[Vol . 10. No. 25. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 28, 1902. No. 25.
Comhradh
EADAR EACHUNN, DOMHULL GOBHA AGUS SEUMAS.
BHA Domhull Gobha ag obair gu trang anns a’ cheardaich air feasgar àraidh, agus cò thigeadh an rathad ach Eachunn mac Alasdair. Bha speal ùr aige a cheannaich e an am bùth Aonghais Bhàin, agus thainig e leatha do ’n cheardaich gus a cur air cheann.
EACHUNN—So, so, a ghobha, greas ort agus cuir an speal air cheann dhomh. Tha mòran feòir agam am bliadhna, agus tha eagal orm nach teid agam air a ghearradh ’s air a chaoineachadh mu ’n tòisich a’ bhuain. Bha mi glé thrang a’ toirt dhachaidh na mònadh, agus mur b’ e sin, bha earann mhath dhe ’n fheur gearrte an diugh. Ach ciod e ’s urrainn duine ’dheanamh? Cha ’n ’eil aig mo leithid-sa ach dichioll a dheanamh air crioch a chur air aon obair mu ’n tòisich e ri obair eile.
Bha ’n gobha aig an àm ag obair air deanamh acaire do ’n bhàta aig Muruchadh Beag, agus o nach robh duine aige a bheireadh buille air an iarunn leis an òrd mhòr, bha e glé thoilichte gu ’n d’ thainig Eachunn an rathad. Bu ghann gu ’n d’ thug e an aire do na briathran a labhair Eachunn, oir bha e aig an àm a’ dol fo ’smaointean feuch cia mar a b’ fhearr a dheanadh e an t-acaire.
GOBHA—Is math leam gu ’n d’ thainig tu an rathad, ’Eachuinn. Tha mo cheann gus a dhol ’na bhoil an diugh. Tha acaire agam ri dheanamh, agus a dh’ innseadh na firinn dhut, is gann a tha fhios agam cia mar a chuireas mi crioch air anns an dòigh anns am bheil Muruchadh Beag ag iarraidh orm a dheanamh.
E. —Nach iomadh acaire a rinn thu riamh? Cha ’n ’eil leith bhliadhna o’n a chunnaic mise thu a’ deanamh acaire cho math ’s a chunnaic mi riamh, agus shaoilinn nach do leig thu an dòigh anns an d’ rinn thu e air dichuimhn’ ann an ùine cho goirid.
G. —Is e tha dhìth air Muruchadh acaire de sheòrs’ ùr. Tha bàta beag, boidheach, ùr aige, agus tha toil aige gu ’m biodh an t acaire de sheòrs’ ùr mar an ceudna. Tha moit gu leòr air a chionn gu ’m bheil bàta aige, agus bidh an tuilleadh moit air ma theid agamsa air an acaire a dheanamh dha.
E. —Mar a tha ’n seanfhacal ag radh, “Is iongantach le circ aghastar a chur rithe.” Cha robh bàta riamh aige fhein no aig na daoine o ’n d’ thainig e.
Anns an fhacal thainig Seumas Bàn do ’n cheardaich. Tha e ’na dhuin’ òg cho spaideil agus cho mòr as fhein ’s a th’ anns an dùthaich gu léir. Ach cha ’n urrainnear a ràdh gur e cosannaiche cho math ’s a th’ anns an dùthaich.
SEUMAS—Failt’ oirbh an diugh, ’fhearaibh, tha sibh gu math busy tha mi ’faicinn. Nach anabarrach close an t-sìde ’th’ againn o chionn dà latha. Feumaidh gu ’m bheil thunder anns an air.
G. —Am bheil naigheachd ùr sam bith agad dhuinn an diugh, a Sheumais?
S. —Well, cha ’n ’eil. Cha d’ rinn mi ach tighinn direach o’n taigh. Tha mi ’falbh do ’n Bhail-àrd a phàigheadh cunntais bheag a th’ aig a’ mharsant’ orm. Is e duine cho droll ’s a thachair riamh rium. Tha e cho exact, agus cho fior pharticular mu dheidhinn rudan beaga suarach ’s nach ’eil mi fhin gus a bhith ’dealadh ris na ’s fhaide. Tha e car crabbed co dhiubh. Well, feumar a leithsgeul a ghabhail uair is uair. Chuala mi an doctair ag ràdh gu ’m bheil e glé dhelicate gu nàdarra, agus gu ’m bi e dona le indigestion gu math tric. Tha iad ag ràdh gu ’m bi an fheadhain a bhios dona le indigestion glé chrabbed mar is trice.
E. —Nach ’eil do choimhearsnach, Alasdair Og, a’ dol a thogail taigh mòr briagha? Co ’tha gus a’ chlachaireachd ’s an t-aoladh ’s an t-saoirsneachd a dheanamh dha?
S. —Well, cha ’n ’eil mi ’smaointean gu ’m bheil fhios aige fhein air a sin fhathast. Tha greis o’n a bha e ’g advertiseadh air son offers. Chuala mise gur e aon offer a fhuair e o fhear a mhuinntir an Obain, agus gu ’n robh an offer corr is fifty pounds na b’ airde na ’n t-suim a bha ’n t-architect a’ cur mu choinneamh togail an taighe. Ach cha ’n acceptadh Alasdair Og an offer so idir.
E. —Feumaidh gu ’m bheil dùil aige taigh glé mhòr a thogail. Gun teagamh sam bith thainig dìleab mhòr a staigh air, ach ged a thainig, cha ’n ’eil ann ach gòraiche dha taigh mòr a thogail.
S. —Tha e ceart gu leòr dha taigh math a thogail o’n a tha ’n t-airgiod aige. Ach chuala mi gu ’n d’ thug a’ ghovernment mòran dhe ’n airgiod uaithe. Tha na legacy duties, na deaths duties, agus taxes eile ri bhith air am’ pàigheadh agus tha iad gu math trom.
G. —Is math le Alasdair taigh math a bhith aige an uair a thig a chuid mac dhachaidh g’a amharc. Chuala mi gu ’n do phòs Aonghas, am mac a th’ aige ann an Sasunn, boirionnach aig am bheil mòran airgid. Agus an uair a thig iad sgrìob do ’n dùthaich a dh’ amharc air na càirdean, nach biodh e ro fheumail gu ’m biodh taigh math ann anns an cuireadh iad seachad mìos no còig seachdainean. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh: “Ciod e am math a th’ air pìob mur a seinnear i?” Ciod e am math a th’ air airgiod mur cuirear gu feum e? B’ fhearr leam fhìn gu mòr taigh math a bhith os cionn mo chinn na airgiod a bhith agam anns a’ bhanca, agus a bhith ’fuireach ann an taigh beag, fuar, àitidh mar a tha aig Eoghainn mòr mac Fhionnlaidh.
E. —Tha thu ceart gu leòr, a ghobha. Cha ’n ’eil mi fhin a’ creidsinn gur urrainn a’ bheag de thoileachadh an t-saoghail a bhith aig Eoghainn, ged a tha crodh is eich is caoraich is airgiod aige. ‘Cha toir e fo ’n ùir na ’s mò na bheir Callum.’ An duine truagh! Tha e ’muigh a’ buachailleachd a’ chruidh ud aige a h-uile madainn mu ’m bi duine air a chois anns na bailtean. Cha rachadh tu do ’n pholl-mhònadh leis an aodach a bhios air.
G. —Nach ’eil e deanamh iodhol dhe ’n stoc mhath a th’ aige, agus tha sin aige stoc math gun teagamh. Is fhearr leis éis a bhith air a chorp fhein na éis bhith air an stoc.
E. —Nach ann mar sin a bha na daoine o’n d’ thainig e? Cha robh annta ach na fior thrusdair.
S. —Chuala mi gu ’m bheil Eoghainn mac Alasdair òig a’ tighinn dhachaidh eadar so ’s an term. Tha mi cinnteach gu ’m bi e air son stance an taighe a chur am mach dh’ a athair. Sid agaibh far an robh gille clever. Cha ’n fhiosrach mi gu ’n d’ fhalbh fear eile as an dùthaich o chionn iomadach bliadhna a bha leith cho steady ris. Cha robh e ach gann bliadhna ’na chlerk anns an office an uair a fhuair e promotion. Cha chreid mise nach d’ fhuair e share dhe ’n bhusiness an ceann dà bhliadhna an déigh dha ’dhol do ’n office. Tha e nis ’na mhanager, agus, ma’s fhior na chuala mi, thafour hundred a yearaige. Rud eile dheth, tha e engagte ri nighean a mhaighstir. Agus an uair a retireas a mhaighstir, bidh am business aigesan na lamhan fhein. Is e duine cho lucky ’s a dh’ fhalbh as an dùthaich so o chionn fada. Bha taste math riamh aige, agus chi sibhse gu ’m point e ’mach stance ann an aite glé fhreagarrach. Bha ’athair a’ maideachadh air stance a chur am mach faisge air a’ chreig ghlais, a chionn gu ’n robh deadh thobar laimh ris, ach bha ’n t-architect ag radh ris nach supplyeadh na bha de dh’ uisge anns an tobar an taigh idir, agus gu ’m feumteadh force-pump a bhith ann gus an t-uisge chur suas do ’n bhath-room, ar neo an stance a pointeadh am mach far am faighteadh an t-uisge thoirt do ’n taigh le gravitation.
G. —Esan’s a bhath-room! B’ eòlach a sheanair air. Ach ma theid aige air fhaotainn, c’ ar son nach fhaigh e e? Is mòr a b’ fheairrde mi fhin tumadh fhaotainn anns an uisge uair is uair. Tha mi ’n diugh fhein a cheart cho dubh ri gobha, mar a tha ’m facal ag ràdh. Ach theid mi do ’n amhainn ud thall, agus bheir mi sgoladh math orm fhin an uair a gheibh mi crioch a chur air an acaire aig Muruchadh. Dunaigh air fhein agus air an acaire. B’ fhearr leam gu ’n ’robh e fhein, agus am bàta, agus an t-acaire anns an Tuirc.
E. —Cha robh snàmhaiche anns an dùthaich cho math ri seanair Alasdair. Bha ’athair, Alasdair mòr, mar a theirteadh ris, ’na dheadh shnàmhaiche mar an ceudna. Tha cuimhne glé mhath agamsa air an latha ’thug e mac Challum ruaidh bhar a’ ghrunna. Bha e an uair ud tri fichead bliadhna. Chaidh mac Challum ruaidh agus triuir no cheathrar de ghillean eile a shnamh. Chaidh e bhar àite grunnachaidh. Leig na gillean an aon ghlaodh asda gu ’n robh mac Challum air a bhàthadh. Am mach a ghabh Alasdair mòr o’n iomaire bhuntata ’bha e ’glanadh, agus bha e ’tilgeadh dheth ball is ball dhe ’chuid aodaich mar a bha e ’ruith ’na dheannaibh thun a’ chladaich. Shnàmh e gus an d’ rainig e far an deachaidh an gille fodha. Chaidh e fodha mar gu ’n deanadh an fnalcag, agus thug e an gille gu tìr. Bha ’n deò ann air eiginn, agus leis a h-uile dòigh a dh’ fheuch iad ris, thugadh air éiginn o’n bhàs e.
G. —An e sin am fear ris an cainte, An gille bàithte?
E.— ’S e. Agus b’ e sin an deadh ghille, agus an deadh dhuine.
G. —Cha ’n ’eil daoine an diagh cho math gu snàmh ’s a bha iad an uair ud idir. Is aithne dhomhsa gu leòr a rugadh ’s a thogadh ri cois a’
[Vol . 10. No. 25. p. 2]
chladaich nach dean buille shnàmha na ’s mò na ni a’ chearc guir.
E. —Tha iad ag ràdh riumsa gu ’m bheil luchd-riaghlaidh na rioghachd ag iarraidh gu ’m biodh daoine òga na rioghachd ag ionnsachadh snàmha. Tha dà aobhar aca air son a bhith ’ga iarraidh so. An toiseach, cha ’n ’eil iad cho mòr ann an cunnart a bhith air am bàthadh; agus a rithist, bidh a’ mhuinntir a bhios a’ snamh gu tric mòran na ’s fallaine na daoin’ eile.
G. —Chuala mise iomadach uair daoine ’g ràdh gu ’n deachaidh snàmhaichean cho math ’s a bh’ anns an dùthaich a bhàthadh. Nach ’eil sin iongantach?
E. —Cha ’n ’eil e cho iongantach ’s a shaoileas tu. Ma dh’ fhanas tu gu ’n dol an còir na mara, cha bhàthar gu brath thu. Agus a thaobh nan snàmhaichean matha, bàthar iad mar a bhàthar daoin’ eile, ma theid iad tuilleadh is dàna air a’ mhuir.
S. —Feumaidh mise falbh air cheann mo ghnothach fhìn. So long,fhearaibh.
G. —Nach e an duine ud a b’ airidh air gabhail dha le taod fliuch. An cual’ thu fhein an seòrsa Gàilig a th’ aige?
E. —Chuala mise Gàilig bu mhiosa na sid aige iomadach uair. Tha eagal air gu ’m maoidheadh tu air mar a rinn thu an latha mu dheireadh a bha mise an so.
G: —Mhaoidh mise air lath’ eile gu ’n cuirinn an t-iarunn dearg ’na amhaich mur sguireadh e dhe ’n t-seorsa bruidhne ud.
E. —Tha toil aige leigeadh ris gu ’m bheil a’ Bheurla gu math pailt aige.
G. —So, so, grad bheir air an òrd mhòr, agus thoir buille mhath no dha air an iarunn so.
IAIN.
Daibhidh Stiubhard.
LE IAIN.
CAIB. IV.
GU ’N sealladh Ni Math ormsa,” arsa mise, agus mi ’togail mo ghuth an àirde, “ciod a tha sibh a’ ciallachadh? Feumaidh gu ’n cuala sibh droch naigheachd air choireiginn mu m’ dheidhinn.”
“Chunnaic mi fhin a’ choire a tha mi ’ciallachadh, a Dhaibhidh,” ars’ ise, agus i ’bruidhinn gu stòlda.
“Ni Math ’gam bheannachadh, a bhean chòir! tha sibh ’g am chur ’nam bhreislich?” arsa mise; “ma ’s e rud sam bith olc a tha sibh a’ cur as mo leith, tha mi ’g ràdh ribh am muigh ’s am mach nach ’eil e fior.”
“Is docha nach ’eil thusa ’smaointean gur e olc a th’ ann,” ars’ ise ’s i freagairt “ach tha eagal ormsa gur toigh leatdrama ,agus o’n is math leamsa mo nighean a bhith sona, cha ’n urrainn domh gun bruidhinn riut m’a dheidhinn.”
“Drama!” arsa mise; “gu ’n gleidheadh an sealbh sinn! am bheil cron sam bith ann an drama? —is e an rud mu dheireadh anns an saoilinn am biodh cron.
“Feòraich dhe ’n mhnaoi bhochd aig am bheil an cridhe-bristeadh—feòraich dhe ’n teaghlach a tha ’dol bàs a chion a’ bhéidh—feòraich de dh’ fhear a’ phrìosain, agus dhe ’n fhear a bhios a’ cladhach na h-uaghach—feòraich dhe ’n doctair agus [ ? ] mhinistear—feòraich [ ? ]ainn a bhios a’ roup an innsridh aig crois a’ bhaile, agus dhe ’n fhear aig am bheil a’ bhratach bheag an crochadh am mach air an uinneig—feòraich dhe ’n leabaidh bàis—feòraich dhe ’n t-siorraidheachd, a Dhaibhidh Stiubhard, agus innsidh [ ? ] drama.”
“Tha mi ’n dòchas, a bhean chòir,” arsa mise, agus mi gu math corrach ’nam inntinn anns an àm, “tha mi ’n dòchas, a bhean chòir, nach ’eil sibh a’ smaointean gur e misgear a th’ annamsa. Theid agam air a ràdh le firinn nach ’eil mi gabhail, ach uair ainneamh, deur a bharrachd air a dhà no tri ghlaineachan aig an aon àm; ach theid na daoine a’s fhearr is aithne dhomhsa uair is uair bhar nan còraichean. Tha mi ’g innseadh na fìrinn dhuibh, is e trì ghlaineachan an riaghailt ris am bheil mise, mar is trice, ’cumail. Tha mi gu math tric ag ràdh ris na daoine a bhios ag òl comhladh rium, nach tig fortan ’nar rathad gus an òl sinn an dara glaine, agus nach bi sìth againn an deigh dhuinn an ceathramh té òl. Chi sibh mar so nach ’eil cunnart sam bith ann dhomhsa.”
“Ah, Dhaibhidh,” ars’ ise, “ach tha cunnart ann. Tha cleachdaidhean a’ fàs na ’s treis, agus tha nàdar a’ fàs na ’s laige o latha gu latha, agus mar sin, tha daoine, beag air bheag, a’ call an cumhachd air cur an aghaidh an uilc. Agus faodaidh gu ’n tig thu ri ùine gu bhith ’gabhail a ceithir, no còig, no sia de ghlaineachan aig an aon àm. Agus ma dh’ fhaoidteadh gu ’n d’ thig thu mu dheireadh gu bhith ’gabhail làn a’ bhotuil. An sin thig am bàs ort, agus fàgaidh tu mo nighean-sa ’na bantraich bhochd, thruaigh, le cridhe briste.”
“Gu fìrinneach, ceart, a bhean chòir,” arsa mise, “labhair sibh briathran glé thùrail roimhe so, ach dh’ fhalbh sibh leis an t-sruth orm buileach glan a nis—cha ’n ’eil bhur cainnt idir reusanta. Coma co dhiubh, gus làn riarachadh a thoirt do ’r n-inntinn anns a chùis so, bheir mise bòidean anns a’ mhionaid nach—
“Na bi tuilleadh is bras gus bòidean a thabhairt,” ars’ ise; “tha e furasda gu leòr bòidean a thabhairt, agus tha e mòran na ’s fhusa am bristeadh. Ach cuimhnich am feadh ’s a bhiodh tusa cridheil, sunndach ann an cuideachd do chompanach ’s an taigh-òsda, gu ’m biodh mo nighean-sa a’ cnàmh ’s a’ dol as ’na h-onar a staigh. Agus ged nach abradh i facal riut an uair a thigeadh tu dhachaidh, cha b’ e sid an dòigh air am biodh tu ’giulan a gràidh mar shlabhraidh òir mu d’ amhaich. Ach oidhch’ an déigh oidhche bhiodh faileabhag an deigh failbheig dheth a’ bristeadh gus mu dheireadh am biodh iad briste gu léir. Agus ged nach biodh sibh a’ fuathachadh a chéile, gheibheadh sibh am mach an ùine gun bhith fada nach robh tlachd sam bith agaibh dh’ a chéile. Cha bhi boirionnach sam bith fada gun fhàs coma de dhuine aig am bi barrachd toil a bhith anns an taigh-òsda na bhith ’na shuidhe ri taobh a theine fhéin ann an cuideachd a mhnà. Cha ’n ’eil mi ’ciallachadh nach bu chòir dhut a dhol uair sam bith do chuideachd; ach feuch nach dean thu cleachdadh dheth.”
CAIB. V.
THAINIG madainn a’ phòsaidh agus gu fìrinneach ceart bha mi ’smaointean gur e beannachd mhòr a th’ ann nach ’eil aig daoine ri bhith pòsadh a h-uile latha. Cha ghabhadh an stail gheal mhuslin a bha gu bhith mu m’ amhaich ceangal ceart mar bu ghnath, agus mur b’ e nach robh toil agam a bhith ris na mionnan air latha a phòsadh, tha mi cinnteach gu ’n robh mi air droch ghuidhe a dheanamh do na meoirean aig an té a dh’ iarunnaich i. Chuir i mòran de stuthaigeadh innte! —rud, tha mise cinnteach gu leòr, nach cualas gu ’n d’ rinn té riamh roimhe, agus rud nach d’ rinn mo mhàthair fhin co dhiubh. Bha ’n stail cho cruaidh ’s cho preasach ’s cho doirbh a ceangal ’s nach robh fhios agam air an t-saoghal mhòr cia mar a rachadh agam air snaim a chur oirre. Bhòidich mi nach b’ urrainn mi cur suas leatha. Cha robh ach leith uair gus am biodh an t-àm againn a bhith ’falbh do ’n eaglais. Dh’ fheuch mi ris a h-uile seòrsa snaim air an cualas riamh iomradh a chur air an stail, ach leis na bh’ innte de ’n stuthaigeadh, cha robh snaim a dh’ fheuchainn ri chur oirre ach fear bu mhiosa na cheile. Mhill mi tri stailean a’ feuchainn ri snaim ceart a chur orra, agus cheangail mi an ceathramh te le cruaidh-shnaim.
Cha laidheadh brollach na léine ceart air an uchd agam mar bu ghnath leis. Agus cha robh m’ fhalt a’ gabhail cìridh ceart mar a b’ àbhaist dha. “Droch crioch air a’ bhorobair,” arsa mise, “cha d’ thug e dhiom am falt ceart.”
B’ e an aon bhall dhe m’ chuid aodaich a bha còrdadh rium, briogais mhath, ùr de dh’ aodach bàn-ghlas. Bha cù agam ris an cainte Miodal—mac do Ròbhair bochd air an d’ thug mi iomradh cheana. Thachair gu ’n robh an t-uisge ’sileadh fad na h-oidhche roimhe sid, agus bha Miodal am muigh air an t-sràid. An uair a thainig e steach agus a chunnaic e mi ’cur umam aodaich nach fhac’ e riamh roimhe, bha ioghnadh gu leòr air. Bha mi anns an àm ’na m’ shuidhe air beulaobh an sgàthain, agus mi ’n deigh a’ chrabhata ’cheangal. A steach a ghabh e ’na leum do ’n t-seòmar; agus an uair a dh’ amhairc e orm gu dlùth ann an clar an aodain, chàirich e a dhà spòig, fliuch, salach mar a bha iad, air mo bhriogais ùir, ghlain. Bha làrach a spògan cho soilleir ’s ged a bhiodh e air paipear geal. Bhrosnaich so mi gu h-anabarrach. Thog mi mo lamh gus buille mhath a thoirt dha, ach thòisich an creutair bochd ri crathadh earabaill, agus cha d’ rinn mi ach putadh a thoirt dha agus a ràdh, “Droch bhás ort, a Mhiodail! am bheil thu ’faicinn ciod a rinn thu?” B’ fheudar dhomh a dhol gu teine ’chitsin agus seasamh aige gus an do thiormaich an làrach fliuch, salach a dh’ fhàg spògan a’ choin air mo dheadh bhriogais.
An uair a chuir mi umam a’ pheiteag cha laidheadh i ri mo chom cho math ’s bu mhath leam. Bha i làn de rocan, mar nach fhaca mi peiteag a bh’ agam riamh roimhe. Bha ’n còta mar an ceudna anabarrach teann fo na h-achlaisean; agus an uair a thionndaidh mi mu ’n cuairt gus amharc orm fhìn anns an sgàthan, thug mi an aire gu ’n robh poca mòr air eadar mo dhà shlinnean! “Cho cinnteach ris a’ bhàs,” arsa mise rium fhin, “chuir am burraidh taillear ann am mearachd còta g’ am ionnsuidh a rinn e do dh’ fhear eiginn aig am bheil a dhruim briste!”
Dh’ fheuch mi an ada mu m’ cheann anns a’ h-uile dòigh air am facas ada air ceann duine riamh—leag mi a nuas faisge air mo shròin i, chuir mi gu math fada gu cùl mo chinn i, chuir mi air mullach mo chinn i, chuir mi air leith-oir mo chinn i—ach dhubh dh’ fhairlich orm a cur mu m’ cheann air dhòigh ’s gu ’n còrdadh i rium. Ach bhuail an glag a bh’ ann an Eaglais mhòr a’ bhaile leith uair an deigh a h-ochd. Cha d’ thug mi [ ? ] romh e deich mionaidean air cur umam, eadhoin ged a bhiodh agam ris an fheusag a thoirt dhiom, agus air a’ mhadainn ud thòisich mi ri cur umam aig seachd uairean!
Cha robh mionaid tuilleadh agam ri sheachnadh. Chuir mi an ada mu m’ cheann mar a dh’ fhanadh i air, thog mi [ ? ]agus ruith mi sios an staidhre, agus ghreas mi suas an t-sràid gus an d’ rainig mi an taigh anns an robh bean mo ghaoil. Bhuail mi aig an dorus agus mo chridhe làn aoibhneis.
An uair a bha sinn deiseil gus falbh do ’n [ ? ] éirich an t-seana bhean ’na seasamh gus a beannachd a thoirt dhuinn, agus chuir i
[Vol . 10. No. 25. p. 3]
làmh Shìne ’nam laimh-sa. Thòisich i gu sàmhach ri sileadh nan deur mar is gnàth le màthraichean a dheanamh aig a leithid sid a dh’ àm. “Agus a nis, a Shìne,” ars’ ise, “mu ’m falbh sibh tha facal no dhà agam fhathast ri ràdh ribh.” “An ainm an àigh, a bhean,” arsa mise, agus mi an déigh m’ fhoighidinn a chall gu buileach, ’ni sinn an gnothach gle mhath an dràsta leis na chuala sinn, agus faodaidh sibh rud sam bith a thogras sibh a ràdh ruinn an uair a thig sinn air ais.”
Cha robh gus falbh comhladh ruinn do ’n eaglais ach seann duin’ uasal, agus nighean òg; oir bha Sìne agus a màthair ag radh gu ’m b’e sid dòigh bu ghrinne na comhlan de dhaoine dhe gach seorsa a bhith ’falbh air ar sàil. Air mo shon fhin dheth, bha mi smaointean, o ’n a bha sinn a’ dol a phòsadh, gu ’m bu cho math dhuinn banais cheart a dheanamh. Ach air a shon sin smaoinich mi gu ’m b’ e an gnothach bu ghlice dhomh aontachadh leotha; agus bha mi na bu deònaiche so a dheanamh o nach robh aon de dhlùth chairdean agam ann an Duneidionn. Ach [ ? ] aghaidh falbh ann an coidse do ’n eaglais. Ged bu Stiubhardach mi, bha dhe ’n fhuil chumanta annam na thug orm nach geillinn dhaibh.
“Ma ta,” ars’ an t-seana bhean, “is i mo nighean-sa a’ cheud té riamh a bhuineadh do ’n teaghlach againn a chaidh dh’ a cois do ’n eaglais a phòsadh.”
“Tha mise ’g innseadh dhuibh na fìrinn, a bhean chòir, gu ’m bu mhise a’ cheud fhear dhe ’n teaghlach o ’n d’ thainig mi a rachadh a phòsadh air dhòigh sam bith eile. Agus, a réir mo bharail-sa, tha dhol do ’n eaglais dh’ ar cois a dearbhadh gu soilleir gu ’m bheil gràdh againn d’ a chéile, agus gu ’m bheil sinn a’ dol a phòsadh le ar làn thoil; ach nam falbhamaid ann an [ ? ] daoine shaoilsinn gu ’n robh sinn a’ dol ann gu h-éigionnach, aindeonach.”
An uair a chual’ i so cha duirt i facal tuilleadh mu ’n ghnothach.
Choisich sinn ’nar ceathrar sios an t-sràid gus an d’ ràinig sinn far an robh an Eaglais Shasunnach.
Fad àireamh làithean roimhe sid bha mi gu dlùth a’ leughadh na bha sgrìobhte mu sheirbhis a’ phòsaidh ann an leabhar na h-ùrnuigh, a chum gu ’m bithinn comasach air gach ceisd a chuireadh am ministear orm a fhreagairt. Ach air a shon sin, cha bu luaithe a chunnaic mi am ministear air mo bheulaobh le ’ghun geal air, agus a dh’ fhairich mi làmh Shìne na mo laimh na bha e ’cheart cho math dha teannadh ri bruidhinn rium ann an Greugaisg. Bha beagan air chuimhne agam mu dheidhinn an fhainne, agus, an uair a chuir am ministear crioch air an t-seirbhis, thuirt mi gu beag ris an fhleasgach phòsaidh. “Am bheil an gnothach seachad gu léir a nis?” “Tha,” ars’ esan.
“Buidheachas do Dhia air a shon,” arsa mise rium fhin.
Tha sibh a’ faicinn, ma ta, an deigh dhomh posadh, agus a chionn gu ’n robh mi gu trang aig obair riamh roimhe sid, cha robh eòlas sam bith agam air mar bu choir dhomh a bhith ’dol mu ’n cuairt air feadh a’ bhaile, agus mo lamhan ’nam phòcaidean mar gu ’m biodh duin’ uasal ann. Bha mi toileach baile fearainn a ghabhail; ach cha robh Sìne toileach mi ’ghabhail gnothach sam bith ri fearann. Agus cha ’n fhuilingeadh mo mhàthair-chéile guth a thoirt air a’ leithid. Chuir mi air a comhairle mo chuid airgid am mach air riadh agus bha ’n riadh a bha mi ’faotainn air a shon ’g ar cumail suas dòigheil gu leòr. Fad shia bliadhna bha gnothaichean a’ dol air an aghart cho math ’s bu mhiann leam, agus bha sinn cho sona, agus cho comhfhurtail ’s a b’ urrainn teaghlach a bhith.
Fhuair sinn triùir chloinne. B’ e nighean a bh’ anns an aon bu shinne, agus thug sinn Mairead oirre—ainm a seanamhar, a bha ’fuireach comhladh ruinn. B’ e mac a bh’ anns an dara aon, agus thug mi Andra air—ainm m’ athar. Agus thug sinn Sine air an nighean a b’ òige—ainm a màthar. Bha iad cho tapaidh, cho bòidheach, agus cho umhail ri cloinn a b’ urrainn a bhith, agus bha meas aig a h-uile duine orra.
(Ri leantuinn).
Sgeulachdan Arabianach.
MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL.
CAIB. XII.
A CHEANNAIRD nan Creidmheach,” fhreagair Abon Hasan, “ged a bha na piantan a dh’ fhuiling mi gle mhor, tha iad air a dhol as mo chuimhne cho luath ’s a chuala mi gu ’n robh lamh aig mo thighearna ’s mo mhaighstir annta. Tha mi lan-chinnteach gu ’m bheil bhur morachd fialaidh gu leor; ach o nach robh mi riamh fhathast ag iarraidh nithean a thigeadh gu buannachd dhomh, agus o ’n a tha sibh a’ toirt cead dhomh fabhar iarraidh, tha mi ’guidhe gu ’n leig sibh leam am barrachd eolais a chur oirbh, a chum gu ’m bi de shonas agam, fad uile laithean mo bheatha, a bhith ’gabhail beachd oirbh le tlachd.”
Bha so ’na dhearbhadh soilleir do ’n righ nach robh Abon Hasan ag iarraidh airgid, no oir, no inbh’ aird, agus bha meas aig’ air na bu mho na bh’ aig’ air riamh roimhe. Thuirt e ris: “Tha mi gle thoilichte leis an rud a dh’ iarr thu, agus tha mi ’ceadachadh dhut tighinn far am bheil mi aig am sam bith a thogras tu.”
Aig a’ cheart am chuir an righ seomar air leith dha anns an luchairt, agus thuirt e ris nach ruigeadh e leas a dhol far an robh am fear-ionmhais a dh’ iarraidh oir no airgid an uair a bhiodh feum aig’ orra, ach e ’dhol direach far an robh e fhein, agus gu ’m faigheadh e na bhiodh a dhith air. Anns a’ mhionaid dh’ ordaich e mile bonn oir a thoirt dha. Rinn Abon Hasan umhlachd do ’n righ, agus thug e mile taing dha. ’Na dheigh sin chaidh an righ do sheomar na comhairle.
Chaidh Abon Hasan gun dail far an robh a mhathair a dh’ innseadh dhi mu ’n fhortan a thainig ’na rathad, agus nach b’ e bruadar a chunnaic e idir, ach gu ’n robh e ’na righ fad aon latha, gu ’n d’ rinn e ’ghnothach gu cothromach agus gu ceart, agus gu ’n d’ fhuair e gach urram a bha dligheach do righ, agus nach robh aobhar aige teagamh sam bith a chur anns a’ chuis o ’n a dh’ innis an righ fhein dha m’ a dheidhinn.
Ann an uine ghoirid fhuaradh am mach air feadh Bhagdaid, agus air feadh gach mor-roinn, fad’ air falbh is dluth air laimh, a h-uile car mar a thachair do Abon Hasan.
Bhiodh Abon Hasan an comhnuidh ann an cuideachd an righ, oir bha e ’na dhuine tlachdar, deadh-chainnteach, geur-chuiseach, agus cha b’ urrainn an righ a bhith beo as ’aonais. Far am biodh toil aig an righ fearas-chuideachd a dheanamh, dh’ fheumadh Abon Hasan a bhith ’na chuideachd. Bu tric leis a thoirt do sheomar na ban-righ Sobaide. Dh’ innis e dhi mar a rinneadh air Abon Hasan, agus thug an naigheachd toileachadh gu leor dhi.
Thug Sobaide an aire gu ’m biodh Abon Hasan a’ toirt suil gle bhlath air te dhe na mnathan-coimhideachd a bh’ aice, do ’m b’ ainm Noushatal, a h-uile uair a rachadh e do ’n t-seomar comhladh ris an righ, agus chuir i roimpe gu ’n innseadh i so do ’n righ.
Air lath’ araidh thuirt i ris an righ: “A Cheannaird nan Creidmheach, cha ’n ’eil sibhse ’toirt an aire mar a tha mise, nach ’eil Abon Hasan a’ togail a shul bhar Noushatal a h-uile uair a thig e steach an so comhladh ribh. An uair a chi i gu ’m bheil e ’sealltainn oirre, fasaidh a h-aodann dearg, agus tha sin ’na chomharradh gle chinnteach gu ’m bheil meas aice air. Mur ’eil dad agaibh ’na aghaidh, bu choir dhuinn toirt orra posadh.”
“A bhaintighearna,” fhreagair an righ, “tha sibh a’ cur ’nam chuimhne rud bu choir dhomh a dheanamh roimhe so. Dh’ innis Abon Hasan dhomh a bharail air staid a’ phosaidh, agus bha mi ’n comhnuidh a’ gealltainn gu ’m faighinn bean dha a chordadh ris. Tha mi ro thoilichte gu ’n d’ ainmich sibh an gnothach dhomh; oir cha ’n ’eil mi tuigsinn cia mar a leig mi air dichuimhn e. Ach is fhearr dhuinn leigeadh le Aon H [ ? ] té thogras [ ? ] ’eil dad aig Noushatal ’na aghaidh, cha choir dhuinn an cumail o phosadh. Agus o ’n a tha iad le cheile an lathair, cha ’n ’eil aca ach a radh gu ’m bheil iad deonach.”
Leig Abon Hasan e fhein ’na shineadh aig casan an righ ’s na ban-righ, mar chomharradh gu ’n robh e ’cur meas air a’ chaoimhneas a bha iad nochdadh a’ dha; agus an uair a dh’ eirich e ’na sheasamh, thuirt e: “Cha ’n urrainn domh bean fhaighinn o lamhan a’s fhearr, ach is gann a chreideas mi gu ’m bheil Noushatal cho toileach am posadh a dheanamh ’s a tha mi fhin.”
An uair a thuirt e so, sheall e air Noushatal. Cha duirt i facal, ach dh’ fhas a [ ? ] math ruighteach, [ ? ] righ gu ’n robh i toileach gu leor Abon Hasan a phosadh.
Gun dail sam bith rinneadh am posadh anns an luchairt, agus rinneadh banais mhor, eibhinn, aighearach dhaibh a mhair aireamh laithean. Thug an righ ’s a’ bhan righ iomadh tiodhlac luachmhor dhaibh.
An deigh do ghreadhnachas na bainnse a dhol seachad, bha Abon Hasan agus a bhean a’ cur seachad na h-uine maille ri cheile anns na seomraichean a thug an righ dhaibh, agus bha iad cho riaraichte le ’n staid, agus cho miadhail air a cheile ri dithis a b’ urrainn a bhith. Bha Noushatal ’na boirionnach cho glic, cho tuigseach, agus cho tlachdar anns gach doigh ’s gu ’n tairngeadh i ’mach gradh fir sam bith.
Bha iad a’ caitheamh am beatha gu soghail gach latha. Cha robh biadh no deoch a b’ fhearr na cheile nach robh aca air a’ bhord a h-uile latha ’s oidhche; agus o ’n bha iad le cheile gle dheadh-fhaclach, agus gle gheur-chuiseach, cha b’ i a’ chuirm gun a comhradh a bh’ aca. Agus an uair a bhiodh iad sgith a’ comhradh ri ’cheile, bheireadh iad greis a h-uile oidhche air seinn ciuil ’s air gabhail oran.
Lean iad air an obair so fad uine mhath gun ghuth aca gu ’n robh iad a’ ruith am mach as an cuid gle luath. Mu dheireadh thainig am fear o ’n robh iad a’ faotainn gach ni a bha iad a cosg leis a’ chunntas g’ an ionnsuidh. An uair a chunnaic iad a’ chunntas, ghabh iad uamhas, oir bha e moran na bu mho na bha iad an duil. Thuig iad gu ’m feumadh iad a h uile dad a bh’ aca ris an t-saoghal a reic, no ’mhalairt, gus na fiachan a phaigheadh. Agus thug so orra ’bhith ’faicinn gu ’n d’ rinn iad gnothach gle ghorach an
(Air a leantuinn air taobh 190.)
[Vol . 10. No. 25. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 23, 1902.
Breatunn is Iapan.
THA Breatunn is Iapan an deigh cùmhnant a sheulachadh a thaobh chùisean na h-àirde ’n ear. Tha Ruisia o chionn iomadh bliadhna a’ rùnachadh na ’s urrainn dhi de dh’ fhearann Shina a ghlacadh dhi féin, agus is ann air son sin a bhacail ’tha Breatunn is Iapan air dol an guaillibh a chéile. Tha toil aig an da rioghachd sin Sina a chumail slàn mar a tha i, saor o cheannsal Ruisia ’s gach dùthaich eile bhiodh deònach a creachadh. Cha ’n eil teagamh nach dean an cùmhnant so a bhi eatorra cuideachadh mor le socrachadh chùisean anns a chearna sin.
Ceilidh nan Gaidheal an Glasacho.
CHOINNICH an comunn so air oidhche Di-sathairne, an t-8mh latha dhe ’n mhios, an Talla na h-Aithne. Bha àireamh mhòr a làthair de fhir agus de mhnathan-uaisle. Bha ’n ceannsuidhe, Mr. D. Mac Neacail, anns a’ chathair. B’e òraidiche na h-oidhche Mr. Ailein Domhnullach Mac Gilb, air a’ chuspair, “Dìleab nan Lochlunnach do Albainn.” Ann an òraid a bha anabarrach taitneach ann an briathran agus ann an Gàilig neo-mhearachdach, thug Mr. Mac Gilb cunntas chinnteach air tighinn nan Lochlunnach, agus an cleachdaidhean. Cha b’e mhàin firinnean tioram eachdraidh a chuir an t-òraidiche comasach, ionnsaichte so fa chomhair a’ chomuinn, ach mar an ceudna mòran sheann fhacail àbhachdach a thug fiamh a’ ghàire gu gnùis gach duine, agus a chum mar an ceudna aire an luchd-éisdeachd gun sgìtheachadh air a’ chuspair. B’e an dìleab a dh’ fhàg na Lochlunnaich aig Albainn, mòran de ainmean àitean, an dòigh air togail bhàtaichean, agus gach ainm ceangailte ri bàtaichean agus iasgach, ni anns nach robh na Gàidheil aig an àm a’ cur ach beagan ùidh. B’e ’n t-seilg anns an robh iad a’ gabhail tlachd. Theagaisg na Lochlunnaich mar an ceudna d’ ar n-aithrichean an dòigh air buain mòine, agus ainm gach inneal a bhuineas do ’n obair fheumach sin. Ach dh’ fhàg iad mar an ceudna mòran de dhroch fhacail nach robh ri ’m faotainn gus a so am measg nan Gàidheal. Dh’ fhàg iad dìleab shuarach eile ann an aoradh nan diathan-bréige aca fhéin, ni a lean na Gàidheil fad ùine fhada, mar a nochd an t-òraidiche gu cothromach.
Chòrd an òraid gu ro-mhaith ris gach neach a chual’ i, agus cha d’ fhuaradh beum dhi le aon de na sgrùdairean. Thugadh taing a’ chomuinn gu togarrach do ’n òraidiche, ni a’s maith a choisinn e. Fhuaradh beagan òrain bhlasda ann an Gàilig air an seinn gu ciatach. Dhùnadh a’ choinneamh anns an dòigh ghnàthaichte.
Caoimhneas Bhreatuinn.
NACH caoimhneil an sinachdachadh a ni Breatunn air a naimhdean! Cha ’n eil na Boerich uile fo chìs dhi fhathast. Tha àireamh mhor dhiubh a’ seasamh a mach na ’h-aghaidh, ’s a cur gach call agus cosguis is urrainn daibh oirre ged nach eil dòchas sam bith aca gu faigh iad buaidh. Tha àireamh mhor mhìltean dhiubh aig Breatunn mar phriosanaich. Nam measg sia tha àireamh nach beag de mhnathan ’s de chloinn nam fear a tha fhathast a’ cogadh. Ach am bheil Breatunn a’ deanamh dioghaltas orra, no a toirt ana-ceartas dhaibh air dòigh sam bith? Cha ’n eil idir. ’S ann a tha e ri chreidsinn gu bheil ceartas is cothrom na ’s fhearr aig na priosanaich Bhoerach na tha air a thoirt do na saighdearan Breatunnach. Agus a nise ’s ann a thatar a’ faotainn mhaighstirean-sgoile air son fòghlum a thoirt do ’n chloinn sin fhad ’s a bhios athraichean is bràithrean cuid diubh a’ cumail bratach Bhreatuinn o bhi snàmh gu sìtheil far ’m bu chòir dhi bhith.
Claon a’ Gheamhraidh.
“THA an geamhradh so fuar agus stoirmeil, ach tha dùil a nis gu ’m bi a’ ghrian ghlòrmhor air a faicinn na ’s trice a’ boillsgeadh air beinn is baile. Cha ’n ’eil an t-Earrach fad as ged tha aghaidh nàdair fhathast fo smachd an fhuachd. Chuala sinn uile an gnàth-fhacal ud “Là fhéill-brìghde thig an fhìdeag as an toll.” B’ àbhaist dhuinn a bhi tuigsinn leis a so gu ’m biodh na nathraichean is cnuimhean do iomadh seòrsa a’ tighinn a mach air a’ mhios so as na tuill anns an do chaidil iad ré a’ gheamhraidh. Ann an cuid do chearnan tha iad cheana ’gan cur féin an òrdugh air son obair an earraich. Cumaidh briathran ealanta nam bard ’nar cuimhne mu na seana chleachdaidhean a bh’ aig ar n-athraichean. Tha cuid do nithean ann nach ’eil ag atharrachadh ach glé bheag. Feumaidh an obair so a bhi ann an diugh mar a b’ abhaist:—
‘Sgoiltear am buntàta cnuachdach
Na sgràilleagaibh cluasach, bachlach;
Theid an inneir phronn ’na lòdaibh
Socach, trom, air chòmhnard achaidh.’
Cha robh mòran gràidh aig na bàird do mhios a’ Mhàirt a tha sinn a’ faicinn am fagus:—
’Nuair spùtas gaoth lom a’ Mhàirt oirnn,
Ni ’n t-sìd sud an t-àl a chrannadh,
Mìos cabhagach, oibreach, saoithreach,
Nam feasgar slaod-chianail reangach.’
’S e so an ‘ràidhe anns an tig tùs annlainn, liteach, càbhrach, ’s thigeadh dhuinn a bhi taingeil.”
Tha na briathran so air an toirt á aon de phaipearan-naigheachd na Gàidhealtachd. Bha uair dh’ an robh ’n saoghal a chluinnte daoine ’gearan air geamhradh na dùthcha so agus a’ toirt droch cliù air, an àm a bhi g’a choimeas ri geamhradh blàth, sìtheil na seann dùthcha. Ach tha an uair sin air triall. Anns na bliadhnaichean so tha geamhradh Chanada, mar nach b’ àbhaist, briagha, blàth agus geamhradh na Gàidhealtachd, mar nach b’ àbhaist dha fhein a bhith, fuar, stoirmeil. Ciod is aobhar dha so cha ’n fhios duinn, mur e gu bheil na Gàidheil air am meas toillteanach air deagh shìde, agus o’n thainig a’ mhor chuid diubh air imrich do Chanada gu bheil geamhradh an dùthcha fein a’ tigh’nn air imrich ’nan déigh!
“Parsadh” Gailig.
THA an sampull a leanas de pharsadh Gàilig air a thoirt seachad ann an Gràmar Gàilig an Rothaich, a bha air a chur a mach ’sa bhliadhna 1843.
1 2 3 4 5
“Tha biodag air Mac Thómais,
6 7 8 9 10 11 12
’S gur math gu’m fóghnadh sgian da.”
Tha, an 3s. neach aonarra de ’n ghnìomhan Bi—am Modh Dearcnach, an Seòl Aidmheach, —an Tra thà.— (2. ) Biodag, Ainm aonarra, boireanta, de’n cheud Charachadh, ’s a’ Char Ainmeach.— (3. ) Air, Roilide.— (4. ) Mac, Ainm aonar, fearanta; anns a’ char Lideach; fo cheannas air.— (5. ) Thomais, Ainm aonar, fearanta, ’s a’ char Bhuinteach Chaigneach, a’ nochdadh gu ’m buin “mac” do Thómas.— (6. ) ’S, gearradh air son agus.— (7. ) Gur, Roilide gnìomhain.— (8. ) Math, Feairt iar a cleachdadh mar fhòir gnìomhain.— (9. ) Gu, Roilide gnìomhain; ’m litir bhìnneanta a’s gnàth a chur air thoiseach air b. f. m. p.— (10.) Foghnadh, an 3s. neach aonarra de ’n ghniomhan foghain, —am Modh Murrach, —an Seòl Aidmheach, —an Tra bhà.— (11.) Sgian, Ainm boireanta, ’s a’ char Ainmeach aonarra.— (12.) Da, Gearradh air son do e.
Imrich nam Boerach.
THA sgeul air tighinn gu bheil càirdean nam Boerach a’ dol a thoirt oidhirp air a chuid sin dhiubh a tha gu ruige so a’ seasamh a mach an aghaidh Bhreatuinn a thoirt air imrich do na Staidean. B’ i ’n dòigh air an gabhadh sia deanamh an toirt nan grunnan beaga troimh dhùthaich eile gu muir, far am biodh longan g’ am feitheamh gus an aiseag thar a’ chuain. Cha ’n eagal gu ’n cuireadh Breatunn dragh sam bith orra aon uair ’s gu ’m fàgadh iad a criochan féin. ’S ann a bhiodh i taingeil faighinn cuidhteas iad, agus ghuidheadh i soirbheachadh leotha. Rachadh an suidheachadh, a reir sgeòil, ann an Texas, far am bheil am fearann ’s an t-sìde gle choltach ri fearann is sìde an dùthcha féin. Ach bhiodh aon ni an sin nach còrdadh riutha: dh’ fheumadh iad obair a dheanamh. Ann an Africa bhiodh na daoine dubha ’deanamh na h-obrach gu h-iomlan, ’s cha robh annta-san ach luchd-seilg agus luchd amharc thairis. Ach ma tha daoine dubha ann an Texas, cha bhi iad ’nan tràillean do na Boerich, agus cha ’n oibrich iad gun tuarasdal. Bhiodh sin gle chruaidh leis na Boerich, ’s a cheud dol a mach, ach cha ’n eil teagamh nach fàsadh iad cleachdte ris ri ùine. Bha an sinnsirean anns an Olaint ’nan sluagh cho dìchiollach ’s cho math air obair ’sa bha ’s an Roinn-Eòrpa. ’S ann an deigh dhaibh a dhol do Africa mu dheas ’s a fhuair iad na daoine dubha fo cheannsal ’s a chur a dh’ obair a thug iad fa-near gu ’m b’ fhearr an t socair.
“Sgithich mi ri gniomh ged nach d’ rinn mi earras,
Thug mi bòid nach b’fhiach leam bhi ann am sgalaig,
Sguiridh mi g’ am phianadh o’n thug mi ’n aire
Gur e ’n duine diomhain is faide mhaireas.”
Ghabh na Dùitsich ris an teagasg sin gu math ’s gu ro-mhath ann an Africa mu dheas. Ach co dhiubh dh’ fhanas iad anns an dùthaich sin no dh’ fhalbhas iad aisde, feumaidh iad cùl a chur ri bhi diomhain; oir cha bhi e air a cheadachadh dhaibh tràillean a chumail aon chuid air fearann Bhreatuinn no nan Staidean, ’s feumaidh iad an aran làitheil a chosnadh, mar dhaoine eile, le falus an gnùise féin.
[Vol . 10. No. 25. p. 5]
Naigheachdan.
AN T-IASGACH—Air a bhliadhna ’n uiridh bha mu cheithir fichead mile duine ris an iasgach ann an Canada, agus bha fiach $21 ,557,639 de gach seòrs,’ éisg air a ghlacadh. Bha sin còrr us tri millein dolair na bu lugha na iasgach na bhòn-uiridh. Air a bhliadhna sin bha $158 , 802 de bhounty air a phàigheadh do iasgairean nan Roinnean Iochdrach.
TEINE MOR AN NEW YORK—Bha teine mor ann an New York air an t-seachdain s’a chaidh a loisg fiach seachd ceud gu leth mile dolair. Thòisich e ann an tigh-arm, a bha air a losgadh gu h-iomlan, agus á sin rinn e greim air taigh-òsda de ’n do loisgeadh fiach ceud mile dolair. Chaidh coig duine deug a losgadh gu bàs, agus mu leth-cheud a leònadh.
BOCHDAINN AN NEWFOUNDLAND—Tha aon de phaipearan St. John’s ag radh gu bheil bochdainn mhor anns a bhaile sin o’n thainig an geamhradh, gu bheil na ceudan an diugh an impis bàsachadh le acras, agus moran eile aig nach eil aon chuid biadh no teine na ’n dachaidhean. Tha moran na ’m measg so air nach robh dith no deireas riamh roimhe; cha leig an tàmailt leotha dhol a dh’ iarraidh cuideachaidh, agus tha iad mar sin ann an cunnart na’s motha na muinntir a bha air am meas am measg nam bochd roimhe.
SGOIL DO’N CHLOINN BHOERACH—Tha an Riaghladh Breatunnach deònach sgoil a thoirt do chlann nam Boerach a tha air an cumail mar phriosanaich ’s na campaichean aca. Tha fios air tighinn do Ottawa o Ioseph Chamberlain ag iarraidh da fhichead maighstir-sgoile a theid do Africa mu Dheas a theagasg na cloinne sin. Tha iad ri bhi air am fasdadh air son bliadhna, gheibh iad mar thuarasdal ceud punnd Sasunnach (mu $487 .00) agus faradh saor a’ falbh ’sa tighinn, a bharrachd air taigh us biadh saor fad na bliadhna. Tha fichead as an àireamh ri bhi air an toirt á Ontario agus fichead as na Roinnean eile.
AIREAMH MHOR EACH—O’ n thoisich cogadh nam Boerach an October 1899, cheannaich an Riaghladh Breatunnach dlùth air da cheud is fichead mile each. Cheannaicheadh a mhor chuid de’n àireamh sin anns na colonies an dùthchannan cein—77,101 anns na Staidean, 25,872 an ceann a deas America, 23,936 ann a’ Hungary, 20,015 an Australia, 11,304 an Canada, agus an còrr ann am Breatunn. Thatar a’ meas nach robh cogadh riamh ann a bha na bu sgriosaile air eich na an cogadh so. Tha an dùthaich cho garbh ’s an t-sìde cho doirbh an Africa mu Dheas ’s nach eil iad a’ seasamh ùine mhor sam bith innte.
A’ CALL AIR NA TEINNTEAN—Air a bhliadhna ’n uiridh cha do shoirbhich ro mhath leis na cuideachdan Breatunnach a tha ’g urrasachadh an aghaidh teine ann an Canada. Phàigh iad air son theintean barrachd airgeid sa thainig a stigh dhaibh fad na bliadhna. Chuidich teine mor Shidni le sin, agus cha’n ioghnadh ged a bhiodh pris an urrasachaidh a dol an àirdead. Tha i ’n diugh ann an Sidni dlùth air a bhi dha uiread sa bha i beagan bhliadhnaichean roimhe so, ach cha ’n eil ann a bhi gearan ’sa cur an aghaidh sin ach a’ breabadh an aghaidh nan dealg. Cha ’n urrainn do chuideachd, na ’s mò na’s urrainn do aon duine, leantuinn air deanamh gnothuich mur bi barrachd a’ tighinn a stigh ’sa bhios r’a chur a mach.
PRIONNS’ EANRUIC ’S NA STAIDEAN—Tha Prionns’ Eanruic, bràthair Impire na Gearmailt, aig an àm so anns na Staidean. Tha an Riaghlair agus muinntir a dhùthcha a’ cur gach urram a tha dligheach air an aoidh rioghail, agus a reir gach coltais cha bhi aithreachas air air son a chuairt do’n t-saoghal ùr. Thatar ag aithris iomadh sgeul agus barail mu aobhar a thuruis. Cuid ag radh gur ann air son càirdean a dhèanamh de na Staidean ’s de ’n Ghearmailt a thàinig e, agus cuid ag radh nach ann. Tha aon ni cinnteach, agus ’se sin, nach dùisg a thurus naimhdeas sam bith eadar an da dhùthaich, agus ma chuidicheas e le bhi daighneachadh na sithe eatorra, is mor am feum e. Cha’n eil Prionns’ Eanruic a’ dol a dheanamh de thaghal ann an Canada ach gu’n tig e thar na h-aibhne do Ontario a dh’ fhaotainn seallaidh air Eas mor Niagara.
FEAR PARLAMAID AOSDA—Tha an Seanar Wark, ann an Fredericton, N. B., ceithir fichead is ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. Tha e ann an deagh shlàinte, agus tha roimhe bhi ’n ùine ghoirid na àite suidhe àbhaisteach san t-seanadh an Ottawa. Thatar ag radh nach eil duine cho sean ris ri fhaotainn ann am Pàrlamaid sam bith eile air an t saoghal.
AN RATHAD IARUINN UR—Tha mu dha mhile duine ag obair air an rathad-iaruinn ùr eadar Port Hawkesbury is Louisburg, agus thatar a’ cur ri ’n àireamh gach seachdain. Tha na rails air an leagail air mu ochd mile dhe’n astar, agus thatar an dùil gu’m bi e air a chriochnachadh gu ruige St. Peter’s mu mheadhon an t-samhraidh. Bidh an rathad gu h-iomlan air a chriochnachadh cho luath ’sa ghabhas deanamh.
AIR SON MEAIRLE—Chaidh Caitriona agus Mairi Nic Cormaic, màthair is nighean, a ghlacadh ann an Sidni air an t-seachdain s’a chaidh air son a bhi ’goid litrichean á bocsa ann air oifis a phosta. Bha àireamh litrichean air an ionndrain, chaidh amharus a leagail orra-san, agus an ceann latha no dha rugadh orra anns a’ ghniomh. Bidh aca ri seasamh aig cùirt mhor an t-samhraidh air son so, agus air son chiontan eile dhe’n t-seòrsa cheudna thatar a cur os an leth. Buinidh iad do Halifacs, agus cha ’n eil ach beagan hmios o’n thainig iad a dh’ fhuireach do ’n bhaile.
OBAIR IARUINN UR—Tha an obair-iaruinn ris an robh dùil aig Sidni Tuath, a reir gach coltais, ri bhi air a suidheachadh aig a’ Mheinn a Tuath. Thairg muinntir Shidni Tuath na shaoil iad a bha ceart de chuideachadh a dheanamh leis an obair-iaruinn. Cha robh a’ chuideachd riaraichte leis an tairgse sin agus tha e ro-choltach a nise gu bheil iad air làrach a thaghadh aig a’ mhèinn. Cha ’n eil sin ach a dha no tri mhiltean a mach á Sidni Tuath, agus cha mhor nach bi e cho math do mhuinntir a’ bhaile sin ’s ged bhiodh an obair làmh riutha féin.
CUIDEACHD AN IARUINN—Thachair ni mu chuideachd an iaruinn ris nach robh mor dhuil. Leig Mr. A. J. Moxham dheth an dreuchd a bh’ aige mar steòrnadair na cuideachd agus bha Mr. Daibhidh Baker air a chur ’na àite. Ged nach eil gnothuichean air an deanamh follaiseach, ’s i bharail chumanta tha measg dhaoine gu bheil na Canadaich a’ fás na’s treasa na na Geancaich anns a’ chuideachd, agus gur e sin is aobhar do’n atharrachadh so. Tha aig an àm so sith mhor eadar an da bhuidhinn cheudna ann an cuideachd a’ ghuail, agus tha daoine ’m beachd gu faigh na Canadaich an lamh an uachdar an ùine ghoirid, mur eil iad air sin fhaotainn cheana.
MISS STONE MAR SGAOIL—An deigh bhi air a cumail mar phriosanach re choig miosan tha Miss Stone a nis air a leigeil mar sgaoil. B’ fheudar dlùth air ceud mile dolair a phàigheadh dhaibhsan a ghlac i ’sa bha ga ’cumail air son duaise. Chaidh an t airgead a chur cruinn le muinntir nan Stàidean, tir dùthchais Miss Stone, agus cha b’ iongantach ged a thigeadh orra an làmhan a chur na’m pòcannan gu math tric an deigh so air son tuilleadh dhe’n luchd-dùthcha a shaoradh. Tha na spùinneadairean gu math pailt anns an Tuirc ’s anns na dùthchannan beaga timchioll oirre, agus theid aca air deagh bheòlaint a dheanamh a’ glacadh chaileagan Geancach ’s g’ an creic air àrd-phrìsean ri muinntir an dùthcha, aig am bheil airgead gu leòr agus r’a sheachnadh.
SEANAIREAN TUASAIDEACH—Bha sabaid ann an Seanadh nan Staidean Di-sathairne s’a chaidh eadar dithis de sheanairean Charolina, Tillman agus McLaurin. Bha Tillman a’ fàgail air an fhear eile gun do chleachd e meadhonan mi-iomchuidh gus a thaghadh a dheanamh cinnteach. Fhreagair McLaurin gu robh e breugach, agus an sin thòisich an t-sabaid. Chaidh an toirt o cheile, agus b’ fheudar dhaibh mathanas iarraidh air an taigh. Bha Tillman roimhe sin air cuireadh fhaotainn dh’ ionnsuidh na dinneir a bha air a toirt do Phrionns’ Eanruic anns an Taigh Gheal, ach an deigh na sabaid chaidh an cuireadh a thoirt air ais leis an Riaghlair Roosevelt. Sgriobh Tillman litir a càineadh an Riaghlair gu ’chùl, ’sa bruidhinn mar nach biodh e-fhein air dol as an rathad idir. ’S fhada o’n chualas iomradh air “bathais gun nàire.”
Litir a Ceap Nor.
AN deigh an latha ’chur seachad air leith-chois aig a bheairt-thuairnearachd, cha mhi-chomhfhurtail suidhe sios a nise ’s an anmoch agus oidhirp a thoirt air aon litir eile ’chur gu MAC-TALLA.
Is cinnteach mi gu bheil a leughadairean gu léir ag ionndrainn nach ’eil e ’tighinn a mach gach seachdain, mar a bha e roimh ’n teine sgriosail a chur a leithid a chall air. Ged tha sin fior, tha e ’na thoileachadh a bhi faicinn nach ’eil aon duine ’cur litir ghearanach d’a ionnsuidh, no a teannadh ri ’chàineadh ’s a bharail nach ’eil uair ’s a choig-là-deug dheth ’na dheadh fhiach dolair ann an ruith na bliadhna. Cha chuir aon Ghàidheal dìleas cùl ris air son an aobhair sin, ach seasaidh iad e gu duineil, agus ni iad dìchioll air a bhi ’cur àireamh nan gabhaltaichean an lionmhorachd anns gach àite. Nan deanadh an luchd-gabhail gu léir an dìchioll air a bhi ag aomadh muinntir eile gu cur ’ga iarraidh, cha rachadh moran ùine seachad gus am faodadh gach aon diubh a bhi ’ga fhàilteachadh gach seachdain, mar tha mòran againn air a bhi ’deanamh o làithean òige. Aidichidh gach aon aig am bheil fios cinnteach mu ’n chùis gur mor an còmhnadh a tha MAC-TALLA ’deanamh ann a bhi gleidheadh na Gàilig o dhol bàs. Ged bha daoine anns an t-saoghal o chionn bheagan linntean air ais a bha ag ràdh gu ’n rachadh i bàs eadhon roimh ’n àm so fhéin, tha ùine air a dhearbhadh gu ’m b’ fhàidhean bréige iad gu léir; agus ged tha iad ann ’n ar latha ne a their nach mair i beò ach ùine ghearr, ’s e ar dòchas-ne gu ’m bi i araon air a labhairt agus a’ cliù air a sheinn ré iomadh linn ri teachd.
Bha sgriobhaiche gasda ag innseadh dhuinn o chionn ghoirid nach faigh a’ Ghàilig bàs cho fad ’s is beò am bàrd dìleas agus fìor charaide ar cànain Niall Mac Leòid. Tha ’m bàrd féin ag ràdh an deireadh an òrain “Am faigh a Ghàilig bás?” nach fhaigh i bàs gu bràth. Gheibhear an t-òran so, maille ri moran òrain bhlasda, bhinn eile leis a’ bhàrd cheudna, ann an “Clarsach an Doire,” leabhar a bu chòir a bhi an seilbh gach aon aig am bheil suim dhe ’n Ghàilig agus do dhùthaich nan laoch o’n d’ thàinig sinn. Ma tha cuid am measg do leughadairean aig nach ’eil fios co e am bàrd no ciod i an dùthaich d’ am buin e, cha ’n ’eil e neo iomchuidh innseadh dhaibh gu ’n deachaidh a bhreith agus àrach anns an Eilean Sgiathanach, ach mar dh’ éirich do dh’ iomadh gaisgeach eile, thàinig air “an gleann ’s an robh e òg” fhàgail, agus ged tha a chòmhnuidh am baile mòr Dhunéidionn, tha a’ bhàrdachd a nochdadh gu soilleir gur tric inntinn air ais an Eilein gorm a’ Cheò. Ma tha toil aig neach sam bith ’s an dùthaich so cur a dh’ iarraidh “Clàrsach an Doire,” cuiridh MAC TALLA comain orra le innse dhuinn am bheil e fhathast ’ga reic, agus ciod i prìs an leabhair.
M. D.
Ceap Nòr, Feb. 28, 1902.
[Tha “Clarsach an Doire” o chionn dlùth air da bhliadhna “á clò” se sin, tha na leabhraichean nil’ air an creic, agus cha ’n fhaighear ri ’n ceannach tuilleadh iad gus an tig clòthadh ùr a mach. Tha sinn an dòchas nach bi fada gus an tachair sin. ]
OBAIR DA LATHA—Ann ann da latha air an t-seachdain so, bha sia ceud de na Boerich air am marbhadh no air an glacadh leis an ann Bhreatunnach. Anns an ùine cheudna chaidh da mhil’ each agus ochd mile fichead ceann cruidh a glacadh. Am measg nam priosanach Boerach tha mac do ’n t-seanalair DeWett. Na’n deanadh na Breatunnaich cho math so na h-uile seachdain, cha b’fhada bhiodhte toirt a’ chogaidh gu crich.
[Vol . 10. No. 25. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 187).
uair a rinn iad a leithid a dh’ ana-caitheamh air am maoin ’s an am a dh’ fhalbh; ach cha deanadh a bhith ’smaointean air an goraiche ’s an am a dh’fhalbh na fiachan a phaigheadh. Shuidhich iad mu dheireadh gu ’m paigheadh iad na fiachan gu leir, ged a bha fhios aca gu ’m fagadh iad iad fhein lom, falamh.
Ged a bha fear nam fiach gle thoilichte an uair a fhuair e suim cho mor, bha Abon Hasan agus a bhean fad’ o bhith toilichte an uair a rainig iad grunnd an sporrain. Bha iad uine mhath ’nan tosd, agus fo dhragh mor a chionn gu ’n do riuth iad am mach as an cuid mu ’n robh iad ach gann bliadhna posda.
Chuimhnich Abon Hasan gu ’n do gheall an righ dha, an uair a thug e do ’n luchairt e, nach biodh eis sam bith air ri ’bheo; ach an uair a smaoinich e gu ’n d’ rinn e ana-caitheamh air a mhaoin ann an uine cho goirid, cha robh e toileach aon chuid a shuidheachadh a leigeadh ris do ’n righ, no tuilleadh airgid iarraidh air. A bharrachd air a so, thug e dh’ a mhathair a h-uile dad a bhuineadh dha ris an t-saoghal an uair a thug an righ do ’n luchairt e, agus cha robh e toileach a dhol far an robh i a dh’ iarraidh cuideachaidh oirre, air eagal gu ’n saoileadh i gu ’n robh e air toiseachadh a rithist ris a’ ghoraiche a bha e ’leantuinn an deigh bas ’athar.
Bha ’bhean, air an laimh eile a’ faicinn gu ’n do nochd a’ bhan-righ caoimhneas is fialachd gu leor dhi an am dhi posadh, agus bha i smaointean nach biodh e ceart dhi cuideachadh sam bith iarraidh oirre tuilleadh.
Mu dheireadh labhair Abon Hasan, agus thuirt e; “Tha mi ’faicinn gu ’m bheil thusa fo dhragh-inntinn mar a tha mi-fhin, agus gu ’m bheil thu ’dol fo d’ smaointean feuch cia mar a gheibh sinn troimh ’n t-saoghal an uair a tha sinn a nis gun bhonn ’nar laimh. Cha ’n ’eil fhios agam ciod a tha ’nad bheachd-sa ’dheanamh, ach tha mise ’cur romham gu ’n lean sinn air ar beatha ’chaitheamh mar a’ b’ abhaist dhuinn, ciod sam bith cia mar a thachras dhuinn; agus tha mi ’creidsinn gu ’n tig thusa gu bhith dhe ’n aon bheachd rium fhin. Ach is e ’chuis, cia mar a theid againn air sinn-fhin a chumail suas gun a dhol a dh’ iarraidh cuideachaidh air an righ, no air Sobaide. Agus tha mi ’smaointean gu ’n d’ fhuair mi ’mach doigh air an teid an gnothach leinn; ach feumaidh sinn cuideachadh a thoirt dh’ a cheile.”
Chord na briathran so a labhair Abon Hasan gle mhath rithe, agus ghabh i misneach. Thuirt i ris: “Bha mise ’smaointean air a’ sin cho math riut fhein; ach cha bu toigh leam mo smaointeanan a leigeadh ris dhut, o nach robh fhios agam ciod an doigh air an rachadh againn air sinn-fhin a chumail suas; agus feumaidh mi aideachadh gu ’m bheil na tha thu ’g innseadh dhomh a’ toirt toileachaidh gle mhor dhomh. Agus o ’n a tha thu ’g radh gu ’n d’ fhuair thu ’mach doigh leis am faigh sinn troimh ’n t-saoghal, agus gu ’m bheil feum agad air mo chuideachadh-sa, cha ’n ’eil agad ach innseadh dhomh, agus bheir mi dhut a h-uile cuideachadh is urrainn domh.”
“Bha fhios agam na threigeadh tu mi anns a’ chuis so,” ars’ Abon Hasan, “o ’n thig e ’chum math dhuinn le cheile; agus, air an aobhar sin, feumaidh mi innseadh dhut, gu ’n d’ thug an eis anns am bheil sinn orm doigh fheuchainn leis an teid againn air sinn-fhin a chumail suas, car uine co dhiubh. Tha ’nam bheachd an car a thoirt as an righ, agus bheir thusa an car as a’ bhan-righ, agus tha mi cinnteach gu’n toir e ceol-spors gu leor dhaibh, agus ni e feum dhuinn fhin. Gheibh mi-fhin ’s tu-fhein bas.”
“Cha ’n fhaigh gu dearbh,” arsa Noushatal; “faodaidh tusa bas fhaotainn, ma thogras tu fhein; ach air mo shon-sa dheth, cha ’n ’eil mi sgith dhe ’n bheatha so fhathast, agus bi thusa toilichte no na bitheadh, cha ’n fhaigh mise bas cho luath sin idir. Mur ’eil doigh sam bith eile agad ach sin, feuch fhein ris; oir tha mise ’g innseadh dhut le firinn nach gabh mi cuid no gnothach ris an doigh sin.”
(Ri leantuinn.)
Litir as an Abhuinn Mheadhonaich.
NACH mithich dhomhsa teannadh ri sgrìoban a chur ri chéile? ’S fhada bho ’n bha dùil agam sin a dheanamh, ach bho ’n bha sgriobhaichean na b’ fhearr na mise cur litrichean gu MAC-TALLA bha mi cur dàil ann.
Nuair a sgriobh mi mu dheireadh bha fear no dithis a gabhail ris gu ’n d’ fhuair iad putadh bho Mhìcheal. Tha mi nise ’faicinn gu ’m biodh e feumail putadh eile ’thoirt dhaibh. Bha mise ’n dùil nuair thug mi iomradh air ’n t-sùil aig Murchadh Cam gur ann a bheireadh e buille bàis dhomh. Ach, an dùine còir, ’s ann a fhuair mi mo bheannachadh bhuaithe. —Chunnaic sinn litir bho Sheumas a’ Chiùil, agus thug e iomradh air Mìcheal cuideachd. Cha robh e duilich fhaicinn le do litir ghasda gu robh ceòl math annad. Cha chreid mi nan robh mi comhladh riut agus pige ruadh Dhomhuill nan stòp againn làn de mhac na braiche, nach “togamaid fonn air hùgan fhathast.”
Chunnaic sinn litir bho chionn ghoirid bho Anna B. Nic Leoid, a cur airgiod ugad air son do phaipear, agus cha ’n e sin a mhàin, ach tri dolair eile air son gabhaltaichean ùra. ’S ann innte tha smior a Ghaidheil! agus i ’g ràdh nach do chaill i ’Ghàilig idir, ged tha i ann am Boston. Chunnaic sinn caileagan òga ’bhiodh bliadhna no dhà ann am Boston, nuair thigeadh iad dhachaidh cha bhiodh guth aca ach Beurla. Nan labhradh duine guth Gàilig riutha, dh’ fhalbhadh iad agus car nam beul, mar nach cluinneadh iad guth dhi riamh. Bidh sinn an dòchas nuair a phòsas Anna gur e Gàidheal a dhlùth ’s a dh’ uachdar a bhios ann, agus saoghal fada, sona dhaibh.
Tha sinn a tuigsinn gu bheil cuid a gearain air cho beag ’s a tha ’m paipear Gàilig air son dolair, agus paipearan mora eile g’ am faotainn air son na dearbh phrìs. Ann an aon dòigh tha sin ceart. Tha mise faotainn tri paipearan eile na h-uile seachdain, agus a faicinn moran eile de phaipearan. Nuair bhios mi ullamh an leughadh, chumadh aon duilleag na ’s fhiach thoirt asda. Bidh moran grodalaich bhreugach de pholitics anns a chuid mhor dhiubh—sanas air son cungaidhean leigheis—sanais dhe gach seorsa air son airgiod fhaotainn. ’S ann le leithid sin de stuth tha na paipearan mora air an lionadh, agus bhiodh e cheart cho math iad a bhi bàn ’sa bhi leughadh an t-seorsa stuth sin. Cha ’n ann mar sin a tha ’m paipear Gàilig idir. Cha bhi guth ann ach fìrinn, agus is fhiach na h-uile guth bhios ann a leughadh. Bidh mi feuchainn ri cuid fhaighinn air son MAC-TALLA ’ghabhail, agus their iad rium gu bheil e ro bheag air son na prìs; ach ’s e tha beag an cridheachan. Gabhaidh iad uamsa glé thoilichte leughadh dhe ’n phaipear, agus cha bhi coir’ air, ach bi thusa g’a phàigheadh!
Tha greis bho nach cuala sinn guth bho Bhodachan a’ Ghàraidh. Thug e ruith air na h-uile gille, nighean is bean, agus tha sinn a’ feitheamh feuch gu dé ’n salamander tha e dol a thuirt air na daoine pòsda.
Tha sinn duilich nach ’eil MAC-TALLA tighinn cho tric ’sa b’ abhaist dha. Ach their sinn mar bha Donnachadh Bàn ’g ràdh ann an Oran na Seilge—
“Bi’ sinn beo an dochas ro mhath
Gu ’m bi ’chuis ni ’s fhearr an ath la’;
Gu ’m bi gaoth a’s grian ‘Mhic-Talla’
Mar is math ‘leis an luchd-leughaidh. ’”
Bha mi ’bruidhinn ri dithis ghillean òga bho chionn ghoirid air son MAC-TALLA ’ghabhail. Tha fear dhiubh, Coinneach Mac Rath, an deigh muileann math sàbhaidh a chur suas, agus ni e feum dha fhéin agus dha ’n dùthaich mu ’n cuairt air. Tha Ruairidh Mac Rath, nàbuidh faisg air, agus e ’na thuathanach math. Dh’ fhaodadh iad le chéile am paipear Gàilig a ghabhail. Agus tha iad a cheart cho feumach air pòsadh ’sa tha iad air paipear. Bidh sinn an dòchas gu ’n dean iad an da chuid. Nuair a leughas mise am paipear cuiridh mi uca e, agus nuair chi iad so cha chreid mi nach gabh iad MAC-TALLA.
Gu dearbhadh a thoirt air gu ’n robh geamhradh blàth againn an taobh so, tha fear Alasdair òg Mac Rath aig an robh tri bliadhnaich cruidh air chall toiseach a gheamhraidh, agus bha e ’n dùil gu ’n do chaill e gu buileach iad. Thainig iad am mach far a bheil iad ag obair air òr ann anGold Brook,dà mhile ’mach anns a choille, air an 26mh latha de Ianuaraidh. Bha iad anns a choille mhoir fad a gheamhraidh, agus nuair a thugadh dhachaidh iad bha iad a cheart cho briagha ris a chrodh a bh’ anns a bhà-thigh.
Bha mi air thurus anns an Iar-thuath nuair bha na buanaichean ann ag obair, agus nan robh mi na ’m sgriobhaiche math Gàilig bheirinn cunntas air an dùthaich sin. Tha moran bàrr ’ga thogail ann, agus tha talamh math ann air son gràn sam bith a chuireas iad ann. Tha e freagarrach gu leòr do dhaoine òg a dhol am mach ann air cheann an fhortain, ach daoine thainig gu seann lathaichean, aig am bheil fearann math, tigh math, agus sabhal math, deanadh iad feum math dhiubh, oir cha ’n ’eil mi creidsinn gu ’m biodh iad idir toilichte ann. Cha ’n ’eil sinne ’tuigsinn no ’creidsinn cho math ’s a tha ’n dùthaich anns a bheil sinn. Bha iomadh ni ri fhaicinn anns na paipearan naigheachd nuair bha na buanaichean am muigh nach robh idir ceart, ach leigidh mi leis a sin aig an àm so.
Slàn leat,
MICHEAL.
An Sluagh ’s a’ Pharlamaid.
Co-dhiù a tha a’ Phàrlamaid math no dona tha i mar a rinneadh i leis an t-sluagh iad féin. Thagh iadsan na fir a tha ’gan riochdachadh ’s a’ Phàrlamaid, agus mur ’eil na laghan air am frithealadh gu ceart agus laghan ùr air an toirt a mach a réir feuman an t-sluaigh tha a’ choire aig dorus an luchd-taghaidh. Bidh deanadas is gluasaid na Pàrlamaid a réir an smachd a chleachdas an sluagh féin air an fheadhainn a chuir iad a steach a dheanamh agus a fhrithealadh nan lagh an. Tuigidh an duine glic leth-fhacal; agus a thaobh nan cùisean air am bheil sinn a’ dèanamh iomra thigeadh do dhaoine an sùilean a bhi fosgailte, agus cuideachd an guth aig àm taghaidh a thoirt dhoibhsan a tha dìleas d’ an tagraidhean. Fhuair an sluagh cothrom mor air an rùintean féin a ghiùlan a mach nuair a thugadh dhaibh guth ann an taghadh luchd-pàrlamaid. An d’ rinn iad am feum a dh’ fheudadh iad dheth so? Tha so cinnteach: dh’ fheudadh iad deanamh na b’ fheàrr. Tha cumhachd na Pàrlamaid an làmhan an t-sluaigh; ach c’ àite am bheil na fleasgaich dhuineil dhìleas a sheasas a suas gu dàna air taobh còir is ceartais? Cha ’n ’eil iad ro lìonmhor, ged tha beòl mhòran làn do fhèin ghloir ás eugmhais gnìomh. Nì a’ Phàrlamaid gach ni a dh’ iarrar fo smachd guth an t-sluaigh.
[Vol . 10. No. 25. p. 7]
Iadsan a Phaigh.
Alasdair Mac Gille-ghlais, Coldstream , Ont.
Niall Domhnullach, Duntroon , Ont.
Iain Mac Artair, Lobo , Ont.
Padruig Crabhart, Oldfield , Ont.
Barbara C. Leitch, Lafontaine , Ont.
Iain Mac Thearlaich, Ottawa , Ont.
E. N. Domhnullach, Reedsville , Que.
Iain H. Mac Leoid, Springhill , Que.
D. Domhnullach, Montreal , Que.
Iain Mac Carmaic, Earlswood , N. W. T.
Domhnull Dùghlach, Verna , N. W. T.
Niall Domhnullach, Dauphin , Man.
Calum Mac Amhlaidh, Anaheim, Cala.
Iain D. Mac Gilleain, Avalon , Cala.
Dr. Uisdean Mac Neill, Chicago , Ills.
Domhull Domhnullach, Thomastown , Conn
A. I. Domhnullach, Weymouth , Mass.
Mairi Nic Ascuill, Boston , Mass.
Am Breitheamh Calum B. Mac Neacail, Council Grove, Kansas.
Ailean Mac Gilleain, Ashfield , C. B.
D. H. Mac Cuithein, Whitney Pier.
D. A. Gillios, S . W. Margaree.
Iain L. Mac Gilleain, Woodbine .
Niall Moireasdan, Caledonia Mines.
N. D. Mac-a- Phi, Mabou Coal Mines.
G. D. Mac Eachainn, Narrows Mhora.
Calum Siosal, Brook Village.
An Siorram Buchanan, Sidni.
Domhnull Mac Pharlain, Cox Heath.
Alasdair S. Mac Leoid, Framboise.
Domhnull I. Domhnullach, Loch Ghabarus
Gilleasbuig Mac Fhearghais, M . B. Road.
Domhnull O’Handley, Bridgeport .
Alasdair Mac Amhlaidh, Milton.
D. C. Domhnullach, Birch Grove.
An t-Urr. N. Mac Mhuirich, Trout River.
An t-Each Odhar.
’S e mo laochan an t-each odhar
’Thainig a Glaschu fodham;
’S e nach gabhadh cuir air theadhair
Air Acha-nan-gamhna.
’S e mo laochan an t-each-iarainn,
Leis an d’ thàinig mi do Ghrianaig;
’S ’n uair a thairngeadh iad an t-srian
’S e fiadh nach rachadh teann air.
’S e mo laochan, &c .
Sud an t-each aig bheil an sgriob,
Cha toir e mionaid ri mile;
Theid e air leth-dusan sinteag
Seachad sios air Renfrew!
’N uair a dh’ fhalbh e ’n sin ’n a throtan,
A’ cheart cho luath rimail coach,
Gu ’n do chrom mi sios fo ’n drochaid
Mu ’n sgrogadh e ’n ceann diom.
Righ! gur mise ghabh an t-eagal,
Cha mhor nach deachaidh mi ’m bhreislich;
’N uair a thoisich e ri breabail,
Gu ’n do theich na beanntan.
’N uair a chaidh e stigh do ’ntunnel ,
’S a sheall mi mach air an uinneig,
Shaoil mi nach faicinn leus tuille,
’S gu ’m bu duine dall mi!
Righ! gur mise ghabh an t-ioghnadh,
’N uair a ghabh e an t-sùrdag
Mach troimh phairceanan tuirneip,
Troimh chùirn agus deanntaig.
Chaidh mi suas gu fear an fhearainn,
Feuch am faighinn e r’a cheannach;
’S chuirinn dhachaidh e gu Sellar
’Tharraing feamainn gheamhraidh.
Chuirinn e dh’ ionnsaidh a’ Mhàidseir,
A tharraing nan giomach an t-Sàilein;
B’ fhearr e na ’n t-each ruadh aig Da’idh,
No ’n làir bhàn aig Sandy.
Ach na ’m faighinn-sa chur dhachaidh
Comhl’ riponyAcha-rainich,
Bhiodh Dughal mac Iain ’Ic-Lachainn
’Cumail ceart na h-engine.
’S na ’m faighinns’ air an rail e,
H-uile car gu Rugh’ -na-h- àirde,
Ghabhainn troimh mhonaidhean Fhearnaig,
’S thearnainn air Gleann-Sanda.
Ach na ’m faiceadh cuid de dhaoine
Direadh ri Bealach-gaoith e,
’S ann a thoisicheadh iad ri glaodhaich
Gu ’m b’ e ’n saoghal thall e.
Sud an t-each ’s a bheil an cruadal,
’S a fhuair an t-urram air luaithead,
’S e nach fheumadh dol a bhualadh
Sguab dha anns a’ gheamhradh.
’N uair a chriochnaich mi mo dhuanag,
Chaidh a h-éisdeachd le duin’ -uasal,
’S thuirt e rium na ’n rachainn suas
Gu ’m faighinn cuach de bhranndaidh.
Maili Chruinn Donn.
LEIS A CHEISTEAR CHRUBACH.
Fonn: —Carruig Fhearghuis.
O’n thathaich mi ’n rathad,
Gun tadhail mi ’m monadh
’S an tuiteadh an sneachda
’S a ghaillion gu trom;
’S an talamh neo-chaisrigt’
’S ’n do chaill mi na casan
Mun d’ rainig mi ’n caisteal
’N robh Maili chruinn, donn.
’N uair a ràinig mi ’n dorus
Gun d’ fhàs mi cho toilicht’
’S gun d’ rinn mi gach dosguinn
A thogail gu fonn;
Is thàmh mi ’san fhasdail,
’Bha ’n sail beinn an t-sneachda,
Cho blàth ris a chladach
Bha’m fasgath nan tonn.
’Fhir a shiubhleas an rathad
A dh’ ionnsaidh na Dabhaich
Uam imrich mo bheannachd
Gu Maili chruinn, donn;
’Tha ’tuinneadh ’sa ghleannan,
Aig alltan a cheannaich,
’S gur daoine gun tadhal
Nach tathaich am fonn;
I mar ionnas an tasgaidh,
Gun chunnart, gun gheasan,
Ach daonnan fior thaitneach
Do ’n fhear ’rachadh ann.
’S ged bhidhinn-s’ am bharan
Air dùthaich Chloinn-Eachainn
Gum foghnadh mar mhairist’
Leam Maili chruinn, donn.
Tha pearsa ro bhoidheach,
’S i tlachdmhor ’na comhdach,
’S tha taitneas ’na comhradh
Mar smeoraich nan gleann;
Gun d’ fhaoiltich mo chridhe
’Nuair ’rinn i rium bruidhinn;
B’ e ’beatha dhomh ’rithist
Gu tighinn a nall.
Bha ’h aogasg gun smalan,
Bha caoin air a rasgaibh,
Bha gaol air a thasgaidh
’S a chridh’ bha ’na com;
Gun d’ smaointich mi agam
Nach rachainn am mearachd
Ged theirinn gur piuthar
I ’dh-Iain geal, donn.
Na meoir sin a’s gile,
’Tha corr air a ghrinneas;
Gur grinn ’ni iad fighe
Is fuaigheil glan réidh.
Gur cuimir, deas, direach
A shiubhleas tu ’n ridhle
’Nuair dhuisgear gu cridheil
Dhuit fiodhall nan teud;
’S tu ’cheumadh gu boidheach,
’S a thionndadh gu h-eolach,
’S a fhreagradh gu h-ordail
Do cheolan nam meur.
Tha ’n earbag ’s a mhonadh,
’S math tearmunn o’n ghaillion;
’S gur sealbhach do ’n fhear sin
A ghlacas a ceum.
O mheacain an t-suaircis,
’S o leasraidh na h-uaisle,
B’ e t’ fhasan, ’s bu dual dhuit
Bhi truacanta, coir.
Gur furanach, pàirteach
Am preas as an d’ fhàs thu,
(Air a leantuinn air taobh 192.)
ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Didomhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .
Theid againn air each obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI., - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 10. No. 25. p. 8]
Maili Chruinn, Donn.
(Air a leantuinn o thaobh 191.)
Mar rinneadh do chàradh
O’n An ’s o’n t-Srath-mhor.
Nam biodh sibh an làthair,
’S an staid mar a b’ àill leam,
Cha reicinn ur càirdeas
Air mnai na Roinn-Eorp’.
Gu bheil mi ’a diugh sàbhailt’,
O’n chunna mi Mairi;
Gun d’ sheas i dhomh àite
Na màthar nach beo.
Chuir i fasgath mu ’n cuairt dhomh,
Mar earradh math uachdair;
Gun d’ bhuilich i uaisle
Le suairceas glan beoil;
Lamh shoilleir neo-spiocach,
’S an cridhe neo-chrionota,
Aig nighinn Catriona,
’S mo bhriathar bu choir.
Ged nach faca mi t’ athair
Gun cual’ mi mo chleachdadh,
’S gur h-urrainn mi ’n aithris,
Deagh fhasain an t-seoid.
Bha e fial ris na maithibh,
Ceann cliar agus ceathairn’;
’S bu dhiubhail mar thachair
’Luath’d ’s ’chaidh e fo ’n fhoid.
Bhiodh ol agus solas,
Bhiodh ceol agus orain,
Bhiodh furan, bhiodh dochas
Mu bhord an fhir fheil’;
Bhiodh iasg as an fhairg’ ann,
Bhiodh fiadh agus earb ann,
Bhiodh coileach-dubh barragheal
Ann ’mharbhadh an-geig;
Bhiodh bradan an fhior-uisg’,
Bhiodh taghadh gach sìthn’ ann;
Bhiodh liath-chearcan-fraoich ann
O’n fhrìth aige fhein.
’N àm tighinn gu ’bhaile,
Gu thurlach gun ainnis,
Bhiodh rùsgadh air ealain,
Casg padhaidh is sgios.
B’ iad sud na fir uasal,
Gun chrìne, gun ghruaman;
Cha ’n fhaigheadh càch buaidh orr’
An tuasaid no ’n streup;
Iad gun àrdan gun uabhar,
Neo-smachdail air ’n tuath ac’,
Ach fearann fo ’n uachdar
’Fas ’suas anns gach ni.
O’n dh’ imich na h-armuinn
Chaidh ’n saoghal gu tàire,
’S bidh bron agus pàigheadh
Ri chlàistinn ’nan deidh;
’S nam fanainn ri ’fhaicinn,
Cho fad ri mo sheanair,
Gum farr’deadh gach fear dhiom,
Am faca mi ’n Fheinn.
O’n a dh’ imich na h-armuinn,,
’S e ar cuid na tha ’làthair;
Gu ma beannaicht’ an geard
’Th’ air an alach a th’ ann.
Ceud soraidh, ceud fàilte,
Ceud furan gu Mairi
A dh’ fhag mi ’sa Mhaigh
Ann am bràighe nan gleann.
’S i cuachag na coille,
Na h-uaisle ’s an oilein,
A dh’ fhag sinn gu loinneil
An creagan nam beann.
A gheala ghlan gun ainnis
B’ e t’ ainm a bhi banail;
’S gun d’ dhearbh thu bhi duineil,
’S nior chluinneam-s’ do chall.
Gun cluinneam do bhuinig,
Ged nach faicinn thu tuilleadh,
Ged nach iarrinn thu idir
’Dhol fad as an fhonn,
Ann an aite na’s deiseil,
Gun bhlàr, is gun chreagan;
’S ma gheibh m’ achanaich-s’ freagradh
Cha ’n eagal duit bonn.
Tha uaislean is treun-laoich,
Tha truaghain is feumaich,
’Toirt tuaraisgeil gleusta
Air t’ fheum anns gach ball.
Tha gach tlachd ort ri innseadh,
Lamh gheal a ni sgriobhadh;
’S gur tuigseach an ciall
A chuir Dia ann ad cheann!
Bidh mo dhàn agus m’ oran,
Bidh m’ alla mar ’s eol dhomh,
Gu brath fhad ’s is beo mi
’Toirt sgeoil ort a chaoidh.
Na fhuair mi dhe t’ fhuran
Cha ’n fhuaraich e tuilleadh;
Ni smuaintinn mo chridhe
Riut bruidhinn nach till.
Cha ’n fheil siorrachd dha ’n deid mi,
Ged a ruiginn Duneideann,
Nach doir mi deagh sgeul ort
Fhad ’s ’dh’ eisdear mo rainn;
’S bheir mi Charraig o Fhearghus
Gu atharrachadh ainme,
’S luchd-ealaidh na h-Alba
Ga seanachas ’s ga seinn.
Ceud soraidh le m’ dhàn dhuit,
Gach sonas ri d’ la dhuit;
Gach tlach agus àilleachd
Tha ’fas air a mhnaoi.
Ceud beannachd le àgh dhuit,
’S gum faicinn-sa slàn thu,
Ma tha idir an dàn dhomh
’Dhol gu brath gu Loch-braon.
Ged nach sgalaiche baird mi,
Cha ’n urrainn mi ’aicheadh,
Ma thig iad na ’s dàine
Nach pàigh iad ris daor.
’S i bean nan rosg trodhad,
Gun ardan, gun othail,
Tha ’tamh an Creag-odhar
Nan gobhar’s nan craobh.
Creag odhar nan caorach,
Nam beann is nan aonach;
Creag fhasgach ri gaoith thu,
Creag laogh agus mheann.
Creag chaoran, creag chnothan,
Creag fhiarach is chreamhach,
Creag eun le ’m bun chaithream
Am barraibh nan crann.
Gun cluinnteadh guth smeoraich
An uinneig do sheomair,
’S a chubhag a comhradh
Mar b’ eol d’ i ’na cainnt;
’S bidh ealaidh a mhonaidh
Ri cluich ann san dorus,
Mar onair do Mhaili
Bean shona nan gleann.
On nach urrainn mi sgriobhadh
No litir a leughadh,
’M fear a dhealaich an de rium
Aig càrn an fheidh dhuinn,
A chuir a chuid ghillean
’S a ghearrainn gam shireadh
Mun rachadh mo mhilleadh
An curaisde puill,
On nach urrainn mi ’mholadh
An onair, mar choisinn,
Mo bheannachd gum meal e,
Gun euslaint’ a chaoidh.—
Fhir a shiubhlas an rathad
A dh-ionnsuidh na Dabhaich,
Uam imrich mo bheannachd
Gu Maili chruinn, duinn.
SEAMRAG.
Posaidhean.
Ann an Sidni, air an 6mh latha de Februaraidh, leis an Urr. I. F. Forbeis, Iain R. Mac Leoid, Framboise, ri Mairi I. Nic-Ascuill, Loch Lomond.
Aig Boulardarie Centre, air an naodhamh latha deug dhe ’n mhios, leis an Urr. D. Drummond, Alasdair F. Moireasdan, marsanta, Sidni Tuath, ri Lizzy Nic Neill, nighean do Niall Mac Neill, am Boulardarie Centre.
Bas.
Aig Reserve Mines, air an latha mu dheireadh de Februaraidh, Mairearad, bantrach Alasdair Mhic-Gilleain, ceithir fichead bliadhna dh’ aois. Rugadh i ann an Uidhist a chinn a tuath. Thainig i do ’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1841, agus shuidhich i ann am Mira, far an robh i fuireach gus o chionn choig bliadhna. Bha i o’n àm sin comhla ri a mac bu shine, Gilleusbuig Mac Gilleain, aig a Mhèinn. Bha i ’fulang gu trom le tinneas fad da mhios mu ’n do chaochail i, ach ghiulan i leis gu foighidneach. Dh’ fhàg i ’na deigh bràth air, piuthar, agus sianar mhac.
Na dean Mearachd
Rubbers
DHE NA SEORSACHAN A’S FHEARR
air na prisean a’s ìsle ann an
—STOR—
REDDEN,
Ross Block,Sidni.
Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
a’s fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.
Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.
K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaich, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R.R. McIan (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .
Ard-oifis: —TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies”dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
title | Issue 25 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 25. %p |
parent text | Volume 10 |