[Vol . 10. No. 23. p. 1]
MAC-TALLA
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 31, 1902. No. 23.
Daibhidh Stiubhard.
LE IAIN.
CAIB. I.
BHA Daibhidh Stiubhard ’na dhuine air an robh fìor choltas a bhith slàn, agus a bhith toilichte gu leòr leis gach ni a bha e’ sealbhachadh. An uair a b’ aithne dhomhs ’e, bha e corr is tri fichead bliadhna; ach bha ’aghaidh cho tlachdar ri aghaidh a chunnaic mi, ach ainneamh; agus bha ruthadh na slàinte ’na ’ghruaidhean.
Bha ’fhalt, ged a bha e air teannadh ri liathadh, cho tiugh ’s cho làidir ’s a bha e riamh. Bha e gu math làidir ’na bhodhaig aig an àm, agus bha e cho cridheil ’s cho sunndach ’s cho cuideachdail ’s a bha e ’na ghille òg.
Bha meas mòr agam air Daibhidh, cha b’ ann a mhain a chionn gu ’m robh e ’na dhuine math, ach mar an ceudna a chionn gu ’n robh e ’na dhuine tuigseach, geur-chuiseach, deadh-chainnteach. Ged a bha e ’n comhnuidh aoidheil, dh’ aithnicheadh air a ghnùis gu ’n deachaidh e troimh iomadh trioblaid agus bròn.
Cha b’ ann aon uair a chuala mi e ag innseadh na naigheachd a leanas mu dheidhinn gach deuchainn is aoibhneas is bròn troimh ’n deachaidh e air a thurus troimh fhàsach an t-saoghail so. Agus innsidh mi i facal air an fhacal mar a chuala mi o ’bheul fhein i.
“Cha do shiubhail mi moran dhe ’n rioghachd riamh,” theireadh Daibhidh: “cha robh mi na b’ fhaide tuath na Duneidionn, agus cha robh mi na b’ fhaide mu ’dheas na ’n Caisteal-Nodha. Ach air a shon sin, thachair iomadh uidil is allaban, fortan is mi-fhortan rium, anns an t-saoghal.
“B’ e dròbhair a bh’ ann am athair, agus bha e ’fuireach ann an sgìreachd Choldstream. Bha e ’deanamh mòran reic is ceannaich, araon aig na margaidhean a bh’ aig a’ chrìch Shasunnaich, aig a ’mharagadh an Duneidionn a h-uile seachdain, agus air uairibh ann am Morpeth.
“Bha e da fhichead bliadhna ’s a coig mu ’n do phòs e. Bha boirionnach òg, grinn, glan, do ’m b’ ainm Cirsti Simson, a’ cumail an taighe dha. Bha Cirsti ’na boirionnach anabarrach dreachar, agus bhiodh àireamh de sheirbhisich nan tuathanach a bha anns a’ choimhearsnachd a’ tighinn gu tric rathad an taigh e gus a faicinn, agus mar an ceudna luchd-ceairde á Coldstream, agus á àiteachan eile—cha b’ ann a chionn gu ’n robh ise ’toirt misneach dhaibh, ach a chionn gu ’n robh aghaidh mhaiseach aice.
“Air feasgar àraidh thachair gu ’n d’ thainig m’ athair dhachaidh á Duneidionn, agus, mar bu ghnàth leis, bha boinne beag ’na shùil. Ach cha robh e cho fad air aghart ’s nach d’ thug e an aire gu ’n robh dithis no triuir de spalpairean òga mu ’n cuairt an taighe. Bha e glé fheargach; agus thuirt e ri Cirsti, “Cha toigh leam, a Chirsti, a bhith ’faicinn nam balach ud mu ’n cuairt an taighe.”
“Gu dearbh cha ’n ’eil mise toirt misneach sam bith dhaibh,” ars’ ise.
“Ma ta, ’Chirsti,” ars’ esan, “ma ’s ann mar sin a tha, pòsaidh mi fhin thu, mur ’eil dad agad ’na aghaidh.
“Cha ’n ’eil fhios agam c’ ar son a bhiodh dad agam ’na aghaidh,” ars ’ise.
“Cha robh an corr de leannanachd eatorra, agus an ceann choig latha deug bha iad pòsda. Rugadh mise mu ’n d’ thainig ceann na bliadhna an déigh dhaibh pòsadh. An uair a bha mi ochd bliadhna, chuireadh do ’n sgoil mi, ach cha d’ fhuair mi de dh’ fhoghlum ach gu ’n deanainn beagan leughaidh is sgriobhaidh is cunntais.
“An uair a bha mi mu sheachd bliadhna deug a dh’ aois, thachair gu ’n robh m’ athair ’s mi fhìn a’ dol gu ruige Morpeth. B’ ann air oidhche glé dhorcha ann an dulachd a’ gheamhraidh a bh’ ann. Bha toil againn an spréidh fhaotainn air aghart an oidhch’ ud fhein cho fada ri Chuitingham. Ach cha deachaidh sinn fad’ air ar n-aghart an uair a thàinig aon de na h-oidhcheannan cho fuar ’s cho fiadhaich ’s a chunnaic duine riamh. Bha ’n sneachda a’ tighinn a nuas na thorran, agus leis cho làidir ’s a bha ’ghaoth, bha ’n cathadh-làir cho dùmhail ’s gur gann a b’ urrainn duine a shùilean a chumail fosgailte. Cha mhòr nach robh mi air mo thachdadh.
“Bha sinn a’ marcachd le chéile. Bha capull math làidir aig m’ athair, agus bha cnapach de ghearran beag làidir agamsa. Am measg a’ chruidh a bh’ againn bha biast de thri-bhliadhnach tairbh, agus bha e ’sior chur roimhe nach rachadh e ceum air aghart. B’ fheudar dhuinn ròp a cheangal m’a adhaircean, agus m’a choiseinn feuch an tugamaid air coiseachd air aghart. Ach cho luath ’s a thòisich an sneachda ris sileadh gu trom, agus a thòisich an cathadh lair dh’ fhairlich is dhubh dh’ fhairlich oirnn an tarbh a cheannsachadh. Cha rachadh e aon cheum as an àite ’s an robh e. Mu dheireadh thug m’ athair buille mhath dha leis a’ bhata, agus ghrad thug an tarbh ’s e air an dearg chaoch burrag do ’n chapull, agus chuir e ’adhaircean anns a’ chliathaich aice. Thuit m’ athair bhar a muin. Ged a bha mise dlùth gu leòr dha, cha robh mi ach gann a’ faicinn mar a bha ’tachairt. Leum mi bhar muin an eich anns a’ mhionaid, agus ruith mi far an robh e. “Oh, athair,” arsa mise, “am bheil sibh air bhur gortachadh?”
“Bha e feuchainn ri éirigh, ach mu ’n d’ ràinig mise e—mu ’n gann a bha na facail am mach as mo bheul—thug an tarbh burrag dha!
“Oh, Dhaibhidh!” ars’ esan, agus cha do labhair e facal riamh tuilleadh!
Bu ghnàth leinn dagachan a bhith againn, agus ghrad thug mi am mach fear dhiubh á pòc-achlais mo chota-mhòir agus loisg mi air an tarbh, agus mharbh mi e.
Dh’ fheuch mi ri m’ athair a thogail, agus ged a bha ’n oidhch’ ann, bha mi faicinn gu ’n robh ’fhuil air an t-sneachda—agus b’ e sin an sealladh eagalach dhomhsa! Cha b’ urrainn domh fhaicinn c’ àit an robh e air a lot; ach ged nach d’ rinn e ach an aon osna, cha robh mi ’smaointean gu ’n robh e marbh. Dh’ fheuch mi uair is uair ri chur air muin an eich gus a thoirt air ais do Ghlanton; ach ged a theab mi mo chridhe sgàineadh a’ feuchainn ri ’chur air muin an eich, dh’ fhairlich orm.
“Oh, ciod e air an t saoghal a ni mi?” arsa mise, agus mi ’glaodhaich àird mo chlaiginn feuch an cluinneadh duine sam bith mi a bheireadh cuideachadh dhomh. Bha ’n cur ’s an cathadh cho trom ’s gu ’n robh eagal orm, ma bha e beò, gu ’n rachadh a thachdadh, agus a thiodhlacadh anns an t-sneachda mu’n tillinn air ais á Glanton. Agus an uair a bha mi ’glaodhaich, thainig Robhair, an cù bochd, far an robh m’ athair ’na shìneadh, agus thòisich e ri imlich a laimhe, agus ri donnalaich gu cianail.
O nach robh fhios agam ciod a dheanainn, thog mi m’ athair gu taobh an rathaid, agus chuir mi ’na shìneadh e aig bonn na callaid ann an àite cho fasgach ’s a bha ri fhaotainn.
“Oh, Robhair, fan thusa an sin, agus thoir an aire dha,” arsa mise ris a’ chù; agus ruith an cù bochd far an robh m’ athair ’na shìneadh, agus rinn e mar a dh’ iarr mi air.
“Leum mi air muin an eich, agus thug mi am baile orm cho luath ’s a b’ urrainn domh. Ann an ùine ghoirid bha mi air m’ ais, agus thainig àireamh de mhuinntir a’ bhaile comhladh rium le soluis gus mo chuideachadh. Bha m’ athair comhdaichte le fuil, ach cha robh an coltas bu lugha air gu ’n robh beath’ ann. Bha mi ’n dùil gu ’n grad bhristeadh mo chridhe, agus car ùine chluinnteadh mo ghlaodhaich na b’ àirde na fuaim na stoirme.
“Thugadh m’ athair do ’n taigh-òsda, agus an uair a thugadh dheth an t-aodach chunnacas gu ’n do chuir an tarbh adhairc a steach fo ’n t-slinnean thoisgeal aige. Agus an uair a thugadh an doctair g’ a amharc anns a’ mhadainn, thuirt e gu ’n robh e air a ghrad mharbhadh. Agus mar a dh’ innis mi dhuibh, cha do labhair e riamh, ach nuair a thuirt e “Oh Dhaibhidh!”
“Bha m’ inntinn cho mòr fo dhragh ’s nach b’ urrainn domh sgrìob sgrìobhaidh a dheanamh, agus thug mi air a’ mhinistear sgrìobhadh thun mo mhàthar, a’ bhean bhochd, a dh’ innseadh dhi mar a thachair. Ghabh fear-eòlais do m’ athair cùram de ’n spréidh, agus reic e iad air an fheill ann am Morpeth. Agus an uair a thuarasdalaich mi carbad-mharbh ann an Alnic, thug mi dhachaidh corp m’ athar. Agus faodar a thuigsinn gur ann glé bhrònach a bha mi ’dol dhachaidh. Mu ’n d’ ràinig sinn an taigh, chuala mi mo mhàthair a’ glaodhaich ’s a’ tuiream. “Oh, mo leanabh gun athair,” ars’ ise an uair a bha mi ’dol a steach air an dorus. Ach mu ’n do tharr i éirigh gus mo choinneachadh, chunnaic i sealladh dhe ’n chiste-laidhe, agus an uair a leig i glaodh cruaidh, goirt aisde, thuit i ann an neul.
CAIB. II.
“An uair a thiodhlaiceadh m’ athair agus a phàigheadh a h-uile sgillinn fhiach a bh’ air, fhuair sinn am mach gur e ceithir cheud punnd Sasunnach a bha de chorr againn; agus o’n a bha mise air mo thogail ri dròbhaireachd, ged a bha mi car òg, lean mi romham air an obair a dh’ ionnsaich mi, agus bha mo mhàthair ’s mi fhin a’ cumail taighe le chéile.
“B’ e so an aon rud sònraichte a thachair dhomh fad an ath thri bliadhna deug no gus an robh mi deich bliadhna fichead. Bha mo mhàthair a’ cumail an taighe dhomh, agus cha robh
[Vol . 10. No. 23. p. 2]
smaointean sam bith agam air pòsadh. Cha ’n e nach bithinn an dràsta ’s a rithist a’ dèanamh beagan leannanachd ris na h-igheanan an uair a thachradh iad rium, ach cha robh aon smaointean agam air pòsadh, cha robh mi ach air son a leigeadh ris dhaibh gu ’n robh toil agam a bhith caoimhneil riutha. Cha do thachair dhomh eòlas a chur air aon té a bhithinn deònach a phòsadh. Agus rud eile dheth, ged a bhiodh té ann a chòrdadh rium fhìn, cha robh mi ’smaointean gu ’m biodh mo mhàthair ro thoilichte anns an taigh comhladh ri mnaoi òig. A nis, mar a bha mi ag innseadh dhuibh, chaidh an ùine seachad mar so gus an robh mi deich bliadhna fichead.
Bha feòladair ann an Duneidionn—duine measail, tlachdar—ris am bithinn a reic cuid dhe ’n spréidh gu math tric. Air lath’ àraidh thachair sinn ri chéile aig a’ mhargadh. Bha e anns an àm air ùr-phòsadh. ‘A Dhaibhidh,’ ars’ esan, ‘cha ’n ’eil thu ’falbh as a’ bhaile an nochd? Nach fhearr dhut a dhol do ’n taigh agam fhìn ’s gu ’n gabhadh tu cupan tì comhladh rium fhin ’s ris a’ mhnaoi, agus ri h-aon no dithis eile de chàirdean?
“Tha mi coma ged a rachadh,” arsa mi fhìn; “ach cha ’n ’eil mi ann an aodach freagarrach air son a dhol a dh’ òl tì comhladh ri daoine còire sam bith.”
“Coma leat dhe ’n aodach,” ars’ esan.
Aig an uair a dh’ ainmich e, choisich mi a null do ’n Bhail’ Ur gus an d’ ràinig mi Sraid Hanobher, far an robh e ’fuireach. Thugadh a steach mi do sheòmar mòr briagha air an robh làr-bhrat cho briagha ’s a chunnaic mi riamh. Bha sgàthan mòr an crochadh ris a’ bhalla as cionn an t-simileir, agus uisge òir air a’ chéis anns an robh e. An uair a chaidh mi steach do ’n t-seòmar, chunnaic mi mi-fhìn ann o bhonn gu bathais. Chuir an làr bhrat, an sgàthan, an sofa, agus a’ chuid eile dhe ’n innsreadh bhriagha a bh’ anns an taigh annas gu leòr orm. Arsa mise rium fhìn, “Tha so a’ nochdadh cho math ’s a bha ’n cùnnradh a bha thu ’faotainn uamsa.”
Bha triùir no ceathrar de mhnathan uaisle ’nan suidhe anns an t-seòmar, agus thuirt am feòladair, “So agaibh Mr Stiubhard, a mhnathan uaisle. Mr Stiubhard, Mrs Piri,” agus a rithist thuirt e “Miss Murray, Mr Stiubhard.”
Cha mhor nach do thuit mi as mo sheasamh leis mar a bha mi air mo nàrachadh—bha e falbh leam air feadh an taigh e mar gu ’m biodh fear a’ falbh le pàisde ann an seomar dannsa.
“Is mise bhur seirbhiseach, a mhnathan uaisle,” arsa mi fhin. Thug mi anns an àm sùil air an sgàthan, agus thug mi an aire gu ’n robh m’ aodann a cheart cho dearg ri corcuir.
Ach chaidh mi ’nam bhoil buileach glan an uair a thugadh a steach an tì, agus a thuirt am feoladair rium, “A Mhr. Stiubhard an sìn sibhse an tì do na mnathan uaisle?” “Dunaigh air,” arsa mise rium fhìn, “an d’ thug e an so mi gus amadan a dheanamh dhìom?”
Thug mi oidhirp air an tì agus an t-aran a shìneadh dhaibh; ach leis mar a chaidh mi ’nam bhoil, leig mi leis na tubaistean ’s leis na leibistean, le cupa tuiteam ann an uchd Miss Murray! Cha mhòr nach do thuit mi marbh leis an nàire a ghabh mi a chionn a leithid a thachairt dhomh.
“ ’Na cuireadh e dragh sam bith ort,” ars’ ise; “cha ’n ’eil cron sam bith deante.” Agus labhair i cho ciùin ’s cho caoimhneil ’s gu ’n do ghabh mi tlachd dhe a guth anns a’ mhionaid. Ach an uair a sheall mi air a h-aghaidh cha do chòrd an gnothach cho math rium. Ach an deigh a h-uile rud, fad na h-uine a bha mi anns an taigh cha b’ urrainn mi gun a bhith ’sior amharc oirre.
An ath uair a thachair am feòladair rium, thuirt mi ris, “Bha romham fhaighneachd dhiot, ciod e ’n té ’th’ ann am Miss Murray?”
“Cha fhreagair i air dròbhair dhe do sheòrsa-sa co dhiubh,” ars’ esan.
“Bha mi ’g a smaointean sin,” arsa mise, “ach bu ghlé thoigh leam am barrachd eòlais a chur oirre.”
“Faodaidh tu sin ma thogras tu fhein,” ars’ esan. Agus ’na dheigh sin, bha mi mar bu trice uair ’s a’ mhios ann an Duneidionn. Agus ged a bha mi ’faicinn Miss Murray a h-uile uair a bha mi ’dol ann, cha duirt mi facal leannanachd riamh rithe, agus cha bhiodh e coltach gu ’n abradh.
Beagan ùine ’na dhéigh so, dh’ eug fear ann an Lunnainn a bha dàimheil do m’ mhàthair. Bha e ùine mhath ’na mharsanta, agus chuir e suim mhath airgid ma seach. Bha e air a ràdh gu ’m b’ i mo mhàthair an aon bu dàimheile dha a bha beò; agus o nach d’ rinn e ’thiomnadh, bha e air a ràdh gu ’m faigheamaid an t-airgiod a dh’ fhàg e ’nan cuireamaid air a shon. Agus b’ fhiach gach ni a dh’ fhàg e còig mile punnd Sasunnach.
Ged a chuir sinn an gnothach ann an làmhan fir-lagha, chaidh trì no ceithir de bhliadhnachan seachad mu ’n cuala sinn facal m’ a dheidhinn an airgid, ged a bha sinn a’ cluinntinn mar a bha ’n lagh a’ dol air aghart. Bha dorran gu leòr orm a chionn gu ’n do ghabh mi gnothach sam bith ris. Bha mi gu tric a’ smaointean nach robh mi ach a’ cosg mo chuid airgid gun fheum sam bith.
Mu ’n àm mu ’m bheil mi ’labhairt dh’ fhàs mo mhathair glé lag, breòite. Thuig mi gu ’n robh i gu nadarra a’ cnàmh ’s a’ dol as, agus nach biodh i fada beò comhladh rium. An latha mu ’n do dh’ eug i, rug i air laimh orm, agus thuirt i rium, “A Dhaibhidh, a Dhaibhidh,” (agus saoilidh mi gu ’m bheil mi fhathast ’ga cluinntinn a’ bruidhinn) “bhiodh e ’na chomhfhurtachd mhòr dhomhsa nan robh mi air d’ fhaicinn air do phòsadh ri deadh bhean taighe, mu ’n tigeadh am bàs orm; ach cha tachair sin?”
Mar a bha mi ag ràdh, dh’ eug mo mhàthair, agus bha ’n taigh glé fhuar, falamh as a h-aonais. Mu thri mìosan an déigh a bàis, thachair dhomh a bhith beagan laithean o’n taigh. Agus an uair a thainig mi dhachaidh, chuir a’ chaileag shearbhanta litir ’nam laimh, agus thuirt i, “A mhaighstir, sin agaibh litir, saoil sibh an ann dhuibh a tha i?” An uair a sheall mi oirre, chunnaic mi gu ’n robh i air a stiùireadh gu Daibhidh Stiubhard, Esquire, faisg’ air Coldstream. Dh’ fhosgail mi an litir, agus ghabh mi ioghnadh gu leòr an uair a chunnaic mi gu ’m b’ ann o ’n fhear lagha a bha air mo thaobh ann an Lunnainn a bha i. Bha e ag innseadh gu ’n do ghleidh mi an lagh, agus gu ’m faighinn an t-airgiod uair sam bith a chuirinn fios air. Chuir mi dh’ iarraidh an airgid leis an ath phost.
A nis, tha sibh a’ faicinn, bha mi air fàs seachd sgìth de bhith ’nam sheana-ghille. Agus fada roimhe sid bha toil agam pòsadh agus gabhail aig rudeiginn fois—sin ri ràdh, o’n a’ cheud oidhche a chunnaic mi Miss Murray. Ach tha sibh a faicinn, fhad ’s a bha mi ’nam dhròbhair b’ ainneamh leam a bhith aig an taigh—a dh’ innseadh na fìrinn bha mi na bu mhiosa dheth na ’n t-Arabianach, oir cha robh a’ bheag de shìth no de chomhfhurtachd agam—agus bha mi ’smaointean nach robh feum sam bith dhomh bean fhaighinn gus an rachadh agam air a bhith ann an suidheachadh a b’ fhearr. Ach cha b’ e so uile gu léir an t-aobhar a chum gun phòsadh mi. Cha robh boirionnach air an talamh, bha mi ’smaointean, a dheanadh mo bheatha sona dhomh ach Miss Murray na h-ònar; ach bhuineadh i do theaghlach measail. Mar a fhreagras mi aig a’ bhreitheanas, tha mi toirt m’ fhacail nach d’ fheòraich mi o neach riamh co dhiubh a bha airgiod aice no nach robh. Ach thuig mi gu math nach freagradh do dhròbhair dùthchadh mar a bha mise, aig nach robh cleachdadh air a bhith ann an cuideachd uaislean, teannadh ri cumail suas ri leithid de bhoirionnach. Ged a bhiodh làn mo dhuirn de notaichean agam an diugh, is docha nach biodh sgillinn agam am màireach. Mar a thubhairt mi, thuig mi gu math nach freagradh do m’ leithid gabhail dìreach far an robh i, agus a ràdh, “Am bheil dad agaibh an aghaidh coiseachd troimh ’n phàirc maille rium?” no briathran eile coltach riutha so.
(Ri leantuinn).
Oidhche aig Iasgach an t-Saoithein.
LE AONGHAS MAC FHIONGHAIN.
AIR feasgar latha mìos meadhonach de ’n fhoghar, bho cheann còrr is dà fhichead bliadhna air ais, chitheadh tu sia no seachd de bhàtaichean a’ fàgail gach caochladh puirt. Ann an loch àraid air taobh-an-iar an Eilein Sgiathanaich a’ falbh gu iasgach an t-saoithein eadar còig agus sia uairean ’s an fheasgar dheanadh iad a leithid de stàirneach ’g an slaodadh a mach air a’ mhol. Bhitheadh triùir no ceathrar de sgioba agus gach bàta, agus an aon aireamh de shlatan-iasgaich aca. Bhitheadh seann phoit phràiseich air ùrlar a’ bhàta anns am bitheadh teine ’g a chumail beò gu biadh a dheanamh dhaibh féin air tìr ré na h-oidhche. Bhitheadh aca mar an ceudna poca de bhuntàta feitheamh air an iasg ùr a gheibheadh iad air an fheasgar sin féin. An uair a gheibheadh iad an cuid bhàtaichean a mach agus gach duine ’n a shuidhe air a thobhta agus aig a ràmh fhéin, tharruingeadh iad air falbh o’n chladach gus an tigeadh iad na b’ fhaisge air a’ chéile na b’ fhaide mach ’s an loch.
Bha aca ri dhol ochd mìle mara gu iola an iasgaich air sruth làidir aig ceann eilein àraidh. Chluinneadh tu an còmhradh agus na h-òrain a bhiodh aca ’n uair a bhiodh iad fada mach ’s an loch, oir bha ’m feasgar blàth, ciùin, ’s na speuran gorm gun neul, ’s a’ mhuir ciùin, uaine, gun thonn gun onfhadh, air chor ’s gu ’n cluinneadh tu iad mòran na b’ fhaide na ’chluinneadh tu na ’m bitheadh iad air tìr-mòr. Rachadh na bàtaichean agus an còmhradh na bu lugha agus na bu lugha gus an rachadh iad as an t-sealladh uile gu léir. Cho luath ’s a bha iad a’ ruigheachd iola ’n iasgaich bha iad a’ cur a mach an cuid shlatan. Bhitheadh dithis ag iomramh, ’s nam biodh an t-iasg pailt dh’ fheumadh dithis a bhi aig na slatan; ’s mur biodh iad pailt, dhèanadh aon duine an gnothach. Leanadh iad mar sin air ais agus air aghart gus am fàsadh e cho dorcha ’s nach fhaiceadh iad co-dhiù ’bha no nach robh iasg air na slatan. Cha robh ni ri fhaicinn no ’chluinntinn ach an coinnlean bianain a bhiodh iad a’ gluasad leis na ràimh, agus sgreuchail nan eòin-mhara a’ sgiathail bho chreag gu creag, agus fuaim trom fad air falbh a bh’ aig a’ chuan-an-iar.
Rachadh na bàtaichean gu tìr; cuid dhiubh cheangaileadh iad ris na creagan, cuid dhiubh tharruingeadh iad suas air a’ mhol. Rachadh na sgiobaichean còmhla gu seann tigh mòr a bha anns an eilean anns nach robh duine ’gabhail còmhnuidh air son mòran bhliadhnaichean. Lasadh iad teine mòr de mhòine agus mhaidean agus bhruicheadh iad am buntàta agus an t-iasg. Sgaoileadh iad iad air bòrdan, no nam biodh an oidhche blàth, tioram, sgaoileadh iad iad a mach air an fheur ghlas. Bhitheadh am buntàta ’s an
[Vol . 10. No. 23. p. 3]
t-iasg cho teth, agus na h-iasgairean cho acrach, oir bha fada bho ’n a ghabh iad an tràth mu dheireadh aig an dachaidhean. Bha an càil cho glan agus fallain le àileadh làidir na mara, agus mar tha seanfhacal ag ràdh, gu ’n itheadh iad na clachan. Chitheadh tu ’n smùid teth bho phluic gach h-aoin mar a chitheadh tu a’ phuthag ’an àm éirigh.
An uair a bhiodh gach aon sàsaichte le ’n suipeir, thòisicheadh na sgeulachdan agus taibh-searachd, agus iomradh air iomadh euchd agus treundas a bhiodh iad féin agus feadhainn eile a’ deanamh air muir agus air tìr. ’Nuair bhiodh iad sgìth dheanamh naigheachdan agus taibhsearachd, thòisicheadh iad air na h-òrain, fear dhiubh a’ gabhail an òrain agus càch a’ togail an fhuinn. Chluinneadh tu mac-talla ’toirt freagairt d’ an guth binn, fallain.
Is iomadh duine a tha ’gabhail còmhnuidh ann am bailtean mòra na rìoghachd, a tha ’inntinn làn de chùram agus draghannan an t-saoghail so, a dheanadh e mòran a dh’ fheum dha a bhi ’g éisdeachd luinneagan agus a’ gabhail beachd air cleachdainnean agus simplidheachd na dùthcha. Tha na h-iasgairean so làidir ann am bodhaig agus ann an inntinn oir cha ’n ’eil mòr-chùram an t-saoghail so orra, ’s cha ’n ’eil obair aca ri dheanamh anns a ’chearn so de ’n dùthaich ach an t iasgach agus na croitean.
’Nuair bhiodh e fada air aghart ’s an oidhche, thuiteadh fear thall agus a bhos ’n a chadal, gus mu dheireadh nach bitheadh ’n a dhùisg ach aon no dithis. An uair a ghlasadh an latha gu math, rachadh gach sgioba gu ’m bàtaibh féin, cuid le glé bheag sunnd le cion fois na h-oidhche agus fuachd na maidne; oir eadar glasadh an latha agus éirigh na gréine bhiodh e glé fhuar mu ’n àm ud de ’n bhliadhna. Rachadh iad a mach do ’n cheart àite anns an robh iad an oidhche roimhe sin, air ais agus air aghart air an t sruth, gus an éireadh brat na h oidhche agus a thòisicheadh tighean agus fearann a’ tighinn am fradharc, agus reultan na maidne a’ dearrsadh, a’ ghrian chaomh a’ cur a gathan soluis roimpe gus an nochdadh i coimhlionta ’n a glòir a’ sgaoileadh cumhachd a soluis air aghaidh na talmhainn. ’Nuair bhiodh e dlùth do naoi uairean, ’s a bhiodh gu leòir a dh’ iasg aca, dh’ fhalbhadh bàta an déigh bàta dhachaidh, gus am fàgadh iad uile an iola iasgaich. ’Nuair a gheibheadh iad biadh agus beagan uairean de chadal, rachadh iad am feasgar sin féin a dh’ iasgach a’ charbhanaich gus am biodh e glé anmoch.
Tha cuimhne agam gu math air aon fheasgar is mi mach ag iasgach còmhla ri triùir eile. Bha fear dhe ’n sgioba, do ’m b’ ainm Gilleasbuig Tàillear, a bha ’n a ghealtair mòr air muir, oir bu ghlé ainmig a bhiodh e ann am bàta mur a rachadh e corra oidhche a dh’ iasgach còmhla ri feadhainn eile. Bhiodh gillean an àite gu tric a’ tarruing as, ged nach robh gamhlas air bith aca dha. Bha ’m feasgar so ciùin, sàmhach, gun oiteig gaoithe ann. Bha Gilleasbuig agus fear eile ag iomramh, fear ’n a shuidhe anns an toiseach, is mi-fhéin ’n am shuidhe ann an deireadh a’ bhàta, oir cha robh mi ach gle òg ’s an àm. Bha naigheachd a’ dol timchioll na dùthcha gu ’n robh iasgairean nan lìn mhòra a bhiodh a mach ’s a’ chuan a’ faicinn an nathair-mhara. Cha robh beag no mòr a bhiodh a mach ann am bàta nach bitheadh air an oillteachadh gu ’m faiceadh iad an creutair iongantach so. Bha sgeir mhòr mhara mach am bun an locha, agus an uair a bhiodh an làn àrd, shealladh i caol, fada. Cha robh i eu-coltach ri nathair mhara. Air an fheasgar so bha ar cùl ris an sgeir, agus bha sinn ag iomramh gu sàmhach gu iola an iasgaich, ’nuair a ghlaodh am fear a bha ’n a shuidhe ’s an toiseach gu grad, “An nathair-mhara! An nathair-mhara!” “An nathair-mhara!” ghlaodh Gilleasbuig Tàillear ’s e ’sealltainn thar a ghualainn. Cha d’ fheith e ri sealltainn no smuaintinn an dara h-uair, ach ghlaodh e ris an fhear eile, “Iomair, iomair cho math ’s a’s urrainn do chridhe gu tìr!” Chuir iad an casan ris na tobhtaichean, agus thòisich an t-iomramh da-rireadh gus an robh na cnagan a’ leum as na bacan-iomraimh. Cha do stad is cha do sheall iad gus an do sgleog iad sgruig a’ bhàta air na creagan air tìr. Leum am fear a bha ’san toiseach a mach gu gabhail roimh ’n bhàta mu ’m bristeadh i. Cha do ghléidh a chasan greim air na creagan leis a’ chabhaig a bh’ air, agus thuit e mach air a’ mhuir, ach rinn sinn greim air gu h-ealamh, agus an uair a dh’ fhàisg sinn a chuid aodaich cha robh aig an duine truagh ach coiseachd dhachaidh timchioll astar fada. ’Nuair a fhuair Gilleasbuig Taillear sàbhailte gu tìr, ’s a fhuair e tìm sealltainn timchioll, bha an nathair-mhara ’s a’ cheart àite ’s an robh i roimhe, ’s tha i sin gus an latha ’n diugh. —Oban Times.
“An Dachaidh ’s an d’ Rugadh Mi.”
LE IAIN CAIMBEUL, AN GLASCHO.
CHA ’N ’eil cuspair eile fo ’n ghréin is taitniche do neach sgrìobhadh uime na an dachaidh ’san d’ rugadh e. Co-dhiù bha ’n dachaidh sin na bhothan beag ìosal no ’na chaisteal briagha tha bàigh shònruichte aig an duine ri àit a bhreith. Tha ’r leam gu bheil an gaol dachaidh so gu sònruichte a faotainn àit’ ann an cridhe a’ Ghaidheil a tha air chuairt ’sa bhaile mhòr. Dh’ fhaoidte nach robh moran meas aige riamh air a dhachaidh gus an robh e greis “ann an Glaschu mòr nan stiopall, baile na gleadhraich,” ach ann an glé bheagan ùine tha chridhe ’g éigheach a mach le “Fionnladh Piobaire.” O! nach robh mi aon uair eil’ a m’ shìneadh air bruach na h-aibhne, far nach cluinninn ach torman nan allt, bàirich nam bò, agus ceilearadh nan eun!
Rugadh mise ann am baile beag ris an abrar Sgiobinnis ann an Cinn-tire Earraghaidheal, agus tha e air aideachadh le gach neach a bha riamh ann, nach ’eil baile beag an taobh an iar do dh’ Albainn is bòidhche na e. Tha e air a shuidheachadh taobh na mara, direach aig a cheart àite ’s am bheil uisgeachan Loch Fine agus Caol Chille-Bhranndain a coinneachadh a cheile. Tha aghaidh a bhaile ris an àirde deas, agus tha e mar sin grianach a shamhradh ’s a gheamhradh. Air a chùl tha na monaidhean ag éirigh suas a phògadh nan neul ’s iad còmhdaichte le fraoch bho mhullach gu iochdar. Ann an so tha pailteas do chearca-fraoch do choilich-dhubha agus do eunlaith eile r’a fhaotainn an àm seilge. Tha dà ghleann bhòidheach ag eiridh ’n àird bho dhà cheann a bhaile ’s iad sgeadaichte air gach taobh le coillteach, anns am bheil a h-uile seorsa fiodh a’ cinntinn airson obair na h-oighreachd, a thuilleadh air a bhi toirt toileachadh do shealladh nan sùl agus fasgadh do dhuine agus ainmhidh. Mu choinneamh Sgiobinnis agus aig astar choig no sè mhiltean tha sléibhtibh an eilean Aranaich ag eiridh ’n aird agus na neòil, agus là an deigh là, a cur an cuimhne mòrachd an Ti a chruthaich na “Sléibhte siorruidh.” A thaobh e bhi air a chladach tha moran do mhuinntir an àite ’na maraichean, agus ’s lionmhor iad a th’ air clàraibh shoithichean mora ann an iomadh cearn’ do ’n t-saoghal a fhuair an ceud eòlais air seoladaireachd ann am bàta-sgadain air Caol Chille Bhranndain. ’S e iasgach an sgadan a b’ obair do ’n chuid mhor do mhuinntir an àite ri mo linn-sa, ach cha ’n ’eil an sgadan cho pailt a nis, agus tha moran air sguir do ’n obair sin, ach ’s tric a chithear fhathast an acarsaid làn do bhàtan éisg air an tional bho gach port air Loch Fine, ’s iad uile air tòir an éisg is ainmeile ’s an t-saoghal, ’s e sin, “Sgadan Loch Fine.” Mar a dh’ eirich do ’n Ghaidhealtachd uile gu léir, chaidh buidheann mhor do mhuinntir an àite a ruagadh air falbh do America mu thuath, ach ged a chaill iad an dachaidh cha b’ urrainn dhaibh a leigeil as an cuimhne, agus thug iad do bhaile an Ontario ainm “an dachaidh ’s an d’ rugadh iad.” Tha mar sin an sluagh tearc, agus tha chuid nach ’eil nan tuathanaich ag obair air an oighreachd aig tighearna an fhearainn. Tha esan ’na fhìor dhuin ’uasal cha ’n ’eil màltan trom, agus-a thaobh iomadh sochair eile a tha iad a’ mealtainn, tha aobhar aca bhi toilichte taingeil.
Bhuineadh, an oighreachd bho cheann iomadh ginealach do na Caimbeulaich—an sliochd bho ’n d’ thainig mi fein. Tha eachdraidh ’g innseadh gun d’ thainig “Ceanntire” mar thiodhlac leis an Righ do Mhac Cailein Mòr, ceann feadhna nan Caimbeulach. B’ fheudar do Mhac Cailein na Domhnullaich a ruagadh a mach mu ’n d’ fhuair e sealbhair Cinntire, agus ’s ann aig Sgiobinnis a thainig sìol Diarmaid air tìr thun a chogaidh. B’ e caisteal Sgiobinnis iuchair Chinntire, agus ’nuair a thugadh buaidh air cha b’ fhada gus an d’ thugadh buaidh air an tir uile. Gus an latha ’n diugh tha ’n talamh mu ’n cuairt air a chaisteal làn do chnàmhaibh agus do chlaigionn dhaoine, air chor ’s gur iomadh cath fuileachdach a chaidh chur anns a choimhearsnachd. Tha ’n t-seana chaisteal so mu naoi ceud bliadhna dh’ aois, agus bha e ’na dhaighneach laidir anns na h-àmannaibh ud. Tha na ballachan cho tiugh ’s gu ’m b’ urrainn each ’us cairt iomachd mun cuairt orra, tha na h-uinneagan ro[ ? ] , agus tha tuill an sud ’s an so air son shaighdean a chur á bogha. Tha prìosan iochdarach ann mar an ceudna far nach bu mhaith do neach a bhi fo ghlas. Thatar ag radh gu ’n d’ fhuirich an righ gaisgeil sin, Raibeart Bruce, oidhche ann an caisteal Sgiobinnis ’n uair a bha e air a rathad sios gu eilean Rathlin a chur seachad a gheamhraidh. Tha ’chill a tha toirt ainm do ’n chaol ma astar bhogh’ -saighid bho ’n chaisteal, agus tha e mar an ceudna ro-aosda. Cha ’n ’eil a nis ach ballachan an t seann eaglais so na seasamh, agus tha craobhan a cinntinn ’na h-ùrlar. An so tha àit-adhlac nan Caimbeulaich, agus tha cuid do leacan-cinn ghasda do sheann snadhideadarachd Ghaidhealach ann mar an ceudna.
Tha iomadh ni eile mu ’n àite a tha “mar sgeulachd na h-aimsir a dh’ fhalbh.” ’S e h-aon dhiubh sin “Dùn nam Mallachd.” Chaidh an t-ainm so thoirt air a chionn gu ’m b’ àbhaist do ’n a h-uile fear a chuidich an dùn a thogail, a mhallachd a thilgeadh sios maille ris a h-uile ultach do thalamh a chuireadh e air, oir ’s ann a deanamh peanas a bha iad. Tha ’n sud ’s an so, air àitean àrda, corrach, làraichean a bha o shean nan daingnich làidir. Bha h-aon diubh so anns a mhonadh ris an abrar “Cruach a Mhachair.” Tha sealladh gasda r’a fhaotainn air an tìr mu ’n cuairt. Chithear mar gu ’m b’ eadh aig do chasan na Caoil Bhòdach agus fearann Chòmhail agus tha h-uile loch ’us beinn ’us eilean bho Bheinn Chruachain anns an airde tuath gus an fhearann Eirionnach anns an deas ri fhaicinn gu soilleir—a cur an cuimhne mar a thuirt an t-Urramach Tormad Mac Leoid:
“B’ àluinn a beinnean ’s a srathan;
B’ éibhinn dath a gleanntan.”
(Air a leantuinn air taobh 174).
[Vol . 10. No. 23. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, IANUARAIDH 31, 1902.
Gu bhi ’nan Cairdean.
GED a bha coltas na h-aimhreit air a Ghearmailt air na Staidean ’s air Breatunn o chionn ùine bhig air ais, tha a nise coltas orra bhi ’nan dlùth chairdean aon uair eile. Mar chomharradh air sin, faodar innse gu bheil Prionns’ Eanruic na Gearmailt a tigh’nn air chuairt ghoirid do na Staidean, agus gu bheil Prionnsa Wales, esan a bha gus o chionn ghoirid air ainmeachadh mar Diuc York, aig an àm so air chuairt agus a’ Ghearmailt. Tha so a nochdadh nach eil gamhlas no fior naimhdeas sam bith eadar na tri duthchannan so, agus nach robh na cathan briathrach a bha dol air adhart eatorra air an aobharachadh leis an t-sluagh a b’ fhearr, ach leis an t-seorsa sin a tha ri ’m faotainn agus gach dùthaich leis am miann fuaim mor a dheanamh mu ni beag air sgàth a bhi air an cluinntinn. Rinn an cronachadh a thug Chamberlain agus Breatunnaich eile do na Gearmailtich feum mor dhaibh, agus faodar a chreidsinn nach bi iad an deigh so cho ealamh air beum a thoirt do Bhreatuinn a thaobh cogadh nam Boerach.
Glaodh Armenia.
THA Criosduidhean Armenia ann an suidheachadh truagh. Tha uachdaranachd aig an Turcach thairis orra, agus tha e daonnan a’ deanamh eucoir agus ainneart orra. Anns na na bliadhnaichean 1895 agus 1896, chaidh mu thri cheud mile dhe ’n t-sluagh bhochd so a chur gu bàs gun aobhar sam bith ach nach robh iad a’ creidsinn ann am Mahomed; agus tha na dh’ fhàgadh dhiubh an diugh fo eagal gu bheil obair an sgrios gu tòiseachadh a rithist. Tha àireamh mhor dhiubh an deigh athchuinge a chur dh’ ionnsuidh Riaghlair nan Staidean, ag iarraidh air an dùthaich sin a dhol ’san eadraiginn, agus an saoradh o laimh an fhir-mhillidh. Ma chi an Riaghlair iomchuidh sin a dheònachadh dhaibh, theid aig na Staidean air an cuideachadh na ’s fhearr na theid aig aon de rioghachdan na Roinn-Eòrpa. ’S i Breatunn an aon dùthaich ’nam measg sin a bhiodh deònach cuideachadh leis na h-Armenianaich, ach aig an àm so tha a làmhan làn, agus cha ’n eil na comas na bu mhath leatha dheanamh. Eadhon ged nach biodh cogadh no stri sam bith air a lamhan, cha bhiodh e ro shoirbh dhi cur cruaidh ris an Turcach gun aon de na rioghachdan eile bhi ga ’cuideachadh. Tha rioghachdan na h-Eòrpa cho amharusach a thaobh rùintean càch a chéile ’s nach urrainn aon diubh gluasad sam bith a dheanamh gun a dha no tri de chàch gluasad na h-aghaidh, air eagal, ma leigear air adhart i, gu ’n tig i stigh air an còirichean fein. B’e ’n t-eud ’s an t-àmharus sin a chum Breatunn o dhol a dheanamh cobhair air na h-Armenianaich bhochda sia bliadhna roimhe so, agus ged bhiodh a lamhan saor agus i deònach cuideachadh leotha aig an àm so, dh’ fheuchte r’a cumail air ais ’s an doigh cheudna. Ach tha na Staidean mar dhùthaich air leth leatha fhein, agus ma chuireas Roosevelt roimhe an saorsa chosnadh dha na h-Armenianaich theid aig air a dheanamh, oir faodaidh e na thogras e dheanamh ris an t-Sultan gun aon de luchd-stàta na h-Eòrpa a bhacadh. Agus ’s e sin gu mor bu riatanaiche dha na dhol a ghabhail pàirt nam Boerach an aghaidh Bhreatuinn, mar bu mhiann le àireamh nach beag de mhuinntir a dhùthcha e dheanamh.
Cosguis nan Cogaidhean.
THA na cogaidhean a tha dol air adhart anns na h-Eileanan Philipeach agus ann an Africa mu Dheas a’ nochdadh gu soilleir gu bheil na Staidean fad air thoiseach air Breatunn ann an cosg airgeid. Tha Breatunn a cur air adhart cogaidh ann an dùthaich a tha uiread ri da thrian dhe ’n Roinn-Eòrpa, agus tha da cheud mile saighdear aic’ ann. Tha sin a cosg dhi mu fhichead millein dolair ’sa mhios. Cha’n eil an dùthaich anns am bheil na Staidean a’ cogadh ach gann an ceathramh cuid uiread sin, agus cha ’n eil ach mu dha fhichead mìle saighdear anns a’ chogadh; ach tha e cosg da mhillein dheug dolair ’sa mhios. Tha gach saighdear a tha mach aig Breatunn mar sin a cosg ceud dolair ’sa mhios dhi, am feadh ’sa tha gach saighdear a tha mach aig na Staidean a’ cosg do ’n dùthaich sin tri cheud dolair ’sa mhios. Ach a dh’ aindeoin sin cluinnear agus na Staidean barrachd mor mu chosguis cogadh nam Boerach na chluinnear mu chosguis a chogaidh a tha an dùthaich sin fhéin a cur air adhart anns na h-Eileanan Philipeach.
Gailig Mhanainn.
THA againn f’ ar comhair aig an àm so an Tiomnadh Nuadh ann an Gàilig Mhanainn. Tha a cheud taobh-duilleig dhe a leughadh mar so:—
CONAANT NOA
NYN
JIARN AS SAUALTAGH
VEESEV CREEST;
VEIH
NY CHIED GHLARAGHYN,
DY KIARALAGH CHYNDAIT AYNS GAILCK;
TA SHEN DY GHRA,
Chengey ny Ahtyrey Ellan Vannin.
POINTIT DY VE LHAIHT AYNS KIALTEENYN.
London: 1810.
Tha Gàilig Mhanainn ’s an aon dàimh do Ghàilig na h-Alba ’sa tha Gàilig na h-Eirinn, agus na ’m b’ ionann an dòigh litreachaidh, cha bhiodh e doirbh do Ghaidheal Albannach a leughadh. Ach tha i air a litreachadh a réir rian na Beurla, agus mar sin tha moran dhe na facail air an cur á aithne. A chum gu faic ar leughadairean dhaibh féin beagan earrannan dhe ’n chainnt so, bheir sinn dhaibh cosamhlachd a Mhic Struidheil. —Lucas xv: 11-32.
As dooyrt eh, Va daa vac ec dooinney dy row:
As dooyrt y fer saa rish e ayr; Ayr, cur dooys yn ayru dy chooid ta my chour. As rheynn eh e chooid orroo.
As laghyn ny lurg shen, hymsee yn mac saa ooilley cooidjagh, as ghow eh jurnah gys cheer foddey, as ayns shen hug eh jummal er e chooid liorish beaghey rouanagh.
As tra va ooilley baarit echey, dirree genney vooar ayns y cheer shen; as ren eh toshiaght dy ve ayns feme.
As hie eh as daill eh eh-hene rish cummaltagh jeh’n cheer shen; as hug eshyu eh magh gys ny magheryn echey dy ve son bochilley muickey.
As by-vian lesh e volg y lhieeney lesh ny bleaystyn va ny muckyn dy ee: as cha row dooinney erbee hug cooney da.
As tra v’eh er jeet huggey hene, dooyrt eh, Nagh nhimmey sharvaant failt t’ec my ayr ta nyn saie arran oc, as fooilliagh, as ta mish goll mow laccal beaghey!
Trog-ym orrym, as hem roym gys my ayr, as jir-ym rish, Ayr, ta mee er n’yannoo peccah noi niau, as kiongoyrt rhyt’s,
As cha vel mee ny-sodjey feeu dy ve enmyssit dty vac: dell rhym myr rish fer jeh dty harvaantyn failt.
As hrog eh er, as haink eh gys e ayr. Agh tra v’eh foast foddey veih, honnick e ayr eh, as va chymmey echey er, as roie eh, as ghow eh eh ayns e roihaghyn, as phaag eh eh.
As dooyrt y mac rish, Ayr, ta mee er n’yannoo peccah noi niau, as ayus dty hilley’s, as cha vel mee ny sodjey feeu dy ve enmyssit dty vac.
Agh dooyrt yn ayr rish e harvaantyn, Curjee lhieu magh yn coamrey share, as cur-jee er eh, as cur-jee fainey er e laue, as braagyn er e chassyn.
As cur-jee lhieu ayns shoh yn lheiy, beiyht, as marr-jee eh; as lhig doom gee as ve gennal.
Sou v’eh shoh my vac marroo, as t’ eh bio reesht; v’eh caillit, as t’ eh er ny gheddyn reesht. As reu ad toshiaght dy yannoo gien mie.
Nish va’n mac shinney mooie ’sy vagher: as tra haink eh ergerrey da’n thie, cheayll eh kiaulleeaght as daunsin.
As deie eh er fer jeh’n vooiujer, as denee eh cre son shoh.
As dooyrt eh aish, Ta dty vraar eh jeet thie; as ta dty ayr er varroo yn lheiy beiyht, er-ynoyr dy vel eh er jeet thie huggey slane follan.
As v’eh feer chorree, as cha baillish goll stiagh: shen-y- fa haink e ayr magh, as vreag eh eh.
As dreggyr eshyn, as dooyrt eh rish e ayr, Cur-my-ner, ta mish rish whilleen blein shen ayns dty hirveish, chamoo ren mee rieau noi dty aigney, as foast cha dug oo dou rieau wheesh mannan, dy yannoo gien mash my gheiney-mooinjerey:
Agh cha leah as v’eh shoh dty vac er jeet, ta er vaarail dty chooid er streebaghyn, t’ou er varroo er e hon yn lheiy beiyht.
As dooyrt eh rish, Vac, t’ou er ny ve kinjagh marym, as lhiat’s ooilley ny t’aym.
Ve cooie dooin ve gennal, as boggey y ghoaill: sou v’eh shoh dty vraar marroo, as t’ eh bio reesht; v’eh caillit, as t’eh er ny gheddyn.
LEIS an àireamh so tha MAC-TALLA ’gabhail a chead dhiubhsan nach robh ’deanamh an dleasdanais ris, agus cha ruig e tuilleadh iad gus am pàigh iad air son na h-ùine a bha iad ga ’ghabhail. An deigh so bidh e ga ’n ruigheachd-san a mhàin a bhios ga ’phaigheadh gu riaghailteach na h-uile bliadhna. ’S e sin an aon dòigh air an urrainnear a chumail air adhart gu soirbheachail. Tha sinn an dòchas gu ’n dean ’fhior chàirdean an uile dhichioll air a shon, agus gu ’m bi a’ bhliadhna so a’ toirt bàrr air gach bliadhna chaidh seachad.
[Vol . 10. No. 23. p. 5]
Naigheachdan.
BAS MULADACH—Thainig bàs muladach air fear Richard Greeno, ann an Woodville, an siorrachd Hants, an la roimhe. Bha e ’g obair anns a choille a tarruinn a mach fiodha, nuair a thuit an t-each air ga ’ghoirteachadh cho dona ’s gun do chaochail e.
GUAL BHREATUINN—Chuir an Riaghladh Breatunnach an uiridh tasdan an tunna do chìs air gual a bhiodhte cur air falbh do dhùthchannan eile. Bha moran an dùil gu ’m biodh sin na aobhar air malairt a ghuail a chur air ais, ach cha do thachair sin idir. Chaidh barrachd guail a chreic an dùthchannan céin ’sa b’ àbhaist.
LEIS AN AMHAICH GHOIRT—Ann anTweedside , York, N. B. ,air an t-seachdain roimh ’n té s’a chaidh, chaochail Padruig C. Wood, a bhean, ’s a dhithis chloinne—an teaghlach gu h-iomlan—leis an amhaich ghoirt. Chaochail Wood fein Di-luain, am pàisde bu shine Di-màirt, agus a bhean ’s am pàisde b’ òige Dior-daoin. Bha an euslaint anabarrach dona.
AIR AN TURUS DO AFRICA—Dh’ fhalbh dara leth na reiseamaid a tha Canada a cur do Africa mu dheas á Halifacs mu mheadhon a mhios so. Bha iad ann ceithir cheud ’s da fhichead duine, agus coig ceud ’s tri fichead each. Bidh an còrr a’ falbh an ùine ghoirid; faodaidh gu ’n seòl iad mu ’n ruig so na leughadairean. Tha sinn a’ guidhe turus math leotha, agus tilleadh slàn dhaibh.
MEINN GHUAIL BHROAD COVE—Sheas na gearradairean agus a’ mhèinn so a mach o chionn ghoirid ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Bha iad a faighinn leth-dolair air son gach tunna guail a ghearradh iad, agus bha iad ag iarraidh 65c. an tunna. An deigh dhaibh a bhi ’nan tàmh ùine ghoirid, chaidh iad air ais a dh’ obair air 55c. an tunna, air chumha gu ’m biodh nithean àraidh eile air an robh iad a’ gearain air an ceartachadh.
IASGAIREAN A’ SMUGLADH—Cha ’n ann ris an iasgach a mhàin a tha cuid de na soithichean Geancach a bhios na h-uile bliadhna ’taghal am puirt Nobha Scotia us Cheap Breatunn. Bha àireamh dhiubh air an glacadh air taobh deas Nobha Scotia o chionn ghoirid air son a bhi smugladh stuth làidir á St. Pierre, agus b’ fheudar do na sgiobairean aca ùbhlaidhean a phàigheadh, a ruith o leth-cheud gu dà mhìle dolair a réir meud na cionta.
AIR FHAOTAINN MARBH—Chaidh Iain Coakley, greusaiche, a mhuinntir a Bhras d’Oir Bhig, fhaotainn marbh faisg air an rathad mhor eadar a dhachaidh us Cobh Chelly, maduinn Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Thatar am barail gu robh ’n daorach air ’s gun do thuit e as a charbad, agus gu ’m b’e an goirteachadh a fhuair e mar sin, cuide ris an fhuachd, a dh’ aobharaich a bhas. Bha e marbh treis a dh’ ùine mu ’n d’ fhuaireadh a chorp.
CRITH-THALMHAINN AM MECSICO—Bha crith-thalmhainn mhor ann an Chilpanoingo, am Mecsico, air an t-siathamh latha deug dhe ’n mhios so. Chaidh sluagh mor a mharbhadh ’sa leònadh; cha ’n eil na fiosan a thainig gu ruige so gle chinnteach, ach thatar a’ meas nach robh an àireamh a chaidh a mharbhadh na bu lugha na tri cheud, agus gu robh a cheart uiread no barrachd is sin air an leònadh. Bha roinn de na togalaichean bu mhotha ’s a b’ fhearr ’sa bhaile air an tilgeadh gu làr, am measg chàch an togalach anns an robh oifis antelegraph. ’S e sin a bhi air a chur as a chéile is coireach nach eil fiosan cinnteach ri ’m faotainn.
FO AMHARUS MORT—Chaidh Ualtar Gordon, fear dhiubhsan a bha falbh do Africa mu Dheas mar shaighdear ’san reiseamaid Chanadach, a ghlacadh ann a Halifacs air amharus gu ’m bu mhortair e air an robh luchd-ceartais Mhanitoba an tòir o chionn còrr us bliadhna. Thatar a’ fàgail air gu ’n do mhort e dithis sheann tuathanach deìreadh an t-samhraidh, 1900. Theich e do Dakota Deas, agus an sin ghabh e ann an arm nan Staidean. Agus nuair a bha ’n reiseamaid so ’ga togail an Canada theich e do Cholumbia Bhreatunnach agus ghabh e innte fo ’n ainm Iain Mac Gille-ghlais. Tha e nise ’sa phriosan ann a Halifacs, agus mu ’n leigear m’a sgaoil e, bidh a chiont no a neo-chiontachd air a dhearbhadh.
MARCUS DUFFERIN TINN—Tha Marcus Dufferin agus Ava, a bha uair na Ard-riaghladair an Canada, agus an deigh sin ’s an dreuchd cheudna anns na h-Innsean, aig an àm so tinn. Bha e fàs lag o chionn treis a dh’ ùine air ais, agus cha ’n eil a nise ach beagan dòchais gu faigh e thairis air a thinneas.
LUCHD-OBRACH A NEWFOUNDLAND—Tha àireamh mhor de mhuinntir Newfoundland aig an obair-iaruinn anns a bhaile so, agus mar an ceudna ann an Sidni Tuath; agus tha iad a sior thighinn. Air an t-seachdain s’a chaidh thainig mu cheud duine air a Bhruce, agus thatar ag ràdh gu bheil mu choig ceud eile ri tighinn an ùine ghoirid.
A’ BHREAC AM BAILE-SHEORAIS—Tha a bhreac ann an Georgetown, E. P. I., o thoiseach a’ gheamhraidh. Bha i air a toirt ann le sgioba da shoitheach a thainig do ’n acarsaid mu ’n àm sin a dh’ iarraidh luchd sìl is buntata. Chum an easlaint gnothuichean a’ bhaile gu mor air ais uaithe sin, agus air a mhios so b’ fheudar na sgoilean agus na h-eaglaisean a dhùnadh.
BAS NIGHINN AM BOSTON—Thainig bàs gle aithghearr ann am Boston air nighinn òig d’ am b’ ainm Alice Dhomhnullach, a mhuinntir Cheap Breatuinn. Bha i ’na searbhanta ann an teaghlach d’ am bu shloinneadh Gibbs, agus chaidh i chadal oidhche Dior-daoin, an siathamh latha deug dhe ’n mhios, ’s i cho slàn ’s a b’ àbhaist dhi. Maduinn an ath latha fhuaireadh marbh anns an leabaidh i. Bha a bàs air aobharachadh le tinneas a’ chridhe.
MU ’N CHOGADH—Tha sinn a cluinntinn aig an àm so gu bheil làn dhòchas aig na Breatunnaich gu ’n tig crioch air a chogadh Bhoerach an ùine gle ghoirid. Ach tha sinn a’ cluinntinn mar an ceudna gu bheil iad an deigh cuireadh a thoirt do Australia ’s do New Zealand reiseamaidean ùra chur g’ an cuideachadh; agus cha ’n eil an da sgeul a’ co-chòrdadh. Feumaidh gu bheil teagamh ’sa chùis fhathast, ged bu mhath le daoine bhi ’n dòchas nach eil.
BREITHEAMHAN BODHAR—Thatar ag radh gu ’n cuir a phàrlamaid air a bhliadhna so mu dheidhinn àireamh de na breitheamhan a thoirt bhar cathraichean-breitheanais Chanada. ’S e ’s aobhar dha sin gu bheil cuid dhiubh le sean aois air fàs bodhar ’s a’ call an cuimhne air dhòigh ’s nach eil e an comas dhaibh am bitheantas ceartas a roinn mar bu chòir. Tha e ceart agus a réir lagha gu ’m biodh breitheamh air fhàgail air a chathair fhad ’sa bhios na ’chomas lagh agus ceartas a mhìneachadh ’sa roinn eadar duin’ agus duine, ach nuair a bheir eucailean na h-aoise an comas sin uaithe tha e ceart gu leor gu ’m biodh duine b’ fhearr comasan air a chur na àite.
MORT AN ALBERTON, E. P. I. —Bha fear Gilleasbuig Graves air a mharbhadh ann an Alberton, E. P. I., air an t-seachdamh latha deug dhe ’n mhios so, le Seoras Gillian. Bha Gillian an deigh tigh’nn do ’n bhaile ’s a ceangal ’eich aig taigh-ceannachd nuair a thug Graves an sàs ann. Le cuideachadh fir eile fhuair Gillian as a lamhan, agus choisich e air falbh. Lean Graves e, agus an sin thill Gillian agus loisg e da urchair air. Chaidh aon de na peilearan na chom, agus an ceann uair no dha bha e marbh. Bha Graves a’ cumail taigh-òil agus bha leth na daoraich air aig an àm. Bha am fear eile fuar gu leòr. Tha e ri bhi air fheuchainn air son mort aig Cùirt-Mhor an t-samhraidh.
NA TAGHAIDHEAN—Bha taghadh-luchd-pàrlamaid ann an sia siorrachdan an Canada air a choigeamh latha deug dhe ’n mhios so. Bha sianar Liberals air an taghadh, agus triùir Chonservatives. Choisinn na Liberals da àite-sùidhe an Ontario, agus chaill iad aon ann an Cuebec. Ann an Queen’s, E. P. I., bha an t-Onorach Domhnull Mac-Fhearchair, Liberal, air a thaghadh. B’ e so an t àite-suidhe bh’ aig Sir Louis Davies gus an d’ fhàg e ’phàrlamaid, air dha bhi an a dheanamh ’na bhreitheamh. Tha aon àite-suidhe falamh an tigh nan islean fhathast; agus tha coig àiteachan falamh anns an t Seanaidh. Nuair a fhuair na Liberals a stigh ’sa bhliadhna 1896, bu Chonservatives a mhor chuid de bhuill an t-Seanaidh, ach chaochail a h-aon deug air fhichead dhiubh uaithe sin, agus an diugh cha ’n eil iad mor ann a’ s treasa na na Liberals.
Aireamh Sluaigh Chanada.
Tha luchd-àireamh an t-sluaigh an deigh faotainn cho fad air adhart leis an obair ’s gu ’n teid aca air àireamh sluaigh na dùthcha, nan roinnean agus nam bailtean a nise innse le cinnt. Bha beagan mhearachdan anns na cùnntais a thug iad a mach ’s an t-samhradh s’a chaidh. ’S e àireamh sluaigh Chanada uile gu léir, 5,369,666. Tha sluagh nan Roinnean mar a leanas:
Eilean a’ Phrionnsa 103,259
Nobha Scotia 459,564
New Brunswick 341,120
Cuebec 1,648,897
Ontario 2,182,942
Manitoba 254,947
Columbia Bhreatunnach 177,272
An Iar-Thuath 158,941
Yukon 27,167
Sgìreachdan eile 25,546
Ni so àireamh buill na h-àrd-phàrlamaid na ’s lugha na tha i aig an àm so. A réir an lagha tha trì fichead is coig fear-pàrlamaid ri bhi aig Cuebec, agus bidh fear-pàrlamaid aig na Roinnean eile air son gach 25,367 dhe ’n cuid sluaigh—an àireamh a tha aig Cuebec mu choinneamh gach aon d’a luchd-pàrlamaid féin. Air an dòigh so bidh aig gach Roinn de Chanada anns a phàrlamaid mar a leanas: Columbia Bhreatunnach, 7; an Iar-Thuath, 6; Manitoba, 10; Ontario, 86; Cuebec, 65; New Brunswick, 13; Nobha Scotia, 18; Eilean a’ Phrionnsa, 4; Yukon, 1. Tha da cheud us tri deug ( 213 ) a’ suidhe anns a’ phàrlamaid aig an àm so. Nuair a theid an roinn ùr a dheanamh, cha bhi innte ach da cheud ’s a deich.
Caomhainn t’ Airgiod.
BU chòir do gach duine a dh’ fheumas, le fallus a ghruaidh, a theachd-an-tir féin a chosnadh, beagan a chur mu seach air son an latha fhliuch—la a dh’ fhaodas teachd air na h-uile an uair a’s lugha a shaoileas iad. Is e an seol a’s fearr chum so a dheanamh, beagan a chur anns a’ bhanc-caomhnaidh, far an tog e riadh, agus far an gleidhear cruinn r’a cheile e. Anns an àite sin tha e an comhnuidh tearuinte, agus deas gu làmh a chur air ri h-uchd feuma. An toiseach, ma ta, dean dichioll air cho beag ri dolair a chur ri cheile; thoir an banc ort leis, agus gheibh thu an sin leabhran anns an sgriobhar sios am dolair agad ri d’ chreideas, agus anns am bheil comas agad tuilleadh a chur an uair a chosnas tu e. Uime sin, dean dichioll air beagan a chur gu riaghailteach a’ d’ leabhran gach mios, no gach seachduin, ged nach biodh ann ach an dolair fhein. Cha tuig neach sam bith gus am feuch so e, cia co furast ’sa a tha e airgiod a dheanamh air an doigh so, agus tha fios aig na h-uile nach furasta dhèanamh air doigh eile. An uair a thoisicheas duine air suim bheag a ghleidheadh mar so, tha toil-inntinn aige ann a bhi ’faicinn gu ’m bheil a chuid airgid a’ fas mor gu ’n fhios gu n aire dha, agus ni e strith chum a mheudachadh. Cuiridh e a nis, le lan chridhe, anns an leabhran, an tasdan a rachadh roimh sin le gleadhraich ’s an stop. Tha ’n cleachda taitneach so a’ teagasg do na h-uile a bhi curamach, measarra agus stuama. Cuiridh iad cul ris gach milleadh, ana-measarrachd, agus uile laithean am beatha bithidh iad taingeil air son a’ chaochlaidh a rinneadh air an giulan, agus air an droch-cleachdannaibh.
Cha ’n urrainn neach a thuigsinn an toiseach ciod a’ bhuannachd a ta ann do theaghlach sam bith, an uair a bhios ceannard an teaghlaich sin curamach agus glic ann a bhi ’gleidheadh, agus a’ cur ma seach beagan an drasda ’s a rithist air son an àm ri teachd. Is cruaidh agus is duilich an obair do chosnach bochd airgiod a dheanamh, ach tha e moran ni ’s dorra dha an t-airgiod sin a ghleidheadh an deigh a dheanamh. Uime sin, ’s e gliocas gach neach aig a bheil a’ bheag no mhor an ceann na seachdain mar thuarasdal air son a shaoithreach, earrann bheag dheth a chur ’s a’ bhanc-caomhnaidh, agus gun fhios gun aire dha, fàsaidh e mor. Cha do ghabh neach aithreachas riamh air son gu ’n d’ rinn e so. Gu robh iad lionmhor am measg nan Gaidheil a smaoinicheas air so.
[Vol . 10. No. 23. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 171).
Tha meas mor air Sgiobinnis mar aite ’chur seachad cuairt-shamhraidh, agus air an aobhar sin tha ’n t-àite làn do choigrich anns an t-samhradh. ’S e so, tha mi ’n dùil, is aobhar gu ’m bheil a Bheurla togail a ceann, air chor agus nach ’eil ach gann facal Gaidhlig aig an òigridh. Tha ’m paipeir a tha ’n so ’na dearbhadh co-dhiù gu ’n d’ rinn cuid do phàrantan an dleasdanas d’ an cloinn, agus tha mi dearbhte gu ’n lean a chlann sin eisimpleir am pàrantan ann a bhi teagasg do ’n àl a ta ri teachd an cànain mhathaireil. Cha do chuir mise riamh meas air mo dhachaidh gus an d’ thainig mi a Ghlascho, ach a nis tha m’ uile mhiann as a dheigh. Tha smuain mo dhachaidh agus muinntir mo ghaoil an sin a cuimhneachadh orm agus ag ùrnuigh air mo shon, mar acair dhomh agus mar thogail do m’ chridhe am measg iorghuill a bhaile-mhoir. Bidh cor’ uair farmad agam ris a mhuinntir aig am bheil an dachaidh anns a bhaile agus am muinntir dlùth dhaibh, ach ’n uair a thig an samhradh agus a theid mi dh’ fhaicinn nan càirdean bidh mi faicinn aobhar taingealachd ann an dachaidh bhi idir agam gu ’dhol a dh’ ionnsuidh, agus tha so g’ am chuideachadh a bhi toilichte le m’ staid. Is maith a chuir Calum Mac Pharlain ann an rann mo smuainte-sa mu mo dhachaidh, mar a leanas:—
“Seall thall thar an aiseig, am fasgadh nan craobh,
Am bothan beag glan ud, ’s e gealaicht’ le aol;
Siod agad mo dhachaidh— ’s i dachaidh mo ghaoil,
Gun chaisteal ’s an t-saoghal a’s fearr leam.”
Ann an co-dhùnadh their mi mar a thuirt an Salmadair mu Ierusalem: “Ma dhichuimhnicheas mise thusa, a Sgiobinnis, dichuimhnicheadh mo làmh dheas a seòltachd. Leanadh mo theangadh ri m’ ghial, mur cuimhnich mi ort, mur fearr leam Sgiobinnis na m’ aoibhneas a’s àirde.”
Sgeulachdan Arabianach.
MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL.
CAIB. X.
CHO luath ’s a rainig Abon Hasan dorus a thaighe fhein ghairm e air a mhath air, agus dh’ òrdaich e an solus a lasadh. Dh’ iarr e air an righ suidhe air sofa, agus shuidhe fhein ri ’thaobh. An ceann beag an uine thugadh a steach an t-suipear, agus shuidh e fhein ’s an righ aig a’ bhord, agus thoisich iad air a ghabhail. An uair a chuir iad crioch air an t-suipear, thug mathair Abou Hasain air falbh na soithichean bhar a’ bhuird, agus an uair a chuir i measan is fion is glaineachan air a bhord, cha d’ thainig i steach do ’n t-seomar tuilleadh.
Lion Abon Hasan a ghlaine fhein an toiseach, agus ’n a dheigh sin lion e glaine do ’n righ. Agus an deigh dhaibh greis a thoirt air ol, agus air comhradh mu thimchioll caochladh nithean, thug an righ an aire gu ’n robh Abou Hasan a’ fas gu math blath, agus dh’ fheoraich e dheth an do ghabh e riamh gaol air te sam bith.
“A bhrathair,” ars’ Abou Hasan, ’s e ’smaointean gu’n robh an duin e a bha ’bruidhinn ris anns an aon inbhe ris fhein, “B’ e mo bharail riamh nach robh ann an gaol agus ann am posadh ach daorsa do nach robh mi toileach aig a sam bith mi fhin umhlachadh. Agus feumaidh mi aideachadh dhut nach do ghabh mi tlachd do rud sam bith ach fion agus cuideachd chridheil; a dh’ aon fhacal, b’ e mo thlachd a bhith subhach maille ri mo chairdean. Ach air a shon sin, feumaidh mi aideachadh nach ’eil mi cho fad an aghaidh pòsaidh ’s nach gabhainn tlachd de bhoirionnach a bhiodh cho maiseach agus cho tlachdar ris an té a chunnaic mi as mo chadal an oidhche mhi-shealbhach ud a thug mi aoidheachd dhutsa an toiseach, agus a dh’ fhàg thu ’n dorus fosgailte. Chuireadh i an oidhche seachad comhladh rium ag ol, a’ gabhail oran, a’ cluich air inneal-ciuil, agus le comhradh taitneach a bheireadh toileachadh dhomh. Tha mi ’creidsinn gu ’n gabhainn tlachd mor d’ a leithid sid de bhoironnach, agus tha mi ’smaointean gu ’m bithinn gle thoilichte comhladh rithe. Ach c’ aite am bheil a leithid sid de bhoirionnach ri ’faotainn ach an luchairt an righ, no ann an taighean ard mhaithean na rioghachd, far nach ’eil feum aca air airgiod gus an cumail suas? Is fhearr leam, air an aobhar sin mi fhin a thoileachadh leis an doigh a th’ agam, oir is e moran a’s saoire dhomh.”
An uair a labhair e na briathran so, lion e glaine dha fhein ’s do ’n righ, agus thuirt e: “So, gabh do ghlaine, agus cuireamaid an uine seachad gu taitneach, toilichte air an doigh so.”
An uair a dh’ òl iad am fion, thuirt an righ: “Is bochd an gnothuch gu ’m biodh duine cho gasda riut a’ cur seachad na h-uine ’nad ònar agus tu ’g radh gu ’m bu toigh leat a bhith ann an cuideachd nam mnathan-uaisle.”
“Is fhearr leam gu mór a bhith ’cur seachad na h-ùine gu socrach, sàmhach mar a tha mi na bean a bhith agam,” ars ’Abou Hasan; “is dòcha nach biodh i cho briagha ’s bu mhath leam, agus ged a bhiodh i briagha gu leòr, is dòcha gu ’m biodh droch nàdar agus iomadh cron eile innte.
Lean iad air còmhradh agus air òl ùine mhath, agus an uair a chunnaic an righ gu ’n robh Abon Hasan air fàs gu math blàth leis an fhion, thuirt e: “Leig thusa leamsa, agus theid mi an urras dhut gu ’m faigh mi bean dhut a chòrdas riut gle mhath.”
An sin rug e air a’ ghlaine aig Abon Hasan, agus an àm dha ’bhith ’g a lionadh leis an fhion, chuir e rud dhe ’n fhùdar innte mar a rinn e roimhe, agus an uair a thug e dha i thuirt e: ‘So, òlamaid air slàinte na mna-uaisle maisich, a tha gus do dheanamh sona. Tha mi cinnteach gu ’n còrd i riut.”
An uair a rug Abon Hasan air a’ ghlaine, rinn e gàire, agus chrath e ’cheann, agus thuirt e: “Biodh a’ chùis mar sin fhein; o ’n a tha thu ga ’iarraidh orm, cha ’n urrainn mi ’bhith cho mi mhodhail ’s gu ’n diùlt mi do chomhairle ghabhail ann an gnothach cho suarach, o ’n a tha thu ’nad dhuine tlachdar. Olaidh mi air slàinte nan mna-uaisle a tha thu ’gealltainn dhomh, ged a tha mi gle riaraichte leis an staid anns am bheil mi; ach cha ’n eil mi ’cur earbsa sam bith ’nad ghealladh.”
Cha bu luaithe a dh’ òl Abon Hasan am fion na thuit e ann an cadal trom mar a rinn e roimhe, agus thug an righ òrdugh d’ a sheirbhiseach a thoirt leis air a mhuin do ’n lùchairt. Rinn an seirbhiseach so. Agus o nach robh dùil aig an righ Abon Hasan a chur air ais mar a rinn e roimhe, dhùin e an dorus mar a gheall e.
An uair a ràinig iad an lùchairt, dh’ òrdaich an righ Abon Hasan ach ’na shineadh air sofa anns a’ cheathramh talla—an talla as an d’ thugadh air falbh e ’na chadal mios roimhe sid. Ach dh’ òrdaich e an toiseach an t-éideadh rioghail a chur uime; agus rinneadh mar a dh’ òrdaich e.
An sin chur e ’h-uile duine ’chadal, agus thug e òrdugh gu ’m biodh na h-oifigich, na seirbhisich, nan mnathan-uaisle, agus an luchd-ciùil a bh’ anns an talla an uair a dh’ òl e a’ ghlaine fhiona a chuir ’na chadal e, anns an talla ann an soilleireachadh an latha, agus an aire mhath a thoirt gu ’n deanadh iad an dleasdanas gu math. An sin chaidh e fhein a chadal, agus thug e òrdugh teann do Mhesrour a dhùsgadh mu ’n rachadh iad do ’n talla, a chum gu ’m falaicheadh e e-fhein anns a’ chlòsaid mar a rinn e roimhe.
Aig an uair ainmichte, dhuisg Mesrour an righ agus gun dail sam bith chaidh e do’n talla far an robh Abon Hasan ’na chadal gu trom. Agus an uair a chaidh e am falach anns a’ chlòsaid, chaidh Mesrour, na h-oifigich eile, na mnathan-uaisle, agus an luchd-ciùil a steach do ’n talla, agus sheas iad timchioll an t-sofa air a leithid de dhòigh ’s gu ’m faiceadh an righ anns a’ chlòsaid a h-uile car a bhiodh a’ dol air adhart.
An uair a chuireadh gach ni ann an òrdugh, agus a chaill am fùdar a bhrigh, thòisich Abon Hasan ri dùsgadh gun a shùilean fhosgladh. Anns a’ mhionaid thòisich an luchd-ciùil ri seinn ’s ri gabhail òran gu h òrdail, fonnmhor, binn. Ghabh Abon Hasan ioghnadh an anabarrach mór an uair a chual’ e an ceol ’s na h-òrain; ach an uair a dh’ fhosgail e ’shùilean, agus a chunnaic e na mnathan-uaisle ’s na h-oifigich mu ’n cuairt dha, agus a dh’ aithnich e gu ’m fac’ e roimh’ iad, bha ioghnadh do-labhairt air. Ar leis gu ’m b’ e sid a’ cheart thalla agus an robh e an uair a chunnaic e a’ cheud bhruadar, agus thug e an aire gu ’n robh na soluis agus an t-innsreadh air a’ cheart dòigh.
Stad an luchd-ciùil, a chum gu ’m faigheadh an righ cothrom air aghaidh Abon Hasain ’fhaicinn, agus gu ’n cluinneadh e ciod a theireadh e.
Bha na h-uile a bh’ anns an talla ’nan tosd. Thug Abon Hasan greim as a mheòir, agus ghlaodh e cho cruaidh ’s gu ’n cual’ an righ e: “Ochan! tha mi rithist air tuiteam anns a’ cheart bhruadar ’s anns a’ cheart mhealladh anns an do thuit mi o chionn mhios. Agus faodaidh mi ’bhith cinnteach gu ’n gabhar orm slait mar a rinneadh roimhe, agus gu ’n cuirear ann an cèis iaruinn ’s an taigh-chaoich mi mar a rinneadh roimhe! A Dhe uile-chumhachdaich, tha mi ’g am chur fhin air do churam, agus ’g am earbsa fhin ri do fhreasdal naomh. Is e ’n duin’ aingidh do’n tug mi aoidheachd an raoir a tha ’na mhathair-aobhair ’air a’ chuis-mheallaidh so, agus air a’ chruaidh-chas a th’ agam ri fhulang. Gheall an creutair neo-thaingeil gu ’n duineadh e ’n dorus ’na dheigh an uair a dh’ fhalbhadh e, ach cha d’ rinn e mar a gheall e. Thainig Satan a steach, agus chuir e mo cheann troimh a cheile leis a’ bhruadar mhollaichte so, a tha ’toirt orm a chreidsinn gur mi Ceannard nan Creidmheach, agus a tha ’cur iomadh samhladh mealltach eile fa m’ chomhar. Gu ’n cuireadh Dia fo smachd thu a Shatain, agus gu ’m pronnadh e thu fo na beanntan.”
An uair a labhair Abon Hasan na briathran so, dhuin e ’shuilean, agus bha e car uine gle shamhach agus ’na bhreislich gle mhor. An sin dh’ fhosgail e iad a rithist, agus an uair a dh’ amhairc e air gach ni a bha mu ’n cuairt dha, agus ioghnadh air, ghlaodh e an dara uair. “A Dhe mhoir! tha mi ’cur m’ earbsa gu buileach ’nad fhreasdal. Gleidh mi o bhuaireadh Shatain.”
An sin dhuin e a shuilean a rithist, agus thuirt e: “Tha fhios agam ciod a ni mi. Caidlidh mi gus an till Satan uam mar a thainig e, ged a dh’ fheithinn gu feasgar.”
Cha d’ thug iad uine dha gu cadal a rithist, mar a bha e ’gealltainn dha fhein oir thainig Neart nan Cridheachan, te dhe na mnathan-uaisle a chunnaic e roimhe, far an robh e, agus an uair a shuidh i laimh ris air sofa, thuirt i gu modhail ris: “A Cheannaird nan Creidmheach, tha mi ’guidhe air bhur morachd gu ’n toir sibh mathanas dhomh air son mi ’ghabhail orm fhin innseadh dhuibh, nach ’eil math dhuibh cadal. Tha toiseach an lath’ ann, tha ’n t-am agaibh eirigh.”
[Vol . 10. No. 23. p. 7]
“Bi falbh, a Shatain,” ars’ Abon Hasan ’s e togail a ghuth. Ach an uair a sheall e air a’ mhnaoi-uasail, thuirt e; “An ann riumsa a tha thu ’g radh Ceannard nan Creidmheach? Cinnteach gu leor tha thu ’g am ghabhail ann an riochd cuideigin eile.”
“Is ann do bhur morachd a tha mi ’toirt an ainm ud, ainm a bhuineas dhuibh mar uachdaran nan creidmheach anns an t-saoghal, agus is mise bhur searbhant’ umhail,” ars ise. “Gun teagamh sam bith,” ars’ ise, “tha toil aig bhur morachd ceol-spors a dheanamh an uair a tha sibh a’ leigeadh oirbh nach ’eil fhios agaibh co sibh, ar neo chunnaic sibh bruadar a chuir drugh oirbh. Ach nan fosgladh sibh bhur suilean dh’ fhalbhadh an ceo a tha ’cur dallaidh air bhur n-inntinn agus gheibheadh sibh sibh fhein ann bhur luchairt fhein air bhur cuartachadh le oifigich, agus le seirbhisich, a tha ’feitheamh ri umhlachd a thoirt do bhur n-àithne. Agus a chum nach bi ioghnadh air bhur morachd a chionn sibh fhein fhaotainn anns an talla so, an aite bhith anns an leabaidh, ceadaichibh dhomh innseadh dhuibh, gu ’n do thuit sibh ann an tiotadh ’n ’ur cadal a’ raoir, agus o nach robh toil againn bhur dusgadh gus bhur toirt do ’r leabaidh fhein, chuir sinn sibh gu curamach air an t sofa so.”
A dh’ aon fhacal, labhair i ris na h-uiread de bhriathran a bha cho coltach ris an fhirinn, gus mu dheireadh an d’ eirich e ’na shuidhe. An uair a dh’ fhosgail e ’shuilean, ’sa dh’ amhairc e oirre, dh’ aithnich e gu ’m fac’ e roimhe i fhein agus na mnathan-uaisle a bha lathair maille rithe.
Thainig iad uile dluth dha, agus thoisich an te a bha ’labhairt ris ri bruidhinn mar so; “A Cheannaird nan Creidmheach, agus fhir-ionaid an fhaidh air thalamh, na biodh gruaim agaibh rium a chionn innseadh dhuibh aon uair eile, gu ’m bheil an t am agaibh eirigh, oir tha ’n latha ’teannadh ri soilleireachadh.”
“Tha thu ’cur dragh gu leor orm le d’ bhruidhinn,” ars’ Abon Hasan, agus e suathadh a shuilean, “cha mhise Ceannard nan Creidmheach, ach is mi Abon Hasan. Tha fhios agam air so gle mhath, agus cha ruig thusa leas feuchainn ri toirt orm a’ chaochladh a chreidsinn.”
“Cha ’n aithne dhuinn an t-Abon Hasan air am bheil bhur morachd a’ bruidhinn, agus cha mho na sin a tha sinn ag iarraidh eolas a chur air,” ars’ a’ bhean-uasal; “ach tha fhios againn gur sibhse Ceannard nan Creidmheach, agus cha toir sibh oirnn a’ chaochladh a chreidsinn.”
Iadsan a Phaigh.
Domhnull Mac Gillemhaoil, Priceville , Ont.
Dughall Mac Gilleain, Priceville , Ont.
Iain I. Mac Rath, Martintown , Ont.
A. M. Caimbeul, Aldboro, Ont.
Padruig Mac Gilleain, Tolsta , Que.
M. A. Mac Aoidh, Kutawa , Assa.
Bean A. Mhic-a- Phearsain, Grenfell , Assa.
Niall Seathach, Tarbert, ’s na h-Earradh.
Deorsa Mac Coinnich, Milton , N. Dakota.
Mairi Dhomhnullach, Milton , N. Dakota.
F. A. Domhnullach, Milton , N. Dakota.
Martainn Mac-a- Phearsain, Caspar , Cala.
I. S. Ros, Caspar , Cala.
A. Mac Coinnich, San Francisco, Cala.
Alasdair Martuinn, Valleyfield , E. P. I.
Donnacha Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn.
An t-Urr. I. C. Mac Gillemhaoil, Cardigan.
Iain R. Siosal, Meinn Acadia, N. S.
Alasdair Caimbeul, Brook Village.
Aonghas G. Domhnullach, S. W. Margaree.
A. I. Mac Dhiarmaid, Loch Side.
Domhull I. Mac Neill, Cul Iona.
Cailean Caimbeul, an Abhainn Mheadhonach.
Donnachadh Mac Fhionnlaidh, L’Ardoise.
Somhairle Mac Gilleain, St. Esperit.
Aonghas Mac Cuithein, Framboise.
Peigidh Mhathanach, Goose Cove.
Tearlach Caimbeul, Ceap Nor.
Iain C. Mac Neill, Narrows Mhora.
Iain B. Gillios, Gleann nan Sgiathanach.
Domhull M. Mac Neill, Eilean Christmas.
Alasdair I. Mac Isaic, Port Hood.
Eos. A. Mac Fhionghain, Narrows Mhora.
D. I. Mac Ascuill, L’Ardoise.
Aonghas Domhnullach, S . W. Ridge.
Alasdair D. Domhnullach, Mabou Bheag.
An t-Urr. Iain I. Mac Neill, Iona.
Oran do dh’ Eilthireach.
LE BAINTIGHEARNA D’ OYLY.
SEISD—
Tha mo chridhe trom, trom,
Cha ’n éirich leam fonn,
Bho’n dh’fhalbh an long bho thir;
Tha i nis fo sheol,
’S gaol mo chridhe air bord,
Gun dùil gu ’n till e chaoidh.
Tha e nis air falbh uam,
Coig mios’ air a’ chuan,
Gu ’n dùthaich ùr, uaine, fada thall,
For bheil pailteas spréidh air aonach,
’S na ceudaibh mile caorach,
A’s obair ri fhaotainn ann.
Thug mo rùn gealladh dhomhsa,
Gu ’n deanadh e mo phosadh,
’N uair bhitheadh aige storas a’s ni,
’S nach deanadh e mo dhi-chuimhne,
’S gu ’n cuireadh e ga m’ iarraidh,
An ceann da bhliadhna do thim.
O, ’s trom leam bhi fàgail
Na tir an d’ rinneadh m’ àrach,
Mo fhineadh ’s mo chàirdean gu léir,
Ach ’s mor a tha mi ’n dùil,
Nach fad gu ’n cuir iad cùl rith’,
’S gu ’m bi iad uile falbh na m’ dhéigh.
Leam ’s cianail tir m’ eolais,
Gun aighear, gun solas,
Gun mhire, gun cheol, gun danns’,
Tha na h-uachd’rain air ’fàgail,
Cha ’n urrainn sinn bhi tàmh innt’,
’S e a nis air a reic do ’n Ghall.
Tha Ghàidhealtachd, ’s Eirinn
Fo dhoruinn ’s fo éigin,
’S an Gall bho thir gu tir,
Na miltean a’ cur sùrd orr’,
’S a’ toirt na dùthch’ ùir orr’,
Mu ’n téid iad uile dhith.
O, Ghàidhealtachd ghaolach!
Nan cladach ’s nam faoileann,
Nan innis ’s nan aonach uaine,
Nam beannaibh mora, àrda,
Nan luingeas ’s nam bàta,
Tigh’n fo sheol bho àird a’ chuain.
O, Ghàidhealtachd àluinn!
Nan eilein ’s nan àrdach.
Nan caisteal air bhàrr gach bruach,
Nam fleasgach ùr meamnach,
Bu deise bha ’n Alba—
Mo chreach mar a dh’ fhalbh iad uainn!
O, Ghàidhealtachd dhealbhach!
Nan coille a’s nan garbhlach,
Nan coire gu sealg an fhéidh,
Tir iolair nan creag mor i,
’S gach eun ’s a binne comhradh,
Gu smeorach air bharr nan geug.
O, Ghàidhealtachd chàirdeil!
Nan ceud mile fàilte,
Mo bheannachd ’s mo ghràdh ort a chaoidh,
Tir nan saighdeirean ainmeil,
Thug barrachd air gach armailt
An cogadh an arm an righ.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phìoban uisge agus blàthachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine air am bheagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 10. No. 23. p. 8]
Oran Gaoil
Do nighinn Fear Thir na Drise, le Mac Fear Dhail an Easa.
Tha mi ’n so ann am laighe
’N leaba chumhainn, chaoil chlàraidh;
Tha mo cheann air a lionadh
Le trom fhiabhras mi-nàdarr’.
Is cha ’n fhuachd is cha teas dhomh,
’S cha ’n fheil fios ciod a chràidh mi;
’S ann tha toiseach mo ghalair
Mu mo sgamhan ’s mu m’ àirnean.
Thoir mo shoraidh null thairis
Gu mo leannan do ’n Bhraighe,
Nuair a chluinneas i ’n aithris
’S ni nach math leath’ mar tha mi.
Mi gun sùgradh; gun aiteas;
’ S e a chleachd mi a h-àbhachd.
Gur h-e’ cumha do phoige
’Ghaoil, a leon thun a bhàis mi.
Ged bu shocrach mo leaba,
Cha bu chadal an raoir dhomh,
Is nach d’ fhuaras tu agam
Ann an taice ri m’ thaobh innt’.
’N àm dhomh dùsgadh ’sa mhaduinn
Bha thu fada bho m’ ghlaodh riut.
’S mor a b’ fheairde mi agam
Aon aiteal dhe d’ chaoin chruth.
Cha ’n e ro mheud do nithe
A tha mise ’sior iargainn,
Ach bhith ’m laighe ’n so ’m aonar,
’S mi ri smaointinnean diamhain.
Gheibhinn bean anns an tir so
Dha bheil ni de shiol Diannaid;
Ach le ro mheud mo ghràidh dhuit
Gum bi dàil aic’ am bliadhna.
Tha mi lionte le sprochd,
A ghaoil, bho thoiseach mo cheist ort;
’S their gach neach de mo sheorsa
Gur a goraich’ nach beag sin,
Mur gabh laigse na feola
Is an oige mo leisgeul;
Bho ’n thig ugainn gun iarraidh
Gaol, is iadach, is eagal.
’S truagh nach robh mi ’s mo leannan
Anns a ghleannan an uaigneas,
No sa bhadan bheag choille,
Far an goireadh na cuachan,
Is tu sìnt’ ann am bhreacan,
Dluth phaisgt’ ann am shuanaich;
’S mi gum faigheadh gu deonach,
’Ghaoil, do phog is cha b’ fhuathach.
Gur diombuidheach mi ’t’ athair,
Dhe ’luchd-taighe ’s dhe d’ chàirdean,
Bha le ’n litrichean breugach
A sior reubadh do ghràidh bhuam.
Bha an dream dhe ’n robh mise
Làn de mhisnich ’s de dh-àrdan.
’S e ar cumail bho chéile
Dh’ fhag fo éislein gu bràth mi.
Oran
Le nighinn Fear Thir na Drise do mhac Fear Dhail an Easa.
Ged a chaidh mo phosadh
Cha bu deonach mi-fein air;
Nuair a sheall mi am dheaghaidh
’S e mo roghainn a thréig mi.
Oigfhir ùir a chùil ghasd’,
Bu tu mo thaitneachdainn céile;
’S truagh, a ghaoil, gun mi mar-riut
Air mo sparradh fo ’n déile.
Ged thig fear mo thaigh’ dhachaidh
Cha dean mise ris fàilte;
Cha dean mi ris cridhealas,
Bruidhinn no gàire.
Tha e ’n nochd ’s a cheann iseal,
’M fear nach diobradh air m’ fhàilinn;
’S dh’ fhàg sud mise fo éis ein
Fad mo ré is mo làithean.
Tha mo chion air an fhleasgach
Dhonn, leadanach, bhoidheach,
De an fhine nach striochdadh,
De dh’ fhion-fhuil Chlann-Domhnaill.
’S ann a ghabh mi mo chead diot
Aig an eaglais Di-domhnaich;
’S ged nach d’ fhaod mi bhith cainnt riut
Bha a shannt na bu leoir orm.
’S truagh, a ghaoil, nach h-e mise
’Bha gun fhios air do chulaobh,
An àm togail na lice
Agus brisdeadh na h-ùrach.
’S mi nach iarradh de chiste
Ach do shlios a bhith dlùth rium.—
Sgeul mo sgaraidh ’s mo leiridh
’S ann do ’n eug ’thug thu cunntas.
Bu Domhnullach de theaghlach Ghlinne Comhann mac fear Dhail an Easa. Bha gealladh posaidh eadar e-fein agus Mor Dhomhnallach, nighean Raonaill Mhoir Thir na Drise. Cha robh Raonall Mor ag iarraidh gum posadh a nighean Mac Fear Dhail an Easa. Bhiodh a cuideachd a deanamh greim air na litrichean a bha a leannan a cur gu Móir agus a cur litrichean breugach nan àite. Bha iad a saoithreachadh ri ’thoirt a chreidsinn oirre gu ’n robh a leannan a fàs suarach uimpe. Thainig déirceach do Thir na Drise a dh’ innis do Mhóir gun robh Mac Fear Dhail an Easa an déidh posadh. Chreid M r e agus phos i am fear a bha a h-athair ag iarraidh oirre a phosadh. Fhuair i am mach an ùine ghoirid gun deach a mealladh. Chuir am bron as do Mhac Fear Dhail an Easa. Cha b’ fhada bha Mór beo na dhéidh. Chaidh an amhlacadh le cheile an Eilein Mhùngo. Dh’ fhàs craobh as gach uaigh. Dh’ aom an darna craobh a dh ionnsuidh na craoibhe eile agus shnaoim iad gu dlùth ri chéile. Bu truagh an diol a rinneadh air Móir nighean Raonuill ’s a leannan. Is gorach, mallaichte an obair nighean a cho-eigneachadh gu fear a phosadh nach h-fheil i ag iarraidh.
Tha cuid ag ràdh gur h-e Mac-Phail a bha san duine ris an robh Mór air a posadh. Tha cuid eile ag radh gur h-e Mac-Mhuirich a bha ann. Dh’ innis an déirceach na briagan do Mhóir; ach bha e air a chur a suas ris a sin leis an fheadhainn a bha ’n aghaidh Mac Fear Thir na Drise.
SEAMRAG.
Oran
Le Domhnall Donn, mac Fhir Bhoth Fhiunndain ’nuair a bha e ’sa phriosan.
Gura mi ’th’ air mo sgaradh
Bho thoiseach an earraich;
Tha mo chas air a sparradh bho dhéile.
Gura mi, &c .
B’ fhearr gun digeadh an t-aiteamh
Is gum falbhadh an sneachda,
Is gun teannadh gach aigneadh ri ’chéile.
B’ fhearr gum faicteadh mo chàirdean
’Tigh’nn a staigh le Creig Phadruig,
Is cha b’ fhada ’bhiodh cabhsair ga ’réiteach’.
’S iad a chuireadh an gradan
Ri dùthaich nan adag;
Cha ’n fhagadh iad caisteal ri ’chéile.
’S iad gun cuireadh an sgùradh
Fo luchd nan gruag fùdair;
Cha ’n fhàgadh iad lùth an coig ceud diu.
Bhidhinn cinnteach a ’r cruadal
’N àm a chlaidheabh a bhualadh;
Chuirteadh laigh’ air na Tuathaich nach éireadh.
Bhidhinn earbsach a ’r dillseachd,
Nach fàgteadh mi ’m priosan,
’S gum faighinn a risd air an réidhlein.
Ach na ciurraibh an gobhainn,
Ged a dh’ fhàgainn e ’m dheaghaidh;
’S ro mhath ’s aithne dhomh co e gan géill e.
Tha e ’mhuinntir Mhic-Shimi,
Sliochd an t-sàr cheann-cinnidh
’Nuair a thàrladh gach fine ri ’chéile.
Luchd nam breacanan loinneil,
Is nan claidheannan soilleir,
Nach robh riamh am brath-foille ’Righ Seumas.
Tha sibh ’m barail an dràsda
Gu bheil Sim agaibh caillt’,
Ach bidh e fhathast air cabhsair Dhun-eideann.
Olc air mhath le ’r luchd-diùmba,
Bidh sibh ’n uachdar na cùise,
’S bidh fir Atholl a cùnntas an léir-chreach.
“Gun teannadh gach aigneadh ri cheile.” Bha Domhnull Donn agus Cola na Ceapich am mach air a chéile. Bha Iain Lom cuideachd an aghaidh Dhomhnuill Duinn.— “An gobhinn.” Bha Frisealach a bha na ghobhinn ann sa phriosan comhla ri Domhnull Donn. “Fir Atholl.” Bha Mac Shimi agus Diùc Atholl am mach air a chéile. Chaidh Domhnall Donn a chur gu bàs.
Fhuair mi an t-oran bho Alasdair an Ridge.
GLEANN-A- BHAIRD.
Na dean Mearachd
Rubbers
DHE NA SEORSACHAN A’S FHEARR
air na prisean a’s ìsle ann an
—STOR—
REDDEN,
Ross Block,Sidni.
Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
a’s fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.
Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.
K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Uidheamaich
. .. . .t’ EACH
le acuinn a tha freagairt dha gu comhfhurtail. Co-dhiu tha acuinn throm no aotrom a dhith ort, paighidh e dhut a ceannach uainne.
Tha gach seors’ acuinn a tha againn laidir agus buan; mar an cendna na Sleigheachan, na Béin, na Cuig, na Bratan, agus na Cuipichean, dhe ’m bheil againn seorsachadh eireachdail.
Tha na prisean againn daonnan ceart. Taghail oirnn airneo sgriobh ugainn.
F . FALCONER & SON,SIDNI, C. B.
title | Issue 23 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 23. %p |
parent text | Volume 10 |