[153]

[Vol . 10. No. 21. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 3, 1902. No. 21.


An Fheinn air a h-Uilinn.

I.

IS dòcha gun cuala sinn uile, air aon dòigh no dòigh eile, mar a dhéirich am facal so a tha, o chionn iomadh latha, cho siùbhlach am measg an t-sluaigh. So mar chuireadh an Sgeul a nall, a h-uile ceum á Astrailia-a- chinn-a- deas, a dhionnsuidh a’ “Ghaidheilo chionn ochd bliadhna fichead: “Bha an Fhéinn aig aon àm fo gheasaibh ann an uamha àraidh nach bfhiosrach do neach beò. Aig beul na h-uamha bha dùdach, agus nan robh de mhisnich aig an neach a gheibheadh a mach iad an dùdach a shéideadh tri uairean, dhéireadh an Fhéinn beò, slàn. Air do shealgair àraidh dol air seacharan ann an ceò, thainig e air an uamha anns an robh an Fhéinn. Chunnaic e an dùdach, agus chuimhnich e air an t-seann ràdh, gun robh an Fhéinn fo gheasaibh, agus ge be neach a shéideadh an dùdach tri uairean gun dùisgeadh e iad. Bha eg am faicinnn an luidhes an uamha; rug e air an dùdaich, agus shéid e sgal chruaidh oirre. Is ann le mor-ioghnadh a thug e fainear gun dfhosgail gach aon diubh an sùilean, agus iad adur-amharc air anns an aodann; agus thug e fainear, mar an ceudna, gun robh an sùilean mar shùilean dhaoine marbh. Thog e a mhisneach; shéid e sgal eile air an dùdaich, agus ghrad-éirich gach aon airuilinn. An uair a chunnaic e sin chaill e uile gu léir a mhisneach, agus theich e. Air dha a dhachaidh a ruigheachd, dhinnis e a sgeul da chàirdean, agus ghabh iad a mach còmhla. Ach cha burrainn daibh amas air an uamha tuille, agus cha dfhuaras i gus an lathan diugh. Theirear bho sin: ‘Tha an Fhéinn air a h-uilinn.’ ”— (An Gaidheal II. 241).

Chaneil e am rùn dol thairis air Eachdraidh na Féinne an traths. Air son na bheil agam ra ràdh air an àm, cha dean e mùthadh co-dhiù bha na Fianntan riamh ann no nach robh; co-dhiù bha Bith no Dachaidh aig Fionn no aig Oisean, aig Goll no aig Oscar, sgarta bho smuain nam Bàrds nan Seanachaidh a ghléidh an Sgeul air chuimhne. Foghnaidh e dhomhsa gun dthug na Bàirds na Seanachaidhean Bith is Dachaidh dhaibh an cuimhnes an cridhe aGhaidheil, —Dachaidh is blàithes is bunaitiche na tha aig na Righrean a riaghail thairis orra no aig na Sinnsearan on do shloinneadh iad.

Ma dhéisdeas sinn ris gach Sgeul is Seanachas a chaidh aithris mun Fhéinn, —Litreachas aig a bheil a luach fhéin, ’s a tha gu dichiollach air a dhioghlams air a rannsachadh le Sgoilearan comasach ar latha féincluinnidh sinn iomadh ni, cuid deth suarach gu leòir, air a chur as leth nan laoch. Bha iadn an bhuidhinn, agus easaonachd eatorra, on toiseach. Bha Clanna Baoisgne dìleas do Fhionn. Bha Clanna Morna aleantuinn Ghuill. ’S e Goll a mharbh Cumhal, athair Fhinn; agus mar so bha fiochaid aig Goll am Fionn, faodar a ràdh, mun do rugadh Righ na Féinne. Am measg nam Fiann bha Conan crion, maol, a ghnàth aséideadh iorghuill is connspoid, —rosad nach fhuilingeadh na deamhain fhein, mas fhìor an sgeul, an aon tigh riu. Aig aon àm gheibh sinn na laoich air an cur thuige cho mors gu bheil iad atrod gu geur mu chriomadh nan cnàmh; air uairean eile theirear gun robh iad atighinn beò air maorach achladaich.

Ach chan e smuaintean faoin no suarach den t-seorsa so a tha fuaighte ris an Fhéinn an inntinn aGhaidheil. Bheir cuimhne nam Fiann smuaintean aGhaidheil air an ais gus an t-seann t-saoghal a dhfhalbh, an uair a bha a dhaoine cumhachdachs an Tìr, ’s a bha, mar tha esan alàn-chreidsinn, an Fhéinn, le Fionn glic, treun air an ceann, aseasamh acheirts na còrach, astrì an aghaidh foirneirt anns gach àms anns gach àite, agus gu sonruichten an cul-taic don lags don anfhann. Chuir Oisean, no Seumas Mac Mhuirich, beachd an t-sluaigh mun Fhéinn ann an cainnt eireachdail. Tha Fionn ateagasg Oscair, mac amhic, anns na briathran so:

Bi-sa mar shruth ris na sàir;
Ri laigse nan lann cho ciùin
Ri aiteal gaoith air raon an fheoir
Mar sin bha Treunmor nan sgiath,
Is Trathal, ceannard nan triath:
Mar sin bha mo ghniomhs an t-sliabh.
Bham féumach riamh ri mo laimh,
S dhfhas an lag dàna fo mchruaidh.
Na h-iarr-sa carraid nan sgiath;
S na diùlt i air sliabh nan cruach.

Bha beachd an fhir a dhealbh an sgeul on déirich am facal— “An Fhéinn air a h-uilinn” —an dlù-dhaimh do theagasg Fhinn. Chaneil fhios again n e; cha dthainig ainm no a shloinneadh dar n-ionnsuidh. Ach bu Ghaidheal ga chùl e. Bha cliù a shluaigh dlùth da chridhe, agus dhfheuch e, ’n a dhòigh fhein, ri slighe an dleasdanais a chomharrachadh a mach da luchd-dùthcha. ’Na latha-san bha cumhachd aGhaidheil, ann an tomhas mòr, air dol thairis; bha cuimhne nan laoch a dhfhalbh adol bàs am measg an t-sluaigh. Cha robh Spiorad aGhaidheil uile gu léir marbh. Bha e, ann an cainnt an Sgeoil, fo gheasaibh,— ’n a leth-chadal, cha robh fhios aig duine càite. Ach le rannsachadh dlùth dhfhaoidteadh amas air, agus le cridhe is misnich ghabhadh na geasan toirt dheths a làn-dhùsgadh, gu bhin a chumhachd as ùrs an Tìr. ’S e so, tha mi meas, no ni-eigin cosmhuil ri so, teagasg an Sgeoils an t-Sean-fhacail a dhéirich bhuaithe.

Chaidh iomadh car den t-Saoghal on chuireadh an seann Sgeul so air chois. Agus am measg gach caochladh a thainigs a dhfhalbh, tha an Gaidheal, olc air mhaith leinn e, fhuils a chànains a cheòl, a dhòigheans a chleachdaidhean, a lìon beag is beag, air call an cumhachd an Albainn. Ach tha iarmad ar Sluaigh fhathasdn ar Glinn, ’n ar n-Eileanan, ’n ar Bailtean mòra, ’s an iomadh Tìr chéin; agus chaneil aonn ar measg nach aidich gu toileach gur e a dhleasdanas, a reir a chumhachds a chothroim, a chuid de dhuallach aGhaidheil a ghiùlan. Chaneil àite eile air aghaidh an t-Saoghail anns am faighear cruinn còmhla uiread de Ghaidheil na h-Albas a gheibhear am baile Ghlascho. Nach biodh e iomchuidh, mata, fheoraich, mar a tha cùiseann ar measg-na a nis, ciod e ar dleasdanas mun teagasg no mun leasan a tha an Seanfhacal Gaidhealach atoirt cho soilleir far comhair? Tha Spiorad ar sluaigh airuilinn,— ’n a leth-dhùsgadh, coid e is còir dhuinne a ràdh no dheanamhs achùis? An e ar gnothach ar lamhan a phasgadh, ar beòil a chumail dùinte, ’s leigeil le cùisean a bhi dol? An e ar dleasdanas a bhi sireadh sioss a suas air son na h-uamha? Agus mas e gun amais sinn oirre, co aca bu ghlice, —stri ris na seann laoich a làn-dhùsgadh no feuchainn ram breugadh a chadal? Nan abairteadh riut, an ceart uair, gu bheil an Fhéinn air a h-uilinn ann an aon de sheomraichean-taoibh an talla so, agus gu bheil, cùl an doruis, air an dara taobh, an dùdach a dhùisgeadh, le aon sgal, na seana churaidhean, agus air an taobh eile, slachdan-druidheachd a chuireadh, le aon bhuille, ’n an cadal gu bràth iad, ’s gu bheil e ad chomas dol a steachs an sgal a shéideadh no am buille bhualadh, aca a dheanadh tu? No am bfhearr leat suidhe gu stolda far a bheil thu, ’s leigeil leis na coimhearsnaich a bhi socrachadh cùisean na Féinne mar thogradh iad? Faodaidh e bhi nach do chuir sinn riamh acheist ruinn fhéin air an dòigh so. Cuireamaid i, mata, agus feuchamaid ra freagairt mar is fhearr a dhfhaodas sinn.

S i acheud smuain, acheud fhreagairt, gun teagamh, an cridhe gach aoin againn a bhi deas gu leum thun an doruis, astrì bhuidhneadh an t-aite toisich; agus tha mi ameas nach tugadh aon againn sùil air an t-slachdan. ’S i so acheud smuain. Ach nacheil achùis ro chudthromach, agus nacheil i airidh air tuilleadh is aon smuain? Nach fhaod abhreith luath a bhi, mar is minic a bha i, Iochdach? ’S i so aon de na ceart cheistean mu bheil daoine ro dheas gu bhi toirt freagairt gun a bheag de chnuasachadh a dheanamh mun ghnothach. Agus tha na daoine da bheil sinne, tha mi ameas, nas deise na mòran gu bhi toirt breith luath ann an cùisean den t-seorsa so. Tha acheists a freagairt dlùth dar cridhe, agus nuair a bhios an gnothach mar so, tha an t-aon is stéidhichte inntinnn ar measg ro bhuailteach gu bhi air a thoirt a thaobh o smior na cùise, ro ullamh gu bhig éisdeachd ri glaodh blàth achridhe an àite ri guth seimh an reusains na tuigse. Nach tric a chluinnearn ar beulIs maith an sgàthan sùil caraid,” agus nach fhaodar a ràdh gur ann ri aodann an sgathain so is toigh leinn a bhig ar sgeadachadh féin moch is anmoch? Nacheil cuid dar luchd-teagaisg a bheireadh oirnn a chreidsinn gur sinne, da rìreadh, an sluagh; agus nuair a gheibh an Gaidheal bás, gun teid gliocas is géire inntinn cho maith ri maise is deise cuirp don uaighn a luib? Is taitneach an sgàthan sùil, ach a bheil e fìor? ’S e sin bun aghnothaich. Chaneil an sgàthan so fìor, agus chaneil e an comas da bhith. Cha tu fhéin idir a sheallas an sùil do charaid ach duine eile, an duine bu mhaith leat a bhi, ann am beachd do charaid; agus cha mho is e thu fhéin, am fìor-dhuine mar tha thu, a sheallas a mach a sùil do charaid, ach an duine eile a rinn bàigh do charaid dhiot. Chan e sùil caraid ach sùil an t-saoghail an sgàthan fior, —sùil acharaid, sùil an nàmhaid,



[154]

[Vol . 10. No. 21. p. 2]

agus gu sonruichte sùil achoimhearsnaich, an t-sùil a chi am maiths dan léir an lochd.

Seallamaid air na ceistean a tha an seann sgeul atogail leis an t sùil so, agus feuchamaid, a réir ar comas léirsinn, ram fuasgladh. Tha ni, tha mi ameas, a dhfheumas sinn an comhnuidh a chumail gu soilleir far comhair. ’S e an ceud ni, gur e fìor-leas an t-sluaigh gu léir, ard is iosal, a muighs aig baile, ’n ar linn féins gu sonruichte anns na linntean a tha romhainn, —gur e so bonn is stéidh ar rùin. ’S e an dara ni, gum bi tomhas de dhearbsa againn gun cuir an Spiorad a tha sinn asireadh a dhusgadh fìor-leas an t-sluaigh, mar tha sinneg a thuigsinn, air aghaidh. Tha an tìm gun teagamh fàbharrach. Cha robh linn riamh ann, on a tha eachdraidh earbsach againn, anns nach cluinnteadh aon no aon-eigin agairm air a luchd duthcha, le neart a ghuth, éirigh a sheasamh cùis is còir an t-sluaigh. Ach cha robh linn riamh ann, anns an cualas an guth so cho labhrachs a tha en ar latha féin. Cha robh an Fhéinn riamh cho corrach air a h-uilinns a tha i an diugh. Ciod e an leasachadh ann an cor aGhaidheil ris a bheil ar dùil le bhi dùsgadh an Spioraid a thana leth-chadal? Ma leughas sinn na paipearan Gaidhealach no leth-Ghaidhealach is motha tha buntainn ri cùisean an t-sluaigh, no ma dhéisdeas sinn ris na chluinneas sinn aig Coinneamhan Gaidhlig an Albainn, an Eirinn, no an America, gheibh sinn caochladh bheachdan, agus biongantach mur faigheadh, aig ar luchd-teagaisg mun chùis. ’S dòcha gun aidich sinn uile gu bheil fiughair aig cuid ri nithean nach biodh gu fìor-leas an t-sluaigh ged gheibhteadh iad, ’s gu bheil cuid eile an geall air nithean, co-dhiu bhiodh iad gu maith no gu cron, nach fhaightear gu bràth. Cha bhiodh e duilich amas, maith a dhfhaoidte, air aon a niss a rìs, am measg ar luchd-teagaisg a bhiodh sàsuichte le nithean air bheag feum, a ghabhadh le taing am plaosg, biadh ann no as. Agus nach saoil thu gun cluinn thu an sids an so aon is airde glaodh na chéile, aig nacheil fhios gu ro mhaith ciod tha dhìth air, ach a tha làn-riaraichte ma dhaithnichear a ghuth-sans aghàir.

Ach, ged bhiodh so mar so, tha nithean cudthromach an aobhar aGhaidheil anns a bheil leasachadh a dhìth, agus tha ar luchd teagaisg, no co-dhiù moran diubh, astri ri spiorad an t-sluaigh a dhùsgadh, le dearbh-chinnt gun tig an leasachadhn a chois. Am measg Ghaidheal na h-Eireann, co-dhiù na codach is labharra dhiubh, ’s e cridhe an rùin gum biodh an Gaidheal, —fhuils a chainnts a cheòl, a laghannan, a mhodh-riaghlaidh, a dhoighean, a chleachdaidheans gu léir afaotainn an lamh-an-uachdarn an Tìr, ’s gum biodh riaghladh Bhreatuinns na Beurla air an cur air chùl gu buileach. Fàgaidh sinn aig na h-Eireannaich socrachadh an cùisean fhéin. Cha tig e dhuinne bhi toirt comhairle orra, co-dhiù gus an teid a h-iarraidh. Am bheachd fhéin, air son nas fhiach e, ged gheibheadh Gaidheil na h-Eireann an làn-rùn am màireach cha tugadh sin dhaibh an t-sìths an soirbheachadh air a bheil iad cho mòr am feum. Ach biodh sin mar dhfhaodas. Chaneil, saoilidh mi, Gaidheal Albannach a dhùraichdeadh an ceangal eadar es an Iompaireachd mhor dam buin e a bhriseadh no uireads a lagachadh. ’N ar n-Eachdraidh-ne bha iomadh uair comh-stri chruaidh eadar Gaidheal is Gall an Albainn. Agus o thainig sìth bhunaiteach eadar an shluagh, bha agus tha gu tric aobhar-ghearain againn cho fuars a tha an Gall ra choimhearsnach, cho beag suims cho beag meass a tha aige air aGhaidheal, air a chànains air a chleachdaidhean. Ach air a shon sin cha leig sinn as ar cuimhne gun do rinneadh dearg le fuil an shluaigh am bann a cheangailn ar n-aon rioghachd sinn, gun do sheas Gall is Gaidheal guala ri guala iomadh làrach chruaidh an aghaidh ain-tighearnais Shasuinn, ’s gun do chuir iad, ’na dhéigh sin, taobh ri taobh, iomadh blàr fuilteach an dùthchanna céin, adìon còir Bhreatuinn is Saorsa aChinneadh-dhaonna.

D. MK.


Domhull Ard.

RI mo cheud chuimhne be Domhull ainm cho cumantas a bha ri chluinntinn air an taobh air an robh mi dhen dùthaich. Bainneamh teaghlach anns nach robh Domhull. Ann an bhaile tuatha a bha ri taobh a chéile, bha na Domhuill cho lìonars gum bfheudar facal sònraichte a chur ri ainm gach fir dhiubh gus eadar-dhealachadh a chur eatorra. Anns an àm ud, agus eadhoin gus o chionn ùine ghoirid, bainneamh a bheirteadh iomradh air sloinneadh duine sam bith air am biodh muinntir an àite glé eòlach. Ach an uair a thigeadh coigreach a ghabhail tàimh don dùthaich, bhiodhainms a shloinneadh air an gnàthachadh, a chionn nach biodh fios aig daoine air ainmathar, no air ainm a sheanar.

Anns an bhaile so bha eadar-dhealachadh air a chur eadar na Domhuill anns an dòigh so: Bha Domhull mòr is Domhull òg, Domhull bàn is Domhull donn, Domhull mac Eoghainn is Domhull mac Alasdair, agus iomadh Domhull eile air nacheil feum dhuinn iomradh a thabhairt aig an àm so, anns an bhaile. Ach bha aon fhear dhe na Domhuill so, a bha cho lìonar anns na bailtean, gu math na bàirde o thalamh na càch, agus, air an aobhar sin, theirteadh Domhull àrd ris. Ged a bha e àrd, agus dìreach gu leòr air a bhonnan, cha robh ena dhuine deas, dealbhach idir. Anns acheud àite, bha e tuilleadh is fadchasach; no, mar a theirteadh anns an àm ud, bha mòran sgoilteadh dheth. A bharrachd air so, bha e car aimhleithinn anns na guaillean; agus on a bha amhach glé fhada air, theireadh iomadach neach gur ann a bha e coltach ri botul Frangachna chumadh. Ach bha aon rudg a dhìth a thug mòr mhi-thoileachadh dha fhein, agus be sin, nach robh ribe feusaig afàs air. Bha pailteas de dhfhalt tana bàn air; ach nan robh feusag air, bha e air a bhith toilichte gu leòr.

Bha Domhull àrdna chosannaiche cho maths a bhanns an dùthaich. Bha cruit bheag aige de dhfhearann cho maths a bhanns abhaile, agus bha stoc gu leor aige air an fhearann. Bha taigh aige cho maths a bhaig fear sam bith dhe sheòrsa anns an àm ud.

Cha robh aigathairs aig a mhàthair de theaghlach ach e fhein; agus an uair a dheugathair, bhamhàthair air fàs car aosda, breòite.

Bha Domhull àrd car diùid gu nàdarra. Agus anns an àm anns am biodh e nàdarra gu leòr do ghillean òga tuiteam ann an gaol air na h-igheannan òga, bha Domhull àrd cho fior dhiùids nach leigeadh an nàire leis ach gann sealltainn ann an clàr an aodainn air sam bith. An uair a thug na h-igheannan an aire dha so, thòisich iad ri tarruinn as. Bhiodh a h-uile bu chuir-eadaiche na chéile afeuchainn ri bhithna chuideachd, agus adeanamh na burrainn iad gu comhradh a thoirt as; ach bhan ghothach afairleachdainn orra. Mur robh Domhull afàs na bu diùide, cha robh efàs dad na bu dàine. Nam burrainn e idir, sheachnadh e na h-igheannan. Agus leis an eagal a bhair gun tachradh no dithis dhiubh ris ann an àite sam bith air an oidhche, cha rachadh e ach gle ainneamh am mach air dorus aon uairs gun tuiteadh an oidhche.

Cha ruigeadh Domhull a leas eagal sam bith a bhith air roimh thé seach dhe na h-igheannan; oir bha iad uile cliùiteach, measail. Ach bu ghlé thoigh leotha a bhithtarruinn á Domhull air son spòrs agus cur seachad ùine dhaibh fhein. Cha robh atoirt air Domhull a bhithg an seachnadh ach an diùideachd agus an nàire. Bhiodh esmaointean orra gu tric, agus iomadh oidhcheg am faicinn as a chadal. Mu dheireadh thuit e ann an gaol air dhiubh. BeMairi bheaga theirteadh rithe gu cumanta.

Air latha àraidh suas mu dheireadh an t-samhraidh, thachair do Dhomhull a bhithtighinn dhachaidh le cairt mhònadh. Co thachair ris ach Mairi bheag. Chuir i fàilte air gu cridheil mar bu ghnàth leatha; agus chaidh i gu math dlùth dhas in dùil gum faigheadh i greim air an sgàthan bheag a bhaigena phòcaid. Ach an àite teicheadh roimpe mar bu ghnàth leis, is ann a rug e oirre gu teann, cruaidh, agus dhfheuch e ri pòg a thoirt uaipe. Ach cha leigeadh Mairi, beags mar a bha i, leis pòg a thoirt uaipe am muigh nomach. Thug i i-fhein as a lamhan cho ealamhs a burrainn i. Sheas i ceum no dhà uaithe, agus dhamhairc i air gu dlùth, agus thuirt i ris: “Cha chreid mi fhìn, a Dhomhuill, gum bheil thu agad fhein an diugh.”

Is mi tha, a Mhairi; ach chaneil thusa agad fhein. Chan fhuiling thu lamh a churna dchòir,” arsa Domhull.

Cha robh fhios aig Mairi ciod a theireadh i; oir ghabh i ioghnadh gu leòr, araon a chionn gun drug Domhull oirre, rud nach cualas gun drinn e riamh air te sam bith, agus mar an ceudna, a chionn cho dana agus cho tapaidhs a dhfhàs e on a thachair e rithe mu dheireadh.

Ach, a Mhairi,” arsa Domhull; tha toil agam a bhith greis abruidhinn riut. Agus feumaidh tu tighinn nas dlùithe na sin dhomh, ar neo chan abair mi aon fhacal riut.”

An uair a chuala Mairi so thainig i na bu dlùithe dha. Agus thuirt Domhull rithe, agus an anail an àird achléibh aige leis cho luaths a bha am bualadh a bhair a chridhe:” Tha mo mhàthair gun fhoisg am chur a phòsadh, agus tha i ag radh rium nacheil sam bith cho freagarrach orms a tha thusa. An gabh thu mi? Mur gabh thu mi, tha min dòchas nach innis thu gu bràth gun robh mibruidhinn riut.”

Cha burrainn Mairi ach gann a chreidsinn gun robh Domhullna chiall fhein, agus uime sin thuirt i ris: “Ged a phòsainnsa thu, a Dhomhuill, bhiodh an treas cuid dhiotna bhantraich. Tha thu fhein cho mor, agus tha mise cho beags nach freagair sinn air a chéile idir. Bfhearr dhut gu mòr teannadh ri deanamh suas ri Anna mhòr nion Eoghainnic Dhomhuill na ri mo leithidsa de chreutair beag, meata.”

Is tu an aon as fhearr a fhreagras orm a thanns an dùthaich, a Mhairi. ’S e sin a tha mo mhàthair ag ràdh co dhiubh. Chuala tu an seanfhacal: ‘Fear mor aig an te bhig, agus fear beag aig an mhoir.’ Cha teid mise, a dhiarraidh Anna mòire ged nach fhaighinn bean gu bràth,” arsa Domhull.

Bha Mairi greisna tosd, agus idol fosmaointean feuch ciod bu chòir dhi a ràdh ris. Bha fhios aice gun robh nàdar math aige. Chan fhacas gruaim riamh air a ghnùis a dhaindeoin na dheanadh cuid de spalpairean nam bailtean de mhagadhs de dhfheachaireachd air. Bha fhios aice mar an ceudna nach biodh e furasda dhi fear sam bith eile fhaotainn a chumadh cho dòigheil



[155]

[Vol . 10. No. 21. p. 3]

agus cho socrach i. Bha a mhàthair cho ciùin agus cho modhail ris fhein. Agus ged nach bitheadh, bha fhios nach biodh i ùine fhada beò. Ach bha aon rud aice an aghaidh geallaidh pòsaidh a thoirt dha, agus be sin, gun robh fleasgaich òga eile nam bailtean gu tric amagaireachd air. Agus chuimhnich i anns an àm gum biomadh uair a bha i fhein adeanamh uiread de mhagaireachd airs a bha neach sam bith eile.

Ged nach robh na smaointeanan so tiotadh ag éirigh suasna h-inntinn, bha Domhnull agabhail fadachd nach robh itoirt an dàrna fios dha. Thuirt e: “Mar a than seanfhacal ag radh, a Mhairi, ‘Is ionnan stad is aideachadh. ’”

Chan ionnann idir,” arsa Mairi. “Ach ma bheir thu dàil dhomh gu deireadh na seachdain, bheir mi dhut an dàrna fios.”

Ghabh Mairi roimpe air an turus air an robh idol, agus bha i gu dlùth adol fo a smaointean a thaobh ciod bu chòir dhi a dheanamh. Bha iga deanamh fhein làn chinnteach gum biodh a h-athairs a màthair glé dheònach gum pòsadh i Domhull àrd; ach bha i fhein anns an àm eadar dhà chomhairle.

Ghabh Domhull àrd air aghart dhachaidh leis achairt mhònadh, agus e glé shunndach. Bha ega dheanamh fhein cinnteach gu leòr gum pòsadh Mairi bheag e.

Ged a bha sùil am mach aig Domhull a h-uile latha feuch am faiceadh e Mairi, cha robh efaicinn sealladh dhi. Mu dheireadh thuirt e ris fhein gum bfhearr dha a dhol thun an taighe agus a h-iarraidh air a h-athairs air a màthair. Ach on a bainneamh leis a dhol air chéilidh do thaigh sam bith, bha faiteachas air a dhol ann. Chuir e a chomhairle ri Alasdair bàn, seana charaid coir a bhacumail crìche ris. Thuirt Alasdair ris mar so: “Theid mise null feasgar, agus gheibh mi am mach gu bog, balbh o Mhairi am bheil i deònach do phòsadh. Ma tha ise deònach, theid mi an urras gum bi a h-athair agus a màthair deònach gu leòr. Theid mi fhìns tu fhein a null air an ath sheachdain agus nithear an còrdadh; sin ri ràdh, ma bhios an nighean toileach do phòsadh. Mur bi, na cuireadh e dragh sam bith ort.”

Dhaontaich Domhull àrd gun robh so ceart gu leòr. Chaidh Alasdair a null air abhàgh am feasgar ud fhein. Cha robh e fada ann an comhradh nam pàrantan an uair a thuig e gun robh araon Mairi agus iad fhein toileach gu leòr gun rachadh am pòsadh air aghart. An ath sheachdain rinneadh an còrdadh agus chumadh achùis cho balbhs nach cualas iomradh air gus an deachaidh an éigheach anns an eaglais Di-dòmhnaich. Phòs iad, agus rinneadh banais mhòr, éibhinn, aighearach dhaibh. Bha iad beò le chéile gus an dràinig iad aois mhòr. Bha seachdnar de theaghlach aca, agus bha iad cho modhails cho glics cho deanadach ri teaghlach a bhanns an dùthaich. Bha Domhull àrd air a mheasna latha agusna linn mar fhear-taighe cho ciùins cho modhails cho glics cho deanadachs cho beag lochd do choimhearsnach ri fear a bhanns an dùthaich.
IAIN.


MARCONI AN CEAP BREATUNNFhuair Marconi tilleadh ann an Newfoundland ris nach robh dùil aige. Tha cuideachd laidir aig am bheil còir singilte air càball telegraph a ruith eadar an t-eilean sin agus Sasunn a cur bacail air; tha eagal orra, a reir gach coltais, gun dean an t-innleachd ùr a fhuair e mach cron dan gnothuch féin. Tha Marconi air an aobhar sin a cur romhe a cheannuidhe a dheanamh ann an àit eile. Air an t-seachdain sa chaidh, bha e ann an Sidni, agus chaidh e do Phort Moriens do Louisburg-a ghabhail seallaidh air àiteachan a bhiodh freagarrach air son nan togalaichean a bhios aige ri chur suas. Tha tri làraicheansan amharc aige, ach cha do roghnaich e aon seach aon dhiubh fhathast.


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHANA CHADAL.

CAIB. IX.

AN uair a thainig Abon Hasan dhachaidh bha e aireamh laithean gun dol am mach air an dorus, a chum, le fois a ghabhail, agus le beathachadh math, gum faigheadh e os cionn na dhfhuiling e de dhroch dhiol anns an taigh-chaoich. Ach an uair a chaidh e na bfhearr, bha ega fhaireachadh fhein gle aonaranach a h-uile feasgar. Thoisich e ri caitheamh a bheatha mar bu ghnath leis; sin ri radh, ri ulluchadh suipearach air son acheud choigrich a thachradh ris aig drochaid Bhagdaid.

Air acheart fheasgar air an do thoisich Abon Hasan a rithist ris a chleachdadh so, thachair gum be sin acheart fheasgar a chuir an righ air leith gus e fhein a chur as aithne, agus a dhol air feadh abhaile feuch am faiceadh e an robh luchd-riaghlaidh abhaile adeanamh an dleasdnais mar bu choir dhaibh.

Cha robh Abon Hasan fadana shuidhe aig an drochaid an uair a chunnaic e an righ atighinn, agus e ann an eideadh aoin de mharsantan Mhosuil, agus seirbhiseach afalbhna dheigh.

Dhaithnich Abon Hasan anns amhionaid gum be acheart mharsanta a bhanns an taigh aige mios roimhe sid, agus a dhfhalbh gun an dorus a dhunadhna dheigh, agus chaidh e air chrith an uair a chunnaic e e.

Gun gleidheadh Dia mi!” arsesan ris fhein; “mureil mi mealltanam bharail, is e so acheart dhraoidh a chuir fo gheasan mi!”

An uair a thuirt e so, dheirich ena sheasamh, agus sheall e thairis air an drochaid don abhainn air eagal gum faiceadh e am marsanta gus an rachadh e seachad.

Bha toil aig an righ an tuilleadh ceol-spors fhaotainn air Abon Hasan, agus fhuair e fhios air a h-uile dad a thachair dha on mhadainn a dhuisg ena thaigh fhein gus an dthugadh as an taigh-chaoich e. Ach bhan righna dhuine cothromach agus fialaidh, agus ghabh e tlachd mor de Abon Hasan, gu sonraichte on a bha esmaointean gum faigheadh e an tuilleadh ceol-spors air a shaillibh. Agus cha robh fhios an cumadh Abon Hasan, an deigh na thachair dha, suas an cleachdadh a bha eleantuinn roimhe sid: agus gus aire Abon Hasain a tharruinn air na bfhearr, chuir an righ e fhein ann an eideadh aoin de mharsanta Mhosuil.

Thug an righ an aire gun robh fearg air Abon Hasan, agus gun robh toil aige a sheachnadh. Thug so air coiseachd na bu dluithe don aite anns an robh Abon Hasanna sheasamh; agus an uair a thainig e dluth dha, chrom echeann, agus dhamhairc e air ann an clar an aodainn. “Ho, a bhrathair Abon Hasan,” arsesan, “an tusa than so? Failtes furain ort! Thoirt dhomh cead breith air laimh ort.”

Is mi nach tabhair,” arsAbon Hasan gu cabhagach, agus e tionndadhaghaidh rathad eile. “Cha chuir mi failte idir ort; agus cha mho na sin a bheireas mi air laimh ort. Gabh romhad!”

Ciod e tha thug radh!” arsan righ; “an e nacheil thugam aithneachadh? Am bheil cuimhnagad air an fheasgar a chuir sinn seachad comhladh anns an taigh agad o chionn mhios, an uair a bha thu cho fialaidhs cho caoimhneil rium le biadhs le deoch?”

Chaneil,” arsAbon Hasan; chan aithne dhomh thu fhein, no ciod a tha thu ag radh; tha mig iarraidh ort a rithist a bhith falbh thun do ghnothaich fhein.”

Cha do chuir so stad air an righ. Bha fhios aige gle mhath gun do chuir Abon Hasan roimhe nach biodh gnothach sam bith aige ri coigreach an deigh dha aoidheachd a thoirt dha aon uair, ach cha do leig e air gun robh fhios aige air so idir.

Chan urrainn mi chreidsinn nach aithne dhut mi,” arsan righ. “Chaneil e comasach gun leigeadh tu as do chuimhne mi ann an uine cho goirid. Gun teagamh sam bith thainig mi-fhortainnad rathad, agus is e sin a thatoirt ort grain a bhith agad ormsa. Ach air a shon sin, bu choir dhut a chuimhneachadh gun do nochd mi mo thaingealachd le bhithguidhe gun soirbhicheadh leat, agus thairg mi dhut gach ninam chomas a dheanamh air do shon, rud nach bu choir dhutsa a chur ann an suarachas.”

Chaneil fhios agamsa ciod a thanadchomas a dheanamh dhomh,” arsAbon Hasan, “agus chaneil iarraidh sam bith agam air do chuideachadh; ach tha fhios agam gle mhath nach drinn do dheadh run feum a bfhearr dhomh na mo chur as mo chiall. Tha mig radh riut aon uair eile, bi falbh as mo shealladh ann an ainm Dhe, agus na cuir draigh orm gu brath tuilleadh.”

Ah! a brathair Abon Hasan,” arsan righs e breith air, “chaneilnam bheachd dealachadh riut anns an doigh so. On a tha mi cho fortanachs gun do thachair mi riut an dara uair, feumaidh tu acheart aoidheachd a thoirt dhomhs a thug thu dhomh o chionn mhios, an uair a chuir thu mar urram orm gun dol sinn fion maille ri cheile.”

Chuir mi an aghaidh sin am muighsa mach,” arsAbon Hasan, “agus tha de stamhnadh agam orm fhin na chumas mi gun bhristeadh air an fhreiteach a thug mi, nach gabhainn a steach gu brath do mthaigh duine cho mi shealbhach riutsa. Chuala tu an sean-fhacal, Tog leat do dhrumas bi falbh.’ Gabh an sean-fhacal so ga dionnsuidh fhein. Ciod e cho trics a dhfheumas mi iarraidh ort a bhith falbh? Gu robh Dia maille riut! Chuir thu mi-fhortan gu leornam rathad-sa agus chari earb mi mi-fhin riut tuilleadh.”

Mo dheadh charaid,” arsan righ, agus ebreith air a rithist, “cha robh min duil gur ann mar sin a dheanadh tu orm. Tha miguidhort nach bi thulabhairt co doirbh sin rium, ach gun creid thu gum bheil meas mor agam ort. Bi cho maths gun innis thu dhomh ciod a thachair dhut; oir tha mig innseadh dhut le firinn gum bu mhath leam gu math thu; agus bhithinn gle thoilichte cothrom fhaotainn air math a dheanamh dhut, mas ann air mo shaillibh a thainig an trioblaid ort.”

Mu dheireadh dheonaich Abon Hasan am fiosrachadh a bhan righ ag iarradh air a thoirt dha, agus thuirt e ris suidhe rithaobh. “Tha thu air mo sharachadhnam fhoighidin le do cheisdeans le das-creideamh,” arsesan; “agus tuigidh tu o na tha midol a dhinnseadh dhut nacheil micur dad as do leith ach an fhirinn.”

Shuidh an righ rithaobh, agus dhinnis e dha a h-uile car mar a thachair dha on a dhuisg e anns an luchairt gus an do dhuisg e rithistna thaigh fhein, agus gur e bruadar gle iongantach a bhann gu leir. Dhinnis e mar an ceudna dha gun dthug am bruadar so air iomadh rud a radh agus a dheanamh a thug air na cairdean gu leir a chreidsinn gun robh e air a dhol buileach glan as a chiall, agus gun do chuir iad don taigh-chaoich e far an do theabadh am bas a chur air leis an droch dhiol a bha iad adeanamh air.

Ach,” arsesan, “is e chuireas an t-ioghnadh ort, ged is beag a tha de smaointean agad air, gur ann le do choire fhein a thachair so dhomh; oir, ma

(Air a leantuinn air taobh 158).



[156]

[Vol . 10. No. 21. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, IANUARAIDH 3, 1902.

BLIADHNA MHATH UR.

THA MAC-TALLA, a réir cleachdaidh, agus le dùrachd a chridhe, a guidhe BLIADHNA MHATH UR da luchd-leughaidh agus do na Gàidheil uile anns gach cearna dhen t-saoghal mhor anns am bheil a BhliadhnUr so gam faotainn. Gum biodh sìth agus soirbheachadh aca, gum biodh an ceumannan air an stiùireadh gu glic agus gu ceart, ’s iada leantuinn gu dlùth ri cliù an sinnsir”: sin dùrachd MHIC-TALLA do na Gàidheil aig àm na BliadhnUire agus aig gach àm eile— “An latha chis nach fhaic.”


RIGH NAM BREATUINNEAN UILE.

GU ruige so cha deachaidh bonn òir no airgeid a chùinneadh ann am Breatunn air an robh dealbh an righ, ged a tha dlùth air bliadhna on thainig e dhionnsuidh a chrùin. Ach tha cùinneadh ùr gu bhi mach air a mhios so, agus air an sgriobhadh a bhios orra bidh tiodal an righ air atharrachadh a chums gum bi nacoloniesair an aideachadh mar phàirt den Impireachd. Be tiodal nan righrean a bhann roimheBrittaniarum Rex (RIGH NAM BREATUINNEAN), aciallachadh Breatunn Mhor agus Eirinn. Bidh an tiodal an deigh so agabhail nancoloniesa stigh leis an fhacal UILE a chur rithe. Bidh Iomhar VII. mar sin air ainmeachadh marBrittaniarum Omnium Rex (RIGH NAM BREATUINNEAN UILE). Tha an latha seachad anns an robh an Riaghladh Breatunnach a cur air adhart ghnothuichean mar gum bi rioghachd bheag Shasuinn féin an Impireachd uile.


NA STAIDEANS A GHEARMAILT.

MA chreidear an sgeul a tha moran dhe na paipearan-naigheachd ag aithris, tha an da dhùthaich so gu bhi an cìreannan a chéile mu Bheuesuela. Mar a dhainmicheadh cheana, tha aGhearmailt ag agairt fhiach air Bhenesuela, a tha Riaghladair na dùthcha bige sin a diùltadh a phàigheadh. Tha aGhearmailt air son a cuid féin fhaotainn, abagradh aon de phuirt na dùthcha a ghlacadh, agus còir a ghabhail air cìsean na cusbuinn gus am bi an t-ainbhfhiach pàighte. ’S ann an so a tha na Staidean a tighinn a stigh. Tha e mar chreud aig luchd-riaghlaidh na dùthcha sin o chionn iomadh bliadhna nach eil còir aig dùthaich Eòrpach feuchainn ri greim fhaotainn air fearann an cearna sam bith de dhAmerica, tuath no deas. ’S e soCreud an Rothaich” (Monroe Doctrine)air am bi sinn a cluinntinn iomraidh cho tric, aguss ichreud sin a tha gluasad nan Staidean aig an àm so gu cur an aghaidh na Gearmailt nuair a tha i deònach a cuid féin a thoirt a mach ann an Bhenesuela. Tha an da dhùthaich ameudachadh an cabhlaichean cogaidh mu chladaichean America mu dheas, agus a reir nan sgeul, tha iad araon deònach dol a chogadh mas fheudar. Faodar a bhith cinnteach co-dhiu, gum feuchair dòigh no dha eile air cùisean a réiteachadh mun tig iad gu buillean. Chan eil e ro choltach gun rachadh aon chuid aGhearmailt no na Staidean a ghairm cogaidh air sgàth aimhreit a dhéirich o aon de na coimh-fhlaitheachdan beaga, a tha cho lionmhor an America mu dheas, a bhi diùltadh a cuid fhiach a phàigheadh.


RABHADH

DHAIBHSAN NACH DO PHAIGH.

THA àireamh tuilleadh us mor de luchd-gabhail MHIC-TALLA nach eil a pàigheadh. Tha iad ga ghabhails ga leughadh o chionn àireamh bhliadhnaichean gun uiread us iomradh a thoirt air a phris a chur air adhart; ach a gabhail math ni a tha iadsan a thadeanamh an dleasdanais acumail suas. Chan eil e iomchuidh gum biodh achùis mar sin nas fhaide. Bheir sinn dhaibh gu deireadh a mhios so air son an cuid fhiach don MHAC-TALLA a phàigheadh, agus mur cluinn sinn uapa roimhn àm sin bidh an ainmean air an dubhadh bhar an leabhair. Tha sinn an dòchas co-dhiu, gu bheil an àireamh as motha dhiubh nan daoine fìrinneach, onorach, nach toir cothrom dhuinn air sin a dheanamh, ach gun cuir iad ugainn gun dàil pàigheadh nam bliadhnaichean a dhfhalbh agus na bliadhna tha tighinn. Bhiodh ena mhasladh do Ghàidheal sam bith ainm a bhi air a thilgeadh á àireamh luchd-gabhail a phaipeir Ghàilig a chionn nach robh ega phàigheadh!

Riuthasan a tha pàigheadh air son a phaipeir gu riaghailteach agus a tha nan neart dha an àite bhi nan uallach air mar tha càch, chan eil againn ri ràdh ach so: iad a leantuinn air deanamh cho mathsa bha iad roimhe; iad a chur na prìse a stigh aig toiseach am bliadhna; agus iad a dhfheuchainn ri luchd-gabhail ùr fhaotainn mar a dhfhaodas iad. Ma ni iad na nithean so, ni iad gu math, agus bidh iad féins MAC-TALLA nan dlùth chàirdean fhads is beò iad.


APHIOB-MHOR.

NACH snasmhor na briathran a chleachd Tormad Mac Leòid urramach am beulFhionnlaidh Phìobairean àm a bhimoladh na pìoba-mòire? Tha sinn gle chinnteach nacheil Gàidheal a chòmhnuidh ann an àite fon ghréin, as fhiach Gàidheal a ràdh ris, nach aidich gur gasdas gur fìrinneach a labhair e:—

Bhalatha fhéin aig aphìob, agus iadsan a mhàin a bha eòlach air a nuallaich cheòlmhor ann an làithean an òiges urrainn a thuigsinn an cumhachd mòr a tha aice thairis air an inntinn. Chleachdadh ceòl na pìobann an talla an aoibhneisan àm an aigheir; ’s chualas a cumha thiamhaidh ann an tighean achianalais air oidhchebhròin. Bheothaich i laoich ghaisgeil na h-Alba gus an cath a chur le buaidh air lathabhlàir; agus dhfhàiltich i iad air an ais gu beanntan an dùthchas do ghlinn an gaoil! ’S e ceòl na pìoba chualas leò gu togarrach ann an òg mhaduinn an làithean; agus so an ceòl mu dheireadh a dhì-chuimhnichear ann an allaban na h-aoise. Chaneil mig ràdh gur e so an ceòl as mìlse ra éisdeachd ann an seòmar: chan ann air son an t-seòmair a rinneadh an innleachd chiùil so; ach ann an dùthaich aineoil, fado thìr ar n-eòlais, càitam bheil an ceòl a dhiadhas mu chridhe nan Gaidheal mar a ni pìob nam feadan mora? Tha idusgadh cuimhne nan làithean a dhfhalbhacàradh dachaidh ar n-òige, tigh ar n-athar, cruth nan co-aoisean gaolach a dhfhalbh, mu choinneamh ar sùl. ’S coma càitan tachair do na Gàidheil a bhith, dhiubhs ann air machraichean loisgeach nan Innsean, feadh choilltean fàsAmerica, no air uchd achuain mhòir, bheir sgal drùighteach na pìoban an cuimhne Tir nam Beanns nam Breacancoilltean agus aibhnicheanus creagan àrdan dùthcha féinna càirdean a thasmaointeachadh orra, na h-òighean àillidh a thag an caoidh— ’s amhàthair chràbhach a thaguidhe air an son. Cha ruig mi leas a ràdh cho liugha latha ainmeil, agus blàr nach téid air -chuimhnanns an cualas a ceòl uaibhreach abrosnachadh nan Gàidheal gu gnìomharan treunas gu buaidh. Am bheil blàr a bha riamh cliùiteach do Bhreatunn anns nach cualas a tartarachd àrd. Seadh, ’n uair a bha gach inneal-ciùil eilair a chur gu tosds an àr, chunnacas am pìobairen a éideadh dùthchasach ann am broilleach nan gaisgeach, gus an do chailleadh a cheòl ann an caithream àrd na buaidh’; agus is minican déigh dhabhi air a leòn gu trom, a shuidh e air a lic fhads a bhachridhebualadh acur lecheòl misneach ann an uchd na feadhnach a bha fhathast air mhaireann, agus aseinn cumha a bhàis féin an uair a thuit e!”

Tha mòran de na Cinn-fheadhna Ghàidhealach a nis suarach mu phìobaireachd agus mu chleachdaidhnean nan daoine treunon dthàinig iad. ’S mìlsen an cluasaibh mèilich chaorach mòra, agus Beurla nam buachaillean Gallda, nan ceòl as binnethogar le pìob no clàrsaich; ach tha fhathast feadhainn ann aig am bheil meas orra, ’s chan iongantach leinn.”

Tha ceòl na pìoba cho binn an cluasan a Ghàidheil anns an dùthaich so, agus ruigidh a sgal fuaimneach a chridhe a cheart cho cinnteachsa ruigeas i cridhe a Ghàidheil ann an Tir nam Beann. Ach saoilidh sinn nach eil e ro-chreideasach do Ghàidheil na dùthcha so nach eil iad a cumail suas na pìoba mar bu chòir dhaibhnach eil misneach air a thoirt do dhaoinòga na dùthcha a ceòl ionnsachadh. Tha na pìobairean gle ghann, agus na piobairean matha nas ro-ghainne anns achearna so de Chanada; aguss beag an t-ioghnadh. Aig na Cruinnichean Gàidhealach, nach eil air an cumail ach fior ainneamh, is tric a bheirear duais nas fhearr don fhear as àirde leumas nos luaithe ruitheas na bheirear don fhear is fhearr pìobaireachd. Tha spionnadh agus sùbailteachd, a tha tighnn air duine gun saothair, mar sin air an cur os cionn tàlant nàdurra agus ionnsachadh nam bliadhnaichean a chosg am pìobairega dheanamh féin coilionta ann an cluichBana-mhaighstear gach inneal ciùil,” mar is math a dhainmich Donnachadh Bàn i. Tha dòchas againn nach mar sin mar sin, ach gum bi misneach agus duais iomchuidh air a thoirt do gach òigear a bhios a leantuinn an cos-cheuman ChloinnIc Cruimein, eadhon ged a bhiodh e fad o bhi suas riutha. ’S i phiob inneal-ciùil nan Gàidheal:

“ ’S i bhaig Fionn, aig Goll, ’s aig Garadh,
Ann an talla nan laoch fuileach;”

agus is dligheach dhuinn an t-urram sin a thoirt dhi agus ar n-uile dhichioll a dheanamh air a cumail an cleachdadh.



[157]

[Vol . 10. No. 21. p. 5]

Naigheachdan.

NA SGOILEAN A FOSGLADHBidh na sgoilean, a bha ma sgaoil seachduinean na Nollaigs na BliadhnUire air am fosgladh Di-luain sa tighinn, agus bidh na sgoilearan a bha re na h-ùine sin air an cead fein, a stri rin cuid leasan us cùnntais a rithist. Tha na ceithir miosan a tha rompa air a chuid as fhearr dhen bliadhna air son ionnsachaidh, agus chan eil teagamh nach deanar am feum sin dhiubh.

AIR CHALL AN GLACE BAYChaidh Uilleam Ambrose Mac-Coinnich air chall an Glace Bay air an t-siathamh latha deug dhen mhios a chaidh, agus gu ruighe so chad fhuaireadh sgeul air beò no marbh. Chunnacas e mu dheireadh ann an stor an Glace Bay mu dheich uaireansan oidhche, agus thatar a deanamh a mach gun deachaidh a bhàthadh anns an loch a tha eadar sin us Meinn Chaledonia, far an robh a dhachaidh.

FEUM AIR LAGH URAir an 16mh latha de Desember, dheirich abhainnSt . Johngu airde mhor, a cur iomadh taigh agus aitreabh eile ann an cunnart. Bha sin air aobharachadh le tuiltean mòra a thainig an cois aiteamh a bha aca ann am beanntan staid Maine. Cha biodh e as an rathad do mhuinntirSt . Johnfeuchainn ri lagh a dheanamh, a bacadh do mhuinntir nan Staidean a bhi leigeil le uisgen cuid sneachda ruith thar criochan an dùthcha fein.

BAS MRS FORBEISTha sinn duilich gu bheil againn ri innse gun do chaochail bean an Urr. I. F. Forbeis, ministeir eaglais St. Andrews, ’sa bhaile so, air oidhche Di-mairt sa chaidh. Cha robh i tinn ach beagan a chòrr air seachdain, agus bha duil ri i dhol am feobhas gus an latha mun do chaochail i. Bha i leth-cheud bliadhna dhaois. Bu nighean i do Iain Mac Gillemhaoil, nach maireann, an Antigonish. Dhfhag i sianar cloinne. Riuthasan agus ri a céile urramach tha co-fhaireachdain againn, agus dochas gum bi iad air an neartachadhs air an comhfhurtachadh an àm an fhiosrachaidh agusna trioblaid.

LUCHD-IMRICHThainig dlùth air coig ceud mile sluaigh air imrich do na Staidean air a bhliadhna dhfhalbh, agus da fhichead us coig mile do Chanada. Chaidh mu cheithir mile dhe na rainig na Staidean, agus mu shia ceud dhe na rainig Canada a thilleadh air an ais; cha robh iad air am meas freagarrach mar luchd-àiteachaidh air an taobh so dhen chuan. Chaneil na Staidean, o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, a toirt cuireadh blàth sam bith do luchd-imrich, ach tha iad a dhaindeoin sin a tighinn nan ceudan mile. Tha Canada, air an laimh eile, gle dheonach dachaidh a thoirt do àireamh mhor den t-seorsa cheart, ach tha i gu ruige so a faotainn doirbh an tàladh a nall.

AN t-EILEANAIR CHALL-Mu mheadhon a mhios a dhfhalbh, bhrist an càball a tha eadar Eilein a Phrionnsa is tir-mor, agus fad thri seachdainean cha robh dòigh air fios a chur air falbh no fhaotainn ach leis na bàtaìchean a tha ruith, dòigh a tha aig an àm so fadalach agus gle mhi-chinnteach. Bha na h-Eileanaich fad na h-ùine singm faireachadh fein gu mor air challs air leth on t-saoghal. Ach tha an càball anise air a chàradh agus an t-Eilean cho furasda ruigheachd leis antelegraphri àiteachan eile. Tha Marconi ag radh nach biodh e duilich sam bith an t-innleachd ùr aige fein a chur air obair eadar an t-Eilean agus tir-mor, agus tha aon ni cinnteach, nach cuireadh sruth làidir no deigh mhor dragh air am feasda.

NEW ZEALANDDILEASTha fios a thainig aNew Zealandag innse gu bheil còrr us mile duine deiseil air son falbh do chogadh Africa mu dheas. Thainig an àireamh mhor so an aon latha do bhaile Wellington gus iad fein a thairgse, agus bha moran a bharrachd orra ann an cearnan eile dhen dùthaich do nach robh e comasach a bhi cruinn, ach a tha lan thoileach falbh cho luathsa chuirear fios orra. ’S i so an t-ochdamh reiseamaid a thaNew Zealanda cur a chuideachadh an airm Breatunnaich ann an cìsneachadh nam Boereach, ged nach eil ach mu sheachd ceud mile sluaigh anns an dùthaich. Ged a tha mu ochd uiread sin de shluagh ann an Canada, chaneil an dùthaich so ach a nise cur air falbh a ceathramh reiseamaid. Ach ged nach robhas ag iarraidh air son na reiseamaid ach naodh ceud duine, bha suas ri ceithir mile gan tairgse féin.

A CHEUD CHRUAIDHBha a cheud làn fùirneis de chruaidh air a leaghadhs air a thilgeadh aig an obair-iaruinn oidhche Di-màirt sa chaidh. Tha sinn a tuigsinn gu robh i cho mathsa bha duil a bhitheadh i, agus tha ceannardan na h-obrach glé riaraichte leis mar a chaidh leotha air a cheud ionnsuidh. An ùine ghoirid bithear a cur cruadhach air falbh gu margaidhean an t-saoghail, cho math ri iarunn.

FLUR CANADACH DON ARMTha an Riaghladh Breatunnach an deigh cur a dhiarraidh mile tunna fhlùir do Chanada-air son feum an airm ann an Africa mu Dheas. Bha còrr is mile tunna air a cheannach ann an Canada roimhe so air son an aobhair cheudna. Bha mar sin còrr is da mhile tunna air a chur dhionnsuidh an airm de fhlùr Chanada, no an tomhas air an eòlaiche sinn, fichead mile baraillte.

LATHA NOLLAIGCha robh an Nollaig cho fior thoilichte ann an sosa bha dùil a bhitheadh i. Dhfhalbh an sneachda Di-màirt, agus bha an oidhche fliuch, stoirmeil. Bha latha Nollaig na bu bhriagha; bha an t-sìde tioram, ach cha robh rathad ceart carbaid no sleigh ann. Bha seirbheisean anns na h-eaglaisean Caitliceach agus Sasunnach, agus bha an latha, leis a mhor chuid, air a chur seachad gu sàmhach, socair.

AN SGIORRADH ABHAISTEACHFaisg airBridgewater , N. S. ,bha ceathrar bhalach air am bàthadh le dhol troimhn deigh air an abhainn air an robh iad a cluich. Bha an deigh ro thana agus bhrist i fodhpa. Tha moran sgiorraidhean dhen t-seorsa so a tachairt gach toiseach geamhraidh, agus chan eil teagamh nach biodh cuid dhiubh air an seachnadh nam biodh pàrantan na bfhurachaile air an cloinn na tha a mhor chuid dhiubh.

TOMHAS MOR GUAILAir a bhliadhna tha nis air criochnachadh, chuireadh seachd ceuds leth cheud us aon mhile (751,000) tunna guail os cionn talmhainn aig Mèinn anReserve .Thatar ag innse dhuinn gu bheil so a toirt bàrr air an obair bliadhna bfhearr a rinneadh riamh ann an aon mhèinn an cearna sam bith dhen t-saoghal. Chuireadh a mach á meinnean Cuideachd a Ghuail uile gu leir da mhilleins ceithir cheud mile tunna re na bliadhna, mu shia ceud mile tunna bharrachd air na chuireadh asda air a bliadhna roimhe sin.

MAC-TALLA MAR GHIBHTCha burrainn dhut gibht bu luachmhoire no a bfhearr a chordadh riutha a chur gu caraid no bana-charaid na bliadhna dhen MHAC-TALLA. Moran dhe na gibhtean a bhithear a toirt seachad mu àm na Nollaigs na BliadhnUire, chan fhad a mhaireas iad, agus bidh an toileachadh a bheir iad dhaibhsan a gheibh iad an ùine ghoirid seachad. Ach MAC-TALLA, bidh e gan ruigheachd gach darna seachdain, ag ùrachadh do chairdeis dhaibh agus a cumail toileachaidh riutha gu ceann na bliadhna.

ABHREACTha a bhreac fhathast pailt ann an caochladh chearna de Chanada agus de na Staidean. Ann am baileSt . John,tha i air dlùth air fichead a thoirt air falbh, agus chan eil i cuibhteas am baile. An deigh so, feumaidh muinntir a bhios a falbh no a tighinn as na Staidean a dhearbhadh le teisteannas lighiche gun deach a bhreac a chur orra o chionn ghoirid. Mur urrainn dhaibh sin a dheanamh, bidh i air a cur orra air an trein no air a bhàta air am bheil iad a gabhail an turuis. Tha e gle iomchuidh gum biodh gach dichioll air a chleachdadh a chum casg a chur air an euslaint chunnartaich so.

TEINE AIG A PHIERBha da thaigh air an losgadh aig Whitney Pier tràth maduinn Di-luain sa chaidh, aon le P. J. Carlin, agus aon leMrs Livingstone.Thoisich an teine beagan an deigh aon uairsa mhaduinn, agus mun dfhuaireadh na h-innealan a thoirt a null bha an teine cho fad air adharts gun deach na toglaichean a losgadh gu làr. Bfhiach iad mu cheithir mile dolair, agus bha da mhilair fhichead de dhairgead-urrais orra. A bharrachd air call an taighe, chaill Mr Carlin da mhiles tri cheud dolair a bha aige ann an drathairsan stor, airgead a fhuair e staigh feasgar Di-sathairne an deigh do na bancaichean dùnadh. Thatar a deanamh a mach gum be teine chur ris an stòr a rinneadh, co-dhiu chaidh an t-airgead a ghoid no a losgadh, chan eil dòigh a nis air fios fhaotainn.


Duthaich is Baile,

(Oban Times) .

Aig an am so don bhliadhna bidh smuaintean mu na seann dachaidhean aruith troimh eanchainn ioma fear is aig an taigh is thairis, air dùthaichsam baile. Troimh na smuaintean so tha snathan co-fhaireachdaingan nasgadh fein mu chridheachan nam miltean a tha craobh-sgaoiltes na laithibh so feadh ceud cearnan cruinneachd nam Breatunnach. Tha clanna nan Gàidheal mar so air dùthaichs am baile; aig an tigh agus thairis: ach anns gach cearn anns am faighear iad bidh seann spiorad an duthchais ag iadhadh man anman. Cha dhì-chuimhnich am fear a tha ann am mòr fharsuinneachd Chanada am bràthair a tha ann an eilean Bharra; agus bidh run-diomhair na h-òighe udan eilean no air morthir adol a mach mar dhealan an déigh nam muinntir ghrinn ghaolach dhana a chithear ann an Africa, ’an Australia, ’anNew Zealand,agus anns na h-Innsean agus anns gach àite sear is siar, tuath is deas. Tha cridhe an athar is na màtharan sàs anns na dhfhalbh. Ach tha e mar an ceudna fior gum bheil fior ghaol cridhe na dhfhalbh ann an coicheangal diomhair ris na freumhan duineil is beathail às an dfhas iad gu bhi mar tha iad uile an diugh. Mun àms an ruig am paipeir so lamhan nam feadhainn a tha fada as ann an tìrean cein bidh na Gàidheil aig an tigh agus air dùthaich acuimhneachadh le tairiseachds achridhe agus le deòir anns na suilean orrasan a tha fad air falbh; agus bidh guthan diomhair an anaim aruith o thir gu tir, is o bhaile gu bhaile ag asluchadh bliadhna mhath ùr do chach a chèile.


Moran ann am Beagan.

Chan fhaic fear-turuis anns an Roinn-Eòrpa ni as motha dhùisgeas a smuaintean na clach chaol ghraineal a tha na seasamh taobh an rathaid, faisg air baile Wilna, air crioch an iar Ruisia. Tha sgriobhadh anns a chainnt Ruiseanaich air gach taobh dhen chlaich. Air an taobh a tha ris an aird an iar tha na briathran so: “Anns a bhliadhna 1812 ghabh Napoleon Bonaparte an rathad so le 410,000 duine.” Agus air an taobh eile ris an airden ear tha na facail so: “Anns a bhliadhna 1812 thill Napoleon Bonaparte an rathad so le 9,000 duine.” Tha eachdraidh an turuis-chogaidh bu mhi-fhortanaiches bu sgriosaile air an deachaidh ceannard airm riamh air a h-innseadh anns a bheagan fhacal so.


SEONAID NIC-LACHLAINNTha abhan-òranaichainmeil so aig an àm ann an Canada, a cumail choinneamhan-ciùil anns na bailtean anns am bheil Gàidheil a còmhnuidh. Is ban-Ghàidheal Nic-Lachlainn, tha a Gàilig fior-ghlan, agus seinnidh i na h-òrain Ghailig mar nach seinn te sam bith eiliad. Fhuair i a h-àrach anns an Oban, agus bi acheud bhan-òranaiche a chaidh fa chomhar sluaigh Bhreatuinn le òrain a dùthcha. Tha a guth cho binn, agus a seinn cho drùighteachs gun do coisinn i dhi féin an t-ainmBanrigh nan Oran Albannach.” Anns a bhliadhna 1892 chaidh a cuireadh do Chaisteil Bhalmoral, farn do sheinn i òrain Ghailig agus Beurla Albannach fa chomhar Banrigh Victoria. Tha sinn an dochas gun toir Gàidheil nan Roinnean Iochdrach cuireadh dhi tighinn nam measg air a gheamhradh so. Ma bheir, tha sinn làn chinnteach nach gabh iad aithreachas.

Ge beag an t-ubh thig ian as.
Ge fadan duan, ruigear a cheann.
Ga dubh a cheann, ’s geal a chridhe.
Ge math an gille càm, cha fhritheil e thalls a bhos.

Gheibh burraidh barrachd coire nas urrainn duine glic a leasachadh.



[158]

[Vol . 21. No. 10. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 155).

tha chuimhne agad air, dhiarr mi ort an dorus a dhunadh an uair a dhfhalbhadh tu, agus cha drinn thu mar a dhiarr mi ort. An uair a fhuair an droch spiorad an dorus fosgailte, thainig e steach, agus chuir e an aisling udnam cheann, agus ged a bha i gle thaitneach aig an am, thug i mi-fhortan mornam rathaid an uair a dhuisg mi. Air an aobhar sin, is tusa, a chionn nach do dhuin thu an dorus, bu choireach gun drinn mise gniomh cho olc ri mo mhathair a bhualadh. Dhfhaodainn a bhith air a marbhadh (tha naire orm an uair a smaoinicheas mi air) gun aobhar sam bith aon a chionn gun robh ig radh gum bu mhi a mac, agus a chionn nach aidicheadh i gum bu mhi Ceannard nan Creidmheach, mar a bha mi fhin a creidsinn agus acumail am mach ris na h-uile. Is tu bu choireach ris na rinn mi de dholc air na coimhearsnaich an uair a thainig iad a steachnan ruith gus mo mhathair a thoirt as mo lamhan. Cha tachradh dad dhe sidnan robh thusa air an dorus a dhunadh an am dhut falbh mar a dhiarr misort. Cha tigeadh iad a steach do mthaigh gun mo chead: agus, rud a tha cur moran a bharrachd draghorm, cha bhiodh fhios aca air mamaideas. Cha bhiodh aobhar again air am bualadh gus mi fhin a theanacsa uapa; agus cha chuireadh iad ceangailte don taigh-chaoich mi far an robh mi faotainn fichead buille le slait a h-uile latha.”

Dhinnis Abon Hasan an naigheachd so don righ le dealas is durachd mhor. Bha fhios aig an righ air a h-uile dad a thachair na bfhearr na bhaig Abon Hasan fhein, agus bha e anabarrach toilichte gun deachaidh achulaidh-spors a bha edeanamh cho math leis. Agus cha burrainn e gun ghlag mor gaire a dheanamh an uair a chuale an doigh shaor, neochiontach anns an dinnis Abon Hasan dha mar a thachair.

Bha Abon Hasan an duil gum bu choir truas a bhith aig na h-uile ris an uair a chluinneadh iad mar a dheirich dha, agus air an aobhar sin, bha fearg air ris an righ a chionn e dheanamh gaire.

An e gum bheil thumagadh orm, agus adeanamh gairenam aodann, no a bheil thucreidsinn gum bheil misemagadh ort fhein an uair a tha mig innseadh na firinn dhut? Ma tha thug iarraidh dearbhaidh gur en fhirinn a tha mig innseadh dhut, seall ann an so, agus chi thu gum bheil mig innseadh na firinn dhut.”

An uair a thuirt e so, chrom e, agus leig e ris a ghuaillean far an robh larach nam buillean a fhuair e leis an t-slait anns an taigh-chaoich.

Cha burrainn an righ gun uamhas a ghabhail an uair a chunnaic e na h-athailtean a bhair guaillean Abon Hasain. Bha truas aige ris, agus bha doilghios air a chionn gun deachaidh e cho fad sid air aghart leis achulaidh-spors. “So, so, eirich, a bhrathair,” arsesan, agus e breith air Abon Hasan gu cridheilna ghairdeanan; “biomaid afalbh don taigh agad fhein, agus biomaid gu cridheil, sunndach maille ri cheile anochd; agus am maireach, mas a toil Dhe e, bidh a h-uile gnothach ceart.”

A dhaindeoin nam mionnan a thug Abon Hasan nach leigeadh e aon choigreach an dara uair da thaigh, cha burrainn e cur an aghaidh an righ, ged a bha en duil fad na h-uine gur e marsanta de mhuinntir Mhosuil a bhann.

Aontaichidh mi leat,” arsesan, “ma bheir thu do mhionnan gun duin thun dorusnad dheigh a chum nach fhaigh Satan a steach gus mo cheann a chur troimh a cheile mar a rinn e roimhe.”

Gheall an righ gun deanadh e so; agus an sin dhfhalbh iad le cheile don taigh aig Abon Hasan, agus seirbhisich an righ afalbhnan deigh.

Gus toirt air Abon Hasan an tuilleadh earbsa a chur ann, thuirt an righ ris: “Cuir dearbsa annamsa. Tha migealltainn dhut air monair gun cum mi ri mfhacal. ’Na dheigh so, cha ruig thu leas teagamh a chur ann an duine mar a tha mise, aig am bheil toil sonas is soirbheachadh a thoirt dhut, agus chi thu sin fhathast.”

Chaneil mig iarraidh dad dheleithid ort,” arsAbon Hasan, agus e cur stad air an righ. “Tha mig aontachadh gun dean mi mar a tha thug iarraidh orm; ach chaneil iarraidh sam bith agam air cuideachadh fhaotainn uat, agus tha mi guidhe ort, ann an ainm Dhe gun an corr a radh ma dheidhinn. Dheirich a h-uile mi-fhortan a thainignam rathad, araon o na deadh ruintean a bhagad do mthaobh, agus on dearmad a rinn thu air an dorus a dhunadh.

Rinn an righ gaire, agus thuirt e: “Mas ann mar sin a tha, biodh e mar sin fhein; tha mi gealltainn dhut nach dean mi dad air do shon.”

Is math leam gun dinnis thu sin,” arsAbon Hasan; “chaneil mig iarraidh dad ort. Bidh mi gle thoilichte ma chumas tu ri dfhacal, agus bheir mi mathanas dhut air son a h-uile rud a rinn thu orm.”

(Ri leantuinn).


Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH, —Tha rùn orm air an oidhche nochd beagan a sgriobhadh anns a chànain so, ged a tha mi làn-chinnteach nacheil e mar fhiachaibh orm sin a dheanamh air an àm so, agus ma dhfhaoidte gu bheil e gle mhi-mhodhail dhomh a bhi sgriobhadh an dràsd. Carson, mata? Gabhaidh am fear-deasachaidh mo leisgeul nuair a dhinnseas mi dha nach tug e àite don litir mu dheireadh a sgriobh miga ionnsaidh ann an September sa chaidh. Chosg mi roinn mhor den ùine bu chor domh a bhith na mchadal ga sgriobhadh agus ga cur an ordugh. Tha mi làn dhearbhte gun do rainig i an oifis, agus mur bithinn mar sin cha ghabhainn cho dona nach robh suim air a thoirt di.

Ach mar thubhairt am fear eile— “Feuchaidh sinn a rithist e, agus mar faigh i àite chan urrainn mise an corr a dheanamh ach sgur.” Ach tha mi an dochas gun tig mo litir am mach fhathastsa MHAC-TALLA, ged tha i cho fada am measg nam paipearan a tha air son an losgadh. Tha mi faicinn gu bheil am paipear a nis air a chur am mach uairsan da sheachdain, agus leis a sins gann gun tig mo litir-sa am follais ann air a bhliadhna so, oir tha i tighinn gu crich gu math luath.

Chaneil moran de naigheachdan agam air an àm so, ach an seorsa tha agam bheir mi seachad iad gu toileach. Chaneil mi math air son a bhi toirt seachad phort, mar tha Mac Uisdean coir, oir cha do ghabh mi suim mhor sam bith dhiubh riamh. Ged bhios mi air uairibh a feuchainn a bhi seinn do ghrunnan beag de Ghaidheil air Di-domhnaichs an eaglais, agus ged is gle thoigh leotha puirt a chluinntinn, cha bu mhath leotha an cluinntinnsan eaglais air na Sàbaid no air latha sam bith eile. Ach tha àm is àite aig gach ni.

Dhfhalbh am foghars an samhradh, agus tha nis againn stoirmeannan a gheamhraidh. Thainig an sneachda gle thràth am bliadhna. Bha deagh rathad sleighe againn fad thri seachdainean air ais, ach air an lathan diugh dhfhalbh e cha mhor gu buileach.

Tha biadh spréidh gle ghann air a bhliadhna so, oir bha am bàrr gle ghoirid air an fhoghar so. Tha na prisean gle àrd air gràn do gach seorsa. Tha coirce 45c. am buiseal, peasair 80c., eorna 50c., cruithneachd 70c., feur $10 .00 an tunna, agus mar sin sios. Tha crodh a creic gu math saor aig rupaichean— $15 .00 gu $20 .00 an ceann.

Tha cruinneachadh mor gu bhi aig Comunn nan Gaidheal anns a bhaile so da sheachdain on nochd, agus tha fios gum bi comhdhail cridheil aca air an oidhche sin.

Tha bliadhna eile gu tighinn gu crìch. Agus is iomadh duine bha beò, slàn, fallain air latha na bliadhnùire sa chaidhtha air a bhliadhnùir so nan sìneadh a cnàmh san duslaich. “Tha smùdan fhein os ceann gach fòid,” ’s mar sin tha ionndrainn fein aig gach neach, oir cha mhor tha beò nacheil trioblaid air choireigin aca, le tinneas no le bàs. ’S mor do luchd ar n-eòlais a chaidhthoirt air falbh leis a bhàs fo cheann sia miosan, sean agus òg. Agus mar thuirt fear na laoidh

Tha sean is og a dol sios don uaigh,
Air lags air laidir tham bàstoirt buaidh.”

Tha bochd is beartach air an leagadh sios taobh ri taobh, aguss e an aon seorsa duslaich thag an comhdach. Nuair a theid sinn a choimhead airbaile nam marbhagainnsa bhaile bheag so, ’s iomadh leac ùr tha ri faicinn a chaidh a chur an sin air an t samhradh so. Dheug Uilleam Domhnullach (Uilleam beag) o chionn da sheachdain. Rugadh e ann an Uidhist o chionn ceithir fichead bliadhna agus a tri. Tha deich bliadhna fichead on thainig e don bhaile bheag so. Dheug a nighean air an t-samhradh sa chaidh.

Tha obair mhorcementa dol air aghart ann am baile Durham, deich mìle an iar air so. Chaneil a leithid ann an Canada gu léir. Cosgaidh an obair mu mhillein dolair mun teid a criochnachadh. Tha e toirt moran obrach do dhaoine air a bhliadhna so.

Tha mi duilich a chluinntinn nach robh am fear-deasachaidh gu math fad ùine. Ach tha sinn an dòchas gum bi e gu slàn, fallain na dheigh so, agus gum bi e gu sunndach air son MAC-TALLA a chur am mach aig an àm shuidhichte.

Tha mi nis a dol a sgur. A guidhe don MHAC-TALLA agus da leughadairean uile Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ur.

Is miur caraid,
IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville ,Desember 13, 1901.


Geamhradh reòdhtanach, Earrach ceòthanach, samhradh breac-riabhach, ’us Foghar geal grianach, cha dfhàg gorta riamhan Alba.

Ged a bhiodh bean an taighe lachdunn, —nam biodh i maiseach mun bhiadh!

Glòir mhoran colainn bhig
Greim fadan tàilleir leisg.


Airneis Taighe
MAR
Ghibhtean Nollaig
Gheibh thu anns an stor againne na riaraicheas tu. Tha stoc mor againn air ur cheannach dhe gach seorsairneis, moran dhiubh a bhios gle fhreagarrach mar ghibhtean. Gheibh thu luach mor air pris bhig.
Gordon & Keith,
Sidni, C. B.
A . T. GRANT, Mgr.



[159]

[Vol . 10. No. 21. p. 7]

Bithidh gach Ni mar is Aill le Dia

A RIS an uair bha ar n-Aithrichean adeanamh aoraidh do Dhia fo shamhladh na greine, bha iad ameas gum bu choir, an toiseach gach ni, cursa na greine a leantainn, agus thainig achleachduin agus a chainnt a nuas gar latha fein: “Deiseal air gach ni;” “Car tuathal t-aimhleas.” Tha Sean-fhocail den aon teagasg lionmhor: “Chaneil neach gun latha;” “Chaneil tuil air nach tig traoghadh;” “Chaneil carraig air nach caochal sruth;” “Is tric a bha craiceann an uain air achleith cho luath ri craiceann na caorach.” Chan iarradh am fear a bu déine air taobh saorsa na toile focail a bu fhreagarraiche na iad so a chum a bheachdan a chur an ceill. Ciod, ma ta, a their sinn mu na nithean so? Abheil teagasg ar Sean-fhocail air a phuinc so, mar bha bata fiar Dhughaill Buchannain, “an aghaidh a cheile? ’S i mo bharail gu bheil. Mun cuairt air a cheist tha dorchadas tiugh. Bheachdaich ar n-Aithrichean air achuis gu geur. Bha iad trics a chrann; ach bhan ceò domhail, agus ciod an t-ioghnadh ged theireadh fear gur feannags fear eile gur e fearann a bhas an t-sealladh. Saoilidh mi gun aidicheadh achuid a bu ghlice dhiubh gun robh iad an so aghaidh ri aghaidh ri diomhaireachd mhoirnach robh iad afaicinn achgu dorcha tro ghloine:” ach gum feitheadh iad gu foighidneach ris an àm anns an aithnicheadh iad mar bha aithne orra, a creidsinn, gu h-iriosal ach gu durachdach, an traths’, gumbi gach ni mar is aill le Dia.”

THA DIA FIOR, CEART, MAITH. —Tha dha-dheug dar Sean-fhocail anns an dfhuair mi ainm an Uile-chumhachdaich. ’S ann le urrams le soluimteachd chubhaidh a gheibhear an t-Ainm naomh air a luaidh. Agusse maitheas, firinn, ceartas a gheibhear co cheangailte ris an Ainm. “An ni a gheall Dia, cha mheall duine;” “Thig Dia ri aircs chan aire an uair a thig;” “Is gearr gach reachd ach riaghailt Dhe” —agus mar sin sios. An uair a pheacaich Daibhidhs a bha en teinn mhoir, roghnaich e tuiteam an lamhan Dhe seach an lamhan Dhaoine. Nach maiseach a tha co-ionann peacach agus co-ionann earbsas an da Shean-fhocal Ghaidhealach: “Tuislichidh an t-each ceithir-chasach;” “Cha dubhairt Dia na thubhairt thu.”

Tha mismuaineachadh gun aidich an Leughadair gur airidh ar Seanfhocail air aires air meas nacheil iad afaotainnn ar latha-ne. Gheibhear fiosrachadh earbsach annta mu bheachdan ar Sluaighs an àm a dhfhalbh. Gheibhear teagasg annta dan dthug daoine treuna umhlachd. Toillidh an earailean, am beachdan, ’s am firinnean urram uainne airson an aois, am maise, ’s an gliocais. Bha suil ar n-Aithrichean, ma dhfhaodte, ro thricn an deigh. Is còir dhuinne sealltainn air ar n-aghaidh ar dleasdanas. Gheibh sinn ar barantass an t-Sean-fhocailLeintean farsuing do na leanabaibh òga.” —Highland News.


Duanag

Do Sheonaid Nic-Lachainn, le Domhnall Mac-Gillemhaoil am Priceville, ogha do Dhomhnall Cubair a bhan Tiriodh.

LUINNEAG.
Ho ro, gur h-e an solas,
Ho ri, gur h-e an solas
Bhithg éisdeachd ris an og mhnaoi
As boidhche guth cinn.

Bu sholasach an raoir sinn,
S Nic-Lachainn ghasda seinn duinn,
Mar smeorach am bàrr craoibhe,
Gu h-aoibhneach, deas binn.

Gun dug i dhuinn na h-orain
A chuala sinn nar n-oige
Sa chainnt a bhaig na seoid
A bha comhnuidhs na glinn.

Bu shiubhlach blasda Ghaidhlig
A tighnn bhobilibh àlainn;
S ged chumadh i gu sinn,
Chan fhàsamaid sgith.

Am fear sin a bha comhlrith’,
Buchanan modhail, foghluimt’,
Bu mhath e ri uchd orgain;
Bha ceol ann guchridh’.

Bha cridhe gach fior Ghaidheil
Gathàladh leis a mhàldaig
A thainig oirnn thar sàile
Le dàin na mor bhrigh’.

Achs duilich leam ri ràitinn
Gun robh na Goill ri cànran,
S a di-moladh na cànain
As fearr tha san tir.

S en t-aineolass an t-àrdan
A chuir iad mar a bha iad:
Co choimeasadh an dàin-san
Bi bàrdachd mhic Fhinn?

Bha deagh Mhac-Artair comhlruinn,
S bu mhaiseach esa chomhlann;
S fear tuigseach, measail, coir e,
S gun fhoghluin gadhith.

Gun robh Mac-Fhionghain uasal
Gu dileas ri ar gualainn;
S bu bhinne leis na chuale
Na duan o bhrugh sith’.

Bham Moireach cuimir, dàicheil,
Toirt ghreisean, mar a bàill leinn,
Air ceol nan gaisgeach sàr mhath,
Ceol àghmhor na Piob’.

Bha othail mhor gu leoir oirnn
Nuair chruinnich sinn san t-seombar,
S a choinnich sinn an og bhean
Bu bhoidheach glan lith.

Is ann bhan crathadh làmh ann
Nuair bhruidhinn sinn sa Ghaidhlig:
Bu chridheil i, ’s bu chàrdeil,
S be h-àbhaist a bhith.

Mo ghuidhe dhi buan shlàinte,
S a guth a bhith mar bha e,
Thoirt urram do na Ghaidhlig
S gach àits am bi i.

Fhuair misan t-oran so bhon fhear a rinn e. Thuirt e rium an rud a thograinn a dheanamh risa chur gu MAC-TALLA neo chur san teine. Air eagal agus gum faigh na Goill ann an Durham am mach brigh an t-seachdaimh ceathramh, is coir dhomh aideachadh nach robh an ceathramh sin anns an oran mar a thàinig e gu mlaimh-sa. Chan fheil mi ag iarraidh gum biodh uaislean a bhaile mhoir ann an diomb ri Domhnall.

GLEANN-A- BHAIRD.


Tha curam mor orm mu Sheoras,” ars an seann duines e labhairt richaraid mumhac féin, a bha car aotrom. “Tha eagal orm gu bheil e dol air seacharan. Tha e air fàs gle mhi-rianail na dhoigheannan, agas cha dean na their mise ris drùghadh sam bith air. Cha ghabh e ach comhairle nan amadan. Bfhearr leam gum bruidhneadh tu fhein ris.”


Posadh.

Ann an Ashville, C. B., air a 24mh latha de Desember, 1901, leis an Urr. Alasdair Ros, Donnachadh M. Mac Fhearghais agus Mairearad Nic Gilleain, le cheile mhuinntir Ashville.


Nollaig Mhath don Each!

[Dealbh]

Tha an Nollaig cho toilichte leis an eachsa tha i leat fein, nuair a tha e air a dheagh uidheamachadh le acuinn a tha freagairt dha gu comhfhurtail. Co-dhiu tha acuinn throm no aotrom a dhith ort, paighidh e dhut a ceannach uainne.

Tha gach seorsacuinn a tha againn laidir agus buain; mar an ceudna na Sleigheachan, na Béin, na Cluig, na Bratan, agus na Cuipichean, dhem bheil againn seorsachadh eireachdail.

Tha na prisean againn daonnan ceart. Taghail oirnn airneo sgriobh ugainn.

F . Falconer & Son,
SIDNI, C. B.


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m.Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAR.

[Clàr - ama]


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE,
Traffic Manager.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[160]

[Vol . 10. No. 21. p. 8]

Oran air Cuairt na Bliadhna.

LE MAOL-CALUM MAC GILLEMHAOIL.

An àm dhomh eirigh madainn Mhàigh,
S a ghrian air aird ag oradh,
Na gnuis tha bàigh, ’s tha buaidh na blàths,
Toirt cliu don ràithe thoisich.
Bheir samhradh fàs, ’s bheir foghar làn,
A dhfheitheamh trath na reodhtachd
A ghlaiseas sàs gach ni san làr,
As éideadh bàn ga chomhdadh.

Thig geamhradh buaireasach mun cuairt,
Theid Phoebus ruaig air falbh bhuainn;
S gum beuc am fuachd on àird a tuath,
S bidhn iarmailt gruaim is coig oirr
Sgiursadh nuas a ghailbhinn fhuar,
Le caithream luaths le stoirmibh,
S bidh choillri fuaim, le gaillion chruaidh,
Mar neach le buaidh gasgealbadh.

Thig tùs an earraich, faoilleachs gearran,
S tuath fo ainnis cràiteach;
Bidh spréidh gan crannadh, fuachd gam feannadh,
Gruaim as greannag bàis orr’.
Bidh cuairt-ghaoth tional nuas na dheannabh
Fuar-shneachd bharr gach bràighe
Na dhuins na mheallaibh ris gach callaid,
Mar na beannaibh àrda.

Nach ciatach, taitneach gniomh na feart,
A teachds gach deireadh Màirt oirnn,
A choill gun aire gun taom a mach
Ma bheirear ealp na h-earlinn:
Mar uisge glas ga chuirsa phras,
Is teine bras ga thràigheadh,
A chinneas pailt, cho milis blas
Ri mil nam beachaibh gàraidh.

Ben t-éibhneas leam bhig éisdeachd fuinn
Gach ian, le chiùin-ghuth àluinn,
Air gheugaibh cruinntoirt sgeula dhuinn
Gun thionndaidh cùrsa bhlàths ruinn.
Gun theann a ghrian a nall ri triall
Gu h-iochdmhor, tiorail, gràsmhor,
Us theid am fuachd air fuadach cian,
A mheabh gach feurus fàsach.

Am mios a cheitean bidh an spréidh
A tighinn air ghleus gu comhrag,
An deigh gach annradh fad a gheamhradh
Ann an gainntir comhla;
Gach fuachdus eire neamhail, reubach
Bhios bhon speur a dortadh,
A bhi ga staladh ris gach caithream
Thig bhon ghaillion reodhta.

Bidhn t-àl og gu cùirteil, boidheach,
Uallach, ordail, greannar,
Gabhail spors air reidhlean feoir,
Ri leumraich bheos ri deann ruith;
S iad sud am por as taitneach doigh,
Gun ghniomh, gun leon, gun champar,
Gun ghainnair lon, ’s e pailt gu leor,
Cur sultus treoir fo mantail.

S na trathaibh ceart thig drobh nam mart
An ordugh steach don bhuaile,
Len ùthaibh làn le sùgh an làir,
Tha toirt daibh càil is gluasaid:
Gu tarbhach, biadhchar, beartach, fiachail,
Pailt ri dhiols gach uair e,
Gu h-ìmeach, blàthach, gruthach, càiseach,
S feartan àigh dhan t-sluagh e.

A shamhraidh ghrianachs taitneach fiamh,
Gu bliochdar, biadhchar, soghail,
Gach raonus sliabh gun teid fo rian,
Le obair gniomhach, ordail;
Bidh am por gu fial ga chur gu dian,
S ga thilgeadh sios á crogaibh,
As eich le riasgladh inneal fiaclach
Gus an siol a chomhdach.

Thig Og-mhios aghmhor, driuchdach, tlà,
Le frasan blatha, ciùine,
Toirt neart is fàs do phor an làir
Gu teach a n-àird bhon dùslainn:
Bidh barr bhuntàtgu bileach, spàgach,
Luirgneach, cràsgach, dùbh-ghorm,
S bidh clann le àdh, ’s falfuinn nan laimh,
A toirt a n-àird na h-ùir ris.

Nach boidheach, maiseach barr gach achaidh,
Le dhluth bhrat ga chomhdach,
A cinntinn bras fo iomlan dreach,
Gu glùmach, altach, domhail,
Gu ròmach, riasgach, trom le siol,
S a h-uile dias fo-lod deth,
A lùbadh sios, le boradh fial,
A dhordaich Dia gur comhnadh.

Mo riar, gun tig an àm na meas
Bhi siubhal liosus ghàradh,
S a gabhail ioghnadh as gach cuis
Tha ann an cùrsa nàdair,
Na bagailt plumbais, ’s gagain ùbhlan
Bhios an dluths na chràc-mheur,
Milis, sùghar, fallain, cùbhraidh,
Agus driùs ri blàths diubh.

Am mios nam buadh, gun teann an tuath
A mach gu luath nan drobhaibh,
Gu h-éibhinn, uallach, éutrom, guamach,
Fallain, fuasgailt’, ceolmhor,
A seinn nan duan as binne fuaim
Nuair ghoireas cuannal comhladh;
Bidh surd air buans air gearradh sguab
S gan tional suas nan croithean.

Cho luaths a chaoinicheas am bàrr
Gun tairnnear e na lodaibh
Air feunaibh carnach, piceach, spagach,
Le eich laidir, dhomhail;
Gun cinn gach pairc nan achadh fas,
Gun ni ach gearr bhun connlaich,
S bidh saibhlean lan, bho bhon gu barr,
S theid tuath gu tamh le solas.

S bidh ar n-urnuigh ghnath gach oidhchus làth
Toirt cliu don Ard-righdhordaich
Na feartaibh graidh tha beachd troin lar,
Chur neartus slaintnar poraibh;
Thoir dhuinn gach brath, cho fads than dail,
Bhi ag iarraidh grasus trocair,
Bhons tusa an Ti tha uile lan
Don leir ar cas an comhnuidh.


Oran don Chogadh Ruiseanach.

Tha mi a cur dur n ionnsuidh rann no dha de dhòran a rinneadh don chogadh Ruiseanach le Seumas Mac Isaic, a dheug o chionn àireamh bhliadhnachan air taobh a deas amhainn Mhira. Rugadh Mac Isaic ann an Uidhist mu thuath. Tha mi gle chinnteach gu bheil an t òran aig leughadair air choireigin dhen MHAC-TALLA. ’S math a bfhiach e a chumail air chuimhne. Rinn Mac Isaic òran no dha eile nach robh dad air deireadh air an oran so. Tha mi an dòchas gum faic mi an t-òran uiles a MHAC-TALLA an ùine gun a bhith fada. So agaibh, ma ta, na roinn mar a chuala mise iad:—

An Reiseamaid Dhubh chiatach,
Bha riamh oirre cliù,
Chuala mi gun dthriall sibh
Di-ciaduin a null:
Ma ruigeas sibh thall
Cha bhi maillanns a chùis,
Fàgaidh sibh an nàmhaid
S an àraich gun lùths.

Scots Greys,nan each aotrom
Bu shunndaiche ceum,
S fhada chaidh ur n-ainm
Bha na h-Albannaich treun!
Le ur claidhnean matha faobhair,
S eich aotrom nan leum,
Nuair thairnneadh sibh an lann
S iomadh ceann bhiodh gun fheum.

Tha Tearlachna nàdar
Gu h-àrdanach, borb,
Dileas don Bhànrigh,
An dràsda gu falbh,
A feitheamh ri seoladh
A null leis an arm;
Nuair ruigeas e tir
Gum bi an t-Iompaire marbh.

S bochd leam ur càradh
An dràsda ri fuachd,
Ri aodann na nàmhaid,
Gun bhàigh na gun truas,
Feuch am faigh iad fàth
Air an campadh mun cuairt,
Snuair a thig am blàths
Gum faigh iadsan an duais.” D.


Chan eil nas fhearr ann air son Ghibhtean Nollaig us BliadhnUire na
Cuarain
Tha iad againnena seorsachan as grinnes as fhearr a thas an duthaich.

Cuarain Bhlatha do na Mnathan75c., 90c., $1 .00, 1.50.
Cuarain de Leathar Mheann— $1 .00, 1.25, 1.50, 3.00.
Cuarain do na Fir75c., $1 .00, 1.25, 150.

Na dean Mearachd. Ruig Stor Bhrog
REDDEN
Ross Block
Sidni


Gibhtean Nollaig.. . ..

Chan fhacas riamh ann an Sidni uiread de Ghibhtean Nollaigsa tha aig an am so ri fhaicinn anns an stor againne: Uaireadairean, Slabhruidhean, Faineachan, Prionachan Broillich, Bucaill, Bracelets, Bruisichean, Cirean, Sgathain, Bataichean, Sgaileanan, Speuclairean, Gloineachan Sula, &c . So beagan de na nithean a tha sinn a sealltuinn, agus mun ceannaich thus coir dhut a dholgan amharc.

K . BEZANSON.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE COMPANY.
NOW
MANUFACTURERS & TEMPERANCE & GENERAL LIFE ASSURANCE Company

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, General Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULLIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


Uilleam K Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr

titleIssue 21
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla X No. 21. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page