[Vol . 10. No. 20. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DESEMBER 20, 1901. No. 20.
Litir as an Eilean Sgiathanach.
FHIR MO CHRIDHE, —An uair a thainig am MAC-TALLA g’ am ionnsuidh anamoch an dé, agus a leugh mi mu ’n chall mhor a rinneadh ann an Sidni an uair a chaidh earrann dhe ’n bhaile ’na theine, chuir e dragh mòr air m’ inntinn. Leugh mi mu ’n chall a rinneadh anns a’ bhaile mu dheich uairean fichead an deigh dha tachairt; oir tha ’n “t-Albannach,” (The Scotsman)mar a tha na paipearan-naigheachd mòra agus cumhachdach eile a th’ ann am Breatunn, a’ toirt dhuinn fiosrachadh a h-uile latha mu gach gnothach comharraichte a tha ’tachairt an latha roimhe sin ann an “ceithir ranna ruadh’” an t-saoghail. An uair a leugh mi mu ’n chall mhòr a rinneadh, ghabh mi eagal gu ’n robh taigh-gnothaich a’ MHIC-TALLA air a chur ’na small mar a bha iomadh taigh, agus iomadh bùth eile. Agus bha mi ’feitheamh gus an tigeadh am MAC-TALLA feuch am faighinn am mach an d’ thainig turus nan tubaistean ’na rathad mar a thainig e ann an rathad iomadh duine dìchiollach, onarach eile ann am baile Shidni. Tha mi nis a’ faicinn gu ’n d’ thainig call mòr araon air a’ MHAC-TALLA, agus mar an ceudna, air a luchd-leughaidh anns gach àite dhe ’n t-saoghal. Ach dh’ fhaodadh an call a bhith na bu mhò. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is math a’ chreach a dh’ fhàgas a leith.” Nan deachaidh taigh-gnothaich a’ MHIC-TALLA ’na theine, cha ruigeamaid a leas dùil sam bith a bhith againn gu ’m faiceamaid e fhein, no a leithid eile gu bràth tuilleadh. Ach bi sinn aig an àm toilichte le sealladh dhe ’ghnùis fhlathail, aoidheil fhaicinn uair ’s a’ choig-latha-deug. Agus an ùine gun bhith fada, tha sinn an dòchas gu ’n tig e, mar bu ghnàth leis, a chur fàilte oirnn le ’chomhradh taitneach, uair ’s an t-seachdain. Tachraidh so gun teagamh sam bith ma sheasas na Gaidheil gu duineil air a thaobh, agus gu ’n toir iad dha gach misneach agus cuideachadh a tha ’nan comas.
Chunnaic mi rud a b’ iongantaiche leam na ged a bhiodh an gnothach mi-fhortanach a thachair do ’n MHAC-TALLA ’na mhathair-aobhair air a chur air a bhonnaibh na b’ fhearr na bha e riamh. Mu thoiseach an t-samhraidh so ’chaidh, thainig call mòr air duine bochd, dripeil, aig an robh teaghlach trom, lag ri chumail suas. Chaidh na taighean, an spréidh, agus a h-uile dad eile a bh’ aige ris an t-saoghal ’nan teine. B’ ann air eiginn a fhuair e fhein agus a bhean a’ chlann a thoirt am mach as an taigh ann an soilleireachadh an latha mu ’n do thuit a cheann ’na bhroinn. Ach ciod a thachair dha ’na dheigh sin? Thachair so: gu ’n do chuir Gaill is Gàidheil airgiod cruinn gus a chuideachadh, agus tha e ’n diugh mòran na ’s fhearr air a dhòigh na bha e mu ’n deachaidh a h-uile rud a bhuineadh dha ris an t-saoghal ’na theine. Fhad ’s a bha ’n duine so a’ strì ri ’theaghlach a chumail suas, —agus bha strì chruaidh aige ri dheanamh—cha do smaoinich duine sam bith air cuideachadh a dheanamh leis. Ach ann an latha na h-éis agus na h-éiginn, rinn gach neach anns an robh caoimhneas is carantas, agus a chuala mu dheidhinn na thainig air, a’ bheag no mhòr de chuideachadh leis.
Tha so a’ nochdadh dhuinn gu ’m bheil tomhas beag no mòr fhathast anns na Gàidheil dhe ’n chaoimhneas agus dhe ’n charantas a bh’ anns na daoine o ’n d’ thainig iad.
Tha mi ’n dòchas gu ’n seas na Gàidheil anns gach cearn dhe ’n t-saoghal air taobh a’ MHIC-TALLA le duinealas, le dìlseachd, agus le dùrachd mòran na ’s mò na nochd iad dha riamh roimhe. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh: “Is ann an latha na h-eiginn a dh’ aithnichear na càirdean.”
Tha mi fhin a’ cur romham gu ’n sgrìobh mi ugad ’na dhéigh so barrachd air na sgriobh mi riamh roimhe, sin ri ràdh, ma bhios mi ann an slàinte. Agus bheir mi oidhirp air gach aon dhe m’ chàirdean ’s dhe m’ luchd-eòlais a bhrosnachadh gus cuideachadh is comhnadh a dheanamh leat. Is math an airidh thu air cuideachadh, oir rinn thu cuideachadh leis a’ Ghailig nach d’ rinn fear eile riamh roimhe.
Mu ’n criochnaich mi an litir so, feumaidh mi radh, gu ’m bheil co-fhaireachadh mòr agam ris na daoine bochda a chaill an cuid dhe ’n t-saoghal leis an teine. Tha eagal orm nach bi e soirbh do iomadh aon dhiubh an geamhradh a chur seachad gun iomadh éis is anfhastachd fhulang. Ach tha dòchas agam nach caill iad am misneach. Ma bhios misneach mhath aig duine theid aige air faotainn thairis air iomadh duiligheadas. Cha mhòr is fhiach fear gun mhisnich: cha dean e saighdear math gu bràth. Ma ghabhas sinn beachd air na chuala sinn mu dheidhinn gnothaichean ’s an àm a dh’ fhalbh, bidh e soilleir gu leòr dhuinn gur mò a rinneadh de chothachadh air duiligheadasan an t-saoghail le misnich na le neart dhòrn. “Is fhearr am beag seadhach na ’n draghaiche mòr mi-ghniomhach.” Cha bu mhisde leam beagan a chluinntinn o àm gu àm mu dheidhinn nan daoine bochda air an d’ thainig an call. Agus tha dòchas agam gu ’n toir na càirdean agus na coimhearsnaich lamh-chuideachaidh dhaibh. Is mi do charaid,
IAIN.
Sniodhasart, 15–11– ’01.
Litir a Moosomin.
’S MITHICH dhomhsa tòiseachadh aon uair eile agus beagan shreathan a chur ugaibh as an dùthaich fh— (theab mi ràdh fhuar), ach ’s e th’ ann dùthaich thiorail, bhlàth air an bhliadhna so. Tuigidh sibh sin na ’s fhearr an uair a dh’ innseas mi dhuibh gu ’m faca mi Calum an latha roimhe ’dol seachad, agus ada ghrinn, dhubh air fior mhullach a chinn; ’s ann a shaoileadh sibh nach fhac’ e currachd béin riamh, ’s nach robh dùil ris.
Mar tha fios agaibh fhein, bha bàrr math an taobh so am bliadhna. Ach cha ’n ’eil a phrìs ach iosal; agus tha na ceannaichean ’s na bliadhnaichean so air fàs gu math aileasach. ’S iomadh tuathanach an taobh so leis am bu mhiann a bhi fad cheithir-uairean-fichead ’na righ—cleas Abou Hasan—air son droch dhiol a dheanamh air cuid de na ceannaichean cruithneachd so. Na ’m biodh Righ Seumas a coig beò ma dh’ fhaodte gu ’m faigheadh fear air choireigin a mhiann, ach o’n a dh’ fhalbh e fhein agus Haroun Alraschid, cha bhi e ro choltach, oir cha do thuit cleòca ’h-aon aca air Iomhar a seachd. Mar tha fios agaibh cuideachd, thainig mòran as gach cearn a chuideachadh mu sgioblachadh na graisich an taobh so air an fhoghar a dh’ fhalbh. Bha cuid dhiubh nan deagh chosnaichean, ach bha gu leor dhiubh, tha mi smaointean, nach fhaca sguab chruithneachd riamh, agus aig nach robh fios co dhiubh ’s e bun na barr bu chor a bhi gu h-àrd ’san adaig. ’S iad so bu mhotha ’dh’ iarradh do thuarasdal cuideachd, agus a bha tilleadh dhachaidh nan dusain as aonais, ach le iomadh sgeul iongantach mu ’n àite. ’S iomadh miamhadh a fhuair iomadh laoch tapaidh dhiubh so, a dh’ fhuirich tacan ag obair. Chitheadh tu fear ’s forc aige am mullach lòd feòir, ’s e aig peileir a bheatha ’feuchainn ris a bhad air an robh e fhein ’na sheasamh a chaitheamh na chruaich. Bha iomadh fear dhiubh so aig an robh Gàilig cuideachd. Thachair duin’ òg rium aon latha aig an robh deagh Ghàilig, —gu math na b’ fhearr ’na Bheurla ’bh’ aige co dhiubh. Dh’ fhaighneachd mi dheth co ’n cearn dhe ’n t-seann dùthaich as an d’ thainig a chuideachd. Bha e greiseag ’na thosd, ’s thuirt e sin air a shocair, gu ’n robh e smaointean gur ann á Alba ’thainig iad.
Ma bha sibhse ’gearain air tioramachd ’san fhoghar, cha do leig sinne dhinn na còtaichean uisge fad na h-ùine sin. Bha iomadh bodach aig nach robh cruachan dionach gu math greannach ’san àm, agus a’ maoidheadh na“grits”a chur am mach mur a tigeadh sìde thiorail. Chaidh iomadh buiseal do chruithneachd òr-bhuidhe fhàgail gu math milis, bog air a shàilleabh; ach gabhaidh daoine am barrachd saothreach ris na cruachan am mach o’n bhliadhna so. Tha iad ag ràdh nach robh ball aodaich aig Padra’ beag nach do chuir e dhion nan cruach—an té nach robh seacaid uimpe bha briogais oirre, ’s mar sin sios—air chor ’s gu bheil an gràn aige cho cruaidh, tioram, ’s gu bheil e air thuar a dheud a mhilleadh, far am bi e ’ga chur na bheul gun fhios dha fhéin.
Tha mi faicinn gu bheil Bodachan a’ Ghàraidh gu math trang a’ cur mheas o chionn ùine mhath. Cha b’ urrainn dha talamh fhaighinn a b’ fhearr na MAC-TALLA air son an àraich; oir tha driuchd a’ tuiteam air ’s gach cearn fodh ’n ghréin, ’s mar sin cha ’n urrainn nach bi barr math aige. Gu ma fada bhios a throisgeir gun mheirg!
Tha sinn a nis ag ionndrainn nach fhaic sinn do phaipear ach da uair ’sa mhios. Ach tha dòchas againn nach fhada gus am buail an cridhe aige a rithist le farum ’san dòigh àbhaisteach, ’s nach teid maille air gu bràth tuilleadh.
A guidhe, ged a tha e car tràth, Nollaig chridheil ’s Bliadhna Ur thoilichte dhuibh fhein ’s do ’ur luchd-leughaidh gu leir.
SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
Moosomin, Desember 4, 1901.
BAS ANNS A MHEINN—Chaidh Domhnull I. Mac-a- Phearsain a mharbhadh anns a mheinn aig Dominion No. 1 oidhche Di-ciaduin. Bha e-fein us duin’ eile ag obair air càradh ni-eigin a bha cearr anns a mhèinn, nuair a thuit cnap dhe ’n acuinn air-san ’ga bhualadh ’sa cheann ’s ’ga mharbhadh air ball. Bha e mu dha fhichead us coig bliadhna dh’ aois, agus na dhuine gle mheasail. Dh’ fhàg e bean agus triùir chloinne.
[Vol . 10. No. 20. p. 2]
A’ Chathair Fhalamh.
(Eadar-theangaichte o’n Bheurla le IAIN).
CAIB. IV.
SHUIDH Padraig aig a’ bhòrd; agus bha ’chathair air ar am biodh a mhac Tomas ’na shuidhe, agus air nach do shuidh duine riamh o ’n latha ’chaidh e air chall, falamh ri ’thaobh mar bu ghnàth.
“A chlann,” ars’ esan, “an d’ iarr a h-aon dhibh air an t-seòladair tighinn a steach agus greim dinnearach a ghabhail comhladh ruinn?”
Thuirt fear dhe na mic, “Bha eagal oirnn gu ’n éireadh tuasaid eadar e fhein agus Mac Iain.
“Thainig e gun iarraidh idir,” ars’ an seòladair ’s e ’tighinn a steach. “Seididh a’ ghaoth o àird’ ùir ma mhilleas mise aighear agus sonas na cuideachd.”
“Is coigreach thu, a dhuin’ òig, ar neo bhiodh fios agad nach ann gu bhith ri aighear agus ri aoibhneas a tha sinn cruinn an so,” arsa Padraig. “Ach is e do bheatha, cinnteach gu leòr, suidhe maille ruinn aig a’ bhòrd. Greasaibh oirbh, a nigheanan, faighibh cathair air an suidh an duin’ uasal.”
“Duin’ uasal, gu dearbh!” arsa Mac Iain gu beag.
“Coma leibh de chathair, a mhuinntir mo chridhe,” ars’ an seòladair; “foghnaidh i so!” Agus mu ’m b’ urrainn Padraig bruidhinn gus bacadh a chur air, thilg e e-fhein anns a’ chathair anns nach do shuidh duine fad dà bhliadhna dheug! Cha chuireadh briathran toibheumach air an labhairt o ’n chùbaid ann an éisdeachd luchd-aoraidh diadhaidh uiread de dhragh ’s de dh’ uamhas orra ’s a bha air gach neach a bh’ anns an t-seòmar an uair a chunnaic iad e ’na shuidhe anns a’ chathair fhalamh.
“Gabh mo leithsgeul, a dhuine! gabh mo leithsgeul, a dhuine!” arsa Padraig, agus crith air a ghuth; “ach cha ’n fhaod thu, cha ’n fhaod thu suidhe ann an sin!”
“Oh dhuine, dhuine!” arsa bean Phadraig, “bi falbh as a sin! bi falbh as a sin! Gabh mo chathair-sa! gabh cathair sam bith anns an taigh! ach na suidh idir, idir an sin! Cha do shuidh neach riamh innte o ’n latha ’bhàsaich mo mhac gràdhach! Agus cha ’n fhuiling mise duine eile fhaicinn ’na shuidhe innte!”
“A dhuine! a dhuine!” arsa Padraig, “is ann troimh aineolas a rinn thu e, agus tha sinn a’ gabhail do leithsgeil. Ach sin a’ chathair air am biodh Tomas mo mhac ’na shuidhe! A dha bhliadhna dheug gus an diugh—co-ainm an lath’ air an d’ rugadh e—chaidh e dhìth, aig Dia tha fhios ciamar! Chaidh e ’mach as ar sealladh, mar gu ’n deanadh neul a rachadh seachad air na beanntan—cha do thill ’s cha till e. Agus oh, a dhuine, na bi ’cur cràidh air cridhe athar! oir tha fuil mo chridhe air a’ fàsgadh asam an uair a tha mi ’gad fhaicinn ’nad shuidhe anns a’ chathair sin!”
“Thoir dhomh do lamh, mo dhuine mhath!” ars’ an seòladair; “tha mi ’toirt urram mhòr dhut—cha ’n e mhain sin, ach dh’ fhuilinginn am bàs air son do chaomh-fhaireachdainean! Ach b’ e Tomas Elliot mo charaid-sa, agus thug e òrdugh sònraichte dhomh suidhe anns a’ chathair so. Tha fios agam nach ’eil e math aobhar aoibhneis a thoirt do dhaoine mar gu ’n tigeadh urchair a gunna; ach o nach ’eil fhios agam ciamar a ni mi searmon mu ’n innis mi mo naigheachd, cha ’n ’eil agam ri ràdh ach nach ’eil Tomas marbh idir.”
“Tha thu ’g radh nach ’eil e marbh!” arsa Padraig, agus e ’breith gu teann air laimh air an t-seòladair ’s a’ labhairt cho cabhagach ’s gur gann a thuigeadh duine e. “Oh ’dhuine! ’dhuine! innis dhomh ciamar! —ciamar! An dubhairt thu gu ’m bheil e beò? Am bheil mo Thomas fhin beò?”
“Am bheil thu ’g radh nach ’eil e marbh?” arsa bean Phadraig agus i ’greasad far an robh an seòladair, agus a’ breith air a laimh eile, “tha thu ’g radh nach ’eil e marbh? Agus am faic mi mo leanabh a rithist? Oh! gu ’n robh beannachd Dhe, agus beannachd na màthar aig am bheil an cridhe briste, air ceann an fhir a thainig ugainn leis an naigheachd mhath! Ach innis dhomh—innis dhomh! ciamar a tha sin comasach? Mar a tha dòchas agad ri sonas anns an t-saoghal so, agus anns an ath shaoghal, na bi ’g am mhealladh!”
“Cha mheall mise sibh gu bràth! —gu bràth!” ars’ an seòladair, agus e ’breith air laimh oirre ’na dhà lamh. “Cha ’n ’eil agam ri radh ach gu ’m bheil Tomas Elliot beò, slàn.”
“Cha ’n ’eil e ’gar mealladh idir,” ars’ Ealasaid Bell, agus i ag éiridh as an àite ’san robh i ’na suidhe; “tha coltas na firinn air ’aghaidh.”
Thug i ceum gus a dhol far an robh an seòladair; ach chuir Mac Iain a lamh mu ’n cuairt d’ a meadhain gus a cumail far an robh i.
“Leig as an nighean, a dhuine gun nàire,” ars’ an seòladair ’s e ’toirt cruinn leum as an àite ’san robh e; “gun mise ’bhith ann mur leig mi solus an latha troimh ’n chliathaich agad mu ’n tarr thu sealltainn ugad no uat!” Agus an uair a rug e air an nighinn mhaisich ’na ghàirdeanan, thuirt e, “A Bheti! a Bheti! mo ghradh! am bheil thu idir ag aithneachadh do Thomais fhein? ’Athair, a mhathair, am bheil sibh idir ’g am aithneachadh? Cha ’n fhaod e bhith gu ’n do dhichuimhnich sibh bhur mac fhein? Ma thug dà bhliadhna dheug atharrachadh air a ghnùis, tha ’chridhe cho blàth ’s a bha e riamh.”
Chruinnich ’athair ’s a mhàthair ’s a bhràithrean mu ’n cuairt dha, agus iad a’ caoineadh, ’s a’ gàireachdaich, ’s a’ faighneachd mòran cheisdean dheth. Chuir e lamhan mu amhaich aon an deigh aon dhiubh; agus mar fhreagairt do na ceisdean a bha iad a’ cur air, thuirt e, “So, so, tha ùine gu leòr againn gus na ceisdean sin a fhreagaiat, ach cha ’n ann an diugh!”
“Cha ’n ann, mo leanabh,” ars’ a mhàthair. “Cha chuir sinn ceisd sam bith ort—cha chuir duine sam bith ceisd ort; ach ciamar—ciamar a spionadh air falbh uainn thu, mo ghradh? Agus, oh mo cheisd! C’ aite—c’ aite an robh thu?”
“Is e tha ’n sin naigheachd fhada, ’mhàthair,” ars’ esan, “dh’ fheumainn seachdain gus a h-innseadh. Ach air a shon sin, gus naigheachd ghoirid a dheanamh dheth, tha cuimhn’ agaibh an uair a bha ’n tòir air an fheadhainn a bha reic na branndaidh gu ’n robh iad ag iarraidh air m’ athair cead a thoirt dhaibh a cur am falach anns an taigh againn. Dhiult m’ athair cead a thoirt dhaibh. Dh’ fhalbh iad, agus iad a’ maoidheadh gu ’n deanadh iad dioghaltas air, agus rinn iad sin. A dhà bhliadhna dheug gus an diugh, chaidh mise am mach gus Ealasaid agus a h-athair a choinneachadh, agus thachair buidheann dhiubh rium am falach anns an Toll Dhubh. Ann an tiotadh bha dusan daga ri m’ uchd, agus an uair a cheangail iad mo lamhan ri m’ chliathaichean, shlaod iad mi do ’n t-slochd. Cha robh mi fada ’nam phrìosanach aca, an uair a thainig an sneachda ’na mhill mhòra a nuas o bhruaich nam beann, agus dhùin e beul an t-sluichd gu buileach. Air an ath oidhche ghearr iad rathad troimh ’n t-sneachda, agus an uair a cheangail iad mi air muin eich, dh’ fhalbh iad gu cabhagach leam, agus fear dhiubh air gach taobh dhiom. Mu ’n d’ thainig an latha bha mi air mo stobhadh mar gu ’m biodh sgonn maide anns a’ bhàta ’bh’ aca. An ceann seachdain chuireadh air bòrd long chogaidh Dhuitseach mi, agus fad shia bliadhna bha sinn a’ seòladh o àite gu àite. Mu dheireadh fhuair an long òrdugh a dhol a chogadh ri Admiral Duncan aig Camperdown. Bu cho math leam a bhith air mo thoirt ’nam mhìrean as a chéile ri dhol a chogadh an aghaidh mo luchd-dùthchadh, m’ fhuil is m’ fheòil fhìn. An uair a thainig sinn dlùth air an luing Bhreatunnaich ’sa thòisich sinn ri losgadh leis na gunnachan mòra, ann an ceò an fhùdair leum mi leis a’ chliathaich, agus shnàmh mi a dh’ ionnsuidh a’ chabhlaich Bhreatunnaich. Cha dichuimhnich mi gu bràth a’ mhionaid anns an d’ fhuair mi mo chasan air bòrd na luing-chogaidh Bhreatunnaich! Bha mi ’g am fhaireachadh fhin cho làidir ris an darach dhe ’n robh i air a togail, agus bha mo chridhe cho saor ris a’ bhrataich a bha ’snàmh am barr a’ chroinn aice. Bha mi cho trang ri fear sam bith eile a bh’ air bòrd fhad ’s a bha ’m batal ag obair; agus an uair a bha e seachad, agus a fhuair mi mi-fhìn am measg mo luchd-dùthchadh, agus iad uile ’labhairt na cànain a bh’ agam fhìn, ar leam—cha mhor nach robh mi ’creidsinn—gu ’m bu chòir dhomh m’ athair, agus mo mhàthair, agus Ealasaid mo rùin, fhaicinn air bòrd na luing-chogaidh Bhreatunnaich. Bha mi ’n dùil an uair ud gu ’m faicinn sibh uile rithist ann an ceann beagan sheachdainean air a’ chuid a b’ fhaide. Ach an àite tilleadh do Shasunn, thainig oirnn a dhol a dh’ àit’ eile. Mu dheidhinn sgrìobhadh do ’r n-ionnsuidh, cha d’ fhuair mi cothrom peann a chur air paipear ach aon uair. Bha sinn air acaire mu choinneamh daingnich Fhrangach. Bha pacaid aig a’ chliathaich, agus i deas gu seòladh. Bha mi ’n déigh aon taobh duilleig a sgrìobhadh, agus bha mi ’tachas mo chinn feuch an smaoinichinn cia mar a sgrìobhainn ugadsa, Ealasaid, mo luaidh, an uair, mar a bha am mi-fhortan an dàn, a thainig oifigeach far an robh mi, agus thuirt e rium, ‘Elliot, tha fhios agam gur toigh leat a bhith ann an caonaig. Tiugainn, a bhalaich, suidh aig ràmh bràghad feuch an teid sinn air bòrd te dhe na loingeas Fhrangach a tha faisg’ air an daingnich.’ Cha b’ urrainn domh diultadh. Dh’ iomair sinn gu tìr, agus chuir sinn té dhiubh ’na teine. Agus bha sinn a’ cur na dara té ’na teine an uair a thainig fras de pheilearan meinbhe o ’n daingnich. Tholladh am bàta ’bh’ againn, mharbhadh an t-oifigeach, agus an darna leith dhe ’n sgiobadh, agus ghlacadh am beagan a bha beò dhinn, agus chuireadh ann am prìosan sinn. Cha ruig mi leas teannadh ri innseadh dhuibh mar a fhuair sinn teicheadh as a’ phrìosan. Ach theich sinn co dhiubh; agus suidhidh Tomas aon uair eile agus a’ chathair fhalamh.”
Ma tha toil aig neach sam bith tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu dheidhinn mar a thachair ’na dheigh so, foghnaidh dhuinn a radh, gu n do phòs Tomas agus Ealasaid gu math tràth air an ath bhliadhna, agus gu ’n robh aig Padraig Elliot de thoileachadh na chunnaic a’ chathair fhalamh a rithist air a lionadh, agus gu ’n robh na h-iar-oghachan air a ghlùin.
(A’ chrioch).
Tha daoine glice ’g innse dhuinn gu ’n toir deagh ghniomharan agus caoimhneasan a ni sinn ri muinntir eile toileachadh mor dhuinn. Ach ’s e dh’ eirich dhuinn uile nach tric leinn gniomh math no caoimhneas a dheanamh ri neach eile ach nuair a tha sinn a cheana toilichte; agus mar sin cha ’n eil sinn daonnan comasach air a bhi cinnteach co-dhiu tha no nach eil na tha na daoine glice ’g innse fior.
[Vol . 10. No. 20. p. 3]
Sgeulachdan Arabianach.
MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL.
CAIB. VIII.
AN uair a chunnaic a’ bhean bhochd gu’ n robh a mac na bu mho as a chiall na bha e riamh, thug i gu tuiream ’s gu caoineadh ’s gu bualadh a h-aghaidh agus a h-uchd. An aite fas na bu shiobhalta an uair a chunnaic e a mhathair a’ sileadh nan deur, is ann a bha Abou Hasan air a bhrosnachadh gu corruich cho mor ’s gu’n d’ eirich e a ghabhail oirre. Rug e air slait ann an doigh a chuireadh eagal air neach sam bith ach a mhathair, agus thuirt e: “Innis dhomh anns a mhionaid, a bhoirionnaich aingidh, co mi.”
“Cha ’n ’eil mi ’creidsinn, a mhic,” ars’ ise ’s i ’g amharc air le suil bhlath, gun fhiamh gun eagal, “gun do leig Dia bhar a lamh thu cho mor ’s nach aithnich thu aon chuid do mhathair a chuir a dh’ ionnsuidh an t-saoghail thu, no thu fhein. Is tu gun teagamh mo mhac Abou Hasan; agus tha thu gle fhada cearr an uair a tha thu ’smaointean gur tu an righ Haroun Alraschid, an deigh na gibht a chuir e gu h-uasal agus gu fialaidh g’ ar n-ionnsuidh an de. Rinn mi dichuimhn air innseadh dhut gu ’n d’ thainig Giafar an so an do, agus gu ’n do chuir e sporran anns an robh mile bonn oir ’nam laimh, agus gu ’n d’ iarr e orm a bhith ’g urnuigh air son Ceannard nan Creidmheach a chuir g’ am ionnsuidh e. Agus nach bu chuir dhutsa a bhith na bu thaingeile na mise air a shon so, o ’n is tu is fhaide ’bhios beo?”
Chuir na briathran so Abon Hasan air a’ chaoch buileach glan. Thug na dh’ innis a mhathair dha mu ’n sporran anns an robh am mile bonn oir air a chreidsinn buileach glan gu ’m b’ e fhein an righ, oir bha cuimhne mhath aige gu ’n do chuir e Giafar g’a h-ionnsuidh leis an sporran.
“A sheana chailleach ghranda,” ars’ esan, “an creid thu mi an uair a tha mi ’g innseadh dhut gur mise a chuir ugad am mile bonn oir le lamh Ghiafar m’ ard-chomhairleach. Ach an aite mo chreidsinn is ann a tha thu g’ am chur troimh a cheile le bhith ’cumail am mach gur mi do mhac; ach nithear peanas ort gun dail.”
An uair a thuirt e so, dh’ fhas e, agus e fo bhuaidh na feirge, cho mi-nadarra ’s gu ’n do ghabh e oirre leis a’ bhata.
An uair a chunnaic a mhathair bhochd gu ’n do thoisich e ri gabhail oirre, thoisich i ri glaodhaich ’s ri iarraidh cuideachaidh. Chuala na coimhearsnaich i, agus ghrad thainig iad g’ a teanacsa. Lean Abon Hasan air a bualadh, agus a h-uile buille a bheireadh e dhi, dh’ fheoraicheadh e dhi, am b’ e fhein Ceannard nan Creidmheach? Agus fhreagradh i an comhnuidh, agus theireadh i gu ’m b’ e a mac.
An uair a thainig na coimhearsnaich, bha fearg Hasain air a dhol na bu lugha. A’ cheud fhear a thainig do ’n t-seomar, chaidh e eadar Abon Hasan agus a mhathair, agus an uair a thug e uaithe am bata ’bh’ aige ’gabhail oirre, thuirt e ris: “Ciod e tha thu deanamh, Abon Hasain? An do chaill thu gu buileach eagal Dhe agus do chiall? An do ghabh mac riamh a fhuair a thogail cho math riutsa air a mhathair fhein a bhualadh? Am bheil naire ort a chionn mathair a bha cho gaolach ort a bhualadh air an doigh sin?”
Bha Abon Hasan lan feirge, agus gun fhacal a radh dh’ amhairc e air an duine a labhair ris; agus an uair a dh’ amhairc e gu dur air na daoine eile a thainig a steach, thuirt e: “Co ’n t-Abon Hasan mu ’m bheil sibh a’ bruidhinn? An ann ormsa a tha ’n t-ainm so agaibh?”
Chuir na ceisdean so annas gu leor air na coimhearsnaich.
“Cia mar nach ’eil fhios agad,” arsa fear dhiubh “gur i so do mhathair a rug ’s a dh’ araich thu, agus a bha ’n comhnuidh a’ fuireach comhladh riut?”
“Bithibh a’ falbh as mo shealladh, a dhaoine gun mhodh, gun mhothachadh,” ars’ Abon Hasan; “cha ’n aithne dhomh aon chuid ise no sibhse, agus cha mho a tha toil agam eolas a chur oirre. Cha mhise Abon Hasan. Is mi Ceannard nan Creidmheach, agus bidh fios agaibh air sin air bhur cosg.”
An uair a chuala na coimhearsnaich na briathran so, cha robh teagamh aca nach robh e glan as a chiall. Agus air eagal gu ’n deanadh e cron air fhein no air daoin’ eile, rug iad air agus cheangail iad a lamhan ’s a chasan. Agus ged nach robh comas aige air cron a dheanamh, cha robh iad deonach ’fhagail comhladh ri ’mhathair. Ruith dithis dhiubh far an robh fear-gleidhidh an taigh-chaoich. Thainig e gun dail agus geimhlean is glas-lamh aige, agus aireamh mhath de luchd-cuideachaidh comhladh ris.
An uair a chaidh iad a steach do ’n t-seomar, thoisich Abon Hasan ri spreartaich feuch an rachadh aige air e fhein fhuasgladh. An uair a thug iad dha a dha no tri de shrachdan matha mu na guaillean le slait, dh’ fhan e cho samhach ’s gu ’n d’ rinn iad an rud a thogair iad ris.
Cho luath ’s a cheangail iad e, thug iad leoth’ e do ’n taigh-chaoich. An uair a chaidh iad am mach as an taigh leis, chruinnich an sluagh mu ’n cuairt dha. Bha cuid dhiubh ’g a bhualadh, agus bha cuid eile ’magadh air, agus ag radh nach robh ann ach an dearg amadan. B’ e so an fhreagairt a thug e dhaibh: “Cha ’n ’eil cumhachd is morachd ann an neach sam bith ach ann an Dia, uile chumhachdach. Tha iad a’ deanamh diol amadain orm, ged a tha mo thur ’s mo chiall agam. Tha mi ’fulang an ainneirt agus na masladh so air son gradh Dhe.”
Thugadh do ’n taigh-chaoich e, agus chuireadh ann an iaruinn e. Ach mu ’n do chuireadh a staigh e, thugadh dha leith cheud buille le slait. A h-uile latha fad thri seachdainean bha e ’faotainn an uiread so de bhuillean, agus bha iad ag radh ris nach b’ e Ceannard nan Creidmheach. Theireadh e riutha a h-uile latha: “Cha ’n ’eil mi as mo chiall; ach nam biodh feum agam air bhur cuideachadh, cha b’ urrainn sibh doigh a b’ fhearr a ghabhail gus mo chur as mo chiall na ’n doigh a tha sibh a’ gabhail. Cha ’n ’eil feum agam air bhur cuideachadh.”
Bha mathair Abon Hasain a’ dol a h-uile latha far an robh e; agus cha b’ urrainn i gun a bhith ’gul ’s a’ caoidh an uair a bha i ’faicinn an droch dhiol a bha iad a’ deanamh air, agus mar a bha e ’dol as o latha gu latha. Bha ’ghuaillean, a dhruim, agus a thaobhannan cho dubh agus cho goirt leis na bha e ’faotainn de bhuillean ’s nach robh e, ach gann, comasach air e fhein a thionndadh. Bha toil gu leor aig a mhathair labhairt ris gus comfhurtachd a thoirt dha, agus gus deuchainn a chur air feuch an robh e ’smaointean gu ’m b’ e fhein an righ, ach cha bu luaithe thoisicheadh i ri bruidhinn ris na dh’ fhasadh e cho cas, crosda rithe ’s gu ’m b’ fheudar dhi tilleadh dhachaidh mar a thainig i.
Beag air bheag thoisich Abon Hasan ri smaoineachadh gur docha, an deigh a h-uile rud a bh’ ann, nach b’ e fhein an righ idir. Theireadh e uair is uair ris fhein: “Ma bha mi ’nam righ, cia mar a thachair dhomh an uair a dhuisg mi, mi-fhin fhaotainn ’nam thaigh fhin, agus ’nam eideadh fhin? C’ar son nach robh seirbhisich is mnathan-uaisle maiseach a’ frithealadh dhomh? C’ar son a threig Giafar agus maithean eile na cuirte mi gu buileach an deigh dhaibh a bhith ’deanamh umhlachd ’nam lathair an de? Na ’n robh ughdarras sam bith agam thairis orra, cha ’n ’eil teagamh nach robh iad air mo thoirt as an aite thruagh so fada roimhe so. Cinnteach gu leor bu choir dhomh a chreidsinn gur e bruadar a chunnaic mi. Tha e fior gu leor gu ’n d’ thug mi ordugh do ’n bhreitheamh dioghaltas trom a dheanamh air an t-sagart agus air a cheathrar chompanach. Thug mi ordugh do Ghiafar am mile bonn oir a thoirt do m’ mhathair, agus gu ’n d’ thugadh umhlachd do gach aithne a thug mi seachad. Tha na nithean so uile ’gam chumail o bhith lan-chreidsinn gur e bruadar a chunnaic mi, agus cha ’n urrainn mi a’ chuis a thuigsinn idir. Ach tha moran nithean ann nach urrainn mise ghabhail a steach, ach cuiridh mi m’ earbsa ann an Dia do ’n aithne na h-uile nithean.”
Bha Abon Hasan a smaointean air na nithean so an uair a thainig a mhathair g’ a fhaicinn. An uair a chunnaic i gu ’n robh e air a dhol as cho mor, thoisich i air sileadh nan deur gu frasach. Chuir i failte air mar bu ghnath leatha, agus fhreagair e gu modhail i, rud nach d’ rinn e o ’n a chuireadh do ’n taigh-chaoich e. Bha so na chomharradh gle mhath leatha.
“Seadh, a mhic,” ars’ ise, agus i ’tiormachadh a suilean, “cia mar a tha ’dol dhut, agus cia mar a tha thu ’ga d’ fhaireachadh fhein? An do chuir thu cul ris na beachdan amaideach a chur an droch spiorad ’nad cheann?”
Fhreagair Abon Hasan a mhathair gu ciuin, siobhalta, agus coltas air fuaim a ghuth gu ’n robh aithreachas air air son an uilc a rinn e oirre, agus thuirt e: “Tha mi ’g aideachadh gu ’n deachaidh mi fada cearr, agus tha na rinn mi oirbh a’ cur oillt orm, agus tha mi ’guidhe, air an aobhar sin, gu ’n toir sibh mathanas dhomh. Tha mi ’g iarraidh mathanais air na coimhearsnaich mar an ceudna air son cho mi-mhodhail ’s a bha mi riutha. Bha mi air mo mhealladh leis an aisling a chunnaic mi; ach bha i cho fior neo-chumanta, agus cho coltach ris an fhirinn ’s gu ’m bheil mi ’creidsinn gu ’m biodh e nadarra gu leor do dhuine sam bith a chitheadh i a bhith ciontach do gach gniomh dhe ’n robh mise ciontach. Agus tha mi an drasda fhein ’nam bhreislich cho mor mu dheidhinn a’ ghnothaich ’s gur gann a theid agam air toirt orm fhin a chreidsinn nach do thachair a h-uile dad a bha mi ’g radh. Bha e cho coltach ri rud a thachradh do dhaoine ’nan dusgadh. Ach ciod sam bith rud a bh’ ann, tha mi nis, agus bidh mi ’na dheigh so, ag amharc air mar bhruadar, agus mar mhealladh. Tha mi lan-chinnteach nach mi an righ agus Ceannard nan Creid mheach, ach Abon Hasan, bhur mac fhein, mac duine air an robh mi an comhnuidh a’ cur urram, gus an latha mi-fhortanach ud a bhios ’nam chuimhne, agus a bhios a’ cur mi-ghean orm ri mo bheo.”
An uair a chuala ’mhathair na briathran turail so, sguir i de shileadh nan deur, agus bha a bron air a thionndadh gu aoibhneas.
“A mhic,” ars’ ise, “cha ’n urrainn mi cainnt a chur air an aoibhneas a th’ orm a chionn a bhith ’g ad chluinntinn a’ labhairt cho turail. Tha uiread a dh’ aoibhneas orm ’s ged a bhithinn air do thoirt thun an t-saoghail an dara uair. Tha aon rud ann air nach do ghabh thusa beachd. Dhichuimhnich an coigreach a thug thu do ’n taigh an oidhch’ ud gus a shuipear a ghabhail comhladh riut an dorus a dhunadh mar a dh’ iarr thu air, an uair a dh’ fhalbh e. Agus tha mi ’creidsinn gu ’n d’ thug so cothrom do ’n droch spiorad tighinn a steach, agus d’ inntinn-sa a chur
(Air a leantuinn air taobh 150).
[Vol . 10. No. 20. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, DESEMBER, 20, 1901.
LATHA NA BLIADHN’ UIRE.
CHA bhiodh e as an rathad dhuinn aig an àm so, a chionn gur e so an àireamh mu dheireadh dhe ’n MHAC-TALLA a thig am mach roimh Latha na Bliadhn’ Uire, facal no dha a ràdh ri ar leughadairean mu ’n latha sin. Agus tha sinn a toirt nam briathran a leanas á “Caraid nan Gaidheal,” a bha air an sgriobhadh faisg air tri fichead bliadhna air ais leis an Urr. Tormad Mac Leòid, sgriobhadair Gàilig cho math ’s a chur peann riamh ri paipear:—
“Ann an dùrachd mo chridhe chuirinn fàilt’ oirbh, a mhuinntir mo dhùthcha agus mo ghràidh. Chuir roth mòr an t-saoghail a’ chuairt sin aon uair eile a thug bliadhn’ ùr d’ ar n-ionnsuidh. Bhuail uaireadair mòr nàduir aona bhuille eile a chual’ an saoghal o thaobh gu taobh, ag innseadh do gach neach aig am bheil cluas chum éisdeachd, no tuigse chum a thoirt fainear, gu ’m bheil iad a nis bliadhna na ’s sine—bliadhna na ’s dlùithe air bàs agus air siorruidheachd.
“Mo luchd-dùthcha ionmhuinn, chaidh earrann àraidh d’ ar n-aimsir seachad, agus tha sinn a tòiseachadh air earrainn ùir. De na bliadhnachan ainneamh agus neo-chinnteach a tha air an luthasachadh dhuinn, tha aon eile ’an déigh dol seachad, leis gach curam agus iomaguin—leis gach aoibhneas agus toileachas-inntinn a bha ’n a lorg. Dh’ fhalbh i—agus cha phill i tuilleadh. Ar leinn gu ’m b’ fhada ’bhliadhna le amharc romhainn ’n uair a thòisich i; ach O! cia gearr i nis ’n uair a dh’ amhairceas sinn air ar n-ais oirre. Mar so tha bliadhna ’n deigh bliadhna ’dol seachad, agus ’n uair thig iad gu crìch, ciod a’s urrainn duinn a ràdh, ach gu ’n do chaith sinn iad mar sgeul a dh’ innseadh.
“A mhuinntir mo chridhe, a’ seasamh mar tha sinn an diugh air stairsnich na Bliadhn’ Uire, thugamaid fainear cor spioradail ar n-anama. Air dhuinn fios na h-aimsir’ a bhi againn, mosglamaid as ar cadal, a’ cuimhneachadh cho cinnteach ’s a tha ’ghrian an diugh a’ soillearachadh an t-saoghail, agus a tha anam ’n ar com, gu ’m bheil na mìltean an diugh a’ dol a steach air a’ bhliadhn’ ùir gu meamnach, slàn, fallain, a bhios ann an siorruidheachd fada mu ’n tig i gu crìch. Co dhiubh a thachras so dhomhsa no dhuitse, aig Dia, agus aig Dia a mhàin, tha brath.
“Chum ar brosnachadh gu feum iomchuidh a dheanamh d’ ar n-ùine, cuimhnicheamaid cia neo-chinnteach ’s a tha ar làithean. Tha ar n-aimsir gu dearbh gearr; nach goirid a’ chuairt a tha eadar a’ chreathall ’s an uaigh—eadar àm ar breith agus àm ar caochlaidh?
“Sibhse a’s fhaide ’bha anns an t-saoghal so, aig am bheil an ceann liath ’s an ceum goirid, ath-chuimhnichibh na làithean a dh’ fhalbh, agus innsibh dhuinn ’ur beachd umpa. Tha mi ’g ’ur cluinntinn a’ freagairt, ‘Chaith sinn ar bliadhnachan mar sgeul a dh’ innseadh.’ Cha ’n ’eil spàl an fhigheadair na ’s luaithe na bha ar làithean, no an dreag a tha ’ruith troimh ’n speur. Theirig do ’n chladh, agus éisd ris na tha na leaca-lighe ann an sin ag ràdh, oir cha dean iadsan breug. Am bheil luchd-àiteachaidh nan caol-tighean dorcha sin gu léir aosda? Cha ’n ’eil; tha cìochrain mhaoth’ ann an sin, a tharruing an osna agus a dh’ eug; tha leanaban ann an sin a chaidh sios ann an àird’ an àilleachd; agus òigridh ann an trein’ an neart. Ciod i, ma ta, ar beatha? Tha i mar neul a tha ’dol seachad, mar luibh mhaoth na machrach, a tha sgiamhach, bòidheach an diugh, agus am màireach a ghearrar sios. O! ’mhuinntir mo chridhe ’s mo ghaoil, bitheamaid glic, agus deanamaid feum maith d’ ar làithean! An uair a dh’ fhaodas sinn a ràdh gu ’m bheil ar n-obair criochnaichte, an sin faodaidh sinn a bhi dìomhanach; agus gus an tig sin, mosglamaid, agus bitheamaid air ar faicill, agus guidheamaid gach aon againn air Dia gu ’n neartaicheadh e sinn chum an seann duine le ’ghniomharaibh a chur dhinn agus a leigeadh air cùl maille ris an t-seana bhliadhna, agus gu tòiseachadh na Bliadhn’ Uire mar dhaoine nuadh.
“Tha e gnàthaichte air an àm so, ’n uair choinnicheas càirdean, gu ’n guidh iad Bliadhna Mhaith Ur d’a chéile, agus gu ma h-amhuil sin duibhse. Dia ’bhi maille ribh ré na bliadhna agus gach là agus oidhche fhad ’s is beò sibh! Gu ’n robh Esan maille ribh, ’g ’ur stiùradh ’n ’ur n-uile cheumannaibh; a’ toirt faochaidh dhuibh ann an àm deuchainn, agus a’ beannachadh dhuibh uile shochairean na beatha.”
EIRIONNAICH CHEANNAIRCEACH
THA cuid de mhuinntir na h-Eirinn aig an àm so a nochdadh ceannairc an aghaidh riaghladh Bhreatuinn. Thagh aon de shiorrachdan na dùthcha gu bhi ’na fhear-parlamaid an Coirneal Lynch, fear a bha giùlan airm an aghaidh Bhreatuinn air a bhliadhna dh’ fhalbh ann an Africa mu Dheas. Cha ’n eil e ro choltach gu ’m faigh e cothrom suidhe ’sa phàrlamaid, ach tha a thaghadh a leigeil ris nach eil gràdh sam bith aig moran de mhuinntir a dhùthcha do’n riaghladh Bhreatunnach. Bha fear-parlamaid eile, Conor O’Kelly, air a chur do ’n phrìosan an la roimhe air son a bhi cumail choinneamhan ’sa liubhairt òraidean ceannairceach. Agus bha triùir dhaoin’ eile, Iain E. Redmond, Tomas O’Donnell agus Paraig McHugh, air chuairt ann an Canada ’s anns na Staidean ré an da mhios a dh’ fhalbh, a cruinneachadh airgeid do ’n chomunn d’ an rùn Eirinn fhuasgladh o’n chrùn Bhreatunnach. Tha iad so uile a gearain gu mor air an ainneart a thatar a deanamh air muinntir na h-Eirinn le Breatunn. Aig an àm cheudna cha ’n eil dùthaich fo ’n ghréin anns am faodadh iad imeachd sios agus suas a teagasg ceannairc na h-aghaidh ach Breatunn fhéin. Tha iad mar sin le an deanadas fein a’ dearbhadh gu bheil iad da rireadh a mealtuinn na saorsa a tha iad, ma ’s fior, a sireadh, agus gu bheil iad ’ga mealtuinn ann an tomhas na ’s motha na gheibheadh iad ann an dùthaich sam bith eile.
AFRICA MU DHEAS.
CHA ’N eil sgeul ùr no annasach sam bith a tighinn á Africa mu Dheas. Tha Morair Citchener gach seachdain a’ cur fios dhachaidh mu bhuidhnean Boerach a bhi air an glacadh, agus mu bhlàir bheaga bhi air an cur an sid ’s an so air feadh na dùthcha—cuid a dol leis na Breatunnaich agus cuid nan aghaidh. Saoilidh sinne tha aig an taigh agus do nach eil ach fior bheagan eòlais mu ’n dùthaich ’s mu ’n chogadh air a dheònachadh gu ’m bu chòir e nise bhi dlùthachadh air a chrìch—gu bheil an t-àm aig na Boerich striochdadh agus do ’n t-sìth a bhi air a nasgadh. Ach is aon rud a bhi cogadh ri nàmhaid agus rud eile bhi leughadh eachdraidh a’ chogaidh sin anns na paipearan-naigheachd. Cha ’n eil tuigse cheart againne air na cruaidh-chàsan ’s na duiligheadasan a tha aig ceannardan an airm ri choinneachadh air machraichean Africa, agus mar sin cha ’n eil e ro iomchuidh dhuinn a bhi toirt breth orra, ged tha sinn gle bhuailteach air a bhi ’ga dheanamh. Thig crioch air a chogadh ri ùine, agus nuair a thig e bidh sìth agus soirbheachadh anns a chearna sin dhe ’n t-saoghal nach robh ann riamh roimhe. Agus ged is àrd-labhrach cuid, a’ cur an ceill gur ann air son an saorsa tha na Boerich a’ cogadh, bidh barrachd dhe ’n t-sochair bheannaichte sin aca fo bhratach Bhreatuinn na bha aca riamh fo riaghladh Phoil Chrugair.
CEANN A DEAS AMERICA.
THA dùthchannan Cheann a deas America daonnan ri troimhe-cheile, agus tha iad ris aig an àm so mar is àbhaist. Tha ceannairc a dol air adhart ann an Colombia o chionn mios no dha air ais, agus cha ’n eil fhios fhathast ciamar a theid i. Tha aimhreit mar an ceudna eadar Chili agus na dùthchannan a tha criochnachadh rithe. Ach is cùis na ’s cudthromaiche na iad sin aimhreit a tha eadar Venezuela agus a Ghearmailt. Tha a’ Ghearmailt ag agairt air Venezuela suim mhor airgeid nach eil an dùthaich sin comasach air a phàigheadh. Tha Venezuela deònach mir fearainn a thoirt seachad an àite ’n airgeid, agus tha a Ghearmailt deònach a ghabhail. Tha na Staidean, a tha dhe ’n bharail nach còir do rioghachd Eòrpach sam bith tuilleadh fearainn fhaotainn ann an America, deas no tuath, a bacadh sin; ach aig an àm cheudna toirt làn chead do ’n Ghearmailt a cuid fhéin fhaotainn air doigh sam bith eile. Chan ’n eil Venezuela toilichte le sin; agus ma theid a Ghearmailt a thoirt a còirichean a mach le làmhachas làidir, faodaidh e bhith gu ’n teid an ceòl air feadh na fìdhle, agus gum bi barrachd us iad fein air an tarruing do ’n chòmhstri.
INNLEACHD UR.
THATAR air a bhliadhna so an deigh innleachd fhaotainn a mach leis am faodar fiostelegrapha chur o aon àite gu àit’ eile gunwireno ceangal sam bith a bhi eatorra. ’S e ’s ainm do ’n fhear a dhealbh an t-innleachd so Marconi. Chaidh a feuchainn an toiseach air astair ghoirid, ach deireadh na seachdain s’a chaidh thug Marconi, a tha aig an àm an Newfoundland, a mach gu ’n d’ fhuair e fiosan agus an àite sin a thainig thar a chuain á Sasunn. Cha robhtar an toiseach a’ creidsinn gu robh so fior; ach tha eadhon Edison, a bha ’ga chur gu mor an teagamh ’ga chreidsinn a nis. Is innleachd iongantach i da rireadh, agus cha ’n eil fhios ciod a bhithear comasach air a dheanamh leatha an uair a gheibhear a deanamh coilionta.
[Vol . 10. No. 20. p. 5]
Naigheachdan.
PRIS A GHUAIL—Tha pris a ghuail air eiridh ann am Boston ’s am bailtean eile ’s am bheil neart de ghual Cheap Breatuinn air a chreic. Tha so gle thaitneach do chuideachd a ghuail, ach bidh e trom air toirt orra pris a ghuail àrd achadh ann an so cuideachd.
MEAIRLICH OGA—Toiseach na seachdain s’a chaidh, chaidh triùir ghillean òga ann a Halifacs fhaotainn ciontach air son goid, fear dhiubh air son goid uaireadair, agus an dithis eile air son goid airgeid. Fhuair am fear a ghoid an t-uaireadair tri bliadhna dhe ’n taigh-obrach; fhuair càch as le da bhliadhna, ach thugadh tri miosan a bharrachd do fhear dhiubh air son gàire fanoid a dheanamh an àm a bhi fàgail na cùrtach.
OBAIR IARUINN SIDNI TUATH—Tha cuideachd iaruinn Nobba Scotia a rùnachadh obraichean a chur air adhart ann an Sidni Tuath, agus tha am baile sin a tairgse deich mile fichead dolair de chuideachadh dhaibh. Cha bhi an obair so ’sa cheud dol am mach uiread ris an obair a tha ann an Sidni, ach faodaidh i fàs, agus ’s i barail moran nach bi i idir cho cosgail a reir a meud, oir bidh e comasach mearachdan a rinneadh ann an togail na h obair-iaruinn an Sidni a sheachnadh.
EAGLAIS UR CHAITLICEACH—Bha an eaglais ùr Chaitliceach a bha air a togail aig Whitney Pier air a coisrigeadh’s air a fosgladh air son aoraidh air Di-domhnaich, an ochdamh latha dhe’n mhios. Thòisich an t-seirbhis aig leth-uair an deigh deich ’sa mhaduinn, agus bha na sagairt á àireamh de na paraistean mu ’n cuairt a’ gabhail pàirt innte. B’ e an t-Urr. Dr. Siosal á Sidni Tuath a rinn an searmon. Tha an eaglais ùr so na togalach mor, comhartail, agus ann an deagh shuidheachadh. Tha’n t-Urr. Domhnull Domhnullach gu bhi ’na shagart innte.
AN T-ADMIRAL SCHLEY—Toiseach an t-samhraidh s’a chaidh dh’ eirich aimhreit eadar an da admiral Gheancach, Sampson agus Schley. Bha Sampson a’ cur air Schley nach d’ rinn e cho math ’sa dh’ fhaodadh e aig blàr Santiago agus nach robh e cho treun ’s bu chòir do fhear a dhreuchd a bhith. Chaidh cùirt a shuidheachadh air son an fhirinn fhaotainn a mach, agus an deigh do ’n chùirt sin a bhi ’na suidhe dlùth air tri miosan tha Schley air a dhìteadh. A reir nam fianuisean a thugadh seachad, bha Sampson ceart anns gach casaid a rinn e.
AN OBAIR-UISGE—Nochd an teine mor a bh’ anns a bhaile so air an naodhamh latha deug de dh’ October, nach robh an t-uisge th’ anns a bhaile aon chuid pailt no làidir gu leòr. Tha luchd an urrasachaidh air an aobhar sin an deigh pris an urrasachaidh àrdachadh, agus mar an ceudna ’cur mu choinneamh a’ bhaile obair-uisge na’s fhearr fhaotainn. Tha luchd-riaghlaidh a’ bhaile ’cur mu dheidhinn sin a dheanamh, agus bidh an obair a’ tòiseachadh an ceann ùine ghoirid fo laimh Mr Yorston, am fear a bha ris an obair cheudna do chuideachd an iaruinn.
RIGH OTTO NA CHEILL—O chionn choig bliadhna fichead air ais bha Otto, righ Bavaria, gu buileach glan as a rian, agus bha aig bràthair athar dha ri bhi stiùireadh cùisean na rioghachd ’na àite. Tha fios air tighinn o chionn ghoirid gu bheil an duine bochd an deigh tighinn gu ’thùr fein, agus ma sheasas a chiall ris gu ’m bi e a riaghladh air a laimh féin mu ’n ruith moran tìme. Cha ’n eil cuimhn’ aig air ni sam bith a thachair ré na h-ùine bha e as a rian, agus tha e labhairt mu nithean a thachair anns a bhliadhna 1876 mar gu ’n tachradh iad an dé.
BAS ’SA PHRIOSAN—Thainig bàs gle aithghearr air fear Henry Simpson ann am priosan a bhaile feasgar Di-dòmhnaich s’a chaidh. Chuir e, air iarrtus fein, oidhche Di-sathuirne seachad anns a’ phriosan. Bha e, a reir colta!s, gun àit aige ’s an gabhadh e tàmh. Leigeadh a mach ’sa mhaduinn e, ach mu mheadhon-latha dh’ iarr e a leigeadh a stigh a rithist. Bha aig an àm sin coltas na daoraich air. Chaidh a chur ann an aon de na seòmraichean, agus an ceann da uair fhuaireadh marbh e. B’e tinneas a’ chridhe dh’ aobharaich a bhàs. Tha bean us teaghlach aige ann am Pictou, far an robh e roimhe ann an deagh chothrom, a cumall bùth tàilleireachd. Bha e mu dha fhichead bliadhna dh’ aois.
AIMSIR BHRIAGHA—Tha an aimsir a fuireach anabarrach briagha ann an Ceap Breatunn. O ’n choigeamh latha deug de mhios deireannach an t-samhraidh, bha an t sìde cho briagha ’s a dh’ iarradh mac mathar. Thuit a cheud fhras shneachda air oidhche Di-màirt ’sa chaidh, agus tha nise deagh rathad sleighe ann. ’S ann gle ainneamh a chithear rathad sleighe cho tràth so ’sa gheamhradh ann an Ceap Breatunn.
A DEANAMH CRUADHACH—Tha cuideachd an iaruinn o chionn àireamh mhiosan a deanamh iaruinn, agus tha iad a nise tòiseachadh air deanamh cruadhach. Nuair a bhios iad nan làn uidheam, bidh mu mhile tunna de chruaidh air a thionndadh am mach na h-uile latha. Thatar a’ meas gu ’m bi aig an àrd-riaghladh ri eadar millein us da mhillein dolair de bhounty a phàigheadh do ’n chuideachd air son cur am mach na bliadhna so.
STOIRM ANN AM BREATUNN—Bha stoirm mhor ann am Breatunn deireadh na seachdain s’a chaidh. Thuit sneachda trom agus bha soirbheas làidir ann fad dha no tri lathaichean. Bha moran shoithichean air am bristeadh mu na cladaichean, agus bha uiread de phostaichean natelegraph ’s antelephoneair an leagail ’s gu robh baile Lunnuinn ann an tomhas mor air a ghearradh as bho gach cearn eile dhe ’n duthaich. Anns an dòigh sin rinn an stoirm so barrachd millidh ’sa rinneadh le stoirm ann am Breatunn o chionn fichead bliadhna.
AN DEAGH CHOISICHE—Bha aig fear Domhnull Mac Leoid, á Framboise, ri cùirt a sheasamh ann an Sidni Di-haoine s’a chaidh. Tha e tri fichead is coig bliadhna dh’ aois, agus tha a dhachaibh da fhichead is da mhile o’n bhaile, ach rinn e a h-uile ceum dhe ’n astar sin dh’a chois. Dh’ fhàg e Framboise maduinn Di-ciaduin, agus bha e ann an Sidni feasgar Dior-daoin. Cha ’n eil na ròidean eadar an da àite ro mhath nuair a’s fhearr iad, gun tighinn air an àm so dhe ’n bhliadhna. Faodar a thuigsinn mar sin gu robh Mac Leoid comasach air astar-latha math a dheanamh nuair a bha e òg ’s an treine ’neart.
NA MEINNEAN GUAIL—Tha na mèinnean guail ag obair gu bras fhathast, ged a tha an geamhradh air tighinn, agus an àireamh a’s motha dhe na soithichean air sgur a ruith. Chaidh mèinn anInternational ,ann am Bridgeport, a dhùnadh deireadh a mhios a dh’ fhalbh, ach thatar a nise ’ga fosgladh a rithist; cha b’ urrainn do na mèinnean eile gual gu leòr a chur a mach. Thatar an dùil gu ’m bi cur a mach na bliadhna so mu sheachd ceud gu leth mile tunna air toiseach air cur a mach na bliadhna ’n uiridh. Tha roinn mhath guail air a chreic ann an Norway o chionn mios no dha air ais, far am bheil e a toirt deagh riarachadh.
SGIORRADH BATHAIDH—Air a turus eadar Newfoundland agus Sidni, bha pàirt de dh’ inneal na soithich Ella air a bhristeadh, (Dec. 9) agus b’ fheudar acair a thilgeadh faisg air eilean Scatarie. Chaidh coignear dhaoine dh’ fheuchainn ri tir a ruigheachd air son cuideachadh, ach bha a mhuir cho garbh ’s gu ’n deach am bàta ’san robh iad a chur thairis, agus bha ceathrar dhe ’n choignear air am bàthadh. Fhuaireadh am fear eile air eigin a shàbhaladh. Bha an soitheach air a toirt gu Sidni Tuath an ath latha. Bhuineadh dithis dhiubhsan a bhathadh do Norway, agus an dithis eile do Newfoundland. Bha iad air an tiodhlacadh ann an Sidni Tuath Di-dòmhnaich s’a chaidh.
AN REISEAMAID CHANADACH—Tha an reiseamaid a tha Canada a’ cur do Africa mu Dheas ri bhi na’s motha na bhatar ag ràdh a bhitheadh i. ’S e sia ceud duine bhatar a rùnachadh a chur air falbh an toiseach, ach uaithe sin chaidh an àireamh a mheudachadh gu naoidh ceud. Ni an àireamh sin reiseamaid choltach, agus bheir i cuideachadh nach beag do ’n arm Bhreatunnach ann an cròthadh ’san cisneachadh nam Boerach— ’s e sin ma bhios i cho math ris na reiseamaidean a chuireadh a mach roimhe. Bidh na soithichean air am bheil na saighdearan gu falbh a seòladh á Halifacs air an deicheamh latha dhe ’n bhliadhn’ ùir. Tha dithis a falbh á Sidni, Murchadh Mac Coinnich agus Domhnull Domhnullach. Bha iad le cheile anns an darra reiseamaid a chaidh a mach, agus cha d’ rinn iad ach tilleadh dhachaidh toiseach na bliadhna.
Litir a Ceap Nor.
THA comharran a gheamhraidh air tighinn air aghaidh na cearna so dhe ’n chruitheachd aon uair eile. Tha mu thri òirlich shneachda air an talamh, agus is goirid an ùine gus am bi sneachda gu leòr againn, agus a bheag no mhor ri sheachnadh. ’S ainneamh a ruigear a leas gearan air gainne sneachda an taobh so aon uair ’s gu ’n tig toiseach na bliadhna a stigh gu ruige deireadh an earraich; agus ged ’s minic a tha tuiteaman troma dheth a fàgail nan rathaidean car dona, is roghnaiche leinn sin féin na bhi le gainne sneachda gun rathad sleighe no carbaid, mar tha tachairt iomadh geamhradh an cearnan eile eadhon de Cheap Breatunn.
Le pris a ghuail a bhi cho àrd, tha mi ’m barail gur gann a tha teaghlach sam bith a ceannach a bheag dheth o chionn bliadhna no dhà. Dlùth do ’n chladach tha cuid a cosg earrann nach beag de ’n gheamhradh a strì ri connadh “na bliadhna a thoirt am mach gu ’n dachaidhean. Tha cuid ’ga thoirt á glinn agus aghaidh na Beinne ’Tuath. Beagan mhìltean am mach o’n chladach ’s beag nach ’eil connadh pailt gu leòr aig gach neach, ’s tha cuid dhiubh ’ga reic ri ’n coimhearsnaich. Tha ’n sluagh gniomhach, agus tha iad uile foghainteach air chùl na tuaighe no aig an t-sàbh. Tha cuid dhiubh suas ri ceairdean ioma-ghneitheach. Tha cuid nan deagh chùbairean, agus cuid eile nan saoir nach ’eil cearbach, agus is ann dhiubh sin Alasdair bàn Mac Leoid, a ni cuibheall-shniomh agus iomadh seòrsa obair eile, cho math ’s a gheibhear ’san dùthaich, agus sin gun a bhi latha riamh fo neach eile ag ionnsachadh.
O thuinich daoine geala ’san àite so an toiseach gus o chionn deich bliadhna fichead air ais, ’s a bha ’mhus pailt ’s na monaidhean, bha iomadh deagh shealgair ri fhaotainn nam measg. Rachadh iad am mach gach geamhradh ré dha no thri làithean, ’s mharbhadh iad dhe na feidh na dh’ fhoghnadh d’ an teaghlaichean re ùine fhada. Dhe na sealgairean teòma ud tha àireamh fathast a làthair, agus cuid dhiubh ann an treun an neart, mar tha Iain òg Caimbeul, agus Murchadh Mac Leòid; agus nam biodh iad a dol leis na Canadaich eile a tha ’dol gu h-aithghearr a’ chòmhnadh Citchener, agus gu ’n cuireadh iad a liughad Boerach o fheum ’s a leag iad dhe na féidh air feadh bheann ’us ghleann, cha bu bheag an cuideachadh iad ann an toirt a chogaidh fhadalaich ud gu crìch.
’S e an sealgair a’s aosda tha fhathast beò Rob Hellen. Tha e ’dol air adhart ’s an t-siathamh bliadhna deug thar ceithir fichead, agus choisich e a bhliadhna an t-samhraidh s’a chaidh na h-uile ceum o Bhaddeck timchioll rathad na h-Aimhne Meadhonaich, Margaree, Cheticamp agus Pleasant Bay, gus an d’ rainig e Ceap Nor. Bha daoine an dùil gur ann air a leaba-bàis a tha e air a bhi o chionn ghoirid, ach ’s ann a tha e nis a dol am feabhas o ’thinneas.
Is iomadh sgeula a rachadh aig gach sealgair dhiubh sid aithris inu chaochladh cruaidh-chàsan troimh am b’ fheudar dhaibh dol ’nuair thachradh dhaibh a bhi air an glacadh le stoirmean sneachda, no uisge agus reothadh ’na dheigh, air chor ’s gu ’m biodh an t-aodach air reothadh umpa cho cruaidh ’s nach gabhadh putan dhe ’n aodach uachdair fuasgladh gun a bhi air a thaiseachadh le teas teine. Ach cha robh annta ach beagan ann an coimeas ri iomadh gnè dheuchainnean eile troimh an deachaidh na laoich ud ann an deanamh ullachaidh air an son fein agus air son an teaghlaichean.
M. D.
Ceap Nor, 30-11- ’01.
[Vol . 10. No. 20. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 147).
gu buileach troimh a cheile. Agus air an aobhar sin, a mhic, is coir dhutsa taing a thoirt do Dhia air son na saorsa a fhuair thu, agus guidhe air gu ’n gleidheadh e thu ’na dheigh so o thuiteam ann an ribe an droch spioraid.”
“Fhuair sibh am mach aobhar mo mhi-fhortain,” ars’ Abon Hasan. “B’ e sid a’ cheart oidhche air am faca mi an aisling a chur mo cheann troimh a cheile. Dh’ iarr mi air a’ mharsanta an dorus a dhunadh ’na dheigh; agus tha mi nis a’ faicinn nach do dhuin e e. Tha mi ’creidsinn, mar a tha sibh fhein, gu ’n d’ thainig an droch spiorad a steach an uair a fhuair e an dorus fosgailte, agus gu ’n do lion e mo cheann leis na beachdan amaideach ud. Is docha nach ’eil fhios aig muinntir Mhosuil, am bhaile as an d’ thainig am marsant’ ud, gu ’m bheil sinne a th’ ann am Bagdad lan-chinnteach gur e an droch spiorad a tha ’toirt oirnn a bhith faicinn bhruadaran amaideach an uair a dh’ fhagas sinn na dorsan fosgailte air an oidhche. Ach a mhathair, o ’n a tha sibh a’ faicinn gu ’m bheil mise, le comhnadh Dhe, air a dhol na ’s fhearr, air sgath Dhe thoiribh am mach as an droch aite so mi, agus saoraibh mi o laimh an fhir a tha, le peanas trom, air thuar mo bheatha ’chur an giorrad.”
An uair a chual’ a mhathair cho glic ’s cho tuigseach ’s a labhair e, chaidh i far an robh fear-gleidhidh an taighe, agus an uair a fhuair e dearbhadh gu ’n robh Abon Hasan ’na chiall fhein, leigeadh am mach e.
(Ri leantuinn).
Bithidh Gach Ni Mar is Aill le Dia.
SEALLAMAID gu h-aithghearr air na beachdan a dh’ ainmich mi.
1. THA CIONTA TOILLTEANACH AIR PEANAS. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil, ’nar measg-ne, iomadh ni air a mheas mar chionta nach cunntadh peacach ann an cuid de ’n aimsir a chaidh seachad; agus feudaidh e bhi gu ’n robh ar n-Aithrichean a’ meas ’n a pheacadh iomadh ni a chunntas sinne airidh air cliu. Ach tha nithean eile ann a tha air am meas ’n an cionta cho fad ’s a bhitheas daoine a’ gleidheadh comuinn a cheile. Is an orra so a mhain a tha na Sean-fhocail a’ tighinn thairis. Breugan, foill, ’us foirneart—cia air bith d’ aidmheil is peacannan iad so. Chunnaic ar n-Aithrichean a’ bhreug foill ’us foirneart, mar a chi gach neach, an uachdar, co-dhiu re tamuill, agus chuir iad am fein-fhiosrachadh an cainnt: “Cha seas a’ bhreug ach air a leth-chois;” “Imridh breug gobhal.” A ris: “Ge b’ e ’s measa, ma ’s e ’s treise, bithidh e ’n uachdar;” “Is coma leis an t-Saoghal c’ aite an tuit e.” Tha aon Sean-fhocal a tha toirt teagaisg air gach cor mi-fhallain, dioghaltach bruideil, calg-dhireach an aghaidh teagaisg coitchionn nan Sean-fhocal Ghaidhealach: “Maith air seann duine, maith air feall duine, maith air leanabh beag, tri maithean caillte.”
Ach is ann air taobh firinn ’s an aghaidh foille ’s foirneirt a tha na Sean-fhocail: “Is mairg air nach bi eagal na breige;” “Fear na foille an iochdar;” “Cha d’ thug leis an truaill nach d’ fhuair leis a’ chlaidheamh;” “Cha bhi seasamh aig droch bheairt;” “Cha ’n fhaod an ciontach a bhi reachdach;” “Cha ’n eil air an olc ach gun a’ dheanadh.” Ma chi thu an ciontach a’ soirbheachadh, theirear riut: “Ge dail do fhear an uile cha dearmad.” Tha n t-Abstol Pol ag radh; ‘Ge b’e ni chuireas duine, an ni ceudna buainidh e.” Is ionann teagasg nan Sean-fhocal: “Tha smudan fein os cionn gach fòid;” “Mar chàras duine a leaba, ’s ann a luidheas e;” “Mar thuiteas a’ chraobh ’s ann a luidheas i;” “Tha thu ruith air t-aimhleas;” “Thig an donas ri iomradh.” Agus cha ’n e mhain so, ach tha e dlùth air bhi eu-comasach pilleadh o bhi ’g imeachd air slighe an uilc: “Thig iomadh olc á aon olc;” “ ’S ionann aithreachas criche ’s a bhi ’cur sil mu Fheill-martain.”
Tha an Sean-fhocal mu dheireadh a dh’ ainmich mi a’ comharrachadh gu soilleir ri Saoghal eile anns am faigh peacadh a’ dhiol. Ach ’s e teagasg an iomlain diubh gu bheil cionta a’ giuian a pheanais fein ’n a uchd, agus luath no mall, anns a’ bheatha so fein, gu ’n nochdar so do gach neach. Tha mi meas gur dearbhadh so air aois nan Sean-fhocal. Cha ’n ’eil duais no peanas na Siorruidheachd air a chur fa d’ chomhair airson do dheanadais. Theirear: “Is buidheach Dia de ’n fhirinn;” ach cha ’n ’eil truaighe shiorruidh mar dhuais do ’n aingidh air ainmeachadh anns na Sean-fhocail. Gheibh sinn gun teagamh an ràdh: “Dean do sheunadh o’n Diabhul ’s o chlann an Tighearna (an Uachdarain) ;” agus tha cliu Chonain chrìn, mhaoil air a toirt seachad ’s an dà Shean-fhocal: “Cairdeas Chonain ris na deamhnaibh;” “Beatha Chonain am measg nan deamhan, ma ’s olc dhomh cha ’n fhearr dhoibh. “Cha ’n ’eil mi meas gu ’n abair neach gur teagasg ro fhallain so, aon chuid ’s an t-Saoghal so no ’s an ath Shaoghal, air a cho-cheangal a tha eadar cionta ’us peanas.
2. NEO-CHAOCHLAIDHEACHD FREASDAIL. Tha gach Sluagh air a bheil iomradh againn a’ creidsinn gu bheil a’ Chruitheachd a’ geilleadh do laghannan a tha neo-chaochlaidheach, do-atharraichte. Cha ’n ’eil eolas ard no fiosrachadh farsuing feumail a chum an creidimh so a dhaingeachadh. Tha ’n dearbhadh f’ ar comhair air gach taobh air an tiunndaidh sinn. Eirigh ’us luidhe greine; fas ’us crionadh na gealaich: cuairt ghreadhnach, riaghailteach nan reultan; earrach ’us samhradh, foghar ’us geamhradh; breith ’us fas, crionadh ’us bas gach creutair, gach craoibh ’s gach luis—an talamh mu ’n cuairt duinn ’s na speuran os ar cionn le aon ghuth a’ cur an ceill gu bheil oibre a’ chruthachaidh gu leir a’ toirt umhlachd iomlain do Lagh. Agus mar is doimhne rannsuicheas sinn ’s ann is neartmhoire an dearbhadh gu bheil gach ni beag agus mor, ard agus iosal, ann an co-cheangal diomhair ri cheile, agus gach ball de’n chorp uile-lathaireach so, ’n a aite fein, fo riaghladh nan laghannan d’ am bheil an corp uile umhail. Gu ruig so, tha mi meas gu ’m feudar a radh gu ’n robh daoine foghluimte anns gach linn ’s anns gach cearn de aon bheachd. Ach cha robh na b’ fhaide na so. Bha cuid a’ faighinn dearbhaidh ann an maise, an ordugh, ’s an riaghailteachd oibre Naduir, air Bith uile-chumhachdach agus uile-ghlic a chruthaich gach ni ’sa tha’g oibreachadh a mach a thoil neo-chaochlaidheach ’s a run siorruidh fein anns na laghannan d’ a’ bheil Nadur a’ geilleadh; bha cuid eile anns gach linn a bha creidsinn gu ’m b’e Nadur ’s a laghannan na h-uile. A ris bha cuid an comhnuidh a’ tagradh gu ’n robh co-dhiu aon ni’s a Chruthachadh nach robh fo riaghladh Lagha ach a Lagh fein— ’s e sin toil an duine; bha cuid eile gu durachdach a’ stri ri dhearbhadh gu ’n robh toil an duine cho maith ri fas an fheoir fo riaghladh lagha gu teann, cruaidh, air dhoigh ’us nach robh ann an ‘saorsa na toile’ as an deanteadh uaill cho tric, ach faileus faoin leis am bitheadh daoine fein speiseil ’g am mealladh fein.
Bha e gu tric a’ tachairt gu ’n robh iadsan a bha ’g aicheadh lathaireachd Dhe ag aicheadh saorsa toile an duine: ach, air an laimh eile, gheibhear moran de na daoine bu treine a chathaich airson lathaireachd Dhe nach aidicheadh gu ’n robh toil an duine saor. O thus ar n-Eachdraidh, tha dearbhadh air gu ’n robh Gaidheil na h-Alba a’ creidsinn ann an Dia, co-dhiu bha no nach robh an comhnuidh aca beachdan fallain mu thimchioll. Cha ’n ’eil mi cho chinnteach gu ’n robh am beachdan cho soilleis na cho aon-sgeulach mu shaorsa na toile. Cha ’n iongantach ged bhitheadh na Sean fhocail Ghaidhealach ag iarraidh oirnn sealtainn air da thaobh na ceiste so. Air an dara taobh cha ’n ’eil saorsa toile a reir coslais, comasach. Tha gach ceum do d’ bheatha air a shonruchadh dhuit, agus tha thusa gu h-umhail, dall, mar gu ’m bitheadh taod ri d’ shroin ’s neapacain mu d’ shuilean, a comhlionadh run nach leir dhuit fo riaghladh cumhachd nach aithne dhuit. Thug ar n-Aithrichean “dan” mar ainm air a’ chrannchur a bha air a chur a mach do gach neach. Cha robh ri dol seachad air. “Am fear d’ an dàn a’ chroich cha teid gu brath a bhathadh”; “Am fear d’ an dan an donas ’s ann d’ a a bheanas”; “An rud a bhitheas an dan, bithidh e do-sheachanta”; “Bha ’n la ’g a ruith”; “Bha sìneadh saoghail aige”; “Fear an t-saoghail fhada, cha bhi baoghal h-uige.” Cha ’n ’eil mi meas gu ’n cuireadh Turcach, —le phiob ’na phluic, le lamhan paisgte ’na shuidhe air a mhàsan, an uair a tha ’thigh ’n a lasair mu chluasan, —a chreidimh ann an cumhachd Naduir ’s ann an neo-nitheachd an Duine ann an cainnt a bu teinne na so.
Ach tha taobh eile air a’ cheist. Bha ar n-Aithrichean ’n an daoine laidir, lughmhor, fearail. Bha an Tìr neo thorach, agus bha naimhdean lionmhor. Is ann le stri chruaidh a sholaireadh iad lòn, ’s a dhìonadh iad iad fein o’n naimhdean. A thuilleadh air so, cha mhor àitean anns an robh gnuis naduir ri faicinn cho muiteach, luaineach ri Gaidhealtachd na h-Alba. Monadh ’us srath, coill ’us linne, amhainn ’us caol, muir ’us tir air am measgadh ’s air an amladh ’n a chéile; —a ris caochlaidheachd na siontan, ’s a mhaduinn a ghrian is àille, air meadhon là “tairneanach ’us dealan speur,” mu fheasgar an doinionn a’ spionadh nan craobh as am bun. Dh’ fhaodadh an leithidean so de dhaoine, le leithid so de chaithe beatha, ’na leithid so de Thìr, an uair a rachadh cùisean ’n an aghaidh, ni-eigin de shòlas fhaotainn ann a bhi ’g radh, agus air dhoigh a’ creidsinn, gu ’n robh sud an dàn doibh; ach faodaidh sinn a bhi cinnteach cho fad ’s a bha chroich am folach orra, gu ’n robh iad a’ gluasad mar gu ’m bitheadh an dàn ann an tomhas mor ’n an lamhan fein. Dearbhaidh na Sean-fhocail so. Chunnaic sinn mar bha iad a’ teagasg gu ’n robh an ciontach toillteanach air peanas. Bu theagasg mi-sheadhar so mur b’ urrainn duine an t olc a sheachnadh.
(Ri leantuinn).
Airneis Taighe
MAR
Ghibhtean Nollaig
Gheibh thu anns an stor againne na riaraicheas tu. Tha stoc mor againn air ur cheannach dhe gach seors’ airneis, moran dhiubh a bhios gle fhreagarrach mar ghibhtean. Gheibh thu luach mor air pris bhig.
Gordon & Keith,
Sidni, C. B.
A . T. GRANT, Mgr.
[Vol . 10. No. 20. p. 7]
Fonn-fogradh nan Gaidheal.
LE IAIN MAC GRIOGAIR.
Air fonn:— “Ohuro, tha mi fo thursa.”
’S mise nochd tha briste, brùite,
Ri cuir cùl a chaoidh ri m’ dhùthaich,
Anns am b’ abhaist dhuinn bhi sùgradh,
Sunndach, fallain, dlùth ri cheile.
’Chaoidh cha teid mi ’n àm an fheasgair
’Chumail comhail ris na fleasgaich,
’S ris na h-oighean bhoidheach, chneasda,
B’ àirde meas am measg nan ceudan.
C’ àit’ an teid mi? C’ àite, c’ àite?
Nuair a thuiteas sios na sgailean;
’S fada bhuam a bhios gach àite,
Far am b’ abhaist dhomh bhi céilidh.
Ubh, ubh! ’s truagh a tha mi,
’S fliuch mo shuil le cridhe craiteach,
Gabhail beannachd ris na cairdean,
Null thar cuan gu brath ’g an tréigsinn.
Dhé nan gràs, gur beag a shaoil mi
Mi bhi fuadaicht’ feadh an t-saoghail,
Gun duil tilleadh ris an aonach,
Do ’n d’ thug mise gaol nach tréig mi.
Chaill mi comunn, chaill mi càirdean,
Chaill mi-fhein gach ni a b’ àill leam,
Ach cha chaill mi cainnt mo mhàthar,
Chaoidh gu ’m bual am Bàs gu geur mi.
’S moch a shiubhlainn feadh nam frithean,
Slios nam beann gur ard a dhirinn,
’Tionndadh dhachaidh gu mo ribhinn,
Nuair a dhiobradh teas na gréine.
Mile marbhaisg air na brùidean,
Leis ’m bu mhiann a riamh ar ciùrradh,
Ri cuir fuadach as an dùthaich,
Air na diùlnaich ghrinn bu treuna.
Tir mo roghainn tir mo shinnsear,
Thar gach tir a chaoidh a chi mi,
’S e bhi triall gu brath bho ’n rioghachd
Dh’ fhag mi thin le m’ inntinn reubta.
Beannachd leis gach cnoc is àirde,
Beannachd leis gach gleann us àiridh,
’S e bhi chaoidh ri dol g’ ur fàgail,
Rinn mo chridhe sgàint’ a leireadh.
Oran Gaoil.
Oich ù agus h-iùraibh éile,
Oich ù agus h-iùraibh éile,
H-iùraibh o, agus ho ro éile,
’S mo chruinneag dhonn, gur a trom ad dhéigh mi!
C’ àite bheil i ann am Muile,
Cruinneag bhoidheach is gile muineal,
Ribhinn àluinn a’ bhroillich shoilleir,
’S bu deacair dhomhsa ’cur air a bonnaibh.
Oich ù, etc.
C’ àite bheil i ann an Albainn,
Cruinneag bhoidheach is gile calpa—
Slios mar fhaoilinn air aodann fairge,
’S gur h-e do throm-ghaol a rinn mo mharbhadh.
Tha an oidhche nochd fliuch, fuaraidh,
Laidh an sneachd air na beanntaibh shuas ud;
Cha teid mise a dh’ fhios na gruagaich,
Ach gus am fàs na gleanntan uaine.
Cha teid mise do ’n mhonadh tuille,
Bho nach d’ rinn mi bonn feum an diugh ann;
Chaog mi ’n t-sùil ann ’s cha d’ rinn mi tuilleadh;
Ghlac mi ’n crann bho ’n ’s e rinn mi buil dheth.
’N uair a theid mi thun na féille,
Bidh mo shùil air a’ chruinneig ghlé-ghil,
Is binne Gàidhlig ’s is deise Beurla,
’S bidh sàiltean àrd air a brogan eutrom.
Tha do shùilean mar na smeuran,
No mar dhearcagan donn an t-sléibhe—
Dubh a’s donn ann am measg a chéile,
’S gu bheil ceann dubh air mo chruinneig ghlé-ghil.
Tha do shùil ghorm, dhathte, bhoidheach,
Fo d’ mhala chaol ann ad aodann mòdhail,
Pearsa dhireach de dh’ fhior Chlann-Domhnuill;
Gur math thig gùn duit an cuirt nan og-bhean.
’N uair a bha sinn air a’ bhuaile,
’S e luchd mi-ruin thog oirnn an tuaileas,
Gu’n robh thu sinte fo m’ bhreacan-guaille,
Cha robh, a ghaoil—O b’fhada bhuam thu.
’S ’n uair a bha sinn anns a’ mhonadh,
’S e bu bhiadh dhuinn na ciribh meala,
Barr an fhraoich ’s e ’na chaoran meallach,
’S an eunlaith fhiadhaich a’ sgiallaich tharuinn.
Iadsan a Phaigh.
A. M. Dùghlach, Portsmouth , N. H.
Padruig I. Mathanach, Graniteville , Vt.
Walter S. Adams, New York.
Iain G. Mac Eachuinn, Woburn , Mass.
I. D. Mac Pharlain, Knappa , Oregon.
An t-Ollamh Mac Fhionghain, Duneideann.
Iain Domhnullach, Steornabhagh, Alba.
Iain Mac-an-t- Saoir, Stratford , Ontario.
Seoras Sutharlan, Gravenhurst , Ontario.
Ruairidh Young, Sarnia , Ontario.
Iain Mac Cuithein, Boothville , Ontario.
Domhnull Domhnullach, Steornabhagh, Que
N. D. Mac Iomhair, McLeod ’s Crossing, Que
D. B. Mac Amhlaidh, Milan , Que
Murchadh Mac Gill-fhaollain, Roden , Man.
Alasdair Seathach, Hilton , Man.
Domhnull Mac Eoghain, Brandon , Man.
Murchadh Mac Leoid, Selkirk , Man.
Seumas N. Mac Fhionghain, Moosomin.
A. Mac Fhearghais, Port Hammond, B. C.
A. I. Domhnullach, Sandon , B. C.
Iain Mac Gill-fhaollain, Bridgetown , P. E. I.
Calum Buchanan, Braidalbainn, P. E. I.
Alasdair D. Mac Leoid, Kinross , P. E. I.
Calum Caimbeul, Kinross , P. E. I.
D. B. Mac Leoid, High Bank, P. E. I.
Alasdair B. Domhnullach, Double Hill, P. E. I.
D. Mac Gill-fhaollain, St . George’s, P. E. I.
M. D. Mac Cormaic, Launching , P. E. I.
Iain A. Caimbeul, Heatherdale , P. E. I.
S. M. Martuinn, Heatherdale , P. E. I.
Murchadh Mac Leoid, Springton , P. E. I.
An t-Urr Seumas Phelan, Montague Cross.
Donnacha MacGriogair, Abhainn Deas, N. S.
Lachuinn Camaran, Antigonish , N. S.
Iseabail Dhomhnullach, Thorburn , N. S.
Micheal Mac Fhionghain, Sidni.
Calum A. Mac Leoid, Sidni.
Bean Ghilleasbuig Dhonullaich, Sruileigh.
An t-Urr A Mac-a- Phearsain, Bay St Lawrence.
Aonghas Mathanach, Gut a Tuath.
Bean Neill Mhic-Gillemhicheil, Hogomah.
Aonghas Domhnullach, Abhainn Mhuileach
Tearlach Buchanan, Sidni Tuath.
Mairi B. Nic-a- Bhiocair, Port Morien.
Iain S. Gillios, Loch Ainslie.
Ruairidh Moireasdan, Rudha ’n Rothaich.
Ruairidh Mac Phàic, Rudha ’n Rothaich.
Seumas Mac Pheitris, Loch Bhlackett.
A. Mac Fhearghais, Loch Mhic Fhearghais
Iain N. Mac Gill-fhinnein, Sugar Loaf.
Alasdair Mathanach, Malagawatch .
Fearchar Mac Gill-fhinnein, Victoria Line.
Iain Beuton, Ridge Mhabon.
Iain Ceamp, Leitche ’s Creek.
D. A. Mac Neill, Reserve Mines.
Niall V. Mac Neill, Seann Bhridgeport.
Seumas Mac Aonghais, Grand Mira.
Iain I. Gillios, Meadows .
Gilleasbuig Mac Phail, Orangedale .
Domhnull Màrtuinn, Orangedale .
Coinneach Mathanach, Grand River.
Bean Alasdair Mhic Neacail, Bridgeport .
An t-Urr A I Domhnullach, Whitney Pier.
Padruig Mac Neill, Cobh a Phiobaire.
Domhnull Beuton, Cul Phort Hood.
Iain Mac-Gille-mhoire, South Gut.
LEIS A’ BHRUTHAICH— “Och, och!” arsa Calum Slaoightire, ’s e air leabaidh a bhàis, “tha mise falbh, agus, gu dearbh, ’s ann romham a tha ’n turus fada.” “O, na cuireadh sin sion ort,” ars a charaid; “bidh a h-uile ceum dheth leis a bhruthaich.”
Nollaig Mhath do ’n Each!
[Dealbh]
Tha an Nollaig cho toilichte leis an each ’sa tha i leat fein, nuair a tha e air a dheagh uidheamachadh le acuinn a tha freagairt dha gu comhfhurtail. Co-dhiu tha acuinn throm no aotrom a dhith ort, paighidh e dhut a ceannach uainne.
Tha gach seors’ acuinn a tha againn laidir agus buan; mar an ceudna na Sleigheachan, na Béin, na Cluig, na Bratan, agus na Cuipichean, dhe ’m bheil againn seorsachadh eireachdail.
Tha na prisean againn daonnan ceart. Taghail oirnn airneo sgriobh ugainn.
F . Falconer & Son,
SIDNI, C. B.
Cape Breton Electric Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
Tim-Chlar.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.
TURSAN FEASGAR.
[Clàr - ama]
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 10. No. 20. p. 8]
Duan Callainne.
LE EOBHAN MAC-LACHAINN.
Fonn:— “Beinn Dorain.”
URLAR.
’S i ’n nochd an oidhch’ is buadhoir
A dh’ ordaicheadh;
Diolaidh sinn na duain
Mar is coir dhuinn.
Tha bliadhn’ ag imeachd bhuainn,
Bliadhn’ tigh’n oirnn a nuadh,
’G inntreachadh le cuartachadh
Ordamail.
’S i ’n nochd an oidhch’ is dual duinn
Bhi roiceil;
An fhéisd ga cur a suas
Air na bordaibh;
A’ ghloin’ a’ dol mu ’n cuairt,
’S fallain an stuth fuar,
Rati an Taoibh-Tuath—
Mac-an-Toisich e.
Cridhealas gun ghruaim
Aig ar n-og-fhearaibh;
Bannal thogadh fuaim
Air na h-orana,
Fidheal ga cur suas—
Inneal-ciùil nam buadh,
’Sheinneadh na puirt luatha
Bu cheolmhoire.
Guidhim dhuibh ’s gach uair,
Ailleas, tlachd, a’s buaidh,—
Cleachdainnean nan uaislean
’Thug foghlum dhuibh.
Saoghal fada, buan;
Pailt ur bliochd ’s ur buar;
Fortan air ur sluaigh
Fhad ’s is beo iad.
SIUBHAL.
O, seinnibh an ealaidh
Romh ’n cabhagach sraonadh;
An ealaidh bheag ghrad-bhriathrach,
Aigeannach, aotrom.
Hùganaich, chaithreamach,
Inntinneach, aithghearr,
A thogadh ar n-aigne
Bho ghart-ghreann an Fhaoillich.
Chollainn seo, Challainn sin,
Fheara mo ghaoil-sa!
Buailibh am balla
Le deannal nan gairdean!
Sàr bhuillean sreallanta,
Troma nan gallan,
Bheir diosgan a’s fathrum
Air darach nan taobhan,
Gu neartmhor a’ slachdraich
Ri clachan an aolaich.
Mhuinntir tha ’s teach,
Do an cleachdadh bhi caomhail,
Mo dhùrachd do ’r n-aitim
Air faidead ur saoghail;
Aoibhneas a’s aiteas,
Gun éiginn, gun airce,
’S gach ni mar is taitniche,
’S ait leam bhi saor dhuibh.
Deadh bhean-an-taighe,
’S a companach flathail,
Gu ma fad bhios iad maireann
Gu mathas a sgaoileadh;
Sonas a’s aiteas
Bhi leanailt ri ’m macaibh;
Am Freasdal mar neart dhaibh,
Bho ghlacaibh gach baoghail.
URLAR.
Ma is math leibh mise leanailt
Air an ealaidh seo mar thoisich,
Gu ’n innis mi gu grad-bhriathrach,
Cho athghoirid ’s bu choir dhomh,—
’S i ’n nochd an oidhch’ is aighirich
A shoillsich reul a athar oirnn,—
’S i oidhche Choinnle, Challainn,
Teachd na h-ath-bhliadhn’ as a h-oige.
Mar dh’ innseas an luchd-eachdraidh dhuinn,
An cleachdadh bha bho thos
Aig a’ mhuinntir a chaidh seachad,
Mu an Challainn a bhi roiceil;
Gach righeachd anns a’ chruinne
’N d’ rinn an cinne-daonna tuineachadh,
’S sulasach gach muirichinn
Ga’m furan thun nam bordaibh.
Nuair theid sinn thun ar coimhearsnaich,
G’ a choimhead mar bu doigh leinn,
’S a cholla’nicheas sinn aitreamhan
Le slachdarnaich nan crocmhiar,
’S iad briathran fhir-an-taighe ’n sin:
“A mhaca nan sonn fathasach,
A b’ fhialaidh ri luchd-tathaich,
Leam gur taitneach sibh ga m’fheoraich
A nuas, a bhean, thoir pailteas dhuinn—
Biodh Floiri bhàn ga sgapadh leat,
Fear smearach miath nan ceapairean,
Na ’chnapaidh air a’ bhord dhuinn;
A nall am botal urramach,
’S gu ’n olamaid gu h-urranta,
Deoch-slàinte nam fear furanach
’S neo-sgrubail ’s an tigh-osda.
SIUBHAL.
Cumar oidhche na Callainn
Gu caithreamach, mùirneach,
Eireachdail, fearachail,—
Leanailt ri ’r dùthchas,—
Fiùghantach, farasda,
Fialaidh gu sgapadh,
Biodh annlann gu taiceil
Air ceapairean dùmhail;
Riaraichear Raiti,
Stuth miaghail na bracha;
Biodh breisleach a dheataich
An claigeann gach cùirteir;
Innsidh mi sgeula—
Cha bhreugan gun ghrunnd e—
Deanaibh rium eisdeachd,
Tha reusan ga ’ghiulan.
A mhuinntir na féile,
Gun cheasad, gun éiginn,
A dhiolas a’ bhannag
Do ’n fhear thig g’ a h-ionnsaidh,
A chumas le àbhachd
Oidhch’ àidh na Bliadhn’ Uire,
Bidh cridhealas càirdeil,
A’s fallaineachd nàdair,
A’s piseach gu bràth,
Air an àlach gun chunntas.
Lionmhor mar rainich,
An stoc air gach baile,
Sliochd buan mar an darach
Bhios fallain le ’rùsg;
Sonas a’s mathas,
Na ’n comhail ’s gach rathad;
’S biodh dùilean an athair
Ag gabhail dhiubh cùnntais.
AN CRUN-LUATH.
Le foighidinn bhig fhathast
Bheir mi naigheachd dhut bho’n chrùn-luath,
Gu h-aithghearra mu ’n aitim sin
A chleachd a bhi cho gnùtha,
Leis ’m bu mhiann gu ’n spadadh iad
An eanchainn as do chlaigeann,
Na gu ’n riaraicheadh iad dad ort
De ’n phailteas tha ’s na cùiltean,
Ged bhiodh gob geur an acrais
Am farsuinneachd do ghrùthain,
’S do mhionach beag ga ’chagnadh
Le bhi d’ thrasgadh fad a dh’ ùine.
A mhuinntir sin, cha ’n aithne dhuibh
Na bhuineas do bhi ceanalta,
Gun eireachdas gun aithne
Ach an t-sabaid a’s do n-ionnsaidh.
Cha chluinneadh tu dol seachad orr’
Ach toirm na cige-chaige,
Brisdeadh chuigeal mu claignean
Agus cnapadaich nan rùdan.
’N uair thriallas iad bho ’n bhaile
Cha bhi breamas anns gach dùthaich,
Nach sìn orra ga ’m far-fhuadach
Thar talamh ’tha dhiubh diùmbach;
Bidh driodfhortan na dunach orr’
A’ h-uile taobh a chuirear iad.
An glumagan’s an rumaichean
Gu ’n tumar iad gu ’n sùilean.
Na logaidean ’s na bodaich
Bhios ag cogadh ris a’ mhuinntìr,
Gach tràchran agus glaistig
A ni tatraich anns an oidhche,
Bidh iorraghiullaich, a’s famhairean,
A’s uamh-bheistean, ag comhartaich,
Gach ùraisg agus omharlair
A’s amharra ni raoiceil.
Thig siod orra gu ladarna
Ga ’n slaodadh as na lapaichean,
Gu ’n eaglachadh gu bagarrach
Le slachdraich a bhios oillteil.
A nise bho ’n a dh’ aithris mi
Na rannan mar a b’ eol domh;
Air m’ fhallainn gur h-e ’n ceannal dhut
Mo bhannag chur air doigh dhomh;
Gu ’n bhuannaichd mi gu deimhin ort
An tuarasdal a ghealladh leat—
Gloin fhuar de stuth na mearaichinn
A baraille na Toiseachd.
Cha ’n eil na’s fhearr ann air son Ghibhtean Nollaig us Bliadhn’ Uire na
Cuarain
Tha iad againne—na seorsachan a’s grinne ’s a’s fhearr a tha ’s an duthaich.
Cuarain Bhlatha do na Mnathan—75c., 90c., $1 .00, 1.50.
Cuarain de Leathar Mheann— $1 .00, 1.25, 1.50, 3.00.
Cuarain do na Fir—75c., $1 .00, 1.25, 150.
Na dean Mearachd. Ruig Stor Bhrog
REDDEN
Ross Block
. .. . .Sidni
Gibhtean Nollaig.. . ..
Cha ’n fhacas riamh ann an Sidni uiread de Ghibhtean Nollaig ’sa tha aig an am so ri fhaicinn anns an stor againne: Uaireadairean, Slabhruidhean, Faineachan, Prionachan Broillich, Bucaill, Bracelets, Bruisichean, Cirean, Sgathain, Bataichean, Sgaileanan, Speuclairean, Gloineachan Sula, &c . So beagan de na nithean a tha sinn a sealltuinn, agus mu ’n ceannaich thu ’s coir dhut a dhol ’gan amharc.
K . BEZANSON.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.. .. . ..
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY.
NOW
MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an daoine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
title | Issue 20 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 20. %p |
parent text | Volume 10 |