[193]

[Vol . 10. No. 26. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 14, 1902. No. 26.


Daibhidh Stiubhard.

LE IAIN.

CAIB. VI.

BHA fear taigh-òsda ann an Duneidionn ris an cainte Lucaidh Mac Neachdain. Bhiodh a h-uile seòrsa de dhaoinemeasail atathaich an taighaige. Agus bha e mar chleachdadh agamsabhithdol don taigh aige air an oidhche a ghabhail smoc, agus a chluinntinn naigheachdan mu dheidhinn Bhonapart, agus a h-uile naigheachd eile a bhiodh adol. Ach bu ghlé ainneamh leam deur a bharrachd air trì ghlaineachan a ghabhail oidhche sam bith. Am measg nan daoinebhiodh atathaich an taighe so bha aon duine air an dfhàs mi gu math eòlach. Bha ena dhuine cho grinn, cho tlachdar, agus cho eireachdail ri fhaicinn ri fear sam bith. Agus a dhinnseadh na fìrinn, be mo bharail gun robh ena dhuine cho suidhichte agus cho onarach ri mac mathar a chunnaic mi riamh.

Thachair dhomh a bhith air oidhchàraidh gu math na bu chridheile na bàbhaist dhomh, agus arsesan rium, “A Mhr. Stiubhard,” arsesan, “an cuir thu dainm ri bìdeag phàipear a thagam an so?”

Cha chuir, tapadh leibh,” arsa mise; “chaneil mi deònach a dhol an urras air duine sam bith.”

Than gnothach ceart gu leòr,” arsesan, agus cha robh an corr eadrainn aig an àm. Ach an uair a bha mideanamh deas gu falbh dhachaidh thuirt e, “Dean suidhe gus an gabh sinn glaineile, Mhr. Stiubhard; on a tha mi fhìns tu fhein cho mòr aig a chéile, bheir mi dhut glaineile.”

Leis na rinn e de choiteach orm, shuidh mi comhladh ris, agus bha glaine an déigh glaine againn gus an do chaill mi mu dheireadh mo thùrs mo mhothachadh buileach glan. Ciod a thachairna dheigh sid, no cia mar a fhuair mi dhachaidh chan urrainn mi radh. Agus is e an aon rud air am bheil cuimhnagam, gun robh mo cheann gu sgàineadh an uair a dhéirich mi an -iar-na-mhàireach, agus gun robh Sìne gle chas, agus glé mhi-thoilichte.

Coma co dhiubh, cha do smaoinich mi mòran mu dheidhinn aghnothaich, agus bha mi anabarrach toilichte gun do dhiùlt mi a dhol an urras air an duine; oir ann an ceann thrì miosan chuala mi gun do bhrist air, agus gun do theich e le mòran airgid.

An ceann beagan làitheanna dhéigh sid bha mig innseadh do Shìne agus dha màthair mar a bhan duine ag iarraidh orm a dhol an urras air, agus bha mig ràdh gum bfhortanach an gnothach gun do dhiùlt mi e. Anns an àm cothigeadh a steach don t-seòmar ach achaileag shearbhanta, agus thuirt i gun robh duine uasal aig an dorus aig an robh gnothach rium. Anns an fhacal, co nochd a steach don t-seòmar ach fear de chléirich abhanca ris am bithinn adeanamh gnothaich.

Deanaibh suidhe,” arsa mise.

Cha bu luaitheshuidh e na thuirt e: “Is e droch ghnothach a than so, a Mhr. Stiubhard.”

Ciod an gnothach?” arsa mise, agus ioghnadh gu leòr orm.

Tha gun deachaidh sibh an urras air a leithid so de dhuine,” arsesan.

An e mise!” ghlaodh mi, agus mitoirt cruinn leum gu meadhain an urlair. “An e gun deachaidh mise an urras airan dearg shlaoightiredhiult mi as is as a dhol an urras air.”

Tha dainm ris aphàipear so air son mìle punnd Sasunnach,” arsan cléireach.

Mìle mollachd!” ghlaodh mi àird mo chlaiginn, agus mibualadh mo choise gu làidir air an ùrlar. “Is e sgriobhadh mealltach, mollaichte a thann!”

Tha ainm a leithid so de dhuine ris aphàipear mar fhianuis gun deachaidh tu an urras ann am mìle punnd Sasunnach air an fhear a bhrist agus a theich le mòran airgid,” arsan cléireach.

Cha robh en comas dhomh aon fhacal a ràdh. Dhùiriginn mullach an taighe leagadh mu mcheann agus mi fhìn a thiodhlacadh fodha! Ann an tiotadh thainig cuid dhe na thachair anns an taigh òsda aig Mac Neachdain ga mchuimhne, mar gun tigeadh lasair á slochd an dubh-aigean! Bha mo mhàthair-chéile ag amharc orm le suil glé ghruamach, agus chuala mi i ag ràdh gu beag— “Bha min comhnuidh ag ràdh gun tigeadh an dunaigh as na trì ghlaineachan air acheann mu dheireadh.”

Ach bha Sìne acumail oirre fhein gu foighidneach mar bhana-Chriosduidh. Thàinig i far an robh mi, an creutair bochd, agus, an uair a thug i pòg do mleith-cheann, thuirt i, “Gabh an gnothach gu réidh, a Dhaibhidh, a cheist. Chaneil leasachadh air achùis a nis; guidheamaid gun toir so sùileachan dhuinnna dhéigh so.” Chuir mi mo dha laimh ma h-amhaichcha burrainn domh facal a radhach mu dheireadh thuirt mi, “Oh, Shìne, bidh ena shùileachan dhomh gun teagamh; agus chan e do ghràdh agus do chaoimhneas fhein as lugha ni de mhath dhomh!”

Theireadh cuid de dhaoine foghluimte gur e gliocas an t-saoghail so a thug air Sìne deanamh mar a rinn i; ach their mise, on is mi as eòlaiche air a nàdar, agus air rùintean a cridhe, gur ann a rinn i e, a chionn gun robh i, mar bhana-Chriosduidh, umhail fon chall a thainign ar rathad, agus a chionn gun robh gràdh aice dhomhsa mar mhnaoi dhleasdanaich.

Chuir mise, ma ta, call mile punnd Sasunnach orm fhin cho ealamh, agus cho beag smaointeans ged a bhithinn asmàladh na coinnle.

Chuala tu am facal a thag radh, an uair a thig aon mhi-fhortan, gun tig mi-fhortan eilena lorg; agus tha fhios agam gur ann mar sin a bhachùis do mthaobh-sa o thoiseach acheud latha. Aig an àm ud bha mhile punnd Sasunnach dhe mo chuid airgid ann an lamhan duinuasail aig an robh mòran fearainn, agus bha mifaotainn sia puinnd Shasunnach as acheud de riadh uaithe a h-uile bliadhna. Bha h-uile duinesmaointean gun robh e cho cinnteach ris abhanca. Bha airgiod leis na ficheadan eile air lamhan an duine so. Bha mifaotainn an réidh gu riaghailteach, agus cha do ghabh mi an t-amhrus bu lugha gum be duine neo-sheasmhach a bhann.

Bha mitoirt sùil thairis air aphaipear-naigheachd air madainn araidh an uair a bha migabhail mo bhèidh, agus thachair dhomh sùil a thoirt air an àite dhen phaipear anns an robh ainmeannan nan daoine a bha air bristeadhagus bainneamh leam sùil a thoirt air a leithidan uair a thug mi an aire, agus, am freasdal gam chuideachadh! ainm an duine don dthug mi mo dhà, mhile punnd Sasunnach! Bham paipear agam anns an dara laimh, agus an sàsair anns an laimh eile. Thuit an sàsair agus achofi as mo laimh air clach an teinntein agus chaidh ena spealgan! Chaidh mi air chrith o bhonn gu bathais cho luath ri slait ann an sruth.

Oh, Dhaibhidh! ciod e thacur ort? ” arsa Sìne.

Ciod e thacur orm!” arsa mise. Cha chreid mi nacheil gu leòr acur orm! Tha sinn air ar cuid dhen t-saoghal a chall!”

Ach chan eil feum sam bith dhomh an corr a ràdh mun ghnothach. Cha do phàigh an struthaire ochd sgillin deug as aphunnd Shasunnach do luchd nam fiach, agus mar sin bha mi an deigh trì dhe na còig mile punnd Sasunnach a bhagam a chall.

Chunnaic mi gu soilleir nach ruiginn a leas dùil a bhith agam gum burrainn domh mo theaghlach òg a chumail suas le riadh an airgid a bhagam.

Feumaidh sinn baile fearainn a ghabhail?” arsa mise. Agus chunnaic Sìne agus a màthair nach robh dòigh sam bith eile ann leis an rachadh againn air sinn fhins an teaghlach a chumail suas. Air an aobhar sin ghabh mi baile beag fearainn. Chosg mi dlùth air ochd ceud punnd Sasunnach mun do chuir mi fo làn stoc e. Ach air a shon sin, bha sinn glé chomhfhurtail ann. Bha mi-fhìn mòran na bu toilichte ann na bha mi ann an Duneidionn; oir bha obair agam araon do mchorp agus do minntinn. Agus bha Sìnena bean tuathanaich cho maths a burrainn a bhith. Bhan t-seana-bhean fhein ag ràdh nach robh i riamh roimhe cho sonas a bha i. Agus bhachlann cho slàns cho fallainn ris abhreac. Cha burrainn duinn a ràdh gun robh sinn adeanamh airgid, mar a their cuid; ach cha robh sinn acall dad, agus bhadol againn air beagan a chur ma seach a h-uile bliadhna.


CAIB. VII.

BHA allt domhain faisge air na taighean againn. Mu thri bliadhna an deigh dhomh am fearann a ghabhail, an uair a bha an nighean a boige ma naodh bliadhna dhaois, bha i lathaseòladh iteagan is bhioran anns an allt. Bha mise aig an àm acur amhuilinn-bhualaidh air dòigh, agus rud eiginn an deigh a dhol cearr air. Chuala mi an aona ghlaodh cruaidh aig achloinn eile. Sheall mi am mach as an t-sabhal, agus chunnaic mi iad aruiths ag e éigheachs ag éigheach, “Sìne! Sìne!” Leum mi air falbh on t-sabhal cho luaths a bhanam cnàmhan.



[194]

[Vol . 10. No. 26. p. 2]

Ciod a tha cearr, achlann?” arsa mise.

Sìne! Sìne!” arsiadsan, agus iad ag amharc rathad an uillt.

Ruith mi cho luaths a leigeadh mo chasan leam. Bha tuil mhòr anns an allt: oir an uair a shileadh an t-uisge trom anns amhonadh, bhan tuil abrùchdadh a nuas cho bras don allts nach seasadh rud sam bith rithe.

Thainig an tuil gun fhios air mo leanabh, agus thugadh air falbh i. Agus mar a bha miseruithnam dheann sios ri bruaich an uillt, bha miga faicinn afalbh car ma char leis an t-sruth, agus a falt fada, camalagach, buidhe atighinn an uachdar an dràstas a rithist, gus mu dheireadh an deachaidh i fodha as mo shealladh sios leis an t-sruth.

Bha linne dhomhain mu dheich slatan fichead on àite anns am faca mi i. Agus oh! mar a ruith mi feuch an deanainn greim oirre mun tugadh an sruth i bhar bearradh na creige sios don linne! Ach dhfhairlich orm a sàbhaladh. Nan robh mi aon tiotadh beag na bu luaithe aig bearradh na creige na bha mi, is dochagun robh mi air a sàbhaladh. Ach thug an sruth bhar bearradh na creige i an uair a bha misìneadh mo laimhe gu breith oirre! Chaidh mo leanabh bochd a bhruthadhs a bhàthadh.

Leum mi sios don t-sruth aig iochdar na linne, agus rinn mi greim oirre. Ruith mi dhachaidh leatha, agus chuir mi air glùin a màthar i. Thainig an doctair, agus rinneadh a h-uile rud a ghabhadh deanamh rithe; ach cha tugadh rud sam bith air ais a beatha.

Dhfhàg bàs na h-ighinn anabarrach brònach mi. Agus fad ùine mhath an uair a bhiodh Mairead is Andra nan suidhe aig abhord ri ar taobh, bhiodh cràdh air mo chridhe; oir an uair a bhithinn acur rud air na trinnsearan dhaibh, bu tric leam rud a chur air an treas trinnsear, mar bu ghnàth leam a dheanamh mun do bhàthadh Sìne.

Ghabh a màthair bàs an leinibh mòran na bu mhò gu cridhe na ghabh mise. Fad bhliadhnachan bha i glé throm-inntinneach, agus bha icnàmhs adol as a h-uile latha. Chomhairlicheadh gu làidir dhi a dhol do àite faisge air achladach far am faigheadh i cothrom air a bhithg a faragadh fheth anns an t sàile. Agus on a bha càirdean aice ann am Portobello, thug mi oirre a dhol ann fad seachdain no dhà anns an t-samhradh.

Bha Mairead aig an àm mu ochd bliadhna deug, agus bha Andra mu chòig bliadhna deug; agus on a bha mismaointean gum bfheairrd iad le chéile a dhol gu cois na mara, leig mi leotha falbh comhladh ri am màthair.

Bha iad air falbh fad mhios, agus tha milàn-chreidsinn gun drinn e feum mòr do Shìne. Ach chuir an turus a thug iad ann dragh is cosgais gu leòr ormsa.

Thainig atharrachadh mòr air Maireid anns gach dòigh. Babhaist dhi a bhith roimhe sid cho sunndachs cho beothail ris an uiseag mu Bhealltainn; ach a nis is gann gun robh i toileach a lamh a chur ann an car obrach. Shuidheadh i leatha fhein, agus a làimh paisgte, agus coltas bròin is mi-thoileachaidh air a gnùis. Cha burrainn domh fhìn no da màthair a dheanamh am mach ciod a bhacar dragh oirre.

Cha be suidheachadh Andra dad a bfhearr. Cha rachadh dùnadh air a bheul o mhoch gu dubh ach abruidhinn air an fhairge. Agus an uair a gheibheadh e an cothrom, bhiodh e seòladh bhàtaichean anns an allt.

An uair a bha iad ann am Portobello, chaidh e uair no dhà gu ruige Lìte, agus chunnaic e soithichean, agus dhfheumadh e air a h-uile cor a bhithna sheòladair. Ach chan fhuiliginn-sa guth no iomradh a chluinntinn air a leithid. Bhamhàthair agus a sheanamhair acheart cho fadan aghaidh dha a dhol gu fairges a bha mi fhin. Dhfhuiling sinn gu leòr on allt a bhaig an dorus againn gun ar n-aon mhac a leigeadh an earbsa ris achuan mhòr. Air a shon sin, cha robh buaidh sam bith aig ar bruidhinn air. Cha rachadh dùnadh air a bheul ach ag ràdh, “Feumaidh midhol a sheòladh.”

Air oidhchàraidh cha dthainig e dhachaidh thun a shuipearach mar a bàbhaist dha. Chuir sinn forofhais am mach am measg nan coimhearsnach feuch am faighte sgeul air, ach cha chuala neach sam bith guth no iomradh ma dheidhinn. Bha sinn uile ann am fior dhroch staid. Agus bhuail e anns an inntinn agamsa anns amhionaid gur e teicheadh gu muir a rinn e. Chuir mi an diollaid air an each, agus mharcaich mi gu cabhagach gu ruige Lìte, ach cha robh fhios aig duine air dad ma dheidhinn.

Chuir an gnothach a bhann gu trioblaid mhòir sinn. Agus faodar a thuigsinn cho cruaidhs a bhan gnothach oirnn an uair a dhinnseas mi dhut gun deachaidh corr is bliadhna seachad mun cuala sinn guth uaithe. Agus becheud iomradh a chuala sinn ma dheidhinn litir a sgrìobh e fhein ugainn á Bengal. Chuir sinn achairt gu ruige Dunse a dhiarraidh rudan a bha dhìth oirnn, agus thug an gille a bha leis achairt an litir dhachaidhna phocaid. Is math a tha cuimhnagam mar a thainig Sìnena ruith, agus an litir aice fosgailtena laimh, far an robh mi fhìns na daoine a bhatannachadh na turneip, agus iglaodhaich, “A Dhaibhidh! a Dhaibhidh! so litir a thainig o Andra!”

Leugh i! leugh i!” ghlaodh mise, agus mo shùilean an impis a bhith dall le aoibhneas.

Ach cha be mar a theich Andra air falbh an aon trioblaid a bhagainn ri ghiùlan aig an àm ud. Mar a bha mig innseadh, thainig atharrachadh mòr air Maireid on a thainig i á Portobello. Beagan ùine na dheigh sin thòisich fleasgach òg ri tighinn mun cuairt an taighe. Bha Sìne ag ràdh gun do thachair e riutha uair is uair fhads a bha iad ann am Portobello. Bhaathairna mharsanta ann an Duneidionn, agus thainig am fleasgach òg a dhfhuireach do thaigh coimhearsnaich dhuinn. Bha ecumail am mach gur ann a dhionnsachadh tuathanachais a thàinig e. Bha e glé spaideil, aotrom, gòrach, agus cha bu toigh leam idir e. Ach bha Mairead, an creutair gòrach, gus a dhol glan as a ciall ma dheidhinn. Moch is anamoch bhiodh etachairt rium aig an taigh, agus thuirt mi ris nach burrainn domh leigeadh leis, no le fear sam bith eile, a bhithn taobh a staigh dhe mo dhorsan aig a leithid de dhuairean.

Bhan obair so adol air aghart, ma ta, fad corr is bliadhna; agus a dhaindeoin na bha mideanamh, bhiodh e fhein is Mairead an comhnuidh ann an cuideachd a chéile. Mu dheireadh sguir e de thathaich an taighe, agus cha deanadh Mairead car ach atuireams acaoineadh.

Fhuair mi am mach nach robh e deònach a pòsadh, an deigh dha gealltanas pòsaidh a thoirt dhi, mur faigheadh e mìle punnd Sasunnach de thochradh leatha. Cha robh en comas dhomhsa uiread sid de thochradh a thoirt do mnighinn, agus idir cha robh toil agam suim cho mór sid a chur ann an lamhan fir a bha cho aotrom, neo-stéidheil risan. Ach thainig Sine far an robh mi, agus isileadh nan deur; agus thuirt i:

Oh, Dhaibhidh! feumaidh sinn an dara cuid dealachadh ris amhile punnd Sasunnach, ar neo caillidh an nighean a beatha agus nàire.”

Ged a chuirteadh asgiannam chridhe cha bhithinn cho cràiteachs a bha mi an uair a chuala mi am facal naire! Mar athair, ciod a burrainn domh a dheanamh! Phàigh mi an t-airgiod dha, agus phòs iad.

Chaneil feum sam bith dhomh teannadh ri innseadh mar a chaidh am fearannnam aghaidh. Aona bhliadhna araidh, bham barr cho donas nach bfhiach dhomh a thoirt bhar an achaidh. Anns agheamhradh thachdadh corr is fhichead caora fon t-sneachda. Mu dheireadh cha burrainn mi am màl a phaigheadh gu riaghailteach, agus thuit mi ann an ain-fiach trom. Reiceadh an t-innsreadh, an stoc, agus a h-uile rud a bhuineadh dhomh ris an t-saoghal, gus ain-fiach amhàil a phaigheadh. An latha mun do reiceadh gach ni, dhfhalbh mi le cridhe brònach as an taigh anns an dàraicheadh mo phàisdean, gun dad agam ach na bheirinn leamnam laimh, agus mo bhean air an dara làimh, agus a seana mhàthair bhochd air an laimh eile! Agus dhùin am maor-siorram an dorusnam dhéigh.

Chaidh sinn gu ruige Coldstream far an do ghabh sinn seòmar beag, agus cheannaich feadhainn dhe na càirdean rud dhen innsreadh a bhagainn fhin, agus thug iad dhuinn e gus a chur anns an t-seòmar.

Bha sinn glé ghann dhe na h-uile rud. Cha sealladh an duine aig Maireid an taobh a bha sinn, agus cha mhò a bheireadh e an cuideachadh bu lugha dhuinn. Cha robh en comas do Mhaireid cuideachadh a dheanamh leinn.

Cha robh dòigh sam bith agam air tighinn troimhn t-saoghal mur tòisichinn air an obair-latha; agus bha midol a dhiarraidh obrach an uair a thainig litir o Andra anns an robh leith-cheud punnd Sasunnach. Shil Sine iomadh deur os cionn na litreach ud. Dhinnis e dhuinn gun robh ena mhate air luing mhòir, agus dhiarr e oirnn ar n-inntinn a chumail aig fois; oir fhads a bhiodh sia sgillinn aige, gun tugadh e an dàrna leith dhith dha athairs dha mhàthair.

Chosg an duine aig Maireid a h-uile sgillinn a thug mise dha, agus na thugathair dha mar an ceudna; agus air eagal gun cuirteadh ann am prìosan e, theich e, agus dhfhàg ebheans a chlannna dheigh. Thainig iad a dhfhuireach comhladh ruinne: agus fad choig bliadhna cha chualas iomradh air.

Dhfhosgail sinn bùth, agus bha sinn asoirbheachadh glé mhath.

Mu shia bliadhnana dhéigh so, air oidhcháraidh an deigh dhomh abhùth a dhùnadh, agus sinn uilenar suidhe man cuairt an teine, chuala sinn bualadh aig an dorus. Chaidh aon den chloinn aig Maireid a dhfhosgladh an doruis. Thàinig dithis dheoin-uaisle steach. Leig Mairead glaodh aisde, agus leig fear dhe na daoine e fheinna shìneadh aig a casan.

A mhàthair! ’athair!” arsam fear eile, “am bheil sibhgam aithneachadh?”

Co bhann ach Andra agus an duine aig Maireid!

Leum minam sheasamh, leum Sìnena seasamh; agus dhéirich an t-seana bhean cho cabhagachs a burrainn i, agus leig achlann an aona ghlaodh asda, na creutairean bochda.

Rug mise air Andra, agus rug a mhathair air, agus shil sinn deòir an aoibhneis.

Cha robh mi oidhche riamhnam bheatha cho aoibhneachs a bha mi an oidhchud. Bha Andrana sgiobair luinge. Ghabh an duine aig Maireid aithreachas dhe chuid gòraiche, agus bha e glé mhath dheth anns na h-Innsibh. Chaidh a h-uile rud a chur ceart, agus shoirbhich gu math leis an teaghlach uile riamh on uair ud.

(Achrioch.)



[195]

[Vol . 10. No. 26. p. 3]

Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHANA CHADAL.

CAIB. XIII.

THA leithid de chabhaig ort gu bruidhinn,” arsAbon Hasan, “ ’s nach feith thu gus an soilleirich mise dhut ciod a thanam bheachd a dheanamh. Biodh foighidinn bheag agad, agus bidh fhios agad gum bi thucheart cho deonach bas fhaotainn mar a gheibh mise; oir faodaidh tuthuigsinn nacheil mi ach adol a leigeadh orra gum bheil mi marbh.”

Mas ann mar mhagadh a tha thudol a dhfhaotainn bais, tha mise toileach gu leor deanamh mar a ni thu fhein; ach cha robh mi idir deonach am bas fhaighinn da rireadh.”

Dean air do shocair, agus innsidh mi dhut ciod a thanam bheachd a dheanamh,” arsAbon Hasan. “Leigidh mi orm gum bheil mi marbh, agus cuiridh tusanam shineadh mi, agus mo chasan rathad Mheca. Cuiridh tu mo cheann-aodach air maodann, mar gum biodh tu air mo dheanamh deiseil air son mo thiodhlacadh. An uair a ni thu so, toisichidh tu ri glaodhaich aird do chlaiginn, agus ri sileadh nan deur mar a ni daoine an uair a gheibh an cairdean bas. Bileigeadh ort gum bheil thu toileach daodach a shracadh; agus dfhalt a spionadh, agus le dfhalt sgaoilte mu dghuaillean theid thu far am bheil Sobaide. Feoraichidh i dhiot car son a tha thu rileithid de bhron; agus an uair a dhinnseas tu dhi, agus tug osnaichs ag ochanaich, gum bheil mise marbh, gabhaidh i truas dhiot, agus bheir i dhut airgiod gus misechur fon talamh, agus pios a dhaodach ro luchmhor gus a chur thairis orm, a chum gum bi mi air madhlacadh leis abharrachd urram, agus mar an ceudna, aodach riomhach a ni trusgan broin dhut fhein an aite an fhir a tha thudol a shracadh. Cho luaths a thig thu air ais leis an airgiods leis an aodach, eiridh mise, agus laidhidh tusanam aite, agus theid mi far am bheil an righ, agus ni mi air mar a ni thusa air Sobaide. Agus tha micreidsinn gum bi an righ acheart cho fialaidh ri Sobaide fhein.”

An uair a shoilleirich Abon Hasan don mhnaoi an rud a bhana bheachd a dheanamh thuirt i ris: “Tha mismaointean gur e deadh chleas a thann, agus mureil mi air mo mhealladh, bheir e air an righ, agus air Sobaide, gum bi am barrachd tlachd aca dhinn. Deanamaid mar a tha thusag iarraidh. Leig thusa leamsa mo chuid fhin dhen obair a dheanamh; agus theid min urras gun dean mi mo ghnothach acheart cho math riut fhein.”

Chord an gnothach a bha iad acur rompadheanamh gle mhath ri Noushatal, agus thuirt i ri Abon Hasan: “Cuir dhiot gun dail a h-uile snaithlethumad ach do leines do dhrathais fhads a bhios misefaotainn an anairt air doigh. Tha fhios agam cho math ri neach sam bith cia mar is coir adhlacadh a dheanamh: oir fhads a bha minam shearbhanta aig Sobaide, an uair a gheibheadh aon dhe mo cho shearbhantan bas, bann rium a bhan t-adhlacadh air earbsa.”

Rinn Abon Hasan mar a dhiarr a bhean air, agus leig e e-fhein air a dhruim direach air an anart gheal a sgaoil i air meadhain an urlair. An uair a phaisg e a lamhan airuchd, chuir a bhean an t-aodach mairbh mun cuairt da. Sgaoil i anart tana geal, agus a cheann-aodach airaghaidh, air dhoigh gum faigheadh eanail a tharruinn gu math. Agus cha robh dad ri dheanamh ach a chur anns achiste.

N a dheidh so, thilg i dhith a comhdach-cinn, agus le deoir air a suilean, agus le a falt sgaoilte ma guaillean, agus i mar gum biodh i dol ga spionadh aisde, dhfhalbh i far an robh Sobaide, le glaodh cruaidh, goirtna ceann, agus i bualadh a h-aghaidh agus a h-uchd.

An uair a chuala Sobaide an glaodh cruaidh, goirt a bhaig dorus an t-seomair aice, chuir i te dhe na searbhantan a dhfhaicinn co bhann, agus dhinnis an t-searbhanta dhi gum be Noushatal a bhann.

Ghrad dheirich Sobaide, agus chaidh i gu dorus an t-seomair feuch am faigheadh imach ciod a thachair. An uair a chunnaic Noushatal Sobaide, thoisich i ri glaodhaichs ri sileadh nan deur na bu bhraise na bha i riamh, agus an uair a thug i greiseag air spionadh a fuilt, agus air bualadh a h-aghaidh agus a h-uchd, thilg i i-fhein aig casan Sobaide.

Ghabh Sobaide uamhas an uair a chunnaic i mar a bha, agus dhfheoraich i dhith ciod a thachair.

An aite freagairt a thoirt dhi, is ann a thoisich Noushatal ri tuireams ri caoidh nas mo na bha i roimhe; agus mu dheireadh dhfheuch ì, ma bfhior, ri stad a chur oirre fhein, agus thuirt i: “Ochan! mo bhan-mhaighstir ghaolach, cha burrainn mi-fhortan bu mho tighinn ormsa na na thainig orm an diugh. Agus is e sin a thatoirt orm mi-fhin a thilgeadh sios aig thur casan. Gun cuireadh Dia fad ri thur laithean, agus gun tugadh e dhuibh slainte agus sonas fad thur laithean! Abon Hasan! Abon Hasan bochd! air an robh meas cho mor agaibh, agus a cheadaich sibh dhomh a phosadh, tha en diugh marbh.”

An uair a labhair Noushatal na briathran so, thoisich i ri guls ri caoidh, agus thilg i i-fhein rithist sios air an lar aig casan na banrigh.

Ghabh abhanrigh ioghnadh anabarrach an uair a chuali an droch naigheachd.

An e gum bheil Abon Hasan marbh?” arsise; “duine cho slan, cho fallainn, agus cho tlachdars a burrainn a bhith. Gu cinnteach ceart cha robh duil sam bith agam gun tigeadh am bas air cho luath. Bhacholtas air gum biodh e gu math fada beo agus bu mhath a bairidh e air a bhith fada beo.”

Thoisich i fhein ri guls ri caoidh mar a rinn a h uile aon dhe na mnathan-coimhideachd, oir bha cuimhne mhath aca air achomhradh thaitneach a bhiodh aig Abon Hasan an uair a rachadh e, comhladh ris an righ, do sheomar na banrigh. Bha iad uile gle thursachga chaoidh.

Mu dheireadh labhair Sobaide mar so ris abhantraich, agus thuirt i: ‘A bhean aingidh! is docha gur tu fhein bu choireach ri e dhfhaotainn abhais! Chuir thu dragh air le do dhroch nadar, agus mu dheireadh chur thu am bas air.” Bha Noushatal acumail am mach gun do chuir na briathran so doilghios mor oirre, agus thuirt i: “Ah! bhaintighearna, cha chreid mi riamh fhathast gun dthug mi an t-aobhar bu lugha do bhur morachd am beachd sin a ghabhail orm. Theirinn gur mi-fhin boirionnach cho olcs a thair an t-saoghal nan creidinn gun deanainn na tha sibh ag radh. Bha meas mor agam riamh air Abon Hasan, mar bu choir a bhith aig mnaoi air fear dom biodh gradh aice. Tha mi cinnteach gun robh acheart uiread de mheas agus de ghradh agam airs a bhaige fhein ormsa. Tha milan-chinnteach gun togadh e fianuis leam anns achuis so nan robh e beo; ach abhaintighearna,” arsise’ “thainig an t-am, agus be sin a baobhar gun do bhasaich e.”

Thug Sobaide an aire gun robh Noushatal, fhads a bha ina seirbhis, cho ciuin, cho siobhalta, agus cho tlachdar anns gach doighs a burrainn a bhith, agus bha fhios aice gun robh i gu nadarra mar sin. Chreid i a h-uile facal a thuirt i rithe, agus dhordaich i don fhear-ionmhais ceud bonn oir a thoirt dhi, agus pios de dhaodach ro riomhach.

Gun dail sam bith thugadh do Noushatal an t-ors an t-aodach riomhach, agus cho luaths a fhuair i e, thilg i i-fhein air an urlar aig casan Shobaide, agus thug i mile taing dhi.

Bi falbh,” arsa Sobaide, “agus cuir an t-aodach sin thairis air corp do chompanaich, agus cosg an t-or richur fon talamh leis an urram air am bheil e dligheach. Na bi idir cho bronachs a tha thu, agus bheir mise an aire nach bi eis sam bith ort.”

Cha bu luaithe a fhuair Noushatal am mach a lathair na banrigh na thoisich i na deoir bhar a gruaidhean, agus thill i dhachaidh le mor-aoibhneas a dhinnseadh do Abon Hasan mar a chaidh leatha.

An uair a rainig i dhachaidh agus a chunnaic i Abon Hasanna shineadh air meadhain an urlair, thoisich i ri gaireachdaich gu cridheil. Ruith i far an robh e, agus thuirt i ris grad eirigh gus gum faiceadh e cho maths a chaidh an gnothach leatha.

Dheirich e gu grad, agus bha aoibhneas gu leor air an uair a chunnaic e cho maths a shoirbhich leatha.

Cha burrainn i cumail oirre fhein an deigh cho maths a chaidh an gnothach leatha, agus thuirt i ris, agus igaireachdaich, “Eirich as asin cho luaths a rinn thu riamh, agus leig leamsabhith marbh na daite, agus faiceam gun toir thusa an car as an righ cho maths a thug mise, an car as abhanrigh.”

Sin agad nadar nam mnathan gu leir,” arsAbon Hasan; “faodar a radh le firinn gum bheil iad acreidsinn gun dean iad a h-uile rud nas fhearr na ni na fir ged, aig acheart am, a chuireas iad an comhairle ris na fir a thaobh a h-uile rud a ni iad. Bu ghnothach iongantach e da rireadh mur rachadh agamsa, an deigh dhomh an t-innleachd a dheanamh, air mo ghnothach a dheanamh acheart cho math riut fhein. Ach na cuireamaid seachad an uine ann am bruidhinn gun doigh mar so. Leig thu fheinnad shìneadhnam aite-sa, agus chi thu gun dean mise mo ghnothach cho math riut fhein.”

Chuir Abon Hasan a bheanna sineadh air an urlar mar a bha e fhein, agus an sin chuir e a cheann-aodach uime mar gun deanadh duine a bhiodh fo throm bhron, agus dhfhalbh ena dheannaibh far an robh an righ. Bhan righ aig an am acumail comhairle maille ri beagan de dhard-mhaithean na rioghachd. Chaidh e thun an doruis, agus on a bha fhios aige gum faodadh e dhol a steach uair sam bith dhfhosgail e an dorus. Chaidh e steach, agus leis an dara laimh bha ecumail a neapaigin ri shuilean, a chum gun saoileadh an righ gun robh e sileadh nan deur gu frasach. Bha e mar an ceudnabualadhuchd agus aglaodhaich mar gum biodh e air a lot le trom bhron.

An uair a chunnaic an righ an staid mhuladach anns an robh Abon Hasan, ghabh e ioghnadh gu leor. Chuir e stad air obair na comhairle, a chum gum faigheadh e mach ciod a bha cearr air Abon Hasan. An uair a chuir an righ ceisd air, thuirt e: “A Cheannaird nan Creidmheach, gun gleidheadh Dia thur morachd air an righ-chathair, air am bheil sibh adeanamh bhur dleasdanais gu cothromach agus gu ceart! Cha b

(Air a leantuinn air taobh 198.)



[196]

[Vol . 10. No. 26. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us cur air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, AM MART 14, 1902.

Call an Africa mu Dheas.

THAINIG call mor air an arm Bhreatunnach an Africa mu Dheas air an t-seachdain so. Chaill buidheann shaighdearan a bha fo cheannardachd an t-Seanalair Methuen blàr a chuireadh ris na Boerich; bha àireamh mhor dhiubh air am marbhadhs air an leònadh, ’s cunntas cheudan air an glacadh. Bha Morair Methuen fhein air a leonadhs air a ghlacadh, ’s tha e nis ann an làmhan nam Boerach. Tha Morair Roberts agus Citchener atoirt deagh chliù air Methuen mar shaighdear treuns mar sheanalair glic comasach; ach feumar a radh gu bheil moran acur sin an teagamh. Besan a rinn mearachd a chuir sgrios uamhasach air na reiseamaidean Gàidhealach ann am blàr Magersfontein. Cha robh soirbheachadh mor sam bith leis aig àm sam bith on thòisich an cogadh, agus than call so a thachairt dha nuair a than t-stri ateannadh ri crìch a toirt air daoine bhi car teagamhach a thaobh a chomaiss a ghliocais mar cheannard airm, ged dhfhaodas e bhi cho treuns cho dileas mar shaighdears bu chòir dha bhith. Faodaidh gu bheil na Gàidheil air mearachd Magersfontein a mhathadh do Mhethuen, ach chan eil iad air a leigeil air diochuimhn’; aguss i bharail a bhios aca nach eil anns amholadh a thatar adeanamh air aig an àm so ach seòrsa de mholadh mairbh.


Cuisean na h-Airden Ear.

THUGADH iomradh anns an àireamh mu dheireadh air cùmhnant a bhi air a sheulachadh eadar Breatunn is Iapan a thaobh Sina. Uaithe sin thainig fios gu robh na Staidean dhen aon inntinn riutha anns achùis sin, agus ged nach ceangail i i-fhein ri cùmhnant sam bith, gum bi i aig gach àm feuma deiseil gus an cuideachadh. Bidh na tri dùthchannan sin an deigh so acumail sùil gheur air deanadais Ruisia anns an àirden ear, agus theid iad, mas fheudar, an guaillibh a cheile a chum Sina a chumail slàn mar a tha i fo riaghladh a sluaigh féin, agus a dorsan fosgailte do mhalairt an t-saoghail. Tha cuid a cur air mhanadh do Shina gun tig i gu bhisan Asia mar a tha an Tuirc o chionn iomadh bliadhna anns an Roinn-Eòrpa, na dùthaich a bu mhiann leis gach aon de na rioghachdan mora a chur á bith, ach air nach toir aon seach aon an ionnsuidh air eagal na rioghachdan eile a ghluasad gu corruich. Feumar a bhin dòchas nach ann mar sin a bhitheas, ach gun ath-bheothaich Sinas gun dean i adhartas a cheadaicheas dhi a h-àite ghabhail an ùine ghearr ann an comhairle nan rioghachdan. Cha mhor an cùnntas bhliadhnaichean on bha Iapan air a meas le rioghachdan na h Eòrpa mar a tha Sina an diugh, ach an deigh so cha bhi e comasach do aon de na rioghachdan sin gluasad sam bith a dheanamh air taobh an ear na h-Asia gun a chùis a chur an toiseach an cead Iapan. Faodaidh e bhith nach eil an latha fad as anns am bi an ceart ni fior mu Shina.


Sgeulaiche nan Caol

THA an leabhar-sgeòil so a tighinn ugainn á Glascho. Tha e air a sgriobhadh gu h-iomlan le Iain Mac Phàidein, fear a chuir eòlas air a luchd-dùthchasan dòigh cheudna roimhe nuair a chuir e machAn t-Eileanach.” Chan eil teagamh nach aithne do àireamh mhor de ar luchd-leughaidh an leabhar sin; agus faodar a radh gu bheil an leabhar ùr pailt cho math ris mur eil nas fhearr. Tha Mac Phàidein na bhàrd cuide ri bhi na sgeulaiche, agus tha àireamh dhe chuid òran anns an leabhar, cuid dhiubh a fhuair duais, agus cuid eilefhuair moladh aigMòdaChomuinn Ghàidhealaich. Tha sgeul ghoirid as an leabhar air a toirt seachad air taobh eile dhen àireamh so. Tha MAC-TALLA aguidhe deagh chreic agus soirbheachadh le’ “Sgeulaiche nan Caol,” agus saoghal fada, feumail da ùghdar.


Sgeul UrsaMhac-Talla

ANNS an àireamh so tha sgeul Dhaibhidh Stiubhaird air a toirt gu crìch. O na chuala sinn, tha sinn acreidsinn gun do chòrd i fior mhath ris an luchd-leughaidh, mar a chòrdas gach sgeul is litir is sgriobhadh eile thig o pheann ar caraid urramaichIain.” Anns an ath àireamh gheibhear a cheud chaibideil de sgeul ùr le Seumas N. Mac-Fhionghain, am fear is ùghdar doAonghas Donn Ghlinn Fraoich.” Neach a leugh an sgeul sin, bidh dùil aige ri deagh thoileachadh fhaotainn ann an sgeul sam bith a thig on pheann a sgriobh i, agus cha bhi e air a mhealladh innte so. Is es ainm dhiIain Mor nan Ord.” Bha an curaidh sin, agus iadsan uile mum bheil an sgeul air a h-aithris, ann ri linn Bliadhna Thearlaich, agus agabhail pàirt an cunnartans an cruadalan nan amannan garbha sin. Cha bhi an t-aithreachas air neach sam bith a leughas muIain Mor nan Ord.”


Roosevelts na Boerich.

MAR a tha fhios aig na h-uile, tha Roosevelt, Riaghlair nan Staidean de shinnsearachd Dùitseach. Agus ni a bha nàdurra gu leòr, bha na Boerich an dùil, nuair a thainig e don dreuchd sam bheil e, gun nochdadh e bàigh rin aobhar nach do nochd Mac-Fhionnlaidh. Thainig dithis theachdairean uapa ga ionnsuidh air an t-seachdain sa chaidh, a chur an càs fa chomhair, ’s aghuidhe gum feuchadh e ri toirt air Breatunn sìth a dheanamh riutha air chumhachan leis am biodh iad riaraichte. Ach cha dfhuair iad misneach chòir sam bith uaithe. Dhéisd e gu foighidneach ris na bha aca ri radh, ach ben fhreagairt a rinn e nach gabhadh na Staidean gnothuch ris a chùis idir, ’s ghuidh e latha math leotha. Tha na teachdairean an deigh cuairt a chur air cùirtean rioghail na h-Eòrpa leis an tagradh cheudna, ach gu ruige so cha do ghabh dùthaich sam bith am pàirt. Tha iad atuigsinn gu math gu feum réiteachadh na cùise a bhi air fhàgail gu h-iomlan an làmhan an Riaghlaidh Bhreatunnaich; agus mar is luaithe thuigeas na Boerich sin, ’s ann is fhearr dhaibh féin agus is luaithe bhios an t-sith air a nasgadh ann an Africa mu dheas. Fhads a bhios sgàile dòchais aca gum faigh iad cuideachadh, feuchaidh iad ri seasamh a mach.


Cabhlach-Cogaidh Bhreatuinn.

THA cabhlach-cogaidh Bhreatuinn asior fhàs am meud. Thatar aig an àm so ag obair air còrr is tri fichead soitheach is bàta cogaidh, agus bithear atòiseachadh air dlùth air deich air fhichead eile romh dheireadh na bliadhna. Bidh crioch air a chur air da fhicheadsa naodh dhiubh am bliadhna. Bidh cosguis an airm-mhara am bliadhna, eadar thogail shoithichean is eile, cho àrd ri $156 , 275,000. ’S e $54 ,375,000 an t-suim a chosg e an uiridh.


Sloigh an t-Saoghail.

FAODAR slòigh an t-saoghail a roinn nan tri buidhnean; na Cocàsaich, na Mongolaich, agus na Sudànaich. Tha craicionn geal, donn, no dubh air na Cocàsaich agus tha am bilean tana. Tha craicionn buidhe, donn, no donn-dhearg air na Mongolaich; tha am falt garbh agus dubh; agus tha iad a dheasbhaidh feusaige. Tha craicionn dubh no dubh-dhonn air na Sudànaich is falt camagach, agus tha am bilean tiugh. Tha na Cocàsaich a gabhail a staigh nan daoine geala gu léir agus beagan de dhaoine dubh-chraicneach air a bheil an aon chumadh aodainn ris na daoine geala. Faodar tri roinnean a dheanamh air na daoine geala; na h-Ariaich, na Seamaich, agus na Hamaich. Thainig na h-Ariaich bho Iàfet. An déidh dhaibh tùr Bhabel fhàgail bha iad a còmhnuidh eadar a Mhuir Chaspach agus a Mhuir Dhubh. As a sin sgaoil iad an iar agus an ear. Thainig iad mu dheireadh gu bhith air an roinn mar a leanas; na Cealtaichs an Fhraing agus an Eileinean Bhreatainn; na Gearmailtich anns a Ghearmailts an Lochlann; na Lituanaich an Russias am Prussia; na Slàvaichsa Ghearmailt, an Austria, ’s an Tuirc, ’s an Russia; na Laideannaich, no na Roimhich, ’s an Eadailt; na Greugaichsa Ghréig; na h-Armenianaich an Armenia; na Persaich am Persia; agus na Hindùaich Ariachs na h-Innsibh.

Cha robh dùthaich gus an deach na h-Ariaich anns nach dfhuair iad sluagh romhpa. Cheannsaich iad gach sluagh a thachair orra, ach cha do sgrios iad as iad gu tur. Ghabh iad an nigheanan mar mhnathaibh agus thug iad an nigheanan dhaibh mar mhnathaibh. Chan fheil mar sin sluagh sam bith ann an diugh a tha nan Ariaich as is as, agus is math an gnothach nach h-fheil. Tha e gu feum mor gum biodh sluagh de gach gnè air an cothlamadh am measg a cheile.

Ghabh na Hamaich seilbh air Fenicia, Canaan, an Eipheit, Etiopia, agus Libya, no ceann tuath Africa an iar air an Eipheit. Thainig moran diu don Roinn Eorpa. Is ann diu a bha na h-Ibèrichsan Spàin, na Ligùraichsan Eadailts anns an Fhraing, na h-Etruscaichsan Eadailt, agus ua Pealasgaichsa Ghréig. Thainig na h-Ariaich don Eadailt bho Ghàl, non Fhraing agus tir nan Swiseach, agus cheannsaich iad na Hamaich. Ach bha na Hamaich moran na bu lionmhoire na iad fein. Tha mar sin tuilleadh de dh-fhuil Hamach na de dh-fhuil sam bith eile an cuislibh nam Feadailteach gus an la an diugh. Co dhiu, is e sin beachd Shergi, ard-fhear-teagaisg sluagh-eolais an oilthigh na Roimhe.

A. M. S.



[197]

[Vol . 10. No. 26. p. 5]

Naigheachdan.

SGEULA BAIS ANDREEBha daoine cinnteach o chionn fhada nach bu bheò do Andree, am fear a dhfhalbh am baloon a bhliadhna roimhe a shireadh crann a tuath an t-saoghail. Ach cha robh fhios aca ciod a ghnè bàis a thainig air gus o chionn ghoirid. Tha sgeul a thainig as an fhior àirde tuath ag innse gun deachaidh a mharbhadh leis na h-Escimos.

BACADH CREIC DEOCH LAIDIRTha a dha de Roinnean Chanada an deigh laghannan-bacaidh a dheanamh a thaobh deanamh is creic deoch làidir. Ann an Eilean aPhrionnsa, tha an lagh air a chur air obair cheana; ach ann am Manitoba tha an lagh a rinneadh ri bhi air a chur an cead an t-sluaigh mun teid a chur an greim. Tha Pàrlamaid Ontario aig an àm so adealbh achd air son an aobhair cheudna, ach cha bhi e air a ghabhail mar lagh gus an cuir amhor chuid den t-sluagh an aonta ris.

SOITHEACH GUAIL AIR A CALLDhfhalbh an soitheach-smùide Tiber á Louisburg Di-ciaduin, an siathamh latha fichead dhen mhios a chaidh, ’s i dol le luchd guail do Halifacs. Cha drainig i a ceann-uidhe riamh, agus tha fiodh briste a chuireadh air tir leis a mhuir ag innse gun deach a call air a turus. Bha fichead duine de sgioba oirre, agus chan eil teagamh nach robh iad uilair am bàthadh. Bhuineadh an soitheach do Mhontreal, agus bu Fhrangaich Chanadach an àireamh bu mhotha dhen sgiobabhoirre.

STRIKEANN AM BOSTONAir an t seachdain so sheas àireamh mhor de luchd-laimhseachaidh is tarruinn bathair is nithean eile a mach ann am Boston a diùltadh obrach. Bhatar ameas gu robh mu dheich mile fichead duine mach, agus bha am baile an éis mhoir fad dha no tri lathaichean. Bha taighean-òsda is àiteachan dhen t-seòrsa sin a fulang gu mor le cion guail. Ach bha riaghailt mhath air na daoine fhadsa bha iad a mach, agus cha robh aimhreit no làmhachas làidir sam bith nam measg. Tha iad roimhe so air a dhol a dhobair.

TUILLEADH OIRSA CHLONDAICTha fiosan a thainig á baile Dawson o chionn ghoirid ag innse gu bheilear aig an àm so a faotainn an òir nas pailte na bhatar ga fhaotainn o chionn còrr is bliadhna. Tha e nas doimhnesan talamh na far an robhtar ga chladhach roimhe, agus tha e anabarrach beairteach. Thug aon duine nach coig mìle deug dolair an uachdar le obair aon latha, agus fhuaireadh fiach sia ceud dolair a nighe á aon làn pan den ùir. Ma thionndaidheas moran àiteachan a mach cho math sin, theid daoine nam breislich mun Chlondaic mar nach deach iad riamh roimhe.

MARCONI AIR TILLEADHTha Marconi aig an àm so ann an Ottawa, agus bidh e ann an Ceap Breatunn deireadh na seachdain so. Tha an t-àrd-riaghladh agealltuinn cuideachaidh dha, ach chan eil fhios fhathast uiread. Tha eg ràdh, nach leig e leas a bhin éis, ged nach fhaigheadh e cuideachadh o Chanada idir, gu faigh e na dhfhoghnas de dhairgead anns na Staidean is ann am Breatunn. Chan eil teagamh sam bith aige nach soirbhich leis anns an obair. Tha eg radh gum bina chomas fiosan a chur do dhàiteachan a tha cho fad air falbh riCape Town,an ceann a deas Africa, agus nach eil orrasan a tha cur sin an teagamh ach nach eil iad atuigsinn mar a than t-inneal ag obrachadh.

DROCHAID AIR CAOLAS CHANSOTha e gle choltach, aig an t suidhe so den àrd-phàrlamaid, gum bi cuideachd air a corpachadh air son drochaid a chur air Caolas Chanso. Tha eilean Cheap Breatuinn a nise tarruinn barrachd airesa bàbhaist, oir tha moran obrach adol air adhart ann, agus bhiodh e feumail a thoirt gu bhi cho deiseil don chuid eile de Chanadasa ghabhadh deanamh. Tha an t-aiseag aig a Chaolas acur maille mhor air falbh is tighinn luchd-turuis, agus mar is luaithe theid drochaid a chur tarsuinn air, ’s ann is fhearr. Chan eil teagamh nach e an t àrd-riaghladh bu chòir an drochaid a thogail, oirs ann don dùthaich a bhuineas an rathad iaruinn air gach taobh dhi; ach mur bi iad deònach a togail air cosd na dùthcha, chan eil teagamh nach toir iad deagh chuideachadh don chuideachd a ghabhas an obair as laimh.

TEINE ANN AN LOUISBURGBha teine caillteach ann an Louisburg maduinn Di-dòmhnaich sa chaidh. Bha togalach tri-lobhtach anns an robh stòr agus àite-còmhnuidh air a losgadh gu làr. Bha an stor air a cumail le Max Fried, agus bha na bhinnte de bhathar air a chall gu h-iomlan, fiach tri mìle dolair. ’S e fear Dixon aig an robh a chòmhnuidhsan taigh, agus chaidh sàbhaladh caol air fheins air a theaghlach. Bha innsridh an taighe air a chall.

NAIGHEACHD MHULADACHThachair ni muladach ann am Montane, Cuebec, toiseach na seachdain so. Bha taigh anns an robh fear Artar Bouchards a theaghlach acòmhnuidh air a losgadh, agus cha dfhuair neach as lebheatha ach Bouchard fhein. Shàbhail esan le leum am mach air uinneig. Bha a bheans a naodhnar chloinne air an losgadh gu bàs. Chuir an call uamhasach a thainig air an duine bhochd inntinn air amhreit, agus tha e nise gu tur as a rian, ’s gun chomas air innse ciamar a thachair.

SOITHEACH-IASGAICH AIR CHALLSheòl an soitheach iasgaich Alva á Gloucester, Mass., o chionn còrr is sia seachduinean, agus cha dfhuaireadh sgeul oirre uaithe sin. Bha i ri bhi air falbh aig an iasgach mu thri seachduinean. Chan eil teagamh sam bith a nise nach deach a call. Bha ochd duine deug de sgioba oirre, agus bhuineadh iad uile ach dithis do Nobha Scotias do Cheap Breatunn. Bhan dachaidhean aig a mhor chuid diubh mu Chaolas Chanso. Be an sgiobair a bhoirre Uilleam Domhnullach á Mulgrave.

IASGACH NAN RONTha iasgach nan ròn a tòiseachadh an Newfoundlands an Labrador an diugh. Dhfhalbh achabhlach-iasgaich á acarsaid St. Johns Di luain sa chaidh. Latha no dha roimhe sin chaidh mu thri mìle de na h-iasgairean a bha gu falbh air na soithichean an aghaidh obrachadh gun tuilleadh tuarasdail fhaotainn. Mhears iad troimhn bhaile gu lùchairt an Riaghlair, ’s chuir iad an càs fa chomhair. Chaidh cùisean a shocrachadh Di-luain; fhuair na h-iasgairean àrdachadh tuarasdail, agus sheòl na soithichean an deagh àm.

CREIC MHOR GUAILThatar ag aithris gu bheil cuideachd aghuail an deigh còrdadh a dheanamh ri cuideachd an C.P. R. air son creic leth millein tunna guailsa bhliadhna gu ceann choig bliadhna, ’S e coig ceud mile tunna an tomhas as lugha cheannaichear an aon bhliadhna, agus faodaidh gum bi e cho àrd ri ochd ceud mile tunnasa bhliadhna. Bha an C.P. R. roimhe so aceannach on chuideachd da cheud gu leth mile tunnasa bhliadhna, agus gafhaighinn air 35c. an tunna nas lugha na bhios iad apàigheadh air fon chòrdadh ùr. Tha margadh aghuail, a reir gach coltais, gle mhath, agus na prisean ag eirigh.

PARLAMAID NOBHA SCOTIAChan eil moran de chùisean cudthromach air beulaobh na pàrlamaid so agus tha dùil gum bi i asgaoileadh mu dheireadh a mhios. Tha moran am barail gum bu chòir do na tri Roinnean Iochdarach, —Nobha Scotia, New Brunswick, agus Eilean a Phrionnsa, a bhi air an tàthadh ri cheile mar aon Roinn, le aon Riaghladh agus aon Phàrlamaid. Chaomhnadh sin moran airgeid gach bliadhna agus bhiodh cùisean pailt na bfhearr air gach dòigh. Chan eil uiread sluaigh anns na tri Roinnean sosa tha ann an Ontario no ann an Cuebec, agus car son a bhiodh aca ri bhi cumail suas thri Pàrlamaidean leis gach cosguis a than ceangal riutha?

ABHREAC PAILTCha chluinnear moran iomraidh air an euslaint so ann an Roinnean Iochdrach Chanada air an àm so, ach tha i gle phailt ann an cearnan eile. Ann an Ontario bha còrr is seachd ceud nan laidhe tinn leatha air a mhios a chaidh seachad. Cha do dheug dhen àireamh sin ach aon duine. Tha i mar an ceudna gle phailt ann an Cuebec. Anns na Staidean bfheudar am moran àiteachan na sgoileans na h-eaglaisean a dhùnadh. Tha i anns an t-seann dùthaich cuideachd, agus am baile mor Lunnainn tha i ag aobharachadh moran bhàs. Tha uiread sluaigh daonnan air an fhalbh eadar gach cearna dhen t-saoghal, ’s gu bheil tinneas gabhaltach soirbh a sgaoileadh, agus nas doirbhe chur fodha na bha es na h-amannan a dhfhalbh.


Litir a Loch an Fhuamhair.

FHIR-DEASACHAIDH UISEILGed nacheil annnamsa ach tuathanach gun mhoran sgoile no comas air sgriobhadh Gàilig ach na dhionnsaich mi le bhileughadh MHIC-TALLA, tha min dòchas nach dean sibh tàir air mo litir. Tha deagh fhios agam gur math ler luchd-leughaidh iomradh fhaotainn air sliochd nan laoch a thainig a nall as an t-seann dùthaich bho chionn fada do dhAmerica, agus leis a sin bheir mi cùnntas goirid air teaghlach no dha a thainig á Mùideart bho chionn tri fichead bhliadhna, agus a ghabh còmhnuidh aig Loch an Fhuamhair, ann an siorrachd Guysboro, N. S.

Be Aonghas Mac Isaic a cheud fhear a shuidhich aig an Loch. Theirteadh Aonghas Bàn Sanirisey ris ann am Mùideart. Anns a bhliadhna 1843 dhfhàg e fheins a theaghlach Mùideart agus thàinig iad gu America. Thog e mòran de dhfhearann coille aig an Loch, gu leòr fearainn gu bailem fear a thoirt da shianar mhac. Tha oghaichean a nis a gabhail comhnuidh air na bailtean so agus a deanamh gu ro mhath. Tha triùir de mhic Aonghais a làthair: Domhnull, Aonghas agus Alasdair, no Alasdair Bàn, mar a their sinn ris. Ged nach robh Alasdair Bàn ach gle òg a fàgail Mhùideart, cha do leig e air di-chuimhne na chunnaic agus na chuala e an Tir nam Beann. Bha e ro mheasail air ceòl na pìoba, agus chum e cuimhne air mòran de na puirt a bhiodh ecluinntinn aig na pìobairean air bòrd nan soithichean. Bhiodh edeanamh feadain de bhioran ùinnsinn anns an cuireadh e ribheid de dhfhodar coirce, agus leis an fheadan so chluicheadh e gu sunndach. Bha Alasdair a miannachadh pìob a bhi aige, ach cha ghabhadh pìob fhaotainnsan dùthaich, agus chosgadh e mòran airgid cur a dhAlbainnga sireadh, agus smaoinich e gun deanadh e pìob dha fein. ’S ann mar sin a bha. Fhuair e fiodh agus tora, craicionn caorach agus linndeanan, ’s rinn e pìobs dhionnsuich e a cluich. Faodaidh mi innseadh gur i cheud phìob a chuala mi-fhin riamh. Cha bfhada gus na ruith fathunn feadh na dùthcha gun robh ceòl tiamhaidh na pìoba ri cluinntinn aig Loch an Fhuamhair. Aguss e bhann nach biodh procession no election no pic-nic aig nach biodh Alasdair Bàn agus aphìob; agus neo- ’r-thaing mur biodh e aig na bainnsean, acur gach bodach is cailleach a dhannsa, agus iad a saoilsinn gun robh iad òg a rithist.

Tha teaghlaichean eilann bu deireannaiche a thainig am mach air an toir mi cunntas anns an ath litir. Ach faodaidh mi ràdh ma tha neach sam bith de luchd leughaidh MHIC-TALLA deònach seachdain no dha a chur seachad ag éisdeachd òrain Ghàilig, sgeulachdan, agus pìobaireachd, thigeadh en so mu Nollaig, agus theid mise an urras nach bin t-aithreachas air air son a shaoithreach. Is mi do charaid dìleas,

AN TUATHANACH RUADH.


IASGACH AN SGADAINBha an uair glé stoirmeil na seachdain gu sònruichte ann an cuid do chearnan, ach anns an iar-thuath bha na h-iasgairean ro fhortanach. Air taobh siar Leòdhais fhuair iad meall mor éisg agus airgead gle mhath air a shon mar an ceudna. Tha e air a ràdh cuideachd gun robh an sgadan mòr agus do sheòrsa math. Thainig bàtan o Bhuic rathad Leòdhais agus fhuair iadsan mar an ceudna toradh math air an saothair. Chuala sinn gu tric ann am bliadhnachan roimhe gun robh na h-Eileanaichsan iar aon chuidnan gealtairean air muir no nach robh bàtan mòr, làidir, ceart aca. Cha do chreid sinn riamh nach robh na h eileanaich cho dàna air muir riuthasan a bhiodh atighinn on àird an ear; ach bha e soilleir nach robh aon chuid bàtan no lìn aca mar bhaig an fheadhainn eile. Tha cùisean air atharrachadh an diugh; agus tha ena thlachd gum bheil soirbheachadh math co-dhiù air abhliadhna so aig na h-iasgairean bochd anns an taobh tuath. Gun robh buaidh is piseach le saothair an iasgair anns gach àite. —Oban Times,Mart 1.



[198]

[Vol . 10. No. 26. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 195).

urrainn mi-fhortan bu mho tighinnnam rathad-sa na tha air tighinn orm an diugh. Ochan! Noushatal, a thug sibh, ann thur mathas, dhomh mar mhnaoi gus a bhith maille rium ri mbheo, Ochan!” An uair a thuirt e so, leig e air gun robh a chridhe air a lionadh cho mor le brons nach burrainn en corr a radh, agus thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach.

Thuig an righ air dhoigh eiginn gum bann a dhinnseadh dha gun dfhuair a bhean bas a thainig Abon Hasan, agus bhacholtas air gun do chuir an sgeul dragh air, agus thuirt e ris: “Gun deanadh Dia trocair oirre; bha ina deadh shearbhanta, agus thug sinn dhut i a chum do dheanamh sona. Bairidh i air a bhith na bfhaide beo.”

An sin thoisich an righ fhein ri sileadh nan deur. Agus an uair a chunnaic Giafar agus maithean eile na cuirte Abon Hasan agus an righ asileadh nan deur thoisich iad fhein ri sileadh nan deur mar an ceudna. Bha iad acaoidh gun dfhuair Noushatal am bas am feadhs a bha i fhein gu slan, fallainnna sineadh anns an t-seomar, agus fadachd oirre gus an tilleadh Abon Hasan a dhinnseadh mar a chaidh gnothaichean leis.

(Ri leantuinn).


Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH, —Than ceartas ag àithne dhomh sgriobhadh a rithist a dhionnsuidh MHIC-TALLA, agus gus géill a thoirt do na nithean a tha air an gabhail a stigh ann an ceartas tha mi air an àm so adeanamh mar sin. Chaneil fios agam gu ro mhath càit an tòisich mi air naigheachdan a thoirt seachad. Ma theid agam air greim a dheanamh orra tha gu leòr ann mas urrainn dhomhsa am faotainn air an àm so.

Tha agam ri innseadh gu bheil sinn air ar dùnadh am mach le sneachda mor o cheann deich làithean. Cha robh na ròidean air an dùnadh cho dona bho cheann mòran bhliadhnaichean. Tha ann an àiteachan torran mor sneachda, gun a bhig innseadh nam breug, a tha coig troighean deuga a dhoimhneachd ann an glinn far am bheil eséideadh leis a ghaoith mhoir on a thainig an stoirm. Bha geamhradh againn an so cho briaghas a chunnaic sinn riamh gus o cheann da sheachdain, ach chan urrainn sinn sin a radh a nis.

Thainig bàs aithghearr air fear Niall Mac Eachainn air an lathan . Ghabh e bhraiceast cho maths a rinn e riamh, agus chaidh e mach gus an spréidh a bhiathadh, agus air dha tighinn a stigh don tigh thilg e e-fein air sofa, agus bha e marbh ann am mionaid no dha. ’S e tinneas a chridhe a thàinig air. Cha chualas tinneas a bhi air riamh. Bha e mu leth-cheud bliadhna dhaois. Dhfhàg e bean agus teaghlach mòr gus a bhiga ionndrainn, agus a mhàthair bhochd, a tha streap suas ri ceithir ficheadsa deich. Tha so a leigeadh ris dhuinn cho furasdas a tha snàthlean caol ar beatha a bhristeadh, agus nach ann an so a tha ar n àite tàimh, agus gum bu chòir do gach neach a bhi deiseil aig àm a theachd, oir thig e an uair nach bi sinn ag amharc air a shon. Chaidh Anna Nic Fhionghainadhlacadh air an lathan anns a bhaile so. Bha i tinn car ùine mhoir. Bha i fuireach leatha fein o chionn bhliadhnaichean, agus cha robh aire cho math aices a dhfheumadh i.

Bha cruinneachadh mor aig Comunn nan Gaidheal o chionn beagan sheachdaineans abhaile bheag so, agus mar a bhios na Gàidheil daonnan, chaith iad an oidhche gu cridheil, sunndach. Bha moran de luchd-seinn á baile Toronto ann. Agus bha Iain Dughlach á Hamilton ann mar an ceudna, aon de na h-organizers aig a chomunn. ’S e fior Ghàidheal a thann, aig am bheil a Ghàilig gu math, agus chaneil e mor as fhein air son a bhithga bruidhinn nas . Fhuair e gu leor dhi ann am Priceville. Tha sinn an dòchas nach bi an ùine fada gus an tig e rithist.

Tha mi faicinn oran gasda bho Dhomhnull Mac Gillemhaol as an àite sosa MHAC-TALLA. ’S e fìor bhàrd a tha an Domhnull, agus tha sinn an dòchas gum bi tuilleadh da obair ri fhaicinn anns aphaipear mun ruith moran ùine.

Tha sinn a cumail suas na Gàilig anns abhaile bheag so cho math ri àite sam bith. Tha Maighstir Mathanachga searmonachadh gach darna Sàbaid, agus mur tig daoinega éisdeachd chan ann aigesan a thachoire.

Bha banais mhor aig Iain Mac Ille-dhuibh, CléireachTownship Glenelg,an roimhe, nuair a phòs a nighean agus Dùghall Mac Cormaic. Tha sinn a guidhe sìth agus sonais don chàraid òig anns an àm ri teachd.

Chaneil fhios gu thainig air Bodachan aGhàraidh o chionn fada. Ma tha e beò agus gu slàn, fallain, bu mhath leinn cluinntinn uaithe ann an ùine gun bhi fada.

Tha mifaicinn gu bheil MAC-TALLA dol do na h-uile cearna dhen t-saoghal far am bheil Gàidheil, agus bu chòir dha bhi mar sin. Tha e nàrach do Ghàidheal a bhi faotainn mòran de phàipearan Beurla agus a bhi di-chuimhneachadh an aon phaipear Gailig a tha air a chur am mach air an t-saoghal. Cinnteach gu leor tha moran de Ghaidheil ann nach urrainn Gàilig a leughadh, ach is ainneamh teaghlach Gaidhealach anns an dùthaich anns nacheil fear an taighe no cuideigin comasach air a leughadh.

Tha mi nis adol a sgur, oir chaneil e feumail litir tuilleadh is fada a sgrìobhadh aig an àm. Tha sinn an dòchas gu bheil am fear-deasachaidh an shlàinte mhath air son a bhi cur ugainn a phaipeir aig gach àm. Slàn leibh gus an cluinn sibh bhuam a rithist.

Is miur caraid,
IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville , Feb. 12, 1902.


De Chuireadh Mulad Ort Latha Fo Bhainnse.

(Sgeulaiche nan Caol.)

IS minig a ghluais an ceum glé aotrom ris aphort mhearsaidh so, ’n uair a bhiodh cuideachd na bainnse a dols atighinn eadar an t-àite anns am biodh am pòsadh agus an t-àit anns am biodh abhanais air a cluich, ged is minig a bha na mìltean de dhastar ri choiseachd aig achuideachd. Baotrom a siubhladh iad, agus chluinnteadh guth an dràsds a rithisd os cionn fuaim nan dos, aseinn,

Ho ros coma leinn co dhiù,
Siubhlaidh shin car anamoch,
Siubhlaidh sinn gu h-aotrom thar an fhraoichs a gharbhlaich,
Siubhlaidh sinn gu h-inntinneachs na h-ighneagan afalbh leinn.

Gu h-aotrom, uallach, iolagach, dhfhalbhadh an òigridh thar na monaidhnean, acumail ceum ri pongan na pioba, agus cha bu ghnàth leis an aosda a bhi dad air deireadh air an òg ann am fealla dhas am fearas-chuideachd. An uair a bhiodh iad sgith acoiseachd, leigeadh iad an anail, le rìghle a dhannsadh aig lianaig réidh aig taobh an rathaid; agus cha bu chulaidh ioghnaidh le neach air bith ged a chitheadh e bodaich liath sgailceach acur na smùid dhiubh adannsadhs am boineitnan dorn.

Ach air latha àraidh, am feadhs a bha cuideachd bainnse adol seachad troimh na bailtean, agus Aonghas bàn pìobaire air an ceann, a cluich gu farumachach nam biodh fhios agadsa, Aonghais, gum bheil leigeil agus togail do mheur air an fheadan afàsgadh cridhe Màiri Dhùghaill, thuiteadh an gaothaiche as do bheul agus am feadan as do mheòir; ach chaneil fios agad air dad de leithidbha Màiri Dhùghaill afritheal da piuthar, ’s i air leaba a bàis; agus an uair a thachradh sin— ’s cha bhiodh e fada, mar a chitheadh gach sùil a shealladh anns an aodann ud a bha cheana mar gum biodh e anns an anartbhiodh Màiri gun phiuthair gun bhràthair, ged nach robh ach gann sia bliadhna o na bha ceithrear bhràithrean agus triùir pheathraichean aice. Agus aig an am sin, bha dùil aig gach neach dam baithne iad, an uair a phosadh am fear a bha piob abhainnsega seinn air an a dhainmich mi, gur h-i Màiri Dhùghaill a bhiodh e toirt air bheul-thaobh amhinistir; ’s chaneil teagamh agam nach robh an gille féin aig an am ud anns acheart bheachd. Ach an sin thàinig achaitheamh ann a h-aon de theaghlach Dhùghaill, agus thug i bhàs; agus mun gann a bha e fon fhòid, bha e soilleir do gach neach, gun robh a h-aon eile dhiù air an rathad cheudna; agus anns an dòigh sin, dhfhalbh aon an déigh aoin gus nach robh a làthair ach an dithis. Thionndaidh a leannan air falbh o Mhàiri, gun a ràdh car son, agus dhfhaoidteadh nach dthugadh an saoghal beum dha air son sin a dheanamh; agus cha robh neachsan dùthaich a shaoil gun robh Màiri Dhùghaill acaoidh a leannain.

Ach an la chuala Màiri pìob na bainnse, cha deach i mach dhionnsaidh an doruis, a shealltainn air achuideachd adol seachad: chaidh i sios gu taobh leapa a peathar; leig i i fein ann a cathair, agus chuir i ceann air uachdar an aodaich làmh ri a piuthair.

Mhothaich a piuthar dhith, agusn uair a chaidh ceòl na pioba as an éisdeachd, shìn an bha tìnn a làmh chaol snaighte a nall agus chuir i air ceann Màiri i, agus chniodaich i a falt. Bhan aig an robh fios gle math nach robh moran làithean aice anns an t-saoghal so, atuigsinn agus afaireachdainn ciod e cor a peathar, a bha i smaointean, aig a cheart am ud, aig an robh mòran da saoghal air thoiseach oirre.

Cha robh smid seanachais eadar an da phiuthair ùine; ach an ceann ghreis, thuirt an bha tinn, “A Mhàiri.” Cha do fhreagair Màiri. Thubhairt i rithis, “A Mhàiri, tha am pathadh orm.” Cha do fhreagairs cha do ghluais Màiri. Thòisich a piuthar air caoineadh, agus chual a mathair i, ’s thàinig i nuas a ceann eilen taighe, “An ann ad chadal a tha thu, Mhàiri,” ars a mathair, “nach eil thu acluinntinn do pheathar acaoineadh?” ’S annna cadal agusna cadal trom a bha Màiri; cha chluinneadh i guth bròin no subhachais gu bràth anns an t-saoghal so tuillidh. Bha Màiri Dhùghaill marbh, ged a shaoil a càirdean agus a luchd-eòlais gun do dhiochuimhnich i leannan a h oige, a h-aon leannan, bha e dearbhta gu leòir gum faodadh ise a rádh mar a dhfhaodadh iomadh h-aon eile a rádh, roimpes as a déigh, agus mar a chuir am bàrd anns na sreathan so:

Gum bheil do chion-falaich
Air maire gach ,
S mo spiorad fo phràmhga ghiùlan.”


Is mór am facal nach toills abhial.



[199]

[Vol . 10. No. 26. p. 7]

Oran Eadar an Sealgair is am Fiadh.

LE FEAR STRATH-MHAISIDH.

AN SEALGAIR.

Dheirich mi moch anns a mhaduinn
Gu h-airtnealach, pràmhail,
Dhireadh am mach ris a mhullach,
S gur muladachtha mi
Gun bhisan eideadh a chleachd mi,
Ach mar bhaigeir Gallda;
Chan aithnich urad nam fiadh mi,
S fiadhaich leo a dhfhàs mi.

AM FIADH.

So mar labhair fear nan cabar,
Stad air tais mar tha thu,
A nàile bheirinn-sort comhairl
Mar choimhearsnach càirdeil;
Bfhearr dhuit fuireach aig a bhaile
S air’ ’thoirt air do phàisdean,
Na bhin dùil gum meall thu mise
Le dbhriogais, mo nàire!

AN SEALGAIR.

Ge math an t-eideadh a bhriogais,
Cha be sud a bfhearr leam;
S mor gum banns am feileadh preasach
Gu deas air a chàradh.
Chunnaic thusa sud orm roimhe,
Ge coimheach an dràsd thu;
S tric a thachair sinn air fuaran
Shuas ud am Beinn Eallair.

AM FIADH.

Gur diombach mi air do chomhradh,
Ge boidheach do chainnt ann;
S gur buidheach mi air Righ Deorsa,
Dhfhàg fo bhron san àm thu;
Gun do bhreacan bhi air tuachdar
Chumail fuachd nam beann dhiot;
Ach slaodaire dubh de chasaig
Am pasgadh gu teann ort.

AN SEALGAIR.

Nam faighinn-sthusagus Deorsa
Comhla fon aon làmhaich,
S na thadhaoine morsan rioghachd
A bha diteadh Thearlaich,
Ged nach toimhsinn troigh gu dilinn,
Ach mo shith bhim Pàras,
Nàile thuilichinn mo phearsa
Ri cur as duibhm màireach.

AM FIADH.

Chan fhaigh thu sinne lecheile
Anns a bheinn fo dlàmhaich;
S ma chluinnear gu bheil thu-fhein ann
Theid téigheachnad mheirleach.
Ach nam baithne dhomhsan rathad
Rachainn do Bhruaich Mairi,
Dh innse gu bheil gunnis breacan
Agad-sair an àiridh.

AN SEALGAIR.

Air laimh do mhàthar, a ghealtair.
Ge ladarna, dàn thu,
Ma leigeas mi riut mo chuilain,
Chan urrainn thufhàgail.
Leig min eighe ris a ghille,
S leig e nimheis bhàn ris,
S cha do mheall i minam bharail,
Ghrad chuir i gu bàs e.

Bruach-Màiri, Fort-William, Gearasdan Ionar-Lochaidh.
SEAMRAG.


Oran do Bhonipart.

LE DOMHNULL DOMHNULLACH, AM BARD CONANACH.

Latha soilleir samhraidh dhomh,
Air cabhsairean Dhun-éideann,
Gum faca mi na brataichean
A lasadh ris a ghréin ann,
Chuala mi na gunnaidhean,
Is dhfhuirich mi gan éisdeachd,
S mac-talla bhanns na creagan
Atoirt freagairt dhaibh le éibhneas.

Nuair sheall mi air gach taobh dhíom
Feadh na dùthcha fads bu léir domh,
Bha ceols na h-uile taigh a bhann,
S tein-aighear air na sléibhtean,
On chualas anns na Gàsaidean
S gach àite bhi ga leughadh,
Gun deachan ruaig air Bonipart
S an onair aig a Ghreumach.

S lionmhor bratach Albannach,
Tha ballach, balla-bhreac, boidheach,
Tha eadar a chrioch Shasunnach
Gu ruige taigh Iain Ghrota,
Fir laidir, shunntach, thogarrach,
Nach ob a dhol an ordugh
Gu dol an coinneamh Bhonipart,
Chuir onair air righ Seoras.

Càitem biodh na h-Albannaich,
Daoinuaisle calma, treubhach,
Fir shunntach, shanntach, thogarrach,
Na seoid nach obadh eiridh;
Ach o nach fiù laimhe leo
Do bhàs a thoirt le treun-bheirt,
S ann thilg iad air sgeir thràghad thu,
S gum bàsaich thu chion béidh ann.

Achs beag leam sud mar phianadh ort,
S a mhiad sa rinn thu dheucoir,
Ach léir-sgrios nan deich plàighean
A bhair Phàroh anns an Eipheid
Gun laidh iad air do chraiceann,
Ga do shracadh as a chéile,
S gun cluinntair falbh deich milthu,
Is mi fhin a bhi ga t-éisdeachd.

S tu chaill do nàire, ’nuair
A bha thu ann an dochas
Gun leigeadh sinn do Shasuinn thu,
Gedghlac thu bhuain Hanobher;
Ach cuiridh sinne dhachaidh thu,
S seachdnar air do thoireachd,
S mur toir thu grad do dhaoine leat
Cha ruig a h-aon diubh beo thu!

Nach saol thu nach bu ladurndhut
Bhi bagairt air righ Deorsa,
An cual thu fear chuir aodainn air
Nach daor a phàigh e ghoraich’,
Ged a choisinn ainneart dhut
An Fhraing a chuir fo t-ordugh,
S e t-amhaich a bheir dioladh ann
Le tobha sniobhta corcaich.

Nuair thig am Morair léibhteach ort,
S na ceudan de Chlann Domhnuill,
Mar sud is Mac- ’Ic-Alasdair,
Ghlinn-garaidh agus Chnoideirt,
Nuair thogas iad am brataichean,
S an gaisgich a chuir comhladh,
O, càitam faod thu t-fhalach orr
Mar sluig an talamh beo thu!

Ma chi iad aona bhaoisgeadh dhiot,
Bidh greim acair do sgornan,
S chaneil de dheich no dhaoinagad
Na shaoras tu bhomeoirean;
Ged dheireadh na deich legonan
Bhaig Ceasar anns an Roimh leat,
Chan fhaothaich iad air t-amhaich
As na lamhan aig Clann Domhnuill.

Nuair thig Mac-Choinnich Bhrathain ort
Le cheathairnde dhaoinuaisle,
Sud a bhratach aigeantach,
Le cabar an daimh ghruamaich;
Cha tàr thu na bheir pilleadh orr
A chruinneachadh mun cuairt daibh
Nuair ruigeas fir Chinn-tàile
Co an geard a chumas bhuath thu?

Nuair thig an cinneadh Frisealach,
Tha fios gur daoine borb iad,
Gun rachadh iad tromh theine
Le Mac-Shimidh mor na Moraich,
Cha tàr thu na bheir pilleadh
Air na fir udnuair bhios colg orr’,
S ged rachadh tu fon talamh
S e mo bhareil gum bi lorg ort.

Nuair a thig Mac-an-Toisich
Le sheoid ort a Srath-Eireann,
Mar sud agus fir Chluainidh,
Is iad uilan guaillechéile;
Ma gheibh an cat na chrubhan thu,
Le dhubhannan beaggeura,
Ged bhiodh càch air bheagan dhiot,
Bidh aige-sa chead féin dhiot.

(Air a leantuinn air taobh 200.)


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE,
Traffic Manager.


Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Sidni, C. B.
Phone 217
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[200]

[Vol . 10. No. 26. p. 8]

Oran do Bhonipart.

(Air a leantuinn o thaobh 199.)

Tha Clann-an-Aba bagairt ort,
S iad o cheann fad an deigh ort,
S ma gheibh iad ann am fagus dut,
Gur grad a bheir iad leum ort,
Bristidh iad do bhrataichean
Na spealtan as a chéile,
S bidh tug an sin na dstarsaich ann
Fo chasan nam fear gleusda!

Tha Gordonach an toir ort,
S chaneil beo na ni do thearnadh
Nuair dheireas Morair Hunndaidh,
Le fhearaibh ionnsaicht, làidir,
Ons e fein as coirneal,
Air na seoid gam buin buaidh-làrach:
S e chanas sinn gu bitheanta
An da fhichead as na dhà riu.

Ach cuimhnich thus a cheathairne
Chuir latha Fontenoi,
S a sheasadh anns an àraich,
Is càch a chuir air fogar;
Chi thu nis san Fhraing iad
Fo chomannda Mhorair Gordon;
S e ni do lamhsadhfheum dhut,
An réusar chuir ri dsgornan.

Tha Rosaich agus Rothaich,
S iad ro choimheach dhut le chéile,
Ma gheibh iad ma do chomhair
Gabh mo chomhairl’ ’s thoir thu féin as.
Ach ma chi thum firean
Tigh n le sgriob ort as na speuran,
Na gheibh i ann na crubhanan
Grad luthaig oirre féin e.

Nuair chruinnicheas na gaisgich
Thig bho Apuinn-Mhic-Ian Stiùbhairt,
Sliochd nan righrean Albannach,
Dan tig na h-airm a rùsgadh,
Co bheireadh tàire dhaibh
Nach faigheadh pàigheadh dùbailt!
S ma gheibh iad ann an sàs thu,
Gu bràth chan fhaic thu ddhùthaich.

Nuair chruinnicheas Clann-Fhionghain
Cha shòr a dolsan ùspairn,
S mithich dhut bhi tiomnadh
Nuair than t-iomraidh iad a dùsgadh;
Ma dheireas dhut gun tachair sibh,
S gum faic iad thu len sùilean,
Sid na fir a chaitheas
Anns an adhar na do smùid thu.

Tha Caimbeulaich cho naimhdeil dut,
S iad sanntach air do mharbhadh,
An dùic than Earraghaidheal,
Agus morair ard Bhraid-Albann:
Càit am beil na thearnas tu,
S na h-àrmuinn ud a sealg ort?
S ceart cho math dhut fàladair
A chàradh ri do shealabhan!

Nuair a thig Clann-Ghriogair ort,
S neo-chliobach a chuir ruaig iad,
S fir iad nach gabh pilleadh
Le teine no le luaidhe,
Len gairdean laidir, smiorail,
S le lannan biorach, cruadhach,
S ma chi iad fad na h-oirleich dhiot,
Cha bheo na chumas bhuat iad.

Thig Siosalaich Srath-ghlas ort
Nan lasgairean mun cuairt dhut,
Le lannan geur a chinn-aisnich
Tarsuinn air an cruachan:
Nuair thoisicheas na gaisgich ud
Air tarruinn as an truaillean,
Chi thu do chuid brataichean
Gan sracadh ma do chluasan!

Thig Mac-Gilleain Dhubhaird ort,
S gur subhach ni e greim ort,
Ledhaoine làidir, -chleasach,
Nach dhiùlt a no dhoidhche:
Ni iad sin do sgiùrsadh-sa
Gu cùil an àite slaighteir,
S theid thu air do ghlùinean daibh,
Nuair chi thu gnùis an saighdear.

An sin thig ort na Camshronaich,
Fir laidir, ainmeant, eolach,
Do thaobh Lochial as Arasaig,
Is caisteal Inbhir-Lochaidh;
Nuair a thig na saoidhean sin
Bu mhath gu straoiceadh feola,
Cha mheas air pronnadh mhullach iad,
S bu ghnath leo fuil a dhortadh.

Thig Mac-Neill á Barraidh ort,
Ledhaoine fallain, fìnealt,
Daoine bheir, a fichead dhiubh,
Bristeadh as na mìltean;
Baoisgidh iad mar dhealanach,
Ri oidhche shalach dhìle,
S mun teid thu ceart na tfhaireachadh,
Bidh ainneart maras tìr ort.

Thig Clann-an-t- Saoir a Cruachan ort,
Na firs an ruaig nach diobradh,
An àm dol anns an chabhaig,
Sud na gallanan nach pillteadh:
Sliochd nan Gàidheal cruadalach,
Bu dual daibh a bhi dileas,
Gu dol an coinneamh Bhonipart
Chuir onair air an rioghachd.

Nuair chruinnicheas Clann-Fhiunnlaidh,
Na fir shunntach tha gun eislean,
Bheir iad thu gu cunntais
As na dhionnsaich thu de dheucoir;
Càitam beil de Fhrangaich
Na cheannsaicheas le streup iad?
S gun tugadh iad gu ciosnachadh
Na miltean leis na ceudan.

Thig fathast Diùc Mhontrois ort,
Lefhearaibh mor an deigh ort,
S ann an sin thig an doruinn ort
Nuair thoisicheas na Greumaich,
S an t-aon fhear tha ri t-aodainn,
S e daonnan cuir retreat ort,
Chan fhad gum bi do cheann aige
Ri crann, mas e thoil fein e.

Guidheamaid buaidh-làrach
Leis na Gàidheil anns gach teugbhail,
Toil-inntinn aig ar càirdean,
S gach nàmhaid a bhi géilleadh.
Mar chuala misa chaiseamachd
Bha taitneach leam ri éisdeachd,
Air latha soilleir samhraidh
S mi air cabhsairean Dhun éideann.


Iadsan a Phaigh.

Mairi Stevenson, Shipka , Ont.
U. I. Domhnullach, Medicine Hat, Assa.
Amhlaidh Mac Gilleain, Glascho, Alba.
Calum Mac Aonghais, Kaurihohori , N. Z.
Iain Mac Calamain, Rudha Phrim, E. P. I.
Iain I. MacLeoid, Beinn MhicMhanainn, E. P. I.
A. Beuton, Muileann a Bheutonaich, E. P. I.
Iain N. Mac Leoid, Orwell , E. P. I.
D. A. Stiubhart, Stewartsdale , N. Dakota.
An t-Urr R L Domhnullach, Brook Village
M. G. Mac-a- Phearsain, Ceap Nor.
Mairi A. Nic Isaic, Broad Cove.
Padruig Mac Fhionghain. Kewstoke.
Micheal M. Mac Isaic, Bridgeport.
Domhnull I. Mac Fhraing Mabou.
Alasdair Domhnullach, Antigonish .
Aonghas Mac Isaic, Halifacs.
Iain Mac-a- Phearsain, Highlands , Nfld.
M. R. Johnston, am Pon Mor.


Bas.

Air an fhicheadaibh latha de Februaraidh chaochail bean Dhonnachaidh Mhic-Gille mhicheil ann a Hogamah. Cha robh i tinn ach beagan lathaichean. Bha a bàs aithghearr glé chruaidh air a companach is air a cuideachd, agus na naigheachd dhuilich le a luchd-eolais. Rinn triùir dhotairean na bha nan comas air a son, ach thainig an teachdaire ga h-iarraidh do shaoghal a bfhearr. Bha i na boirionnach diadhaidh, fo mhor mheas aig na h-uile chuir eolas oirre, ni a nochd iad gu soilleir air la an adhlacaidh, oir be a torradh an cruinneachadh dhen t-seorsa bu mhotha chunnacas riamh ann am paraisde Hogomah. Bidh i air a h ionndrainn, chan e mhàinsan dachaidh, achsa pharaisde. Be a h-aois leth-cheud bliadhnasa coig. Dhfhàg i coignear chloinnetriùir mhac i agus dithis nighean. Tha co fhaireachdainn an luchd-eolais acanan trioblaid; ach leasaichidh e am bron gu bheil barantas làidir nach robh dhi anns abhàs ach teachdaire sìthgagairm gu dùthaich a bfhearr.

Fathast tamull beag is ruigidh sinn
An calla ait fa-dheoidh,
S an coinnich sinn na sgaradh uainn,
S cha dealaich sinn nis mo.” —Com.


Na dean Mearachd
Rubbers
DHE NA SEORSACHAN AS FHEARR
air na prìsean as ìsle ann an
STOR
REDDEN,
Ross Block,Sidni.


Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
as fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.

K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., —LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir-Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .30
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25

How to Read Gailig, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .

Ard-oifis: TORONTO , CANADA.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.

titleIssue 26
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla X No. 26. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page