[209]

[Vol . 10. No. 28. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol.X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 11, 1902. No. 28.


Turus Ruairidh don Exhibition.

FACAL AIR AN FHACAL MAR A CHUALAS UAITHE FHEIN.

I.

CHA teid an turus a thug mise do Ghlascho air abhliadhna so as mo chuimhne fhads a bhios mi air talamh nam beò. Agus on a tha toil agadsa, ’dheadh charaid, fios fhaotainn air mar a thachair dhomh air mo thurus, agus air na chunnaics na chuala mi, bheir mi dhut gearr iomradh air; ach cuimhnich gur e gearr iomradh a bhios ann, oir ged a bhithinn-sa cho math gu beachd a ghabhail air na seallaidhean iongantach ud ri duinesheas riamh ann am bròig leathair, agus cho math cuimhne ri duinebha riamh beò, cha rachadh agam air trian dhe na chunnaics a chuala mi a thoirt fa near agus a chumail air chuimhne.

Ged a bha thusa gle eolach ormsa an uair a bha sinn le cheile òg, gòrach, agus baoth, tha iomadh bliadhna o nach fhaca sinn a cheile. Is iomadh car a chuir an saoghal dheth on àm anns àm bu ghnath leamsa, agus leatsabhithg iomain air amhachaire lom, reidh ri solus na gealaich, agus sinn gun chùram gun smuain mu dheidhinn na bha romhainn dhe ar beatha. Mar is minic a thachair, chaill sinn sealladh air a cheile mun gann a rainig sinn aois fearachais; agus on a thachair gun robh ar crannachur gle eadar-dhealaichte ann an iomadh dòigh, agus a thaobh gun robh sinn o chionn dlùth air da fhichead bliadhna far nach robh en comas dhuinn a cheilfhaicinnn, cha bhiodh as an rathad dhomhsa beagan innseadh dhut mu dheidhinn achogaidh a bhagam ris an t-saoghal on a chunnaic mi thusa mu dheireadh. Tha fhios agamsa air gu leor mu ddheidhinn sa, ged nacheil fhios agadsa air abheag sam bith mu mdheidhinn-sa. Agus faodaidh tu mo chreidsinn an uair a tha mig innseadh dhut nacheil fear eile an diugh beò don innsinn mo naigheachd cho saors a tha midol ga h-innseadh dhutsa.

Tha micreidsinn gum bheil cuimhne mhath agad fhathast air an àm anns an robh sinn adol don sgoil; agus tha fhios aig an fhortan nach robh ann ach ainmeachas sgoile. Bha am maighstir-sgoile, mar a bha na sgoilearancearta coma ach an lathachur seachad. Chaneil micreidsinn gun robh fear eile dhe na sgoilearan a leith cho coma dhen sgoils a bha mise. Cha robh mi deònach leabharfhosgladh aon chuid anns an taigh-sgoile, no ann an taigh mathar. Bfhearr leam gu mor a bhithfalbh air mo thoil fhin timchioll achladaich, no air feadh amhonaidh ag iarraidh nead, na bhith anns an sgoil, ged a dhfhaodas mi radh gun robh mo thoil fhin agam anns an sgoil mar a bhagam an àite sam bith eile. Tha fhios agadsa gur ann mar so a bha, ach is docha gun do leig thu air dichuimhn e. Ach cha do leig mise air dichuimhn e; oir tha mo ghòraiche agus mo mhi-chùram anns an


*Paipear , leis an Urr. Iain Mac Ruairidh, a chaidh a leughadh aig aon de choinneamhan Comunn Gàilig Inbhirnis o chionn ghoirid, agus a thaitinn gu sàr-mhath riuthasan a bha làthair.

àm ud acur dragh air an inntinn agam gus an lathan diugh, ged a tha fhios agam gle mhath nach toir dragh is dorran mun àm a dhfhalbh atharrachadh sam bith air na chaidh seachad.

O nach robh facal sgoile aig mathair, no aig mo mhàthair, cha robh iad afaicinn gun robh sgoil gus a bheag a dhfheum a dheanamh dhomhsa. Cha robh duine sam bith ach fior dhuinainneamh asmaointinn aig an àm ud gun robh sgoil a chum feuma sam bith do dhfhear saoithreachaidh fearainn.

Cho luaths a burrainn mi obair a dheanamh, bfheudar dhomh tòiseachadh ri obair. Ach an uair a thainig mi gu rudeiginn gliocais, agus a dhfhàs mi mor, cha robh saoithreachadh an fhearainn agus gach obair eile a bha ri deanamh, acòrdadh rium idir. Thòisich mi ri cur romham gum falbhainn gu cosnadh air choireiginn don Ghalldachd, no thun an iasgaich mar a bha fear is fear eile dhe msheòrsadeanamh; ach gu mi-fhortanach dhfhàs mathair tinn aig an àm, agus leig mi as mo cheann falbh on taigh an dùil gun rachadh e na bfhearr. Agus ged a chaidh e na bfhearr beagan, cha do chuir e riamh dheth an tinneas a bhair. Mun dthainig ceann na bliadhna dheug e. Bha mo mhàthair aig an àm ud, mar a bha i àireamh bhliadhnachan roimhe sid, gle bhreòite. Agus o nach robh beò dhen teaghlach ach mi fhin is aon phiuthar, smaoinich mi gum be mo dhleasdanas leantail ris an taighs ris an fhearann fhads a bhiodh mo mhathair beò.

Mun dthainig ceann bliadhna an deigh bàs mathar, phòs mo phiuthar. Cha bu luaithephòs mo phiuthar na thòisich mo mhàthair ri mo chur gu pòsadh. An toiseach, cha robh mi deònach a comhairle ghabhail; ach mu dheireadh, cha robh dol as agam. Chunnaic mi nach robh rathad agam air gnothaichean a chumail ann an òrdugh mar bu mhath leam am freasdal searbhanta. Agus on a bhan te a bha mo mhàthair ag iarraidh orm a phòsadh atighinn a reir minntinn fhìn anns gach dòigh, phòs mi i.

Fhuair sinn seachdnar chloinne. Ach chaill sinn triùir dhiubh an uair a bha iad òg. Chaill sinn dithis ghillean anns aghriùraich anns an aon earrachfear dhiubh coig, agus am fear eile tri, bliadhna. Agus chan ann a chionn gum bu leamsa iad, ach cha baithne dhomh dithis eile dhen leithidean anns an dùthaich. Chuir bàs na cloinne so, agus cha bioghnadh e, tilleadh mor annam fhin agus anns amhnaoi. Biad a bòige dhen teaghlach, agus uime sin bha sinn uileg an caoidh anabarrach mòr.

Chuir mi romham aig toiseach mo thòisich gun tugainn sgoil is ionnsachadh do mtheaghlach. Thachair gu fortanach gun robh deadh mhaighstir-sgoile faisg oirnn. Ged a be Domhnull am mac bu shinne, agus acheud chuideachadh a bha gu tighinn orm, chuir mi romham gun cumainn gu riaghailteach anns an sgoil e, a chum gun rachadh aige, nam biodh e fhein glic, air faotainn troimhn t-saoghal gun a bhith sàs ann an gibean bochd fearainn, no ri obair shalach sam bith eile. Agus chaneil aithreachas sam bith orm an diugh air son sid a dheanamh; oir bha ena sgolair math, agus bha e iomchuidh, glic, cùramach, deanadach, gun chosgais gun stròdhalachd sam bith. Tha àireamh bhliadhnachan on a chaidh e do Ghlasacho, far an dfhuair e àite-cosnaidh anabarrach math. Ach tha mifaicinn, a charaid, gum bheil thu gabhail fadachd nacheil mig innseadh dhut mu mo thurus. Mur be sin dhinnsinn dhut moran mu thimchioll mar a bha micothachadh an t-saoghail. Mun teid mi air aghart le mo naigheachd mu dheidhinn mo thuruis, faodaidh mi innseadh dhut gun robh gnothaichean gle chruaidh orm fhins air amhnaoi fad iomadh bliadhna. Chuir sinn romhainn nach biodh eis sam bith air achloinn, ciod sam bith mar a dheireadh dhuinn fhin. Fhuair iad uile deadh sgoil, agus cha robh eis beidh no aodaich orra; agus bha am màthairg an cumail gle ghlan, sgiobalta. Ach air a shaillibh so, bha sinn fhin le cheile iomadh uair gun an t-aodach uile slàn mu ar druim. Fhuair sinn as a chionn sin, agus faodaidh sine a nis a dhol am mach air Sàbaids air seachdain cho sgiobaltas cho glan ri h-aon sam bith dhe ar coimhearsnaich. Bàbhaist do Dhomhull a bhith tighinn dhachaidh fad seachdain no deich latha a h-uile bliadhna. Ach am bliadhna, chuir e fios nach robhna bheachd tighinn dhachaidh idir, on a bha toil aige gun rachainn-samach a dhfhaicinn nan ioghnaidhean mora a bhann an Glasacho. Cha robh mi an toiseach deònach a dhol do Ghlasacho idir. Bha mig radh nach robh gnothach sam bith aig mo leithid-sa de sheann duine aig nach robh ach gann facal Beurla a dhol don bhaile mhor idir. Ach laidh a h-uile duinebha staigh orm gus a dhol ann, agus thuirt iad rium nach beagal dhomh, ged nach robh Beurla gu leòr agam gun robh Gailig gu leor aig Domhull. Mu dheireadh, an uair a bhabheang am chomhairleachadh gu falbh, dhaontaich mi gum falbhainn.

Sgriobh Domhull gam ionnsuidh, agus thuirt e gun robh edol a chur deise ugam o lar gu mullach gus a bhith umam air mo thurus. Agus thuirt e gum faodainn falbh leis antrain,’ no air aChlaidheamh-mhor, nam be bfhearr leam. Chuir e airgiod ugam gus mo bhòrd is mfharadh a phaigheadh. Agus thuirt e gum feumainn, nam bann air aChlaidheamh-mhor a dhfhalbhainn, mo bhiadhs mo leabaghabhail anns achàbin mar a dheanadh na h-uaislean eile a bhiodh air bòrd.

Chuir mi romham am muighs am mach nach fhalbhainn leis antrain’. Bha mi a chionn fada cluinntinn gun robh moran air am marbhadh leis antrain’; agus ged a chaidh mi troimh iomadh cruadal agus cruaidh-chas atogail mo theaghlaich, cha robh iarraidh sam bith agam air falbh as an t-saoghal so gus am bfhior fheudar dhomh; agus mar sin, chuir mi romham gum falbhainn leis aChlaidheamh-mhor.

Bhan deisechuir Domhull ga mionnsuidh a cheart cho freagarrach dhomhs ged a dhfhàsadh i umam. Be ada bhog dhen t-seòrsa a bhios na ministearan acaitheamh a chuir e gam ionnsuidh, oir bha fhios aige gur i bu sholta ri mo cheann. Agus bha na botunnan a chuir e ugam cho freagarrach dhomhs a dhiarrainn. Agus on is ann ri radh riutsa e, cha deachaidh deise cho math sid mu mchroit riamh roimhe.



[210]

[Vol . 10. No. 28. p. 2]

Gu fortanach bha lathanabarrach briaghann an uair a ghluais mi on taigh gu falbh. Dhfhàg mi beannachd aig a mhnaois aig a chloinn mar gum bithinn adol a dhfhalbh as an rioghachd.

An uair a rainig min cladach bham bàta a bha gus ar n-aiseag thun aChlaidheamh-mhoir afaotainn deiseil, agus gun dàil chaidh sinn a steach innte; oir bhan Claidheamh-mor air tighinnn ar sealladh.

Cha robh i tiotadh atighinn don acarsaid. Agus an uair a rainig sinn achliathach aice, bha ioghnadh gu leòr orm cia mar a chaidh aig daoine air a cur air bhog an uair a rinneadh i.

Cha bu luaithe fhuair mi air bòrd na thainig duine air an robh coltas fior chaoimhneil far an robh mi, agus thuirt e, agus fiamh gaire air a ghnùis: “Cia mar a tha sibh an diugh, a Ruairidh? Nach briaghamhadainn a thann?”

Bha deise bhriagha ghorm air, agus da shreith de phutain bhuidhe anns an t-seacaid aige, agus bha stiom de dhaodach oir mor-thimchioll a chunnaic a bha ma cheann.

Thuirt mi ris an uair a chuir e failte orm: “Than cothrom agaibh orm, a dhuine chòir; chaneil migur n-aithneachadh.”

Anns an fhacal, cofhreagair ach Seumas Mac-an-Toisich, gille còir, gasda air an robh deadh aithne agus deadh eòlas agam mun dfalbh e thun na Galldachd. “So agad, a Ruairidh, sgiobair abhàta,” arsesan; “agus tha e gle eòlach air Domhull.”

Tha mig iarraidh mathanais oirbh, a sgiobair,” arsa mise; “cha robh fhios agam co sibh.”

Cha ruig mi leas na bha de chomhradh agam ris an sgiobair chòir innseadh dhuibh; ach faodaidh mi radh gun do thog mo chridhe ris, cha bann a mhàin a chionn gun robh deadh Ghàilig aige, ach mar an ceudna a chionn gun robh coltas cho aoidheils cho tlachdar air a ghnùis.

(Ri leantuinn).


Iain Mor nan Ord.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN,

CAIB. II.

NAIGHEACHD ACHIOBAIR.

DHUISG Eachunnathair gun mhaille, ’s fhads a bha e ga fhuasgladh dhinnis e dha mu Mhaili. Gun dàil sam bith thog iad leotham biadh, ’s le cuideachadh an t-soluis fhuair iad am mach, agus fhuair iad na h-airm mar a dhinnis Maili aig beul na h-uamha. An uair a fhuair iad gach ballna àite fhein mhùch iad an solus, agus ghluais iad cho fàillidhsa dhfhaodadh iad air falbh on àite. Cha robh e idir soirbh ach do dhuine eòlach faighinn as. Ach an deigh iomadh cuartachadh, moran astair, agus iomadh sàbhaladh caol mu na bearraidhean, rainig Domhull Ciars a mhac bothan ciobair mu bhristeadh an latha. Ged a bhan uair tràth bhan ciobair air a chois, agus an deigh sùil amhrusach a thoirt orra, feuch an tuigeadh en robh iad sìtheil, dhfhàiltich e gu cridheil iad, ’s chuir ebhean air a cois gus biadh a dheasachadh. An uair a dhinnis iad mar a dhéirich dhaibh, fhuair iad barrachd fiosrachaidh on chiobair mu fhir na h-uamha.

Faodaidh mi ràdh,” arsan ciobair, ’n uair a las ephiob, “nacheil fios aig duine beò a mach on àite air àite-comhnaidh Ruairidh Ghlaiss a theaghlaich, ach agamsa nam aonar, agus aig béisd caillich a fhuair am mach e o chionn ghoirid, ris ancanar Muime-na-h- àiridh. Tha fios aca gu bheil mise dìleas dhaibh. Agus innsidh mi dhuibh mar a fhuair mi le tuiteamas an uamha, agus maraon nas fhiosrach mi mu bheatha Ruairidh fhein. O chionn bliadhna no dha chaidh mo ghobhair air chall suas a bheinn; dhfhalbh mi gan sireadh, aguss e bun a bhann gun deach mi-fhìn air seacharan mar an ceudna. Bha mi falbh o bhearradh gu bearradh, feuch an aithnichinn càiten robh mi, ach mu dheireadh thuit ceò troms chaidh mi nam bhreislich. Rinn mi astar mors mi nam ruith a chuid bu mhotha. Faisg air dol fodha na gréine thog an ceò, agus air dhomh creag mhor ghlas fhaicinn os mo chionn, rinn mi dìreach oirre, agus thòisich mi air streap suas na mullach, feuch chithinn non aithnichinn càiten robh mi. Ciod a biongantaiche leam, ’n uair a bha mi gus a bhi aig a mullach, na plathadh de ghaoith bhlàth fhaireachdainn na maodann. Sheall mi le ioghnadh agus eagal gu geur mun cuairt, agus chunnaic mi fosgladh beagsa chreig fodham, agus toit gu dian a brùchdadh am mach, ach a thaobh gun robhn toitsa chreag dhen aon dath chan fhaca mi e gusn do theab e mo thachdadh. Leis an uamhas a ghabh mi, chaill mi mo ghreim, ’s chaidh mi sios car ma char ris a chreig; agus cha bu lugha meagal nuair a fhuair mi mi-fhìn gu teann, cruaidh an gairdeanan seann fhuamhaire mor, glas aig a bonn. Thog e leis mi mar gum bu phàisde mi, gun ghuth a ràdh, agus bha e deanamh dìreach air a bhearradh aognaidh a bha dluth air son, is docha, mo chur ris a chreig, ’n uair, gu fortananach dhomhsa, dhfhuasgail a ghreim iarnaidh, ’s thuit a lamhan ri chliathaich, ’s thuit e air an talamh mar neach marbh. Leum mi air mo chois, ’s an ath shùil a thug mi chunnaic mi caileag òg, àluinn atighinn am mach as a bheinn. Ruith idhionnsuidh an t-seann duine agus chuir i craicionn caorach fo cheann. Bha mise cinnteach a nis,” arsan ciobair, “gum bu shìthichean iad, agus thòisich mi ri gabhail rann a dhionnsuich mo sheanamhair dhomh air son faighinn as an làmhan. An uair a chuala chaileag mi thainig fiamh gàirair a gnùis bhòidhich, ’s a cromadh thog i slatag bheag dhubh a thachair rithe, agus thug i buille bheag dhomhs a cheann, ag ràdh, ‘Na bi na ddhuine nas fhaide, ach bi na dchù stubach, ruadh!’ Chaidh crith orm le eagal is uamhas. Thog mi mo dha laimh, ’s mi smaointeans a toirt a chreidsinn orm fhin gun robh iad a tionndadh nan spogan coin, agus an ceann tiotaidhs ann a bha car de dhioghnadh orm nach robh atharrachadh cruth a tighinn orm. An uair a chunnaic a chaileag an coltas a bhorm, ’s mi dur-bheachdnachadh orm fhìn, rinn i lasgan gàire agus thuirt i, ‘Cha chreid mi-fhìn nacheil thu duilich nach do thionndaidh thu na dchù stubach, ruadh! Am bheil thu fhein cho faoins gum bheil thucreidsinn ann an sìthichean?’

“ ’Ma ta,’ arsa mise, ‘tha feadhainn as glice na misecreidsinns na sìthichean; agus chuir thusa crith ormsa. A dhinnseadh na fìrinn, tha leth dhùil agam a bhicomhartaich fhathast! Ach ma bhuineas sibh don t-saoghal so, co sibh?’

“ ’An cuala tu iomradh riamh air Ruairidh Glass a chuid mhac?’ arsise. ‘Sin e agad; agus is nighean dha mise. Than tinneas tuiteamach air,’ arsise, ’s ig amharc air le bròn, ‘ ’s tha eagal orm gun cuir e crìoch air air na bearraidhean so gun dàil. Bidh e nas miosa ma thig e air le feirg, mar a thàinig e nis, oir ghabh en riochd nàmhaid thu. Ach cha chreid mi nach tun ciobair aig am bheil bothan air an taobh eile dhen bheinn. Chunnaic mi thu uair no dha ged nach fhacthusa mise. Ach thig a stigh don uamha, ’s cinnteach gu bheil thu acrach, feuch cia mar a chòrdas biadh nan sìthichean riut.’

Thug i dhomh deagh bhiadh làidir, agus sheall i dhomh gach ioghnadh mun cuairt, agus bu bhòidheach an sealladh andol fodha na gréine. Sheall i mar an ceudna dhomh UamhaChinn Deirg, ainm a fhuair i a thaobhs gun robh creag mhor, dhearg aig a beul air chumadh ceann duine. Chuir mi seachad an oidhchesan uamha, agus fhuair mimach o Ruairidh Glas an t-aobhar a thionndaidh e fheins a chuid mac o dhaoine sìtheil gu bhith nan creachadaireans nam fògaraichsna daighnichean garbhathog nàdar dhaibhsa bheinn. Bha Ruairidh Glas a comhnaidh air fearann a bhuineadh do dhFhear Strath Challtainns a bhliadhna 1715. Be so a bhliadhna dheirich Iarla Mhair air taobh athair a Phrionnsa. Bha Ruairidh Glasna dhuine ògsan àm, agus bàigh aige ris na Stiubhartaich, ’s mar sin chaidh emach fo bhratach Mhair, ged a bha Tighearna Strath Challtainn fheinna aghaidh, agus gu math diumbach de Ruairidh o nach do lean e e-fhein. ’S e duine nimheil, guineach a bhan Strath Challtainn, nach toireadh mathanas do neach a rachadhna aghaidh gu bràth, ’s mar sin an uair a thàinig sìth bfheudar do Ruairidh cairtealan eile fhaotainn. Phòs es chaidh e air ceann taighe dha fhein, fad o nàmhaid, ’s bha dol leis gu math fad dheich bliadhna. Aig an àm sin thoisich monabur beag cogaidh a rithist. Agus aon latha thainig buidheann dhaoinebhuineadh do Shrath Challtainn agus chreach is loisg iad dachaidh Ruairidh mu cheann a mhnatha òig, ’s gun e fhein aig taigh. An uair a thainig Ruairidh bochd dhachaidh cha robh taigh no cuid no spréidh air a choinneamh, ach a theaghlach maoth gan cruinneachadh feadh nan creag farn do dhfhalaich iad. Cha do rinn bean Ruairidh car ceart riamh na dhéigh, ’s mun deach bliadhna thairis bha i fon fhòd ghorm. E fheinsa theaghlach maoth gun bhean gun mhàthair, cha bioghnadh ged a chaidh a chruaidh an anam Ruairidh Ghlais, agus ged bheireadh e bòidean nach robh e air son a bhi beò ach air son aicheamhail a dheanamh air a naimhdean. Fhuair e do na daighnichean ud, ’s on latha sin tha elot agus a spuilleadh a naimhdean, gach uair a gheibh en cothrom. Bann an riochd aon diubh a ghabh e mise, agus is cinnteach sibhse mar an ceudna.”

An uair a chuir an cìobair crioch air a naigheachd, bha na fir air an anail a leigeil gu math, ’s a ghrian air togail suas gu òirdhearc. Threòraich an cìobair còir iad mìle no dha air an turus, agus dhfhàg e iad air Bearradh Sìth, far am faiceadh iad an Gleann Gorm bòidheach shios fodhpa, le smùid shèimh ag eirigh os cionn gach bothain, ag innseadh gun robh a luchd-àitich a tòiseachadh cùram latheile. “Beannachd leibh!” arsan cìobair mu dheireadh. “Agus ma bhios sibh gu bràth am feum fasgaidh an taobh so, na dichuimhnichibh bothan achìobair.” Le so a radh thionndaidh e cheum dhachaidh.

Ghabh càch sios agus tharuinn iad dlùth air an ceann-uidhe. Bha taigh beag, sgiobaltamach o chàch, agus na bu sgiobalta na aon diubh. Bha togalach eile dlùth dha a bha gu math dubh, agus aig an àm so, tràths mar a bha mhaduinn, bha smùid dhubh agus gliong, gliong, ag innseadh do na teachdairean gu robh Iain Mór nan Ord gu trangsa cheardaich. Ghabh Domhull Ciar dìreach gu dorus na ceardaich agus sheas e, air dha guth mar ghuth leoghainn a chluinntinn os cionn gach fuann a bhann, a seinn

O, hìriri, tha e tighinn,
O, hìriri, ’n righ tha bhuainn;
Faigheamaid ar n-airms ar n-éideadh,
S breacan-an-fhéilidh an cuaich.

Fhreagair Domhull Ciarsan dorus



[211]

[Vol . 10. No. 28. p. 3]

Gur mairg don éideadhsan sin
Cota gnàdden mhàdar ruadh;
Ad bhileach dhubh ascocadeinnt
Sgoiltear i mar chàl mun cluais.

Mar sud!” arsIain Mór, ’s e tarruinn a chlaidheamh mhoir a bha e gléusadh os cionn cinn sgonna-bhalaich, a bha séideadh a bhuilg, air an robh sgullag mhor aide, ’s e ma bfhior a dol a dheanamh mar a bhan t-òran ag radh. Leis a choltas a bhair Iain Mór leig am fear sin ràn as, agus leum e stigh fon bhòrd-obrachs thainig Domhull Ciars a mhac air adhart ag gàireachdaich. Dhfhàiltich Iain Mòr iad gu cridheil, ag ràdh, “Than t-òran fior ma ta, ’sheana charaid, on a thainig thusa. Thill Casan-t- siubhail don Ghleann an s an t-òran na bheul, ’s tha e on uair sin a ruith na mcheann, ’s cha burrainn min còrr a dheanamh air cas-chrom Uilleim Mhóir. Chaith mi bhuam i,” arsan gobha, ’s e deanamh gàire, “ ’s tha fios agad fhein, a Dhomhuill, gun teid aig a ghairdean so air rud a chaitheamh. Co dhiubh, tha Uilleamga h-iarraidh fhathast, ’s tha Cas-an-t- siubhail ag radh gun deach i á sealladh os cionn Bearradh Sìth. Ach, a Dhomhuill, a charaid, do bharail air deud aghille-ghlais?’ Saoil co dhiubh is cruaidhe sud na cnàmhan nan Sasunnach!” Tharruinn Iain an claidheamh mor, nongille-glas,’ martheireadh e-fhein, ’s a caitheamh gat iaruinn os a chionn ghearr e leis e mar shnàthlean mun drainig e làr.

Nam biodh beagan cheudan dhe leithid aig a Phrionnsòg,” arsa Domhull Ciar, “agus leithid a mhaighstir air chùl gach fir dhiubh, cha bhiodh rathad reidh fada fosgladh dha gu crùn a shinnsridh!”

Tut, a Dhomhuill, nacheil an tacharan cho math an diugh, ma theid aige air gunnachur ri ghuala, ris an laoch is fhearr! Mo mhallachd, ’s mo mhìle mallachd air a cheud fhear a chur ri shùil gunna! Mharbh e ghaisge! Nacheil reiseamaid thàillearan cho math an diugh ri laoich na Féinne, ged bu bheò iad! Ach, a charaid, a charaid, gabh mo leisgeul; nach bin fhàilt i. Ach thigibh a stigh, feuch a bheil drùbhag aig Móraigsa phige.”

Cha burrainn Eachunn a shùil a thoirt an toiseach bhar Iain Mhóir aig a mheud; ’s gann nach robh e smaointean gum bu chor don talamh ghlas fhéin a bhith gearain aig cho làidirs a bhruthadh cas Iain e. Las sùil Iain air dhachluinntinn cinnteach gun robh Prionnsa Tearlach air abhratach a thogails a Ghàidhealtachd. Chaidh gach biodags gach ball eileghleusadh, air chors gun deanadh iad feum sgàthain, ’s an deigh an cur far am biodh iad aig laimh, chuir Iain cuairt feasgar air na seann chàirdean, oir bha meas morsa Ghleann Ghorm air, agus mun do thill e fhuair emach nach biodh e na aonar a fàgail a Ghlinne. Chaidil iad gu sèimh gu maduinna mhaduinn gheal, chiùin a thug iad an aghaidhean air a mhonadhs air Prionnsa Tearlach.

(Ri leantuinn.)


Litir as an Abhainn Mheadhonaich.

FHIR-DEASACHAIDH GHASDA, —Tha min dòchas gun gabh sibh mo leisgeul air son a bhisgriobhadh aig an àm so, oir chaneil fadon a sgriobh mi roimhe. Achs es aobhar dhomhbhi sgriobhadh an dràsd, gu bheil micur ugad dollar air son bliadhneile dhen MHAC-TALLA. Agus fhuair mi ceithir dollar eile air son ainmean ùr nach do ghabh riamh roimhem paipear Gàilig. Bidh sinn an dòchas gun lean iad air a ghabhail o bhliadhna gu bliadhna, agus cha chreid mi nach dean iad sin. Tha mise cinnteach nach bi iad air deireadhga phàigheadh fhadsa bhios iadga ghabhail. Thachair daoine eile orm a ghabhadh MAC-TALLA, achs e so àm anns am bheil airgiod gle ghann air an dùthaich am measg thuathanach. Ni mise na bheil na mchomas air son an aon phaipear Gàilig tha againn a chumail suas, agus bidh sinn an dòchas gun toir so putadh do chuid air choireigin eile air son dol am mach feuch am faigh sinn e aon uairsan t-seachdain. Co dhiubh, chaneil teagamh nacheil sinne mar luchd-gabhail a phaipear ro fhad air ais ann an cuideachadh ri chumail suas. Na biodh aig Gall ri chantuinn ri Gàidheal nach cum iad aon phaipear Gàilig suas.

Chunnaic sinn litir bho C. C. o chionn ghoirid, agus e cantuinn gun robh Murchadh còir tinn. Tha sinn an dòchas gu bheil e slàn gu leor roimhe so, agus gum faic sinn litir uaithe an ùine nach bi fada. Thug C. C. iomradh gun bu chòir ainmean an fheadhainn nach do phàigh a chur an clò cho math riuthasan a phaigh, agus bha e ceart. Cha tugainn bonn-a- h-ochd air duine bhiodh gabhail paipear agus nach paigheadh e. Car son nach biodh creideamh Chalum aGhlinne aca nuair bha eg radh

Tha mfhortan aig Dias E fialaidh uime,
S ma-gheibh mi mo shlàint gum pàigh mi na shireas.

Fhuair sinn sanas air son an leabhar òran, “Mactalla nan Tùr,” a cheannach, agus gun a bhi ga thoirt seachad an iasad. Tha mise cur ugad coig sentichean fichead air son a chur ugam, agus tha fios agam gur math is fhiach e ghabhail bhon ùghdar a chur am mach e. Bheir mise mo bhòid nach faigh duine ann an siorrachd Victoria an iasad uamsa e. Ma bhios leabhar oran a dhith orra paigheadh iad air son fhaotainn mar tha mise deanamh. ’S mi do charaid dìleas,

MICHEAL.


Comhradh

EADAR MAIRI, CATRIONA AGUS EALASAID.

MAIRI.— ’S fheudar gur tusas tràithe dhéirich na sinnen uair tha thu an so mar tha. So dhuit cathair, ’s dean suidhe dlùth don teine. Ach air an t-saoghal a chuir gluasad ort cho tràth sos an ?

CATRIONA. —Ma ta, a Mhairi, gun a bhinull nonall mu dheighinn innsidh mi sin dhuit. Nach cuala tu gu bheil Ealasaid Ghrannd gu bhi air apòsadh ri Domhnull Sgiobalta air an ath sheachdain.

M. —Cha chuala gu dearbh, agus, gun a bhitoirt droch fhreagairt ortsa, cha mhotha na sin a tha micreidsinn gun tachair e. Bu mhòr am beud a faicinn aig Dòmhnull, a dhaindeoin a sgiobaltachd. Chaneil iad pailts a chearna so dhen dùthaich a dhfhaodar a choimeas ri Ealasaid, —nighean dheanadach, fhoighidneach, shuairce, agus mu nach cuala mi riamh ni sam bith air a ràdh nis miosa nah-ainm.

C. —Cha ruig thu leas gun a chreidsinn, a Mhairi. ’S imàthair fhein a dhinnis sid dhomhsa air feasgar an lathan , agus na deòir a ruith gu bras osùilean. Chuir i a leithid a thruas orms nach do chaidil mi priob na h-oidhche. Rinn iseh-uile dìchioll air a dheanamh soilleir do Ealasaid ciod a ghne dhuine than Domhnull, —mar tha e air an t-slighe gu bhina mhisgeir deanta; ach cha chreid Ealasaid gun tachair sin idir. Tha i am barail gun leig Domhnull seachad an deoch an deigh dhaibh pòsadh, no, air a chuid is lugha, nach bi e a blasad air ach ainneamh, ’s nach dean sin dochair sam bith air. Nach robh a cheart bharail ud agam fhin mun do phòs mi Calum. Shaoil mi nach tigeadh e gu brath gu bhina mhisgeir, ach mo thruaighe! tha en diughna shìneadh gu tosdachs an uaigh an lorg na deoch làidir, agus mises mo thriùir leanaban air ar fàgailn ar truaghain bhochda gun chul-taice.

M.— ’S mòr am beud anns na h-uile seadh mar a dhéirich do Chalum, duine cho caoimhneil agus cho siobhaltas airn do chuir mi riamh eòlas. Ach, a Chatriona, air mfhacal gu bheil Ealasaid gu bhi aig an dorus.

M.— (a fosgladh an doruis) —Thig air t-aghartEalasaid, ’s dean thu fein a gharadh ris an teine. Dean suidhe air a chathair so ri taobh Catriona.

EALASAID. —Bha misen dùil gun robh mi fhein moch air mo chasan, ach tha e coltach gun do bheat sibhse mi, a Chatriona.

C. —Tha mise moch air mo chasan an comhnuidh, ach is ainneamh a tha mi faotainn cothrom air dol a dhfhaicinn nan coimhearsnach, ’s chan fhaighinn an diugh fhein ann mur biodh Peigidh Bhàn bhochd a bhigabhail cùram dhen chloinn gus am faigh mi pilleadh. An dfhàg thu càcha slàn? Cia mar a tha do mhàthair?

E. —Tha iad uile slàn ach mo mhàthair, agus ged nacheil igearain a bhi tinns fheudar gu bheil ni-eigin acur rithe, ’n uair nach dthainig norradh air a sùil na h-oidhche raoir. ’S ann a tha eagal orm gu

C. —Chan iongantach leam sin idir, Ealasaid. Cha mhò na sin a burrainn mi fhein cadal, ’s mi air a chluinntinn gun robh thu fhein air a bhi ag ullachadh gu bhi air do phòsadh ri Domhnull Sgiobalta. Gabh rabhadh uamsa, tha miguidhe ort, oir chan urrainn Domhnull a bhi nis caoimhneile riutsa no ri eile, na bha Calum riumsa mun do phòs sinn, agus greis an deigh dhuinn pòsadh. Bha e cho gasda riumsas a burrainn e bhi cho fhads nach robh an deoch air, ach mo thruaighe! ’nuair thigeadh e dhachaidh air mhisg, bfhearr a bhi am muigh na a stigh; agus, mars math a tha fios agad fhein, is ann air tighn dhachaidhs an t-suidheachadh thruagh sin a bha e an oidhchethug ebhuille do mDhomhnullan bochd, air nach faigh e thairis gu bràth.

E. —Tha mo mhàthair ag ràdh rium nach urrainn éirigh gu math dhomhsa ma theid mi le Dhòmhnull, ’s nach bu chòir do thé sam bith a bhi air apòsadh ri neach a tha blasad air an deoch cho trics a tha esan. ’S leis na tha sibhse air a radh rium an diugh, maille ris na tha i fhein air a bhi ag radh rium o latha gu latha, ’s ann tha mismaoineachadh dàil a chur anns a phòsadh car mìos fhathast.

M. —Ni h-ann car mìos a mhàin, Ealasaid. Leig seachad an gnothuch gu buileach, ’s theid mise an urras, mas beò thu, nacheil an latha fad as anns am bi thu gle fhadan ar comain-ne air son na comhairletha sinn a toirt ort. Nacheil thu toirt fa near mar dhéirich do Chatriona? Agus ciod am barantas a thagad gum bi cùisean a bheag nas fhearr do dthaobh fein ma phòsas tu Dòmhnull?

E. —Tha deagh fhios agam nacheil sibh le chéile air son gun tachradh deuchainn sam bith riums an t-saoghal so a ghabhas seachnadh, ’s tha mi nis acreidsinn gu bheil sibh a toirt comhairle na còrach orm, ’s tha mi air tighn gu co-dhùnadh gun cuir mi còrdadh a phòsaidh ma sgaoil gun dàil.

M. —Mo bheannachd ort, Ealasaid.

C. —Maille ri ar beannachd-ne leanaidh beannachd Dhé thu ri dbheò, agus aig a bhàs cha dean e do thréigsinn.

E. —Amen. Slàn leibh le chéile. Bithidh migreasad dhachaidh gun dàil, ’s mas mise tha air mo mhàthair a churs an t-suidheachadhs am bheil i, cha bhi i nis fhaide gun fuasgladh.



[212]

[Vol . 10. No. 28. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh an
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, APRIL 11, 1902.

Daoiread a Ghuail.

THA an gual, o chionn bliadhna no dha, air eiridh gu mór ann am prìs, aguss ann asior eiridh a tha e. Tha an Dotair Kendall, ann an òraid a rinn e ann an Tigh nan Cumantach air an t-seachdain sa chaidh, ag radh gu bheil na cuideachdan a thag obrachadh nam mèinnean guailsna Roinnean Iochdrach, len cinn a chur cuideachd, an deigh aphris a chur moran nas àirde na bu choltach dhi, agus gun do chosg na chaidh uisneachadh an uiridh air rathad-iarunn na dùthcha (an I.C. R.) tri cheud mìle dolair a bharrachd air na bu chòir. Tha esan dhen bharail gur h-in aon dòigh air sin a leasachadh riaghladh na dùthcha a dhfhosgladh mèinnean dhaibh féin, as am faodar gual a chur a mach air dolair an tunna. Cha deachaidh an cleas so fheuchainn ann an dùthaich sam bith riamh, ach chaidh bagairt a dheanamh aon uair ann an New Zealand, agus cho luathsa chaidh, leag na cuideachdan prìs a ghuail, agus cha deachàrdachadh fhathast. Nan deante bagradh mar sin an Canada, chan eil teagamh nach tuiteadh aphrìs air an doigh cheudna, air chors nach biodhte creic gual Cheap Breatuinn anns na Staidean nas saoire na thatar g achreic ann an Sidni ni, a reir òraid an Dotair, a thatar adeanamh aig an àm so.


Mu Chor na Gailig.

GHEIBHEAR air taobh eile anns an àireamh so litir ghoiridsam bheil ceist no dha air an cur mu chor na Gàilig. Feuchaidh sinn ris na ceistean sin a fhreagairt. Tha sinn acreidsinn gum biodh moran dar leughadairean deònach barrachd seanachais mun chuspair sin fhaicinn anns aMHAC-TALLA, oirs en gràdh don Ghàilig am priomh aobhar air son am bheil iad agabhail aphaipear.

A thaobh na Gàilig a bhi bàsachadh: Chan eil na dearbhaidhean cho làidirs a shaoileas neach air a cheud sealladh. A reir cùnntas na bliadhnan uiridh, chan eil luchd-bruidhinn na Gàilig naseann dachaidh an Alba ach beagan mhìltean nas lugha na bha i deich bliadhna roimhe sin, ged a dhfhalbh anns an ùine sin àireamh mhor mhìltean dhen t-sluagh mar luchd-imrich do dhùthchannan céin, agus mar shaighdearan do Africa mu dheas. Nan robh cothrom còir aig na Gàidheil nan tìr fein, cha bhiodh na h-uiread dhiubh afalbh aisde; ach o nach eil sin aca tha iad gafàgail, ’s mar sin tha àireamh luchd na Gàilig ann an tìr nam beann gach bliadhnafàs nas lugha. Cha dthuirt sin, co-dhiu, gu bheil àireamh luchd na Gàilig a fàs nas lugha air feadh an t-saoghail gu h-iomlan. Tha Gàidheil an lathan diugh nas measaile air an cànain na bha iadsan a bhann leth-cheud no ceud bliadhna roimhe so, agus ge be cearna dhen t-saoghals am bheil iad, tha moran dhiubh a deanamh an dichill air a cumail air chuimhne. Faodaidh e bhith nach eil iad a deanamh na burrainn dhaibh, agus nach eil na tha iad a deanamh air a dheanamh air an t-seòl is motha feum, ach fhads a bheir iad oidheirp idir cha chaill sinn ar dòchas a thaobh ar cànain. Cha sgeul ùr idir a bhig aithris gu bheil aGhàilig air leabaidh a bàis. Thainig glaodh a bàis an cluas a Ghoill nuair a phòs Calum a Chinn Mhóir ban-Sasunnach, ’s a rinneadh aBheurla nacainnt cùirte an rioghachd na h-Alba. Tha an glaodh ceudna nachluais, agus faodar a ràdh nabheul, riamh uaithe sin; agus than saoghal ga chluinntinn cho trics gu bheil moran, eadhon am measg nan Gàidheal a creidsinn gu bheil làithean cainnt an dùthchas am màthar air an àireamh. Ach chan eil ar cainnt marbh fhathast; tha i beò, slàn, fallain. Agus ma bhios na Gàidheil dìleas dhi o so a mach, gun dean iad fein a cleachdadhs gun ionnsaich iad dan cloinn i, bidh uaighean na feadhnach a than diugh ri fàisneachd gu math còmhnard mun gearrar fòd air son uaigh na Gàilig.

A thaobh aGhàilig a bhi gann a dhfhacail: Tha e fior gu leòr gu bheil iomadh facal Beurla ann nar latha-ne air nach do chuireadh Gàilig. Tha e fior mar an ceudna gu bheil iomadh facal Gàilig ann air nach eil moran de na Gàidheil eòlach, agus tha e cheart cho fior, agusse sin cùis as bochda gu bheil na Gàidheil fhein rin coireachadh air son an da chuid. Faodar a ràdh le fírinn gu bheil aGhàilig na cànain beòil ann an tomhas moran nas motha na tha i na cànain leabhraichean. ’S e sin, gu bheil barrachd mor ga bruidhinns a tha ga leughadh no ga sgriobhadh. Far am faighear ceud a bhruidhneas Gàilig, ’sa tha, ma dhfhaodte, ga bruidhinn gach latha dhen bhliadhna, chan fhaighear fichead a bhios ga leughadh; agus far am faighear fichead a bhios galeughadh, chan fhaighear coignear a cheannaicheas leabhar no paipear. Tha sin acumail nan Gàidheal an aineolas air an cainnt fein, agus afàgail na Gàilig ceum no dha air deireadh air cànainean eile ann an dealbh ainmean freagarrach do gach innleachd is goireas ùr a thatars na bliadhnaichean so air fhaotainn a mach. Do dhaoine tha mion-eòlach air freumh agus brìgh fhacal, agus tha gu leòr ann dhiubh, chan obair mhor deagh ainm fhaotainn do ni sam bith a bheirear fan comhair. Ach is ainneamh neach a ghabhas an t-saothair, nuair tha fios aige romh laimh gur àireamh gle bheag dhe luchd-dùthcha a chi an t-ainm ùr ann an clò, agus gur àireamh is fior lugha chuireas an cleachdadh e. Thainneal-smùidena dheagh ainm Gàilig airsteam -engine,agusrathad-iaruinnairrailroad .Tha iad so agus facail eile dhen aon ghnè rim faicinn gu math bitheanta ann an clò, achs ann uair ainneamh a chluinnear iad am beòil dhaoine. Agus carson a tha chùis mar sin? Tha, a chionn nach eil iad air an cur ann an clò bitheanta gu leòr gu daoine dhfhàs cleachte riutha, agus a chionn, ged bhiodh iad ann na h-uile latha nach eil an àireamh a tha gam faicinn cho mors gu bheil nan comas an deanamh nam facail chumanta. Chithear mar so nach annsa Ghàilig a than fhàiling idir; ma tha i gann de dhainmeans de dhfhacail a bhiodh freagarrach air innleachdan is dòighean an lathan diugh, nach ichainnt is coireach ach sinne dan cainnt i. Deanamaid, ma ta, ar dleasdanas. Cuireamaid an t-eòlas is fhearr a dhfhaodas sinn air ar cainnt mhàithreil. Bruidhneamaid i, ’s leughamaid i; agus ceannaicheamaid leabhraichean is pàipearan Gàilig. So comhairle air am bheil na Gàidheil ro-fheumach, mar is math is aithne dhuinne, oirsinn a bha thalls a chunnaic.” Ma ni sinn sin, eòlas ceart a chur air ar cainnt féin, agus an cuideachadh is coir a thoirt dhaibhsan a tha saoithreachadh as a leth, gabhaidh i neart, agus ann an ùine ghoirid nochdaidh i beòthalachd a chuireas ioghnadh eadhon air a càirdean.


Saorsa nan Cubach.

AIR an fhicheadamh latha dhen Mhàigh tha eilean Chuba ri bhi a chur fo riaghladh a shluaigh fhéin. Tha pàrlamaid air a taghadh, agus gabhaidh luchd-dreuchd na pàrlamaid sin seilbh air an riaghladh air an lathud. Tha na Staidean aleigeil seachad an còir air an eilean, gun chùmhnant sam bith ach gu feum na Cubaich seasamh ris gach còrdadh a rinneadh as an leth ri dùthchannan eile fhadsa bha Cuba air chùram nan Staidean. Tha buidheann de shaighdearan Geancach ri fuireach air an eilean gus am bi cothrom aig na h-eileanaich fhéin air armailt a thogail a chumas rian agus dian air an dùthaich.


An Seanalair Methuen.

THA e cianail a bhi leughadh mu na nithe neo-thlachdmhor ann an taobh deas Africa air am bheil droch sgeul atighinn a nis agus a rithist. Tha e car searbh a bhi cluinntinn nacheil buaidh a ghnàth aleantuinn gluasaid ar cuideachds achearn ud den t-saoghal. Air amhios a dhfhalbh bha an armailt Bhreatunnach mi-fhortanach: chan ann a mhàin air son nam marbh, ach a chionn gun drinn na Dùitsich greim air an t-Seanalair Methuen a bha air a lot agus a bha air a dheanamhna phrìosanach. Tha aobhar aig na Gàidheil cuimhne a ghleidheadh airainm; bha an cliù foòrdughsan aig Magersfontein. Chaneil e ceart a bhi cur coire á leth duine sam bith, mureil sinn làn dhearbhte as gum buin achoire dha. Tha aon ni cinnteach: cha do chaomhain an Seanalair Methuen e-féin. O thùs gu crìch lean e gu dlùth a reir an t-soluis agus achumhachd a bhaige ris na dleasnais dhan robh e air a ghairm. Cha do ruith e dhachaidh mar rinn feadhainn eile afàgail na h-obair neo-chrìochnaichte. Bhuanaich an duine so anns na cùisean a chuireadhna làimh, agus cha bhiodh e ceart duinn a bhig ràdh mòran gus am faicear càite am bheil achoire, ma tha coire ann. Tha freasdal an àrd-Riaghlair os ceann gach beòna uairean duilich a thuigsinn agus a mhìneachadh.


THATAR ag aithris gu bheil Prionnsa Wales ri tighnn air chuairt do na Staidean air an t-samhradh so. Ma thig, is dòcha gum bi e air fhàilteachadh air dhòigh a chuireas turus Eanruic na Gearmailt á cuimhnen t-sluaigh. Co is urrainn a radh nach e sin is aobhar dha tighinn. Tha fios nach robh e fior thaitneach leis na Breatunnaich a bhi faicinn nan Geancach a deanamh uiread othail mu phrionnsa Gearmailteach.



[213]

[Vol . 10. No. 28. p. 5]

Naigheachdan.

AN DOTAIR TALMAGE TINNTha an t-Urr. T. DeWitt Talmage aig an àm so gu tinn ann an Washington, agus tha eagal air a chàirdean nach teid e am feobhas. Bha e air chuairt ann am Mecsico o chionn ghoirid, agus air a thilleadh ghabh e fuachd a dhaobharaich a thinneas.

BAS MNATHA AOSDADa sheachdain air ais, chaochail air cùl Bhaddeck, an siorrachd Victoria, bantrach Alasdair Mhic-Aoidh an deigh dhi aois ceud is seachd bliadhna ruigheachd. Chaidh i chadal air an oidhches i cho slàns a bàbhaist dhi bhith, agussa maduinn fhuaireadh marbhs an leabaidh i. Cha do dhfhuiling i moran tinneis riamh, agus bha buadhan a cuirpsa h-inntinn aice ann an tomhas mor gu àm a bàis. Bha cuimhne gle mhath aice, agus bha e fior thaitneach a bhig eisdeachd rithe ag innse mu nithean a bha tachairt an ceud làithean na dùthcha.

BLARSAN TRANSBHAALBha blàr trom air a chur anns an Transbhaal, aig Abhainn Kleinharts, air an latha mu dheireadh dhen Mhàrt. Bha mu dha mhile do na Boerich ann, agus iad air an deagh armachadh le gunnaichean-mora. Mhair am blàr mu thri uairean, agus mu bheul na h-oidhche chaidh na Boerich air ais. Bha seachd air fhichead de na Breatunnaich air am marbhadh, agus seachd ficheadsa seachd air an leònadh. Nam measg sin, bha naodhnar de shaighdearan Chanada air am marbhadh, agus còrr is fichead air an leònadh. Bha na Canadaich an toiseach a bhlàir, agus nochd iad treines gaisge a choisinn cliù mor dhaibh.

NA CAILEAGAN DEONACH FALBHDhen da fhichead ban-sgoilear a tha Canada a cur do Africa mu Dheas, bha sianar air an taghadh á Nobha Scotia. Agus faodar innseadh gu robh barrachd mors an àireamh sin deònach falbh, ’s gum biodh e furasda gu leòr an da fhichead fhaotainn anns an aon roinn so. Ann an Canada air fad, bha còrr is còig ceud ag iarraidh cothrom falbh, agus gam moladh fein air gach dòigh a bfhearr a shaoileadh iad air son sin fhaighinn. Tha so a nochdadh nach eil caileagan ar dùthcha idir air deireadh air na gillean ann an gaisges an gradh-dùthcha. Bidh farmad mor aig a cheithir cheud is tri fichead air an dthàinig fuireach ris an da fhichead a fhuair falbh.

TAGHADH PARLAMAID ONTARIOTha dùil ri bhi taghadh pàrlamaid ùr ann an Ontario air an ath mhios. Chan eil teagamh nach bi mar a rùnaich riaghladh an Rosaich deiligeadh ri malairt deoch làidir na mheadhon air muinntir a chur air a thaobhs na aghaidh a chleachd a bhi air atharrachadh sin. Bidh a mhor chuid de luchd-deanamh is reic deoch làidir air taobh an riaghlaidh mar is math is fhiach dhaibh, oir thug e dhaibh gach cothrom a bha nachomas. Chan eilear cinnteach, co-dhiu, gum bi luchd-na stuaime cho aon-sgeulach naaghaidh, oir tha moran dhiubh dhen aon phàirtidh ris an riaghladh, agus tha luchd-pàirtidh daonnan buailteach air aobhar na stuaime a threigsinn ma chi iad am pàirtidh ann an cunnart. Ach faodaidh iad dòigh eile ghabhail: daoine chur don phàrlamaid a bhios air taobh stuaime cia be pàirtidh dam buin iad. Agus tha sinn atuigsinn gu bheil iad adol a dhfheuchainn ri sin a dheanamh.

REISEAMAID EILE GU FALBHBhan t-iomradh a thugadh roimhe so gu robh Canada atairgsinn reiseamaid eile chur do Africa mu dheas ceart gu leòr, agus tha an Riaghladh Breatunnach an deigh an tairgse ghabhail. Bidh da mhìle duine anns an reiseamaid so, agus bidh i air a togails air a cur air falbh cho luathsa ghabhas deanamh. Mar a thachair do na reiseamaidean eilechaidh a chur air falbh, bidh achosguis gu h-iomlan air a giùlain le Breatuinn. Tha moran ann an Canada nach eil toilichte le sin: bu mhiann leotha Canada a phàigheadh a cuid fhéin do dhuallaichean na h-impireachd; agus ged is math leotha i bhi cur shaighdearan don chogadh, bfhearr leotha i bhi gan cur ann air a cosg féin. Chan eil an latha fad as anns am bi Canada adeanamh sin, ach gu ruige so thamhor chuid den t-sluagh toileach gu leor an dùthaich a bhi seachnadh an dleasdanais sin, agus agabhail math gach sochair is dion a than dùthaich mhàthaireil a buileachadh oirre gu saor agusa nasguidh.

SOITHEACH-SMUIDE AIR GRUNNDChaidh an soitheach-smùideLake Superiorair grùnnd an acarsaidSt . John, N. B. ,air an t-seachdain sa chaidh, agus bidh i-fheins an luchd air an call gu h-iomlan. Bfhiach an luchd ceud gu leth mile dolair. Tha cùirt ri bhi air a suidheachadh air son fhaotainn a mach ciod no bu choireach ri i bhi air a call.

NA PRIOSANAICH BHOERACHDhen àireamh mhor de phriosanaich Bhoerach a tha air an cumail ann am Bermuda, ghabh grunnan beag nan cinn o chionn ghoirid tionndadh nam Breatunnaich, agus thug iad mionnan a bhi dìleas don chrùn. An deigh dhaibh sin a dheanamh, thug cuid den companaich ionnsuidh gharg air am bàthadh, agus bann a cheart air eigin a chaidh an fheadhainn a thionndaidh a thoirt as an lamhan.

EARRACH FOSGAILTETha an t-sìde anabarrach blàth. Be am mios a dhfhalbh Màrt bu lugha fuachd a chunnacas ach gann riamh san dùthaich so. Anns na Roinnean Iochdrach chan eil a nise deigh air acarsaid, air loch no air abhainn; agus ann an Cuebec thatar an dùil gum bi abhainn St. Lawrence fosgailte tri seachdainean nas tràithe nas àbhaist. Air an taobh so de Cheap Breatunn chan eil ni acur cùraim air daoine mun t-sìde ach an t-eagal gun tig an deigh mhor. Ma thig i sin, ’s cha thric leatha gun taghal oirnn, faodaidh sìde fhuar ghreannach gu leòr a bhi againn eadar sos deireadh ceud mhios an t samhraidh.

LATHA BRETH AN RIGHTha e mar dhleasdanas air iochdarain Bhreatuinn air fad latha-breth an righ a chumailna latha saor. Ach rugadh Righ Iomhar air àm dhen bhliadlma nach eil latha saor na mhor thoileachadh, agus bha e air aithris an uiridh gu robh an ceathramh latha fichead dhen Mhaigh ri bhi air a chumail an àite an naodhamh latha de Nobhember. Be so latha breth Victoria, agus tha e ri bhi air a chumail ann an Canada mar chuimhneachan air a Bhanrigh chòir sin, air nach toirear bàrr le righ no banrigh a thig na deigh. Ach tha e coltach nach deach an latha sin a chur air leth gu bhi air a chumail mar latha-breth a mic, oir tha lathabhreth-san ri bhi air a chumail am bliadhna air an deicheamh latha fichead dhen Mhàigh. Faodaidh e bhith nach eil e ri bhi air a chumail air an latha sin ach am bliadhna fhéin, a chionn an crùnadh a bhi cho faisg air, agus an deigh so gum bi e air a chumail air an latha cheart, no air latha suidhichte eile.


Litir a Boston.

FHIR-DEASACHAIDH, —Bho nach faca mi facal á Boston ann am MAC-TALLA bho chionn iomadh latha, ’s ann a bheir mi fhin oidheirp air beagan fhacal a chur gaionnsaidh aig an àm so.

Bha mi bho chionn ùine ghoirid a leughadh ann am fear dhe na paipearan Geancach a tha rim faotainn an so, gu de an t-aobhar air son an robh cuid do chànainean a bàsachadh, agus an deigh iomradh a thabhairt air iomadh seann chànain eilesann thug e tarruinn air a Ghàilig, agus thubhairt e ged a bha a Ghàilig galabhairt fhathast ann an Alba, gum bu chànain gle thinn i; nach burrainn dhi cumail suas ris mar a bha an saoghal a tighinn air aghaidh; nach robh facal Gàilig ann air sonsteam enginenotrainsno iomadh facal eile tha cho cumanta anns aBheurla. Nis, bhithinn gle fhada an comain MHIC-TALLA no h-aon dheth leughadairean nan innseadh iad dhomh am bheil so fior. Feumaidh mi aideachadh nach cuala mi Gàilig riamh airsteam engine,agus mur a bheil ainm dha ann tha làn àm aig fear-labhairt Gàilig maith air chor eiginn ainm fhaotainn dha. Chan fhaod e bhith nuair fhuair càch Beurla dha nach faigh sinne Gàilig dha.

Bha latha mor againn am Boston air an siathamh latha dheth na mhios a chaidh, ’n uair a thainig PrionnsEanruic Phrussia air chuairt do na bhaile. Bha an latha grianach, bòidheach, sneachda còmhdachadh na talmhainn, agus bu bhòidheach an sealladh e le brataichean Staitean Aonaicht America agus na Gearmailt a snàmhsa ghaoith còmhladh. Tha am Prionnsa na dhuine aig a bheil aghaidh thlachdmhor agus is iomadh duine a thainig ga amharc an latha ud. Cha chluinneadh tu aig gach aon ach, “Am faca tu PrionnsEanruic?” Nis, fhir-deasachaidh, mas fiach an litir so a cur ann an oisinn de MHAC-TALLA faodaidh sibh a cur ann, agus mas es nach fiach i sin cuiribh dhan teine i, far nach faicear i nis . An dòchas gu faic MACTALLA agus gach aon de chàirdean iomadh bliadhna shoirbheachail eile, is mise aon da chàirdean dileas, CATRIONA.


Bas Cecil Rhodes.

Chaochail an duinainmeil so ann an Cape Town, an Africa mu dheas, air an 26mh latha dhen Mhàrt. Bha tòrradh stàite air a thoirt dha anns a bhaile cheudna air an darra latha dhen mhios so, ach tha a chorp ri bhi air a thiodhlacadh air mullach cnoic a shònruich e-fein romh bhàs, ann an uaigh a bhios air a cladhach anns achreig. Cha bhi de chomharradh aiguaigh ach leac-lighe air am biainm agus àm a bhrethsa bhàis air an sgriobhadh. Rugadh e ann an Sasunnsa bhliadhna 1853; cha robh e mar sin ach da fhichead is naodh bliadhna dhaois. Ann an Africa mu dheas nochd e buadhan inntinn a bha mor, agus a bha daonnan air an cleachdadh air son còir Bhreatuinn air an dùthaich sin a leudachadh agus a neartachadh. Rinn e saoibhreas mor, ach cha bann air a shon fein a bha e, ach air son na h-Impireachd agus air son a chinne-daonna. Rinn e mearachdan, agus mearachdan mora, ach chan urrainnear a chur as a leth nach be math a dhùthchasa luchd-duthcha a bha na bheachd eadhon anns na mearachdan. Bu mhiann leis map Africa fhaicinnair a dhath dearg,” an dath anns an àbhaist a bhicomharrachadh fearann Bhreatuinn, agus mar an ceudna Cairos an àirde tuath a cheangal ri Cape Towns an àirde deas le rathad-iaruinn. Ach ged bu chruaidh a shaothraich e air son an da ni sin, chan fhac e iad air an toirt gu crìch. An obair airn do thòisich esan, chi ginealach nach eil fad as air a criochnachadh. Tha a bhàs na chall mor don Impireachd Bhreatunnaich, agus tha sluagh na h-Impireachd uile gachaoidh.


LA FHEILL PATRAICTha cuid de Ghàidheil ann a leig air -chuimhngum buineadh an naomh Patraic do Albainn. Rugadh e air taobh Chluaidh; bhaathair a réir coslaisna Chrìosdaidh, agus theagamh ann an seirbhis riaghladh nan Ròmanach. Bha solus an t-Soisgeil anns na làithibh udnar tìr, gu sònruichte anns an dùthaich aig an robh Dùn-Breatunn mar a ceann-bhaile. ’Nuair a rinn cumhachd an t-Soisgeil fìor ghreim air cridhe Phatraic, agus a thàinig aghairm da ionnsuidh, chuir eaghaidh ri còrsa na h-Eirionn, agus an sud ghiùlain e air aghaidh an obair ghlòirmhor ud a thug atharrachadh o dhorchadas gu solus air na h-Eirionnaich. Leag esan bunait air an drinn ioma fear eile togail; agus ioma lìnn bha Eirinnna coinnleir laiste deàrsach ann an taobh-siar na h-Eòrpa. O a crìochan-sa chaidh ioma diadhair is sgoileir a mach feadh na h-Eòrpa asgaoileadh solus an t-soisgeil. Na rinn Albainn air son Eirinn ann a bhi toirt di an Naomh Patraic, rinn Eirinn a rithis air son na h-Albanuair a thàinig Calum-cille a nall agus a las e solus na fìrinn air eilean beag grinn Is achuan siar. Be di-luain so chaidh Phatraic; carson nach biodh Chalum-cille air a ghleidheadh cuideachd? —Oban Times,Mart 22



[214]

[Vol . 10. No. 28. p. 6]

Iasgach Dhomhnuill Dhoichealaich.

LE IAIN MAC PHAIDEIN.

BHA Dòmhnull doichealach, ’s bha fios aig an t-saoghals aig muinntir aGhoirtein gun robh. Cha do phòs Dòmhnull riamhleis an doicheal, chaidh a ràdh— ’s bha a dha phiuthar afuireach còmhla ris; agus bha dha phiuthar cho doichealach ris féin. Bha Dòmhnull ag iasgach air an amhainn air latha àraidh, agus bha Dùghall amhogain ris an spréidh mar bu nòs; agus bha e afaicinn mar a bha dol do Dhòmhnull, ged nach robh fios aig Domhnull gun robh sùil neach beòga fhaicinn. Cha robh an dòigh a bha Dòmhnull agabhail a ghlacadh nan cnàideag agus nam bànag, idir laghail, ’s ged a bhiodh cead an uachdrain aige gus an t-iasg a ghlacadh— ’s cha robh sin idir aige— ’s ged a bhitheadh, thigeadh lagh na dùthcha féin gu math trom air air son nan innleachdan mi-laghail a bha e ag uisneachadh. Ach cha be so idir a bha cur dragh air Dughall amhogain, ach gun robh Dòmhnull doichealach afaodainn éisg idir air dhòighsam bith. Ach cia mar a bha e dol ga chumail uaidhe. Be so acheisd. Bham blàr mòna faisg air an amhuinn, agus thug Dòmhnull, ’n uair a dhfhàg en tigh, leis cliabh mòr a bhaige air son toirt dhachaidh na mona; agus bha fios aig Dùghall amhogain gle mhath gur h-ann anns achliabh mhona a rachadh an t-iasg a thoirt dhachaidh. An uair a fhuair Dòmhnull eallach math éisg, chuir e anns achliabh es gabh e rathad na cruaiche mòna, agus chuir e sreathan den mhòine ann an òrdugh ann am beul achléibh, agus thug e aghaidh air an tigh. An uair a bha e dol seachad air àite far an robh lùb den amhainn atighinn teann air acheum-rathad, thug en aire gun robh iasg ann a h-aon de na glumagan, làmh ris. Bha Dòmhnull cho sanndachs a bha e cho doichealach, agus bu mhòr leis an t-iasg fhàgail anns aghlumaig, ged a bha eallach math air a dhruim mar a bhà. ’S e rinn e: chaidh e ceum beag far an rathaid, agus dhfhàg en cliabhna shuidh ann an àite socrach, agus ghabh e féin a sios don ghlumaig, far an dfhuirich e, aglacadh nan cnàideag cho fads bu léir dha sin a dheanamh. Ach fads a bha Dòmhnullsna glumagan, cha robh Dùghall amhogain diomhaineach. Ach mar bu ghnàth le Dùghall, ’n uair bhiodh gniomh sònraichtesam bith aige ri dheanamh, cha be féin a dheanadh an gniomh idir ach na balaich bheaga, fo stiùradh agus fo chomannda Dhùghaill fhéin. Aguss en dòigh a gabh e air a ghniomh a bhuailna inntinn aig an uair so a thoirt gu crìch, thug en t-iasg as achliabh aig Dòmhnull agus chuir e am falach ann an àite eile e. Bha balach beag deas agus toileach gu leòir gu dol anns a chliabh aig Dòmhnull, ’n uair a thigeadh an t-am dha sin a dheanamh, agus suidhe anns achliabh, ’s a mhòine mun cuairt air agus os a chionn. Chaidh, an sin, balaich eile a chur do dhàite falaich, o nach faiceadh Dòmhnull e; ach chitheadh am balach Dòmhnull. Chaidh, an sin, balaich eile a chur a sios gu taobh na h-aimhne, agus thòisich iadsan air glaodhaich ri càch a chéile, gus a leigeil a thuigsinn do Dhòmhnull gun robh iadsanna choimhearsnachd; agus cho luaths a chual Dòmhnull iad, chuir e na bhaige de dhiasg am falach, mar is math a bha fios aig Dùghall a dheanadh e. A nis, bha so uile feumail gus gach ni a thoirt gu crìch mar a bu mhiann le Dùghall, a chionn nan tigeadh Dòmhnull a dhionnsaidh achléibh, agus iasg aige, thogadh e amhòine a beul achlèibh gus an t-iasg a chur foidhpe; agus mhilleadh son gnothach uile gu léir. Co dhiu, ’n uair a chunnaic Dòmhnull gun do gabh na balaich seilbh air bruachan na h-aimhne, dhfhàg en amhainn aca féin, an dùil gum biodh an t-iasg a chuir em falach sàbhailte gu leòir gus an tigeadh e air a thòir aig am eile. Dhìrich e ris abhruthach far an dfhàg en cliabh.

Fads a bha Dòmhnull adireadh abhruthaich, bha Dùghall acur abhalaich anns achliabh, cho socrachs a burrainn e, ’s a mhòine agus an luachair a bhaig Dòmhnull mun iasg mun cuairt air a bhalach; agus an t-sreath mhulaich den mhòine ann am beul achleibh, air a cur ann an dòigh, a chums nach biodh a cudthrom air ceann abhalaich.

Cha robh Dùghall air son gum biodh am balach fadas a chliabh; agus cho luaths a ràinig Dòmhnull far an robh an cliabh, leig Dùghall a thuigsinn gun robh e féin mun cuairt. Gun teagamh, be a ghnothach a bhi mun àite aig an àm; agus cha chuireadh e ioghnadh air neach air bith, Dùghall a bhi air na cnocan. Chunnaic Dòmhnull e, ’s o nach robh toil de sheanachas neachsam bith aige thog e achliabh air a dhruims dhfhalbh e dhachaidh leis. Cha robh an t-astar fada, ’s cha robh an cliabh trom; ’s cha bfhada gus na leig Dòmhnull sìos air ùrlar a thaighe féin e.

Dùin an dorus,” ars esan ri phiuthair. Dheirich am boirionnach gus a sud a dheanamh, ach chualam fear a bhanns achliabh an t-òrdugh, an dorus a dhùnadh, aguss e bhuailna cheann, gum biodh e cho math dhàsan a bhi air taobh a muigh an doruis mun dùinteadh e. A nis nam biodh am balachna éideadh féin, bhiodh e coltach gu leòir gun aithnichteadh e; ach thug Dùghall an aire nach biodh achuis mar sud. Fhuair e poca, ’s chaidh toll a chur troimhn mhàs aige, troimhn deachaidh ceann abhalaich, agus a làmhan a mach troimh na h-oisinnean, agus sgoltadh math air a bheul-taobhs air a chùlthaobh, a bheireadh cluich gu leòir da chasan, gun fhios nach biodh feum aigorra. ’Nuair a dheirich an t-aomull udna sheasamh anns achliabh, ’s na foidean mòna atuiteam air gach taobh dheth, ghearr e cruinn leum as achliabhs bha e mach air an dorus mun dfhuair am boirionnach a dhùnadh. “Obh, obh!” ars ise, ’n uair a chunnaic in tannasg a bhan sud a dol seachad oirre, “Obh, àbh,” ars am balach, ’s ena leumannan, ateicheadh. “Ciod e air uachdar na Crìostachd, a bhagad anns achliabh, a Dhòmhnuill?” arsa phiuthar. Ach shuidh Dòmhnull sioss gun smid aige, ’s bha e air a sheanachas gun robh e trì lathan gun chainnt.

A nis bhan t-iasg aig Dùghall amhogain; ach cha robh fenmsam bith aig Dùghall air an iasg, a chionn bha biadh Dhùghaill air neach eile; ach an déigh roinn deth a thoirt de na balaich, gabh e féins iad sud a machn uair am thàinig an oidhche, coltach ri feadhainn a bhiodh afalbh air chollainn, o thigh gu tigh.

Bha Dùghall fèin air a sgeadachadh coltach ri bodach ceàrd, agus rinn fear de na balaich an deagh chailleach; agus bha teaghlach mathgan leantainn, a bhàrr air a sud. An uair a ruigeadh iad dorus, bhuaileadh iad aige agus theireadh Dùghall ann an guth trom tiamhaidh, “Am faigh sinn fuireach an so an nochd?” Nan abradh an neach a bhasan dorus, “Tha mi cinnteach, a cheutairean bochda, gum feum sibh fuireach an àiteiginn; chan urrainn sibh a bhi air abhlàr a muigh fad na h-oidhche,” an sin rachadh a dhà no tri de na bànagan a thilgeil aig casan an neach a bha bruidhinn, agus an sin theicheadh na cèardainnean. Ach air an laimh eile, ’n uair a theireadh am bodach ceàrd, “Am faigh sinn fuireach an so a nochd?” agus gun abradh an neach a bha stigh, “Chan fhaigh sibh fuireach an so: chan eil dòigh againne oirbh.” An sin bha droch ghuidhe aig achaillich cheaird; ’s bhiodh na ceardainnean afalbh on dorus, ’s a chailleach aseirm na guidhe, “Na na robh , no bliochd, no bainne agad, no cabar os cionn do chòmhnuidh.” Agus sin agaibh mar a roinn Dùghall amhogain an t-iasg a ghlac Dòmhnull doicheallach.
Sgeulaiche nan Caol.


Seonaids Fear-tomhas an Fhearainn.

O CHIONN àireamh bhliadhnaichean air ais, bha seana mhaighdeann a fuireach an àit àraidh ann am bothan beag air leth. Bha a bràthair a fuireach tacan air astarna àite-còmhnuidh fein, agus bhiodh e gach latha tighinn a choimhead air Seònaid.

Bha Seònaid na seana mhaighdinn a bha fada thairis air àm pòsaidh, agus cha do leasaich sin a nàdar. Bha teanga gle sgaiteach nabeul, agus bainneamh fear no a gheibheadh achuid a bfhearr dhith ann an cath bruidhne.

Air lathàraidh thainig fear-tomhas fearainn le chuid ghillean air son crioch a ruith troimhn àite. Thòisich iad aig rathad mor an righ, leag iad an cùrsa, agus ghabh iad air aghaidh gus an dràinig iad mu choinneamh bothain Seònaid. Thachair do Sheònaid sealltuinn a mach air uinneag nan sia lòsan, agus chunnaic i na fir atomhas an fhearainn. Bha Seumas a bràthair a stigh aig an àm. Thionndaidh Seònaid ris, agus ghrad fhoighnich i gu bu chiall dha sud.

Ann an tiotadh bha Seumas air a bhonnaibh. “Is e is ciall da so gu bheil cuideigin afeuchainn ris an fhearann a thoirt uainn, agus feumaidh shin stad a chur orra.”

Mach a thug Seumas, ’s a mach a thug Seònaid nadheigh. Rainig iad fear an tomhais. Dhfharraid Seumas dheth gu bha nabheachd le chuid ghilleans leshlabhruidh. Fhreagair Niall e, ag radh gu robh e air a phàigheadh air son an obair ud a dheanamh, agus gu robh cabhag air. Thuirt Seumas ris e bhi grad sgur, agus e thilleadh an taobh a thainig e.

Bha Seònaid naseasamh dlùth dhaibh, a da làimh air a cruachain, agus boisgeadh neo-chumanta nasùilean. “A Sheumais, a luaidh,” ars ise, “gu des còir dhòmhsa dheanamh?”

Faigh an tuagh agus cuir na casan bhar an rud thri-chasaich ud thall,” arsa Seumas.

Air a cheud ionnsuidh bha dhe na casan bhar na combaist, agus thuit i air a cliathaich, ach mun do thàrr Seònaid an ath bhuille bhualadh, rug Niall air a chombaist, agus ghrad leum e air falbh leis, ’s na gillean nadheigh leis an t-slabhruidh.

A Sheumais, a luaidh, gu de ni mi nis?” arsa Seònaid.

Spion na stoban a chuir iad anns an talamh, agus tilg air falbh iad,” arsa Seumas, ’s cha bu luaithe thubhairt na rinneadh. Bha an trods an droch cainnt a dol air adhart taobh air thaobh fad na h-ùine, ’s bha chùis a ruigheachd Seònaid cho donas gun dthug i, ’n deigh a cead a chur ri Seumas, as deigh Neill leis an tuaigh; ach bha Niall na bu luaithe na i, agus cha drinn in gnothuch air. Thill i far an robh Seumas, ’s an anail gafàgail, ach bha tuilleadh uilc fa-near dhi. “Gu de ni mi nis, a Sheumais, a luaidh,” arsise.

Cuir an eanchainn á Niall leis na clachan,” arsa Seumais; agus ghrad thòisich Seònaid ri cruinneachadh chlach nah-aparan. Nuair bha grunnan math aice, as deigh Neillsa chuid ghillean gun dthug i, ’s clach an deigh cloiche gan caitheamh orra. Lean i iad mar so gusn do chuir i mach air an rathad mhor iad. Cha do thill iad fhathast gu crioch a chur air tomhas an fhearainn, aguss es dòcha nach till. Tha Seònaid an diugh cho tapaidh gu iomairt tuaighes gu caitheamh chlachsa bha i an lathud.



[215]

[Vol . 10. No. 28. p. 7]

Am Mealladh.

LE IAIN MAC MHURCHAIDH.

LUINNEAG.

Os mor is misde mi
Na thug mithoirt di;
Ge be deni ise
Dhfhag i mise bochd dheth.

Aithnichear air mo shùgradh
Nach h- ’eil mi geanach;
Cha tog mi mo shùilean
An àite soilleir.
N uair a chi mi triùir
A dol ann an comunn,
Saoilidh mi gur gùm e
Bhios gu mo dhomail.

Gu bheil mi fo ghruaman
S mi ann am mulad,
S cha lugha mo thruas
Ri mluchd-comuinn uile,
Ris gach fearthug luaidh dhi
S nach drinn a buinnig;
S fortanach ma thàmh iad
N an slàinte buileach.

Thainig am fear liath sin
A mhilleadh comuinn;
Ged dhfhanadh e shios
Gum bu bheag an domail.
S dàna leam na dhiarr e
Chur mu mo choinnimh;
S cha ghabhadh e deanamh
Gun chiad a thogail.

Sinn uairthuirt a màthair,
Cha dugainn idir
I do dh-aon decàirdean,
Cha bfheairrdiad ise.
Chreid mim fear a thainig
S a thug am fios dhomh
Gur sibh fein as fearr
Chumadh ann am meas i.

Biodh idol an nis
Mar a tha i togairt;
Gheibh sibh i an sud
Bhon is misa thog i.
Cha bu mhasladh dhi
Ged bu phairt decoire,
Gach fear og a bhiodh
G a chur fheinn a roghainn.”

A Choinnich,” thuirt Domhnall,
Bu mhor am beud leam,
Do theachdairemhealladh
Le gealladh breugach;
Mas a duine beo mi
Cha bhi thun eis dheth;
Gheibh thu i riposadh
Le ordugh cleire.”

S misde mi gu brath e,
Ged gheibhinn saoghal;
Cha leasaich techach mi
S na thug mighaol duit.
S muladach a tha mi
S nach drinn mi tfhaotainn;
S fortanach an dràst dhomh
Bhi mar-ri mdhaoine.

Thog iad orm mar bhaoth-sgeul
Air feadh an àite,
Gun caillinn mo chiall
Mar a faighinn lamh riut.
S iongantach leam fhin
Ciod a chuir osn aird sud,
Mur daithnich sibh éis
A thighnn air mo mhànran.

Sguiridh mi dhe moran
Mun gabh sibh miothlachd,
Gus am faic min cord ruibh
Na bheil dheth deante.
Na creidibh an storaidh
Thair feadh nan criochan;
Chan fheil ten diu beo
Chuireadh dhe mo rian mi.

Bha dùil aig Iain Mac Mhurchaidh gum faigheadh e Eilidh, nighean Fear Thorlòisich, ri posadh, ach chuir i cùl ris is ghabh i Coinneach Mac-Gillinein.


Am Muileann Dubh.

FONN.
Tham Muileann dubh air thuraman,
Tham Muileann dubh air thuraman,
Tham Muileann dubh air thuraman,
Tham Muileann dubh is srann aig’.

An cualthu gun robh snaoisean
S aMhuileann dubh, ’s aMhuileann dubh?
An cualthu gun robh snaoisean
S aMhuileann dubh o shamhradh?

ThaMhuileann dubh air thuraman,
ThaMhuileann dubh air thuraman,
Tha. ’Mhuileann dubh air thuraman
S e togairt dol a dhannsadh!

Tha iomadh rud nach saoil sibh
S aMhuileann dubh, ’s aMhuileann dubh,
Tha iomadh rud nach saoil sibh
S aMhuileann dubhs an t-samhradh.

Bha nead na circe-fraoiche
S aMhuileann dubh, ’s aMhuileann dubh,
Bha nead na circe-fraoiche
S aMhuileann dubhs an t-samhradh.

Bidh gobhair agus caoraich
S aMhuileann dubh, ’s aMhuileann dubh,
Bidh gobhair agus caoraich
S aMhuileann dubhs an t-samhradh.

Bidhn crodh abreith nan laogh
S aMhuileann dubh, ’s aMhuileann dubh,
Bidhn crodh abreith nan laogh
S aMhuileann dubhs an t-samhradh.

O, bfhearr leam gun robh snaoisean
S aMhuileann dubh, ’s aMhuileann dubh,
O, bfhearr leam gun robh snaoisean
S aMhuileann dubh o shamhradh.


Iadsan a Phaigh.

Dr. D. Mac Dhiarmaid, Maxville , Ont.
Seoras Mac Larty, Guthrie , Ont.
Seumas M. Glen, St . Thomas, Ont.
Mairi Nic Calamain, Lucknow , Ont.
Cailean Mac Fhionghain, Greenwood , B. C.
Fionnladh Mac-an-Toisich, Red Jacket, Assa
N. D. Mac Iomhair, McLeod ’s Crossing, Que
Ailean D. Domhnullach, Maryvale , N. S.
Aonghas A. Stiùbhart, High Bank, P. E. I.
Iain Mac Gilleain, Auckland , New Zealand
Coinneach Domhnullach, Kaimo , New Zealand
Calum Mac Mhanainn, Kaurihohori , New Zealand
Iain Caimbeul, Steornabhagh, Alba.
Domhnull I. Moireasdan, Sidni.
Seumas I. Mac Gilleain, Glen Morrison.
Anna Dhomhnullach, Indian Brook.
A. S. Dùghlach, S . W. Margaree.
Bean Eos Mhic Artair, Abhainn Inhabitants
Floiri Nic Gill-fhinnein, Beinn Mhic-Andra
Iain R. Mac Leoid, Abhainn Mheadhonach
Iain G. Mac Thearlaich, Abhainn Mheadhonach
Iain U. Mac Thearlaich, Abhainn Mheadhonach
Alasdair Mac Rath, Abhainn Mheadhonach
Bean Dhomhnuill, Mhic Rath, Abhainn Mheadhonach
Bean T. Mhic-an-t- Saoir, Loch Laomuinn.
M. A. Mac-a- Phearsain, Bridgeport .
Bean Thormaid Mhic Aonghais, Ingonish.
D. I. Mac Neill, P. M., Bail’ -Iain.
An t-Ollamh A. H. Mac Aoidh, Halifax , N. S.
Iain Ceanadach, Argyle , N. S.
Maighstir Raonull Dùghallach, Antigonish
I. A. Mac Leoid, San Francisco, Cala.
Calum Mac Leoid, Vancouver , B. C.
Niall Mac-a- Phi, Nelson , Mich.


DonDobhran Dhonn

Feumaidh tu, a laochain, ar leisgeal a ghabhail; cha bhiodh e freagarrach do litir a chur an clo. Chan e nach eil i air a deagh sgriobhadh, ach tha caochladh nithean innte nach biodh a chum feuma don luchd-leughaidh, no eadhon don sgriobhadair. Feuch do làmh ris a rithist, agus seachainn gach naigheachd agus tuaileas a dheanadh cron, no chuireadh fearg air do choimhearsnach.


Ceartachadh.

Chuir caraid a Ontario gearain gar n-ionnsuidh nach dthug sinn an t-ainm ceart air a bhàrd a rinnOran air cuairt na bliadhna.” ’S eMaoilesa bainm dha, agus bha an t-ainm a thug Mac-Talla air, “Maol-Calum,” gachur a aithne air a chàirdean. Gheibhear an t-oran ann an àireamh 21, a thainig a mach air an treas latha de cheud mhios na bliadhna.


Am bOran Gailig e?

Fhuaireadh an t-oran a leanas am measg phaipearan an Iarla Eglington an déigh a bhàis. Bha e air a radh gum beadar-theangachadh on Ghàilig e. Chan eil an t-oran Gàilig ri fhaotainn ann an Alba, agus mur eil e ann an Canada, feumar a cho-dhùnadh gu bheil e air a chall, ma bha e riamh ann. Ma tha e aig aon de leughadairean MHIC-TALLA, bhiodhmaid na chomain air son e chur gar n-ionnsuidh.

CANADIAN BOAT SONG.

Listen to me as when you heard your father
Sing long ago of other distant shores:
Listen to me, and then in chorus gather
All your strong voices as ye lift your oars.

Where Sgeir-na-Gillean braves the wind and wave,
Where round Ben More the mad Atlantic raves
Where gray Ionas immemorial fane
Keeps solemn ward on unremembered graves.

No more the lovers on the leas are meeting,
No more the children paddle in the stream:
We hear no more the pibrochs kindly greeting,
Nor see the moon on royal tombstones gleam.

No more the war-cry echoes in the valley
The deer unchallenged roam across the glen:
No more around Clan Ronalds banners rally
The fairest women and the bravest men.

From the dim shieling on the misty island
Mountains divide us and a world of seas;
But still our hearts are true, our hearts are Highland,
And we in dreams behold the Hebrides.

Green are the woods that gird this mighty river,
And green the meadows sloping to the strand;
But we have left our native hills for ever,
And we are exiles from our native land.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.

Aonghas MacLeoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr



[216]

[Vol . 10. No. 28. p. 8]

Cumha

Do Shiosalach Strathghlais, le Domhnall Gobha, a chaochail an Antigonish.

Gu bheil mulad orm fein,
Chaidh mo chadal an eis,
N diugh le mshùilean cha leir dhomh ach sgleo.
Gu bheil mulad, &c .

Gun do ghlasaich mo chiabh,
Agus sheachdaich mo bhian,
Thug an aiceid so dhiom an fheoil.

Bhuail saighdean mi goirt,
Rinn mo chlaoidh is mo lot,
Bidh mi tuilleadh fo sprochd ri mbheo.

S e bàs an t-Siosalaich fhéil,
Bhrist air aisneach mo chleibh,
Aobhar macainbhin ceisibh bhord.

Anns a Mhanachainn fon ùir
Dhfhàg min tasgidh crainn iùil;
Am macs an t-athir lem bfhiù dhuinn falbh.

Chaill sinn Ruari an àigh,
Fear a dhfhuasgleadh gach spàirn,
N diu chan aithne dhomh àicheadh beo.

Agus Seumas nam buadh
Bu shar cheannard an t-sluaigh,
Bu mhor tionndraichinn bhuath’, a sheoid.

So a bhuillebha cruaidh,
An t-eug thug Alasdair bhuainn,
Craobh dhen abhall a buaisle meoir.

Crann seudair nam buadh
A dhfhàg fir Alba fo ghruaim
N uair a dhionndraich iad bhuaththu, ’sheoid.

S iomadh fear a bhan dreas,
Eadar tuath agus deas,
Bha fo thursann an deise bhroin.

Gur a fiosrachtha mi
Gun robh meas orts gach tir,
Ann am parlamaid righs aig mod.

Nuair a shuidheadh tun cùirt
Gheibhdh tu eisdeachd, ’s tu bfhiù,
Chuireadh tfhacal gach cuis air seol.

Fhir a dhioladh an fheusd’,
Mar bu chubhidh dha dthreud,
San teaghlach aluinnbu sheamhaidh gloir;

Le run maighdinn is mna,
N cuirtibh gleadhrach le daimh,
Muirneach, macant’, is taileasg leo;

Farm biodh fiodhall nan teud,
S a bhi ga tathich le beus,
S piob chruaidh, sgalant’, le eibhneas mheoir.

Bham fraoch Feadailteach binn,
S e gu h-airgiodach, grinn,
Cha robhn Albinnthug cis decheol.

Bho na thoisich an triall,
Gun robh ainm dibhbhi fial,
Eadar Sasunn nan cliarsan Roimh.

Fearachd bhogha no lann
Cha bu tais ann ad laimh;
Gum buidhinneadh tun geall is corr.

Bha gach fasan a bfhearr
Ann am pearsa mo ghraidh,
Ach co mhealas an drasd a chot’?

Cha be dublachadh màil
Dhfhag do bhancaichean làn,
Ach torc sona bhi ghnàthad lorg.

Bu tu beannachd na tuath,
Riut a leanadh an uaisl’;
Cha bu sgrubire cruaidh mu stor.

Leat a chinneadh an t-sealg
Ann am frith nan damn dearg,
Eadar Fionn-Ghleanns Cioch an fheòir;

Eadar Comar nan allt
Agus garbh-shlios nan gleann,
Eadar Farars an Caorann gorm.

Bu leat faghid nam beann,
Gairm nan gadhar nan deann,
Fhir a leagadh na maing le sgorr.

Och, ’s mi miomadan truagh,
N diu ga tionndrichinn bhuam;
Mo chul-taictha san uaigh gun treoir.

Ach mile moladh mar tha,
Gu bheil oighre ann ad ait,
Friamhan dligheach na craoibhs dhfhalbh.

Coisinn beannachd bho Dhia,
N duine bochd na leig dhiot,
S thoir lan cheartas don fhiar as fearr.

Tuig gur Gaidhealtachd Glais,
Na dean Gallta i le lagh,
Na mill a comas, is creid mar bha.

Ma than sean-fhacal ceart,—
Mol a mhachirs na treabh,
Di-moil fasgath a phris, ’s na fag.

Torc sona, biadhs gach ni a bhuineadh do dhuine a bhith a fàs a suas dha air dhoigh mhiorbhuilich. Ach ciamar a thàinig na facail gu sin a chiallachadh?


Tha Mi Sgithn Fhogar So.

LE IAIN MAC MHURCHAIDH.

LUINNEAG.
Tha mi sgithn fhogar so,
Tha mi sgith dhen t-srith;
So an tim dhoruinneach.

Ged a tha mi fon choille,
Chan fheil coire richomhdach orm.

Ach misheasamh gu dileas
Leis an righ bhonbha choir aige.

Mi air fogar bho fhoghar
Deanamh thaighean gun cheo annta.

Ann am bùthaig bhig bharraich,
Is gun charaid gam fheoraich ann.

Ach nam bidhnn aig a bhaile,
Gheibhinn càirdeans luchd-eolais ann.

Ach nan digeadh Cornwallis
Sinn a ghluaiseadh gu solasach,

Gu sgriosthoirt air beisdean
Thug an t-éideadhsan storas bhuainn.

Thoir mo shoraidh thar linne
Dh-ionnsaidh ghlinnem bu choir dhomhbhi.

Far am minig a bha mi
G eisdeachd gàirich laogh ogaca.

Thoir mo shoraidh le dùrachd
Gu Sgurr-Urain mun eolach mi.

S tric a bha mi mun cuairt di
G eisdeachd ùdlaichecronanich.

S don bheinn ghuirmtha mucoinnimh,
Leambu shoilleir a neoineanan.

Thoir mo shoraidh le caoimhneas
Gu Torlòisich nan smeoraichean,

Far an tricbha mi siubhal
Mar-ri cuideachda sholasaich.

Cha ben t-olbha mig iarraidh,
Ach na bfhiach an cuid oran leam.

Sioss a suas troimh Ghleann-seile,
S tric a leag mi damh croic-cheannach.


An Gille Crubach anns aGhleann

Ille chrùbaich anns aghleann,
Cùm thall na caoraich uile,
Ille chrùbaich anns aghleann,
Cùm thall na caoraich.

Cùm thall, na toir a nall,
Cùm thall, na toir a nall,
Cùm thall, na toir a nall,
Cùm thall na caoraich.

Ged a tha do leth-shùil cam,
Chi thu leis an t-sùil ud eile;
Ged a tha do leth-shùil cam,
Chi thu leis an t-aon sùil.

Ille chrùbaich anns aghleann,
Cùm thall na caoraich agad,
Ille chrùbaich anns aghleann,
Cùm thall na caoraich.


Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
as fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.

K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., —LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla do Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn MhicAoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. D Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, bu R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .

Ard-oifis: —TORONTO , CANADA.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 28
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla X No. 28. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page