[Vol . 10. No. 29. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 25, 1902. No. 29.
Iain Mor nan Ord.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. III.
MAR A DH’ OL IAIN MOR DEOCH-SLAINT’ AN RIGH.
AIR an ath mhaduinn gu math moch dh’ fhàg Iain Mór slàn aig a chàirdean ’s a Ghleann Ghorm, agus le seisear thapaidh, a bhàrr air na teachdairean, thug iad le cridheachan blàth agus dòchasach an aghaidhean air armailt nan osan ghearr ’s nam breacan ballach aig Prionnsa Tearlach. Cha ’n ’eil n’ ar rùin an leantuinn no sealladh a chumail orra anns gach blàr agus buaidh a chuir iad idir, oir chaidh ’eachdraidh innseadh mar tha. Tha sinn air son faighinn seachad air gach àr anns an d’ fhuair iad gu miorbhuileach buaidh air an naimhdean lionmhor, làidir, agus sùil a thoirt air achadh Chùilfhodair ’san dol seachad. Ach mu ’n ruig sinn faodaidh sinn a ràdh gu ’n robh Iain Mór, Domhull Ciar agus a mhac anns gach aon diubh. Aig Preston-pans bha iad. Am baile mor Dhunéidionn thaghail iad, an àm athair a’ Phrionnsa eigheach mar rìgh Seumas a h-ochd. A stigh do Shasuinn, as an robh iad cho leasg tilleadh ris a’ Phrionnsa fhein. Aig an Eaglais-bhric, a ghleidh na Gàidheil a rithist, agus far an d’ fhàg moran am Prionnsa, gu ’n dachaidhean, sàsaichte is mòralach, a smaointean gu ’n robh gach cùis leotha, gu ’n smaointean gu ’n robh iomadh cnap-tuislidh eadar Tearlach ’s an crùn fhathast. Ach lean Iain Mór ’s a chompanaich e gu dìleas. Agus a nis tha sinn a tighinn gu euchdan Iain air sliabh Chùilfhodair.
Chunnaic Iain Mór an sliabh dearg air gach taobh dheth le fuil gaisgich na Gàidhealtachd, ach ged a fhuair e fhéin ’s a dhithis chompanach iomadh buille chruaidh, bha iad beò, slàn air feasgar an latha sin. ’S iomadh “còta gnàd’ de ’n mhàdar ruadh” a chuir Iain gu talamh an là ud leis a “Ghille-ghlas.” Mu dheireadh fhuair e e-fhein an cearn iomallach de ’n àr air a’ chuartachadh le naimhdean, ach gu fortanach cha robh luaidhe no fùdar aca, ’s mar sin bha Iain Mór a spealadh ’s a deanamh daighneach dha fhein air na cuirp aca. ’S iomadh Sasunnach a bha saoilsinn gu ’n robh e-fhein ’na dheagh fhear claidheamh a thug ionnsuidh air a Ghàidheal mhor, ach bi ’n ionnsuidh mu dheireadh i. Bha ’chridhe goirt na chliabh a smaointean air na companaich òg, àluinn a thuit, ’s mar sin bha e ’cumail daonnan far ’m bu tighe ’n nàmhaid, ’s ag eigheach leis a h-uile buille, “Tearlach gu bràth!” Mu dheireadh thug caiptean Sasunnach an aire dha, is seisear de ’n nàmhaid an impis a dhol á cochull an cridhe a teicheadh roimhe, ’s esan ’s an claidheamh mor an tarruinn aige na ’n déigh.
“Coig puinnd deug do ’n fhear a bheir ugam ceann a’ Ghàidheil mhoir ud, a tha ’gearradh sios ur co-bhràithrean!” ars’ an caiptean Sasunnach ri ’chuid shaighdearan.
Leum dithis bhràithrean am mach air a bheulaobh, a bha ainmeil a thaobh an neart ’s am misneach. “Faodaidh ’ur n-onair,” arsa fear dhiubh, “a bhith ’fuasgladh iallan ’ur sporain, oir mar a bheil bhuarbh ach ceann an reubalaich ud, cha ’n fhada ’bhios mi-fhin ’s Bill ga thoirt ugaibh air chiabh!”
“Dé ni thu ris a’ cheann?” arsa duin’ -uasal òg, spaideil, a bha ri taobh a chaiptean.
“Dé,” ars’ oifigeach òg eile, “ach a chrochadh an talla ’shinnsridh faisg air Lunnain, comhladh ri cinn nam beathaichean fiadhaich eile!”
Rinn na h-oifigich eile gàire, anns na phàirtich an caiptean uasal fhein gu cridheil. “Air m’ anam!” ars’ esan, “cha bhiodh e ’na dhroch innleachd idir! Ach fhaic sibh am fonn tha air na‘twins’, ”ars’ esan, “a dol g’a shealg, ’s mur a bheil mi air mo mhealladh bidh e aca cuideachd.”
Sheas an caiptean (aig an robh càirdeas ris a Bhùidsear fhein) ’s na h-oifigich eile airson spòrs fhaighinn air di-cheannadh a Ghàidheil mhoir, an deigh òrdugh a thoirt da chuid dhaoine na Gàidheil a bha leonte a mharbhadh ’s gach àit’ am faight’ iad. Chunnaic iad an dithis ghaisgeach a tarruinn dlùth air Iain Mór, ’s iad gualla ri gualla. Bha Iain air crìoch a chur air na bh’ aige ’s an àm, agus air dha Domhull Ciar fhaicinn pios math uaithe ghlaodh e ris, “Sid a h-ochd-ar-fhichead ’s an àite so; bu toigh leam na deich-ar fhichead a dheanamh dheth; ach thoir iomradh air an droch fhear ’s nochdaidh e! Tha iad a tighinn ugam an so.” Bha na“twins”gu bhi aige, ’s duais mhath na ’n sùil, agus an aigne ’leum ’s g’ an greasad airson an cliù ’sheasamh. Chunnaic Iain Mór gle mhath nach e ’n seorsa cumanta ’bh’ aige, ach ’s ann a chòrd sin na b’ fhearr ris. Thainig iad taobh ri taobh gu guineach, ’s thug iad ionnsuidh gharbh air Iain Mór, ach cha deach leotha. Bha ’n Gàidheal g’ an tomhas le ’shùil, agus a faicinn gu ’n robh fear dhiubh a nis a’ maoidheadh air gu h-iosal leis a’ chlaidheamh, airson a chur na bhreislich, is cothrom a thoirt do ’n fhear eile an ceann a chur dheth. Smaointich e gu ’n robh ’n t-àm crìoch a chur air a chleas. A faicinn gu ’n robh iad mu ’n aon mheudachd, chaidh Iain ceum air ais agus thug e siabadh uamhasach air a chlaidheamh mhor, ’s chaith e na cinn dhiubh le cheile leis an aon bhuille, ’s ghlaodh e, “Deich-air-fhichead!” Chunnaic an caiptean ’s a chompanaich le uamhas mar a thachair, is bhòidich e, ’s e dubh ’san aodann le feirg, gu ’m biodh a cheann aige ge b’ oil le Dia fhein. Ghlaodh e air a chuid shaighdearan is rinn e airson Iain Mór a chuartachadh, ach thug e earail chruaidh orra iad a’ ghlacadh beò, airson bàs cho fadalach ’s cho piantail ’s a bh’ ann a thoirt dha. Cha robh dol as aig Iain bochd. B’ eigin striochdadh mu dheireadh, ged a bha iad ’n an dùin ri talamh air gach taobh. Mhùch cudthrom na h-àireamh e. Bha e aca mu dheireadh—a charaide dìleas, an “Gille-glas,” air a thoirt bhuaithe, ’s e aig tacharan Sasunnach ’ga shlaodadh, ’s e fhein air a cheangal gu teann, cruaidh airson na h-ìobairt, is pathadh air gach aon mu ’n cuairt air airson a chuid fala.
“Fuasglaibh e?” ars’ an caiptean, “gheibh sibh am barrachd spòrs air an reubalach, agus gun airm cha dean e moran millidh co dhiubh. Agus a nis, a’ dhaoin’ uaisle,” ars’ an caiptean, ’s e ’toirt am mach cnapach botuil as a phoc-achlais, “bheir sinn air deoch-slàinte righ Deòrs’ òl, agus an reubalach òg Tearlach agus ’athair a mhallachadh do ’n droch àite.” Bha Iain Mòr bochd a’ fàs gu math fann a nis nam measg. Bha e nis na ’sheasamh, agus air dha sùil a thoirt os cionn chàich chunnaic e Domhull Ciar nan Lann air ’uilinn air an t-sliabh, is coltas air gu ’n robh e air a dhroch leòn. Chual’ Iain e gu fann ag eigheach deoch an ainm Dhé. Chual’ an caiptean Sasunnach e mar an ceudna, ’s a ruith a null mharbh e le ’laimh fhéin gu brùideil an seann duine bochd. A tighinn air ais thuirt e, “Sid an doigh air na reubalaich a chur do ’n rioghachd fhein! ’S a nis,” ars’ esan, ’s e tionndadh ri Iain Mór ’s a toirt dha ’bhotuil, “chual’ thu na th’ agad ri dheanamh, ’s mur a dean thu e thun na litreach, bidh agad ri lan a’ bhotuil dhe d’ fhuil fhein òl, agus am botul a chur na d’ amhaich na dheigh!” Air do dh’ Iain mort a sheann charaid fhaicinn, cha robh boinne fala ann nach robh ’goil—dh’ fhàs gach feithe na chom mar a chruaidh—dh’ fhàs a’ cheann aotrom, ach cha do leig e dad air. Rug e air a bhotul á laimh an t-Sasunnaich, ’s e gu math pàiteach. Chrath e ’cheann, a ciallachadh ma b’ fhior nach robh e g’a thuigsinn, is chàirich e gu toilichte am botul air a cheann, ’s thràigh e h-uile boinne. Le glaodh uamhasach— “Dia is righ Seumas!” —mar an dealanach dh’ amais e ’m botul eadar an da shùil air a chaiptean, a dh’ fhàg gun chrith e, ’s mu ’n do thàrr iad sealltainn uca no uatha, spìon e ’chlaidheamh mor, earbsach fhein o’n tacharan a bha ’ga ghiùlan. Chruinnich e e-fhein, ’s ged a bha iad a brùchdadh mu ’n cuairt da mar na druidean mu sheabhaig, ghearr e rathad am mach, ’s cha bu Shasunnach a chuireadh it’ á Iain Mór nan Ord, ach e aon uair làn a choise fhaighinn de mhonaidhean a dhùthcha fhein.
Bha i nis gu math dorcha, ’s an ùine ghearr dh’ fhàg Iain Mór a naimhdean gu fada na dheigh. Bha ’n oidhch’ air tuiteam gu dearbh-oidhche dhubh, aognaidh air iomadh dòigh—oidhche an t-siathamh latha deug de dh’ April, 1746. Sgìth, airtneulach ’s mar a bha Iain Mór chum e roimhe, gun smaointean co ’n taobh an robh e dol, agus coma ach astar math a chur eadar e fhein ’s àit an àir fhuiltich a dh’ fhàg e. Bha ’inntinn troimhe-chéile, ’s bha e ’gluasad mar neach na chadal, gu suas ri uair mharbh na h-oidhche. Thog e ’shùilean an sin agus chunnaic e rionnag mhùgach air thoiseach air ’s an dorchadas ’s i gu math àrd. Shaoil leis gu ’n robh i astar mor bhuaithe, ach thug e crathadh air fhein is rinn e dìreach air an t-solus, co dhiubh ’s e caraide no nàmhaid a thachradh ris. Gun dàil thòisich Iain ri dìreadh bearradh cas, agus ciod a b’ iongantaiche leis na, mu ’n d’ rainig e ’mhullach, tighinn thun a bhothain as an robh ’n rionnag sholuis a priobadh an dràsda ’s a rithist troimh tholl uinneig. Chaidh Iain gu neo-sgàthach thun an doruis, is bhuail e gu cruaidh. Am priobadh na sùla, agus cho sàmhach ’s ged bu chladh e, chaidh an solus a mhùchadh, ’s bha dorchadas a riaghladh am muigh ’s a stigh. Bhuail Iain an darna h-uair, agus ghlaodh e, “Ann an ainm Dhé, fosglaibh an dorus do dh’ fhògarach sgìth agus acrach?” An tiota chual’ e cuideiginn a’ tighinn thus an doruis le cabhaig,
[Vol . 10. No. 29. p. 2]
’s ag radh, “Guth Iain Mhóir! guth Iain Mhóir, mur ’eil mi meallta; agus is cinnteach nach ’eil m’ athair fada bhuaithe!” Dh’ aithnich Iain Mór le toileachadh guth Eachuinn mac Dhomhuill Chiar, agus bu chruaidh an sgeul a bh’ aige ri thoirt dha ’n uair a chaidh gach ni ’bha ri cùl an doruis a thoirt bhuaithe, agus a fhuair e steach. Cha dubhairt Eachunn a bheag nuair a chual’ e mu bhàs ’athar. Dhruid a bhilibh fuar air a chéile, ’s rinn e greim iarnaidh air a bhiodaig a bh’ air a chliathaich. Bha co-fhaireachadh aig Iain ris an òganach na thrioblaid, oir cha robh màthair no piuthar no bràthair aige no daimheach a nis beò air thalamh. Bu chruaidh a nis leis an òganach am mi-fhortan a sgar e o athair ’sa bhlàr an là ud; oir bha e ’smaointean na ’m biodh e ri ’thaobh gu ’n robh e air aona chuid a shàbaladh airneo a cholunn òg fhéin fhàgail ri ’thaobh eadar e ’s a naimhdean air sliabh fuar Chùilfhodair. Rug Iain Mór air laimh air, agus threòraich e thun a ghealbhain bhig e a bha ’n ceann eile ’bhothain, far an robh cailleach bheag aosmhor na suidhe ’turaman, an deigh ’n crùisgein dubh a lasadh. An uair a thainig na fir thun an t-soluis sheall iad an doimhne sùilean a chéile, a deanamh bòid shàmhach aicheamhail a ghabhail air an naimhdean an eirig so. Cha robh feum air briathran;’ bha iad a’ faicinn rùin inntinn a chéile ’san t-sùil—sgàthan an anama—cho soilleir ’s ged a bhiodh an teanga bu ghleusda g’a chur an geill ann am briathran. Chaidh an dorus a chrannadh, is callaid làidir a chur ri chùl mar a bha e roimhe, agus fhuair a chailleach bheag teannacas do dh’ Iain Mór—cuach bhainne agus cnap de chàise bainne ghobhar—biadh bu mhìsle air ’n do bhlais e riamh, agus a thug neart agus misneach ùr dha. ’S i bantrach bhochd a bh’ anns a chaillich so; is bha ’h-aon mhac, dòchas a sean aoise, a mach le ’cheann-feadhna fo bhrataich Thearlaich an là ud, agus, ged nach robh fios aic’ air, na shìneadh fuar gun deò. Bha i ann an staid inntinn thruagh nach robh e ’tighinn, ’s cha robh fuaim a dheanadh a ghaoth no gluasad eile ’chluinneadh i, nach robh a ceann glas a togail, is dòchas a boillsgeadh na ’gnùis phreasaich, chòir, a bh’ air a smàladh an ath mhionaid, ’nuair a thuiteadh a ceann air a h-uchd, is thòisicheadh an turaman brònach mar a bha i roimhe. B’ ann air a shon a bha solus aice ris an uinneig a rinn iùil do dh’ Iain Mór, agus a bha, mu ’n rachadh an oidhche thairis a dol a tharruinn aoidhean coimheach, nach b’ e ’m beatha ann cho math. Bha ’m bothan air a thogail an taobh a bhruthaich, an aghaidh de chloich air a càradh mar a dh’ fhàs i, ’s an cùl air a chladhach as a bhruthach, air chor ’s gu ’n robh na ceanglaichean a laidhe air a chnoc bheò. Bha ’n cnoc àrd, biorach, ’s mar sin bha dorus diomhair no toll air a ghearradh a stigh taobh a’ chnoic ’sa bhothan ’s air a dheagh fhalach, ’s a tighinn am mach air taobh eile ’chnoic an tom seillich. Fhuair na fir am mach mu ’n dorus dhiomhair so, ’s bha iad a bruidhinn uime, ’nuair a chual’ iad faragradh is fuaim iomadh cois a tighinn dlùth dhaibh. Chuir iad as an solus ’sa mhionaid agus smal iad an teine. Gun dàil chualas bualadh cruaidh ’san dorus, agus’ guth àrd, feargach na chois ag eigheach, “Fosglaibh so gun dàil, ann an ainm an righ?”
(Ri leantuinn.)
AONADH NAN CUIDEACHDAN—Tha cuideachd a’ Ghuail agus cuideachd an Iaruinn a nis air an aonadh, agus an deigh so bidh iad fo ’n aon riaghladh. Tha H. M. Whitney an deigh a dhreuchd anns an da chuideachd a leigeil dheth, agus tha Seumas Ros á Montreal air ’aite ghabhail mar cheann-suidhe.
Turus Ruairidh do ’n Exhibition.
FACAL AIR AN FHACAL MAR A CHUALAS UAITHE FHEIN.
II.
THUG Seumas Mac-an-Toisich sios do ’n chàbin mi, agus a mhic an t-saoghail! b’ e sin aon seomar cho briagha ’s a chunnaic mo shuil chinn riamh. Cha robh mi ’n duil riamh gus a sid gu ’n gabhadh seomar cho briagha sid deanamh ann am broinn luinge.
“Is cinnteach, a Ruairidh,” arsa Seumas, “gu ’m b’ fheairrde sibh deur beag de stuth na Toiseachd. Tha greis o ’n a dh’ fhalbh sibh o ’n taigh.”
“Ma ta, a charaid choir,” arsa mise, “cha chreid mi gu ’n deanadh deur dheth cron sam bith orm aig a’ cheart àm so fhein. Cha deachaidh norradh air mo shuil an raoir leis mar a bha mi cho tric a’ smaointean air an turus a bha romham.”
Bhuail Seumas glag beag a bha ’n aiteiginn faisg’ air, agus dh’ iarr e air fear caol, glas a thainig far an robh e, dram a thoirt g’ a ionnsuidh. Ann an tiotadh thainig e air ais agus botul briagha ochd-shlisneach, tha mi’n duil, luma lan uisge-bheatha aig ’na laimh, agus chuir e air a’ bhord air ar beulaobh e. Chaidh e as an t-sealladh mar gu ’n deanadh an dealanach, agus ann an tiotadh bha e air ais a rithist agus glainneachan is tumailearan aige, agus chuir e air ar beulaobh iad.
An uair a thug Seumas lamh air a’ bhotul gus na glaineachan a lionadh, thuirt mi ris: “Cha ’n fhaod e bhith, a Sheumais, gu ’m bheil e nad’ bheachd an daorach a chur orm an uair a dh’ ordaich thu do ’n fhear chaol ud am botul mar a tha e a thoirt dhut? Cuimhnich nach gabh mise ach an aon ghlaine air a’ cheann so dhe ’n latha co dhiubh. Agus tha e gle ghorach dhutsa botul a cheannach. Car son nach d’iarr thu siolla? Dheanadh aon ghlaine an gnothach dhut fhein cho math riumsa. Tha mi ’n dochas nach ’eil thu air fas cho trom air an ol ’s gu ’n teid agad air luma lan a’ bhotuil ol aig aon suidhe.”
Rinn Seumas lascan mor gaire, agus thuirt e: “Cuimhnichibh a Ruaraidh, gur ann a tha sinn an drasta ann an seomar nan daoin’ uaisle. Is ann mar urram ruinn a chuireadh am botul lan air ar beulaobh. Tha de mheas ac’ oirnn gu ’m bheil iad a’ creidsinn nach ol sinn ach na phàigheas sinn.”
An uair a thainig àm na dinearach, shuidh mi aig a’ bhord ri taobh Sheumais; agus a charaid, b’ e sid am bord! Cha ’n fhaca mise riamh roimhe a leithid. Cha robh de dh’ eagal an t-saoghail orm ach gu ’m bristinn feadhainn dhe na soithichean a bh’ air mo bheulaobh. Ach ged a bha pailteas dhe gach biadh a b’ fhearr na cheile air a’ bhord, cha mhor a ghabh mise dheth. Air a shon sin, phaigh mi gle dhaor air son a’ bheagain a ghabh mi. Bheirinn mo mhionnan nach d’ ith mi luach sia sgillinn dhe ’n bhiadh, agus b’ fheudar dhomh mo leth-chrun geal a phaigheadh air a shon!
Bha rud eil’ ann a chum mi o bharrachd dhe ’n bhiadh a ghabhail, agus b’ e sin mar a bha m’ aire air a togail cho mor le boirionnach a bha mu m’ choinneamh air an taobh eile dhe ’n bhord. Tha mi ’faicinn fiamh gaire air do ghnuis, a charaid; is docha gu ’m bheil thu ’smaointean gu ’n do ghabh mi tlachd dhi. Is fhada uam a ghabhadh e. Ged a bhithinn-sa ’nam sheann fhleasgach, agus mi cho toileach posadh ri mac mathar a tha beo, cha ghabhainn i ged a gheibhinn deich mile punnd Sasunnach leatha. Cha robh innte ach te chutach, ghollach, reamhar. Cha robh maise sam bith oirre a b’ urrainn domhs’ fhaicinn; ach air a shon sin, cha teid i as mo chuimhne-sa ri mo bheo shaoghail. Gun fhacal breige, dh’ ith i a’ cheart uiread ri ceathrar dhe na fir a bh’ aig a’ bhord. Saoil thusa nach robh eagal ormsa mu dheireadh gu ’n spraidheadh i. Ma ’s e sid seorsa ’bhios gu tric a’ gabhail an turuis air na bataichean, cha ’n ’eil ioghnadh ormsa ged a dh’ fheumas na stiùbhardan leith-chrun iarraidh air son a h-uile beidh a dh’ itheas iad. Is fhad o ’n a chuala mi am facal, “Diolaidh coireach no neo-choireach.” Agus tha amhrus agam gur e sid a thug air an stiubhard an aon uiread iarraidh ormsa ’s a dh’ iarr e oirrese, ged a dh’ ith i ’sheachd uiread rium.
An uair a bha sinn a’ gabhail na ti feasgair, thug mi an aire mhath nach suidhinn m’ a coinneamh air son rud sam bith. Chaidh agam, air an aobhar sin, air mo dheadh thi a ghabhail, agus bha mi gle fheumach oirre.
An uair a thainig an t-àm dhuinn dol a laidhe, chuireadh a steach mi do sheomar beag cho grinn ’s cho glan ’s a chunnaic mi riamh. Bha da leabaidh ann—te os cionn te mar gu ’m faiceadh tu sgeilpeannan ann am preasa. Chaidh Seumas a steach do ’n t-seomar so comhladh rium gus rud no dha sonraichte a bh’ anns an t-seomar a leigeadh fhaicinn domh, agus thuirt e rium gu ‘m b’ fhearr dhomh a dhol a laidhe do ’n te ’b’ isle dhe na leapannan, air dhoigh ’s nan tachradh dhomh car a chur dhiom air an oidhche, agus tuiteam am mach as an leabaidh, nach fhaighinn leagadh mor.
Bha ’n leaba direach mu ’n aon fhad ’s mu ’n aon leud rium fhin, agus an uair a shuidhinn innte bhiodh mo cheann a’ bualadh ann an urlar na leapadh a bh’ as mo chionn.
Ged a chaidh mi laidhe, cha b’ ann gu cadal. Bha ’n leaba cho cumhang, agus bha ’n seomar cho annasach ’s nach robh norradh a’ tighinn air mo shuil. Mu dheireadh thainig rudeiginn de dhusal cadail orm; ach an uair a bha mi air thuar tuiteam ann an cadal trom, chuala mi ’bhith ’fosgladh dorus an t-seomair. Chuir fear a cheann a steach, agus thug e suil thall ’s a bhos air feadh an t-seomair, agus an uair a thug e ’cheann air ais, agus a dhuin e ’n dorus, chuala mi e ’bruidhinn, agus dh’ aithnich mi, gur e Sasunnach a bh’ ann, oir cha robh mi ach gann a tuigsinn aon fhacal dhe na bha e ’g radh.
“Tha mi ’n dochas,” arsa mise rium fhein, “nach tig am fear ud a chadal do ’n t-seomar so.” Ach mu ’n gann a leig mi am facal as mo bheul, thainig e steach do ’n t-seomar, agus thoisich e ri cur dheth ’aodaich.
Cha do mhi-chord a choltas rium idir; ach dh’ aithnich mi gur e Sasunnach a bh’ ann. Cha robh e fada ’s an leabaidh an uair a thuit e ’na chadal. Ach ma chaidil esan, cha do chaidil mise. Bha srann aige a chuireadh eagal air dearg mheirleach. An drasta ’s a rithist shaoilinn gu ’n robh e gus a bhith air a thachdadh. Thoisicheadh an t-srann beag an toiseach, agus beag air bheag bhiodh i ’sior dhol na bu mho, gus mu dheireadh an robh an anail aige stad. Bha mi ’n duil an toiseach nach fhaigheadh e ’anail tuilleadh; agus bha fior eagal orm gu ’m faigheadh e bas anns an leabaidh as mo chionn. Eadar a h-uile rud a bh’ ann cha d’ fhuair mi norradh cadail.
An uair a shoilleirich an latha dh’ eirich mi, agus chaidh mi suas an staidhre. Bha madainn anabarrach briagh’ ann, agus bha sealladh math ri fhaicinn aig an àm, oir bha ’sinn a’ seòladh troimh na Caoil-Bòdach.
An uair a bha ’bhraiceist deiseil, thainig am fear
[Vol . 10. No. 29. p. 3]
caol air an d’ thug mi iomradh mar tha, a nios an staidhre, agus glag aig ’na laimh g’ ar cuireadh thun a’ bheidh, agus a dh’ innseadh na firinn dhut, theab e mo bhodhradh leis a’ ghleadhar a thug e air a’ ghlag.
Ghabh mi mo bhraiceist gle mhath, oir bha acras gu leor orm an deigh na caithris agus na rinn mi de spaisdearachd air bord; agus ged a phaigh mi mo dha thasdan air son na dh’ ith mi, cha robh mo shuil na dheigh.
Bha mi gle shunndach an deigh mo bheidh, agus bha greis de chomhradh taitneach agam ris an sgiobair choir, ri mo charaid Seumas Mac-an-Toisich, agus ri tuathanach coir a bha ’gabhail a thuruis mar a bha mi fhin. Agus bha mi ’n duil nach robh mi-fhortan sam bith gu tachairt dhomh gus an ruiginn. Ach cha b’ ann mar sinn a bha.
An deigh dhuinn a dhol seachad air Bòid agus air Arainn, bha mi ’nam sheasamh faisge air fear dhe na crainn, agus mi ’g amharc air fear dhe na seoladairean a bha ’dol suas a chur bhearnais air a’ chrann ard. Bha mi ’gabhail ioghnaidh leis cho subailte ’s a bha e, agus mar a bha e ’laimhseachadh a’ chrogain agus na brush a bha ’na laimh. Thuit a’ bhrush as a laimh, agus chaidh mise, mar nach d’ iarr am fortan orm, a thogail na brush gus a sineadh dha, agus direach an uair a thog mi mo cheann an deigh dhomh a’ bhrush a thogail, a nuas a ghabh an crogan anns an robh a’ bhearnais, agus dhoirt na bh’ ann mu m’ cheann ’s mu m’ ghuaillean, agus theabas mo bhathadh as mo sheasamh. Thachair gu ’n robh aireamh dhe ’n luchd-turuis faisge air an aite anns an robh mi, agus chluinneadh tu mile air astar an lasgan gaire a rinn iad an uair a chunnaic iad an t-oineadh anns an robh mi. Chruinnich iad mu ’n cuairt orm, agus an aon drein ghaireachdaich air a h-uile aon dhiubh. Bha mi ann an sid agus faileas asam o mhullach mo chinn gu bonn mo choise mar gu ’m faiceadh tu ron a bhiodh an deigh tighinn am barr. Agus ged a bha mi gle dhiumbach dhe na daoine ’bha sior ghaireachdaich mu ’n cuairt orm, cha b’ urrainn domh gun a bhith gaireachdaich cho math riutha fhein.
Ach cha ghabh e innseadh cho dorannach ’s a bha mi an uair a chunnaic mi gu ’n robh mo dheadh dheise air a milleadh. Cha robh guth ri radh o nach do spadadh mi far an robh mi ’nam sheasamh. Na ’n do thachair gu ’n do bhuail earradh a’ chrogain orm ann am mullach mo chinn, bha mi air tuiteam marbh gun sgrid air an dec. Ach direach mar gu ’n caireadh lamh duine ann e, chaidh an crogan ’s na bh’ ann mu chrun na h-aide mu m’ cheann. Bhruchd a’bhearnais sios mu m’ ghuaillean, air mo chulaobh, agus air mo bheulaobh, agus mu ’n do tharr mi sealltainn ugam no uam, bha struth asam gu m’ shailean. Thainig an tuathanach coir air an d’ thug mi iomradh mar tha far an robh mi, agus thuirt e rium gu ’m feumadh na daoine do ’m buineadh am bata mo dheadh dheise ’phaigheadh dhomh, o ’n a bha e air a shuidheachadh le lagh na rioghachd gu ’m feumadh a h-uile maighstir paigheadh air son call sam bith a dheanteadh le coireannan a luchd-muinntir.
“Ach, cia mar air an t-saoghal,” arsa mise, “a theid mise ann an lathair criosduidh anns an oineadh so? Cha leig mo naire leamsa, ged nach ’eil annam ach duine bochd, mi fhin a nochdadh ann am fianuis mo chairdean agus struth is faileas asam mar a bhios as na caoirich agaibh fhein an uair a bhios sibh ’g an tumadh.”
Thoisich a h-uile duine riamh a bha ’nan seasamh mu ’n cuairt orm ri gaireachdaich an uair a chual’ iad so. Agus thug mi ’n aire aig an àm, gu ’n robh an Sasunnach mor a bha ’na chadal anns an t-seomar comhladh rium an oidhche roimhe sid, a’ falbh o dhuine gu duine mar gu ’m biodh e ’g iarraidh airgid orra. Cha robh duine thun an rachadh e nach robh ’fosgladh a sporrain agus a’ toirt ’bonn airgid dha. Cha do smaoinich mi idir gu ’m b’ ann air mo shon fhin a bha e ’cruinneachadh an airgid. Shaoil mi gur ann a bha e ’cruinneachadh an airgid air son cuideachadh a dheanamh leis na bantraichean ’s na dilleachdain a dh’ fhag na saighdearan treuna ’leig sios am beatha ’cogadh air son an righ agus an duthchadh ann an Africa, agus shuidhich mi ’nam inntinn fhin gu ’n tugainn dha tasdan no dha dhe ’n bheagan a bh’ agam ’nam sporran. Agus an uair a chuir mi mo lamh ann am pocaid na briogais gus an sporran a thoirt aisde, bha mo phocaid lan bhearnais.
(Ri leantuinn).
Sgeulachdan Arabianach.
MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHA ’NA CHADAL.
CAIB. XV.
AM feadh ’s a bha ’n righ agus Sobaide a’ connsachadh gu teith, teann mu ’n chuis, bha Abon Hasan, air dha bhith cinnnteach gu ’n eireadh a leithid de chonnsachadh eatorra, gle mhath ’na fhaireachadh a thaobh gach ni a bha gu tachairt. Bha e fhein ’s a bhean nan suidh’ aig an uinneig agus iad a’ comhradh ri cheile an uair a thug e an aire do Mhesrour a’ tighinn thun an taighe, agus thuig e anns a’ mhionaid ciod e ’n gnothach a thug Mesrour thun an taighe. Ghrad dh’ iarr e air a mhnaoi i fhein a leigeadh ’na sineadh a rithist air an urlar mar gu ’m biodh i marbh. Thainig an gnothach a bh’ ann cho cabhagach orra ’s gur gann a fhuair Abon Hasan de dh’ uine na phaisg a bhean anns an aodach mhairbh mu ’n d’ thàinig Mesrour a steach. Dh’ fhosgail e an dorus do ’Mhesrour, agus le coltas a’ bhroin air a ghnuis, agus a neapaiginn ni ’shuilean, shuidh e gun fhacal a radh air an urlar aig ceann na mna.
An uair a thainig Mesrour a steach, agus a chunnaic e mar a bha cuisean, bha e car toilichte ’na inntinn, a thaobh an turuis air an do chuir an righ e. An uair a thug Abon Hasan an aire dha, dh’ eirich e ’na choinneamh, agus an uair a thug e pog dh’ a laimh mar urram dha, thuirt e, agus e ’g osnaich ’s ag ochanaich: “Tha sibh ’g am fhaicinn, mo thighearna, anns an amhghair cho mor ’s a b’ urrainn tighinn orm; bas mo bhean ghaoil, Noushatal, air an do bhuilich sibhse iomadh fabhar.”
Thug na chunnaic ’s na chual’ e air Mesrour toiseachadh ri sileadh nan deur air son na te a bha ’na sineadh marbh, a reir choltas, air an urlar. Thog e ’n t-aodach bhar a h-aghaidh, agus sheall e tiotadh oirre. Leig e sios an t-aodach mar a bha e roimhe, agus thuirt e ’s e ’tarruinn osna throm: “Cha ’n ’eil ann ach an aon Dia. Feumaidh sinn uile a bhith umhail d’ a thoil, agus feumaidh a h-uile creutair tilleadh g’ a ionnsuidh. A Noushatal, mo phiuthar mhath,” ars’ esan ’s e ’g osnaich, “bha do laithean-sa gle ghearr: gu ’n deanadh Dia trocair ort.”
An sin thionndaidh e ri Abon Hasan, a bha ’sileadh nan deur gu frasach aig an am, agus thuirt e ris: “Faodaidh mi a radh le firinn, gu ’m bheil na mnathan iomadh uair faoin ’nam barail, agus a’ call an ceille ann an doigh nach urrainnear mathanas a thoirt dhaibh. Tha Sobaide, ged a tha i ’na bana-mhaighstir mhath, anns an t-suideachadh ud an drasta. Tha i ’feuchainn ri thoirt air an righ a chreidsinn gur tusa a tha marbh, agus nach e do bhean; agus a dh’ aindeoin na their an righ ’na h-aghaidh, cha ’n urrainn e thoirt oirre ’chreidsinn nach i fhein a tha ceart. Ghairm e mise gus fianuis a thogail air a thaobh; oir mar a tha fhios agad, bha mise anns an lathrach an uair a thainig tu ’dh’ innseadh na naigheachd bhronach dha; ach cha toir sin oirrese geilleadh dha. Tha iad le cheile fada ’nam barail fhein. Agus gus a dhearbhadh do ’n bhanrigh gur i a tha cearr, chuir an righ mise an so a chum gu ’m faighinn am mach an fhirinn, ach tha eagal orm nach creidear mi; oir aon uair ’s gu ’n gabh na mnathan rud ’nan cinn, seasaidh iad ris fhad ’s a bhios an deo annta.”
“Gu ’n gleidheadh Dia a thur ’s a chiall i do Cheannard nan Creidmheach,” ars’ Abon Hasan, agus e ’gul ’s ag ochanaich, gun stad; “tha sibh a’ faicinn mar a tha cuisean, agus nach d’ thug mi an car as an righ. Bu mhath dhomhsa,” ars’ esan, “nach robh aobhar sam bith agam air droch naigheachd innseadh do ’n righ. Ochan! cha ’n urrainn mi cainnt a chur air a’ chall a thainig orm—call nach gabh leasachadh.”
“Tha sin fior gu leor,” arsa Mesrour; “agus faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi riut gu ’m bheil bron gu leor ormsa mu d’ dheidhinn. Ach feumaidh tu comhfhurtachd a ghabhail, agus gun thu fhein a thoirt thairis do bhron buileach glan. Tha mi ’falbh na ’s traithe na bu mhiann leam, oir feumaidh mi tilleadh thun an righ le fios mar a tha cuisean; ach tha mi ’guidh’ ort nach tiodhlaic thu i gus an tig mi rithist; oir bheir mi dhut cuideachadh aig an tiodhlacadh, agus cuiridh mi suas urnuighean.”
Thill Mesrour gu fios a thoirt do ’n righ mar a bha. Lean Abon Hasan e thun an doruis, agus thuirt e ris nach robh e airidh air an urram a bha e toileach a chur air. Agus air eagal gu ’n tilleadh Mesrour gu tuilleadh a radh ris, chum e a shuil air gus an deachaidh e astar math e ’n dorus. An sin thill e, agus thug e air a mhnaoi eirigh as an aite anns an robh i ’na sineadh.
“Tha ’n tuilleadh spors againn a nis,” ars’ esan, “ach tha amhrus agam nach ann ullamh dheth a tha sinn. Cinnteach gu leor cha chreid Sobaide facal dhe na dh’ innseas Mesrour, ach ni i gaire ’fanaid air, o ’n a tha dearbhadh gu leor aice nach ’eil na their e fior; air an aobhar sin faodaidh sinn a bhith cinnteach gu ’n tachair gnothaichean eile ’an lorg so fhathast.”
Am feadh ’s a bha Abon Hasan a’ labhairt mar so, bha Noushatal a’ cur a cuid aodaich uimpe. Shuidh iad le cheile air sofa mu choinneamh na h-uinneig, far am faiceadh iad gach ni a bhiodh a’ tachairt.
Anns a’ cheart am rainig Mesrour an seomar aig Sobaide, agus an uair a chaidh e steach, bha fiamh gaire air, agus bhuail e a bhasan ri cheile mar gu ’m deanadh neach aig am biodh naigheachd math ri innseadh.
Bha ’n righ gu nadarra ’gabhail fadachd gus an cluinneadh e an fhìrinn mu dheidhinn a’ ghnothaich, oir bha beagan dorrain air a chionn a’ bhanrigh a bhith cho fada ’na barail fhein. Air an aobhar sin, cho luath ’s a choinnich e Mesrour, thuirt e: “A sheirbhisich thruaillidh, an e so am gu bhith gaireachdaich? C’ar son nach ’eil thu ’grad innseadh co dhiubh a tha marbh am fear mo ’bhean?
“A Cheannaird nan Creidmheach,” fhreagair Mesrour, agus e ’cur fiamh a’ bhroin air a ghnuis, “is e Noushatal a tha marbh, agus tha Abon Hasan ’g a caoidh a cheart cho trom ’s a bha e an uair a thainig e ’n ’ur lathair fhein.”
Cha do leig an righ leis a dhol air aghart na b’ fhaide le ’naigheachd, ach rinn e gaire cridheil, agus thuirt e: “Is math do naigheachd! Tiot-
(Air a leantuinn air taobh 222.)
[Vol . 10. No. 29. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, APRIL 25, 1902.
Na Cisean Ura.
THA iomadh bliadhna o’n bha Breatunn na dùthaich Saor Mhalairt, ’s e sin dùthaich anns nach robh cìsean cusbuinn air an leagail air bathar de sheòrsa sam bith air son cothrom a thoirt d’a sluagh fein thar sluaigh dhùthchannan eile. Na bha de chìsean air an leagail, b’ ann air son teachd a stigh a bha feumail gus cosdus na rioghachd a sheasamh a bha iad, agus cha b’ ann air son cothrom a thoirt do aon bhuidheann seach buidheann eile buanachd a dheanamh le bhi daoradh bathair dhùthchannan eile. Ach a reir coltais, tha car eile ’sa chùis a nis. Tha an riaghladh an deigh cìs a chur air flùr ’s air cruithneachd a thig á dùthchannan céin. Cha ’n eil a’ chìs ach gle bheag—tri sgillinnean air a’ cheud punnd cruithneachd, is coig sgillinnean air a’ cheud punnd flùir. Cha mhor daoraidh a ni sin air an aran, ach tha cuid ga ’ghabhail mar chomharradh gu bheil an riaghladh an impis cùl a chur ri Saor Mhalairt, agus gur h-e so an ceud cheum.
Dleasdanas an t-Sluaigh.
CLUINNEAR gu tric daoine gearain air luchd na pàrlamaid, nach eil iad a’ deanamh mar a dh’ fhaodadh iad air son math na dùthcha, agus nach eil iad am bitheantas ag imeachd air slighe ’n dleasdanais, ach air slighe na furasdachd. Tha fhios gu bheil sin daonnan fior mu chuid mhor de bhuill ar pàrlamaidean, agus gur àireamh bheag dhiubh mu nach eil e fior uair no uaireigin. Tha e nàdarra do ’n duine an t-slighe tha furasda ghabhail a roghainn air an t-slighe tha doirbh, agus tha slighe ’s dleasdanais mar is trice doirbh. Agus tha buairidhean làidir a cuartachadh luchd-pàrlamaid, cho làidir ’s nach eil e na iongantas idir na h-uiread dhiubh a bhi tuiteam. A reir barail cuid de dhaoine, cha ’n eil seasmhachd no dìlseachd do ’n chòir ’s do ’n cheart ri chur mar fhiachaibh air fear-comhairle no fear-pàrlamaid, agus ’s e a’ bharail sin a bhi cumanta is coireach na h-uiread dhe na h-uaislean sin a bhi cho tric a’ dol an cois an dleasdanais. Na ’n robh iad dearbh chinnteach gu ’m biodh gach mearachd agus mi-dhìlseachd air an cuimhneachadh na ’n aghaidh ’s air an cronachadh gu geur air latha ’n taghaidh, cha bhiodh an cuid mhearachdan cho lionmhor, no am mi-dhìlseachd cho dalma. Ach tha a mhor chuid dhe ’n t-sluagh mar gu ’m biodh iad na ’n cadal: cha ’n fheòraich ’s cha ’n fhiosraich iad ciod a tha dol air adhart ’sa chomhairle no ’sa phàrlamaid, agus tha iad coma co-dhiù is reachdan matha no dona thatar a deanamh le luchd-riaghlaidh na dùthcha. Their moran ruinn nach eil ann-san aig am bheil àite-suidhe ’sa chomhairle no ’sa phàrlamaid ach mac-samhuill an t-sluaigh a chuir ann e. Cha ’n eil sin fior. Faodaidh e bhi fior mu chuid, ach cha ’n eil e fior mu ’n mhor chuid. Far am bheil an sluagh furachail, bidh e doirbh do dhuine bhi air a thaghadh mur eil e dìleas agus onarach, ach far am bheil an sluagh mi-shuimeil—agus tha eagal oirnn gur ann mar sin a tha tuilleadh ’sa choir dhiubh—bidh iad buailteach air an cùisean earbsa ris an fhear is sleamhna teanga co-dhiù tha e comharraichte air son fìrinn is onair no nach eil. Is còir do ’n t-sluagh dùsgadh, agus barrachd suim a ghabhail de chùisean-riaghlaidh na dùthcha. Is iad fein da-rireadh an luchd-riaghlaidh; cha ’n eil annta-san a tha iad a’ cur a dh’ amharc thairis air cùisean na dùthcha ach seirbhisich, agus is còir dhaibh an duaiseachadh no am peanasachadh a reir an toillteanais. Na ’n deanadh iad sin, cha bhiodh iad cho tric a’ gearan; cha bhiodh na h-aobhair aca, oir cha ’n eil ni ann a’s fhearr gu duine chumail dìreach na fios a bhi aige, ma ni e cionta, nach teid e as o’n pheanas. Tuigeamaid, ma ta, mur eil ar luchd-riaghlaidh a’ deanamh mar bu chòir dhaibh, gur ann againn fein mar shluagh na dùthcha a tha ’choire, agus gur ann dhuinn fein a mhàin a bhuineas a leasachadh.
Filidh na Coille.
THA dha no tri de dhuilleagan aig toiseach an leabhair a tha ro fheumail do luchd-ionnsachaidh Gaidhlig. Tha fuaim nan litrichean air am mìneachadh gu soilleir. A bharrachd air a sin tha an dòigh ’sa bheil na facail air an cur ri ’cheile agus ri am fuaimneachadh air an deanamh lan shoilleir do dhuine sam bith a thuigeas Gaidhlig idir. Ma leanas duine na seolaidhean a tha air an toirt seachad faodaidh e na h-òrain a tha san leabhar agus MAC-TALLA a leughadh gu furasda an ceann da sheachdain. Tha criomagan de dh-òrain a Bhaird Mhic-Gilleain aig moran air an teanga. Ni sin e ro fhurasda dhaibh an leabhar a leughadh. Co nach cuala na sreathan a leanas?
Nuair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd
Bidh sneachd’ a dlùthadh ri cùl nan geug,
Gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
’S ge math an triubhsair cha dean i feum
Gun stocain dhùbailt ’s a mhoguis chlùdach
’Bhios air a dùnadh gu dlùth le éill.
B’ e ’m fasan ùr dhuinn a cosg le fionndadh,
Mar chaidh a rùsgadh de ’n bhrùid an dé.
Deoch slàint’ a Chuairteir a ghluais á Albainn,
Bho thìr nam mòr bheann ’s a sheol an fhairge,
Do ’n dùthaich choilltich s’ thoirt dhuinn a sheanachais;
’S am fear nach òl i bidh moran feirg ris.
Cha ’n ioghnadh òigridh thoirt moran spéis da,
Nuair tha na seann daoin’ tha call an léirsinn,
’S an cinn air liathadh, cho dian an déidh air,
’S nach dean iad fhaicinn mar cleachd iad spéuclair.
Thainig dìth air an àrdraich
Nuair a dh-éirich muir-bàite fo chròic;
Thuit craobh-ubhal mo ghàraidh,
’S gun do fhroiseadh am blàth feadh an fheòir.
Chaidh mo choinneal a smàladh,
’Bu ghlan solus a dearrsadh mu ’n bhòrd;
Bhrisd an gloine bha ’m sgàthan,
Dh’ fhalbh an daoimean á m’ fhàine glan òir.
Nuair rùisgeadh iad am brataichean,
’S a sheinnt a phiob gu tartarach,
Bhiodh cliu air luchd nam breacan
Anns gach baiteal mar a chualas.
B’ e sud an còmhdach cleachte dhaibh,
An t-osan grinn ’s na gartanan,
An còta gearr ’s am breacan
Air a phasgadh thar an guala.
Chaidh òrain a Bhàird Mhic-Gilleain a chur am mach ann an Clàrsach na Coille ’sa bhliadhna 1881. Cha ’n ’eil an leabhar sin ri ’reic anns an dùthaich so, agus ged a bhitheadh chosdadh e dolar. Ann am Filidh na Coille tha beagan de mhearachdan a bha ’san leabhar sin air an cur ceart, agus tha ’n corr de dh-eachdraidh air a toirt seachad. Bha cuid de roinn air am fagail á Clarsach na Coille; ach tha iad sin an nis air an toirt seachad. Tha sinn a faicinn ’san leabhar ùr oran boidheach air Mr. Cailein Grannda nach faca sinn gus a so.
Cuiridh sinn Filidh na Coille gu duine sam bith a chuireas leth-dolar g’ ar n-ionnsuidh air a shon. Faodaidh sinn a radh gu bheil Ailein Mac-Gilleain, 28 sràid Chornwallis, Halifax, ga ’reic cuideachd. Ceannaicheadh daoine an leabhar far am faic iad iomchuidh; ach, ma tha meas aca air cainnt am màthar, ceannaicheadh iad e, agus na doireadh iad seachad e do bhleidire a bhios ga iarraidh an iasad.
Cor na Gailig.
ANNS an àireamh mu dheireadh bha beagan againn ri radh mu chor na Gàilig. Tha sinn a’ faicinn ann an aon de phaipearan na Gàidhealtachd gu robh òraid air a chuspair cheudna air a leughadh aig Ceilidh nan Gàidheal an Glascho deireadh a mhios a chaidh, agus tha sinn a’ meas nach biodh e as an rathad cùnntas aithghearr air na bh’ aig an òraidiche ri radh a thoirt fa chomhair ar leughadairean. Chithear gu bheil na beachdan a tha e cur an céill air a chùis ann an tomhas mor co-ionnan ris na beachdan a bha air an toirt seachad ann am MAC-TALLA.
“Chaidh an t-òraidiche gu maith fad air ais ann an eachdraidh anns an dol a mach, agus choimeas e, le mor bhreathnachadh inntinn agus tuigse, an staid anns an robh a’ Ghàidhlig aig gach àm, ri seann chànainean iomraiteach ard-inbheach a bha aon uair ach nach ’eil a nis na ’s mò. Cha robh a réir coltais a’ Ghàidhlig riamh air a bruidhinn le mor àireamh de shluagh an t-saoghail, gidheadh ged a bha i air a luasgadh a null agus a nall le tonnan iargalt’ naimhdeas agus fuath, tha i a’ togail a cinn a rìs, an déigh gach cunnart is càs, an uair a tha a co aoisean agus a luchd-cìosnachaidh a bu mhò buaidh is cliù ’n an sìneadh ann an cadal trom a bhàis, ’s gun r’a fhaotainn dhiù ach cnàmhan spealgta, briste, neo-iomlan air an ruamhar a nuas á talamh na dì-chuimhne. Tha beatha is smior ’s a’ Ghàidhlig fathast, ged is iadsan a tha a leigeadh orra a bhi ’nan càirdean dìleas a tha gu tric ’g a greasadh gu uaigh na ’m b’ urrainn dhaibh. Tha iad a’ glaodhaich a mach, ’Tha ’Ghàidhlig ullamh; cha ’n ’eil roimhpe ach am bàs; cha dean ’ur strìth g’a cumail beò feum sam bith.’ Choimeas an t-òraidiche a’ mhuinntir so ri sgiobadh luinge, ’s i gus dol air a’ chladach, ag éibheach a mach am measg an luchd-turuis, ‘Tha sinn ullamh; tha sinn caillte,’ gun làmh a chur a chuideachadh gu ’m beatha fhéin ’s an co chreutairean a shàbhaladh, ach a sgaoileadh diobhail misnich air gach laimh. Tha ’n linn anns am bheil sinn beò a’ nochdadh gu soilleir gu ’m bheil a Ghàidhlig na ’s beothaile na bha i riamh, ma ’s comharra maith clo-bhualadh leabhraichean agus comuinn Ghàidhlig g’ an cur air an cois anns gach àite, agus anns an t-seadh so tha Eirinn fada, fada air thoiseach air Albainn.”
[Vol . 10. No. 29. p. 5]
Naigheachdan.
AN CEATHRAMH REISEAMAID—Tha an ceathramh réiseamaid a tha Canada a’ cur do Africa mu dheas a’ cruinneachadh ann a Halifacs, agus fàgaidh i am port sin an ceann beagan is seachdain. Dh’ fhalbh aon duine deug á Sidni Di-màirt s’a chaidh agus ochdnar Di-ciaduin. Tha còrr is da mhile saighdear ri bhi ’san reiseamaid, agus mar sin cha ’n eilear a cumail àite sam bith sios ri cunntas suidhichte: gabhar uiread ’sa thairgeas.
BAS CIANAIL—Thainig bàs cianail air seana mhnaoi air Abhainn Bhàrnaidh, an siorrachd Phictou. Bu bhantrach i d’ am b’ ainm Nic-Neacail; bha i ceithir fichead is naodh bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha i ’fuireach leatha fein o chionn deich bliadhna fichead. Aon latha air an t seachdain s’a chaidh ghabh am bothan anns an robh i deanamh a dachaidh teine, agus bha i air a losgadh gu bàs. Chunnaic na coimhearsnaich an tigh na theine, ach rainig iad ro-anmoch air son a bhean bhochd a shàbhaladh.
LUCHD-IMRICH DO CHANADA—Tha dùil aig àrd-riaghladh Chanada ri tri fichead is deich mile de luchd-imrich a thighinn do ’n dùthaich air a bhliadhna so. Bidh an sin fichead mile bharrachd air na thainig innte an uiridh. Tha moran thuathanach a’ tighinn as na Staidean do ’n Iar-Thuath, agus ni iad deagh luchd-àiteachaidh. Ach tha e cunnartach gu ’n tig iomadh seòrsa sluaigh as an Roinn-Eorpa air nach eil moran iarraidh againn. Tha na Staidean an deigh a dorsan a dhùnadh air a’ ghràisg sin, a bha roimhe so a’ dòrtadh a stigh gach bliadhna, agus bidh sin gle throm air an cur rathad Chanada.
FACAL MU ’N T-SIDE—Bha an geamhradh a bh’ againn am bliadhna anabarrach briagha, agus tha an t-earrach gu ruige so a cheart cho briagha ’sa bha an geamhradh. Shil moran uisge, ach bha blàths ann fad na h-ùine. Bha an t-seachdain so ’chaidh ’s an t-seachdain so cho blàth ’s cho grianach ’s a bhiodh e ceart do dhaoin’ iarraidh mu ’n àm so. Ma leanas an t-side cho math ’s a tha i, bidh samhradh tràth againn anns an dùthaich air a’ bhliadhna so. Tha geamhradh an àite so a’ cur ioghnadh gu leòr air daoine ’tha tighinn a nall as an t-seann dùthaich. Cha chuireadh e ioghnadh orra cur is cathadh sneachda fhaicinn an so ’s an iuchar, ach ’se tha cur an ioghnaidh orra nach eil geamhradh Cheap Breatuinn cho fuar no cho greannach ’s a tha geamhradh an dùthcha fhein.
MORTAIR R’A CHROCHADH—Tha Bos, am fear a chaidh a ghlacadh ann a Halifacs air amharus moirt toiseach na bliadhna, air fhaotainn ciontach, agus tha e ri bhi air a chrochadh air a choigeamh latha dhe’n t-samhradh. Bha Ros air tighinn do Halifacs air a thurus do Africa mu dheas mar shaighdear nuair chaidh a ghlacadh. Bha e falbh fo’n ainm Bhaltar Gordon. Thugadh air ais do Mhanitoba e, agus aig a chùirt a chaidh a shuidheachadh air son fheuchainn fhuaireadh ciontach e, ’s thugadh binn a bhàis a mach. Mhort e dithis sheann daoine, tuathanaich aig an robh a bheag no mhor de dh’ airgead a bha esan a sanntachadh dha fhéin. An deigh dha am mort a dheanamh, theich e do na Staidean, agus á sin do Cholumbia Bhreatunnach. ’S ann an sin a ghabh e ’san réiseamaid a bha dol do Africa.
AMERICA MU DHEAS—Cha mhor gu bheil àm dhe ’n bhliadhna nach eil strìth de sheòrs-eiginn a’ dol air adhart an aon no aon eile de dhùthchannan America mu dheas. Nuair nach bi ceannairc ann an aon seach aon dhiubh bidh cogadh no bagradh cogaidh eadar a dha no tri dhiubh. Tha ceannairc ann an Colombia o chionn àireamh mhios air ais, agus tha e gu ruige so doirbh a radh co ’n taobh a tha ’toirt buaidh. Bha Chili agus Argentina an impis dol a chogadh fad na bliadhna ’n uiridh. Chaidh Breatunn ’san eadraiginn agus thug i orra sith a dheanamh; ach cha d’ rinn iad ach tòiseachadh gun dàil ri iad fein armachadh ’s a neartachadh air son a bhi na b’ fhior ullaichte fa chomhair cogaidh aig àm eile. Ach chuir Breatunn stad air sin cuideachd. Tha araon Argentina is Chili gu trom anns na fiachan aig iochdarain Bhreatuinn, agus cha cheadaicheadh riaghladh na dùthcha sin dhaibh a dhol gu tuilleadh cosduis gus am biodh na fiachan sin pàighte. Tha aca mar sin ris an t-sith a chumail dh’ an aindeoin.
SGIORRADH UAMHASACH—Thachair sgiorradh uamhasach ann a Halifacs feasgar Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha triùir dhaoin’ òga ’dol a stigh do ’n bhaile ann an carbad, nuair ghabh an t-each eagal romh chàr sràide, agus theich e. Chaidh e tarsuinn an t-sràid air beulaobh a chàr, agus ruith an càr thairis air, a grad mharbhadh dithis dhe na daoine ’s a’ leònadh an treas fir cho dona ’s nach eil mor dhùil gu ’m bi e fada beò. Bha na daoine air bhi mach air an dùthaich fad an latha ’g iasgach, agus b’ ann a tilleadh dhachaidh a bha iad nuair chaidh am marbhadh. B’ ainmean dh’ an dithis a chaidh a mharbhadh, Padraig Gilfrey is Tearlach Shortall; b’ e Iain Scott a b’ ainm do ’n fhear eile.
DO ’N TIGH-OBRACH AIR SON MEAIRLE—Chaidh fear Iain Henneberry, a bha fuireach aig naCoke Ovens,a ghlacadh o chionn ghoirid air son meairle. Bha air fhàgail air gu’n do ghoid e suim airgeid— $262 .00—bho dhuin’ eile, fear-cumail taigh-òil. Dh’ aidich e a chionta, ach thuirt e gu robh an daorach air nuair a rinn e a’ mheairle. Thugadh tri bliadhna dhe ’n taigh-obrach dha. Cha robh a leisgeul ri ’ghabhail; cha’n eil leisgeul fir sam bith ri ghabhail a bhios timchioll an òil ach esan a mhàin a bhios ga ’chreic; gheibh esan gach sochair is urrainnear a bhuileachadh air, agus anns na cearnan so cha’n eil an luchd-riaghlaidh os ceann a bhi fiaradh ’s a mùchadh an lagha air son leigeil leis leantuinn air a dhroch mhalairt.
ACARSAID PHORT HOOD—O’ n chaidh an rathad-iaruinn a chur troimh Phort Hood ’s a dh’ fhosgladh mèinn ghuail ann, tha am baile sin air dùsgadh ’s air teannadh ri fàs. Thatar a nise ’cur mu dhéidhinn acarsaid a dheanamh ann, ni air am bheil an còrsa sin uile gle fheumach. Bha deagh acarsaid aig Port Hood nuair thainig daoine do ’n dùthaich an toiseach. Bha fasgadh air a dheanamh le banca gainmhich a bha sìneadh eadar an cladach ’s an t-eilean; ach chaidh bristeadh air a bhanca sin, agus chaitheadh air falbh e leis an fhairge, gus nach eil a nise mìr dhe ri ’fhaicinn. ’S e an t-àite ’san robh am banca sin a lionadh suas a rithist an aon doigh air an acarsaid a dheanamh an diugh, agus cha’n obair fhaoin tòiseachadh ris.
BOERICH BHREATUNNACH—Ged nach eilear ro-thric a toirt iomraidh air, tha àireamh mhor dhe na Boerich an deigh mionnan ùmhlachd do ’n chrùn Bhreatunnach a thobhairt. Na ’m measg so tha am mac is sine aig Pòl Crugar fhein, agus ceithir duine fichead eile de ’n ainm cheudna a tha’n dlùth chàirdeas dha. Tha da mhile dhe na Boerich aig an àm so a’ cogadh an aghaidh an luchd dùthcha, agus tha iad na ’n neart mor do ’n arm Bhreatunnach, oir tha iad mìn-eòlach air an dùthaich, air an luchd-àiteachaidh, ’s air an doìghean cogaidh. Cha’n eil a chùis idir ag amharc cho dorcha air taobh nam Breatunnach ’s a bha i. Tha moran de chloinn nam Boerach air an cumail anns an sgoil air chosdus Bhreatuinn, a dha uiread ’s a bha riamh an taobh a stigh de dh’ ionad-fòghluim ri linn àghmhor Phòil Chrùgair. Nuair gheibh na Boerich òga sin an cinn a lionadh le deagh sgoil cha bhi iad ro-bhuailteach air fàs suas na ’n ceannaircich: ionnsaichidh iad a bhi riaraichte le ’n crannchur, agus taingeil air son nan sochairean a bhios iad a mealtuinn.
Nigearan nan Eileanan.
FAODAR Nìgearan nan Eileinean a roinn nan tri bùidhnean; na Papùaich ’s na Melanìsich, na h-Astràlaich, is na h-Eileinich Dhubha. Tha na Papùaich ’s na Melanìsich gle choltach ri chéile; cha ’n fheil annta ach da mheur as an aon chraoibh. Gidheadh tha na cainntean aca làn-dhealaichte bho chéile. Tha iad uile na ’n daoin’ -itheadairean; ’s e sin, a chuid diu nach do ghabh ris an t-soisgeul.
Tha na Papùaich a chòmhnuidh an eilein Ghini Uir, an eilein Aru, agus an sud ’s an so an àiteachan eile. ’S e eilein fior mhor a tha ’n Gini Ur. Tha 1490 mìle air fad ann agus 430 mìle air leud.
Tha na Melanìsich a chòmhnuidh anns na h-Eileinibh Dubha, no Melanìsia. Is ann diu a tha treubhan Bhreatainn Uir, Eirinn Uir, Chaledonia Uir, Eromanga, Thana, Aneiteum, agus eileinean eile.
Ged a bha eilein mor farsuinn aca dhaibh fein, cha robh na seann Astràilich, no na h-Astràilich dhubha, riamh ro lionmhor, agus cha ’n fheil ann an diugh dhiu ach mu 80,000. Tha cuid diu a tha gu math ard, agus air a bheil feusag eireachdail. Nuair a fhuair na daoine geala a cheud eolas orra, cha robh iad ri ruamhar no cur, cha robh iad a cumail ceithir-chasach ach an cù, agus cha robh bogha no saighead aca. Ach bha ’m bùmarang aca, agus spadadh iad eun leis a cheart cho clis a dheanadh duine le daga. Tha iad na ’n daoine gasda air iomadh doigh. Tha a bhean fein aig a h-uile fear is a fear fein aig a h-uile mnaoi. Tha moran de dh-àbhacas annta, agus tha iad gle mhath air atharrais.
Do na h-Eileinich Dhubha buinidh na h-Andamanaich no na Mincopaich, na Semangaich, agus na h-Aetaich. Tha na h-Andamanaich a chòmhnuidh an Eileinean Andaman an Camus Bhengàil. Tha iad mu cheithir troighean is seachd òirlich de dh-àirde. Cha ’n fheil feusag idir orra. Cha ’n fheil taighean no aodach aca. Tha iad na ’n snàmhaichean matha agus na ’m fior shealgairean leis an t-saighid. Tha iad dìleas dha ’m mnathaibh is tha na mnathan dìleas dhaibh-san. Cha bhith mar sin aobhar air bith aca a dhol air thuras gu Chicago no baile mor eile. Tha iad a creidsinn ann an dia ris an abair iad Pùluga. Tha iad dhe ’n bheachd gu bheil e a chòmhnuidh an taigh mor claiche anns na speuraibh, gun do chruthaich e a h-uile ni, ach tri no ceithir de dhroch-spioradan, agus gu bheil e a faicinn gach ni a tha daoine a deanamh air an talamh. Tha iad a creidsinn gu bheil truas anns an dia aca, gu bheil e a deanamh moran de nithibh matha airson dhaoine, agus gu bheil e a cur stoirmean de thairneanaich ’s de dhealanaich air daoine airson an droch ghniomharan. Tha iad a creidsinn gur h-e an droch spiorad a tha a toirt tinneis, bàis, is truaighe air daoine. Tha iad a creidsinn, cuideachd, gu bheil spioradan an aithrichean a fuireach ann an eilein air chor-eigin, agus gu bheil cead aca tighinn air ais an dràsd ’s a rithisd do ’n tir a dh’ fhàg iad. ’S e chàngala, no na “spioradan a dh’ fhalbh” an t-ainm a bha aca air na daoine a thainig an toiseach as na h-Innsibh far an robh iad, agus ’s e sin a cheart ainm a tha aca an diugh air coigrich.
Tha creideamh nan Andamach cho coltach ris a chreideamh cheart agus gum feum e a bhith gur h-e ’n creideamh ceart air ’atharrachadh le aineolas a tha ann. Ach ciamar a fhuair iad e? An dàinig e a nuas na ’m measg fein bho lìnn tur Bhabeil? No, an d’ fhuair iad e far a bheil iad bho dhaoine aig an robh eolas air an Dia bheò agus fhior?
Tha na Semangaich a fuireach an Tairbeart nam Maléitheach. Tha iad goirid, garbh, laidir, agus cho dubh ris an t-sùidh. Tha iad a tighinn beo le sealgaireachd.
Tha na h-Aetaich a chòmhnuidh anns na h-Eileinibh Filipineach—na h-eileinean a tha na Geancaich a tabhairt an dràsd fo ’n smachd. Tha iad mu cheithir troighean is ochd òirlich air àirde. Tha iad a tighinn beo air fiadh-bheathaichean, dearcan, is friamhaichean. Tha iad cho déidheil air saorsa is a tha na Geancaich féin. Cha chumadh iad tràillein dhaibh fein is cha deanadh iad tràillean de dhaoine eile.
Nuair a dh’ fhag daoine tur Bhabeil chaidh cuid diu do ’n Eipheit agus as a sin gu Rudha an Deagh Dhòchais. Chaidh buidheann eile dhiu troimh Phersia do na h-Innsibh agus o cheann deas na tìre sin gu Tairbeart nam Maléitheach is eileinean a chuain. A. M. S.
DINNEIR DO NA BOCHDAN—Air la a chrùnaidh tha Righ Iomhar a’ dol a thoirt dinneir do choig ceud mile de bhochdan Lunnuinn. Cosgaidh an dinneir sin deich mile fichead punnd Sasunnach, agus ’s ann air an righ fhein a bhios e uile; cha ghabh e sgillinn á ionmhas na dùthcha, oir tha e air son a choibhneas do na bochdan a bhi dhe ’n ghnè a ruigeas a phòcaid.
[Vol . 10. No. 29. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 219.)
adh roimhe so, bu le do bhanamhaighstir, Sobaide, luchairt nan dealbhannan, agus is leamsa nis i. Chuir i ann an geall rium i mu choinneamh mo gharaidh o ’n a dh’ fhalbh thu; agus, air an aobhar sin, cha b’ urrainn dut naigheachd bu taitniche a thoirt do m’ ionnsuidh. Bheir mi dhut deadh dhuais; ach innis dhomh an toiseach gu saor, soilleir a h-uile rud a chunnaic tu.”
“A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Mesrour, “an uair a rainig mi an seomar aig Abon Hasan, fhuair mi an dorus fosgailte, agus bha esan a’ caoidh Noushatal. Bha ’n corp ’na shineadh air an urlar, agus a chasan ri Meca. Bha ’n t-aodach a thug sibh do Abon Hasan air a sgaoileadh thairis air a’ chorp, agus bha Abon Hasan fhein ’na shuidh’ aig a cheann. An deigh dhomh greis a thoirt air caoidh comhladh ris, chaidh mi far an robh an corp, agus thog mi an t-aodach bhar a’ chinn. Dh’ aithnich mi Noushatal ged a bha ’h-aghaidh air at agus air atharrachadh gle mhor. Rinn mi na b’ urrainn mi a chum misneach agus comhfhurtachd a thoirt do Abon Hasan; agus an uair a bha mi ’falbh, thuirt mi ris, gu ’n rachainn gu tiodhlacadh a mhna, agus dh’ iarr mi air gun an corp a charachadh gus an tiginn. So na th’ agam ri innseadh do bhur morachd.”
“Cha ’n ’eil an tuilleadh fiosrachaidh a dhith orm,” ars’ an righ ’s e deanamh gaire; “agus tha mi gle thoilichte leis cho math ’s a dh’ amhairc thu steach annns a’ chuis.”
An sin thuirt e ri Sobaide: “Seadh, ma ta, a bhaintighearna, am bheil dad tuilleadh agad ri radh an aghaidh nam briathran firinneach ud? Am bheil thu gu bhith creidsinn an comhnuidh gu ’m bheil Noushatal beo, agus gu ’m bheil Abon Hasan marbh? Nach aidich thu nis gu ’n do chaill thu ’n geall?”
“Cia mar sin?” arsa Sobaide, agus gun i creidsinn aon fhacal dhe na thuirt Mosrour. “Am bheil sibh a’ smaointean gu ’n gabh mise suim sam bith dhe na tha ’n seirbhiseach mimhodhail ud ag innseadh, agus gun fhios aige ciod a tha e ’g radh? Cha ’n ’eil mi aon chuid dall no as mo chiall. Chunnaic mi Noushatal le mo shuilean fhin, agus i ann an amhghair mhoir. Bha mi fhin a’ bruidhinn rithe, agus dh’ innis i domh gu ’n robh Abon Hasan marbh.”
“A bhaintighearna,” fhreagair Mesrour, “tha mi ’toirt mo mhionnan air bhur beatha fhein, agus air beath’ an righ, a tha le cheile measail agam, gu ’m bheil Noushatal marbh, agus gu ’m bheil Abon Hasan beo.”
“Tha thu ’g innseadh nam breug, a sheirbhisich thruaigh, thruaillidh,” arsa Sobaide, agus i ann an corruich; “cuiridh mi gu h-amhladh thu
gun dail.”
An uair a thuirt i so, bhuail i a da bhois ri cheile, agus ghairm i steach na mnathan coimhideachd. Thainig iad uile steach, agus thuirt i riutha: “Thigibh an so agus innsibh an fhirinn. Co thainig a steach a bhruidhinn riumsa beagan uine mu ’n d’ thainig an righ a steach?”
Fhreagair iad uile a beul a cheile gu ’m b’ i Noushatal a thainig a steach.
“Ciod a dh’ ordaich mise dhut a thoirt dhi?” ars’ ise, ris an te dhiubh a bhiodh a’ gleidheadh an sporrain.
“A bhaintighearna,” fhreagair i, “mar a dh’ ordaich sibh dhomh, thug mi dhi sporran anns an robh ceud bonn oir, agus pios de shioda srianach, agus thug i leatha dhachaidh iad.”
“Seadh a nis, a sheirbhisich thruaigh,” arsa Sobaide, agus i g’ amharc air Mesrour le corruich mhoir, “ciod a th’ agad ri radh ris a’ so? Co tha thu ’smaointean anns is coir dhomhsa chreidsinn, thu fhein, no mo bhean-ionmhais, mo mhnathan coimhideachd eile, no mi fhin?”
Ged a bha fhios aig Mesrour gle mhath ciod bu choir dha a radh, dh’ fhan e ’na thosd, oir cha robh toil aige labhairt an aghaidh na banrigh, air eagal gu ’m brosnaicheadh e gu corruich ro mhor i, ged a bha e cinnteach ’na inntinn fhein gur e Noushatal a bha marbh agus nach b’ e Abon Hasan.
(Ri leantuinn.)
Litir o Chalum Beag.
A MHIC-TALLA RUNAICH,— ’N uair fhuair mi litir air a’ sgrìobhadh a’ d’ ionnsuidh aig toiseach na bliadhna so, cha robh dùil agam gu ’n cuirinn gin tuilleadh thugad gus am bithinn fein air fàs suas agus comasach air sgrìobhadh gun a bhi an eisiomail duine eile. Cha ’n ’eil fios agam am bi mi air mo chaomhnadh a dh’ ionnsuidh na h-aois sin, agus ged bhithinn cinnteach gu ’m bitheadh, tha toil agam an dara litir so fhaicinn thugad gun dàil. Rinn mi mearachd beag anns a cheud litir ’n uair thuirt mi gu ’n robh mi fhìn ’s tu fein mu ’n aon aois. ’S ann ’n uair thòisich sinn air gabhail aig àireamh bhliadhnal do thagal ’s an fhardaich se a chunnaic sinn gu ’m b’ ann’s a bhliadhna 1892 a nochdadh thusa do ’n t-saoghal an toiseach. Tha mise mar sin da bhliadhan na ’s òige na thusa, ach ged thà, cha saoil mi gu ’n dean thu tàir air caraide beag mar tha mise air son an aobhair sin.
’S ann a chum cunntas goirid a thoirt air anentertainmenta bh’ againn ’s an tigh-sgoile air oidhche na bliadhn’ ùire a sgrìobh mi a cheud litir; ach o ’n tha cuid dhe do leughairean air son gu ’n innsinn beagan eile mu ’n chruinneachadh eibhinn ud, bheir mi aon sealladh eile dhoibh ’s an litir so mar a leanas. Chaidh innseadh dhuinn aig aon àm gu ’m b’ e an sealladh a bhitheadh far comhair, A scene in a barber shop.B’ amhuil a thachair, oir ’nuair sgaradh na cùirteinean o cheile, co bha ’n a sheasamh f’ar comhair, air a sgeadachadh mar bhearrdair ach Fionnladh Mac Griogair? Cha robh e fada a feitheamh ’n uair thainig Fionnladh Moireastan a’ stigh, agus feusag mhór, dhuth an crochadh ris o chluas gu cluais. Dh’ fheoraich am bearradair dheth an robh e air son a bhi air a bhearradh. ’Nuair fhreagair esan gu’n robh, ghabh am bearradair a chòmhdach cinn uaith gu modhall, ’s chur se e ’n a leth shìneadh air cathair, far na chòmhdaich se e le anart geal o amhach gu ’ghluinean. An deigh sin ghabh e d’ a fheusaig le cobhar shiabuinn gus an robh i cho liath ri Ròbhair. ’Nuair bha e deas gus an ràsair a ghlacadh, ’s ann thainig fear eile a stigh gu bhi air a bhearradh. B’ esan Rob Mac-a- Phearsain, ’s bhuin am bearradair ris gun dàil mar rinn e ri Fionnladh; ach ma’s deachaidh aige air drùdhadh gu math air fheusaig leis a chobhar-shiabuinn, ’s ann a bha sùilean Fhionnlaidh a’ dùnadh, agus a cheann a’ gnogadh gach taobh leis a chadal. Mu ’n d’ fhuair am bearradair deas gus an ràsair a ghabhail do Rob, ’s ann thàinig an treas fear a stigh, agus mar do mheall mo shùilean mi, ’s e Iain D. Mac Griogair a bha ’n sin. Bha feusag mhòr, dhuth airsan cuideachd, agus is beag nach cuireadh fad namoustacheaige eagal air an dearg mheairleach. Chaidh esan a chur ’s an treas cathair ’s gabhail aige gu cùramach, ged bha’n dithis a bha roimhe gun ròineag a thoirt dhiubh fathast. Ged ghiulain Fionnladh gu foighidneach leis a bhearradair cho fad ’s a bha e mu ’n dara fear, ’n uair a chunnaic se e a cur an treas fir air doigh, theann e ri tionndadh suilean fior ghruamach an taobh a bhà iad, agus b’ fhurasd aithneachadh air a ghnùis nach b’ i ’n t-sìth a bh’ air aire. Cha robh sinn fada feitheamh a dh’ fhaicinn na criche ’n uair ghlac am bearradair an ràsair (fear fiodha) a chum an treas fear a bhearradh. Ach ma ghlac, bha na diunnlaich, Rob agus Fionnladh, air am bonnan a chum araon am bearradair agus am fear a bha e ’dol a bhearradh a dhuaiseachadh gu math ’s gu ro mhath air son an dànadais, agus an sealladh mu dheireadh a chunnaic sinne dhiubh mu’n dhùineadh na cùirteinean, bha iad car mu char am measg a cheile, air an urlar. On tha a chuid a b’ fhearr dhe na seallaidhean air an toirt seachad an aireamh an 17 la de Ianuaridh, cha sgrìobh mi ’n corr mu ’n timchioll; ach ann an criochnachadh na litir so, tha mi toileach air gu’n tugadh tu taing uamsa gu d’ dheadh charaide Mr. Domhnullach, operatorCòbh na Feola, a bha, mar chaidh innseadh dhomhsa, a miannachadh am balach beag a ta mise ann fhaicinn. Innis mar an ceudna do d’ dheadh charaide C. C. gu ’n robh làn mo chridhe de phrois orm ’n uair chunnaic mi gu ’n chuir litir creutair cho neonach riumsa gluasad airsan gu aon litir mhath eile a chur a’ d’ ionnsaidh. Is mi do charaide dìleas an la chi ’s nach fhaic,
CALUM BEAG.
Na Bacairean.
CHA ’N iarrainn gum biodh na h-Innseanaich òga a cluich nan cairtean. Cha ’n fheil leasan math air bith ri fhòghlum bhuatha. A bharrachd air a sin, tha iad cho cumanta am measg shlaightearan is dhaoine suarach de gach seorsa is gu bheil iad buailteach air daoine fìrinneach onarach a tharrainn a stigh ann an droch cuideachd. Tha moran de leabhraichean matha aig na daoine geala, ach cha ’n fheil ach leabhar gun diu anns na cairtean. Cha toirinn àite dhaibh ann am champa ach teis-meadhon an teine. Ach tha na bacairean, no ’m bord-bhan, na chluich mhath. Cuiridh e duine gu smaointinn agus mar sin geuraichidh e an ìnntinn. Nuair a bhios m’ obair latha seachad agus mi sgìth sàraichte is gle thoil leam tacan beag a thoirt air a chluich so. Cha ’n fheil moran sgìl agam air agus cha ’n iarrainn gum bitheadh. Cha bhiodh ann ach call ùine is obair fhaoin do dhuine ’ionnsachadh cho math ’s a ghabhas e ionnsachadh.
Tha e gle fhurasda bòrd-cluich’ a dheanamh. Tha e ceithir-chèarnach agus tha tri-fichead ball ’s a ceithir air, an dara leth dhiu geal ’s an leth eile dearg no dubh. Tha an oisinn shingilte air an laimh chearr ’s an oisinn dhùbailte air an laimh dheis. Nuair a bhios neach ag ionnsachadh bhiodh e feumail dha àireamhan a chur air na bùill dhearga. Nuair a bhios am bord mu choinneamh anns an t-suidheachadh cheart toisicheadh e air na h-àireamhan a chur a sios aig an oisinn dhùbailte air a laimh chearr. Anns a cheud sreath cuireadh e 1, 2, 3, 4. Tilleadh e an sin air ais agus anns an ath shreath cuireadh e 5, 6, 7, 8. Cumadh e roimhe mar sin gus an ruig e bonn a bhuird, far am bi 29, 30, 31, 32 aige.
Cuireadh e an nis na daoine air a bhòrd agus cluicheadh e mar so iad: —22 gu 18, 11 gu 15, 18 gu 11, 8 gu 15, 25 gu 22, 4 gu 8, 29 gu 25, 8 gu 11, 23 gu 18, 9 gu 13, 18 gu 14, 10 gu 17, 21 gu 14, 6 gu 10, 25 gu 21, 10 gu 17, 21 gu 14, 2 gu 6, 24 gu 19, 15 gu 24, 28 gu 19, 6 gu 10, 22 gu 17, 13 gu 22, 26 gu 17, 11 gu 15, 32 gu 28, 15 gu 24, 28 gu 19, 1 gu 6, 30 gu 26, 3 gu 8, 26 gu 23, 8 gu 11, 23 gu 18, 11 gu 16, 27 gu 23, 16 gu 20, 31 gu 27, 6 gu 9, 18 gu 15, 9 gu 18, 23 gu 14, 12 gu 16, 19 gu 12, 10 gu 19, 12 gu 8. Tha an nis ceithir dhaoine dubha ann is ceithir dhaoine geala. Ma ni iad gniomh air gach taobh mar is coir dhaibh tachraidh dhaibh mar a thachair do dh-Attila ’s do dh-Aetius aig blàr uamhsach Chalons ’s a bhliadhna 451—bidh iad cho math ’s cho math.
PATLAS.
[Vol . 10. No. 29. p. 7]
Gur Muladach a Tha Mi.
LE IAIN MAC MHURCHAIDH.
Gur muladach a tha mi
’S mi ’n diugh gun aobhar ghàire;
Cha b’ ionnan ’s mar a bha mi
’San ait’ a bha thall;
Far am faighinn mànran,
Mire, agus ceol-gàire,
Is cuideachd mar a b’ àill leam
Aig ailleas mo dhream.
Nuair ’shuidheamaid mu bhord ann,
Bhiodh botul agus stòp ann,
’S cha b’ eagal duinn le comh-strith,
Ged dh’ olt’ na bhiodh ann.
’S e ’th’ againn ann san àit so
Tarruinn dhorn is lamh
Agus cleas nan con bhi ’sàs
Anns gach aite le ’n ceann.
Guidheamaid le dùrachd,
A h-uile fear ’na ùirnigh,
Gun digeadh sluagh na dùthcha
Gu ùmhlachd gun mhaill,
’S gum biodh àgh ’s toilinntinn
’S gach aite air feadh na tire
Mar chleachd bhi aig ar sinnsir
’San tim a bha ann.
Cha b’ e ’m paipear bronach,
A shracadh ann am phocaid,
Bhiodh againn airson storais
Ach or gun bhi meallt’.
Bhiodh crodh is eich is feudail
Ga ’n cunntadh air an reidhlein,
Dhe ’m faighteadh sealladh eibhinn
Air eudann nam beann.
Mo shoraidh gu Sgur-Urinn,
’S an coir’ a th’ air a cùlthaobh;
Gur tric a bha mi dlùth ann
Air chùl agh is mhang.
Ag amharc air mo ghlùinean
An damh a dol ’sa bhùirich,
’S a cheil’ aige ga ’dùsgadh
Air ùrlar nan allt’.
Cha b’ e ’n duilleag chrionaich
A chleachd e bhi ga ’bhiathadh;
Ach biolair agus mìn-lach,
Is sliabh gun bhi gann.
’Nuair rachadh e ga iarraidh
Gun tàirneadh e troimh fhiaclan
An t-uisge cho glan sioladh
Ri fion as an Fhraing.
Mo shoraidh leis an fhiadhach,
Ge tric a bha mo mhiann ann;
’S cha mho a ni mi iasgach
Air iochdar nan allt’.
Ge b’ ait leam bhi ga ’iarraidh
Le dubhan is le driamlaich,
’S am fear ’bu ghile bian diu
Ga shiabadh mu m’ cheann.
Ga tharruinn thun na bruaiche
Bhiodh cuibhle ’dol mu ’n cuairt leis,
Is cromag ann ga ’bualadh
Mu ’n tuaims’ a bhiodh ann.
’S e ’th’ againn ann san aite so
Grippin-hoe is làmhag;
’S chan fhasa leam a mhairlin
’Cur tairnich ’nam cheann.
Nam faighteadh lamh-an-uachdar
Air luchd nan cota ruadha,
Gun deanainn seasamh cruaidh,
Ged tha ’n uair s’ orm teann.
Ged tha iad gar ruagadh
Mar bhric a dol ’sna bruachan,
Gum faigh sinn fhathast fuasgladh
Bho ’n uamhas a th’ ann.
Ma chreideas sibhs’ an fhìrinn
Cho ceart ’s tha mi ga innse,
’S cho cinnteach ris an dìsne
Gur sibhs’ ’bhios an call.
Gur h-e ’ur deireadh diobradh,
Air fhad ’s gan dean sibh strith ruinn,
Na ’s miosa na mar dh’ inntrig,
’S gur cinnteach gur h-ann.
Sud an rud a dh’ éireas,
Mur dean sibh uile géilleadh,
’Nuair ’thig a chuid a ’s tréine
Dhe ’n treud a tha thall;
Bidh crochadh ann is reubadh,
Is creach air bhur cuid spreidhe;
Chan fhaighear lagh no reusan
Do reubaltaich ann.
Air fhad ’s gan gabh sibh fògar,
Bidh ceartas aig Righ Deorsa;
Cha bharail dhomh gur spòrs dhaibh
An seol ’chaith sibh ann.
Ach ’s culaidh-ghrath is dheisinn sibh,
Fhad ’s dhe ’n cum sibh streup ris;
’S gur h-aithreach leibh na dheidh so
An leum ’thug sibh ann.
Mìn-lach, a reir Facalair O’Reilly, am feur a’s mìne.
Thogainn Fonn air Lorg an Fheidh
SEISD—
Bheir mi hó air mora hó,
Ithill ó air mora hé;
Bheir mi hó air mora hó,
Thogainn fonn air lorg an fhéidh.
’S miann le breac a bhi ’n sruth cas,
’S miann le boc bhi ’n doire dhlùth,
’S miann le eilid bhi ’m beinn àrd,
’S miann le sealgair falbh le ’chù.
Cha mhiann bodaich mo mhiann fein—
Cha mhiann leis éirigh ach mall;
Cha lùb gruagach ’n a sgéith;
Tairngidh e leis féin an t-srann.
Nithean sin do ’n d’ thug mi spéis,
’S bu mhiannach leam iad bhi ’m choir:
Mo ghunna glaic air deagh ghleus,
Direadh ri beinn, a’s bean og.
’S nithean sin do ’n d’ thug mi fuath:
Bean luath, a’s cù mall,
Oighre fearainn gun bhi glic,
Agus slios nach altrum clann.
Bu mhiann leam ri latha fuar,
Direadh suas ti aonach cas,
’N uair a thilginn mac an fhéidh,
Coin air éill, ’s ga ’n leigeil as.
Leam bu mhiann bhi ’siubhal bheann,
Osan teann a bhi mu m’ chos;
Brogan iall a’s gunna cruaidh,
Eilid ruadh a’s cù m’a dos.
’S ged fhaighinn bean a’ chinn bhàin,
Air mo laimh, bu bheag mo spéis;
’S mor gu ’m b’ annsa leam bean dhonn
’Bheireadh trom-ghaol dhomh le céill.
Nighean Uilleim anns a’ ghleann,
Bean a b’ annsa leam fo ’n ghréin;
’S na ’m biodh Uilleam ann am Blàr.
Gheibhainnsa mo ghràdh dhomh féin.
’S mo cheist air bean a’ chiun duibh,
’S docha leam i ’n diugh na ’n dé;
Mheud ’s a chuala mi de ’cainnt,—
Gur i b’ annsa leam fo ’n ghréin!
Bu chaomh leam fios fhaotainn co ’rinn an t-oran so.
EARRAGHAIDHEAL.
Waipu , New Zealand.
Cailleach Liath Rathasai.
Cailleach Liath Rathasai,
Na ceudan a tathaich oirr’,
Cailleach liath Rathasai— ’us
Cailleach reamhar Rònai.
Cailleach dhubh nan Cudaigean,
’S ioma gin a shluig thu dhiu,
Cailleach dhubh nan Cudaigean,
Cailleach luideach Rònai!
Cailleach liath Shligeachain,
A’ bhéist tha mo phriobaid oirr’
Cailleach liath Shligeachain,
’S cailleach chliobach mhor i.
Biodag Dhomh’uil-ic-Alasdair.
Sud an rud a thogadh fonn,
Féile beag ’us sporan donn,
Cota goirid os a chionn
Biodag Dhomh’uil ic-Alasdair.
Biodag Dhomh’uil-ic-Alasdair,
Biodag Dhomh’uil-ic-Alasdair,
Biodag Dhomh’uil-ic-Alasdair
’Ga bhualadh ris na ballaichean.
Iadsan a Phaigh.
Uilleam Mac Aoidh, Inbhirnis, Alba.
D. C. Friseal, M. P., New Glasgow, N. S.
Bean D. Johnstone, Springhill , N. S.
Iain I. Siosal, Pictou , N. S.
Aonghas Brus, Grand View, P. E. I.
An Dotair F. Mac Fhearghais, New York
Domhnull Domhnullach, Gowanda , N. Y.
An t-Ollamh Hennebry, Bennett , Colo.
Aonghas Mac Leoid, New York.
D. R. Mac Eachairn, Boston , Mass.
Domhnull D. Mac Leoid, Bruno , Minn.
Bean Fhearchair Bheutain, Gordon , Assa
Calum Dughallach, Bhàllaidh, Assa
D. Mac Cuithein, Beinn-bhaoghla, Assa
Bean R. Dhomhnullaich, St . André, Assa
Iain Mac Fhionghain, Rosedale .
Bean Iain Mhic Mhanainn, Eel Cove.
Steaphain N. MacFhionghain, Shunacadie
Niall I. Mac Leoid, an Abhainn a Tuath.
Dughall S. Caimbeul, Seana Bhridgeport
Aonghas Domhnullach, am Bagh an Ear.
A. T. Caimbeul, Dominion No. 1.
A. D. Mac Thearlaich, Baddeck Mhor
D. R. Domhnullach, Acarsaid Bharrachois
R. Barclay, Sidni.
Ailean Moireasdan, Baile-nan-Gall.
Duin’ a sheasadh an gràpa ’na dhùnan.
Ged is don’ an Donas, thoir a chothrom fhéin da.
Ge b’e ghoideadh an t-ubh ghoideadh e ’chearc, nam faodadh e.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte le dh’ orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag’ anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Didomhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
Uilleam K. Beairsto,
Luaidh-Cheard, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios; agad ga bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7 ’01—1 yr
[Vol . 10. No. 29. p. 8]
Oran
A rinneadh le Alasdair Mac Ille-mhaoil do Dhomhnall Mac Ille-mhaoil (Domhnall Mac Iain Duinn) a bha air a mheas na ’shealgair sonraichte math ri ’linn ann an Lochabar, an Albainn, far an d’ rugadh is an d’ araicheadh e, agus anns gach àite eile de ’n Ghaidhealtachd far an robh e gle eolach na ’bhrocair gus an dainig e imrich do Ghleanna-garadh an Canada ’sa bhliadhna 1816, far an d’ rinneadh an t-oran a leanas.
Ach a Dhomh’ill Mine Iain Duinn,
Cas a dhireadh nam beann,
A shiubhal nan allt ’s nan stron-ghlac,
Leis a ghunna gun mheang,
’Chuireadh luaidhe neo-cham,
’Bheireadh fuil air damh seang a chrònain;
Ged a bhiodh e na ’dheann
Air an leachdainn ’sa ghleann,
Bhiodh do theachdaire teann an tòir air,
’S e an dùil nach robh ann
Gin a bhuidhneadh air geall,
Rachadh stad air gun taing d’ a dhòchas.
Gum bu lionar fear-cràic
’Chuir thu laighe gu làr
’S nach dug ionnsaidh gu bràth air eiridh,
Eadar criochan Chinntàil,
Gleann-a- cuaich ’s a Chaim-bhàn,
’S an cuid aighean fo phràmh mu ’n deighinn;
Bhiodh tu tealaidh le d’ smàig
Is do bheul ris an làr
Gus am faigheadh tu ’n àite feuma,
’S nuair a thogadh tu ’n làmh
Is a thàirngeadh tu ’n stràc
’S mi bhiodh cinnteach a bàs mhic eilde.
Nuair a rachadh tu suas
Do dhlùth choille nam bruach
’S tric a chuir thu ’m boc ruadh bho ’n leumnaich;
’S e na ’dhuibh-ruith ’s na ruaig
’Dol ri cnocain mu ’n cuairt,
Dàradh tomain a bhuair bho chéil’ e,
Bhiodh tu fein ann an cluain
’Cumail beachd air a chluais,
Gunna snaipte nam buadh ga ’gleusadh;
’S nuair a shaoil leis dol suas
Le bean-chomuinn a luaidh
’S ann a bheireadh tu nuas le cheil iad.
Bu tu sealgair a gheoidh
Is na h-eal’ air an lòn
’S lach ’chinn uain’ ann an òban reidhlein,
Eadar Lochan na sguad
Is Bun chingidh nam bruach
Far am minig a fhuair thu treud diu;
Eadar Eilein-an-fhéidh
Garbh choill a bhuic léith
Far ’m bu lughor do cheum ga ’m buannachd;
Nuair a ghabhadh tu stéidh
’M Bad-an-t- Seabhaig fo ’n ghréin
Bhiodh na mnathan lan féisd le d’ chnuasachd.
Bu tu marbhaich bhric bhàin,
’Bu chlis saighdeadh air àth,
Struth-na-tuinne, no ’n tàmh nan reidh-uisg;
Crann de ghiubhsaich nam blar
Air dheagh shnaidheadh na d’ laimh,
’S morghath cumhang ri ’bhàrr bu ghéire,
Co-dhiu bheireadh e stràc
Ris an amhainn no mhàn
Bhiodh do shaighead an aird a chléibhe;
’S tu bu chinntiche làmh
Theid mi ’n urras na càch,
’S co e ’s urrainn a ràdh gur bréug e?
Namhaid beist ann an carn,
Cha do dh’ fhiosraich mi ’n àl
Na thug barrachd ’sa chàs ud fein ort;
Bhiodh do ghillean gle thrath
Le an lothainn na ’n laimh
Anns a mhadainn mun tàrainn eirigh;
’S iomadh sionnach le ’n àl
Chuir thu dhith anns gach àit,
Ni nach urrainn mi radh no leirsinn;
’S ged robh peann ann am laimh,
’S gann gun sgriobhainn gu brath
Trian dhe ’n chuir thu gu bàs de cheudan.
Bha seors eil’ ann air snamh’
’S bha thu ’n tòir orra ghnath,
Dobhrain-donna ’s bu nàmhaid éisg iad,
’S bu tric bian nan seachd càrt
Aig mo Dhomhnall na ’laimh
’S cach na ’n cadal air sgàth nan éibhlean;
Le chuid abhag ’s iad dàn,
Rachadh nimheil an sàs,
Nach gabhadh cunnart an càs no ’n eiginn;
Chinneadh fuil leat gach là
Am beinn an abhainn no ’n àrd,
Dh’ aindeoin buidseachd no plàigh no gèidseachd.
Bu lionar udlaiche mor
Dh’ fhag thu, Dhomhnaill, gun deo
Eadar Glas-leitir ’s morthir gheugaich.
Bha thu eolach gu leoir
An Gleann-eilge Mhic Leoid,
’S an Gleann-seile nam mor-fhear treubhach.
Clann Mhic-Rath leat na seoid
Bu neo-sgrubail mu ’n bhord,
’Dhioladh buideal ’s nach soradh eirig;
Luchd do chomuinn gu pòit
An am suidhe ’s taigh-òsd,
’S bhiodh luchd fidhle toirt ceoil a teudan.
Bha thu measail gu dearbh,
’S fhuair thu ’n t-urram gu sealg
Thar na h-urad is dhearbh thu fein e;
Liughad coire slios garbh
Beann is bealach is learg
Rinn thu shiubhal mun d’ fhalbh do spéirid;
Adharc ’s crios ort gun chearb
Fuise fhada bheoil mheanbh
Chuireadh guineach fo chalg an creubhaig;
’S cha teid diochuimhn air t-ainm
Ann an iar-aird na h-Alb’
Fhad ’sa mhaireas fir fhalbhas sleibh ann.
Nis bho ’n thainig thu nall
Air long bhallach nan crann
Do Chanada nam Frangach threuna,
’S mor do mhulad ’s cha ghann,
’Smaointinn àbhachd nam beann
’S air na fhuair thu ’n gach àm gan reidhlein;
Ach tha thu nis air fas mall,
Tuisleach, lapanach, fann;
Ruith cha dean thu le sannt ’s cha leum thu.
Chunna mis’ thu ’s tu thall,
Ullamh ealamh gun taing,
’S grad a dhireadh thu sreang Bheinn-eideann.
Chaochail t’ iomhaigh ’s do bhlàth,
Chrom do phearsa gu làr,
Dh’ fhag do spiorad, do chàil, ’s do gheir thu;
Tha ’n t-sùil molach air fàs,
Chuireadh fradharc gun sgàth
Fada ’s goirid bho laimh mar dh’ fheumadh,
Ach ’s i mo chomhairl’ an dràsd
Dhuit bhi cuimhneachadh tràth
Air an t-slighe tha ’n dàn gu leir dhuinn;
Tha thu faicinn gach là
Crioch a tighinn air càch,
’S nach teid duine gu bràth bho ’n eug as.
Tha Biodag air Mac Thomais.
Tha biodag air Mac Thomais,
O, e, o hon,
Tha biodag air Mac Thomais,
Gur math gu ’m foghnadh sgian dha.
Tha biodag anns a’ ghliogarsaich,
Air mac a’ bhodaich leibidich,
’Nam faiceadh e mar thigeadh i,
Gur math gu ’m foghnadh sgian dha.
Tha biodag air Mac Thomais,
Tha biodag air Mac Thomais,
Tha biodag air Mac Thomais,
Gur math gu’m foghnadh sgian dha.
Tha biodag air a’ ghliogarsaich
Os cionn bann na briogaise;
Na ’m faiceadh e mar thigeadh i,
Gur math gu ’m foghnadh sgian dha.
Tha bucaile ’na bhrogan,
Tha bucaile ’na bhrogan,
Tha bucaile ’na bhrogan,
Our math gu ’m foghnadh sgian dha.
Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
a’s fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.
Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.
K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair. D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, R. R. McIan. (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean aon leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .
Ard-oifis: —TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 29 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 29. %p |
parent text | Volume 10 |