[201]

[Vol . 10. No. 27. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUINN, DI-HAOINE, AM MART 28, 1902. No. 27.


Iain Mor nan Ord.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. I.

SEALLADH AIR IAIN MORNA TEACHDAIREANAN CEO AGUS AN UAMHA.

CLUINNIDH sinn glé thric daoineg ràdh, air dhaibh a bhithcluinntinn mu chall, no gearain sam bith o charaide, “ ’S iomadh call bu mhotha bhan Cùilfhodair.” Bha iomadh call mor da rireadh do dhiomadh neach air an t-sliabh fhuilteach, ainmeil sin, agus thainig crìoch obann air beatha agus dòchas iomadh laoch òg treun Gàidhealach. Cha toir sinn iomradh an so air call na treubh rioghail sin a dhaobharaich an t-strìth, oir aig an àm so a sealltainn air ais, tha e duilich a ràdh co dhiubh bha gus nach robh e cho math do Bhreatunn marthionndaidh cùisean am mach. Ach, co dhiubh, bha agus tha ena aobhar ioghnaidh do sheanachaidhean anns gach àite, mar a chuir baidein do shliochd nan Gàidheal crith air Sasunn mhor, agus a sguabs a sgiùrs iad a cuid armailtean anns gach àrn do bhuail iad. Chaidh iomadh eachdraidh a sgrìobhadh mu chogadh aPhrionnsa, agus mar sin fàgaidh sinn an còrr aig breitheamhan is fhearr a rannsaich a dha thaobh. Ach tha aon ni cinnteach, aguss e sin, gum biodh aghaidh eile air eachdraidh Bhreatuinn an diugh nan robh na Gàidheil air seasamh ri guaillean a chéile agus Thearlaich air sliabh Chùilfhodair an lathud. Ach cha bann air son cladhachs na cuspairean domhain so a thòisich sinn air an sgeul so, ach air son fear no dithis de na gaisgich a phàrtaichsan t-strìth a leantuinn car tacain, agus aithris cho maths a dhfhaodas sinn mu na buillean cruaidhefhuair, agus gu h-àraidh a thug iad seachad. A nis, le so a ràdh, bheir sinn an t-sreang bhar a phoca.

Bha Iain Mór nan Ord a comhnaidhs a Ghlean Ghorm, gleannan bòidheach, aonaranach, am measg nam beann, an cearnàraidh de Ghàidhealtachd Alba. Mar a dhainmich sinn bhan t-àitaonaranach, ’s mar sin mur toireadh Gilleasbuig beag (dom bainm Cas-an-t- siubhail) sgeul no naigheachd uca, bhiodh luchd-àitich a Ghlinn Ghuirm iomadh uair ùine mhor gun ghuth no iomradh a chluinntinn air cia mar a bhan saoghal mor a bha gan cuartachadh a faotainn air adhart. Bha Iain Mór mu dha fhichead bliadhnas a coigs an àm, agus gun phòsadh. Bha Morag, nighean peathar dha, a cumail an taighe, agus a cumail Iain, mors mar a bha e, cho sgiobalta ris an fhear bu lughas a ghleann. Cha ruig sinn a leas iomradh a thoirt air caoimhneas luchd-àitich a Ghlinnefòghnaidh a ràdh gum bu Ghàidheil iadach bha dorus Iain Mhóir na bfhosgailte air choinneamh a choigrich, agus a bhòrd na bu chuibhrigte na aon eiles an àite. Cha bann a thaobhs gun robh e na ghobhafhuair eainm, ach a thaobhs gun robh e ainmeil air neart, ’s gu h àraidh air caitheamh an ùird mhoir. Ged a fhuair Iainàrachs a ghleann, agus ged a a bhachipean buailte nis ann, shiubhail agus chunnaic e barrachd dhen t-saoghal na fear eilesan àite. Chunnaic e cogadh agus gàbhadh, agus mar mhaighstir claidheamh bha e cho mathna aonar ri deagh reiseamaid. Bha ena dhuine fuasach mor, trom, ’s gun unnsabharrachd de dhfheoil air a chnàmhan, agus bha e cho leithinns na guailleans gur ainneamh dorus air an rachadh estigh gun tionndadh air oir. On a fhuair sinn beagan eòlais air Iain Mór, fàgaidh sinn e car tiotaidh agus suidhidh sinn air taobh eile na beinne feuch an aithnich sinn an dithis a tha tighinn tarsuinn na mòintichs an aghaidhean air a Ghleann Ghorm.

S e feasgar gruamach, fuars a bhliadhna 1745 a thann. Tha dithis dhaoine rim faicinn a triall le ceum lùthmhor tarsuinn na mòintich suas o Ghleann Seid. Guala ri guala tha iad gu sunndach a leum o ghnoban gu gnoban, agus tha e furasda ri fhaicinn gu bheil iad a tighinn thairis air cuspairean cudthromach, aig cho faiceallachs a tha iad mum briathran, ged nacheil duine beò, cho fads is fhiosrach iad, nas fhaisge na mìltean dhaibh. Tha iad le cheiles an éideadh Ghàidhealach, agus fo làn armaibh, agus tuigidh sinn om briathran gur athair is mac iad.

Tha eagal orm, athair,” arsam fear a bòige, a bha mu ochd bliadhndeug a dhaois, “nach ruig sinn an Glean ri Gorm a nochd. Than oidhche gu bhi againn, ’s an ceò a tromachadh. Am bheil sinn fad as a nis?”

Tha deich bliadhna o nach robh mises a Ghleann Ghorm,” arsan t-achair, dom bainm Domhull Stiubhart, no Domhull Ciar nan Lanns e gu cumanta theirteadh ris, “ach tha mismaointean, Eachuinn, nach coir dhuinn a bhi fad as a nis.”

Is docha nach e taghadh na taing a gheibh sinn o Iain Mór air son ar teachdaireachd,” arsEachunn.

Nam biodh tusa cho eolach air Iain Mór riumsa cha chanadh tu sin. ’S iomadh gàbhadh agus cunnartsan robh Iain Mór còir agus mise roimhe, agus a nis nan rachainn am mach le Tearlach gun bhrath a thoirt dha cha toireadh e mathanas gu bràth dhomh.”

Chan fhaic sinn a ghnùis a nochd co dhiubh a réir choltais,” arsan t-òganach; “than ceò mar cinn, agus cho tiughs gur gann a ghearradh claidheamh Iain Mhóir fhein e, ’s mur a bheil mi air mo mhealladh bidh e nas miosa.”

Ann an ùine ghoirid cha bu leir dhaibh am fad fhéin air thoiseach orra, ach air a shon sin chum iad air adhart cho maths a dhfhaodadh iad. Ach, mo chreach, dhaithnich Domhull Ciar an ùine ghearr gun robh iad air challsa mhòintich choimhich, fhuar, làn sgios agus acrais, agus oidhche fhada, aognaidh air thoiseach orra. An ùine ghearr cha robh fios aca con taobh dhen t-saoghal air an robhn aghaidhean, ach gun dàil thòisich iad air direadh beinn chas, gharbh, a bha sior fhàs na bu ghairbhe mar a bha iad a dol air adhart. An uair a bha iad ùine mhor a direadhs a tearnadh mar so gun ghuth eatorra, sheas iad air son an anail fhaighinn, agus a dhéisdeachd, ’s iad air smaointean gun cualiad gluasad no monabur bruidhne dlùth dhaibh am measg nan creag. “Chaeil ann ach fuaim na gaoithesan fhraoch,” arsEachunn, “no ma dhfhaodteadh caoracnamh a cìre dlùth dhuinn. ’S fhearr dhuinn cumail a dol, feuch am faigh sinn leabas fhearr na so gu maduinn.” Ghluais iad air falbhach mar an dealanach bha iad air an cuartachadh le seisear cheatharnach, a leum am mach as a cheòs as an dorchadas, ’s am prioba na sùla bha iad air an ceangal gu teann, cruaidh, agus cearb dan bhreacan air a shuaineadh mun cinn, mun dfhuair iad guth a ràdh as an leith fhein. So seachad, gun ghuth taobh seach taobh, bha Domhull Ciar nan Lanns a mhac air an giùlan gu sàmhach suas a bheinn. Cha toir a ràdh gun do ghabh iad eagal seachad, ach gle fhaoin, staid an inntinnean, agus a thaobh gun robh iad car giosragach, mar a bha iomadh aon rin linn, bha iad a smaointean leis cho balbhs a thachair gach ni gum bu spioradan a bhan so, a bha gan giùlan thun an t-saoghail eile. Cha robh iad fadair am fàgail an teagamh con saoghal dam buineadh iad, oir an deigh astar mor a dheanamh, air rathad gu math garbh am measg chreag is bhearraidhean, chaidh an tilgeil le gleadhar air an talamh aig bonn sgalla mhor ghlas. Leis an aon sùil a bha ris aige, chunnaic Eachunn fosgladh dubh a stigh fo bhonn na sgalla, agus a réir an t-soluis mhùgaich a bhatighinn am mach, bhan uamhadol astar [ ? ]tigh fon bheinn. Aig beul na h-uamha so bha seann duine glas na shuidhe a dhfhàiltich na ceatharnaich a ghlac iad gu cridheil. “Tha iad agaibh, ’illean!” arsesan; “is math a fhuaras sibh! Ach cha toir sinn am mach am binn a nochd: tha i anamoch, agus is cinnteach, ’illean, gu bheil sibh sgìth agus acrach le giùlan nam brathadairean; ach tha rud fhathastsa phige a dhfhuadaicheas an ceò as ur bràigheannan agus an sgios as ur cnàmhan. Tilgibh a nochd iad,” arsesan, ’s e cur car de Dhomhull Ciar lechois, “do dhUamhaChinn Deirg, far an guidh sinn bruadair shona dhaibh gu maduinn!”

Air do na fir ògabhi gan togail air falbh, chunnaic Eachunn sealladh air aghaidh nighinn òig, ’bu bhoidhche chunnaic sùil riamh, na seasamh am beul na h-uamha ag éisdeachd ris gach ni. Ach chaidh an giulan air falbh mun dfhuair e sealladh ceart oirre, agus an giulan gu uamh eile, farn do dhfhàgadh iad a stigh fodhn bheinn an dorchadas iomallach, aognaidh. Faodar smaointean an dithis a thuigsinn nas fhearr na theid againn air innseadh. Lan acrais agus pathaidh, air an ceangal gu teann, cruaidh, gun chomas éirigh bhar urlar fliuch na h-uamha aognaidh, anns an robh àileadh iongantach marbh a bha gearradh an analach. Fhuair iad an aodainn ris mu dheireadh, agus fhuair iad tarrainn dlùth da chéile air uachdar torr de fhraoch garbh, cràsgach, nach robh idir ro chomhfhurtail, ach a bha na bu roghnaiche leotha nan t-urlar fliuch. A bruidhinn beag ri cheile cha dthainig iad gu co-dhùnadh sam bith mu seorsa dhaoine bha fuireach na leithid de dhàite, no idir car son a ghlac iad iad, no ciod a bha iad a dol a dheanamh riuthas a mhaduinn. Bha iad sàmhach ùine mhor, gus mu dheireadhn do thòisich noradaich chadail ri tighinn air Domhull Ciar le sgios is uidil an latha. Bhan òige aig Eachunn,



[202]

[Vol . 10. No. 27. p. 2]

agus mar sin comasach air uidil a sheasamh na bfhearr. Bha na smaointean aige gu math luasganach, mar is dual don òigridh a bhith, agus bha e gu tùrsach ag amharc air ais air an reis ghearr a chuir esan t-saoghal, ’s na bha dùil aige aon uair a dheanamh ann. Agus a nis, agus a nis, am ben uamha dhorch’, aognaidh so crìoch gach dòchaisa bheatha òg a mhùchadh ann mar lòchran a chuirteadhsan uisge. Mar a bhios an òige daonnan cuideachd buailteach air a bhith teith no fuar nan smaointean, thionndaidh inntinn Eachuinn bho amharc thairis air a chrìch tha eadar beatha agus bàs, agus bha e le tlachd a smaointean air an aodann bhòidheach a chunnaic em beul na h-uamha, agus ag ràdh ris fhéin gum fàgadh e slàn aig an t-saoghals an uamha fhein na bu toilichte nam faigheadh e aon sealladh eile dhi. Bhiodh e nis seachad air a mheadhain-oidhche, no uair mharbh na h-oidhche. Air dha bhith smaointean mar so, shaoil leis gun cuale gluasad no faragradh air choireiginn an cearn iomallach den uamha. Chuir e car dheth fhein, agus dhéirich fhalt air a cheann agus thainig falus fuar troimhe, air dha solus fhaicinn a dannsadhs an àite agus a sior tharruinn na bu dlùithe dha. Ach o eagal gu toileachadh leum aignen òganaich, air dhaghnùis bhòidheach air an robh e smaointean fhaicinn os a chionnmaide giubhais na theine nalaimh a bha deanamh an t-soluis, agus cuach de bhiadhs an laimh eile. Leum cridhe Eachuinn le aoibhneas air dhafaicinn, agus bha e dol a bhruidhinn, an uair a chuir imeur air a bilibh, a toirt sanais dha a bhi sàmhach. Gun ghuth a ràdh chuir ichuach air an urlar, agus thug i sgian á luib a bhreacan a bha ma guaillibh, agus an tiotadh dhfhuasgail i Eachunn.

A nis,” arsise, dùisg an seann duine, ’s ma tha sibh air sonur beatha shabhaladh cuiridh sibh mìltean eadar sibh fhein agus UamhaChinn Deirg mun tig an latha. Gheibh sibhur n-airm aig dorus na h uamha, ’s gheibh sibh am mach leis an t solus so, ’s bheir sibh leibh am biadh.”

Le so a ràdh bha i tionndadh air falbh, an uair a rug Eachunn air laimh oirre, agus thubhairt e, “Ach, a chaileag mhaiseach, chan urrainn mi do leigeil air falbh mar so. Innis dhomh co dhiubh t ainm, agus car son a ghlacadh sinn na idir car son tha thusadeanamh so air ar son?”

N a biga mchumail,” arsise, “mun ionndrainn mathairs mo bhràithrean mi. Ach innsidh mi so: Chaidhur glacadh mar naimhdean a bhair son ar brath. Ach fhuair mo bhràithrean am mach gun robh sibh mun cuairt a feuchainn ris an t-àite so fhaighinn, ’s mar sin bha sùil acamach airur son. Mas naimhdean sibh chaneil fios agamsa, ach tha fios agam nach creid mathair sibh, ged a rachadh sibh as àicheadh, ’s mar sin cha burrainn mi cadal le smaointean, ged bu naimhdean fhein, sibh airur criochs an àite so.”

Ach,” arsEachunn

Na biga mchumail,” arsise; “agus na bicall ùine phrìseil.” Thainig an sin fiamh gàire oirre. “Cha chreid mi,” arsise, “gur nàmhaid thusa co dhiubh; is toigh leam do choltas! Beannachd leat! ’S an uair a bhios tu fadair falbh cuimhnich corra uair air Maili na h-uamha!” Le so a ràdh chaidh i á sealladh.

(Ri leantuinn).


An rud a bhios sàmhach cha chluinn na luchain e.

Am fear as a gheabh, ’s e as a dhiarras.

An dubh-liath cuid an amadain, ’s asgamhan cuid na h-òinnsich.


Domhnull Mac Thormaid agus Leanabh Sithe Cnoc-a’ -Chuilinn.

LE NIALL MAC LEOID.

BHA nis bho chionn iomadh bliadhnair ais, duine còir ris an canadh iad Domhnull Mac Thormaid, agus Seònaid ruadh a bhean, achomhnuidh ann an aon de ghlinn na Gàidhealtachd. Bha an taigh aig Domhnullam braighe aghlinne, faisg air creig mhoir ri uchd na beinne, far nach robh ni gu bristeadh a stigh air a shuaimhneas agus air a shìth ach toirm na h-aibhne, a bha le ceuman mall, agus le cronan tiamhaidh agabhail seachad sios fon dorus aige, agus ceilearadh binn nan eun, aseinn le sòlas, mu bhun nam preas, agus mu bharr nan dos, air na bruachan os cionn an taighe aige. Ach bu tric a bha e air a dhùsgadh an àm na dùbhlachd, agus nuallan na gaoithe a séideadh le bùirein ri mullach nam beann agus nan creag, a chum am bathais, gun eagal gun fhiamh, ri aghaidh sion agus gaillionn nam mìltean geamhradh.

Cha robh anranach a thigeadh thar muir no monadh nach bebheatha aig Domhnull Mac Thormaid; bha daonnan a dhorus fosgailte, agus a bhord fialaidh do gach coigreach agus fear-fuadain a thigeadh na rathad. Bha aige mar sin moran de dheadh thoil dhaoine, maille ri riarachadh a choguis fein gun robh edeanamh ceart. Ach an deigh sin uile, mar a thachair do gach neach fo n ghréin, cha robh Domhnull gun achamadhs achrannchur;” aon ni gu h-àraidh a bha cur gruaim air inntinn, agus neul dorcha mun teallaich aige, agus be sin ebhi gun sliochd. Bhiodh e daonnan acaoidhs agearan nach do chuir an Freasdal duine cloinne air, a dhaisigeadh ainm agus eachdraidh a shinnsir sios don ghinealach a bha gu teachdn a dheigh. Bha creideamh làidir aig Domhnull anns na daoine-sìthe, agusn an gniomharan iongantach am measg chlann nan daoine. Chaneil teagamh nach do chuidich uaigneas ionad-comhnuidh, maille ris gach dearbhadh a fhuair e bhoshinnsir, agus bho sheann daoine, ann a bhi daingneachadh a chreideamh ann am feartan agus cleachdadhnan sìthichean.

Ach gu bhi tighinn nis faisgair ceann an sgeoil; ciod etha agad air, ach gun robh am Freasdal fàbharach, ’s gun robh sùil ri coigreach beag an tigh Dhomhnuill. An dùil ri so dhfhàs Domhnull aotrom, sunndach. Cha robh smeòrach air geig no uiseag air lòn cho binn fead ri Domhnull, moch is anmoch, le dochas laidir ri oighre òg. Agus cha robh e air a mhealladh; oir oidhche dhe na h-oidhcheannann uairthainig e dhachaidh bho iasgach, agus a shuidh e ri taobh an teine, thainig a bhean-ghlùinenall bho thaobh na leapa air an robh Seonaidn a laidhe, agus chàirich i leanabh gille ann an gàirdeanan Dhomhnuill, cho tlachdmhors air an do dhearc sùil duine riamh. Chaneil teagamh nach robh cridhe Dhomhnuill air a thogail le so, agus bha bhuil; cha deachaidh moran fois air an t-slige-chreachain car latha no dha; agus bha iomadh bodach is cailleachs a ghleann aig nach robh fios gu ro mhath co dhiubh a be an ceann non casan a bha gu h-àrd dhiubh, ag òl deoch-slàinte, agus ag guidhe saoghal fada agus sonas do Thormad beag.

Bha nise gach cùis adol air aghaidh gu math. Cha robh neul dorcha air speuran Dhomhnuill air nach do chuir Tormad beag an ruaig. Ach mo thruaighe! bha latha faisg air laimh a thug buille- ’bhàis do gach bruadar faoin agus dòchas diomhain a bha Domhnull ag altrum a thaobh Thormaid bhig. Air latha tioram, fuar, ’s Domhnull agus Seònaid ag obair a machs an achadh, dhfhàg iad caileag òg a thoirt an aire air aphàisde. ’N uair a chuir ichadalsa chreithil e, chaidh i car greis a machga cluiche fein. Agusn uair a thill i dhachaidhs a sheall is achreithil, an àite an leinibh laidir, reamhar, thlachdmhor a dhfhàg is e bhaice tacharan beag, caol, glas, a chuireadh eagal air an dearg mheairleach. ’N uair a chunnaic achaileag mar a bha, dhéigh i na creachan, ’s bhuail i na basan, thug i mach thun an raoin a dhiarraidh athair agus mathair an leinibh. Ma thug, “chaidh an ceol air feadh na fidhle.”

Siream sios, siream suas,
Cha robh ball de Ruairidh agam.”

Cha robh fios an en talamh a shluig, non en t-adhar a thog Tormad beag; ach aon nibha cinnteach, aguss e sin nach be a bhanns achreithil. ’N uair a chaidh crioch air iarraidh Thormaid bhig agus clos air an taigh, smuainich Domhnull gun tugadh e sùil air an fhleasgach neònach a thainig air mar a thainig achailleach air Eobhain, “gun chuireadh, gun chead.” ’N uair a sheas Domhnull os a chionn agus a sheall e ceart air, thog edha laimh ag radh, “Am Freasdal a bhig ar beannachadh, agus a cur dion eadar sinn agus tu, murthanntha choltas agus a chruthachd a cur crith air mfheoil; ’s cinnteach mise nach ann don t-saoghal so a bhuineas an creutair sin.”

Ciod air bith saoghal dom buin e,” arsa Seònaid, “chan fhaod e bhi fo na cabair so; cha teid priobadh cadail air mo shùil fhads a bhios en aon taigh rium.”

Mas ann mar sin a tha,” arsa Domhnull, “tha eagal ormsa gum bi thu gun chadal an da latha so. Chaneil dad de choltas cabhaig air an diùlnach sin. Ciod e ghabhas deanamh ris? Ma theid a thilgeadh a mach, ni an lagh greim oirnn, agus ma leigear bàs anns an taigh e, chan e sin is fearr. Nach ann a dhfheumas sinn biadh fheuchainn ris?” Agusn uair a chaidh sin a dheanamh, dhitheadh is dhòladh e gu sgoinneil. Thainig a nis Domhnull agus a chàirdean gus a chodhùnadh gur ibhean-shìtheghoid Tormad beag, agus a dhfhàg a leanabh feinn a àite; agus thug iad de chomhairle air, nam fàgadh e fad oidhches achreig mhoir e, ’n uair a chluinneadh abhean-shìthe arànaich e, gun tigeadh ig a iarraidh agus gum fàgadh i an leanabh ceartna àite. ’S ann mar so a thachair. An ath-oidhche phaisg Domhnull an leanabh-sìthena bhreacan-glas, agus sgnog ebhoineid leathann, ghorm ma cheann, agus theannaich echuaille daraichn a dhorn, ’s thog e ris achreig mhoirs an leanabh sìthe aige air a mhuin. ’Nuair a thill Domhnull dhachaidh, leig e glag dhe feins achathair, agus aig an àm cheudna ag radh, “Dhfhàg mis achreig mhoir e, agus mur a gabh a bhan-charaid a bhean-shìthe truas ris, ged a thogadh na h-iolairean e, ’s mi nach biodh diombach.”

Ge moch a dheirich aghrian a sgaoileadh a sgiathan òir air gualainn an t-sleibhe, bu mhoiche na sin a bha Domhnull aig achreig mhoir. ’N uair a rainig e, bhan leanabh-sìthe gu cloch-shuileach ag amharc mun cuairt de air achreig. Cha dthainig abhean-shìth a chur dragh sam bith air; agus cha mhothainig iolaire no feannag ga ghriobadh no ga ghrobadh.

Cha robh air ach a thoirt dhachaidh a rithist; agus ma thug, cha bann gu sith. Ràineadh is chaoineadh e, air uairibh lathas oidhche gun sgur, ach facal bruidhne cha dthainig riamh as a cheann. Agus coltach ri crodh caol na h-Eiphit, mar is motha dhitheadh e, ’s ann bu chaoilebha efàs.



[203]

[Vol . 10. No. 27. p. 3]

Ach,” arsa Seonaid ri Domhnull oidhche dhe na h-oidhcheannan, “ciod an t-ainm a bheir sinn air an leanabh so? ’N saoil thu nach fheum sinn fhaotainn air a bhaisteadh?”

Ma ta,” arsa Domhnull, “chan ann atoirt droch fhreagairt ort, ach ma thogras tu fhein thoirMac-Cruisleigmar ainm air, ach cha bhi mainm-sa no mo shloinneadh air, no ainm no sloinneadh duine bhuineas dhomh. ’S e an aon bhaisteadh a dheanainnsair, breith air dha chaol coise air, agus aon tulgagthoirt da a mach air linne chreagain.”

Beagan ùinen deigh sin, thainig duine cunnartach de thaillear crubach a bhas an àitedhobair do thigh Dhomhnuill. Is e àm an fhoghair a bhann, ’n uair a bha iad gu math dripeil ris a bhuain. Agus an deigh am biadh maidne, thuirt Seònaid ris an taillear, ebhi cho maths a shùil a chumail air an fhear a bhanns achreithil, gus an tigeadh iad dhachaidh bhon bhuain; “ach,” arsise, “ged a bhiodh erànaichs a caoineadh, na gabh ort e, oirs e sin a thoilinntinn.”

Bha nis an taigh aig an tàillear chrùbaich agus aig an fhear bheag dhaibh fhein, agus ah-uile greim a bheireadh an tàillears achota, bheireadh e sùil air an fhear bheag, agus bheireadh am fear beag sùil a cheart cho guineach air an tàillear. Mu dheireadh chaidh e air uilinns achreitheil agus sheall e gu colgarra air feadh an taighe, agusn uair a chunnaic e nach robhstigh ach iad fein, thionndaidh e ris an tàillear, agus arsesan, le guth làidir, fearail, “Am bheil duinestigh ach thu fhein?” “Ma ta,” arsan tàillear, “tha mifaicinn nacheil, agus tha mi gle choma ged nach bithinn fhin a stigh.” “Na biodh eagal sam bith ort,” arsam fear beag, “cha chuir mise corrag ort.” “Chan e cudthrom de chorraigtha cur eagail orm,” arsan tàillear, “ach co dhiubh, bu cho math leam a bhi tri mìle á so.” “Na gabh ort e,” arsam fear beag; “ach ma gheallas tu dhomh nach innis thu orm e, bheir mi dhuit an t-aon phort piobaireachd is briaghachual thu riamh.” “So, ma ta,” arsan tàillear, “suas e.” Thug am fear beag a mach feadan fada caol dubh a bha fodhruims achreithil, agus thoisich e air cluich, ’s ma thoisicha leithid de cheol cha chualan tàillear crùbach riamh. Stob en t-snathads achòta, agus chuir echasan bac air bhac, ’s a lamh foleth-cheann ag eisdeachd a chiùil. Ach cha robh e fada mar sinnuair a thainig aon fhichead maighdean òg a stigh, len earradh fada uaine air gach dhiubh. Thoisich an ceols thoisich an damhsa, an tàillears a dha shùil an iompais leum a mach as a cheann ag amharc orra. Ach mu dheireadh, thug an ceol a leithid de bhuaidh air agus gun do thilg e uaithe an còta agus air a chois gum bitheadh e. Bha e mu dheireadhs fhallusg a dhalladh adamhsa leis a chois chrùbaich. Aguss ann a thoisich e air caogadh ris na boirionnaich, achn uair a shaoil leis dhiubh bhi aigen a achlais, cha robh aige ach sgaile. Ach uair dhe na h-uairean, anns an tighinn mun cuairt don tàillear chrùbaichs an damhsa, thainig te dhiubh agus thug in sgaile ud don tàillear mu thaobh a pheirceill, a chuir dearsach-theine as na sùilean aige. Thog edha laimhg a fasgadh, agusn uair a dhfhosgail e iad, fhuair e e feinn a shuidhe air achathair, a chasan bac air bhac, ’s an còta air a ghlun, direach mar a bha e mun do thòisich an ceòl. Sheall e mun cuairt air, agus cha robh beò a stigh ach e feins am fear beag, a bha gu socair air a dhruims achreitheil gun phiob gun fheadan.

Thainig na buanaichean dhachaidh, agus bhan tàillear gle thaingeil agus gle thoilichten uair a bha còta Dhomhnuill réidh, agus nach tigeadh air a bhi latha eilestigh leis fein, an cuideachd an fhir bhig.

Beagan an deigh sin, thoisich am fear beag air cleachdadh a ghabhail a bhig éiridhn uair a rachadh càch a chadal, agus suidhe leis fhein aig an teine, aturraman agus aseinn iomadh crònan tiamhaidh nach cuala Domhnull riamh roimhe. Aon oidhche àraidn uair a dhùisg Domhnull eadar uair agus da uairs amhaduinn, bham fear beag a cur dheth aseinn

“ ’S truagh nach robh min Cnoc-a’ -chuilinn,
Far an dfhag mi mo chuid ghillean,
Fuaim an ùird is glag an innein,
Builgg an seideadhs airmg an cumadh.

S truagh nach robh min Cnoc-na-h- àiridh,
Farn do dhealaich mi ri mchàirdean,
Iadsan ait gu ceolmhor, gàireach,
S misan so gu bronach, craiteach.”

Am bheil thuna do dhùisg?” arsa Domhnull ri Seònaid. “Tha,” arsa Seònaid. “Am bheil thus’ ,” arsa Domhnull, “ag eisdeachd achreutair ud mun àm so dhoidhche, ’n uairtha h-uile criosduidhs an dùthaichn an suain chadail? Nach bochd an gnothach nach faigh daoine fois na h-oidhche leis agharrach ghlas? ’S mortha mi smaoineachadh eiridh agus aon teas a thoirtn a pheirceall a chuireas bàs a sheanamhair as a chuimhne, ma bha seanamhair aige!” “O!” arsa Seònaid, “air son na chunnaic thu riamh na cuir corrag air; chaneil sìthiches achreig mhoir nach biodh air do mhuin fo lathatoirt a mach a thòrachd.”

Latha no dha an deigh sin, bha Domhnull adol don cheardaich le soc achrainn, agusn uair a chunnaic am fear beag afalbh e, “Fiach,” arsesan, “am faigh thu sgeul ùr dhomh bhon ghobha?” ’Nuair a thill Domhnull dhachaidh, “Seadh,” arsam fear beag, “an dfhuair thu n sgeul ùr dhomh bhon ghobha?” “Ma ta,” arsa Domhnull, “dhiarr e orm innseadh dhuit gun deachaidh ceardach Cnoc-a’ -chuilinnna teine eadar bhalg is inneanan.” “Och, mo chreach!” arsam fear beag, “ma tha sin fior, tha mo chall sa deanta. Tha da theallach dheug agamsa ag obairs acheardaich sin.” Thog e mach ris an aonachs an rànn a bheul; ach an ceann tiota thòisich e air cluich an fheadain. “Ma ta,” arsa Domhnull, “tha min dòchas gur e cumha Mhic Cruimein a tha ecluich, ‘Cha tìll mi tuilleadh.’ Gu dearbh, a Sheònaid, is sinn a dhfhaodadh a radh, mar a thuirt Iain glann uair a chuir e mach am mac mollachd, ‘Is gloinid an tigh an cartadh ud. ’” Ach feumaidh sinn beannachd a ghabhail le Domhnull Mac Thormaid agus leis an leanabh shìthe aig an àm so.


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHANA CHADAL.

CAIB. XIV.

BHAn righ acreidsinn gum be Abon Hasan bu choireach ri bas Noushatal, agus labhair e ann an corruich ris mar so: “A chreutair thruaillidh, nach tu fhein, leis an droch dhiol a bha thudeanamh oirre, bu choireach ri bas do mhna? An urrainn mi teagamh a chur ann? Bu choir dhut air achuid bu lugha am barrachd meas a bhith agad air abhanrigh, aig an robh tlachd mor da searbhanta, agus a dhaontaich atoirt dhut riposadh. Nach math a nochd thu do thaingealachd dhi!”

ACheannaird nan Creidmheach,” arsAbon Hasan, agus e leigeadh air gun robh egul na bu ghoirte na bha e roimhe, “an urrainn bhur morachd a chreidsinn gun deanadh an t-Abon Hasan sin, air an do bhuilich sibh iomadh caoimhneas is urram ris nach robh duil aige, a bhith ciontach de leithid sin de mhi-thaingealachd? Ghradhaich mise mo bhean Noushatal, cha bann a mhain air son gun robh i anabarrach tlachdar air a h-uile doigh, ach mar an ceudna, a chionn gun dfhuair mi uaibhse agus on bhanrigh i. Cha burrainn gradh a bhith aig fear da mhnaoi na bu mho na bhagam dhi. Ach, mo thighearna, bha aice ri dhol thun abhais, agus cha cheadaicheadh Dia dhomhsa na bfhaide an sonas a bhagam maille rithe a mhealtuinn.”

A dhaon fhacal, thug Abou Hasan an car as an righ cho glans gun dordaich e don fhear-ionmhais, a bhan lathair aig an am, ceud bonn oir agus pios aodaich a thoirt dha.

Leig Abon Hasan e fheinna shineadh aig casan an righ, agus thug e mile taing dha air son a chaoimhneis.

Lean am fear-ionmhais,” arsan righ; “cuir an t-aodach thairis air achorp, agus cosg an t-or ricur gu measail fon talamh.”

Gun fhacal tuilleadh a radh ris an righ, chrom echeann mar umhlachd dha, agus lean e am fear-ionmhais am mach as an talla. Cha bu luaithe fhuair e an t-aodach agus an sporran na ghrad chaidh e dhachaidh, agus e gle thoilichte a chionn gun deachaidh gnothaichean cho math leis.

Bha Noushatal afas sgith le bhith cho fadana sineadh air an urlar mar gum biodh i fuar, marbh. Cha bu luaithechuali Abon Hasan afosgladh an doruis na dheirich i agus ruith i far an robh e, agus dhfheoraich i, an dthug e an car as an righ cho maths a thug i fhein as abhanrigh?

Nach fhaic thu so,” arsesan, agus esealltainn dhi an aodaich agus an sporrain. “Theid agamsa air leigeadh orm gum bheil mi gle bhronach acaoidh mo mhna a cheart cho maths a theid agad fhein air a leigeadh ort gum bheil thu gle bhronach acaoidh dfhir.”

Ach air son sin, bha eagal air Abon Hasan gun do choisinn e fhein agus a bhean dìumbadh an righs na banrigh air saillibh mar a thug iad an car asda. Smaoinich e gum bu choir dha a bhean a churna faireachadh mun ghnothachgun fhios ciod a dhfhaodadh tachairt. Arsesan rithe: “Mar is mo a chuireas sinn an righs abhanrigh ann an iomcheist is ann is docha iad a bhith toilichte air acheann mu dheireadh, agus faodaidh e bhith gum bi iad nas fialaidhe ruinn na bha iad riamh roimhe.” Thug so orracharaireachd a chumail air aghart.

Ged a bha iomadh gnothach cudthromach aig an righ ri dheanamh an lathud, chuir e achomhairle mar sgaoil anns amhionaid, a chum gun rachadh e do sheomar na banrigh a chaoidh maille rithe air son bas na searbhanta.

Leanaidh tu mise,” arsesan ri Mesrour, a bhan comhuuidhna chuideachd ge be aite don rachadh e, agus a bha maille ris an lathud anns achomhairle; “rachamaid a chaoidh comhladh ris abhanrigh air son bas Noushatal.”

An uair a chaidh iad do sheomar na banrigh, fhuair iad ina suidhe air sofa, agus i gu tursach, deurach, bronach.

A bhaintighearna,” arsan righ, agus e gabhail direach far an robh i; “is gann a ruigeas mi leas innseadh dhut gum bheil mi faisge air a bhith cho tursach riut fhein. An rud a bheir bron no aoibhneas dhutsa, bheir e bron no aoibhneas dhomhsa; agus tha fhios agad fhein air a so. Ach gheibh sinn uile bas, agus feum-

(Air a leantuinn air taobh 206.)



[204]

[Vol . 10. No. 27. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, AM MART 28, 1902.

Cleas Tur Bhabeil.

ANNS na bliadhnaichean deireannach dhen naodhamh linn deug thòisich muinntir bhailtean nan Staidean ri togalaichean a chur suas anns an robh àirde thar cuimse. Nuair a chaidh tòiseachadh air Tùr Bhabeil, ’s e bhasan amharc aig ar sinnsirean slighe dheanamh air am biodh e comasach dhaibh dìreadh on t-saoghal so gu saoghal a bfhearr; aig na Geancaich a chaidh mu dhealbh thogalaichean moran lathan diugh, ’se bha san amharc an greim air an t-saoghal so fhéin a mheudachadhsa dhaingneachadh, achs es dòcha gun deach iad na bàirde o thalamh na chaidh na priomh-aithrichean, ged a bha iad ag iarraidh gu nèamh. Chan eil cùnntas againn air n àirde bhann an Tùr Bhabeil; ach gheibhear ann an caochladh bhailteans na Staidean an diugh togalaichean anns am bheil o fhichead gu deich air fhichead lobhta. Agus bham fear a bùire dhiubh mar bu tricetoirt bàrr air na bha air bonn roimhe, air chors gu robh daoinetòiseachadh ri fhaoighneachd, “Càitem bheil an obair so gu stad?” Ach, a reir barail àrd-chlachair a thann am baile Chicago, cha bhi acheist so fada gun a fuasgladh. Tha e ag radh gu bheil na cabair, ’s na sailthean, ’s na postaichean cruadhach a thacumail nan togalaichean mora so ri chéile ameirgeadh gu bras, agus mun ruith cùnntas mor bhliadhnaichean gum bi iad cho lags gun tuit na cruachan mora gu talamh. Ma thachras sin, is fheudar do dhaoine bhi riaraichte le taighean-còmhnuidh is àitean-gnothuich de dhàirde chuimsich, gus am faighear doigh air cnàmhan-dromas aisnichean a chur annta air nach dean meirg no tìm deargadh. Nach suarach saothair mhic an duine! Tha togalaichean mora agus greadhnach an t-saoghail acnàmhs acall am briaghad a lion beagan is beagan. Chan eil ann de Thùr Bhabeil an diugh ach an t-àit anns an robh e. Tha steidh eaglais Naoimh Phòil an Lunnainn, ged nach eil i ach mu dha cheud bliadhna dhaois, afàs critheanachs a dol asàite; ’s tha iomadh eaglais agus aitreabh òirdhearc eile afàs seans an impis tuiteam, ged a bha choltas orra aon uair gun seasadh iad fhadsa mhaireadh an saoghal. Chan eil obair a nithear leis an duine ach beagan nas buaine na tha a bheatha, agus chan eil sin ach diomain. Tha e ann an diugh, gu dian ri obair, agus làn de chùram; am màireach chan eil e-fhein no toradhobrach air fhaotainn. Agus na h-aitreabhan is mothas is làidires is greadhnaiche than diugh air an t-saoghal, bidh iad fhathast cho lom ri talamhs nach bi fhios aig fear-gabhail na slighe gu robh iad riamh ann, cleas Tùr Bhabeil.


Gu De Tha Fa-near Dhaibh?

IS e an sgeul mu dheireadh a thainig á Africa mu dheas, gu bheil ceannardan anRiaghlaidhBhoerich air tighinn a dhamharc air Morair Citchener. Chan eil fhios gu tha fa-near dhaibh, co dhiubhs ann adol gan toirt fein suas a tha iad no nach ann, ach chan eil teagamh nach eil iad deònach ni-eiginn a dheanamh air son an sìth a chosnadh nach robh iad deònach a dheanamh roimhe. Ma thig iad so gu còrdadh ris a cheannard Bhreatunnach, cha bhi leisgeul sam bith aig na Boerich eile bhi seasamh a mach, oir bann fo ùghdarras an riaghlaidh,” ged a bha e o chionn ùine mhor air udals air allaban o àite gu àite, a bha an cogadh air a chumail air adhart. Agus ma dhaontaicheas buill an riaghlaidh sin sìth a dheanamh, cha bhi annta-san a sheasas a mach an deigh sin ach na dubh-cheannaircich aig nach bi còir dhligheach air an cogadh a chumail suas. Faodar a radh gu bheil diubhar mor eadar a bharail a thaig na Breatunnaich air na Boerich an diughsa bharail a bhaca orran tùs a chogaidh. Is fhada on thug iad urram dhaibh mar dheagh luchd-cogaidh; agus on leig an Seanalair Delarey mar sgaoil am Morair Methuen an deigh dha a ghlacadh mar phriosanach, tha iad air am barail atharrachadh orra mar dhaoine, agus acreidsinn nach eil iad cho fior bhorb no cho cealgachs a bhatar afagail orra. Chan eil fhios nach eil achuid is miosa dhen amhreit a nis thairis, agus co a ghabhas air a radh nach bi am Breatunnach agus am Boerach fhathast nan dlùth-chàirdeans nam bràithrean an Africa mu dheas. Nuair thig an latha sin, agus is docha leinn nach eil e fad as, bidh sìth agus soirbheachadh anns an dùthaich nach biodh inntem feasda mur biodh an cogadh fada, fuilteach so air a bhi ann.


Na Sudanaich.

THA na facail Cocàsaich agus Mongolaich air an cleachdadh an seagh cumhann agus an seagh farsuinn. Faodar am facal Sùdànaich a chleachdadh anns a cheart dòigh. Air a chleachdadh ann an seagh farsainn tha e a gabhail a staigh uile Nigearan an t-saoghail.

Faodar na Sùdànaich, no na Nìgearan, a roinn nan da mhor-bhuidhinn, Nìgearan Africa agus Nìgearan nan Eileinean. Faodar Nìgearan, no Dubhaich, Africa a roinn nan ceithir bùidhnean; na Sùdànaich ann an seagh cumhann an fhacail, na Bantuich, na Troichean, agus na Sathànaichs na Coi-còinich. Do na Sùdànaich buinidh na Wolo-faich, na Mandingaich, na Felupaich, na Timnich, treubhan Shierra Leone, na Crùthaich, na h-Aiseantaich, na Dahomaich, na Yorubaich, na Sonraich, na Hausaich, na Canembaich, na Canùraich, na Baghirmich, na Mosgaich, na Màbaich, na Niubaich no na Berberich, na Silucaich, na Dincaich, na Bàirich, na Bougaich, na Mangbataich, na Sandeich, agus slòigh eile. Do na Bantuich buinidh na Banseothaich, na Bàyathaich, na Wagandaich , na Wanyoraich , na Waswahelich, na Sùluich, na Bechuthanaich, na Baisilangaich, na Balolaich, na Manyuemaich, na Bacuthalaich, na Fanaich, na Batangaich, agus slòigh eile. Tha na Sùdànaich agus na Bantuich nan daoinibh àrda, garbha foghainteach. Tha beagan de dhfhuil Arabach agus roinn mhor de dhfhuil Hamach annta. Tha cuid diu nam Mahometaich agus cuid eile nan dubh chinnich. Chan fheil ach gle bheag dhiu aig a bheil eolas air an t-soisgeil agus air Criosda mar Shlànaighear pheacach. Tha cuid diu mar tha na Sandeich, no na Niam-Niamaich, na Banseothaich, agus na Manyemaich nan canabalaich, no nan daoin’ -itheadairean.

Tha mu dheich mìle de na Troichean, a chòmhnuidh ann an coille mhoir mu chrios meadhoin an t-saoghail aig bràighe abhainn Chongo. Tha na firionnaich mu cheithir troighean de dh’ -àirde. Tha an ceann aca gu math cruinn, an amhach tiugh, am broilleach leathann agus an casan fior gharbh. Tha feusag dhubh, thiugh, chuachach orra, agus tha fionnadh trom air am broilleach. Tha bilean tiugh aca mar a tha aig na Nìgearan uile. Tha iad nan daoine fior laidir. Mur h-fheil iad cho laidir is a bha Aonghus Beag, brathair Mhic Mhaighstir Alasdair, tha iad faisg air. Tha choillesa bheil iad a fuireach mu 140 mìle air fad agus mu 120 mìle air leud. Tha sleaghan aca agus boghachan-saighid. Tha iad nan sealgairean comharraichte. Tha iad a cheart cho math air an t-saighid is a bha Iain Beag Mac Anndra, agus fóghnaidh sin. Tha na mnathan aca mu thri troighean is deich òirlich air àirde. Tha iad nam boirionnaich thapaidh. Chan fheil luid nam measg. Tha sùilean briagha aca. Bha cuid de dhaoine ag radh nach robh creideamh idir aig na Troichean. Tha creideamh aca, agus creideamh a tha, co dhiu, a cheart cho math ri creideamh nan an-diadhach a dhiarradh gum faighteadh cinnich gun chreideamh, gun anam; tha iad a deanamh aoraidh do spioradan nan craobh.

Tha na Sathànaich, no na Preasaich, a fàs gann. Chuir na Bùraich as do mhoran diu. Chan fhiach iad mar thuathanaich. Chan fheil iad eadhon cho math ris na daoine sin a chi sinn a deanamh tàir air fearann agus ag ùrnuigh gu dùrachdach aig dorus taigh na parlamaid air son obair shocraich air choreiginn gun cumail beò. Chan fheil crodh no caoraich aca. Cha ruamhair iad an talamhs cha tog iad barr. Tha iad math air sealg is air siubhal. Tha iad a tighinn beò air eoins air beathaichean fiadhaich, air measan is air friamhaichean. Chan fheil cuma bhoidheach air am brù, agus chan iongantach ged nach h-fheil; bidh i falamh gu math tric.

Tha na Hotentotaich nan daoinibh siobhalta, caoibhneil; ach tha iad gu math leisg. Tha Coi-còin, an t-ainm a tha aca orra fein, a ciallachadh daoine nan daoine. Tha an craicionn buidhe-dhubh. Tha màsan uamhasach air cuid diu. Chan fheil aobhar sam bith aig na boirionnaich aca air dronnagan-Greugach a cheannach; tha iad orra gu nàdarra. Fhuair Vasco de Gama eolas air na Hotentotaichsa bhliadhna 1497. Bha crodh is caoirich is biadh gu leoir aca an uair sin.

A. M. S.


SGEULA BAIS A MILAN, CUEBECToiseach na seachdain so, chaidh an taigh aig Domhnull Mac Gilleain, am milan Cuebec, na theine, agus bha dithis dhe chloinn air an losgadh gu bàs. Tràthsa mhaduinn chaidh e-fhein dhan t-sabhal, a fàgail lampa laiste air a bhòrd. Spraidh an lampas chuir i teine ris an taigh. Nuair a chunnaic Mac-Gilleain an teine, cha robhna chomas a shàbhaladh ach aon duine dhen chloinn, aois choig bliadhna. Bhan dithis a chaidh a losgadh ceithir is sia bliadhna dhaois. Bha màthair na cloinne aig an àms an taigh eiridinn an Boston, agus bhan dithis bu shine dhen chloinn air falbh on taigh.



[205]

[Vol . 10. No. 27. p. 5]

Naigheachdan.

LONG BHRISTE AIR A FAOTAINNFhuaireadh an soitheach-smùide Tiber far an deach a bristeadh air na creagan ma choig mile mach á Canso. Cha deach aon duine dhe na bha air bòrd a shàbhaladh. Chaidh bàtabhuineadh dhi fhaotainn aig beul acarsaid Petit de Grat, toiseach na seachdain so.

BATHADH AIG ABHAINN SHEORAISChaidh Iain, mac do Dhomhnull Walker, a bhàthadh aig Abhainn Sheorais air an naodhamh latha deug dhen mhios so. Bha edol tarsuinn an loch air an rathad guobair, nuair a bhrist an deigh fodha. Chunnacas e le muinntir air tir, ach cha burrainn dhaibh a ruigheachd an àm gus a shàbhaladh. Chaidh an corp fhaotainn mun dàinig am feasgar. Cha robh e ach fichead bliadhna dhaois.

BAS DITHIS BHRAITHREANAir an Eilean mhor, air an treas latha deug dhen mhios, chaochail Uilleam agus Alasdair Mac-Coinnich, dithis bhràithrean: Uilleam aig coig uaireansa mhaduinn, agus Alasdair aig coig uairean feasgar. Bha iad air an tiodhlacadh còmhladh aigMan -o’ -War Pointfeasgar Di-sathairne. Bha Uilleam tri fichead is seachd bliadhndeug a dhaois, agus dhfhàg e coignear chloinne. Bha Alasdair ceithir fichead is tri bliadhna, agus dhfhàg e sianar chloinne, gach aon dhiubh ann an dachaidh dha fhéin. Bhan dithis bhràithrean aosda so afuireach air an àite air an dfhuair iad am breths an àrach, agus bha iad air daoine cho measails cho math cliùsa bhasan sgìreachdsan robhn còmhnuidh.

CUIDEACHADH DON RATHAD URBha coinneamh aig Comhairle na siorrachd air an t-seachdain sa chaidh, aign do dhaontaicheadh sia mile deug dolair a thoirt mar chuideachadh dhaibhsan a tha togail an rathaid-iaruinn air taobh deas an eilein, bho Phoint Tupper gu Sidni. Tha an t-airgead so ri bhi air a chur a cheannach an fhearainn troimhm bheil an rathad ri dhol, agus chan t-siorrachd gathairgse air chùmhnant gum pàigh na bailtean an cuid fhéin. Tha cuid de na bailtean nach dean sin; tha Glace Bay is Sidni Mines an deigh cur na aghaidh cheana, agus cha biongantach ged dheanadh Sidni Tuath mar an ceudna, ge be a ni Sidni. Faodaidh e bhith gu feum comhairle na siorrachd coinneamh eile a ghairm mun teid a chùis a shocrachadh gu ceart.

SGIORRADH BASMHORChaidh fear Aonghas Stiùbhart, mac don Chaiptean Tearlach Stiùbhart, ann an St. Peters, a mharbhadh air an rathad-iaruinn mu mhìlen iar air Loch Mhic-an-t- Saoir, maduinn Di-sathairne sa chaidh. Chaidh a chur bhar trein na maidne a chionn nach sealladh eticket ’s nach pàigheadh efharadh. Choisich e mu mhile on àites an deachaidh fhàgail, agus an sin chaidh ena shìneadh air an rathads chaidil e. Beagan ùinen deigh sin thainig trein eile, agus bha e air a ghrad mharbhadh. Cha robh ann ach duinòg, da bhliadhndeug air fhichead a dhaois. Bha e na mharaiche. ’S ann air a thurus do Bhoston a bha e an latha chaidh a mharbhadh, far an robh e dol air birlinn air an robh e na sgiobair o chionn àireamh bhliadhnaichean. Dhfhàg e bean is dithis chloinne ann an St. Peters.

IONNSUIDH AIR MARBHADHBha fear Calum Mac Fhearghais, a tha fuireach air rathad Charibou Marsh, air a thilgeadh le coimhearsnach dha, Iain Brown, feasgar Di-sathairne, an coigeamh latha deug. Bha Mac Fhearghais a dol seachad air taigh Bhrown le each is carbad, nuair a thainig Brown a machsa loisg e da urchair air. Chaidh aon de na peilearan ann an amhaich Mhic Fhearghais, agus bfheudar a thoirt don taigh-eiridinn feasgar an ath latha. Tha e air a dhol am feobhas, ach ann an cunnart gu leòr fhathast. Tha Brown anns a phrìosan, afeitheamh na cùrtach. Tha e tinn leis a chaitheamh o chionn da bliadhna, agus tha a bhean ag radh gu bheil an tinneas an deigh a chur as a chéill. Tha muinntir eile dhen bharail nach eil i fada cearr. Ged nach robh Brown riamh ainmeil mar choimhearsnach sìtheil, chan eilear am barail gun deanadh e gniomh cho fìor olc nan robh e air a bhi na thùr fhein.

OBAIR TOGAIL SHOITHICHEANThatar ag iomradh gu bheil fear G. B. Hunter, a mhuinntir Shasuinn, a rùnachadh tòiseachadh ri togail shoithichean cruadhach ann a Halifacs. Buinidh e don chuideachd Swan & Hunter, aig am bheil obraichean mora dhen t-seòrsa sin ann anNewcastle -on- Tyne. Tha baile Halifacs deònach ceud mìle dolair a thoirt seachad mar chuideachadh air son an obair a chur air bonn.

BAS LE URCHAIR GUNNAChaochail fear Pius Mac-a- Phearsain ann an Seana Bhridgeport air an treas latha deug, le leòn a fhuair e bho urchair gunna da latha roimhe sin. Bha e-fhéin is fear eile mach a sealgaireachd; thuit an gunna as a laimh-sans chaidh an urchair na chois, ga bristeadh an da àite. Thugadh dotair gaionnsuidh cho luathsa ghabhadh deanamh, ach bha e air a lagachadh cho mor le call falas nach robh dòigh air a bheatha shàbhaladh.

TUILLEADH AIRM AS NACOLONIES” —ThaNew Zealandan deigh naodh reiseamaidean a chur do Africa mu dheas a chuideachadh leis an arm Bhreatunnach, agus tha riaghladh na dùthcha sin a niseg ullachadh reiseamaid eile gus a cur ann. An deigh don chall a thainig air na Breatunnaich ri linn glacadh Mhethuen, thatar ag aithris gun do thairg riaghladh Chanada tuilleadh airm a chur do Africa nan cuirte feum air. Tha na colonies a bhi cho deònach cuideachadh leis an dùthaich mhàthaireil a toirt toileachadh nach beag agus misneach don riaghladhs don t-sluagh. Cha mhor de rioghachdan an t saoghail a than diugh gle chàirdeil ri Breatunn, agus tha chùis a bhi mar sin a fàgail dìlseachd agus càirdeas a colonies fein anabarrach taitneach.

BATHADH MULADACH AIG PORT MORIENAir an t-seachdamh latha deug dhen mhios so, bha Domhnull agus Iain Mac-a- Ghobha, bràithrean, air am bàthadh ann an Sand Lake, faisg air Port Morien. Bha iad ag obair ann am meinn Chaledonia, ach air a mhaduinn ud, air dhaibh a bhi car anmoch air son dol a dhobair, chaidh iad a shealg lach. Nuair nach do thill iad feasgar, chaidh daoine gan iarraidh, agus maduinn an ath latha fhuaireadh corp fir dhiubh anns an loch. Tha corp an fhir eile gun fhaotainn fhathast. Tha daoine dhen bheachd gun deachaidh fear dhiubh ro fhada mach air an deigh, ’s gun do bhrist i fodha, agus gun do chaill am fear eilebheatha feuchainn ri shàbhaladh. Bha fear dhiubh ochd bliadhna fichead is am fear eile deich bliadhna fichead a dhaois.

AN CALA GATHOGAILTha Marconi an deigh roghainn a dheanamh deTable Head,anGlace Bay,mar an t-àite anns an cuirear suas cala air son a bhi car fhiosan thar achuain air an dòigh ùir. Than obair ri tòiseachadh gun dàil, agus bidh mu dha cheud fear-ceairde air an làraich an ùine ghoirid. Tha ceithir tùir agus aon taigh ri bhi air an togail, agus cosgaidh an t-iomlan da fhichead mìle dolair, saor o na h-innealan a tha ri dhol annta. Tha àrd-riaghladh Chanada a toirt ceithir fichead mìle dolair mar chuideachadh do Mharconi, agus a toirt gach cothroim eile dha a bhios nan comas. Dhfhalbh e toiseach na seachdain so do New York. A sin tha e dol a null do Shasuinn, far am bheil edol a thogail cala eile air cladach Chornwall. ’S e sin an cala bhios agabhailsa cur air falbh nam fiosan a bhios a falbhsa tighinn á Glace Bay.


Litir a Ceap Nor.

Bha sluagh an àite so air an cur fo ghruaim mu thoiseach a mhìos sa chaidh le fios a thainig gun robh òganach dam bainm Daniel Gwin, agus nach robh ach uine ghoirid air falbh as ar measg, air caochladhs na Stàidean. Bha e fein agus duine eile ag ath-thubhadh mullach muileann-sàbhaidh. Air dhàsan tuilleadhs a chòir dheneart a chleachdadh ann an atharrach an dara stiall dhen t-seann tubhadh iaruinn, thuit e sios troimhn cheud fhosgladh, abualadh ann an roth a bha ruith le luathas anabarrach. Chaidh slige a chinn a bhristeadh; agus ged rinn na lighichean na bha nan comas air a shon, dheug en ceann la. Chosg a chuideachd aig an robh e ag obair ri deadh chiste-laidhe a chur uime, agus richorp a chur dhachaidh gu cùramach guphàrantan brònach. Besan dara mac Iain T. Gwin. Bha e mu bhliadhna thar fhichead a dhaois, agus ged nach robh e ach uine ghoirid aig cosnadh, nochd e dhìlseachd dapharantan le cuideachadh airgid a chur dan ionnsuidh goirid roimh àm a bhais.

Ged bha dhà no trì stoirmean sneachd againn an deigh meadhon a mhìos sa chaidh, air chors gu robh doimhne chòig troidhean dheth anns a choille, leagh mu leth na doimhne sin air falbh le aimsir bhriagha, bhlàth, a mhair re seachduin. Chaneil duinen ar measg aig am bheil cuimhne air geamhradh fhaicinn riamh air cho beag reodhaidhs a bhagainn air a gheamhradh so, agus ged nach bi duil ri mòran reodhaidh re a chuid eile dhen earrach, faodaidh teachd a stigh an t-samhraidh a bhi cho fadalachs as àbhaist dha bhi. Nan tigeadh na tha air a radhs air a sgriobhadh mu thimchioll dùnadh suas caolas Eilean a Chluig(Belle Isle)gu crìch air chors gum biodh deigh mhòr na h-airde tuath air acumail air falbh gu buileach o chladaichean Cheap Breatuinn, agus gum biodh mar sin an t-earrachs an samhradh a tighinn a stigh le aimsir mòran nas blàithe, mar tha cuid a cumail a mach a thachradh, bu bheannachd sin air son nach burrainn luchd-àiteachadh an eilein so a bhi tuilleadh is taingeil.

Tha geamhraidhean fada Cheap Breatuinn gle chosgail air biadh spréidhe, ’n uair tha e eucomasach an toirt troimhe gun iad a bhi air am biadhadh fo dhion sheachd mìosan; ach ged tha sin maille ri iomadh ni eile, mi-fhabharrach don tuath, nam fanadh mòran dhen òigridh a tha fàgail an dachaidhean agus am pàrantan, ’s an dùthaich so fhein, seadh, air an cuid fearainn, agus saoithreachadh a chum am faighinn agus an gleidheadh ann an suidheachadh torrach, bhiodh an cor fein, cor am pàrantan gun chuideachadh, agus soirbheachadh na dùthcha moran nas fearr na thà e.

M. D.
Ceap Nor, Am Màrt 13, 1902.


Litir o Ailein an Tailleir.

A CHARAID: —Fhuair miMactalla nan Tùr,” leis an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, agus tha mi gle thoilichte leis, agus ged a tha cheanagam da fhichead leabhar-oran beag us mor, tha mi faicinn anns an leabhar so iomadh òran nach fhaca mi riamh roimhe. Fhuair mi cuideachd, “Filidh na Coille,” leis an uasal urramach cheudna, duine dom beil mi-fhins gach neach eilelabhras Gàilig fo iomadh comain. Tha e ri saothair mhoir ann an cumail suas ar cainnt mhàithreil anns an dùthaich so, agus bidh sin na chuimhneachan nas fhearr dha na bhiodh clach no carragh de sheòrsa sam bith. Shaolainn gun cuireadh gach aon de luchd-gabhail MHIC-TALLA a dhiarraidh an leabhair so, gu h-àraidh iadsan a tha chomhnuidh an Ceap Breatunn, an Antigonishs am Pictou, far an robh eòlas farsuinn air aBhard Mac-Gilleains air a chuid òran. Agus a bharrachd air òrain a bhàird sin, thasan leabhar roinn mhath de dhàin le Maighstir Sinclair fheins do dheadar-theangachadh a rinn e on Bheurla. Is fhiach amFilidha dha uireadsa thaphris, leth-dolair. Agus cha chòir diochuimhna dheanamh airMactalla nan Tùra thatar acreic air cairteal dolair. Tha an da leabhar so air an creic cho saors gu bheil eagal orm nach pàigh iad an cosdas, mur teid àireamh mhor dhiubh a chreic. Ceannaichibh, a chàirdean, “Filidh na CoilleagusMactalla nan Tùragus ma bhios aithreachas oirbh air son dealachadh ri tri chairteil dolair air an son, leigibh fios ugamsa. Is mise, ur dearbh charaid,
AILEAN MAC GILLEAIN,
no, mar theirte rium ann an Siudaig, da fhichead bliadhna roimhe so,
AILEAN AN TAILLEIR.



[206]

[Vol . 10. No. 27. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 203).

aidh sinn uaireiginn air beathathoirt seachad don Dia a thug dhuinn i. Bha Noushatal, do shearbhanta dhileas, airidh anns gach doigh air gum biodh tu measail oirre, agus tha mig aideachadh gum bheil e nadarra gu leor dhut a bhithg a caoidh gu trom; ach thoir fa near nach toir do bhron air ais i gu beatha. Air an aobhar sin, a bhaintighearna, ma tha gradh agad dhomhsa, agus ma ghabhas tu mo chomhairle, cuir stamhnadh air do bhron, agus thoir do cheart aire air do bheatha fhein, oir ma chailleas tusa do bheatha, bidh mise neo-shona ri mbheo.

Ged a bha na briathran a labhair an righ rithe gle thaitneach leis abhanrigh, ghabh i uamhas an uair a chual i gun robh Noushatal marbh. Chuir an naigheachd a leithid de dhragh oirres nach robh fhios aice car uine ciod a theireadh i. Mu dheireadh an uair a fhuair i os cionn an tionndaidh a ghabh i, thuirt i, agus ioghnadh gu leor oirre: “A Cheannaird nan Creidmheach, tha lan-chinnt agam gum bheil tlachd mor agaibh dhiom; ach ceadaichibh dhomh a radh nach urrainn mi an naigheachd a dhinnis sibh dhomh mi bhas Noushatal a ghabhail a steach, agus fhios agam gum bheil i slan, fallainn. Is e bas Abon Hasain a thag am chur fo bhron. Bha meas mor agaibh fhein air, agus bu toigh leamsa e, cha bann a mhain a chionn gun robh ena fhear-cuideachd tlachdar, ach mar an ceudna a chionn gun robh meas mor agaibh fhein air. Ach mo thighearna, tha ioghnadh mor orm a chionn gum bheil sibh agabhail cho beag suim dhebhas, agus aleigeadh duine air an robh meas mor agaibh, agus a bha cho tricnur cuideachd, cho luath as bhur cuimhne; agus tha ecur ioghnadh sonraichte orm gum biodh sibh afeuchainn ri mo mhealladh le bhithcumail am mach gur i a bhean a fhuair bas, agus nach be e-fhein.”

Bhan righ asmaointean gun robh am fios a fhuair e mu bhas Noushatal cinnteach gu leor, gu h-araidh on a chunnaics a chuale Abon Hasan beagan uine roimhe sid; agus thog e suas a ghuaillean, agus rinn e glag gaire, an uair a chuale na briathran a labhair Sobaide. Thionndaidh e ri Mesrour, agus thuirt e: “Ciod e do bharail air na briathran a labhair abhanrigh? Am bi mnathan uair sam bith acall an ceille? oir, a dhaon fhacal, chualas chunnaic tu fhein a h-uile rud a bhann cho math riumsa.”

An sin thionndaidh an righ ri Sobaide, agus thuirt e: “A bhaintighearna, na bi nas fhaidecaoidh Abon Hasain; oir tha miseg innseadh dhut le cinnt gum bheil e slan, fallainn; ach gu ma fearr leat a bhithcaoidh do shearbhanta; chaneil ach beagan mhionaidean on a thainig Abon Hasan a steach far an robh mise, agus e gu tursach, deurachg a caoidh, a dhinnseadh dhomhsa gun robh i marbh. Thug mi dha sporran anns an robh ceud bonn oir, agus pios aodaich gus a chur uimpe an uair a thiodlaiceadh e i; agus on a bha Mesrour anns an lathrach, togaidh e fianuis leam.”

Shaoil leis abhanrigh gur ann mar mhagadh a bhan righ, agus gun robh toil aige a mealladh. Thuirt i ris: “A Cheannaird nan Creidmheach, ged a bha ena chleachdadh agaibh a bhithdeanamh ceol-spors, feumaidh mi innseadh dhuibh nach e so aon chuid an t-aobhar non t-am air son a leithid a dhobair. Tha miseg innseadh na firinn dhuibh; chaneil mibruidhinn air bas Noushatal, ach air bas Abon Hasain; agus bu choir dhuibhsebhithg a chaoidh a cheart cho math riumsa.” Thainig nadar de ghruaim air aghaidh an righ, agus thuirt e: “A bhaintighearna, tha miseg innseadh dhut gun fheala dha sam bith, gum bheil thu air do mhealladh: tha Noushatal marbh, agus tha Abon Hasan beo, slan.”

Mhi-chord an fhreagairt so gle mhor ri Sobaide. Thuirt i ris ann am briathran casa: “A Cheannaird nan Creidmheach, gun gleidheadh Dia sibh o leantuinn nas fhaide anns abheachd mhearachdach sin; cinnteach gu leor is ann a tha toil agaibh a thoirt ormsachreidsinn nacheil sibhnur ciall fhein. Ceadaichibh dhomhsa innseadh dhuibh aon uair eile, gur e Abon Hasan a tha marbh, agus gum bheil mo shearbhanta-sa fhathast beo, agusna bantraich. Chaneil uair an uaireadair on a chaidh i mach as an t-seomar so. Bha ina leithid de staid bhronaich an uair a thainig is gun tugadh sealladh dhi air an duine as cruaidhe cridhe a tha beo na deoir a shileadh. Tha na mnathan a bha maille rium an uair a thainig i steach comasach air fianuis a thogail gum bheil miseg innseadh na firinn; agus faodaidh iad innseadh dhuibh gun dthug mi dhi ceud bonn oir, agus pios aodaich; agus bann acaoidh air son Abon Hasain a bha mi an uair a thainig sibh a steach.

An uair a chualan righ na briathran so, rinn e lascan gaire, agus thuirt e: “A bhaintighearna, tha ioghnadh orm gum biodh sibh cho fadanur barail fhein; ach faodaidh sibh a bhith cinnteach gum bheil Noushatal marbh.”

Tha miseg innseadh duibh nach eil, mo thighearna,” arsa Sobaide; “ is e Abon Hasan a tha marbh, agus cha toir sibhse gu brath orm a chaochladh a chreidsinn.”

An uair a chualan righ so, ghabh e fearg. Shuidh e air an t-sofa pios uaipe, agus thuirt e ri Mesrour: “Bi falbh anns amhionaid agus faigh am mach co aca a tha marbh, agus thig an so le fios; oir ged a tha mise deimhin gum bheil Noushatal marbh, is fhearr leam an doigh so a ghabhail na leantuinn nas fhaide air connsachadh mu rud air am bheil lan-chinnt agam.”

Ghrad dhfhalbh Mesrour mar a dhaithneadh dha.

Bidh fhios agad ann an uine ghoirid gur e misetha ceart,” arsan righ ri Sobaide.

Air mo shon fhin dheth,” arsise, “tha fhios agam gle mhath gur mi a tha ceart, agus chi thusa gur e Abon Hasan a tha marbh.”

Air mo shon-sa dheth, ma ta,” arsan righ, “tha mi deimhin gur e Noushatal a tha marbh, agus cuiridh mi geall riut gum bheil Abon Hasan beo, slan.”

Na bismaointean gun teid achuis leat cho maths a tha thun duil,” arsa Sobaide; “cuiridh mise geall riutsa, agus tha mi cho fior-chinnteach gum bheil e marbhs gum bheil mi deonach an rud as luachmhoirebhuineas dhomh ris an t-saoghal a chur air agheall. Tha fhios agam ciod a theid agam a chur air agheall, agus ciod en rud as luachmhoire a thagam; ainmich do gheall, agus seasaidh mise ris.”

On a thainig achuis ga ionnsuidh sin,” arsan righcuiridh mise mo gharadh maiseach air agheall mu choinneamh na luchairt dhealbhannan a bhuineas dhutsa, ged a tha fhios agam gur e an garadh moran is luachmhoire.”

An i acheisd an drasta, gur e do gharadh-sa as luachmhoire na mo luchairt sa? Chan e sin acheisd idir. Roghnaich thu an rud a thogair thu fhein dhe mo chuid-sa a chur mu choinneamh na tha thu fhein toileach a chur air agheall. Tha miseg aontachadh leat, agus cha teid min cois mfhacail; tha mitogail mfhianuis ri Dia.” Thog an righfhiannis ri Dia mar an ceudna, agus bha iad le cheilegabhail fadachd gus an do thill Mesrour.

(Ri leantuinn.)


An t-Ollamh Seumas Mac Griogair,

UGHDAR MORAN LAOIDHEAN SPIORADAIL.

SGRIOBHADH an eachdraidh ghoirid a leanas, anns a bhliadhna 1881, leis an Urr. Gilleasbuig Cleireach, LL. D., an sgoilear cliuiteach a chuir a mach an clo-bhualadh mu dheireadh de dh-obair Oisein.

Ann an àireamh roimhe so, atabhairt iomraidh air Dughall Buchanan, thuirt mi gu robh e astar mòr air thoiseach air gach aon deluchd-dùthcha a dhfheuch ranntachd mu nithean na diadhachd; agusn a dhéigh-san gu robh an t-Ollamh Mac Griogair mar Bhàrd spioradail. Is ann le toilinntinn a tha mi acur an céill beagan mu thimchioll an duine fhòghlumta, agus mhaith so; ged nach urrainn domh cunntas mion a thabhairt uime, mar gu cinnteach a tha deadh chòir aige air am measg nan Gàidheal.

Rugadh Seumas MacGriogair deireadh na bliadhna 1759os ceann beagan agus fichead bliadhna- ’an Srath-Fhaolain, Ceann Loch Eire, ’an Siorramachd Pheairt. Shocraich einntinnn a thràth air dreuchd naomh na Ministreileachd; agus fhuair e làn fhòghlum ann an Oil-thigh Dhunéidinn. Co luath as a fhuair e cead dhligheach gu searmonachadh Soisgeul na slàinte, anàite fantuinnn a thìr-dhùthcha, mar a bhiodh taitneach a thaobh nàduir, chaidh e gun dail gu Pictouan Nova Scotia, ’an America mu thuath, far an robh mòran Ghàidheal, o iomadh ceàrnaidh den Ghàidhealtachd, gun duine air bith asealltuinn air am maith spioradail: agus shaoithrich e air mhodh co dùrachdach, agus co foghainteach nam measg car cheithir bliadhna deugar fhichead as gu-n do choisinn e an t-ainm urramach fo-m bheil cuimhne chùbhraidhs an ionad sin air gus an n diughAbstol Phictou.

Tha, air an n diugh, Nova Scotia fada, fada air thoiseach air aGhàidhealtachd ann an iomadh dòigh. Tha pailteas lòin, ’us éididh aig a luchd-àitich; agus, gnothach ro phrìseil, is leo féin am fearann a tha iad ag àiteach. Cha-neil iomaguin orra mu màil. Cha-neil eagal roimh mhaor, no bàirlinn. Cha-neil iadan eisiomail uachdarain, no Factor; oir tha còir dhligheach aig gach duine air an fhearann a tha e ag oibreachadh. Tha gach aonn a shealbhadair fearainn, ’n a uachdaran e féin. Agus a bhàrr air a so, tha Eaglaisean, ’us Sgoilean maithe, lionmhorn am measg. Tha e gun teagamhn a cruaidh, mi-chneasda a bhifògradh dhaoine an aghaidh an toilas an tìrs an drugadh, ’us an dàraicheadh iad; ach bhiodh e chum mòr bhuannachd do mhìltean, nan rachadh iad le an toil féin do na ceàrnachan ud. Tha iad a nis gu lìonmhor anns aGhàidhealtachd acrùban o bhliadhna gu bliadhna ann am bothain chumhann, dhorcha, neo-sheasgair air iomadh dòigh. Tha iad acur seachad an làithean ann an saoithreachadh gruinnd glé neo-bhrìghmhor, nach toir ach beag toraidh uaith; agus an uair a thig làithean na h-aoise, gu minic cha-neil ach bocsa-nam bochdan Sgireachd, mar chùl-taicaca. ’S a bhàrr air a so uile cha-neil acaam bitheantas aontadh no còir air an làraich. Tha iad o bhliadhna gu bliadhna aircloich an turramain,’ gun fhios air bith nach cuir acheud Chuingis gu imrich is allaban iad.

Is ro mhòr an diubhar eadar an cor bochd so agus cor socair, sàsda muinntir Nova Scotia, Prince Edward Island, Chanada, no Australia. Ach cha robh cor Nova Scotia air dhòigh air bith taitneach an uair a chaidh Seumas Mac Griogair don dùthaich. Bha lìonmhoireachd Ghàidheal ann: ach bha iad sgapta fad o chéile. Bha iad neo-chleachdta ris an obair a thachair orraagearr-



[207]

[Vol . 10. No. 27. p. 7]

adh sìos nan craobhan mòra, chum an grunnd a réiteachadh air son pòiragus car bhliadhnachan, gus an dfhàs iad eòlach air an obair, air an t-sìd, ’us air àrach spréidhe, dhfhuiling iad mòran an-shocair air iomadh dòigh. Cha robh eaglais no tigh-sgoile air a chur a suas an uair a ràinig an duineudmhor agus blàth-chridheach so a luchd-dùthcha, ’s abhliadhna, 1780. Ach chaidh e mun cuairt o thigh gu tighs o bhaile gu baile, asearmonachadh Soisgeil Chriosd le mòr dhùrachd. Bha ecoiseachd thar sneachd o thrì gu ceithir a throighean air doimhneachd: ach is ann le brogan-sneachda, mar a theirear riuthbonn-bhrogan de bhùird ro fhada, agus leathanna bha eg a dheanamh sodòigh astair ro chlaoidhteach. Gu minic cha robh leaba aige ach sop cònnlaich air an ùrlar mu choinneamh an teinntein, agus bainmic a gheibheadh e biadh a bfhearr na buntàta, agus iasg glas. Thàinig e troimh iomadh cruadal: ach cha do ghéill e ann an eud, no misneach, no slàinte. Chaidh e air aghaidh gu dìleas, agus gu deòthasach car naoi bliadhna mu-n dràinig Ministeir Criosduidh eile de sheòrsa air bith crìochan Phictou.

Aig an àm so bha cùisean air dol mòranam feabhas feadh na dùthcha anns gach dòigh. Chaidh an sluagh gu mòr ann an lìonmhoireachd, agus thàinig iad air an aghaidh ann an teachd-an-tìr. Shoirbhich àiteachus malairt, agus shuidhich bailteannam measg a tha an diughnam bailtean mòra, agus inbheach air gach dòigh. Lean Seumas Mac Griogar airobair le dùrachd ann an làithean an t shoirbheachaidh mar ann an làithean achruadail, gus an do ghairmeadhoshaothair gu fois shìorruidh es abhliadhna 1830, aig aois aon-deugus trì fichead bliadhna, (71).

Bha en a ni ro chliùteach don duine so gu robh e, cha-n e mhàinn a shearmonaiche dùrachdach, ach gun do ghléidh e suas, ’s gu n do mheudaich e gu mòr am fòghlum a fhuair es an àrd Oil-thighan làithean òige. Sgrìobh e leabhraichean Beurla a choisinn urrad chliù as gu-n drinneadh Ollamh, no D. D. dheth. Ach is ann air son aGhailig gu h-àraidh a tha mitoirt iomraidh air. Chuir e a mach laoidhean fo ainmDàin a Chòmhnadh Cràbhaidha tha ro shoisgeulachn an teagasg, agus ro bhlasdan an cainnt. Bha en a fhìor Bhàrd: agus is ann le tlachdus aoibhneas a bha e, ann an siubhal choilltean, ’us fhàsach, agleusadh a chruit-chiùil gu àrd-mholadh Dhé a sheinn ann an seana chànainn nam Beann. Rinn a laoidhean mòr-fheum do dhiomad anam, agus tha mi ro thoilichte fhaicinn gu bheil feadhain, a dhfhàg e sgrìobhte, air an cur a mach aig an àm le Mr. A. Mac-Gilleain Mac-na Cèarda, a than a mhinisteir ro mheasail ann an America mu Thuath, agusn a shàr sgoileir Gailig. Maille riu so tha àireamh de laoidhean glé bhinn, blasda agus Soisgeulach, le Iain-Mac Gilleain, a bha aon uairn a Bhàrd aig Tighearna Chola. Chuir an duinuasal ceudna a mach o cheann ghoirid òrain leis aBhàrd cheudna, agus lìonmhoireachd le Bàird eile a bha beò o cheann linn no dhà. Tha iad so uile làn-ghlan, geanmnaidh, amoladh fìrinn, onoir, stuaim, suairceis, ’us caoimhneis; acur far comhair mòran den fhiughantas, ’s den dìlseachd a bha aon uair am measg chlanna nan Gaidheal. Tha a luchd-dùthcha fo mhòr chomain do Mhr. Mac-na-Cèarda, agus bhiodh e gu buannachd araon dhoibhsan agus dhàsan nan ceannaicheadhs nan leughadh iad na leabhraichean so. Ach is cùis bhochd a thann, ged is tric leis na Gàidheil a bhigearan mu dhearmad a bhi air a dheanadh orra féins air an cànainn, gur ainmic a cheannaicheas iad leabhar Gàilig air bith co maiths a tha e.


Fagaidh Mi an Gleann.

Fàgaidh mi an Gleann,
Falbhaidh mis mo thogair,
S theid mi measg nan Gall,
Dhfheuch am faigh mi obair.
Eadar Calums Eoghann,
Mor is Seonaid Eachainn,
Tha mo chor-sa searbh
Falbhaidh mis amhaduinn.

Nuair fhuair mi air mo dhoigh
S mo bhrogan air an glanadh,
Thog mi orm gu foil
A chomhradh ri mo chaileig;
Chur i carna sroin,
S thuirt i riumbhi tarruing,
Gun dug ise boid
A bhi mor le Calum.

Dhfhàs mo chridhgun treoir,
S thainig sgleo mum shealladh,
S thug mi mionnan mor,
Ged nach coir an aithris,
Ma bhios mise beo
S treoir a bhinam chnamhan,
Biodh e beag na mor,
Bidh a shron gu talamh.

An uair a bha mi og,
Is seocail air mo chasan,
Gheibhinn ceithir na coig,
Is an corr nan gabhainn;
Ach on thainan aois,
S caochladh nach gabh falach,
Fàgaidh iad mo thaobh,
S roghnaichidh iad Calum.

Ach coma leam co-dhiu,
Than diubhail nis air tachairt,
Gheibh mi batas ,
S theid mi thun na faighir,
Theid mi dhireadh stùchd,
S siubhlaidh mi na sraithean,
S meallaidh mi ùr,
Mach o ghlùn a h-athar.

Ged tha mi air mo leon,
Cha choir dhomh bhi fo smalan,
Leighsidh mi fadheoidh,
Cha mhair an doruinn fada;
Thug iad dhiom mo chot
S leig mi leo mo dhrathais,
Ach bitheamsair mo dhoigh
S gheibh mi leodag fhathast.

Nis soraidh leo an dràsd,
Tham bàta tighinnan sealladh,
An ni a bhios san dàn,
S e is àbhaist tachairt,
Theid mi thar achaoil,
Null ri taobh na mara,
Far a bheil mo ghaol,
Caileag aoidheil, bhanail.

Caileag laghach, chiùin,
Mar a mùgh i fhathast;
S mar a dean i cùis,
Nacheil an dùthaich farsuing?
Gheall i dhomhna thràth,
Air na bhas na bhitheadh,
Gun dugadh i dhomh a làmh,
N bhiodh i fichead.

AONGHUS OG.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[208]

[Vol . 10. No. 27. p. 8]

Cumha

Do Shim Og Domhnallach, Mac-Mhic-Dhughaill Mhor-thir, a mharbhadhs a bhliadhna 1812 le urchair thubaistich bho ghunna fhein.

LE IAIN MAC-GILLEBHRATH, AM PIOBAIRE.

S tric mitionndadh am leabaidh,
S gun mo dhùil ris a chadal;
S beag an t-ioghnadh suds maigneadh cho cràiteach.

Fhuair mi sgeulasa mhaduinn
Thromaich éislean fo maisnean;
S cha tuig leigh no fear mfhaicinn mar tha mi;

Gun do chiuradh am faillean
Bhair friamh dùthchais nam meangan;
Craobh a bùiremeasg dharag a ghàraidh.

Mile marbhphaisg airn t-saoghal,
S mairg a bheireadh ro ghaol da,
S nach h- ’eil arm de na daoinach an sgàile.

S tric ar n-uaighean gan cladhach,
S uainn ar n-uaislean gan taghadh;
S grad a bhuaineadh oirnn ragha nan àghan.

Mhic- ’Ic-Dhughaill on Ghainmhinn,
O bhun stùc beinn an t-sealgaich,
S goirt a chunntadh an aimsir sod chàirdean.

Gnùis a bàillidh ra sireadh,
Sùil bu bhlàithe gun tiomadh,
S deacairàireamh aon ghin a thug bàrr ort.

Alach prionnsail a chruadail,
Sgathan-sampuill na h-uaisle,
S goirt richluinntinn gun dsguabadh do làrach.

S beag an t-ioghnadh do dhìslean
A bhith tursach nan inntinn,
S gum bu mhùirneach a chìsthug am bàs dhiu.

Chraobh as faide fo fhriamhaich
Gur h-is aithghearrachrionas;
S trictha tobraichean fior-uisga tràghadh.

S iomad latha mor meadhrach,
Air bharr aighir is greadhnais,
Thug na maithibh an teaghlach na Tràigh ud.

Mo chreach leir Clann Mhic Dhughaill,
S iad mar choill air a rùsgadh;
Conis sheasas an cùis an àm gàbhaidh?

Bhon a dh-fhalbh an sgiath dhidinn
Bha nadion aig an sinnsribh,—
Iuchair ghleidhte nach diobradh nan càs iad.

Nam be iomairt no eucoir
Leis an deachaidh do chreuchdadh,
Air mo laimh nach biodh teirig gun phàigheadh.

S lionmhor curaidh deas, dealbhach,
Rachadh ullamh ga dhearbhadh,
Sheasadh duineil fo airm an am tàirgne.

S ann diu fior shliochd do thaighe,
Rachadh sios leat gun athadh,
Dheanadh gniomh an àm crathadh na stàilinn.

Agus Morair sin Shléite,
Air bharr corra-ghleus nuairdhfheumadh,
Le laoich fhoirmeil nach geilleadhn àm gàbhaidh.

S laidir gaisgich Chlann-Raonuill,
Mar bharr lasrach ataobhar,
S cha be bfhasan dhaibh claonadhs na blàraibh.

Oighre Chnoideart a bharraich,
Dam bu choir a bhith fearail,—
s cian a sheorsam bun Gharaidh an tàmhachd.

Sin is foirmidh nachoinnimh,
Sliochd Iain Oig as na Gleannaibh,
Bhiodh ga dchomhnadh le barantas làidir.

Mar choin shealgach air lomhainn,
No barr gailbheinn is reothairt,
Comhlan borb Ghlinne-Gomhansa Bhràighe

Ach dem fath bhith ga dshireadh,
No bhi deurach mu dmilleadh,
S nach till treun-fhir a chruinne gu bràth thu.

S trom nas fheudar a ghiùlan,
S goirt gach creuchd mar as ùire,
Ged is goirid ar n-ùinesan fhàsach s’.

Achs es cuibhe dhuinn striochdadh
Leis gach nibheir a chrioch oirnn,
S a bhith ùmhal fo riaghladh an Ard-Righ.

Fhirthug Iob as a phiantaibh,
S a thug Pol as na h-iaruinn,
Nochd dhuinn solas gun chrioch ann am Pàras.

S e bàrd math a bhasa Phiobair Mac-Gillebhrath. Is aobhar cliù e do gach aon a bhuineas da agus da chinneadh. Bha e naGhàidheal gu chùl, mar a bha a dhlùth chàirdean, Mr Raonall, sagairt Arisaig, agus Mr Anndra, sagairt Liosmoir. Tha e naghnothach bochd nach rachadh orain a Phiobaire a chruinneachadhs a chur am mach ann an leabhrachan.

GLEANN-A- BHAIRD.


Rainn de Sheann Orain.

FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN, —Tha e air innseadh gun deachaidh na rainn a leanas a chur ri cheile le bana-bhàrd, aig àm a thainig an Crann air a fear-posda, a mac, agus a bràthair. Ghearain i ris an àrd-cheannard, gum bu chruaidh a chùis gum biodh an triùir bu dilse dhith air an toirt uaipe airson an airm, agus i bhi air a fàgail na h-aonar. Gheall e dhith, nan deanadh in toiseach oran anns nach biodh facal bréige, agus a rithist oran anns nach biodh guth firinn, gun tugadh e na daoine air ais dhith mar thuarasdal. Chaneil agam ach pàirt dhe gach oran; ’s bhiodh luchd-leughaidh MHIC-TALLA ann a Waipu gle thaingeil nam burrainn thun oran a thoirt dhaibh coimhlionta. ’S e so na rainn fhirinneach:—

Teinega fhadadh an loch,
Bhi tiormachadh cloich an cuan,
Comhairlethoirt air mnaoi dhùr
Mar bhuillùird air iarunn fuar.

Diubhaidh connaidh fearna fliuch,
Diubhaidh na sìne flich reothadh,
Ach gus an tig an dìle steach,
S e diubhaidh an domhain droch bhean!

Tha na rainn bhreugach mar a leanas:—

Chunnaic mi na partanan
Adannsair an làr-fhasgnaidh,
Agus dhiubhs slatag aic’,
S i cur am mach nan caorach.

S chunnaic mi na donnagan
Is cuallan mora connaidh orr’;
S an fhaochag anns an donnalaich
A falbh is dronnag fhraoich oirr’.

Chunnaic mi na sùlairean
Toirt feur do laoigh a chùbair;
S a chuthag is gu-gùg aice,
S i criomadh sùil na caorach.

Mhillgu-gùgna cuthaig an t-oran briagach, ach fhuair i a roghainn as an triùir, agus thagh i a bràthair, is thuirt i:—

Mas a beo mi gheibh mi fear,
S ma gheibh mi fear gheibh mi mac;
S bho nach faigh mo mhàthair mac,
S e mo bhràthairs fearr leam ac’.

Mu dheireadh fhuair in triuir leatha, ach ghabh a fear-posda tàmailt, ’s cha tilleadh e.

EARRAGHAIDHEAL.
Waipu , New Zealand.


Teirgidh gach ni richaitheamh,
S a bhig a chaitheamh gu minig;
S an ni sin nach caithear,
Ged nach caithear gun teirig;

Bhon a theirgeas gach gun chaitheamh,
Grathunn mun tig am bràth;
Is còir gach a chaitheamh,
Mun caith e fhéin as a thàmh.


Na dean Mearachd
Rubbers
DHE NA SEORSACHAN AS FHEARR
air na prìsean as ìsle ann an
STOR
REDDEN,
Ross Block,Sidni.


Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
as fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.

K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., —LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnchaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid. D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .

Ard-oifis: —TORONTO , CANADA.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.

titleIssue 27
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla X No. 27. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page