtachd gle eolach oirre.


Creag nam Ban.

Mu thimchioll cheud bliadhna roimh so, bha iomadh druidh agus bana-bhuidseach olc a tighinn beò ann an Albainn. Achs éigin aideachadh mar an ceudna gun deachaidh buidseachd chur as leth iomadh seann duine agus cailleach chòir nach do chuir làmh innte riamh. Agus bu bhorb, neo-thruacanta gu deimhin na dòighean air an do chuir an sluagh feargach as daibh an uair a dhiteadh gu bàs iad. Chaidh cuid diubh chrochadh cuid eile bhathadh, ach babhaist don t-sluagh a bha còmhnaidh am bruaichean Mhàrr gach bana-bhuidseach mhi-shealbhar a thuitn an làimh a losgadh air mullach cnuic àird air abheilCreag nam banmar ainm gus an latha diugh.

Mun àm a dhainmich mi, bha seana chailleach bhochd a gabhail còmhnaidh aig bràigh Gleann Laoigh bhig, agus i fo amharus leis na coimhearsnaich. de na laithean, chunnacas i a bruich luibhean neo-chumanta ann an coire mòr air chùl a bhothain bhig anns an robh i a fuireachd. Bha i a dol deiseil mun cuairt den choire, a tilgeil nan luibhean ann, agus a seinn ubagan le guth iosal, tuchanach. Air ball ghlacadh i agus thugadh i a dhionnsaidh Mac Fhearchair Mòr an Caisteal Inbhir-eigh, agus, mar babhaist anns na laithibh fuileacha sin, chaidh a diteadh gu bàs. Chuir iad a steach don phriosan i agus ghlais iad an dorus gu diongalta. Ach air an ath mhaduinn, an uair a dhfhòsgail iad an dorus, fhuair iad gun dthug an t-seana-chailleach an car asda, oirs ann a bha i air seachnadh anns an oidhche. Agus bu mhòr achorruich air Mac Fhearchair mòr an uair a chuale gun do thàr i as.

Beagan laithean an deigh so, chaidh seann duine àraidh dhiteadh


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
INVICTUS
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater.
A .W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.


Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.



[15]

[Vol . 10. No. 2. p. 7]

gu bàs airson achionta cheudna. Ach an uair a thugadh a mach abhinn, ’s ann a thuit e sios air a ghlùnaibh roimh Mhac Fhearchair, agus dhiarr e maitheanas air, agus e toirt geallaidhs an àm cheudna gun glacadh agus gun tugadh e air ais abhana-bhuidseach mun tigeadh am màireach, nan leigeadh Mac Fhearchair fa sgaoil e.

A nise thug Mac Fhearchair cluas don t-seana-bhodach, oir bha làn fhios aige agus aig na h-uile daoine gun robh naimhdeas searbh eadar an t-seann-duines achailleach, air aobhar éigin air nach beòlach càch, agus dhaithnich e a bharrachd nach robh am bodach cho fuathach leis an t-sluaighs a bha cailleach Ghleann-laoigh bhig. Agus mar so, air don bhodach toirt bòidean air aBhiobull gun glacadh e achailleach mun eireadh aghrian a rithisd, ’s ann a chuir Mac Fhearchair fa-sgaoil e.

Gun dail, thug e Gleann-laoigh bheag air, agus an uair a theann e dluth air bothan na bhana-bhuidsich, de chunnaic e astar beag air falbh, aig oir na coille ach earb àluinn. Shaoil e gun robh coltas an-shocrach air an earb egus bha e ceart, oir, an uair a thainig e ni bfhaisge oirre, ’s ann a theann i ri falbh.

An sin dhaithnich e nach robh anns an earb àluinn ach abhana-bhuidseach olc fein. Air ball chruth atharraich se e fhein ri mial-chu, agus chlisg e air a tòir le luathas na gaoithe. Gle luath ràinig an earb bràigh aghlinne agus an sin thog i oirre thun a mhonaidh, agus am mial-chu gu teth air a tòir; ach, direach mar a bha esan a dol a dheanamh greim oirre, ghrad ghabh i riochd maighich agus bhual i air aghart mar an dealanach.

Gun dail bha an druidh as a deigh an riochd abhaig agus ràinig iad gu luath mullach na beinne. An sin chaidh iadnan deann le bruathach gu Gleann Laoigh. Aig iochdar aghlinne so bha rathad còmhnard agus ruith iad air an rathad so, agus cha mhòr nach drug an druidh oirre an sin, ach, chlisge, chaidh am maigheach as an t-sealladh am priobadh na sùla, aguss an àm cheudna ruith luch bheag a steach do chòs cumhann eadar dha chreig mhòir aig taobh an rathaid. Air ball ghabh an druidh riochd nis bhàin, chaidh e a steach don chòs agus thug e a mach an luch.

Cha luaithe a thainig iad a mach na ghabh iad an cruth nàdurra le cheile, agus an druidh a cumail greim teann air a bhana-bhuidsich; agus bann air an dòigh so a ràinig iad caisteal Inbhir-eigh am beul an anamoich. Thug an druidh suas achailleach do Mhac Fhearchair, agus, mar a ghealladh dha, fhuair e a shaorsa fhein, ach air an maireach chaidh an t-seana-chailleach olc, thruagh losgadh air mullach Chreag nam ban.

Agus mas fior an sgeul so, is e mo bharail-sa nach bu mhisde muinntir Mhàrr a bàs idir.

W. H.


An Diol-deirce.

LE DONULL MAC-CALLUM.

Am feadh a bha Captain T. glé shuarach nasùilean, mar a bha mig innseadh dhuit, bha gaol mòr aig Lady Myshrym airThe MacDodo. ”Nam biodh sin na comas phòsadh is an uair e.

A nis, acharaid, mur robh thu riamh gu tinns aghaol, saolaidh tu gun tug a bhantrach mhòr a cheart diolachd doHenry V.” ’s a thug i don Chaptain, ach ma bha bithidh fios agad air nas fearr. Mur robh thus an sgoil aigCupidchaneil thu comasach air breith a thoirt air a chùis, agus feumaidh tu gabhail ris mar théid innseadh dhuit.

Ach, codhiu, fhuairthe MacDodo” ’mach mar thachair ri Captain Goblets agus, deanadh mòr aoibhneis na anam nach robh em feum a pòsadh, ga cumail on Chaptain, chuir e roimhe gun seachnadh e i cho fads a burrainn e. Ni mi suas an còr den earrann so le bhig innseadh dhuit mar fhuair emach sin.

Nuair a bhaHenry V.” naHarry B. Scrubberbha ecuir ri theachd an tìr le bhi cluich air na bòrdaibh, mar chual thu roimhe so. Lean a chleachdainn risn uair a fhuair e bhi naMhac Dodo.” “Am fear a bhiths carachs abhaile so bithe carachs a bhail ud thall.”

Rinn se e féin suas mar dhìol-déirce bodhar, balbh, a dol o thigh gu tigh, a dhfheuchainn am faigheadh emach a mharbhSir Roger.” Mar sin bha en talla nan seirbhiseach, an tighLady Myshrym,” air an fheasgair air an robh an Captain a coinneachadh riThe fairy of the sleeping Hollow.” Chual eJenkinsag innseadh do na seirbhiseich eile h-uile lide den chòmhradh bha eadar Captain T. agus an Lady. Cha robhJenkinsa fàgail taobh muigh an doruis eadar na h-uairean a bhan clag abualadh. Bha ecluinntinn an clag a bualadhs an talla agus bha efeitheadh gun dol a stigh gus am biodh an ùinesuas a bu chòir dhabhi gabhail ga fhreagairt. Mar sin bhan eachdradh gu h-iomlan aige.

I know the secret, ”deir de na searbhantan, “of her Ladyships casting overboard such a fine gentleman as Captain Goblets. She is in love with that ugly beggarScare-crow Scrubber,’ who was unfortunately raised from serving in the slums to reign in the castle. I wish her Ladyship saw this caricature of her lover (a ciallachadh an dìol-déirce balbh bodhar). Isn ’t he awfully like him? He may be a natural son of his. I heard he was an awful rake when he lived in the slums. Jenkins, you might tell her Ladyship that an anonymous gentleman in the hall wishes to see her.” “No no, ”deir an dìol-déirce balbh bodhar, “I hate ladies, ”agus a mach ghabhar e. Mun robh ùinaca sealltuinn thuca no uapa cha robh lorg air.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) guALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO.
Sidni, C. B.
Phone 217
Feb 7011 yr


Amy Mhoraidh.
FEASGAIR DE DHORAIN ALBANNACH.
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, agabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E, 14th St., New York.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI., - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI., - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI., - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[16]

[Vol . 10. No. 2. p. 8]

Oran nan Suiridheach.

LE ROB DONN.

Fhearamh og leis am miannach pòsadh,
Nacheil na sgeoil sog ur fàgail trom?
Tha chuid as diomhairtha cur an lin dibh,
Chaneil an trian diubh aruigheachd fuinn.
Tha chuid as faighreachailair an oighreachd-s’ ,
Om bheil am prise adol air chall,
Mar choirean làidir, cur maillair pàirtidh,
Tha barail chàirdean, as gràdh gun bhonn.

Tha fear asuiridh an diugh air inighean,
Gun bharail iomraill nach dean e tùrn;
Bha i uair, ’s bu chumha buairidh,
A ghuth da cluais, as a dhreach da sùil.
An sean ghaol cinnteach bha aig ar sinnsir’,
Nach dfhuair cead imeachd air feadh na dùthch’,
Nach glan a dhearbh i, gun deach a mharbhadh,
N uair ni i bargan, ’nuair thig fear ùr.

S iomadh caochladh thig air an t-saoghal,
S cha chan an fhirinn nacheil e crosd’,
Na h-uile maighdean a ni mar rinn i,
Tha fois a h-inntinn an cunnart feasd.
An duine treubhach, murell e spréidheach,
A dhaindeoin eud, tha e féing a chosg.
S le comhairlghòraich a h-athair dhòlum,
G a deanamh deonach le toic, ’s le trosg.

On than gaol acair fàs mar Fhaoilleach,
Na bitheadh stri agaibh ri bhi pòsd’,
A seasmhachd inntinn chaneil thu cinnteach,
fad na h-aon oidhchgu teachd an ;
An a phàirticheas riut a càirdeas,
Ged tha ig ràdh sud le cainnt a beòil,
Fo cheann seachdain, thig caochladh fleasgaich,
S chan fhaigh thu facal dhi do bheò.

Achs mor an nàire bhig an sàrachadh,
Oir tha pàirt dhiubh den inntinn stòlt’,
Mach o phàrantan agus chàirdean,
Bhi milleadh ghràidh sin tha fàs gu h-òg;
Mur toir i aicheadh don fhear as fear leath’,
Ged robh sud craiteach dhi fad a beò,
Ni h-athair feargach, a beatha searbh dhi,
S gur fearr leis marbh i, nafaicinn pòsd’.

Faodaidh reuson a bhi, gu tréigeadh
An fhir as beusaicha theidn a triall;
Ged tha e càirdeach, mureil e pàgach,
Ud! millidh pràcas na thair a mhiann;
Than duine suairce, le barrachd stuamachd,
Acall a bhuannachd ri gun chiall;
S fear eileg éiridh, gun stic ach léine,
S e cosnadh géill dhi mun stad e srian.

Mureil stuamachd acosnadh gruagaich,
Och! ciod abhuaidh air am beil a geall?
Nach mor an neònachas fear an dòchais so,
Gun bhi cnòdach nis modha bonn;
Fear eile sineadh le mires taosnadh,
Le comunn faoilteach, no aigneadh trom,
S ge math na tri sin gu cosnadh aontachd,
Chaneil a h-aon diubh nacheil acall.

Ma tha e pàgach, ma tha e sgàthach,
Ma tha e nàrach, ma tha e mear;
Ma tha e sanntach, ma tha e greannar,
Ma tha e cainnteach, as e gun chron;
Ma tha bòidheach, ma tha e seòlta,
Ma tha e còmhnard, ma tha e glan;
Ma tha e diomhain, ma tha e gniomhach,
Ud, ud! chan fhiach e le a h-aon diubh sin!

Ma tha e pàgach, tha e gun nàire,
S ma tha e sgathach, cha bheag achrois;
Ma tha e gaolach, tha en a chaora;
S ma tha e faoilteach, tha en a throsg;
Ma tha e gniomhach, their cuid, “Chan fhiach e,
Tham fear ud miodhair, ’s e sud a chron”;
S ma tha e failligeach ann an aiteachadh,
Cha bi barr aig’, is bidh e bochd.”

Co an t-aon fhear air feadh an t-saoghal,
A tha nis cinnteach gun dean e tùrn;
S nacheil a h-aon de na tha mig innseadh,
Nacheiln a dhiteadh dha air a chùl.
An duine meanmnach, ’s e toimhseil, ainmeil,
Cha chluinn thuainm ach mar fhear gun diù;
S nach fhaic thu féin, air son iomadh reusoin,
Gun deachan spréidh os ceann céille, ’s cliù.

Tha fear fòs ann, a dhaindeoin dòchais,
A dhfhaodas pòsadh gun mhòran char;
Nam biodh de chiall aigna dhaithnich riamh,
Gu do dhéirich grian anns an àirden ear;
Deann a dhuairc e, a rugadhn cuaran,
Thoir bailes buar dha, as treabhair gheal;
Leig labhairt uair dha, ri athair gruagaich,
S bheir mi mo chluas dhut mar faigh e bean.


Am Ministeirs am Baillidh.

LE DONNACHADH MAC-DHUNLEIBHE.

Am Ministeirs am Bàillidh,
Am Bàillidhs am Ministeir;
Geds truagh rinn orm am Bàillidh,
S e shàraich mi am Ministeir

Di-ciadain rinn sinn gluasad,
Bha ghaoth bhon tuath mar shireadhmaid;
Thachair Bean Rob Ruaidh * oirnn,
S gun dthug iChluaidh a thiota sinn.

Dol seachad sraid Iamaica,
Cha chluinntach Beurla sin aca;
Bha buidealan gan teumadh,
S chuir sinn ra cheile sgillinnean.

Dol seachad air an Trongate,
Bha fun acoirnn nach ruitheamaid;
Gach fear as muc air ròp aige,
Gum bolc an drobh rin iomain iad.

N uair thomhais mi Di-luain i,
Cha robh mo dhuais ach meadhonach;
Cha burrainn i bhi buadhar,
Cha dfhuair mi ach aon ghini oirre.

Illean, bithibh sunndach,
S na biodh curam idir oirbh;
Ge dchaill sinn air abhuidseir,
Tha cùinneadhs na h-igheanan.

N uair chaidh sinn don tigh-òsda,
S a thoisich ol nan siolachan,
Bha Eoghan toileach còrdadh,
S gun phòsadh a bhi idir ann.

Thuirt DonnachadhBidh sinn clears iad,
Sn an lionain cha riobar sinn;
Gum bfhearr leam nighean cìobair,
Ged cheannaichinn fhin na riobainean.”

Dol seachad Cill-a- chiaran,
S e h-aons achiad a ruitheadh e;
S ge dgheibhinnsa bhim Iarla,
Chan iarrainn dol a rithist ann.

Ma bheir mi pòg do nionaig,
S gun innsear sud don Mhinisteir,
Gum feum mi urras làidir,
Gu bràth nach dean mi rithist e.

N uair chaidh mi stigh don t-searmoin,
Chuir iad an àird air spiris mi,
S gur mise fhuair mo léireadh,
Le teanga gheur aMhinisteir.

Than righ atighinn don dùthaich,
S mo dhùrachdsgun tigeadh e,
S an ceann a thoirt den Bhàillidh,
S am bàs a thoirt don Mhinisteir.


Tha gillòg aois choig bliadhndeug don ainm Alasdair Mac Aonghais a comhnuidh air an Amhuinn Mheadhonaich, a tha sia troighean us seachd oirlich a dhàirde, agus a thoimhiseas da cheud agus ochd punnd.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a thasa chuideachd againn an uine ghoiridg ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DHINNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair nas isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


CLOIMH! CLOIMH!

THA sinn a paigheadh a phris as airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dhan stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus ni a bhios feumail am broinn taighe.

Mills, Mac Coinnich & Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


WANTEDRELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking up show-cards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham,
Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim san bho o dith,- lar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 2
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 2. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page