[177]

[Vol . 10. No. 24. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 14, 1902. No. 24.


Litir a Eilean aPhrionnsa.

A CHARAID,— ’S fhadon bha a rùn orm beagan fhacal a chur a dionnsuidh, ach bha mi o àm gu àm a cur dàil ann, agus mar a thuirt an seanfhacal, “Thig dàil gu dearmad.” Tha micreidsinn nach cuirinn làmh air peann an diugh air son an aobhair so, mar be gum faca mi litir Chaluim Bhig an anns aMHAC-TALLA. Gu ma slàn do Chalum Beag! Ma bhios e beò sgriobhaidh e litir shnasail fhathast.

Tha MAC-TALLA a tighinn gu riaghailteach ugam uairs a cheithir-la-deug. Their mi so, ’s chan ann a chionn gur ann riut fhéin a tha mi ga radh, an rud a theirinn ri cùl do chinn bheirinn dhut e sùil mun t-sroin, chaneil beòsan linnsa bheil sinn a rinn uibhir air son ar cànains a rinn thu, le bhicur a mach do phaipear lurach gach seachdain. Mo nàires mo mhasladh! thu bhi gun chùl taic agad bho Ghàidheil an t-saoghail mhòir mun iath a ghrian na chumadh thu gunbhin eiseamail sanaisean luchd-malairt air son MAC TALLAchumail suas.

Tha cuimhnagad an uair mu dheireadh a choinnich sinn, gun do dhinnis thu dhomh gun robh àireamh air da thaobh a chuain de dluchd-gabhail a bha air ais ann an cur an airgid ugad mar bu choir dhaibh. Nis, tha mise ag radh riut, chan airidh iad gum biodh a chùis air a chumail an cleth. ’S e gniomh maslach a thann a bhi gabhails a leughadh paipeir bho bhliadhna gu bliadhna guri dioladh air a shon. Biodh e aithnichte co tha ciontach den ghniomh so a thaobh MHIC-TALLA. Thoir dhuinn ainmean a mhuinntir nach do phaigh mar tha thu a toirt dhuinn ainmean na feadhnach a phàigh. Na daoine gun diù gun onair! tha etoirt mfhuil a maodann nuair smaoinicheas mi gur seorsa de Ghàidheil a tha annta. Ach“ ’s fhearrde brà mhaol a breacadh.” Tha mifaicinn gu bheil cuid diubh air gluasad suas gus an dleasdanas a dheanamh. Deanadh each mar sins bidh gach cuis mar is còir.

Chaneil mifaicinn facal á Eilean aPhrionnsa anns a MHAC-TALLA anns na h-amannan so. Cha bu chòir sin a bhi mar sin. Achs iomadh ni a dhfhaodas a bhi na aobhar air a bhàrr air dearmad. Bidh tu duilich a chluinntinn gum bheil do charaid Murchadh Mac Laomain, no mar theireadh e fheinMurchadh Cam,” na laidhe gu tinn. Tha sinn uile an dòchas gum faigh e thairis air an tinneas so, agus gun cluinn sinn uaithe mar aig amannan eile.

Thug Alasdair Caimbeul, an Strath Lathurn, ann am chuimhne ni a chuala mi mun Doctair Mac Leoid, nach maireann. Bha an Doctair ag ionndrainn pàirt den choille dhen fhearann aige, agus air dha coinneachadh ri nàbaidh dha thuirt e, “Innis thusa dhomhsa, ’Dhomhuill, co tha toirt an fhiodha bhar an fhearainn agamsa. Tha fios agam gun innis thun fhìrinn.” “Ma ta, a Dhoctair,” arsa Domhull, “chaneil misair mo phaigheadh gu bhig innseadh na fìrinn mar tha sibhse.” Sin mar thachair don Ollamh Mac Fhionghain (D. MK. ) —tha e air a phaigheadh gu bhisgriobhadh Gàidhlig. Cha toir sinn mar sin uiread taing dha air son cho maths is aithne dha sin a dheanamh. Ach cha dubhairt sin nacheil sinn taingeil dha air son na tha e a sgriobhadh anns aMHAC TALLA.

Chaneil naigheachdan agam dhut. “Is math an naigheachd a bhi gun naigheachd.” Mar thuirt thu fhéin: is fhearr beagan de naigheachdan fìrinneach na bhi fad latha leughadh naigheachdan air nach do chuir an fhìrinn fhathast eòlas; rud tha tric ri fhaicinn anns na paipeirean leathann a tha tighinn ugainn á iomadh àite.

Tha mi cur da dhollar ugad anns an litir so: aon bho Alasdair Mac Mhanainn, ’s ged nacheil e seans fhada on bha na h-oghaichean aige. Tha e fior dhìleas don MHAC-TALLA. Mo lamhsa nach bi em fiachan da. Than dollar eile o ghille òg, Aonghas Domhnullach, a ghabh uigh anns aMHAC-TALLA, agus a leughas e cho coimhleantas a dheanadh a sheanair, Domhnull mac Phadraig, nuairbha en tìr nam beò, agus dhfhoghnadh sin. Bu ghlan, deas a labhradh agus a leughadh ar caraide gaoil nach maireann cainnt a dhùthcha. Cha chan min còrr aig an àm. Is mi, mar bu ghnàth, do charaid.

Strathalba, Ian. 29, 1902.
C. C.


Litir bho Abon Hasan.

A SHAR CHARAID. —Na gabh eagal roimhn litir so, oirs cinnteach nach robh dùil sam bith agad ri guth bhuam, ged a tha thu fhéin gu math tric a bruidhinn ormsa. Achs ann an càirdeas a tha mi gasgriobhadh, agus le fìor dheagh dhùrachd dhut fhéins do MHAC-TALLA. Thachair dhomh fhìns do Cheannard nan Creidmheachs Fathach no dha a bhi dol seachad os cionn a bhailagad o chionn gealach no dha. Air dhuinn a bhi dol seachad air taigh an iomall a bhaile, chuala sinn gaireachdaich chridheil, agus ar n-ioghnadh an uair a chuala sinn ar n-ainmeannan fhìn ga luaidh. Dhéisd sinn, agus chuala sinn ach cuideigin a leughadh meachdraidh fhìns a MAAC-TALLA. Thuig sinn a chainnt mhilis gle mhath, oir bha sinn eòlach oirre ann a Bagdad an uair a bhan saoghal òg. Theab Ceannard nan Creidmheach a dhol as a chibhlean ag éisdeachd mu mthrioblaidean, an uair a bha dùil agam gum bu righ mi, agus thubhairt e: “Abon,” arsesan, “Abon Hasan, feumaidh tu sgriobhadh gu MAC-TALLA agus taing a thoirt dha bhuamsa agus bhuat fhéin air son cho coimhlionta, pongail, agus cho fìor shoilleirs a than clo-bhualadhthair an sgeul. A bhàrr air sin,” arsesan, ’s e dèanamh lasgan gàires gam bhualadh eadar an da shlinnean, “tha e toirt na mchuimhne iomadh rud a bha mi air a dhichuimhneachadh.”

Bann air son sin, a charaid, a sgriobh mise so an cabhaig, le bior gual, mar a dhfhaodas tu fhaicinn; oir tha sinn air an rathad do Africa, ach bidh dùil againn tilleadh a h-uile da sheachdain a dhéisdeachd na sgeul gus am bi i ullamh.

A nis, bu choltach gum biodh fios aig duine cho sean riumsa air rud no dhà, a bhàrr air gun téid agam air sealltainn air aghaidh agus innse thachras ma thogras mi. Mar sin their mi ris na Gàidheil gun iad MAC-TALLA leigeil bàs le cion, oir ma leigeas chan fhaic iad a leithid eile an da latha so. Ach bidh sùil choimheach, gheur agamsas na h-oidhcheannan dorcha orrasan nach cuir ugad do chuid fhéin.

A nis, tha Haroun a gabhail fadachd, ’s feumaidh sinn na sgiathan a thogail mum bi mo mhàthair gam chronachadh. Bidh ig radh daonnan nach còir do chloinn a bhithmuigh anamoch; ’s mar a bi mi stigh aig àm, bidh faileasanus ceò fuar mar bhiadh maidne aig do charaid dìleas
ABON HASAN.


Litir a New Zealand.

THAn Tupaki no Tutu, lus puinnseanta a tha gu tric a marbhadh spréidh, nuair a tha iadsan earrach lem bru falamh ag ithe gach ni a tha gorm, afàs an àitean iosal, agus air bruachan uillt, ’na chraoibh bhig, mu dheich troighean a dhàirde, le meanglain mhora, agus na faillean afàs on cinn, air am bheil an spreidh gle dhéigheil. Chaneil an lus a fàs cho bras an dràsda; thatar a bràth cur as da, ach ann an àitean iomallach. Tham beothach an déigh ithe fo bhreislich, coltach ri misg, aguss e an aon dòigh a thoirt thuige, a ghearradh an àite sam bith dhecholunn, agus fàsaidh e gu math an tiota. Chaill mise damh a chosd fichead punnd leis an Tupaki. Bhi e teicheadh dhachaidh nuair a thainig e tarsuinn air an lus so. Bha mi àireamh làitheanga shireadh, nuair a thainig mi tarsuinn air a chlosaich aige. Chaidh damh obrach eile fhaotainn ionanns a bhi marbh, ach le faireachdainn a thoirt dha leghearradh thainig e thuige. Tha e làn de dhearcagan a tha glé bhog agus moran sùigh annta. Tha na Maories adeanamh fìon dhiubh. Dhòl mi fhein am fìon, mar a dhinnseas mi mun sgur mi. Tha so puinnseanta cuideachd. Tha dubhan beag air a phòr a tha leantuinn ris an stamaig a tha toirt a bhàis. Feumaidh tu òl gun am pòr a chagnadh. Thachuid eile neo-lochdach. Bha na paipearan atoirt cunntas air leanabh a bhàsaich le cus ithe de na dearcagan so. Cha mhor nach do thachair an leithid ceudua do chloinn òg ann an Wangarei, le ithe na meas toirmisgte so. Bha iad a dol dhachaidh as an sgoil, a coiseachd mu cheithir mìle gus a ghleann Wan-wan. Bha anns an treubh Aonghas, mac do Choinneach Mac Leoid (Ruadh), agus clann òg le Iain Domhnullach, (Iain òg Chalum). Bha aig achloinn ri dhol troimh dhoire dhen Tupaki, làn de dhearcagan abuich. Thog iad orra, le Aonghas atoirt misneach dhaibh nach deanamh e cron sam bith orra iad a dhithe làn am broinne. Bha beagan de dheagal air a chloinn nach robh iad adèanamh ceart. An sin dhfhalbh Aonghas air thoiseach le spalp, agus labhair e ann am Beurla, “Coimhead sibh cho làidirsa tha mise mar tha.” Bha gu leor aige an deigh an ithe a dhachaidh a dheanamh. Cha robh achlann eile cho dona; cha do dhith iad cho mor dhiubh.

Innsidh mi nis mun turus a thug mi air mo chois gu Bagh nan Eileanan, no Kana Kana, an abhainn tha tighinn am mach aig ceann a bhagh. Chaneiln t-astar ach mu cheithir fichead mìle bhon uisge. Dhfhalbh mi bho bhaile



[178]

[Vol . 10. No. 24. p. 2]

Whangarei. Bha rathad troimh Kaurihohori agus Hikurangi. Cha robh ach dithis afuireachs an àite dheireannach, Domhnull Mac Leoid agus Alasdair a bhràthair, agus am muigh orra sin Coinneach Mathanach. Thog iad fearann mu bhliadhna no dha roimbe sin. Rainig mi àite Choinnich mu dhol fodha na gréine, air son cur seachad na h-oidhche. Bha abhean a bleodhan. Nuair a chunnaic i mitighinn ghlaodh i ricompanach, a bha car bodhar, “Seall sibh an straggler tha tighinn thun an taighe.” Cha robh fhios aice co bhann. Bha moran de dhaoine fuadan a dol troimhn dùthaich anns an àm. Bha eallach orm de phlangaid no dha, airson fasgadh ri bhi muigh air an oidhche. ’S e neach gun mhothachadh a bhitheadh asmaoineachadh air coiseachd gun a phlangaid air a trusadh mun cuairt air. Bha so còrr is deich bliadhna fichead air ais. An dràsda tha rathad iaruinn fagus air fad na slighe, agus carbaid le ceithir eich cuideachd. Thainig Domhnull Mac Leoid anns a mhadainn mhoich gu caoimhneil airson gun seòladh en rathad dhomh. Chuir e air adhart mi gu abhainn bhras, ach bhan t-uisge iosal innte, agus fhuair mi tarsuinn gu sàbhailte. Bha Maori afuireach ri taobh na h-aibhnean taigh mu dheireadh air an rathad. Thug bana-Mhaori cairt dhomh, air a tarruinn le peann-luaidhe, aseoladh an rathaid; bha e gle fheumail. Bhan teas anabarrach, oirs e mios a Ghearrain a bhann, am mios is teòthas a bhliadhna. Fhuair mi a null air na h-aibhnichean gu math. An aon àite bhachoille fosgailte le moran de dhuilleagan air an làr, agus bha e duilich an rathad a dheanamh am mach. Thainig mi rithist do Chnoc Ruapekapeka. ’S ann an so a bhan cath mu dheireadh aig na Maories anns acheud chogadh, anns abhliadhna 1846. Chaidh mi troimhn àite so bho chionn choig bliadhna, a dol air ais bhon Bhagh. Bha mi rithist air meòlas. Bha mi mu ochd mìle bho mo cheann-uidhe. Bha an rathad cuimseach math; oir chaidh a dhèanamh air son na gunnachan moratharruinn gu blàr Ruapekapeka. Nuair a bha mi mu dha mhìle bho chala thachair Maori rium, agus an deigh fàilte chur air a cheile, thug e cuireadh dhomh gu caoimhneil gus an fhàrdaich; aige fhéin, astar beag air ais. Bha eallach air de shark grod. Thuirt e gun robh aige shark malcaidh, agus gun robh na Maories gle mhiannach air, ach nach fhaighinnsa pios idir dheth. Thug mi taing dha, ged a bha acras mor orm, agus thuirt mi ris nach robh mi idir déigheil air iasg grod. Bha efuireach am muigh fo chraoibh mhoir, bean agus aon ghille òg aige. Thug e dhomh ri ithe buntàta agus isean beag, agus deochlàn pinntde fhion an Tupaki. Rinn mi mo leabaidh eadar da fhriamhach, Anns amhadainn rinn e aoradh. Leugh e caibideal anns an Tiomnadh Nuadh, air dòigh na h Eaglais Shasunnaich, a bhean a freagairt as a dhéigh. Thug e rithist ormsa caibideal a leughadh. Nuair a bha mi dol a chadal bhabhean agus an gille gu sùrdail arostadh mir dhen t-shark gus ithe. Bhan t-iasg coltach ris a bhioran-deamhnaidh, a bha cho pailt ann an St. Anns ri taobh a chladaich. Tha fios agam air na bioran a dhol troimh mo chasan lomnochd. Chaneil bior na lann air an iasg so. Tha e tighinn an àirds na h aibhnichean gu pailt. Tha e gle mheasail aig na Sasunnaich agus cuideachd eile. Tha dòigh àraidh air a dheasachadh a tha neo chumanta blasda. Chaneil mi idir acur tàir air deasachadh is na bana-Mhaori. Ghabh mi cead le fear an taighe agus a bhean. Bha iad gle chòir rium. ’S e Di-dòmhnaich a bhann. Cha robh cabhag mhor orm, agus ruig mi mo cheann-slighe roimh mheadhain-latha. Thill mi dhachaidh mu thri miosan an déigh sin air an rathad cheudna. Bha an aimsir na bfhionnaire, agus chuir mi an t-eallach (na plangaidean) dhachaidh air soitheach. Bha mi na baotruime air son coiseachd. Bha mi comhla ri mo chàirdean ann an Kaurihohori air an oidhche.

Tha aon ni mu na Maories, aguss e sin, bheir iad biadh do choigreach, gus a bhi còir. Bha sinnachleachdadh aig na seana Ghàidheil, mar tha air innseadh ann am bàrdachd Bhaltair Scot—“The Lady of the Lake. ”Tha etoirt cunntas air Ridire Snowdon, a chaidh air chall nuair bha esealg. Thàinig e gun fhios da air a bhothan aig Ruairidh Dubh. “Co thu?” Dhinnis e dha. Bha amharus aige gur e nàmhaid a bhann, agus an treubh uile fon ruaig. Thuirt Ruairidh ris gur e lagh Dhia agus dhuine gum feumadh e biadh agus fasgadh athoirt don choigreach. Chaidh sin a dheanamh, comhla ri leith na plaide agus companach leapa a dheanamh dheth, agus an rathad a sheòladh dha gu faodhail Coilantogle. Nuair a chaidh iad a null air an uisge, sheas e air a shàil agus thuirt e, “S mise Ruairidh Dubh!” ’s e tarruing a chlaidheamh. Bha iad a nis nan naimhdean. Agus mar sin air aghart. Tha daoine ionnsaichte a deanamh am mach gun tainig ena chleachdadh aig na Maories troimhn sinnsireachd a leantuinn riutha gus an lathan diugh.

IAIN ROTHACH.
Rudha Mharstean.


Daibhidh Stiubhard.

LE IAIN.

CAIB. III.

BHA dlùth air còig bliadhna on a thòisich mi ri sùil a chumail oirre; agus ged nach duirt mi facal riamh rithe mu dheidhinn pòsaidh, gidheadh tha aobhar agam a bhithcreidsinn gun robh amhrus làidir aice gun robh mi air tuiteam ann an trom ghaol oirre. An uair a bhiodh ibruidhinn rium bhiodh mo chridhebualadh na bu luaithe na bàbhaist dha. Agus gus an fhìrinn ghlan innseadh, ged a thigeadh réiseamaid shaighdearan air mo chulaobh gun fhios domh, agus ged a loisgeadh iad urachair seachad air mullach mo chinn, cha bhiodh mo chridhe dad na bu luaithe na bhiodh e an uair a chithinn i agus a chuireadh i fàilte orm. Chaneil teagamh nach do thuig i gun robh mi anns an staid so. Leis an dòigh air am biodh i uaireannan asealltainn orm, cha burrainn mi gun a bhithsmaointean gun robh imiannachadh a radh: “Am bheil thu nis adol gam iarraidh ri mo phòsadh, a Dhaibhidh?”

Achna dhéigh so gu léir, an uair a smaoinich mi gun drugadh ann an suidheachadh cothromach i, agus gun dfhuair i àrach agus foghlum mna-uaisle, cha bu dàna leam tairgse pòsaidh a chur ma coinneamh; ach bha micur romham am muighs am mach gun cuirinn an tairgse ma coinneamh nam bithinn cho fortanachs gum faighinn an dìleab ris an robh dùil agam. Agus mar so, cho luaths a fhuair mi an t-airgiod, ghrad sgrìobh mi litir uice; agus be sin an litir! Leig mi ris minntinn dhi cho saors cho soilleirs ged a bhithinn abruidhinn riut fhein.

So agad mar a rinn mi: an àite fuireach gun dol a Dhuneidionn gu ceann beagan làithean, is ann a ghrad dhfhalbh mi ann. Agus cha bu luaithe rainig mi am baile na ghabh mi dìreach a dhionnsuidh an taighe anns an robh i fhein agus a màthair afuireach, agus bhuail mi gu làidir aig an dorus. Ach an déigh dhomh bualadh, cha robh fhios agam air an t-saoghal co dhiubh bu chòir dhomh seasamh far an robh mi gus an tigeadh iad a dhfhosgladh an doruis mar bu chòir dhomh, na gabhail a steach gun fheitheamh ri duine thighinn a dhfhosgladh an doruis, agus thainig fhuilnam aodann.

An uair a thainig an t-searbhanta dhfhosgladh an doruis, thuirt mi, agus mo ghuth air chrith, “Am bheil do bhanamhaighstir a staigh?”

Tha,” arsisethigibh a steach.”

Ghabh mi steach, agus tha mig innseadh dhut le fìrinn nach robh fhios agam co dhiubh a bhan t-urlar afalbh leam, no bha misefalbh leis an urlar.

An uair a chaidh mi steach don t-seòmar, co bhana suidhe romham ann ach seana bhean uasal, agus speuclairean oirre. Gun teagamh sam bith be so banamhaighstir na searbhantadhfhosgail an dorus dhomh; ach cha bi a bha dùil agamsa fhaicinn anns an t-seòmar ach an air an robh mo chridhe cho mòr ann an geall.

Sheall abhean uasal chòir orm, agus sheall mise oirrese. Ghrad dhéirich ina seasamh, agus rinn i beic dhomh, agus dhfheuch mise cho maths a baithne dhomh ri beic a dheanamh dhi; agus fad na h-ùine, dhfhaodadh tu abhuille a bhaig mo chridhe a chluinntinn air taobh eile an t-seòmair.

A bhean uasal,” arsa mise.

A dhuinuasail,” arsise. Tha mig innseadh na fìrinn dhut; leumainn am mach air an uinneig aig an àm mur be gun robh an seòmar ceithir staidhreachan os cionn na sràide. Ach thuirt mi rium fhìn gum bfhearr dhomh feuchainn ri rud-eiginn a ràdh on a chaidh mi cho fad air aghart.

Ghabh mi orm fhìn de dhànadas taghal oirbh, a bhean uasal,” arsa mise.

Is fior thoigh leam bhur faicinn, a dhuinuasail,” arsise.

Gu dearbh, arsa mise rium fhìn, is math leam sid a chluinntinn co dhiubh. Ach ged a bhiodh mo bheathana gheall, cha robh sion saoghaltadhfhios agam ciod a bu chòir dhomh a radh rithist. Shuidh mi air cathair a thachair a bhi faisge air an àitesan robh minam sheasamh. Agus mu dheireadh fhuair mi de mhisnich na dhfheoraich: “Am bheil bhur nighean, Miss Sine, aig an tigh, a bhean uasal,” arsa mise.

Tha mismaointean gum bheil,” arsise.

A Shine,” arsise, le guth a chluinneadh tu o cheann gu ceann dhen taigh.

Tha mitighinn, a mhàthair,” arsa mo fhlùr bòidheach an fhàsaich; agus a steach a ghabh i don t-seomar le ceum aotrom, sunndach mar gum biodh bean-shithe ann. Ach an uair a thug i an aire dhomhsa, chlisg i mar gum biodh i air taibhs fhaicinn, agus dhfhàs a h-aodann cho dearg ris an fhuil. Air mo shon-sa dheth, bha mi air chrith mar gum biodh duilleach na craoibh uinnsinn ann, agus thug mi ceum no dhàna coinneamh. Chaneil mismaointean gun dthug i ach gann an aire gun drug mi air laimh oirre. Agus bha midol a radh a rithist, “Ghabh mi orm fhìn de dhanadas,” an uair a bha de thùrs de thuigse anns an t-seana mhnaoi na dhfhàg leinn fhìn sinn anns an t-seòmar. Tha mig radh riut gu cinnteach ceart nach dfhuair mi riamh roimhe nam bheatha a leithid de shaoirsne. Bha mo chearn mar gum biodh sgeip sheillean ann le tuainealaich agus le gaol. Thug mi oidhirp a dhà no tri dhuaireannan air labhairt gus innseadh dhi gun robh mig a h iarraidh ri pòsadh. Ach cha robh mi comasach ach gann air tri facail a chur an tàth a chéile. Agus an uair a chunnaic mi nach rachadh agam air stad minntinn innseadh dhi le briathran beòil, chuir



[179]

[Vol . 10. No. 24. p. 3]

mi mo lamhan mun cuairt da meadhain, theannaich mi ri muchd i, agus thug mi deadh phòg dhi. Bhan naigheachd nach robh mi comasach air innseadh dhi le cainnt air a h-innseadh dhi mar sid ann an tiotadh. Bha icur beagannam aghaidh, agus ag radh, “O mo nàire!” agus, “A dhuinuasail!” no rudeiginn coltach ris asid; ach chum mi greim oirre, agus dhinnis mi gu duineil dhi ciod a bha nam bheachd a dheanamh. Thuirt mi rithe gun robh mo chridhe gu bristeadh fad chòig bliadhna leis aghaol a bhagam oirre, agus a nis on a bha minam dhuinuasal, gun do smaoinich mi gum bu chòir dhomh bruidhinn rithe. A dhaon fhacal, chum mi greim oirre gus an daidich i gum pòsadh i mi.

Mun d thainig ceann na seachdain bha h-uile gnothach air a shuidheachadh eadrainn. Fhuair mimach nach robh stòras sam bith aice. Bhuineadh a màthair do sheann teaghlach a thainig gu bochdainn, mar a thachair do iomadh teaghlach eile, ri linn Prionnsa Tearlach. Bha iad le chéile gu math teann dhen Eaglais Shasunnaich. Bha àirde a fad as a toirt [ ? ]aim àraidh dha màthair a h uile bliadhna.

Agus mur be gur e Stiubhardach a bhannam, agus gun dinnis mi naigheachd gun mòran seadh mu thimchioll mar a thachair do msheanair latha blàr Chùilfhodair, tha micreidsinn nach tugadh i dhomh a h-igheann, ged a bha còig mìle de dhairgiod tioram agam. Ach cha bu luaithe a fhuair i mach gun robh mo sheanair ann an cogadh aPhrionnsa na thòisich i ri sloinnteireachd gus an drinn i mach gun dthainig mi o theaghlach a bha aon uair glé ainmeil. Cha robh misetuigsinn na bha ig ràdh nas nam fear a thanns aghealaich; ach bha mig aontachadh leatha fad na h-ùine.

Ach bha Sine nam shealladh-sa mar aingeal o nèamh. Bha i mu thri bliadhna deug air fhichead. Bha shùil bhòidheach, ghormna ceann, agus bham pailteas de dhfhalt briagha donna-bhàn oirre; agus bha pearsaice cho caols cho grinns a chunnaic mi riamh. Rachadh ina h-éideadh cho grinns cho sgiobalta ri sam bith; ach cha robh riomhadh sam bith ri fhaicinn ma timchioll. A dhinnseadh na fìrinn, dhfhaodadh duine dall fhaicinn gur e fior bhean uasal a bhinnte. Agus a thaobh tùr agus tuigse, tha miseg ràdh riut nach deargadh am ministear agus na h-eildearan oirre. Ach is ann o màthair a thug i sin; agus bidh beagan agam ri ràdh mu dheidhinn a màthar na dheigh so.


CAIB. IV.

MAR a bha mig ràdh riut, bha Miss Murray anabarrach teann dhen Eaglais Shasunnaich. Bha i am muighs am mach air taobh nam beachdan a bhaig an Ard-Easbuig Laud, agus na h-obrach a bha Claverhousean duine fuilteach ud air an cuala gach neach iomradhadeanamh gus an Eaglais Shasunnach a stéidheachadh ann an Alba. Bha toil gu leòr aice a thoirt ormsachreidsinn gur i an Eaglais Shasunnach mòran is fhearr na Eaglais na h-Albabeachd gun tùr, mar a tha fhios agadach is gann a theid againn air a thuigsinn cho làns a tha cuid de dhaoine do shaobh chreideamh. Tha beachdan dhaoine, mar is trice, a réir na dòigh anns an robh iad air an teagasgnan òige. Ach is e chuir dorran orm gu h-àraidh a bhithsmaointean gum biodh isedol a dhaon taigh-aoraidh agus gum bithinnsadol do thaigh-aoraidh eile, dìreach mar a bhiodh dithis aig nach biodh eòlas sam bith air a chéile. Agus, a bharrachd air so, nam biodh am ministear a bhiodh ise ag éisdeachd asearmonachadh leith uair na bfhaide na bhiodh am ministear a bhithinnsag éisdeachd, ar neo nam biodh am ministear a bhithinnsa ag éisdeachd asearmonachadh uair na bfhaide na bhiodh am ministear a bhiodh ise ag éisdeachd, ciamar a bhiodh cùisean? Rachadh an dinnear a dholaidh, oir cha bhiodh fhios aig an t-searbhanta cuin bu chòir dhi an dinnear a bhith deiseil. Dhiarradh abhanamhaighstir an dinnear a bhith deas aig aon uair, agus dhiarradh am maighstir i bhith deas aig da uair. Agus a dhinnseadh na fìrinn dut, cha tugainn sgillinn air dinnear a bhiodh an déigh fuarachadh.

Ach mar a bha mig radh riut mu dheidhinn na seana mhna, bha ismaointean gum bu chòir dhi comhairle a thoirt oirnn le chéile.

Nis, a chlann,” arsise, “tha miguidhe oirbh gun toir sibh fa near le mòr-chùram ciod a tha romhaibh a dheanamh; oir is fhearr do dhaoine aithreachas a ghabhail an latha tha iad adol a phòsadh, na aon aithreachas a ghabhail an déigh dhaibh pòsadh, aithreachas a mhaireas, ma dhfhaoidteadh, fad uile làithean am beatha. Chaneil miga ràdh so gus bhur n aoibhneas a lughdachadh, agus chaneil teagamh agam nacheil meas gu leòr agaibh air a chéile; ach tha mig a ràdh mar aon a bha roimhe pòsda, agus a chunnaic mòran dhen t-saoghal. Agus, a chlann, tha miga ràdh mar mhàthair! Tha pòsadh gun ghràdh làidirna chois, coltach ris aghréin ann an dùdlachd agheamhraidhgu tric fo neòil, gu tric air luasgan le stoirm, agus an comhnuidh gun bhlàths sam bith; agus tha achluasag cho beag comhfhurtachd ri cithe sneachda. Ach ged is e gràdh an ni sònraichte, cuimhnichibh nach e an t-aon ni a tha mhàin feumail dhuibh. Am bheil sibh cinnteach gum bheil sibh làn eòlach air giùlan agus nàdar a chéile? Agus os cionn gach ni, am bheil sibh cinnteach gum bheil meas agaibh air a chéile, agus gun toir sibh urram dligheach da cheile? Mureil so mar so, faodaidh sibh a bhith smaointeachadh gum bheil tlachd agaibh da chéile ged nach biodh fior ghràdh agaibh da chéile idir. Chan e sid an seòrsa tlachd a mhaireas na h ùine a bhios dithis pòsda richéile, agus a bhios mar eun aceileireadh ann bhur brollach gu latha deireannach bhur saoghail. Chan e, a Shìne. Mur bi bhur n-anamannan, mar gum beadh, air an tàth richéile, mureil thusa faicinn ni eiginn annsan nach fhacthu ann am fear riamh roimhe, agus mureil esan afaicinn ni eiginn annadsa nach fhace ann an riamh roimhe, na pòsaibh idir. Ged a bhiodh gaol mòr aig dithis air a chéile mum pòs iad, cha dearbhadh sin gu m bi iad measail, miadhail air a chéile an déigh dhaibh pòsadh. Theid am fudarna lasair ann an tiotadh; ach mairidh an teas anns an fhàd mhònadh as am bi an smùid, an déigh dha a dholna luathaidh. Cuimhnichibh gum faod an gaol a bhios glé theith an diugh, araon ann an cridhe fhirionnach agus bhoirionnach, a bhith air a thionndadh gu fuath am màireach. Air an aobhar sin, smaoinichibh air achùis mun teid sibh nas fhaide; oirna dhéigh so bidh e tuilleadh is anamoch dhuibh smaoineachadh air achomhairle a tha mitoirt oirbh.”

A dhinnseadh na fìrinn dhuibh, a bhean chòir,” arsa mise, “tha mi cinnteach gum bi moit orm a chionn gum faod mi mathair a rádh ri boirionnach cho tùrail ribh!”

Is fhearr dhut gu mòr moit a bhith ort a chionn gum faod thu do bhean a ràdh ri mo nighinn-sa,” arsise; “oir an uair a dhfhàsas fear mi mheasail air a mhnaoi aig gach àm is uair, no an uair a bhios a fearna chùis-naire dha mhnaoi, cha bhi iad latha sona maille ri chéile gu bràth tuilleadh. Ach air a shon sin, a Dhaibhidh,” arsise, “chaneil teagamh, sam bith agamsa nach bi thunad dheadh fhear-taighe; oir tha thunad dhuine tùrail; agus is math an airidh thu air bean fhaotainn. Agus ged nach biodh de mhathas ort ach gum bheil thu dhe na Stiubhardaich, theòthadh mo chridhe riut. Ach tha aon rud ann a thacur eagail ormtha mifaicinn dìreach aona choire annadagus faodar a ràdh le fìrinn gur ann on choire so a tha gach coire eile ag éiridh, agus bfhearr leam gun gealladh tu gun cuireadh tu cùl rithe gu buileach; oir thug achoire so barrachdtruaighe air fir agus air mnathan na thug a h-uiletrioblaid, agus bochdainn agus bàs thainig riamhnan rathad ged a bhiodh iad uile comhladh.”

(Ri leantuinn)


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHANA CHADAL.

CAIB. XI.

AN uair a sheall Abon Hasan mun cuairt dha, agus a fhuair e e-fhein anns an tallasan robh e mios roimhe sid, shaoil leis gur e bruadar mar a chunnaic e roimhe a bha anns na nithean a bha efaicinns acluinntinn mun cuairt dha, agus bha eagal gu leòr air gun tachradh dha mar a thachair dha roimhe. “Gun deanadh Dia tròcair orm!” arsesan, agus e cur a làmhan ri shùilean, mar gum biodh duine aig nach robh fhios càit an robh e; “tha mi ga mchur fhin ann ad làmhan. Chan eil teagamh agam an deigh na chunnaic mi, nach e droch spiorad athainig do nasheòmar, agus a fhuair greim orm, agus a thalionadh minntinn leis na seallaidhean so.”

Bhan righ a faicinns acluinntinn a h-uile car a bhadol air aghart, agus thoisich e ri gàireachdaich cho cridheils gur gann a chaidh aige air cumail air fhein gun ghàire a dheanamh a chluinnteadh anns an talla.

Leig Abon Hasan e-fheinna shìneadh a rithist, agus dhùin eshùilean. An sin thàinig abhean-uasal a bhabruidhinn ris roimhe, agus thuirt i ris: “A Cheannaird nan Creidmheach, o nacheil bhur mórachd ag eirigh, an deigh dhuinne, a reir ar dleasdanais, innseadh dhuibh gum bheil an lathair tighinn, agus gum bheil an t-àm agaibh a dhol do sheòmar na comhairle feumaidh sinn an t-saorsa sin a chleachdadh do bhur taobh a cheadaich sibh dhuinn.”

An sin rug i air a ghàirdean, agus rug te eile dhe na mnathan-uaisle air a ghàirdean eile, agus thog iad leothe gu meadhain an talla, farn do chuir iadna shuidhe. An sin rug na mnathan-uaisle gu leir air làmhan a cheile, agus thòisich iad ri leumadaichs ri dannsa mun cuairt dha, am feadhs a bha an luchd-ciùil acluich gu trang.

Bha inntinn Abon Hasain air a cur gu mór troimh a cheile, agus thuirt e: “Ciod is ciall dha so? Am mi da rìreadh an righ, agus Ceannard nan Creidmheach?”

Bha e air tuilleadh a radh mu dheidhinn an t-suidheachaidh anns an robh e, mur be gun robh fuaim achiùil cho àrds nach cluinneadh neach sam bith ciod a theireadh e.

Mu dheireadh leig e ris do dhithis dhe na mnathan-uaisle gun robh toil aige bruidhinn riutha. An sin chaidh iad far an robh e. “Innsibh an fhìrinn dhomh,” arsesan, “ach innsibh dhomh le fìrinn co mi?”

A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Reul

(Air a leanntuinn air taobh 182).



[180]

[Vol . 10. No. 24. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear ga luchd-gabhall ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA.
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 14, 1902.

Mactalla nan Tur.”

THA an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair an deigh iomadh comain a chur air na Gàidheil ann a bhi cruinneachadhs a cur am mach bàrdachd Ghàilig a bhan cunnart a dhol air chall gu buileach. Tha leabhar ùr aig air a chur am mach aig an àm so— “Mac-talla nan Tùr.” Tha mirean de shaothair iomadh bàrd, sean is òg, rim faotainn anns an leabhar so, agus ma thachair gu robh cuid de na h-òrain sin ann an clò roimhe, faodar a bhi cinnteach gu bheil iad atighinn o pheann Mhaighstir Sinclair ann an dreach nas fhearr agus nas saoire o mhearachd na chunnacas fhathast iad. ThaOran na Comhachaiga gheibhear ann anSar-Obair nam Bàrdanns an leabhar ùr so air a roinn na dha òran, “Cead deireannach nam BeannagusOran na Comhachaig.” Tha Mr. Sinclair dhen bheachd gur h-ann mar so a dhfhàg am bàrd iad, agus gu robh iad air am measgnachadh nan aon mun dfhuair Mac-Coinnich iad. Gheibhear an leabhar so ann an oifis MHIC-TALLA air air 25c; a sia dhiubh air $1 .25, agus a dha dheug air $2 .00.

Chan eil ach mios no dha on chuir Mr. Sinclair am mach leabhar eile, “Filidh na Coille,” anns am bheil òrain a Bhaird Mhic-Gilleain air an toirt seachad gu h iomlan, agus àireamh thaghta de dhòrain eile, a bharrachd air òrain is eadar-theangachaidh on Bheurla le Mr. Sinclair fhéin. Tha sinn an dòchas gun dean na Gàidheil an da leabhar so a cheannach ann am pailteas, agus nach bithear gan toirt seachad an iasad an deigh an ceannach. ’S e cho leasgs a tha iad air a bhi ceannach leabhraichean Gàilig is coireach nach eil barrachd mor dhiubh air an cur an clò.


Gaidheil na h-Alba.

A REIR àireamh na bliadhnan uiridh tha air Gàidhealtachds an Eileanan na h-Alba 28,106 pearsa alabhairt Gàilig a mhàin, agus 202,106 pearsa a labhairt Gàilig agus Beurla. Mar sins e àireamh luchd-labhairt na Gàilig ann an Alba 230,806. Deich bliadhna roimhe sin be an àireamh 254,415. A reir a chunntais sin, tha àireamh luchd-labhairt na Gàilig an Alba 23,609 nas lugha na bha i anns a bhliadhna 1891. Ach chan eil sin idir a dearbhadh gu bheil aGhàilig a faighinn a bhàisna dùthaich féin. Bha àireamh mhor de shaighdearan Gàidhealach aig àm a chùnntais so ann an Africa mu Dheas a bha nan tìr féin an am a bhi gabhail achunntais roimhe. Agus a bharrachd orra sin tha moran mhìltean de Ghàidheil nan deich bliadhna, 1891 gu 1901, air a dhol air imrich don Ghalldachd, do Chanada, ’s do dhùthchannan céin. Nan robh iad sin uile aig baile, cha bhiodh am mùthadh cho mor. Anns an t-saoghal air fad, chan eil teagamh sam bith nach eil àireamh luchd na Gàilig an diugh a dha no thri uireads a bha i toiseach na naodhamh linn deug. Air an aobhar sin chan eil e ri fhaicinn gu bheil latha bàis ar cainnt mhàthaireil ro fhaisg air làimh, ged a tha iomadh ni ag obrachadhna h-aghaidh. Mar a thaTimesan Obain ag ràdh: “ ’S ann tha ioghnadh air cuid againn gum bheil na h-uiread ann a tha labhairt na Gàilig, gu sònruichte a chionn gun robh mòran ann anns an linn a dhfhalbh air am biodh nàire a bhig aideachadh gun robh iadnan Gàidheil. Tha cùisean nas fhearr leinn a nis; ach tha cuid do lunndaireans do amadain ann fathast a tha asmuaineachadh gum bheil boladh na h-uaillse dhiubhsan a tha aineolach air cànain an sìnnsear. Tha an àireamh a thann aleigeil fhaicinn dhuinn nacheil aGhàilig buileach afaotainn bàs. Tha eadhon cuid da naimhdean ag aideachadh gun cluinnear a guth ann an tìr na Gàiligs an fhéidh ceud bliadhnana dhéigh so. Cha tig achrìoch oirre co-dhiùnar latha-ne noan latha ar cloinne; agus is iomadh car a thig air an t-saoghal mun ruith an ath cheud bliadhna gu deireadh. Tha e ceart gu leòir a bhig ionnsachadh Beurla; ach cha ruigear a leas a bhi dichuimhneachadh na Gàilig.”


Co-oibreachadh an Eirinn.

THA cùisean is cor nan Gàidheal car cosmhuil ri suidheachadh am bràithrean an Eirinn. Bidh ena mheadhon teagaisg dhuinn uime sin a bhi nis agus a rithist ag amharc thar sàile agus afaicinn gu a tha dol air aghaidhnam measg. Chì sinn an sud na Gàidheil Eirionnach adol an guaillibh a chéile ann an co-oibreachadh air son am feuman féin. Chuir iad air an cois a suas ri còig ceud comunn beag anns am faighear mar bhuill mu deichs fhichead mìle (50,000). Thòisich an obair so le gràinein beag do bhuill mu cheithir bliadhna deug roimhe so. Chaneil gnè oidhirp nacheil na comuinn so agabhail os làimh, agus chaidh soirbheachadh math leotha. Tha iad acur am bainne le chéile agus adeanamh ìm ceutach a tha fo chliù mhath nach robh aig ìm nan daoine bochda so riamh roimhe. Tha mar an ceudna togail eunlaith, gàradaireachd is àiteach air an teagasg don t-sluagh a tha afaotainn prìsean matha air son an saothair. Tha bancan beag air an cur air chois mar an ceudna om faigh feadhainn strìtheil, ionraic cuideachadh no iasad car tacan gus am faigh iad ceum air an aghaidh. Tha deug is trì fichead do na bancan so ann le mìltean do bhuill. Nach biodh e glic do na Gàidheil aig an tigh co-oibreachadh mar so a chur air choisnar measg féin? —Oban Times.


Iadsan Nach do Phaigh.

ON thainig an àireamh mu dheireadh dhen MHAC-TALLA mach, bfheudar dhuinn grunnan nach bu bheag de dhainmean luchd-gabhail a thoirt bhar an leabhair. Cha ruigear a leas aithris gum ben aon aobhar a bhagainn air sin a dheanamh iad a bhi cho fad air deireadh nam pàigheadhs nach burrainn dhuinn giùlan leotha na bfhaide. Chan eil fhios againn nach robh iarmad beag dhiubh dan robh e doirbh pàigheadh a dheanamh aon uairs gun do leig iad ruith leis, ged nach fhaciad iomchuidh innseadh dhuinne; ach tha dearbh chinnt againn gu robh a mhor chuid dhiubh moran na bu chomasaiche air pris a phaipeir a phàigheadh na bha sinne air deanamh as aonais. Tha ar caraide, “C. C. ,” ag iarraidh oirnn anns an àireamh so ainmean agus sloinnidhean na feadhnach a chaidh an cois an dleasdanaiss an geallaidh a thaobh MHIC-TALLA a chur an clò, a chums gum biodh fhios aig na h-uile co iad. Nan deanamaid sin, cha bheag an t-ioghnadh a ghabhadh ar leughadairean ri moran de na h-ainmean a chitheadh iad, agus ar leinn nach meudaicheadh e an gràdh don chinne-dhaonna. Cha dean sinn de shloinneadh orra ach a radh gur oighreachan dligheach iad don mhuinntir a chur gu bàs acrach an Teachdaire Gaidhealach, Cuairtear nan Gleann, Fear-tathaich nam Beann, agus gach miosachan Gàilig eile bha riamh air a chur air chois. Agus chan eil sinn gam meas airidh air an ainmean a chur air taobh-duilleig MHIC-TALLA air leisgeul sam bith. Imicheadh iad ann an sìth, agus feuchaidh sinne ri dhichuimhneachadh gu robh an leithidean de Ghàidheil gun stà riamh air thalamh.


Australia.

CHAN eil ach ùine ghoirid on ghabh Roinnean Australia eisimpleir Roinnean Chanada ann a bhi air an tàthadh ri chéile mar aon choi-fhlaitheachd, agus cha robh an àrd-pharlamaid ùr cruinn fhathast ach aon uair. Mar a thachair ann an Canada fhéin tha cuid de na Roinnean nach eil toilichte leis mar a tha cùisean fon t-suidheachadh ùr, agus ma tha gach sgeul a tha tighinn ra chreidsinn, bhiodh cuid dhiubh deònach an t-aonadh a chur ma sgaoil. Chan eil sin ach nàdurra gu leòr. Leis an aonadh chaill na Roinnean cuid de na còirichean a bha iad a mealtuinn roimhe, agus tha eagal air na Roinnean as lugha gu h-àraid gum bi iad ann an seadh air an slugadh suas leis na Roinnean as motha. Tha iad a cheana faicinn na chaill iad, agus chan fhaic iad na tha iad ri bhuanachd gu ceann bhliadhnaichean; thainig an call orra le aon bhuille, achs fheudar don bhuanachd tighinn a lion beagan is beagan, agus faodaidh nach fhaic an ginealach a tha làthair an diugh meud an fheuma ni an t-aonadh don dùthaich air fad. Bfhada sheas na h-Albannaich an aghaidh aonadh an dùthcha ri Sasunn, ach nan robh iad air fuireach air leth leotha féin cha bhiodh aon chuid Alba no Sasunn cho beairteach, soirbheachail an diughsa tha iad. Bfheargach a mhor chuid de shluagh na Roinne so againn féin nuair a chaidh a cur a stigh ri aonadh na bliadhna 1867 gun uireads an cead iarraidh, agus chaidh iomadh bliadhna seachad mun do sguir iad a thogail an guth na aghaidh. Ach cha mhor a than Nobha Scotia an diugh a dhiarradh au t-aonadh sin a bhristeadh, oir tha iad afaicinn gun do bhuanaich iad barrachd morsa chaill iad. Agus ged a tha cuid de Roinnean Australia aig an àm so searbh dhen t-suidheachadh ùr anns am bheil iad gam faotainn féin, thig an t-àm anns am bi iad cho riaraichte leissa tha muinntir na h-Alba agus muinntir Nobha Scotia leis an atharrachadh a thainig orra len aonaidhean féin. Faodaidh an t-àm sin a bhi car fad as, ach chan eil ni is cinntiche na gu bheil e tighinn.



[181]

[Vol . 10. No. 24. p. 5]

Naigheachdan.

CNAP MOR ÒIRFhuaireadh cnap oir ann an gleann faisg air Helena, Montana, a thomhais ceithir fichead is da ùnnsa gu leth. Chan eil am fear a fhuair e ag innse an dearth àites an do thachair e air, ach faodar a bhi cinnteach gum faighear a mach e an ùine ghoirid. ’S fhiach an cnap dlùth air coig ceud deug dolair.

CRITH-THALMHAINN AN CUEBECBha crith-thalmhainn bheag ann am Bersimis, mu dha cheud mìle sios air baile Chuebec, air taobh tuath abhainn St. Lawrence, deireadh a mhios sa chaidh. Bha taighean air an luasgadh a nulls a nall, agus bha fuaim eagallach anns an talamh. Shaoil leis an t-sluagh gu robh an latha mu dheireadh air tighinn, ach gu fortanach, cha robh call sam bith air a dheanamh.

AIR IMRICH AS NA STAIDEANAir a bhòn-uiridh thainig còrr is tri cheud deug pearsa as na Staidean a thogail fearainn ann an Iar-Thuath Chanada. Agus an uiridh thainig còrr is seachd ceud fichead pearsa air aghnothuch cheudna. Tha iad air fhaotainn a mach gu bheil fearann tuathanachais an Canada nas fhearr na tha nan dùthaich féin, agus gu bheil i natir a gheallaidhann an seadh nas fìrinniche na tha na Staidean. Faodaidh e bhith gu bheil na Staidean an deigh gach gealladh a rinn i a choilionadh.

ST. JOHN AGUS HALIFACSTha farmad mor aig bailtean St. John agus Halifacs do chàch a chéile a thaobh an acarsaidean. Tha muinntir Halifacs dhen bharail gur ann aca fhein a than aon acarsaids na Roinnean Iochdrach ris an còir acarsaid a ràdh, agus tha muinntir St. Johns a cheart bharail a thaobh na h-acarsaid aca fhein. Chaidh soitheach-smùide a bhristeadh o chionn ghoirid ann an acarsaid St. John, agus be sin an aon naigheachd a bha ri chluinntinn ann a Halifacs, gusn do thachair an dearbh sgiorradh do shoitheach nan acarsaid fhéin. Tha an da bhaile nis air an aon ruith.

SGIORRADH MULADACHThachair sgiorradh muladach ann an Sidni air Di-haoine an latha mu dheireadh dhen mhios a dhfhalbh, leis an robh Mairi Ghreig, a mhuinntir nam Forks, air a marbhadh. Bha i air a turus dhachaidh le each is carbad nuair a bhuail carbad eile innte. Bha i air a tilgeadh a mach air torr mhaidean a bha ri taobh an rathaid. Chaidh aice air eirigh leatha fein, ach bha a cluasan asileadh fala, agus chaidh a toirt gu taigh faisg air laimh, far an do chaochail i am feasgar sin fhéin. Bha an duinòg a bhanns acharbad eile, Walter Bray, air a ghlacadh, agus thatar air an t-seachdain so gafheuchainn aig cùirt air son a bàs aobharachadh.

MNATHAN AOSDATha seana bhean ann am Baddeck, Nic Aoidh, a tha ceud is tri bliadhna dhaois, agus tha uile bhuadhan a cuirps a h-inntinn aice fhathast. Theid aice air leughadh is fuaigheal a dheanamh, agus ni i barrachd obrach air feadh an taighes a ni iomadh a tha deich bliadhna fichead nas òige na i. Tha bean eile, Mrs. Arsinean, ann an Joggins, N. S., a tha ceudsa coig, agus a tha gu trang na h-uile latha afuaigheal, ag altrum, abiadhadh nan cearc, ’s ris gach dleasdanas eile a gheibh a leithid ri dheanamh. Chan aithnichte air a coltas nach eil iomadh bliadhna saoghail roimpe fhathast. Chan eil teagamh nach eil ann an Nobha Scotia an Ceap Breatunn àireamh nach beag de dhfhirs de mhnathan a tha gu math thairis air ceud bliadhna dhaois.

BAS PHADRUIG MHIC-AMHLAIDHChaochail Padruig Mac-Amhlaidh, aon den luchd-gnothuich bu shines bu mheasaile bhan Glace Bay, maduinn Di-luain sa chaidh. Bha e mu thri fichead bliadhna dhaois, agus air dha bhi tinn o chionn bliadhna no dha, cha robh a bhàs gun dùil ris. Bha e air a thiodhlacadh Di-màirt leis na Saor Chlachairean, comunn den robh ena bhall urramach o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean. Bha moran chàirdean is luchd eòlais aige air feadh na siorrachd so agus an àiteachan eile air am bi mor dhuilichinn sgeul a bhàis a chluinntinn. Dhfhàg e bantrach asjus teaghlach. Tha bràthair dha, Iain Mac Amhlaidh, ann am Port Morien, agus bu phiuthar dha bean an Urr. Calum Caimbeul, ministear Strathalba, E. P. I. Bha Maighstir Caimbeul a bhos gafhaicinn mu sheachdain mun do chaochail e.

TEINTEAN MORABha teine mor ann an Waterbury, Connecticut, toiseach na seachdain sa chaidh, a loisg fiach ceithir millein dolair de thogalaicheans de bhathar. Agus Di-luain sochaidh bha teine ann am Paterson, New Jersey, a loisg fiach deich millein dolair, Bu shuarach teine Shidni an taca ris an da theine mhor so.

DHAIDICH E A CHIONTAThatar ag radh mu Walter Gordon, am fear a bha air a ghlacadh ann a Halifacs air son moirt, gun do dhaidich e a chionta do na h-oifigich a bha gathoirt air ais do Mhanitoba. An deigh a ghlacadh agus fhads a bha e ann am priosan Halifacs, bha ecumail air fhein gu math, ach nuair a dhlùthaich e ris an àites an drinneadh an gniomh a bhatar a cur as a leth, bhrist e sios, agus mas fior an sgeul dhaidich e a chionta.

ANOCHDADH GLIOCAISChuir Uilleam, Impire na Gearmailt, mar fhiachaibh air muinntir Bherlin, ceanna-bhaile na h-Impireachd, gun iad am baile a shoillseachadh no dhol gu cosdas sam bith an àm a bhi cumail co-ainm lathabhreith, an 27mh latha den mhios a chaidh. Dhiarr e gun cuireadh iad an t-airgead a bhiodh iad deònach a chosg anns an dòigh sin, a chuideachadh leis na bochdan agus leis an luchd-obrach aig nach eil cosnadh o chionn àireamh mhiosan. Tha Uilleam, mar a tha e fàs sean, a tilgeadh uaithe moran den uaills den uabhar air son an robh e comharraichte na òige, agus agabhail gliocais agus truacantais nan àite.

BAS CIANAILThachair sgiorradh uamhasach aig an obair-iaruinn oidhche Di-haoine, Ianuaraidh 31, leis an do chaill Iain Moireasdan, gillòg a mhuinntir an Eilein Mhoir, a bheatha. Bha e frithealadh do aon de na h-innealan, a cumail olla rithe, nuair a bha a chuid aodaich air a ghlacadh, agus bha e air a tharruinn am measg na cuibhlichean. Bha a lamhs a chas chli air an gearradh dheth, agus chaochail e maduinn Disathuirne. Bha e na thùr féin gus na mionaidean deireannach. La na Sàbaid bha a chorp air a ghiulan gudhachaidh aig Black Rock, far an robh e air a thiodhlacadh. Bu mhac e do Chalum Moireasdan, fear-cumail an taigh-sholuis, agus cha robh e ach seachd bliadhndeug a dhaois. Tha co-fhaireachdain againn riphàrantans richàirdean a thaga chaoidh gu goirt.

GEAMHRADH BRIAGHATha an geamhradh so air geamhradh cho briaghasa chunnaic Ceap Breatunn o chionn iomadh bliadhna. Gu dearbhs i bharail chumanta gu bheil e tuilleadh is briagha, agus gum biodh geamhradh cruaidh reòta na bfhallaine agus na bfhearr dan dùthaich. Cha do shil gu ruige so ach fior bheagan sneachda, agus cha dàinig ach corra latha anns an gabhadh sleigheachan uisneachadh air an ròidean. Tha an t-sìde mar is trice blàth, grianach, ar neo bog, àitidh. Cha dfhuair sinn uile gu léir seachdain de shìde chruaidh reòta on thainig an geamhradh. Tha na h-acarsaidean gu ire bhig fhathast fosgailte. Cha dàinig air bàtaichean an aiseig sgur a ruith eadar so is Sidni Tuath gu toiseach a mhios so, agus air an t-seachdain so thòisich iad ri ruith a rithist.

COMHAIRLEAN NAM BAILTEANBha taghaidhean nam bailtean air feadh Nobha Scotia air a cheathramh latha dhen mhios so. Ann an Sidni, an Sidni Tuath, an Sydney Miness an Glace Bay, bha Bhaltar Crowe, D. D. Mac Coinnich, Iain Mac Cormaic agus D. M. Burchell air an taghadh gu h-aon-ghuthach gu bhinan àrd bhàillidhean; agus ann an Louisburg bha Uilleam Lewis air a thaghadh an aghaidh an Dotair Mhoireasdain. Ann an Port Hawkesbury bha Mac-Aonghais air a thaghadh, agus ann an Antigonish, Cunningham. Ann an Sidni bha A. C. Ross, Tearlach Mac Fhionghain, E. C. Hanrahan agus C. A. Richardson air an taghadh mar Chomhairlichean ann an Wards I., II., III. agus V. Tha taghadh ri bhi ann an Wards III. agus IV. air an t-seachdamh latha deug, a lionadh nan àiteachan-suidhe bha air am falamhachadh le Domhnull Domhnullach agus an Dotair Mac Leoid. Ann an Sidni Tuath bha Iain Lewis, Bart Musgrave, Ioseph Salter agus Antony Gannon air an taghadh mar chomhairlichean. Ann an Glace Bay bha Uilleam Phalen, Tomas Gorman agus Simon Lot air an taghadh. Ann an Louisburg cha do ruith ach iadsan a bha stigh roimhe. Thachair an ni ceudna ann anSydney Mines.


Eachdraidh Beatha Banrigh Bhictoria.

SGRIOBH Dùic Earraghàidheal leabhar no dhà roimhe so ann am bàrdachds an rosg, agus rinn e dha féin glé òg cliù shònruichte mu eadar-theangachadh nan salm. ’S e cuspair an leabhair mu dheireadh a thàinig o a làimh eachdraidh beatha na Banrigh Bhictoria nach maireann, anns am faighear tomhas de dheòlas nacheil ri fhaotainn ann an leabhraichean eile. Mar mhac-céile don Bhanrigh bha cothrom sònraichte aigesan air fios ceart fhaotainn nach biodh comasach do fheadhainn eile. Tha mòran do sgeòil bheag thaitneach rim faotainn eadar da chlàr an leabhair so. Tha sgeul beag laghach ann mun Bhanrighnuair a bha ina caileag òg. Chunnaic i aon lathadollbhreagh ann an uinneig bùth, agus bha i dian a faotainn. Ach bha a màthair ghlic, aBhan-Diùc Kent, a ghnàth ateagasg dhi gum feumadh i a h-iarrtuis a chumail an taobh a stigh cumhachd a pòcaid. Cha dfhuair ì an doll an ud; ach cho luaths a thàinig a h-airgiod pòcaidga h-ionnsuidh chaidh i don bhùth agus cheannaich i an doll air son tastain. Achnuair a thàinig i a mach choinnich baigeir i, agus bha e dianna iarrtuis. Cha robh tuilleadh airgid aicena pòca, aguss e rinn i chaidh i air a h-ais don bhùth leis an doll, agus fhuair i air ais na tastain, afàgail na doll gu latha eile. Dhfhalbh i sin agus chuir i na se tastain an làmhan abhaigeir a bha làn do ioghnadh mun t-suilbheireachd a nochd abhean bheag uasal ud. Ann an so chì sinn an spiorad a dhfhoillsich e féin iomadh bliadhnana dhéigh, eadhon a beatha gu léir.


An Deigh Mhorain Laithean.”

THA sgeul neònach air tighinn as an Fhraing. O chionn còrr us fichead bliadhnair ais ghoid duinòg ann an cearn iomallach dhen rioghachd sin fichead dolair o dhuine aig an robh e air fasdadh, agus theich e do Algeria. Anns an dùthaich sin thòisich e le caithe-beatha bfhearr, shoirbhich leis, agus dhfhàs ena dhuine saoibhir, measail. Ach an deigh dha an Fhraing fhàgail, bha an càs air a thoirt gu cùirt, bha a chiont air a dearbhadh, agus ged nach robh e fhein ri fhaotainn bi binn na cùirte gum biodh e air a chur gu seirbhis pheanasach fad dheich bliadhna. O chionn bliadhna no dha thainig e air ais don Fhraing air son a shlàinte, agus shuidhich e ann an Rochelle mar cheannaiche. Bha uiread meas aig muinntir abhaile sin airs gun robh iad deònach comhairleach a dhèanamh dheth. Ach mun dàinig lathan taghaidh thàinig latha sgrùdaidh, agus fhuaireadh fios air an t-seana chiontas air a pheanas a bhana lorg. Chaidh an duine bochd a ghlacadhs a thoirt gu Paris, agus feumaidh e a bhinn obrachadh gus am bi ceartas air a riarachadh. Tha mar sin, aige, mar a bhaig iomadh neach eile, ri bhina sheann aois a dìoladh air son pheacaidhean a chuir en gniomh an làithean na h-òige.


AIR FHAOTAINN MARBHBha duine dam bainm Pembroke air fhaotainn marbh air an rathad faisg air a Bhras dOr Mhor madninn Di-luain sa chaidh. Chunnacas egabhail an rathaid feasgar Di-dòmhnaich agus coltas na daoraich air. Be so an uair mu dheireadh a chunnacas beò e, agus thatar a deanamh a mach gun deach e chadal air an rathads gun do dhaobharaich am fuachd a bhàs.

AMEUDACHADH NA H-EAGLAIS CHAITLICEACH. —Tha an eaglais Chaitliceach anns abhaile so ri bhi air a meudachadh toiseach an t-samhraidh. Bidh seachd deug gu leth troigh air a chur rithe air gach taobh, gadeanamh mar sin coig deug air fhichead troigh nas leathainne na tha i. Bidh àireamh nan suidheachan an uair sin faisg air a dùblachadh. Cosgaidh am meudachadh mu ochd mìle dolair.



[182]

[Vol . 10. No. 24. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 179).

na Maidne, “tha toil aig bhur mórachd ioghnadh a chur oirnn leis acheisd so a chur oirnn, mar nach biodh fhios agaibh gur sibh Ceannard nan Creidmheach, agus fear ionaid an fhàidh a chuir Dia a dhionnsuidh na talmhainn, ar neo chunnaic sibh aisling neo-chumanta an nochd, a thug oirbh a dhichuimhneachadh co sibh. Dhfhaodadh sin tachairt, an uair a bheirear fa near gun do chaidil bhur morachd na bfhaide na bàbhaist dhuibh. Ach ma bheir sibh cead dhomh, innsidh mi dhuibh ciod a thachair an .”

An sin dhinnis i dha mar a chaidh e do thalla na comhairle, agus a dhòrdaich e peanas a dheanamh air an t-sagart agus air acheathrar sheann daoine, agus mar a chuir e duine le sporan anns an robh mile bonn òir gu màthair Abon Hasain. Dhinnis i dha mar an ceudna, gach ni a rinn es an lùchairt, agus ciod a thachair aig na tri bìdh a ghabh e anns na tri tallachan, agus mar a thug e air na mnathan-uaisle suidhe còmhla ris aig abhòrd anns acheathramh talla, agus mar a ghabh iad òrain dha, agus a ghabh iad fion uaithe, agus a chuir iad seachad an oidhche gu cridheil gus an do thuit ena chadal. “On àm ud,” arsise, agus idol air aghart leis na bhaice ri radh, “bha sibh, mar nach bàbhaist dhuibh, ’nur cadal trom gus a nis. Togaidh gach aon a than làthair s an talla fianuis leam gum bheil mig innseadh na firinn. Agus than t-àm agaibh a nis a dhol a dhùrnuigh.

Fhreagair Abon Hasan, agus thuirt e, agus ecrathadh a chinn, “Gle mhath; be bhur miann gun creidinnsa a h-uile facal a tha sibh ag innseadh dhomh. Ach tha miseg innseadh gum bheil sibh uilenur n-òinsichean, ar neo as bhur ciall, agus bu mhor am beud sin, oir tha sibh uilenur boirionnaich bhriagha. On a chunnaic mi roimhe sibh, bha minam thaigh fhin, far an drinn mi leithid de dhroch dhiol air mo mhàthairs gun do chuireadh don taigh-chaoich mi. Chum iad ann mi an aghaidh mo thoile fad thri seachdainean, agus ghabh iad orm a h-uile latha le slait; agus an deigh so gu léir, bu mhiann leibh a thoirt orm a chreidsinn gur e aisling a chunnaic mi.”

A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Reul na Maidne, “tha sibh ann am mearachd; tha sinn uile deas gus ar mionnan a thabhairt nacheil anns na bheil sibh ag innseadh dhuinn ach bruadar. Cha do charaich sibh as an talla on , agus chadal sibh ann fad na h-oidhche.”

Cha robh fhios aig Abon Hasan ciod a theireadh e; oir labhair abhean-uasal air dhòigh a bha anabarrach coltach ris an fhìrinn, gus an do chuir na thuirt i ris cho morna bhreislich es nach robh fhios aige co dhiubh chreideadh e i, no nach creideadh.

O chruithneachd!” arsesan ris fhein, “am mi Abon Hasan, no, am mi Ceannard nan Creidmheach? A Dhé uile chumhachdaich, soillsich mo thuigse, agus thoir dhomh fios air an fhìrinn, a chum gum bi fhios agam ciod is còir dhomh a chreidsinn.”

An sin rùisg e a ghuaillean, agus nochd e do na mnathan-uaisle na h-athailtean a dhfhàg na buillean air. “Seallaibh air na h-athailtean,” arsesan, “agus thugaibh breith co dhiubh is annnam chadal, nonam dhusgadh a fhuair mi na buillean a dhfhàg na h-athailtean so orm. Air mo shon fhin dheth, tha mi deimhin gun do ghabhadh orm le slait. Saoilidh mi gum bheil mig am faireachadh fhathast, agus tha sinna làn dhearbhadh dhomh. A nis, mas annnam chadal a fhuair mi na buillean, is e rud cho iongantachs a thachair riamh air an t-saoghal, agus chaneil e comasach dhomhsathuigsinn.”

Anns an t-suidheachadh neo-chinnteach so, ghairm Abon Hasan air fear dhe na h-oifigich a bhanns an talla. “Trobhad an so,” arsesan, “agus thoir bideag a barr mo chluaise, feuch am faigh mimach co dhiubh a tha minam chadal nonam dhusgadh.”

Rinn an t-oifigeach mar a dhiarradh air, agus thug e bìdeag cho goirt a cluas Abon Hasains gun dthus e glaodh eagallach as. Aig acheart àm thoisich an luchd ciùil ri seinn, agus thòisich na h-oifigich agus na mnathan-uaisle ri gabhail orain, ri dannsa, agus ri leumadaich mun cuairt air Abon Hasan. Rinn iad a leithid de dhfhuaims nach mor nach do chuir iad air mhearainn e. Thilg e dheth a h-uile snaithle dhen aodach rioghail a bha uime ach a leines a dhrathais. Leum e thun an urlair, agus an uair a rug e air laimh air dithis dhe na mnathan uaisle, thoisich e ri dannsas ri gabhail orans ri leumadaichs ri cur nan car dheth air a leithid de dhoighs nach burrainn don righ cumail air fhein na bfhaide. Bhrist a ghaire air, agus thuit e an comhair a chuil an uair a chunnaic e cho sunndachs cho toilichtes a bha Abon Hasan acur nan car dheth air an urlar. Chluinnteadh a ghàire os cionn fuaim achiùil. Agus lean e cho fada air gàireachdaichs nach mor nach drinn e cron air fhein. Mu dheireadh dheirich e, agus an uair a dhfhosgail e uinneag na closaid, chuir emach a cheann, agus ghlaodh e: “Abon Hasam, Abon Hasain, am bheil toil agad misemharbhadh le gaireachdaich?”

Cho luaths a chualas guth an righ, bha h-uile neachna thosd. Sheall Abon Hasan an taobh as an dthainig an guth, agus ghrad dhaithnich e gum be an righ a labhair, agus gum be a bhann an riochd marsanta Mhosuil, ach cha do ghabh e nàire sam bith. Ach an aite sin, thuig e gun robh ena dhusgadh, agus nach be bruadar a bhann an dad dhe na thachair dha. Cha do ghabh e gu h-olc aon dad dhe na rinn an righ air.

Ha! ha!” arsesans eg amharc gu dluth air an righ; “is tusa marsanta Mhosuil, agus tha thugearain gun robh mise toileach do mharbhadh; is tu bu choireach gun drinn mise droch dhiol air mo mhàthair, agus gun do chuireadh don taigh-chaoich mi. Bu tusa a rinn peanas air an t-sagart agus air acheathrar sheann daoine, agus cha bu mhise. Tha mise saors an gnothach. Bu tusa bu choireach ris a h uile gnothach mi laghail a rinn mise, agus ris gach trioblaid a dhfhuiling mi. A dhaon fhacal, is tusarinn an cron, agus is ann ormsa rinneadh e.”

Gu dearbh, tha thu ceart gu leor, Abon Hasain,” arsan righ, agus edeanamh gàire; “ach gus comhfhurtachd a thoirt dhut, agus gus paigheadh a thoirt dhut air son na dhfhuiling thu de dhraghs de thrioblaid, tha migairm air neamh mar fhianuis gum bheil mi deas agus deonach dioladh sam bith a dhiarras tu a thoirt dhut.”

An uair a labhair an righ na briathran so, thainig emach as achlosaid, agus dhordaich e deise anabarrach riomhach a thoirt a steach, agus a cur mi Abon Hasan. Rinneadh so gun dail. An sin rug an righ airna ghairdeanan, agus thuirt e: “Is tu mo bhràthair; iarr rud sam bith a thogras tu orm, agus bheir mi dhut e.”

A Cheannaird nan Creidmheach,” arsAbon Hasan, “tha miguidhe air bhur morachd gun innis sibh dhomh ciod an dòigh air an do chuir sibh mo cheann troimh a cheile, agus ciod an t-aobhar a thug oirbh a dheanamh; oir tha e ro fheumail dhomhsa fios an aobhair fhaotainn am mach, a chum gun tig mo thùrs mo chiall gu ceart gam ionnsuidh.”

Bhan righ toileach gu leor am fiosrachadh a bha dhith air a thoirt dha, agus thuirt e: “Anns acheud àite, biodh fios agad gum bheil mise gu tricg am chur fhìn as aithne, agus gu h-àraidh air an oidhche, a chum gum faic mi am bheil cùisean adol air an aghart gu ceart ann am Bagdad. Agus on a tha toil agam fios fhaotainn ciod a thadol air aghart anns gach iomall dhen bhaile, tha micur acheud oidhche dhen mhios air leth gus sgriob a thoirt mun cuairt, uaireannan air aon taobh dhen bhaile, agus uaireannan air an taobh eile, agus an àm a bhith tilleadh dhachaidh, tha min comhnuidh adol tarsuinn air an drochaid. Am feasgar ud a thug thusa cuireadh dhomh gu mshuipear, bha mi air tilleadh bhar mo chuairt. Agus anns achòmhradh a bha eadrainn dhinnis thu dhomh gum be an aon rud a bha thumiannachadh, gum biodh tunad righ fad cheithir uairean fichead, a chum gun deanadh tu peanas air an t-sagart, agus air acheathrar chomhairleach a bhaige. Bha mismaointean gun tugadh an rud a bha thumiannachadh toileachadh is culaidh-spors gu leor dhomh, agus chur mi romham gun tugainn dhut e. Thachair gun robh fudar araidh agam aig an am, a chuireas duinena throm-chadal cho luaths a ghabhas e e. Chur mi rud dheth gun fhios dhut anns aglaine mu dheireadh a thug mi dhut. Ghrad thuit thu nad chadal, agus thug mi òrdugh do msheirbhiseach do thoirt don luchairt, agus dhfhalbh mi as an taigh agad gun an dorus a dhunadh. Cha ruig mi leas teannadh ri aithris nan nithean a thachair anns an luchairt an uair a dhuisg thu, agus fad an latha gu greis dhen oidhche. Ach an deigh dhomh cuirm a thoirt dhut, chuir aon dhe na mnathan uaisle rud dhen fhudar cheudna anns an fion dhut; agus cho luaths a thuit thu nad chadal, thug an seirbhiseach leis thu do dthaigh fhein, agus fhag e an dorus fosgailt. Dhinnis thu fhein dhomh gach ni a thachairna dheidh sin. Cha do smaoinich mi riamh gun rachadh tu troimhn trioblaid troimhn deachaidh tu. Ach on a tha meas mor agam ort, ni mi gach ninam chomas gus comhfhurtachd a thoirt dhut agus toirt ort do thrioblaidean gu leir a dhichuimhneachadh. Smaoinich air ciod bu mhath leat mise dheanamh dhut, agus na biodh naire sam bhith ort do mhiann a leigeadh ris dhomh.”

(Ri leantuinn.)


NA PARLAMAIDEAN CRUINNDhfhosgladh an àrd-pharlamaid ann an Ottawa Dior-daoin air an t-seachdain so, agus pàrlamaid na Roinne ann a Hafacs Di-ciaduin. Chan eil dùil ris an àrd phàrlamaid a bhi cruinn a bheag thairis air tri miosan air an uair so, oir tha Sir Wilfrid Laurier air a chuireadh gu bhi lathair aig crùnadh an righ, agus feumaidh e falbh romh dheireadh a mhios Màigh. Bidh gnothuichean na pàrlamaid air an aobhar sin air an giorrachadh.

BAS LE LOSGADHAir an latha mu dheireadh dhen mhios a dhfhalbh, bha bean Mharc Wadden, ann an Glace Bay, air a losgadh gu bàsmhors i dol mu obair an taighe. Air dhi a bhi timchioll an stobh ghreimich an teine air a cuid aodaich, agus mun dfhuaireadh a chur as bha i air a losgadh cho donas gun do chaochail i an ceann naodh latha. Bha i ann an cràdh mor fad na h-ùine sin, gusn do chuir am bàs crioch air.

BAS MHORAIR DUFFERINChaochail an duin’ -uasal so na dhachaidh féin an Eirinn maduinn Di-ciaduin sa chaidh. Bha e ann an droch shlàinte o chionn ùine mhor, agus bha làn dhùil ribhàs. Bha e tri fichead is sia bliadhndeug a dhaois.

SGIORRADH BASMHOR EILEChaidh fear Rob Glover á St. Stepheh, N. B., a mharbhadh aig an obair-iaruinn Di-ciaduin. lewirebheò a thuit air an àm dha bhifhrithealadh aon de na h-innealan.



[183]

[Vol . 10. No. 24. p. 7]

S Mi Fagail Mo Dhuthcha.

LE DUGHALL MAC LACHAINN.

S mi fàgail mo dhùthcha tha mo shùil as mo dhéigh
Nuair a dhirich mim bruthach thug mi sùil air an treud,
Bhan gleannan shios fodham làn de chrodh mar an fhéill,
S na laoigh bheaga cho uallach ruith cho luath ris na féidh.

Shuidh mi sios air an toman bu neo-thograch mo ghleus,
Dol a dheanadh dhuit oran a ghlinn bhoidheich na spréidh,
S do bheanntanain àirde is àilleadh fon ghréin,
Gam fhalach bho mchàirdean as mfhàrdach nam dhéigh.

S mithich dhomhsa bhig éiridh bhon than t-astar cho mor,
Tha na luingeas aig acair ach tha macaidsa mor;
Tha gach ni a cuir as dhomh, chaill mo chasan an treoir,
S mo chridhe cho brùites mo shùilean làn dheoir.

Aon sealladh dhomh fhathast air na srathaibh gu léir,
Aon sealladh dhomh fhathast air a bhaidein tham dhéigh,
Mile beannachd le Lachann, ainm mathar na tréig,
Lean thusa a dhoighean air choir anns gach ceum.

Tha minntinn fo luasgan bhi gluasad nan seol,
An acair ri guallainns an trom chuan fo sroin;
Tha mise mar chreutairsan t-eug air mo thoir,
Bfhearr nach dfhàg mi mo chéile, ben eubhachd bhi dchoir.

Air bhàrr nan tonn -ghorm rinn sinn Stiùireadh gu foil,
Bhan oidhche air dùnadhs gun do bhrùchd oirnn an ceo;
Ach ar sgiobair bha tùrail, cha tug sùil far nan seol,
Fo stiùireadh na combaist, ’s an trombaid na dhorn.

Aig bristeadh na maidne bhan cladach gar coir,
Gun do thilg sinn an acair ach bha macaid-sa mor,
Nam shineadh air déile cha robh léigh ann air bord,
A bheireadh dhomh cobhair ged a gheibheadh e or.

Tri fichead mile dhomh fathast than t-astar sin buan,
Man ruig mi thu Annas bithidh mi fallain gu luath;
Ma lean thu ri dàbhaist bu mhor do ghràdh dhomhs gach uair,
Bhon a bha mi nam phàisde gus an dfhas mi a suas.


Marbhrann

Do Dhonnachadh Mhic-Bhlair, tuathanach ann an Ile, a chaochail Mios Meadhonach an Earraich, 1867.

LE UILLEAM MAC-DHUNLEIBHE.

GUTH.

An cluinn thutearnadh o chnoc na faire,
Fuaim nan cas-cheum tiamhaidh trom,
S an ceol tursach ag aomadh,
Cha till mi tuillegu saoghal nam beo?
Than caomhan Criosdail,
Gu h-iosal gun chlaisteachd gun iul,
Air muthadh o bheatha gu bàs.

FREAGRADH.

Ged a dhearrsas grian air corsan cian nan speur;
S ged a ruitheas dealanach nam biorag dearg,
Asgoltadh rathad a thoirmn a dhéigh;
Ged a thogadh crith-thalmhainn,
O ghrunnd an domhain, le freoth-theine,
Beanntan Albainn as ùr,
S an sughadh a rithisdur an comhnard;
Ged a sheideadh ceithir ghaothan na cruinne,
Atogail, ’na h-aon bhuinne colgach,
An fhairge mhotharach gu h-iomall a meud;
Ged a thilgte, ’n am pronnach mean,
Creagan ailbhinn nam beann
An slugadh farsuing achuain;
Ged a sgoilteadh an talamh,
Gu iasga nan uisgean mora
Falaichtan diomhaireachd achuain;
Ged a rachadh carraig Dun-an-Righ
N a gaineamh mhin an Loch-eite;
Ged a dheireadh armailt fineachan,
S an leoghann dearg, buadhach,
Le smachd rioghail na h-Alba,
Acasgairt gach nàmhaid
Aig an robh de dhànachd a dhusgadh;
Ged a sheideadh ràn na dùdaich
O bhunait gu bàrr nan stùcan liath,
Ag iarraidh a mach nan Gàidheal,
Aluinnn an cruth, àrdn an gniomh,
Treun, uasal, dileas, gan mheatachd,
Na gaisgich o na frithean coillteach,
Agreasadh le graoinneachadh Crois tarra,
Gus an arfhaich, a ghleidheadh achrùin
Do nighean rioghail Righ Seumas,
Na h-Ailpeinichs na dh eirich dhiubh
Gu steidh a morachd;
Ged thigeadh so uile, cha chluinn
S cha duisg e o chadal udlaidh sgàil abhàis.
Sintan uaigh dhorcha na tosdachd,
Than caomhan bàigheil fo ghlais nam marbh,
Sàite falamh aig cagailt an aoraidh
Far nach faodadh mi-bheus labhairt,
S nach dthug fasgadh riamh do mhi-run.

GUTH.

Bhrist freumhach aosdde chraobh Chlann-Bhlair;
Bithidh so airfhàgail air a lic;
Cliu nacheil tric, ach is fior a dhinnsear
Leis na fhuair air eolas:
Aoidheil, caoimhneil ri bochd;
Uasal, macantan a bheus;
Firinneach, dileas, gun fhoill,
A thug an dlighe mar a thoill
Do gach aon. Bha beannachd luchd-tuarasdail
Duit air tirs air muir,
Mar a thuit do chrannchur.
Thusa shiubhlas cuan nan gabhadh,
Faics an larn a chaisil-chro,
Maraiche cruadalach, dàna,
A bu tric a sheas anradh gaoithe as fairge,
Air tonnan feargach sruith as seididh.
Thusa ghleidheas an tread
Air aisir nan sleibhtean lusrach,
Tog a nall o sgurr an eas,
Neoineag gheal eagach an fhàsaich;
Cuir an so i air uaigh
Abhuachaille dam bu dùthchas
Còmhall corrach nan treulan lionmhor.
Bham fear dileas so an sudn a oige,
Aig cros aig creachanng an cuallach.
Seas air a lic as guidh do chrioch
A bhi le sith mar a thugadh dhàsan.


Iadsan a Phaigh.

An t-Urr. Iain I. Mac-Neill, Iona.
An t-Urr. A. M. CHundley, River Bourgeois.
M. D. Caimbeal, Baoghasdal.
Tormad D. Mac Neill, Benacadie.
Lachuinn Mac Guaire, Abhainn Mheadhonach.
D. R. Boyle. Arichat Iar.
D. I. Mac Dhughaill, S. W. Margaree.
Iain Mac Gille-mhaoil, Horne ’s Road.
Mrs N. Nic Gille-mhicheil, Hogamah.
Niall I. Mac Neill, Rudha Ghilliosa.
Domhnull I Mathanach, Beinn Hogamah.
Tormad O. Mac Neill, Marion Bridge.
Mairi E. Nic Gilleain, Gabarus.
A. B. Domhnullach, Meat Cove.
Iain Stiubhart, Gleann aPhiobaire.
Ailean Camaran, Abhainn Dhennis.
A. D. Mac-Suinn, Glascho.
Domhnull Caimbeul, Bras dOr Mor.
Iain L. Mac-Gilleain, Woodbine .
Alasdair Mac-Mhanainn, Braidalba. E. P. I.
Alasdair Mathanach. Gleann Uilleim, E. P. I.
Aonghas M. Domhnullach. Shamrock , E. P. I.
Agnes Dhomhnullach, Monticello , E. P. I.
Niall Stiubhart. Halifacs. N S
B. Nic-Neachdain, Loch na h-Aibhne Deas
Bantrach TIc-Ritchie, Scotstown , Que.
Uilleam Urchadan. Vancouver . B. C.
Alasdair Beutan. Otter , B. C.
Iain Sutharlan, Rockland . N. B.
D. Mac-Gill-fhinnein, McLennan , Ont.
Daibhidh Speinns, Toronto , Ont.
Iain Mac-Calum, Heather , Ont.
Cailean Mac-Ritchie, Holeb , Maine.
D. I. Mac-Pharlain, San Francisco. Cala.
Domhnull Moraidh, Northcote , Minn.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE,
Traffic Manager.


Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blàthachaidh thaighean a dheanamh le deoch luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheahamh an calamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[184]

[Vol . 10. No. 24. p. 8]

Iain Ghlinne-Cuaich.

S trom mo mhulad mun sgeul
A than diugh ann am beul gach neach,
S e chuir macain cho geur
Gur a sgeul e nach feud michleith.
Thoir an t-soraidh so bhuam
Dhionnsan fhleasgaich as uaisle dreach;
Dhfhàg e aiceid am thaobh,
S chuir e saighead an Aoig fo mchrios.

Ach ged thug mi mo ghaol
Air dhoigh is nach faod mi chleith,
Cha be gille bochd truagh
Risn do tharruinn mi suas mar fhear,
Ach am fiuran deas, ùr,
A dhìreadh an stùc-bheinn chas,
Sdheanadh fuil air an drùchd
Leis a ghunna nach diultadh srad.

Cuiman ceilinn air càch
Gu bheil agam dhut gràdh nach mùth;
S beag an t-ioghnadh ged tha,
Nuair a chithear fo tannaibh thu.
S math thig daga ghleois dhearbht
Agus sgiath nam ball meanbha dlùth,
Mar-ri claidhbh a chinn oir,
Air crios daingeann a choir mo rùin.

S math thig sud air mo rùn
Boineid bhallach as -ghorm neul;
Dos den t-sioda nacùl
Air a tharruinn gu dlùth on mheur;
Mar-ri deisa bhiodh daor
De na bhreacan bu chraobh-dhearg snàth,
Is air faidhir an righ
Gum bu bhriagha leam fhìn an Gaidhl!

O Iain Ghlinne-Cuaich,
Fear do choltais cha dual da fàs;
Do chùl bachlach nadhual,
S e gu camalùbach suas gu bhàrr,
S i do phearsa dheas, ghrinn,
A dhfhàg mise cho tinn le gràdh;
Chan fheil coire ort riinnse
O mhullach do chinn gu dshàil.

Fhir nan calpannan treun’,
S tu as geanaile ceumsan ròd;
Thig brog bhileach dhubh sheang
Air troighshiubhladh an gleann gun bhòsd;
Cha be umbaidh no Gall
Dhan tug mise mo ghealls mi og;
Ach am fiuran gun fhoill
Dhfhàs gu h-iriseal, aoidheil, coir.

Gur h-en Domhnallach ùr
Dhan dug mise mo rùn cho mor;
Dreach na greinair do ghruaidh,
S dealt na meala mu chuairt do bheoil.
Is nan digeadh ort gairm
Ort a laigheadh na h-airm, a sheoid;
Ge be dhùisgeadh dhuit fearg
Bhiodh do chupa dhaibh searbh riol.

Cha bann an doire nach bfhiu
San do chinnich am fiuran àrd,
Ach a coille thiugh dhlùth
Bhiodh gu duilleagach, ùr fo bhlàth.
Cha bi crùnach nan crann
Dhan do chrom mi mo cheann gu làr,
Ach fior abhall gun mheang
A chinn ann an lann nan sàr.

Ach an trian dhe do chliù
Cha chuir mise, a rùin, an géill;—
S caoimhe faiteal dhe dghnùis
Na ùr choille fo dhrùchd ri gréin.
Gum be miann mo dha shùil
A bhith sealltuinn gu dlùth ad dhéidh;
S math a bairidh mo rùn s
Air ban-oighre a chrùin fosgéith.

Iain, Iain, a ghaoil,
Cuima leig thu mi faoin air chùl,
Gun ghuth cuimhnair a ghaol
A bha againn araon o thùs.
Cha dug mise mo spéis
Do dh-fhear eile fon ghréin ach thu,
Is cha tabhair ad dheidh
Gus an càirear mo chresan ùir.

N cuimhne leatsa an
Bha sinn shios anns an àth le chéil’?
S tu nach diultadh mo làmh
Nam biodh maigneadhsan àm ad réir.
Ach na bitheam fo ghruaim,
Ged nach faighinn, a luaidh, do spéis;
Tha a chaora bhochd slàn,
S tha am madadh mars àill leis féin.

Bha mi uairs cha do shaoil mi
Gum bithinn cho faoinam chéill,
Is gun dugainn mo ghaol
Do dh-fhearshealladh cho caol am dhéidh,
Achs es beus do gach aon
De mhnathan an t-saoil gu léir
Bhith gam mealladh araon
Le sgeulachdan faoino bheul.

Ged a chinn thu rium fuar,
Bheil thu, Iain, gun truass mim chàs,
S a liuthad agus uair
Chuir thun géill gum bu bhuan do ghràdh!
Ach ma chaochail mi buaidh
S gun do choisinn mi tfhuath no tfhearg
Nis mo bheannachd ad dheigh
S fiach an tagh thu dhuit fhein nas fhearr.

Ach ma thug thu rium cùl,
Is nach fiu leat mi, ’rùin, mar mhnaoi,
Bidh mo chridhe dheth ciùrrt
Is cha dùisg e gu sunnd a chaoidh.
S e mo ghuidhes mo dhùrachd
Don te singheibh t-iuls do bhrigh,
I bhith fallain ri
S nacuis-shonais a ghnàth do dchridh.

S iomadh gille glan og
Thigeadh uair le làn deoin am dhéidh,
Is nach caomhnadh an t-or
Chur a cheannach mo bhrog air féill.
Imich thusa mars àill
Chum na sin as fhearr leat féin,
S mas àilthasan dàn
Cha déid mise gu brath fo bhréid.

GLEANN-A- BHAIRD.


Oran do Eachann Gobha.

LE SEUMAS CAIMBEUL.

Eachainn fhoghaintich, àluinn,
Cha seinn mi eachdraidh de bhàs ort
Air eagal droch ascaoin,
An duils gun till thu gu dmhàthair,
S mar a till bidh do chàirdean
Deth bronach.
S mar a till, &c .

Sid an gille bha cliùteach,
Aghaidh smearail an diùlnach;
S bochd nach dfhuaradh ort cunntas
Gum bheil an duthaich ga t-ionndrainn;
S chan fhacas tu riamh rùisgte
Aig taigh osda.

S tu na ddheagh Mhac Gilleain,
Gille siobhalta, flathail,
Bidh na h-uaislean ga thathaich;
S gheibhte sin ann ad dhachaidh
Miris mùirn agus macnuis
IS morchuis.

S iomadh captain math cinnteach,
Eadar Breatunns na h-Innsibh,
Nan cluinnteadh le firinn
Gun deach an gillud a dhith,
Chuireadh eideadh-bron dhen t-sioda
S de shrol orra

Tha do mhàthair gu tùrsach,
S tric snith air a sùilean,
So an saighead a chiùrr i,
S i mar eun air a rùsgadh;
S bochd nach dfhuaireadh sgeul ùr
No bhi beo ort.

Tha do phiuthar fo dhiachainn,
S i trom, duilich, bochd, cianail,
So an geamhradh a liath i,
S i ri smaointean do riasladh
Air do thaobh anns na liathan
A chomhnuidh

Be sin soitheach na creachadh,
S truagh nach robh isa choille
A fàs fo dhuilleachs fo mheanglain,
S a druim direach gun snaidhe,
Mun do chuireadh riamh maide
Dhi comhladh.

Tha mi sgiths gun mi leathach
Mu dheagh bheusan an fhleasgaich;
Thabhean ogs in déigh leth-trom,
Rugadh mac dhith de leanabh,
S gheibh e cliu air son athair
Bho mhoran.

M. D. CAIMBEUL.
Baoghasdal, C. B., Ian. 25, ’02.


Na dean Mearachd
Rubbers
DHE NA SEORSACHAN AS FHEARR
air na prìsean as ìsle ann an
STOR
REDDEN,
Ross Block,Sidni.


Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
as fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.

K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic.. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnchaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathach agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnallaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .

Ard-oifis: —TORONTO , CANADA.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.

titleIssue 24
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla X No. 24. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page