[Vol . 10. No. 22. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 17, 1902. No. 22.
An Fheinn air a h-Uilinn.
II.
THA iomadh ni anns am faodadh cùisean a bhi na b’ fhearr na tha iad am measg Ghaidheal na h-Alba, ach tha dà ni gu sonruichte, ann am beachd na mòr-chuid de ’n t-sluagh, anns a bheil leasachadh gu mor a dhìth. ’S iad sin Am Fearann agus Cànain, Ceòl is Litreachas an t-Sluaigh. Is dòcha nach ’eil àrd no iosal, a muigh no aig baile, nach dùraichdeadh gu ’m biodh Sraithean is Glinn is Eileanan na Gaidhealtachd air an àiteachadh le sliochd a’ Ghaidheil na ’s cothromaiche na tha iad. Saoilidh mi nach ’eil Gaidheal an diugh beò, d’a rogha inbhe, nach dìt gu trom an sgànradh muladach a rinneadh air iomadh oighreachd ’s an àm dh’ fhalbh, agus gu sonruichte an dòigh anns an d’ rinneadh an iomadh àite, an sgaoileadh bochd. Ach nuair theirear na dh’ fhaodar, feumar aideachadh gu ’n robh an iomadh Eilean is Gleann, tri fichead bliadhna roimh so, tanachadh féumail. Cha robh comas aig na h-uiread de shluagh a bhi beò far an robh iad. Agus tha gun teagamh an diugh, ann an iomadh cearn de ’n t-saoghal, sliochd nam fògarrach làn-thaingeil gu ’n deachaidh an réiteachadh bronach a dheanamh. Ach dh’ fhalbh na dh’ fhalbh; agus is e glaodh mhòran ’n ar latha-no cothrom a thoirt daibh-san a dh’ fhan. Cha ’n ’eil ni eile air an do shocraich ar luchd-dùthcha an cridhe cho daingean ri faotainn air an ais do ’n fhearann a thugadh o’n aithrichean. Tha iad làn-dearbhta gur e so an còir, ’s gur ann leis an eucoir a tha e air a chumail bhuatha. Cha ruig sinn leas ioghnadh a bhi oirnn gu bheil iad de ’n bheachd so. Tha e nàdurra gu ’m bitheadh. Agus na ’n rachadh an Fhéinn a dhùsgadh, ’s gu ’m biodh na curaidhean de ’n aon bheachd d’ an robh iad ’nuair a chaidil iad, is dòcha gur ann air taobh an t-sluaigh a bhiodh iad, ’s a’ chéum so co-dhiù. Ach chinn còraichean ùra o linn na Féinne, agus cha mhòide gur ionnan beachd dhuinne Fianntan air Còir ’s air Ceart. Bidh mi air uairean a’ smuaineachadh gu bheil Gaidheil nam Bailtean-mòra car deas gu an comhairle a thairgse d’ an càirdean ’s d’ an coimhearsnaich a dh’ fhag iad ’n an déigh anns na Glinn, mu chùisean an fhearainn. Saoilidh mi gur e ar dleasdanas a h-uile comhairle ’s a h-uile cuideachadh is urrainn duinn a thoirt d’ ar càirdean ma chi iad cothrom air dachaidh a dheanamh far an urrainn daibh, le dìchioll, teaghlach a thogail ann an tomhas de chomhfhurtachd. Ach cha ’n iarrainn fhéin, air a h-aon, aon chuid air caraid no air coimhearsnach fuireach o bhliadhna gu bliadhna slaodadh ri gead thruagh de dh’ fhearann bochd nach beathaich ach fìor dhona bean no clann, bò no laogh, fhad ’s a tha an saoghal mòr fo cheann, Tha bàigh a’ Ghaidheil ris an t-seann dachaidh ro mhòr, agus tha dòchas gu ’m bi. Mar b’ àbhaist do ’n t-Siorramh Mac Neacail nach maireann a bhi ’g radh: “Am fear nach fhearr leis an t-àite anns an do rugadh e na àite eile fo ’n ghréin, bu chòir dha bhi air a bhreith an àiteigin eile.” Is ann le suil caraid, —seadh, caraid is dlùithe na bràthair—a sheallas tu air “a’ ghleann ’s an robh thu òg,” nuair a chi thu e, ’na làn-mhaise, air do chuairt shamhraidh. Agus nuair a thilleas tu do ’n Bhaile-mhor, cuiridh cuimhne na h-òige, rann a’ Bhàird, is toit a’ ghuail maise air a’ ghleann nach buineadh riamh dha. Tha dachaidh t’ -òige, a charaid, am measg nan nithean a bha, ’s nach bi gu brath tuilleadh. Is iarna ro dhuilich a réiteach ceist an fhearainn ’s a’Ghaidhealtachd. Tha mòran fearainn fàs, agus tha mòran dhaoine gun fhearann a’ sealltainn le sùil mhiadhail air, ’s ag iarraidh a bhi ann. Cho fhad ’s a bhios a’ chùis mar so cha bhi an sluagh toilichte, ’s cha bhiodh e nàdurra no freagarrach gu ’m bitheadh. Ach cha toil seilbh an fhearainn air ais an toileachas inntinn a bha anns na Glinn ’s an àm a dh’ fhalbh. Tha atharrachadh mòr air tighinn am beò-shlainte an t-sluaigh o chionn dà fhichead bliadhna. Feumaidh do bhràthair ’s a theaghlach iomadh goireas nach toir an seana ghleann seachad, ’s a thigeadh t’ athair ’s do sheanair as aonais. Agus tha a’ bhuil. Far a bheil an sluagh car comhfhurtachail cha ’n fhan an òigridh mu ’n t-seann dachaidh. Mu ’n gann a tha iad aig aois no aig spionnadh togaidh iad orra a shireadh dhachaidhean ùra. Tha so a’ dol air aghaidh o bhliadhna gu bliadhna air Ghalltachd ’s air Ghaidhealtachd, an Sasunn ’s an Albainn. Tha an dùthaich a lion beag is beag a’ dol ’na fàsach. Is e tha fagail cùis an fhearainn cho duilich a leasachadh ’s a’ Ghaidhealtachd gur anns na ceart àitean is neo-thoraiche ’s is neo-fhreagarraiche air tuath bheag is dumhaile an sluagh ’s is cruaidhe an glaodh air son fearainn. Is e ar dleasdanas-ne a dh’ fhàg an dùthaich ’s a thuinich ’s na Bailte mòra a bhi deanamh na dh’ fhaodas sinn gu cothrom fhaotainn dhaibh-san a tha anns na seann dachaidhean fhad ’s nach bi sinn ag iarraidh ana-cothrom dhaoine eile. Ach gus am faighear comas air tuilleadh farsuingeachd fhaotainn dhaibh, cha tig e gu ro mhaith dhuinne, saoilidh mi, a bhi a’ comhairleachadh dhaibh deanamh mar nach d’ rinn sinn fhéin, fuireach far a bheil iad, ag éisdeachd ris a’ ghaoith gus an traoigh na h-uisgeachan. Tha an cothrom so, taing do ’n Fhreasdal, r’a fhaotainn ann an tomhas mar tha, agus ’s e ar dùrachd gu faighear e fhathasd na ’s motha ’s na ’s fhearr. Ach is ann, uidh air n-uidh, fo reachdan cothromach ’s i fo riaghailtean freagarrach a nithear Ceart is Còir ’s a’ cheum so. Cha ’n e Spiorad na Féinne a réiticheas cùisean an fhearainn ’s a’ Ghaidhealtachd.
Tha cliù is còir a Chànain ’s a Chiùil gu ro mhòr am beachd a’ Ghaidheil nuair a tha e ag iarraidh an Fhéinn a làn-dhùsgadh. Anns an t-seann aimsir bha cliù na Gàidhlig ro àrd. Ma bha an Fhéinn riamh ann, b’ i a’ Ghàidhlig an cainnt. Co-dhiù cha b’ i a’ Bheurla i. Bha tìm nan Curaidhean seachad iomadh linn mu ’n do rugadh a’ Bheurla. Cha ’n ’eil fhios againn cuin a thainig an t-seana Chànain do na crìochan so. Bha i siùbhlach iomadh ceud bliadhna mu bheil Eachdraidh nan Rioghachdan so a’ tòiseachadh. Ach tha làn chinnt againn,
Gur h-i labhair Pàdraig an Innis-Fàil nan Rìgh,
’S am Fàidh naomh sin Calum caomh an I.
Agus a thuilleadh air sin tha dearbhadh againn gu robh a’ Ghàidhlig cha ’n ann a mhàin air a labhairt ach air a sgrìobhadh an Eirinn ’s an Albainn o linn Phàdraig is Chalum-chille. B’ e cliù nan Gàidheal, nuair a bha Cinnich eile ag amharc sìos air an Cànainean fhein, ’s a’ sgrìobhadh an cuid Eachdraidh ann an Laidinn ris nach éisdeadh seana mhadadh Ròmanach ach le tàir, gu ’n do sgrìobh iadsan am Bàrdachd ’san Seanachas ’n an cainnt fhéin. Tha a’ chuid mhòr de na seann Leabhraichean Gàidhlig a dhìth gu bràth, ach anns na tha fhathast maireann diubh tha aig a’ Ghàidheal dìleab is luachmhoire na tha aig Cinneach eile an taobh an Iar na Roinn Eorpa an diugh. Tha an t-seana chainnt duilich a thuigsinn, agus tha e gun teagamh ’na chromadh-cinn do ’n Ghaidheal gur e Gearmailteach a dh’ ionnsuich dha a sheann leabhraichean fhéin a leughadh, agus gur ann aig a’ choigreach a tha an t-aite-toisich ’s an fhòghlum so fhathasd. Cuin a chuireas an Gàidheal de mheas air seann Litreachas a Shluaigh ’s gu ’n ionnsaich e a leughadh a thuigsinn. Cha ’n ’eil ni eile a thogadh a chliù cho àrd am measg nan Pobull.
Tha a’ Chànain so againne ’s aig Gàidheil Eireann is Mhanainn ’n a Cainnt bheò. Ciod e dleasdanas a’ Ghàidheil do ’n Ghàidhlig? Tha an t-Eirionnach ag iarraidh a’ Ghàidhlig a bhi a stigh, ’s a’ Bheurla a bhi a muigh. Their e nach Sluagh daoine gun Chànain. Iarraidh sinne an Albainn a’ Bheurla a thoirt a steach, ’s gun a’ Ghàidhlig a chur a mach. Is dòcha nach ’eil ceist eile a rachadh m’ ar coinneamh d’ an tugadh an cridhe aon fhreagairt agus an tuigse freagairt eile cho deas ri ceist na Gàidhlig. Ach mar tha cùisean an Gàidhealtachd na h-Alba a nis cha tigear as aonais na Beurla. ’S e so dearbh-bheachd an t-sluaigh aig baile. Cha ’n ’eil Maighstir-Sgoil air Ghaidhealtachd no Riaghlair-Sgoil an Lunnainn cho mòr an geall air gu ’n ionnsaich Clann a’ Ghàidheil a’ Bheurla ’s a tha an t-athair ’s a’ mhàthair nach labhair facal Beurla iad fhéin. Agus tha reusan air. Cha ’n ’eil aon eile aig a bheil an dearbhadh beò a tha acasan gur duine air leth-làimh, air leth-chois, ’s air leth-shùil fear gun Bheurla an Albainn an diugh. Bha a’ Bheurla a’ tolladh a stigh do ’n Ghàidhealtachd o chionn tri fichead bliadhna nuair a sgrìobh Tormod Mac Leoid, is iomadh latha roimh sin Tha i an diugh a’ sruthadh a stigh. Thig an latha, mur an d’ thàinig e cheana anns am bi i a’ taomadh ’s a’ tonnadh a stigh, agus an sin cha chumadh Fionn fhéin le chuid Fhianntan a mach i. Ach ged dh’ iarras sinne, le ar n-uile dhùrachd a’ Bheurla a stigh ’s a’ Ghàidhealtachd, cha mhòr dhinn a dh’ iarradh a’ Ghàidhlig a muigh. Is dòcha nach ’eil aon ’n ar measg a bhuaileadh am buille air an t-seana Chànain, agus gu cinnteach ’s i mo làmh-sa an làmh mu dheireadh d’ am bu chòir an slachdan a thairgse. Ach air a shon so cha ’n ’eil mi meas gu mair an dà chànain ro fhada beò ’s a’ Ghàidhealtachd, taobh ri taobh. Is uallach fìor-aotrom r’a ghiùlan, Cànain; agus tha fear-an-dà-theanga fada air thoiseach air-san aig nach ’eil ach aon; tha e na ’s fòghluimte ’s na ’s tuigsiche. Ach tha am Breatunnach ’na dhroch Cànanaiche, agus bha riamh. Is iad na daoine fòghluimte a mhain a
[Vol . 10. No. 22. p. 2]
ghabhas an dragh ’n ar measg-ne ris an dara Cànain ionnsachadh, agus cha ghabh eadhon iadsan an dragh sin, mur bi an dara Cànain gu am buannachd.
Ach cha ’n fhaigh a’ Ghàidhlig bàs fhad ’s is beò Niall Mac Leoid, no iomadh bliadhna an déigh do ghuth binn a’ Bhàird a bhi an tosd na h-uaighe, agus gu ma fada bhuainn an latha sin. A bheil sinne a’ toirt an urraim a bu chòir do ’n t-seana Chanain, fada goirid ’s a bhios i leinn. Cha saoil mi gu ’n abair aon againn gu bheil. Tha, gun teagamh barrachd meas air a’ Ghàidhlig, air dòigh no dhà, ’n ar latha-ne, na gheibheadh i o chionn leth-cheud bliadhna, agus tha so taitneach. Ach saoilidh mi gu bheil roinn cò-dhiu de ’n mheas so air sgàth an fhasain, agus nach mair e. ’N am òige-sa nuair a thigeadh Domhnall do ’n Bhaile-mhòr, dheanadh e Daniel dheth fhéin. An diugh, am fear a chuir athair ’s an leabhar fo ’n ainm John no James, chi thu ’s a’ Phaipeir-naigheachd e ’n a Ian no ’n a Hamish. Rinn Mac Leoid na Morairne “Mòr òg” ainmeil le a briseadh-Beurla an déigh dhi bhi sè mìosan an Glascho. Nach aithne dhuit aon no dhà am measg do luchd-eòlais a dh’ ionnsaich “dé mar tha thu,” no “bliadhna mhaith ùr dhuit” a ràdh, a dh’ fhàilticheas thu tri uairean ’s an latha le “dé mar tha thu,” ’s a bheir a’ “bhliadhna mhaith ùr” dhuit nuair a tha a’ bhliadhn’ ùr aona mìosa deug a dh’ aois. Nuair a theid balach ris an tombaca ’s e an ceud rud a ni e a’ phìob is faiceala ’s a’ bhùth a cheannach. An làthair a phàrantan theid a’ phìob am falach. Am measg a chompanach tha i an dara cuid ’n a phluic, no tha roinn mhaith de ’n chois r’a faicinn a mach as a phòca. An ùine ghoirid cha chuir an gille òg a’ phìob aon chuid ’s a’ chiùil no ’s an uinneig. Air a’ cheart dòigh mu d’ chainnt. Tha a bhi a’ deanamh moit aisde ’n a chomharra cho cinnteach gu bheil i air dhroch càramh ’s a tha a bhi a’ gabhail nàire dhith. Anns na Bailte-mòra gu sònruichte chithear Comunn air muin Comuinn ’g an cur air chois a chumail suas Cànain is Litreachais a’ Ghàidheil, agus tha so uile ceart is freagarrach. Ach eadhon anns na Comuinn Ghàidhealach, a bheil a’ Ghàidhlig an comhnuidh a’ faotainn an urrainn a tha dligheach dhi? Nach ’eil e fìor gur e moran Beurla is beagan Gàidhlig, mar is trice, a chluinnear aig a’ mhor-chuid de na Comuinn so? Nach ann ainneamh is urrainn Ceann-suidhe a’ Chomuinn facal de ’n chainnt a labhairt? Aig Coinneamh bhliadhnail nan Comunn Gàidhealach nuair a theid cliù na Gàidhlig a sheirm am Beurla, mar is trice air son iomadh buaidh nach buin gu dligheach do ’n Chainnt, cluinnear gàir is ùpraid gu leòir. Ach cha chum éigh-aoibhneis no breabadh chas no greadadh bhas a suas cliù Cànain; na ’n cumadh, b’ aon Linn an Aigh Eachdraidh na Gàidhlig.
Air an làimh eile ciamar tha cùisean? Cha chluinnear a’ Chànain ’s an Sgoil. Mar is trice cha tuig am Maighstir-sgoil facal Gàidhlig. Cha tàinig a’ chùis gus an ìre so anns a’ Phulpaid fhathasd; ach bha i riamh aig an ìre so ann an ionnsachadh na Cléire, agus tha a’ bhuil, r’a fhaicinn air dòigh no dhà. Cha ’n ’eil ni eile a dhearbhas beag meas a’ Ghaidheil air a Chànain ’s air a Litreachas cho maith r’a bheag suim de Leabhraichean, de Chuairtearan ’s ’de Phaipeirean-naigheachd Gàidhlig ’s d’ an Ughdair. Is gann a chuir duine riamh a mach leabhar Gàidhlig nach do chaill air. Ceud bliadhna roimh so thuìrt an t-Ollamh Iain Mac-a- Ghobhann, Ministeir Cheann-locha, an déigh a bheatha ’s a chuid a chaitheadh a’ cur a mach leabhraichean Gàidhlig, gu ’m b’ fhearr leis gu ’n d’ fhuair a’ Ghaidhlig bàs mu ’n do rugadh esan.
Thainig Cuairtearan Mhic Leoid gu crìch le suarachas ’s le eud na Cléire. ’S e cion cuideachaidh a chuir as do ’n “Ghàidheal.” Tha MAC-TALLA air uideal leis an riasan cheudna. Tha mu dheich uiread Ghàidheal an Glascho ’s a tha de shluagh ’s an Oban. Ach tha tri no Ceithir de Phaipeirean-naigheachd Beurla ’s an Oban, ’s cha ’n ’eil Cuairtear no Paipeir-naigheachd Gàidhlig an Glascho. Cha ’n ’eil àite de ’n t-saoghal ’s an tuinich dusan no leth-dusan Gall nach fhaighear iad cruinn oidhche ’s a’ bhliadhna a char urram air Burns, agus tha na Goill a’ deanamh gu maith. Bha an uiridh fleadh gu cuimhne Bhurns ’s an Oban, an Tobarmhoire, ’s an Gearastan Inbhir-lòchaidh; agus bha sin taitneach. Ach cha robh guth aig Gàidheal air Donnachadh Bàn, no air Mac Mhaighstir Alastair, no air Iain Lom; agus saoilidh mi nach robh sin bòidheach. Their thu, maith dh’ fhaoidte, nach fhiach na leabhraichean Gàidhlig a thatar a cur a mach an leughadh. Mur an ceannaich thu iad, tha thusa a’ deanamh na dh’ fhaodas tu gu feadhainn a’s fhearr a chumail air an ais as a’ mhargadh. Suas leis a’ Ghàidhlig! Mo chreach! Tha Spiorad ùr gu mòr a dhìth chumail suas na Gàidhlig.
Ma bheir sinn cluas d’ ar Litreachas saoilidh mi nach robh Sluagh riamh ann a bu bhàigheala ri Ceòl na na Gaidheil. Bha na Bàird a’ seinn an òran le cuideachadh inneil-chiuil ri linn Chalum-chille, agus, gun teagamh, ri iomadh linn roimhe. Tha roinn mhor de ’n t-seann Litreachas ’na Bàrdachd, agus roinn na ’s motha de Litreachas ar latha fhéin. Agus bha Bàrdachd a’ Gháidheil daonnan ann an rann, gu bhi ’ga seinn. ’S i a’ chlàrsach suaicheantas na h-Eireann, agus is mòr a’ chliù sin. Cha ’n fhaighear a mhac-samhuil ’s an Roinn-Eorpa. “Cha ’n ith mi biadh, cha ’n òl mi deoch, ’s cha ’n éisd mi ceòl” gus an dean mi sid no so, —facal a tha gu tric ’n ar Sgeulachdan. Cha tigeadh an Gaidheal o shean beò air aran a mhàin; bha ceòl cho feumail do ’n Spiorad ’s a bha biadh is deoch do ’n Chorp. Bha an Ceòl binn thar tomhais; chuireadh e a chadal “fir ghointe is mnathan siubhla.” Tha mòran de ’n t-seana Cheol air chall ’s cha ’n fhaighear air ais e. Cha ’n ’eil teagamh nach e a’ Chléir a bu choireach, ann an tomhas mòr, gu ’n d’ thainig ar Ceòl gu beag meas o chionn tri no ceithir a dh’ fhicheadan bliadhna. Bha roinn d’ ar Ministeirean Gaidhealach a b’ ainmeala ’nan sàr-luchd-ciùil iad fhéin; ach bha iad, a reir coslais, de ’n bheachd, gu ’m bu nithean cronail ceol is dannsadh. Bha mi fhéin air banais aig nach faodadh ceòl a bhith, air neo cha dèanadh am ministeir am pòsadh; agus bha luchd-an-dannsaidh uair no dhà o chionn uine nach ’eil fada, air beulaobh Cùirt aon d’ ar n-Eaglaisean. Ach tha nithean air atharrachadh a chum na cuid as fhearr ’s as taitniche a nis. Agus tha co-dhiù aon Eaglais an Glascho a ghabhas lethsgeul moran de ’n Chléir le meud a saoithreach ’s a dùrachd ’s a’ chùis so. Rinn Coisridh-chiùil a’ Choimhthionail so agus am Mòd Gàidhealach mòran gu bhi a’ cur cliù Ghàidheal na h-Alba air son ciùil ’n a àite dligheach aon uair eile, ’s bidh fiughair gu ’n dean iad tuilleadh fhathasd. Agus tha mi an dòchas, ma dh’ amaisear gu bràth air an t-seann dùdaich gu ’n séidear sgal oirre cho cruaidh ’s gu ’n dùisg i na Curaidhean a dh’ ionnsachadh an t-seana chiùil dhuinn, agus gu freagair Oragan Eaglais ùr Chalum Chille an Glascho le toirm as binne ’s as cruaidhe na sgal Dùdach na Féinne.
D. M‘K.
Is fhearr an teine beag a gharas na ’n teine mor a loisgeas.
Comhradh.
SEUMAS. —Cha chreid mi gu ’m bheil saod math ort an diugh, a Dhomhuill. Tha droch ghreann ort. An robh thu fhein is Mairi Bhàn a’ trod mu na cearcan an diugh? Tha iad ag innseadh dhomhsa gu ’m bheil na cearcan ’s na tunnagan aice an déigh domail mhòr a dheanamh air an arbhar agad, agus gu ’m faigh thu do chàineadh ’s do smàdadh uaipe ma their thu facal rithe mu ’n deidhinn. Bean gun nàire, agus b’ ise sin. Ach cha ’n ’eil i ach mar a bha ’n tréibh o’n d’ thàinig i. Cha b’ urrainn na nàbuidhean riamh a bhith réidh riutha. Bha iad coma ach rud fhaotainn. Ghabhadh iad an t-aodach a tha mu d’ dhruim nam faigheadh iad e, ged a thigeadh ort a bhith ’falbh rùisgte.
DOMHULL. —Cha ’n ’eil thu ’g ràdh facal ach an fhìrinn, a Sheumais. Tha Mairi Bhàn agus a cuid eunlaith an déigh mo pheacachadh. Moch is anamoch is meadhain latha bidh a cuid cheart is thunnag anns an arbhar agam. Ma thilgeas mi spitheag air na cearcan, éirigh greann is colg oirre mar gu ’m faiceadh tu coileach Frangach, agus càinidh i mi thun mo bhrog. An uair a thainig i do ’n nàbachd agam an toiseach, bu tric leam, mar a bha ’ghòraich’ orm, cumail rithe an uair a theannadh i ri trod rium; ach bhiodh am facal mu dheireadh aice ge b’ oil leam. Thuig mi nach ruiginn a leas dùil a bhith agam ri stàmhnadh a chur oirre le càineadh no le comhairleachadh, agus smaoinich mi gu ’m b’ fhearr dhomh gu mòr éisdeachd rithe. Agus tha mi ’tuigsinn gu ’m b’ fhearr leatha gu mòr mi bhith ’g a cothachadh na mi bhith ’g éisdeachd rithe.
S. —Bu cheart cho math dhut teannadh ri iarraidh air sruth an lìonaidh fuireach air ais ri teannadh ri comhairle a thoirt air Mairi Bhàin, no air té sam bith eile dhe ’leithid. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Comhairl’ thoirt air mnaoi bhuirb, mar bhuill’ ùird air iarunn fuar.”
D. —Mar is math a dh’ aithnich thu air m’ aodann, a Sheumais, tha mi glé chorrach ’nam inntinn an diugh fhein; ach cha ’n ann aig Mairi Bhàin a tha choire. Mar a tha fhios agad fhein, tha mise ’faotainn a’ MHIC TALLA, agus faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi, nach aithne dhomh aon phàipear eile a’s mò a bheir de thoileachadh dhomh na e. Ged a theid agam air Beurla ’leughadh agus a thuigsinn cho math ri fear sam bith eile dho m’ sheorsa, cha tig a’ Bheurla ri m’ inntinn cho dluth ’s a thig a’ Ghàilig. A. nis, chunnaic mi anns a’ MHAC-TALLA rud a chuir dragh is mi-ghean gu leor orm; agus rud bu chòir mi-ghean a chur air a h-uile fear is te anns am bheil deur dhe ’n fhuil Ghàidhealaich.
S. —Ciod e an rud a bh’ ann? Feumaidh gur e fior dhroch rud a bh’ ann mu ’n do chuir e cho mòr bhar do shiùil thu. Cluinneam e.
D. —Tha fear a’ phàipear ag ràdh gu ’m bheil moran a’ faotainn a’ phaipear nach ’eil a’ pàigheadh sgillinn air a shon eadar dà cheann na bliadhna. Tha e ’g ràdh gu ’m bheil eadhoin feadhainn ann a tha ’g a fhaotainn o chionn dlùth air dà bhliadhna nach bo phàigh bonn-a- sia ruadh shon fhathast. Tha ioghnadh ormsa gu ’m bheil an duine còir ’g a chur uca.
S. —Is e fìor dhuine còir a th’ ann ma tha e ’cumail pàipear-naigheachd ri daoine fad bliadhna no dhà gun dad air a shon. Tha eagal ormsa gu ’m feum e sgur dhe ’n obair sin an ùine gu ’n bhith fada, ma bhios toil aige a chasan a sheasamh. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is olc an fhialachd leis an cuir duine e fhein thun na h-aimbeirt.” Cha ’n ann gun dragh gun saothair gun chosgais gu leòr a chumar pàipear-naigheachd
[Vol . 10. No. 22. p. 3]
air a chois o bhliadhna gu bliadhna. Tha e ’cur mòran ioghnaidh orm gu ’n rachadh aca air pàipear-naigheachd a reic air son sgillinn. Tha cuimhne mhath agamsa air an àm anns an cosgadh cuid dhe na pàipearan-naigheachd trì sgillinn, no corr. An uair a bha mise ’dol do ’n sgoil cha ’n fhaighteadh ach dà shiota de phaipear tana air an sgillinn. Agus an uair a dheanainn sgrìobhadh mòr trom air, rachadh an ince troimhe o thaobh gu taobh.
D. —Ged a chuir na leugh mi anns a’ MHAC-TALLA dragh gu leòr orm, is e bhrosnaich mo nàdar buileach na briathran a chuala mi aig a’ mhinistear ’s aig a’ mhaighstir-sgoile an diugh fhein. Mar a tha fhios agad fhein, tha Comunn ann an Duneidionn a tha ’toirt seachad airgid do na maighstirean-sgoile a dh’ ionnsaicheas do ’n chloinn am Biobull Gàilig a leughadh. Tha iad a’ faotainn crùn air son a h-uile aon de ’n chloinn a th’ air a’ choigeamh leabhar, do ’n aithne am Bìobull Gàilig a leughadh. Agus tha ’n Comunn so a’ cur mu choinneamh dithis dhe na ministearan a th’ anns an àite a’ chlann a chluinntinn a’ leughadh, agus ainmeannan na feadhainn a leughas ceart a chur g’ an ionnsuidh. Chaidh mise do’n taigh-sgoile feuch an cluinninn cia mar a leughadh dithis dhe ’n chloinn agam fhìn a bh’ air a’ chòigeamh leabhar. Agus eadar mi fhìn ’s tu fhein, cha robh an leughadh ach glé mheadhanach. Cha robh na ministearan toilichte leis an t-seorsa leughaidh a rinn a’ chlann na ’s mò na bha mi fhìn. Agus bha am maighstir-sgoile a’ gabhail a leithsgeil fhein, mar bu mhath a b’ aithne dha, agus ag ràdh, gu ’n robh mòran de nithean eile aige ri theagasg do ’n chloinn, agus air an aobhar sin, nach robh e cosg ach beagan mhionaidean ri teagasg na Gàilig. Thuirt mise rium fhìn an uair a bha e ’gabhail a leithsgeil fhein: “Ged nach ’eil toil agad a’ Gháilig a theagasg do ’n chloinn, gabhaidh tu an duais glé thoilichte.” Ged nach robh gnothach sam bith agam mo bheul fhosgladh ’na leithid a dh’ aite, ghabh mi orm fhìn de dhànadas bruidhinn; agus thuirt mi ris a’ mhaighstir-sgoile: “Shaoilinn nach bu droch dhoigh dhuibh an leasan Bìobuill a thoirt do ’n chloinn a h uile madainn ann an Gàilig. Tha fhios agaibh nach tuig a’ chuid mhòr dhe ’n chloinn a’ Bheurla gu math fhathast, agus nan leughadh iad am Biobull Gailig a h-uile madainn an àite a’ Bhiobuill Bheurla, cha b’ e mhàin gu ’n tuigeadh iad facal Dhé na b’ fhearr, ach dh’ ionnsaicheadh iad a’ Ghailig a leughadh na b’ fhearr.”
Ciod e a th’ agam air ach gu ’n do sheall am maighstir-sgoile orm le gruaim, agus thuirt e:
“Tha toil agamsa gu ’m faigheadh mo chuid sgoilearan air aghart anns an t-saoghal, agus mar is lugha ’bhios a dh’ eòlas aca air Gàilig is ann is fhearr a gheibh iad air aghart.”
Sheall fear dhe na ministearan orm, agus ged nach duirt e facal, dh’ aithnich mi air a ghnùis nach do chòrd cainnt a’ mhaighstir-sgoile ris. Fhreagair am ministear eile, agus thuirt e: “Tha mi corr is fichead bliadhna anns an sgìreachd so, agus cha d’ fhosgail mi Biobull Gàilig riamh anns an ùine so ach anns a’ chùbaid a h-uile Sàbaid an uair a bhithinn a’ searmonachadh ann an Gàilig. Agus ged a tha Gàilig gu leòr agam fhin ’s aig mo mhnaoi, cha do labhair sinn facal riamh ris a’ chloinn, no ris an luchd-muinntir a bh’ againn. B’ e maighstir-sgoile Gailig a bha ’nam athair,” ars’ esan, “agus cha do labhair e facal Gàilig ri aon de ’chloinn riamh. Ged a tha Gàilig gu leòr agamsa, cha b’ ann o m’ athair a dh’ ionnsaich mi i, ach o m’ mhàthair, agus o na coimhearsnaich.”
An uair a chuala mi na briathran ud, cha robh fhios agam ciod a theirinn. Mur cluinninn o ’bheul fhein na briathran ud, cha chreidinn iad.
Mar a dh’ fhaodas tu ’chreidsinn, dh’ fhas mi glé chorruch ’nam nàdar. Thionndaidh mi ris a’ mhaighstir-sgoile, o’n is ann air a b’ eòlaiche mi, agus thuirt mi ris: “ Ma ’s i a’ Ghàilig a tha ’cumail dhaoine gun fhaighinn air aghart anns a’ Ghàidhealtachd, innis dhomhsa c’ar son a tha na ficheadan mìle de dhaoine a fhuair mòr-fhoghlum agus a labhras Beurla na ’s fhearr na duine ’s an dùthaich, a’ cheart cho fad air ais anns an t-saoghal ris na daoine do nach aithne tri facail Bheurla labhairt gu ceart?”
An uair a chunnaic am maighstir-sgoile nach b’ urrainn e mo fhreagairt, thug e steach seanachas eile. Cha robh aobhar sam bith dhomhsa a dhol air aghart na b’ fhaide leis a’ chomhradh. Ach cha do ghabh mi barail mhath aon chuid air na ministearan, no air a’ mhaighstir-sgoile.
S. —Innsidh mise dhut, a Dhomhuill, mar a tha. Tha mòran dhe na Gàidheil a dh’ fhàsas gle mhòr asda fhein, agus glé phròiseil ma gheibh iad air aghart anns an t-saoghal. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is iongantach le circ aghastar a chur rithe.” B’ olc bu chòir do mhinistearan na Gàidhealtachd dimeas a dheanamh air a’ Ghàilig. Is ann air a saillibh a fhuair iad a bhith ’nam ministearan. Cha ’n ’eil fear as an fhichead dhiubh a gheibheadh, le chuid Beurla, a bhith ’na mhinistear am measg nan Gall. Ach cha ’n ’eil feum dhutsa no dhomhsa teannadh ri comhairle a thoirt orra, tha ’n àireamh a’s mò dhiubh cearta coma ged nach tigeadh orra facal Gàilig a leughadh no labhairt ri ’m beò.
IAIN.
Micheil Scot.
MAR A FHUAIR E FIOS NA H-INID AS AN ROIMHE AGUS A CHUIR E CRIOCH AIR A BHI ’DOL AN SIN G’A SIREADH.
“An Inid bheadaidh* thar gach féill,
Is olc an aimsir duine ghionaich ’thig na déidh.”
AN uair a bha ’n dùthaich fo riaghladh a’ Phàp, cha ’n fhaodteadh ni air bith a dheanamh no a ràdh leis an t-sluagh gus am faigheadh iad comas a’ Phàp. B’ i an Inid a bha a’ riaghladh na h-uile féill a bha ’ga leanachd fad na bliadhna. Mar so, ’nuair a bhiodh fios air là na h-Inid, bha fhios air là-aimsir gach féill fad na bliadhna. Air là na h-Inid bha an Carbhas a’ tòiseachadh; sia seachdainean an déidh sin bha là Càisge, agus mar sin a sios gu ruig ceann na bliadhna.
Bha duine a’ dol as gach dùthaich a h-uile bliadhna a dh’ iarraidh fios na h-Inid do ’n Ròimhe, agus an uair a thigeadh e dhachaidh agus a dh’ innseadh e co b’e là na h-Inid air a’ bhliadhna sin, bha duine ceannsgallach, tapaidh, curranta, seòlt’ agus deagh-bheusach air ainmeachadh gu dol do ’n Ròimhe g’a sireadh an ath bhliadhna.
Bha Mìcheil Scot, duine foghluimte, ainmeil r’a là, air a shònrachadh gu dol do ’n Ròimhe a dh’ fhaotainn fios na h-Inid, bliadhna de na bliadhnachan; ach am measg na h-uile gnothach eile ’bha aige r’a dheanamh dhichuimhnich e ’dhleasdanas gus an robh féisdean na bliadhna thairis aig Aifrionn na Coinnle. Cha robh mionaid r’a chall. Thog e air a dh’ ionnsaidh té de na loithean-marcaich is thubhairt e rithe, “Cia cho luath ’s a tha thusa?” “Tha mi cho luath ris a ghaoithe,” ars’ ise. “Cha dean thu’n gnothach,” arsa Mìcheil. Ràinig e ’n ceathramh té, ’s chuir
* Theirear an “Inid Bheadaidh” ’n uair a tha a’ ghealach ùr beagan làithean an déidh na Féille Bride. Air dha so a bhith, thigeadh mar a theireadh na seann daoine, “Earrach fad air chùl càisge.”
e ’cheist rithe. “Tha mi cho luath ri aigne maighdinn eadar a dà leannan.” “Ni thusa feum,” arsa Mìcheil; “dean deas.” “Tha mis’ a ghnàth ullamh, na ’m biodh an duine do m’ réir,” deir ise. Dh’ fhalbh iad, agus bu cho-ionnan muir is tìr dhaibh. Nuair a bha iad air a’ mhuir thuirt a’ ghlaistig ris, “Ciod a their mnathan ann an Albainn, ’n uair tha iad a’ smàladh an teine.” “Marcaich thusa,” arsa Micheil, “ann an ainm do mhaighstir, agus coma leat sin.” “Beannachd dhut fhein ach mollachd aig d’ oid’ -ionnsachaidh,” fhreagair i “Ciod,” ars’ ise ’rithist, “a their na mnathan an uair tha iad a’ cur a’ chiad aisearean a laidhe agus an dara cìochran ’n an uchd?” “Marcaich thus’ an ainm do mhaighstir, agus leig le mnathan Alba cadal,” deir Mìcheil. “Bu lonach an té ’chuir a’ chiad chorrag a ’d bheul,” ars’ ise.
Ràinig Mìcheil an Roimhe; b’ i a’ mhaduinn a bh’ ann; chuir e grad fhios a dh’ ionnsaidh a’ Phàp gu robh teachdaire na h-Alba aig an dorus ag iarraidh fios na h-Inid le cabhaig, mu ’n rachadh an Carbhas air chall. Thàinig am Pàp gun dàil do ’n àit-éisdeachd. “Cia as ’tha thusa?” deir e ri Mìcheil. “Tha mise o do chloinn dhìleas ann an Albainn, ag iarraidh fios na h-Inid, mu ’n teid an Carbhas air chall,” deir Mìcheil. “Bha thu ro fhada gun tighinn,” “Is tràth a dh’ fhàg sin mi,” fhreagair Mìcheil. “Is math àrd a mharcaich thu.” “Cha b’ àrd ’s cha b’ ìosal ach dìireach romham,” deir Mìcheil. “Chi mi,” deir am Pàp, “sneachd air do bhonaid.” “Tha, le ’r cead, sneachda na h-Alba.” “Ciod,” ars’ am Pàp, “ an comharradh ’bheir thu dhomhsa air sin, agus gu bheil thu air tighinn á Albainn a dh’ iarraidh fios na h-Inid?” “Tha,” arsa Mìcheil, “gu bheil bròg air do chois nach buin dhuit fhéin.” Thug am Pàp sùil agus bha bròg le neach eile air a chois dheis. “Gheibh thu na tha ’dhìth ort,” deir e ri Mìcheil, “agus bi falbh. Is e a’ chiad Di-màirt de ’n chiad solus earraich latha na h-Inid.” Mar so fhuair Mìcheil Scot fios air an diomhaireachd a bha ’m Pàp a’ cumail dha fhéin.
Roimhe so cha d’ fhuair an teachdaire ach gu ’m b’e a leithid so no leithid sud de latha latha na h-Inid air a’ bhliadhna sin, ach fhuair Mìcheil fios air mar a bha ’m Pàp fhéin a faotainn a mach an latha. Ciamar a phill Mìcheil cha ’n ’eil eachdraidh ag innseadh.
NA DEILGNI BROID.
SGEUL EIREANNACH FO ’N AON SAMHUIL.
Bhi (bha) beirt dearbhráthar ann fad ó, clann fheirméire (tuathanach) dar bh’ ainm dóibh Micheál agus Mártan, agus bhi grádh mór aca ar a chéile, acht bhi an fear do b’ óige, Mártan, ag cailleadh a shláinte, is gan a fhios aca cér’d bhì air. Bhì sé ag cur imnidhe (iomaguin) móire ar a athair ’s ar a mháthair, ’s go háirithe ar Mhicheál. Faoi dheireadh fuair seisean amach uaidh an fáth a raibh sé cho breoite sin. Dubhairt Mártan leis: “Ni’l oidhche dá dtéidhim amach le féar do bhaint as an gcruaigh chum a thabhairt do na ba nach dtig rud éigin, mar bhéadh muc mhor alla, eadair mo dhá chois, agus árduigheann sé leis ar a dhruim mé, thrì choillte ’s gleannta, os cionn sléibhte is uisge na tìre, go mbìm i riocht laige sul má dtugann sé ar ais mé ins an áit chéadna.”
“A’ Mhártain bhoicht,” ars’ an fear eile, “cad chuige nár innsis sin damh-sa cheana? Ar labhrais leis riamh? Nó ar labhair seisean leat-sa?”
(Air a leantuinn air taobh 166).
[Vol . 10. No. 22. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear ga luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, IANUARAIDH 17, 1902.
Duais an Fhir-chronachaidh.
BLIADHNA no dha air ais cha robh duine ’s an Impireachd Bhreatunnaich bu mhotha luaidh air ainm na Rudyard Kipling. Mu ’n àm a bha an cogadh Boerach a tòiseachadh, rinn e dàn no dha a chuir a mhor chuid dhe ’n t-sluagh air mhire-chatha, agus chluinnte cliù air mar bhàrd agus mar sgriobhaiche ann an iomadh cearna dhe ’n t-saoghal anns nach faicear gu bràth ’fhaileas. Mhair so car beagan mhiosan, agus an deigh sin chaidh e ann an tomhas mor air di-chuimhn’. An diugh cluinnear a bhi luaidh air ainm a rithist, ach ann an dòigh eile. Tha e air dàn ùr a dheanamh d’ an ainm “Na h-Eileanaich,” anns am bheil e labhairt mu na Breatunnaich air mhodh nach ’eil a’ còrdadh riutha. Tha e ’fàgail orra nach eil iad a’ cumail a chogaidh air adhart mar bu chòir dhaibh, —gu bheil iad na ’s déidheile air cluich na tha iad air cruaidh obair, agus gu bheil na daoine làidir foghainteach a’ fuireach aig baile ’s a fàgail a’ chogaidh am freasdal ghillean-sràide nam bailtean mora, ’s muinntir nan colonies. Tha e ’g ràdh gu bheil iad tuilleadh us cinnteach as an tearuinteachd, agus tha e ’deanamh fàisneachd, mur ionnsaich am barrachd dhiubh cleasachd airm gu ’m faod e bhith gu ’m faigh an dùthaich aobhar-aithreachais. Tha esan dhe ’n bharail gu ’m bu chòir do gach òganach nuair a thig e gu aois fearachais an t-saighdearachd ionnsachadh, agus na ’m biodhte leantuinn na riaghailt sin gu ’m biodh an dùthaich an ùine ghearr da-rireadh tearuinte. Tha am Breatunnach, ’s gu seachd sònruichte an Sasunnach, cho mor as fhéin ’s nach toir e am bitheantas cluas cheart do chronachadh, agus ’s e sin a tha Kipling a fiosrachadh aig an àm so. Thatar ’ga chàineadh gu chùl ’s ’ga chur sios mar bhàrd ’s mar dhuine; a dh’ aon ’fhacal, a toirt dha na duaise bha riamh mar chuibhrionn aige-san a chuireadh an ceill fìrinn a bha car searbh ri h-éisdeachd.
An Robh Oisean Ann?
CHO luath ’sa thug Seumas Mac-Mhuirich do ’n t-saoghal na dàin a bha e ’g ainmeachadh air Oisean mac Fhinn, bha comhstri dhian air a dùsgadh mu ’n cheist, “Am b’ iad na dain so bàrdachd Oisein no bàrdachd Mhic-Mhuirich?” Agus ged tha ’cheist sin fa chomhair Ghaidheal us Ghall o chionn seachd fichead bliadhna tha i fhathast gun a fuasgladh air dhòigh riarachail. Ri linn Mhic-Mhuirich fhein bha cathan garbha air an cur mu ’n cheist so, agus riamh uaithe sin gu ruige ’n latha ’n diugh tha na cathan sin air an ùrachadh o àm gu àm ’s air an cur a rithist. Aig an dearbh àm so, tha deasboireachd nach beag a dol air adhart anns a’ Ghàidhealtachd, agus mar is àbhaist tha ’n darra taobh uile-chinnteach nach eil anns an leabhar ach bàrdachd Oisein, agus an taobh eile a cheart cho cinnteach nach robh leithid Oisein riamh air thalamh. Bu mhath leinn a bhi ’n dòchas gu ’n rachadh aig muinntir aon taoibh no ’n taoibh eile am puing a dhearbhadh. Tha na Gaidheil a chuala bheag no mhor de dh’ eachdraidh ’s de bheul-aithris an sinnsir, eòlach o’n ceud chuimhne air ainmean ’s air euchdan flaithean na Féinne, d’ am bu righ Fionn ’s d’ am bu bhàrd Oisean. Agus bu mhiann leotha fios cinnteach fhaotainn am bheil no nach eil e dleasdanach dhaibh a bhi creidsinn gu robh na curaidhean sin ann, agus gu ’n d’ rinneadh dàin Oisean le Oisean fein. Tha a mhor chuid dhiubh gus an latha ’n diugh a’ creidsinn gu robh an Fhéinn ann uair no uair-eigin; agus bha iad am barail gum bu dàin le Oisean a mhor-chuid de leabhar Mhic-Mhuirich, agus nach d’ rinn an t-uasal sin ach an cothlamadh ’s an cur am mach ann an riochd ùr. Ach tha daoin’ ann an diugh a ghabhas orra féin a radh nach robh ann am flaithean na Féinne ach cruthan taitneach a bha na seanachaidhean Gaidhealach a’ faicinn le suil na h-inntinn, agus nach eil ann an dàin Oisein ach saothair Mhic-Mhuirich o thoiseach gu deireadh. Cha ’n eil fhios nach ann aca so a tha ’n fhìrinn. Ach feumar aideachadh gu bheil daoine ’n latha ’n diugh tuilleadh us deas gu bhi tilgeadh bheachdan us eachdraidh nan linntean bun os cionn. Agus faodaidh e bhith nach eil anntasan a tha cho deònach Oisein ’s a chuid bàrdachd a chur gu neoni ach dlùth-chàirdean dhaibhsan a bha aig amannan eile ’feuchainn ri cur as do Homer, bàrd ainmeil na Gréige, agus a tha aig an àm so a’ toirt na h-ionnsuidh cheudna air Shakespeare, bard Shasuinn.
Mi-run nan Gearmailteach.
THA teaghlaichean rioghail Bhreatunn agus na Gearmailt gle chàirdeil ri chéile, mar bu chòir do dhlùth chàirdean a bhith. Ach aig an àm so cha ’n urrainnear sin a radh mu shluagh na dùthchannan sin, no eadhon nach eil iad a nochdadh fior naimhdeas. ’S e is priomh aobhar do ’n chùis a bhi mar sin, a’ bhàigh a tha a mhor chuid dhe na Gearmailtich a’ nochdadh ris na Boerich riamh o’n thòisich an cogadh, agus gu h-àraid o chionn ràidhe no dha air ais. Bha naigheachdan meallta air an cuairteachadh anns an dùthaich, ag innse, anns a cheud dol a mach, mu shoirbheachadh nam Boereach, agus nuair nach robh sin aca ri innse, mu ’n ana-ceartas a bha na Breatunnaich, na ’m b’ fhior, a toirt dhaibhsan a bha iad a’ glacadh mar phrìosanaich. Thug so air cuid de na Breatunnaich cur an cuimhne nan Gearmailteach mar a bha an t-arm Pruiseanach a déiligeadh ri ’n cuid phrìosanach an uair a bha iad a’ cogadh ris na Frangaich—na bu bhrùideile ’s na b’ an-iochdmhoire na chualas riamh a bhi cur as leth an airm Bhreatunnaich. Am measg na feadhnach a thilg so air na Gearmailtich bha Eoseph Chamberlain, agus chuir esan a labhairt an caothach dearg orra. Chunnaic eadhon ceann an riaghlaidh, Von Buelow, iomchuidh Chamberlain a fhreagairt an là roimhe le òraid a labhairt anns an Reichstag (pàrlamaid) a chuir corruich mhor air muinntir nan eileanan Breatunnach, agus a ghluais Chamberlain gu òraid sgaiteach eile dheanamh. Ma tha coire sam bith ri fhaotainn do na Breatunnaich a thaobh an dòigh chogaidh ann an Africa mu dheas, ’s e gu bheil iad ro aotrom air na Boerich, agus gu bheil iad a toirt barrachd ceartais a thaobh bidh us gach goireis eile do na Boerich a tha air an glacadh mar phrìosanaich na tha iad a toirt d’ an cuid saighdearan fein. Tha e mar sin gle chruaidh leotha bhi air an coireachadh ’s air an càineadh air son ghniomharan de nach eil iad ciontach, agus is beag an t-ioghnadh ged a lasadh iad suas le feirg an aghaidh na feadhnach a tha deanamh sin le dichioll a b’ airidh air aobhar a b’ fhearr. Mar tha aon de phaipeirean Lunnainn ag radh, faodaidh gu ’n tig la air a Ghearmailt a bhios i gle mhiadhail air càirdeas agus cuideachadh Bhreatuinn, agus nach bi iad ri ’m faotainn. Cha ’n eil gràdh cho mor aig dùthchannan tir-mor na h-Eòrpa do ’n Ghearmailt ’s nach gabh iad an ceud chothrom a gheibh iad air a neart a lughdachadh, agus ma ’s urrainn daibh, buille-bàis a thoirt dhi. Is gòrach a chùis dhi, mata, a bhi deanamh nàmhaid dhe ’n aon dùthaich a tha deònach a bhi càirdeil rithe.
Naigheachdan Firinneach.
ANN an sealladh moran dhaoine ’s an àm so, cha ’n eil math no feum sam bith ann am pàipear-naigheachd ma tha e beag. Cha ’n eil e ceart mur eil e, nuair theid a sgaoileadh a mach, uiread ri cuibhrig-bùird no brat-leapa, agus cha ’n fhaigh e cliù mar phaipeir anns am bi “na naigheachdan uile” mur bi gach taobh duilleig air a bhreacadh le litrichean mora, dubha, a bheir a fhradharc o neach a dh’ fheuchas ri ’n leughadh. Is miann leis an duine deagh luach fhaotainn air son a chuid airgeid, agus cha b’ olc an luach airgeid na seòrsa phaipeirean so mur b’e aon ni, ’s e sin, nach eil facal fìrinn ann am moran dhe ’n cuid naigheachdan. Ma chreidear an seanfhacal, “Is math an naigheachd a bhi gun naigheachd”; ach cha ’n eil e comasach do luchd nam paipeirean mora imeachd a réir an teagaisg sin. Is fheudar na paipeirean a lionadh na h-uile latha ’s seachdain a thig iad a mach, agus ma bhios na naigheachdan gann, mar is tric a thachras, feumar naigheachdan a dheanamh. Seadh, a dheanamh. Tha moran de na fiosan a tha air an cur dh’ ionnsuidh nam paipeirean anns na bliadhnaichean so air an deanamh, a dhlùth ’s a dh’ uachdar, ann am baile-mor New York, agus cha ’n eil againne a bhios ga ’n leughadh ach feuchainn ris an fhìrinn a dhìolum á measg nam breug mar is fhearr a dh’ fhaodas sinn. Fad an t-samhraidh ’s an fhoghair s’a chaidh, bha fios an deigh fios a tighinn ag innse gu robh Righ Iomhar a’ fulang gu mor le tinneas cràiteach, agus gu robh a làithean, a réir coltais, air an àireamh. Thatar mar an ceudna, o àm gu àm, a faotainn fhiosan as an Ròimh, ma ’s fìor, gu bheil am Pàp air fàs cho lag ’s cho fann leis an aois ’s nach eil dùil ri e bhi fada beò. Bha Banrigh na h-Olaint, a réir sgeul a thainig air a mhios a dh’ fhalbh, air fhaighinn a mach nach robh anns an fhear a phòs i ach duine mi-bheusach, mi-mhodhail, trom air an òl ’s air cluich air son airgeid, agus gu robh i an impis dealachadh ris. Cha robh anns gach sgeul dhiubh sin ach breugan o thoiseach gu deireadh, ach bha iad air an craobh-sgaoileadh o Dhan gu Beer-seba a chionn cuid de na paipeirean a bhi cho farsuinn ’s nach fhaigheadh iad de naigheachdan fìrinneach na lionadh iad. Faodaidh coire bhi air paipeir a’s miosa na a bhi beag. Is fhearr beagan de naigheachdan fìrinneach na a bhi fad latha leughadh naigheachdan air nach do chuir an fhìrinn fhathast eòlas.
[Vol . 10. No. 22. p. 5]
Naigheachdan.
FEAR-CEARTAIS AOSDA—Am measg nam feadhnach a thug mionnan a bhi dileas do Righ Iomhar an deigh dha tighinn dh’ ionnsuidh a chrùin, tha seann fhear-ceartais ann an Gloucester, N. B., d’ an ainm Ioseph Sewall, a bha ceud us aon bhliadhna dh’aois. Rugadh e ann am mios April, 1800. An àm a bhi toirt mionnan a dhilseachd, cha robh uiread us speuclair air, agus chaidh aige air ’ainm a sgriobhadh gu gasda.
BAS CIANAIL—Thainig bàs cianal air fear Domhnull Mac-Eachairn faisg air Antigonish, N. S., oidhche Di-sathairne, an ceathramh latha dhe’n mhios. Bha e ’g ol gu trom anns a bhaile gu anmoch san oidhche, nuair a dh’ fhalbh e gu dhol dhachaidh comhla ri ’bhrathair ’s ri companach eile. Maduinn Di-donaich fhuaireadh a chorp taobh an rathaid astar beag a mach as a bhaile, ’s e air reothadh anns an t-sneachda. Bha e da fhichead us coig bliadhna dh’ aois.
TEINTEAN—Oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh bha tigh ùr le Kelly & Dodge, air Union St., air a losgadh. B’ fhiach e da mhìle dolair. Ann an Louisburg, oidhche Di-mairt s’a chaidh, bha Talla Mhitchell air a losgadh, a b’ fhiach tri mile dolair. Air taobh deas Bhoulardarie bha an tigh ùr aig Ruairidh R. Mac Coinnich, a b’ fhiach da mhile dolair, air a losgadh air an t-seachdain s’a chaidh. Agus Di-luain s’a chaidh chailleadh an stor aig Niall Mac Neill, am Baoghasdal, air an dòigh cheudna.
SGIORRADH GRANDA—Air an latha mu dheireadh de Desember, bha fear Mac-Neill a mhuinntir Chreiginis, an siorrachd Inbhirnis, air a mharbhadh aig Grandance, far an robh e ’g obair air an rathad-iaruinn. Bha e ag aiteamhdynamite ,agus air do shradaig as an teine laidhe air an stuth sin spraidh e, agus bha esan air a thilgeil fichead troigh air falbh ’s air a reubadh gu dona leis. Cha mhor nach deach an da shùil a chur as, bha a lamhan ’sa chasan air an losgadh gu h eagalach, agus bha te dhe ’chasan air a bristeadh. Dh’fhag e bean agus teaghlach.
AN CORP AIR FHAOTAINN—Fhuaireadh corp Uilleim A. Mhic-Coinnich air an darra latha dhe ’n mhios anns an àite anns an robhas am barail a chaidh a bhàthadh—anns an amar uisge a tha eadar Glace Bay ugus a dhachadh ann am Meinn Chaledonia. Fhuaireadh e le dithis ghillean a bha mach a’ sceiteadh. Bhuail am pathadh fear dhiubh, agus rinn e toll anns an deigh air son deoch fhaotainn. Air dha sin a dheanamh chunnaic e ’n corp an grunnd an uisge. Thug na gillean air ball fios, agus chaidh an corp a thogail. Bha e air a thiodhlachadh feasgar an ath latha.
DUIN’ AIR FHAOTAINN MARBH—Maduinn Di-haoine, an treas latha dhe ’n mhios, fhuaireadh fear Walter Briggs marbh aig dorus fùirneis aig an obair-iaruinn. Bha e air a mhùchadh le gas a bha faotainn a mach troimh àite bha ao-dionach. Cha robh duine timchioll aig an àm, agus thatar a deanamh mach gu robh e marbh ceithir no coig uairean mu ’n do thachair duine ’n rathad a bha e. Bha e mhuinntir New York, agus cha robh ann ach duin’ òg. Cha ’n eil ach ùine ghoirid o’n thill e as a’ Ghearmailt, far an deach a chur leis a chuideachd a dh’ amharc nan obraichean-iaruinn anns an dùthaich sin, agus a dh’fhasdadh dhaoine sgileil air son na h-obrach ann an Sidni.
GLACE BAYAN T-AITE—Tha Marconi an deigh roghainn a dheanamh deTable Head,anGlace Bay,mar an t-àite anns an cuir e air bonn togalach air son a bhi cur fhiosan-dealain thar a chuain air an dòigh ùir a fhuair e-fhein a mach. Cosgaidh an togalach agus na h-innealan a bhios ann mu cheud mile dolair. Bithear a tòiseachadh air a chur suas an ùine ghoirid. Tha Marconi air a dhol a null do Shasuinn, ach bidh e air ais an so an ceann mios. Tha làn dhuil aige bhi comasach air fiosan a chur air ais ’s air adhart do ’n t-seann dùthaich mu’n tig crioch air a bhliadhna so. Ma theid leis a reir a dhòchais, bidh cosguis fhiosan eadar America ’s an Roinn-Eorpa air a lughdachadh gu mor, agus cha’n eil fhios nach feum cuideachdan nan càbull an ceann ùine sgur a deanamh gnothaich. Ach cha ’n urrainn fhios a bhith cho tràth so co-dhiu shoirbhicheas leis no nach soirbhich. Tha moran ann aig am bheil deagh dhòchas a thaobh an innleachd, agus moran eile aig nach eil. Gheibhear a mach ri ùine co tha ’sa bharail cheart.
AN AMHACH GHOIRT—Tha an tinneas bàsmhor so gle phailt an caochladh chearnan dhe ’n dùthaich aig an àm so. Chaochail dithis nighean le Calum Mac-Aonghais, ann an Amaguades, leatha o chionn ghoirid. Bha an t-athair a tiodhlacadh na nighinn a b’oige ann an Eilean Christmas, agus mu’n d’ rainig e dhachaidh, fhuair e fios air bàs na h-ighinn eile.
AM BARR UBHLAN—Bha na h-ùbhlan gle phailt ann an ceann an iar Nobha Scotia air an fhoghar s’a chaidh, agus ged a bha a chuid bu mhotha dhiubh air an creic anns an dùthaich so féin agus ann am Breatunn, tha neart mor gun a dhol gu margadh fhathast. Thatar a meas gu bheil mu shia fichead mile baraillte gun chur air falbh á Gleann Annapolis.
MANITOBA SOIRBHEACHAIL—A bharrachd air bàrr math cruithneachd a bhi aca air an fhoghar a dh’ fhalbh, bha tuathanaich Mhanitoba soirbheachail ann an dòigheannan eile. Reic iad an uiridh seachd fichead us da mhile (142,000) each, da cheud ’s tri fichead us tri mile (263,000) ceann cruidh, faisg air ceud mile muc, agus mu ’n àireamh cheudna de chaoraich.
BAS SHEUMAIS CHALLDANAICH—Air an fhicheadamh latha de mhios Desember, aig a dhachaidh ’sa Bheighe ’n Iar, chaochail Seumas Calldanach, duine cliùiteach air an robh eòlas agus meas anns a mhor chuid de shiorrachd Inbhirnis. Cha robh e tinn ach uine ghoirid, agus chuir a bhàs mulad air na h-uile anns na sgireachdan anns an robh eolas air. Bu bhràthair e do’n Urr. Iain Calldanach, ministeir na h-eaglais Chleirich ann an St. Peter’s. Bha e air deagh aois a ruigheachd, agus dh’ fhag e bantrach us aon mhac ’na dheigh.
BRISTEADH-LAGHA ANN AN SIDNI—Air a bhliadhna ’n uiridh, bha aona ceud deug tri fichead us sia deug (1,176) air an glacadh anns a bhaile so air son bristeadh an lagha no riaghailtean a bhaile. Bha seachd ceud ’s leth cheud ’sa dha (752) dhiubh sin air an glacadh air son a bhi air an daoraich, agus bha mu dha ceud gu leth eile air an glacadh air son coireannan a tha am bitheantas a leantuinn no air an aobharachadh leis an daoraich, mar a tha sabaid, troimhe-cheile, agus droch cainnt us mi-mhodh air na sràidean. Faodar mar sin a radh le firinn gu robh mu mhile glacadh air a dheanamh re na bliadhna air sailleabh an òil. Bha tri deug air fhichead air an glacadh air son meairle, agus mu sheachd fichead air son choireannan eile, chuid dhiubh mor, agus cuid dhiubh beag.
COMHAIRLE NA SIORRACHD—Tha Comhairle na siorrachd cruinn air an t-seachdain so. ’S e so an ceud suidhe an deigh an taghaidh, agus bha H. C. V. Le Vatte air ath-thaghadh mar Warden, agus Alasdair Domhnullach mar Iar-Warden. Tha àireamh de ghnothuichean cudthromach ri bhi air a thoirt fa chomhair na Comhairle air an turus so; am measg nithean eile, feuchair ri barrachd de chosguis na siorrachd a chur air na bailtean, oir tha luchd na Comhairle dhe ’n bharail nach eil na bailtean a giùlan uiread ’s bu chòir dhaibh dhe ’n uallach. ’S i so an uair mu dheireadh a shuidheas a chomhairle anns an t-seann talla. Bidh an tigh-cùrtach ùr, anns am bheil seòmar briagha do ’n Chomhairle, air a chriochnachadh romh ’n choinneamh bhios aca toiseach an t-samhraidh.
BAS AN ONORAICH MR DOBELL—Bha an t-onorach R. R. Dobell, ball dh’ Ard-Riaghladh Chanada, air a mharbhadh ann an Folkestone, an Sasuinn, Di-sathuirne s’a chaidh. Bha e-fein us duin’ -uasal eile muigh a marcachd, nuair a ghabh a’n t-each aigesan sgaoim, ga tilgeadh as an diolaid. Bhuail a cheann fhodha, agus bha e marbh an ceann beagan mhionaidean. Rugadh Mr Dobell ann an Liverpool, an Sasuinn, anns a bhliadhna 1837. Thainig e do’n dùthaich so nuair a bha e fichead bliadhna dh’ aois, agus shuidhich e ann an Cuebec, far an robh e a chuid bu mhotha dhe ’n ùine uaithe sin ri ceannachd. Chaidh a thaghadh mar fhear-pàrlamaid ’sa bhliadhna 1896, agus nuair a chuireadh Sir Wilfrid Laurier an dreuchd mar Phriomh Mhinisteir, ghabh e esan mar bhall de’n Riaghladh. Bha e posda ri nighean do Shir Dhaibhidh Mac-a- Phearsain, an Toronto. Tha am mac is sine aige na oifigeach an arm. Cha robh Mr Dobell o chionn treis a dh’ uine air ais a’ faotainn a shlainte, agus b’e sin a b’aobhar dha bhi ann an Sasuinn aig an àm.
Briathran Gliocais.
Cha ’n eil sinn aig àm air bith cho sona no cho mi-shona ’sa shaoileas sinn fein.
Bheir sinn gealladh a réir ar dòchais, agus coilionaidh sinn a réir ar n-eagail.
Cha ’n eil ni bu chòir ar féin-speis a lughdachadh cho mor ri bhi ’gar faicinn féin aig aon àm a di-moladh ni a bha sinn aig àm eile a moladh.
Tha ar neart na ’s motha na ar toil; agus gu minig ’s ann a chum ar leisgeul fein a ghabhail a smaoinicheas sinn gu bheil nithean do-dheanta.
Bheir an fheallsanachd buaidh shoirbh air na trioblaidean a chaidh seachad ’s air na trioblaidean a tha ri tighinn; ach bheir na trioblaidean a tha làthair buaidh air an fheallsanachd.
Tha esan a smaoinicheas gu ’n dean e as aonais an t-saoghail ga ’mhealladh féin; ach tha esan a smaoinicheas nach dean an saoghal as aonais ’ga mhealladh féin ann an tomhas moran na ’s motha.
Tha barrachd dhe ’n uaill ’s a tha dhe ’n mhathas anns na comhairlean a bheir sinn orrasan a ni coire; agus ni sinn gu tric an cronachadh, cha ’n ann a chum an cur ceart, ach a chum toirt orra chreidsinn gu bheil sinn fein saor o na coireannan sin. —La Rochefoucauld.
Am Feillire, 1902.
Tha an leabhran beag Gàilig so a’ tighinn ugainn á Sasunn. Gheibhear ann cunntas air eiridh us laidhe na gréine, mùthadh an t-soluis, agus gach fiosrachadh dha ’n t-seòrsa sin is àbhaist a bhi air a thoirt seachad na leithid. Gheibhear mar an ceudna gearr iomradh air Sloinnidhean Gàidhealach, agus a bharrachd air sin tha cìsean us postachd nan Eileanan Breatunnach agus caochladh nithean eile air an cur sios. Tha àireamh mhath de dhuilleagan air am fàgail bàn, oir tha am beachd an fhir a tha ga chur a mach gum bi an leabhar air uisneachadh mar leabhar pòca. Tha sinn a toirt fa-near gu bheil an clò gu math na ’s fhearr na bha air Feillire na bliadhna ’n uiridh. Tha am Feillire air a chlo-bhualadh leis an ùghdar, Eoghan Domhnullach, ann an Ardmor, Lyminge, Kent, England. Tha e air a reic ann an cuibhrig paipeir air 3½d., agus ann an cuibhrig aodaich air 7½d.
Cha Robh Fhios Ciamar.
Chaidh Eirionnach a bh’ ann uair a dh’ ionnsachadh reultaireachd. An deigh dha tòiseachadh, bha aon ni mu ’n eòlas a bha air a thoirt seachad anns na leabhraichean a cur dragh mor air inntinn. Bha e ’g ràdh gu ’n robh e tuigsinn math gu leor gu ’n robh e ’n comas dhaoine thomhas an t astar a bha na rionnagan o’n talamh agus o chàch a chéile; chreideadh e, na ’m b’ fheudar, gu ’m gabhadh iad tomhas a thaobh meud us cudthrom, agus eadhon gu ’m faodte fhaighinn a mach, air dhòigh nach b’ aithne dhàsan, ciod an stuth dhe ’n robh iad air an deanamh; ach cha robh fhios aig air an t-saoghal mhor ciamar a fhuaireadh a mach an ainmeannan.
Sar Luchd-riaghlaidh.
So mar a tha aon de phaipearan Ontario a labhairt mu na fir a tha sireadh taghaidh mar bhuill Comhairle baile Hamilton. Tha sinn an dòchas nach eil moran bhailtean eile ann an Canada anns am biodh na briathran ceudna fior.
“Tha da fhichead ’s a coig air an ainmeachadh air son comhairle na bliadhna ’tha romhainn. Tha cuid dhiubh sin làn airidh air an taghadh. Tha cuid eile bu chòir fhàgail aig an taighean fein; agus tha grunnan beag dhiubh bu chòir a bhi anns a phrìosan.”
[Vol . 10. No. 22. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 163).
“Nior labhras,” arsa Mártan. “Ni leigeann an sgannradh dham ceist do chur air.”
“Anois,” arsa Micheál, “caithfidh tù gan an teach ’fhágáil ar shiubhal oidhche feasda. Racha mise in d’ àit (theid mise ’nad àite) agus mo bhriathar dhuit nach mbainridh sé leat nios mó.”
D’ imthigh Micheál leis chum na ceardchan, agus chuir sé ’fhiacha ar an ngobhainn dha bhior ghéara do dhéanamh dhó, a raibh troigh ar fad ionnta, ’s cheangail sé ar dhá sháil a bhrog iad, mar bhéadh dha spor, ’s chuaidh sé a-bhaile. Ag teacht na hoidhche, chuaidh sé amach go bun na cruaiche, i n-áit Mhártain, acht má chuaidh, nìor b’ fhada go dtáinig an pùca faoi, ’s gur thóig sé i n-áirde leis é. Ar dtùs bhi a chroidhe ma bhéal ag an duine bochd, acht ghlac se a mhisneach, thar éis cuimniughadh ar Mhártain, is sháith sé an dá bhior go ceann in dá thaobh an phùca, gur bhain sé cnead as (thug e ràn as).
“Ha!” ars sé. “Cá bhfuair tù na deilgni broid?”
“Nach cuma dhuit,” arsa Micheál; “ach treabh leat!” ag tabhairt an dara sháthadh dhó.
“Leag dhìot na deilgnì broid,” ar seisean arìs.
“Ná bi ag cainnt, acht treabh leat!” dubhairt Micheál, ag tabhairt na mbior dhó arìs.
D’ éirigh an pùca leis sin, agus é ag cuir na dtinntreach as a bhéal, ’s nuair do dhearc Micheál sìos faoi, ba os cìonn Locha Uì Chadhra do bhiodar.
“Inns dam, a mharcaigh, cad deir na sean-mhná aga gcaisreacan( ’gan coisreachadh) féin ag dùl a luighe?”
“Nach cuma dhuit, ach treabh leat!” arsa Micheál.
Bhi a fhios ag an bpùca, dá n-abradh Micheál aon fhocal amháin urnaighe, go n-éalóchadh sé féin uaidh mar ghail (oiteag) ghaoithe, ’s go mbaithfidhe an marcach ins an loch, acht bhi Micheál leath chomh crìonna leis féin.
Faoi dheireadh, b’ éigean do ’n phùca tùirlint do dhéanamh, ’s d’ fhág sé Micheáal ’na sheasamh ag bun na cruaiche, agus d’ imthigh leis ’na lasracha teineadh, ’s nì fhacas choidhche arìs e.
Thug Micheál féar do na ba, is chuaidh sé isteach. D’ fhiafruigh a mháthair dhe cá raibh sé chomh fada sin.
“Bhios (bha mi) ag déanamh marcaigheacht bige,” ar sé, “acht is dóich leam nach mbéidh sé le déanamh nìos mò.”
Dhearcadar ar a bhrógaibh, is bhì siad féin is na spuir faluighthe (folaichte) le lathaigh dhuibh ’s le mùnlac (uisge-otraich) i n-áit fola. As sin amach, fuair an dearbhrathair eile biseach (chaidh e am feobhas) agus nìor bhfhada go raibh sé chomh maith ’na shláinte is bhi sé riamh.
Anns na sgeulachdan Arabach, gheibhear iomradh air duine a chaidh air bòrd bàta gus dol do a dhùthaich fhéin. Bha mar fhiachaibh air gun luaidh air ainm Dhé. An deigh da deich laithean a thoirt air a’ mhuir thàinig e an àite fradharc fonn a shiantan dùthchasach. Rinn e dearmad air rabhadh. Thug e buidheachas do Dhia os àrd, agus chaidh am bàta fodha eadar luchd-fuireann, raimh agus uile, agus dh’ fhàgadh esan ’san t-snamh eadar da lionn.
Litir a Ceap Nor.
A MHIC-TALLA RUNAICH: —Tha mi fhìn agus tu fhein mu ’n aon aois. Air son an aobhair sin agus aobhar no dha eile tha toil agam litir ghoirid a sgriobhadh a d’ ionnsuidh. Cha ruig mi leas innseadh nach mi fhìn a tha ’ga sgriobhadh; ach ged nach mi, cha ’n fhaod ni a dhol innte ach na ’s àill leam. Cha chuir thu brosgul as mo leth ’nuair tha mi ag radh gur fìor thoigh leam thu.
Tha aon duine còir air taobh eile a chuain a tha cuimhneach air a bhi sgriobhadh a d’ ionnsuidh, agus ged bhithinn-sa a cluich air feadh an taighe, no a m’ shineadh air anlounge ,cha luaithe chluinneas mi m’ athair no mo mhàthair ag radh gu bheil litir o Iain annad, na tha mi ’dol le cabhaig gu a faicinn, agus a cluinntinn air a leughadh.
Feumaidh mi nis innseadh dhut mu thimchioll cruinneachadh a bha againn ’s an taigh-sgoile air oidhche na Bliadhn’ Uire, ris an can iad ’s a Bheurlaentertainment .B’ i Edith Chamaran, á Merigomish, agus a tha air a bhi teagasg na sgoile so o chionn naoi miosan, a chur an gnothuch air chois. Ged bha ’n oidhche stoirmeil, chruinnich barrachd sluaigh, sean agus òg, na ghabhadh an taigh le comhfhurtachd, agus am ministeir againn féin, an t-Urramach Iain D. Mac Phàrlain, comhla ruinn. Bha sinn cruinn mu cheithir uairean a thìm, agus chaidh sinn troimh gach ni a bha sinn air ionnsachadh, ann an dòigh a thug làn riarachadh do na bha ’làthair. Bha bhan-Chamaranach earrann dhe ’n ùine aig an organ, agus sheas i a h-àite an sin a cheart cho math ’sa sheas i ann a bhi ’gabhail a h-àite mar mhnaoi Rob Mhic-a- Phearsain, ’s iad le ’chéile fo chaochladh ainmean. ’Nuair bha na cùirteinean air am fosgladh o cheile, de bha fa chomhair an t-sluaigh ach Rob còir os ceann tuba nigheadaireachd, agus smùid aige araon air nigheadh agus air gearain air a shuidheachadh truagh o theann a’ bhean ri bhi liubhairt òraidean a chum an rathad a réiteachadh dhi féin guCongress .Cha robh Rob fada nigheadh ’nuair thainig a bhean a stigh far an robh e, ’s i ’toirt teann-òrdugh dha mu ’n obair, agus ag àithne dha gun e bhi ’fliuchadh an urlair mar bha e deanamh. An deigh dhaibh a bhi greiseag a deasboireachd, agus Rob bochd cho cabhagach a nigheadh ’s gur gann a bha e togail a chinn, thuirt ise gu ’n robh i nise falbh, agus dh’ éigh Rob as a déigh, “Tha mi ’n dòchas [ ? ] tig an là a thilleas tu.” Bhuanaich e ’n sin an gearain air a staid thruagh, gus an d’ thainig Coimhearsnach dha a stigh a bha air an aon diol ris fhein. Bha am fear sin air son gu ’n teicheadh iad le chéile gu dùthaich chéin air choireigin; ach o nach robh airgiod aig Rob a bheireadh air falbh e, chuir e roimhe nach nigheadh e ribeag ach na nigh. Mar sin, an deigh dha luideag no dha a bha ’san tuba fhàsgadh gu teann, agus beagan chuairtean a chuir dhiubh os cionn a chinn, aig an àm cheudna ag glaodhaich, “Hurrah for the red, white and blue, ”tharruing e iad le stràc a dh’ ionnsuidh an ùrlair, agus thug e breab do ’n tuba a chur a mas os a ceann. Aig an dearbh àm co thàinig a stigh ach a bhean, ’s i air tilleadh o’n òraid, nach deachaidh leatha gu ro mhath, ’s dh’ fheoraich i d’a fear ciod bu chiall do ’n ùrlar fhliuch, agus gach ni eile bha cearr. Sheas Rob e féin gu duineil, agus a dheanamh naigheachd fhada goirid, chord iad an lathair an t-sluaigh air a bhi beò an deigh sin mar fhear agus mnaoi a bhiodh dleasdanach d’a chéile.
Bha iomadh sealladh taitneach eile ri ’m faicinn an oidhch’ ud a chuir an sluagh gu léir air mhire, ach cha ’n ’eil math dhomh tigh’n thairis ach air aon dhiubh ris an canadh iad“Grandmother’s drill. ”Bha leth-dusan caileag bheag air an sgeadachadh mar sheana mhnathan, le ’n cuid churraichdean geala mu ’n cinn, speuclairean air an sùilean, &c . Bha coltas bocsa snaoisean aig gach té, agus bha iad uile crùbach leis an t-siataig. Eadar sanais, sreathartaich, agus gach ni bh’ ann, ’s beag nach do sgaoil an luchd-amhairc as a chéile le gàireachdaich. An deigh do na seallaidhean éibhinn ud a bhi uile thairis, chuireadh an comhairliche Donnachadh Domhnullach a reic bhocsaichean de bhiadh blasda a dh’ iomadh gne deasachaidh, agus thug e fèin iomadh gàire mach mu ’n d’ fhuair e cuibhteas iad. Leis na fhuaras a dh’ airgiod orra sin, maille ris na chruinnicheadh aig an dorus, tha da fhichead dollar agus aon air a ghleidheadh fa chomhair taigh-sgoile ùr a thogail, ge b’e uair a chuireas an sluagh mu dheighinn. Is mi do charaid an là chi ’s nach fhaic,
CALUM BEAG.
Ceap Nor, Ian. 4, 1902.
Facail mu “Mhac-Talla.”
MHIC-TALLA, ’CHARAID: —Gheibh thu anns an litir so dolair air son na bliadhna so. Bu mhath an luach dolair an òraid ghasda bha ann an ceud àireamh na bliadhna so, “An Fhéinn air a h-uilinn.” Ge b’e co “D. M‘K. ” is e brod an sgriobhadair a th’ ann, agus bu chòir dhut feuchainn ri tuilleadh sgriobhaidhean fhaotainn uaithe air son an cur ’sa phaipeir.
Do charaid dileas,
Bruach an t-Seilich,
ALASDAIR CAIMBEUL.
Strathlathuirn, C. B.
Tha e na thoil-inntinn mhor dhomh a bhi faicinn ’sa leughadh MHIC-TALLA. Tha mi creidsinn gu bheil e na chumhachd a chum feuma ’na latha ’s na linn féin. Le mor spéis is deagh dhùrachd, is mi a ghnàth do charaid.
R . CARR-HARRIS.
Kingston, Ont.
Tha mi cur ugaibh dolair airson ’ur pàipear. Tha mi duilich nach ’eil e taghal oirnn cho tric ’sa b’ abhaist dha, ach bidh sinn an duil ri fhaicinn a cheart cho tric ’n ùine gun bhi fada. Tha mi feitheamh ri sgeul eile bho ùghdar “Aonghas Donn Ghlinn Fraoich,” oir thaitinn i rium gle mhath. Dé ’s coireach nach ’eil sinn a cluinntinn bho “Chona,” a b’ àbhaist a bhi cho fileanta air sgriobhadh Gàilig?
Is mi ’ur caraid,
COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.
L ’Ardoise, C. B.
FHIR-DEASACHAIDH: —Tha mi aig an àm so cur ugaibh paigheadh a’ MHAC-TALLA. Tha mi duilich gu ’n d’ rinn mi dàil cho fada gun a phaigheadh, agus ma ’s e ’ur toil e leanaibh air a phaipear a chur ugam mar a b’ àbhaist. Agus tha mi cur ugaibh tri ainmean ùra air son am paipear a chur uca air a bhliadhna so. Tha mi ’cur an airgiod aca comhladh anns an litir so; agus na ’n cuireadh sibh g’ an ionnsuidh am paipear mu dheireadh bhithinn na ’r comain, a chionn bu mhath leotha tòiseachadh leis a’ bhliadhn’ ùir. Tha mi an dòchas gu ’n ruig mo litir sibh an deagh àm, agus gun gabh sibh mo leithsgeul air son an dàil a rinn mi. Ged a tha mi ann am Boston cha do dhichuimhnich mi a Ghàilig fhathast. A guidhe Bliadhna Mhath Ur dha ’n MHAC-TALLA ’s dha leughadairean.
ANNA B. NIC LEOID.
Boston , Mass.
Airneis Taighe
Dhe Gach Seorsa.
Gheibh thu anns an stor againne na riaraicheas tu. Tha stoc mor againn air ur cheannach dhe gach seors’ airneis, moran dhiubh a bhios gle fhreagarrach mar ghibhtean. Gheibh thu luach mor air pris bhig.
Gordon & Keith,
Sidni, C. B.
A . T. GRANT, Mgr.
[Vol . 10. No. 22. p. 7]
Iadsan a Phaigh.
I. S. Mac Gillfhaollain, Dun-Uilleim, Alba.
U. A. Mac Gillfhinnein, Somerville , Mass.
Ceit Nic Citheagain, Boston , Mass.
Ceit M. Nic Leoid, Boston , Mass.
Murchadh D. Mac Neacail, Graniteville , Vt.
Bean Roib Monilaws, Two Harbors, Minn.
Domhull Mac-an-t- Saoir, Greenleaf , Mich.
Iain Mac Gillfhaollain, Gagetown , Mich.
Domhnull Mac Gille-mhaoil, Fernie , B. C.
Domhnull Mac Cuthaig, Abbotsford , B. C.
Gilleasbuig Camaran, Victoria , B. C.
A. M. Domhnullach, Vancouver , B. C.
Ailean Domhnullach, Hastings , B. C.
Aonghas Caimbeul, Whitewood , Assa.
Murchadh MacGillfhinneinLoch Aills, Ont.
Iain Domhnullach, Park Hill, Ont.
Tigh nan Islean, Ottawa , Ont.
Domhnull Mac Leoid, Southampton , Ont.
An t-Easbuig Donullach, Alexandria , Ont.
An t-Oilear R. Carr-Harris, Kingston , Ont.
D. Mac Aonghais, McIntyre ’s P. O., Ont.
Bean Iain Mhic-a- Bhiocair, Teeswater , Ont.
C. Nic-na-h- Innse, Fingal , Ont.
Tormad Mac Leoid, Steornabhagh, Que.
Tormad Moireastan, Peveril , Que.
M. D. Domhnullach, Marsboro, Que.
Iain G. Domhnullach, St . George’s, E. P. I.
Martuinn Martuinn, Martinvale , E. P. I.
Alasdair Mac Leoid, Park Corner, E. P. I.
Iain I. Mac Mhanain, Beinn ’Ic Mhanain.
Iain A. Mac Gillebhràth, Dunmaglass , N. S.
Iain I. Sutharla, Kerrowgare , N. S.
Bean Iain Mherlin, Springhill , N. S.
Domhnull Boyd, Fraser Mills, N. S.
Adam Caimbeul, Scotsburn , N. S.
Bean I. MhicFhionghain, Livingstones Cove
D. I. Caimbeal, an Abhainn Mheadhonach.
Alasdair Domhnullach, an Abhainn Mheadhonach.
Bean Mhurchaidh Mhic Leoid, Sidni.
Iain A. Domhnullach, Sidni.
Ailean Mathanach, Sidni.
Alasdair Mathanach, Sidni.
Padruig S. Mac Neil, Sidni.
Alasdair Bànach, Port Hawkesbury.
Lachuinn Mac Gilleain, Orangedale .
Aonghas Gillios, Orangedale .
Iain Seathach, Grand River.
Alasdair I. Mac Coinnich, Eilean Christmas
An t-Urr. L. I. Mac-a- Phearsain, Baddeck.
Niall A. Domhnullach, Ceap Nor.
Coinneach Mac Leoid, Ceap Nor.
Bean C. Mhic-an-Toisich, Malagawatch.
Domhnull Moireastan, Ceap Nor.
Eoghan C. Mac Aoidh Malagawatch.
Lachuinn Mae Gilleain, Lexington.
Bean I. D. Mhic Fhionghain, Scotsville.
C. A. Mac Fhearghais, Iochdar L’Ardoise.
Tearlach A. Mac Leoid, Framboise Tuath.
Anna B. Nic Leoid, Framboise Tuath.
Seumas Mac Leoid, Brook Village.
Domhnull Mac Neacail, Cata one.
Bean Aonghais Dhomhnullaich, Enon.
Raonull Domhnullach, Rathad Cheamp.
Eoseph I. Domhnullach, Meinn Lorway.
Alasdair Caimbeul, Srath Lathuirn.
Ailean Mac Gilleain, Oifis Mhic Cormaic.
Aonghas Mac Ritchie, Baile nan Gall.
Iain Mac Leoid Sidni Tuath.
I. S. Mac Leoid, Loch Lomond.
Chuir cuid dhiubhsan nach robh roimhe so a’ deanamh an dleasdanais ri MAC-TALLA am pàigheadh a stigh o’n thug sinn rabhadh dhaibh ’san àireamh mu dheireadh. Tha sinn an dochas gu ’n dean càch uile sin mar an ceudna, agus nach bi againn ri aon ainm a thoirt bhar an leabhair. Cuimhnicheadh iadsan nach pàigh romh dheireadh a mhios so nach ruig MAC TALLA iad ach aon uair eile! Biodh fhios aca mar an ceudna, ged theid an ainmean a dhubhadh bhar an leabhair nach teid na fiachan a mhathadh dhaibh ach gu ’m bi sinn ag iarraidh an fheorlainn dheireannaich.
Is e’n seasamh a’s mò, ach ’s e ’n suidhe’s ciallaiche.
Is e ’n suidhe bochd a ni ’n garadh beairteach.
Gleann-da-ruadhail a’ Bharraich.
Air do ’n deise Ghàidhealaich aig Uilleam Mac Dhunléibhe, am bàrd’ Ileach, a bhi fàs lom, chuir nighean og, agus buidhean de dhaoin’ -uaisle a mhuinntir Chòmhail, an comhairle r’a chéile, agus dh’ aontaich iad deise ùr Gàidhealach a thoirt do ’n bhàrd. Ann an éirig an deise, fhuair iad an t-oran a leanas o’n bhàrd.
SEISD.
Gleann-da-ruadhail a’ bharraich,
Gleann an darraich ’s an fhraoich,
Gleann a’ choilich ’s a’ bhradain,
Gleann an rainich ’s nan craobh,
Gleann nan doireachan uaine,
Gleann nam fuaran nach traoigh,
Tha lusan slàint’ air do chluaintean;
Beannachd buan a’d dhà thaobh.
A Chòmhail chorraich nan garbh shlios,
Aig corsan ainmeil nan seol,
Far am faicear an ràmhachd,
’S muir thar àirde nam bord;
Bu tric a choisich mi ’n t-astar
Air aonach fàsach nam bo,
’Tha eadar lùban Ard-ghartan
A’s suidh Artuir Ghlinn-cro.
Ach dh’ fhalbh na bliadhnachan thairis,
’S gun ach faileas ann diùbh,
Cha ’n fhaicear sealgair air bearradh,
’S an crocach maiseach roimh ’n chù;
Aig Cluaidh fhuaraidh na reota,
A chuir fo leon mi ’s a’ chùil,
Gus an d’ thàinig na Còmh’laich,
Le sunnd na h-oige ’s e ùr.
Thàinig maighdean a’ Ghlinne,
Bho Ruadhail linneach nam bruach,
Fhuair mi fàilte na h-oighe,
Le duais a dh’ fhogair mo ghruaim,
Culaidh chathach nan Gàidheal
Réidh, gun dàil a cuir suas,
’S rinn mi siùd mar a b’ àbhaist
Gun chuimhn’ air fàillinn no fuachd.
Tha geal ’s dubh air do bhoidhche,
Le sunnd na h-oig’ ort gun bheud,
A’s sèimheachd maise do-nàduir
A’ buan fhàs leat da réir,
Eiridh tomhas as ùr dheth,
Gach bliadhn’ a chrùnas do bheus,
A’s ruigidh beannachd o’n bhàrd thu,
Gus an teirig Gàidhlig ’na bheul.
Bha Mac-Dubh ann o’n Ghàraidh,
’S cha ghràin anmoch a phor,
A dh’ fhàs o fhreumhach Chloinn-Laomain,
A ghleidh sibh daonnan ’n ar coir,
Dhion sibh Oighre na h-Airde,
Gun taing an àrfhaich nan spòl,
Bha mùgaich Shasuinn ga ’n ruagadh,
’S bu bheag a fhuaradh dhiubh beo.
Bha Mac Ille-bhàin Choir-an-t- sith ann,
’S cha toir dichuimhn’ e uainn,
Far an cruinnich na bràithrean,
Gheibh e fàilte mu ’n cuairt,
Tha ’n t-àrdan crocach ’n a bhrataich,
A’s tréine neart air a’ chruaich,
Am bogha ruighinn g’a lùbadh,
’S earb ri stuic aig a luaths’.
Mac-Gillios’ am fear boidheach,
Le ainm sonruichte buan,
Cha chuir ùin’ o bhi og e,
’S cha toir foirneart e uait,
Cha ’n fholaich linntean gun cheann e,
’S cha bhi e fann ach a’ fàs,
A’ sior sgaoileadh gun mhùthadh,
Maireann ùr mar a tha.
Thig a Dhùghlaich ’s bi t-àite
’S do dheoch-slàint’ air ceann bùird,
’S e t-fhear brataich is bàrd dhuit,
Cha ’n ’eil ni ’s fearr leis na thu;
Tha ’n ceangal aosda so là dir,
A tha ga ’r tàladh gu dlùth,
’S leanaidh sinne mar chàch dhiubh,
Air an àbhaist ga ’r cùl.
Posadh.
Ann an Sidni, air a cheathramh latha deug dhe ’n mhios so, leis an Urr. I. F. Forbes, Uisdean A. Mac-a- Phearsain, Port Morien, ri Beitidh Dhomhnullach, Loch Lomond.
AN T-SIDE—Tha an t-side a’ fuireach anabarrach briagha dh’ an àm so dhe ’n bhliadhna. Thuit meall mor sneachda mu ’n Nollaig ’s mu ’n Bhliadhn’ Uir, ach cha do mhair e fada; agus ’se chuidhleadh an aon dòigh falbh a th’ anns a chuid a’s moth a dhe’n dùthaich fhathast. Bha reothadh cruaidh agus sneachda gu leor againn roimh ’n àm so an uiridh.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
Uilleam K Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blàthachaidh thaighean a dheanamh 1e deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
[Vol . 10. No. 22. p. 8]
A Ghlinn ud Shios.
LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN.
A ghlinn ud shios, a ghlinn ud shios,
Gur trom an diugh mo shùil,
A’ dearcadh air do lagain àigh
Mar b’ abhaist daibh o thùs.
Tha do choilltean fathast dosrach, àrd,
’S gach sithein àillidh, uain’;
A’s fuaim an lùb-uillt nuas o d’ fhrith’
’N a shuain-cheol sith ’am chluais.
Tha ’n spréidh ag ionaltradh air do mhàgh,
Na caoraich air an raon;
Tha ’churra ’g iasgach air do thràigh,
’S an fhaoileann air a’ chaol.
Tha guth na cuthaig air do stùchd,
An smùdan air do ghéig,—
Os ceann do lon tha ’n uiseag ghrinn
Ri ceileir binn ’s an speur.
Tha suaimhneas anns gach luibh fo bhlàth,
Bàigh air gach creig a’s cluain,
A’ toirt ’am chuimhne mar a bha
Na làithean ’thàrladh uainn.
Fuaim do chaochain, fead na gaoith’,
A’s luasgan àrd nan geug,
’G ath-nuadhachadh le comhradh tlàth
Nan làithean àigh a thréig.
Ach chi mi d’ fhàrdaich air dol sios
’N an làraich’, fhalamh, fhuar;
Cha ’n fhaic fear-siubhail far an stùichd
Na smùidean ’g éiridh suas.
Do ghàradh fiadhaich ’fàs gun dreach,
Gun neach g’ a chur air seol,
Le fliogh a’s foghnain ann a’ fàs,
’S an fheanntag ’n àite ’n rois.
O! c’ àit’ am bheil gach caraid gaoil
’Bu chaomh leam air do learg?
A chuireadh fàilte orm a’ teachd,
A’s beannachd leam a’ falbh.
Tha ’chuid a’s mo dhiubh anns an ùir,
’S an t-iarmad fada bh’ uainn,
Dh’ fhag mis’ am aonaran an so,
’N am choigreach nochdta, truagh.
’N am choigreach nochdta, truagh, gun
taic’,
’S an acaid ann am chliabh,—
’N acaid chlaoidhteach sin nach caisg
’G am shlaid a chum mo chrich’.
’G am shlaid a chum mo chrich le bron,
Ach thugam gloir do ’n Ti,
Cha tug e dhomhsa ach mo choir—
Ri ’ordugh bitheam striochdt’.
Tha lochran dealrach, dait’ nan speur
Air teurnadh sios do ’n chuan,
A’s tonnan uain’ na b-airde ’n iar
Ag iadhadh air mu ’n cuairt.
Sgaoil an oidhch’ a cleoc’ mu ’n cuairt,—
Cha chluinn mi fuaim ’s a’ ghleann;
Ach an céardabhan, le siubhal fiar,
Ri ceol a’s tiamhaidh srann.
A ghlinn ud shios, a ghlinn ud shios,—
A ghlinn a’s ciataich’ dreach,
A’ tionndadh uait ’dhol thar do shliabh
Mo bheannachd siorruidh leat!
Muile nam Bagh.
Rinneadh an t-oran so le Iain Mac Phaidein, an Glascho. Choisinn e duais aig Mod a Chomuinn Ghaidhealaich ’sa bhaile sin air an fhoghar s’a chaidh.
SEISD.
Diridh mise ris an t-sliabh,
Dh’ fhaotainn seallaidh mar mo mhiann
Air na h-eileanan an iar,
Mu ’n teid a’ Ghrian fo cleoca.
Lochran iùil nam miltean sluagh
’Tearnadh mall ri tuinn a’ chuain;
’S cirean càir-gheal bhàrr nun stuadh
A failc’ an snuadh a gloire.
Chi mi thall ud daingeann buan,
Muile bearrach, gleannach, bhuam,
’S crun nam beann is àillidh tuar,
Os ceann nan cruach gu morail.
’N lorg nan glomhas, domhain, liath,
Croc-choill dhlùth nan lùb-allt fiar,
Far am brùchd cruit-chiùil nan ian,
Mu ’n gann a chiaras glomainn.
Coire, creachann, doire ’s bàgh,
O Bheinn Teala’ gu Ulbha àrd.
Tir nan rùnag; tir nan sàr,
O ’m faigh gach bàrd a cheolraidh.
Seunta, seanndaidh, coinnleir I,
O’n do bhoilsg fad iomadh linn
Solus soisgeil feadh gach tir,
’Toirt sgeul na sith do shloighean.
’S cagar diomhair tir mo ghaoil—
Cronan binn, ri linn gach smaoin,
’Bheir air lom an t-àm a dh’ aom,
Am measg nan raon ’s nan coiseag.
Oigridh ’n loinn, a b’ aoibheil gleus;
Aosda chiùin ’bu chùirteil beus,
’N earbs’ gun cheist am freasdal Dé,
A’ cur an creud am boidhchead.
Beannachd leis an aisling bhinn;
Céit’ ar n-oig’ a thriall ’s nach till;
’S leis gach solas ’fhuair mi fhin,
An Innsean nam ban boidheach.
Am Freiceadan Dubh.
Thainig na rannan a leanas a mach am Beurla ann am paipear-naigheachd Sasunnach aig an àm ’s an robh “Am Freiceadan Dubh” gu seoladh a chogadh ris na h-Ashantees ann an Africa ’sa bhliadhna 1874. Cha robh an deise Ghaidhealach air a meas freagarrach do ’n dùthaich, agus uime sin dh’ fhàg iad as an déigh i. Chaidh na rannan eadar-theangachadh gu Gàilig le “Mac Mharcuis.”
O ciod so an sgeula? Cà ’n d’ fhag iad am féile?
C’ uime boineid a’s brigis an àit’ iteig a’s breacain?—
Ann an Africa ’n teas, am measg meanbh-choille ’s phreas,
Bho nach freagradh iad daibh chuir iad diubh iad car tacain.
Ach cha mhill so an an cliù; cha ’n i ’n deise co-dhiù,
Tha ’cur balla-chrith air naimhdean ’s a’ fuadach an céille;
Cha ’n i! ach na laoich ’thig o bheanntaibh an fhraoich,
’N uair is Cath-ghairm— “Gaidheil ri guaillibh a chéile!”
Feuch morachd nam flath ’dol a dh’ ionnsaidh a’ chath!
Bidh a’ phiob a’ seinn “Bail’ Ionaraora” gu ceolmhor;
Air faiche nam blàr chithear gluasad nan sàr,
Mar aig spaidsearachd-féille, gu h-athaiseach, seolmhor.
’S iad na naimhdean a chi, ’n uair a thig iad gu strith,—
Ged a shaol iad an dubh-threubhan borba nach géilleadh—
Meud an gaisge ’s an cruadhs ’n uair tha ’n ceol ’g a chur suas,
A’s a’ Chath-ghairm— “Gaidheil ri guaillibh a chéile!”
’N àm tarruing nan lann, —le piob-mhoir aig an ceann—
An sàs theid na Gaidheil le deine do-thilleadh;
Le ’n gaisge ’s le ’n tréin’ ni iad rathad dhaibh fein,
’S an naimhdean mar spréidh, bidh ’gan léireadh ’s ’g am milleadh.
Na dubh-dhaoin’, ana feasd tuille, cha ’n fheith ri aon bhuille;
Is leoir dhaibh ma chluinneas iad “Gillean an fhéilidh,”
Oir bidh aca dearbh-fhios ’n a lorg gu ’n tig sgrios,
’N uair is Cath-ghairm— “Gaidheil ri guaillibh a chéile!”
Is e’n duine dìomhain a’s fhaide mhaireas.
Is e ’n gile ’n t-aodach, ach ’s e ’n laochan am biadh.
Na dean Mearachd
Rubbers
DHE NA SEORSACHAN A’S FHEARR
air na prisean a’s ìsle ann an
—STOR—
REDDEN,
Ross Block,Sidni.
Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
a’s fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.
Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.
K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
Nova Scotia Furnishing Co.,
LIMITED,
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Uidheamaich
. .. . .t’ EACH
le acuinn a tha freagairt dha gu comhfhurtail. Co-dhiu tha acuinn throm no aotrom a dhith ort, paighidh e dhut a ceannach uainne.
Tha gach seors’ acuinn a tha againn laidir agus buan; mar an ceudna na Sleigheachan, na Béin, na Cluig, na Bratan, agus na Cuipichean, dhe ’m bheil againn seorsachadh eireachdail.
Tha na prisean againn daonnan ceart. Taghail oirnn airneo sgriobh ugainn.
F . FALCONER & SON,SIDNI, C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI, - - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
title | Issue 22 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 22. %p |
parent text | Volume 10 |