[Vol . 10. No. 3. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 19, 1901. No. 3.
Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.
LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.
CAIB. IX.
MAR a dh’ ainmich sinn, bha Aonghas air a cheangal gu teann, cruaidh, ’s gun chomas aige air moran gluasaid sam bith a dheanamh. Mar sin cha robh na chomas beachd còir sam bith a ghabhail air an Innseanach mhòr, chrasgach a thainig a nis na làthair. Ach chunnaic e gun robh coltas air a bhi an iomadh casgradh fuilteach. A bhàrr air an t-sùil a bhith ga dhìth, bha cluas dheth air an aon taobh, agus iomadh clais is ailt lotan na aodann, a fhuair e mar chuimhneachan ’s na tìmeannan a thriall. Bha do dh’ itean na cheann na dheanadh cluasag, air chor ’s gun robh e ag amharc duaichnidh gu leor, ged a bhiodh a ghrian a b’ àilleadh a dearrsadh air. B’e so ceann-feadhna na treubh, athair Driùchd-a- chéitein, agus b’ ainm dha an Clamhan Buidhe. Thug a chulaidh-eagail so fainear Aonghas a ghleidheadh an oidhche ud, o’n bha e-fhéin sgìth le thurus a frith na fiadh. Faodaidh sinn a thuigsinn nach d’ rinn Aonghas moran cadail; agus gle thràth ’s a mhaduinn chaidh e-fhéin’s a chuid armaibh a thoirt air beulthaobh na culaidh-eagail a dh’ ainmich sinn, a bha na shuidhe air cathair a bhreitheanais (seice féidh), cnaimh mor aige ga chreim, ’sa chomhairlichean ma chuairt air. An àm dhaibh a bhi le ioghnadh a laimhseachadh nan arm, dh’ fhalbh an urchair as a ghunna. Sin far an robh ’n iolach ’sa leum, ’s cuid a thuit an duil gun robh iad marbh. Ach gu fortanach cha deach a mharbhadh ach cu. An ceann ùine ghabh iad misneach, an uair a chunnaic iad gun robh iad uile beò, ’s nach robh an t-slat iongantach a rinn an fhuaim a mharbh an cu ag radh diog tuilleadh. Chaidh iarraidh air na laoich a ghlac Aonghas tighinn an làthair na comhairle, agus dh’ innis iad ciamar, ’us c’àite, agus c’uin a ghlac iad e. Bha seachdnar dhiubh ann cho fiadhaich coltas, gu h-àraidh am fear a bh’ air an ceann, ’sa shiubhail coille riamh. Bha am fear so na fhuamhaire mor, sgaoilte, anns an robh mu shia troidhean’us coig òirlich a dh’ àirde, agus reamhar, trom air a réir. Bha coltas gu math moiteil, spaideil air an fhear mhor so, dha ’m b’ ainm am Mathan Mogach. Bha luchd-leanmhuinn aige fhéin, agus bho nach robh mac aig a Chlamhan Bhuidhe b’e ’n daimheach so a b’ oighre air a sheann chrùn itean, an uair a thigeadh air fhéin a dhol do phàras-na-seilg. Dh’ innis am fear so ann an òraid ghaothar mar a ghlac e-fhéin ’sa ghillean Aonghas. Thachair gun robh e-fhéin ’sa ghillean a sealg an uair a chunnaic iad e. Lean iad e àireamh mhìltean gu math dlùth ri shàil, agus cho sàmhach ri faileas, gus an d’fhuair iad cothrom math air aig an tom phreas.
“Agus a nis,” ars’ am Mathan Mogach ’sa chriochnachadh, “buinidh an duine geal dhomhsa, agus ’s ann agam tha còir air a chuid a’s fhearr do ’n spors. Tha ’chraobh air a taghadh, ’s an connadh air a chruinneachadh mu ’bonn, ’s nochdaidh mi mo neart dhuibh,” ars’ esan, ’sa lamhan an ceannaibh a leis, ’s e ag amharc an taobh an robh Driùchd-a- chéitein, oir bha dùil aige rithe, ged nach deach an t-suiridhe leis ro mhath uige so, “leis an coigreach so a thogail leam le m’ leth-laimh mar choinnean, thun nan craoibhe; oir cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ann a sgaoileadh gorta agus tinneas a bha e tighinn nar measg le ’chuid uidheaman draoidheachd.”
An uair a labhair am fear mor mogach so, thug e ’n aghaidh air Aonghas, a dol, ma b’ fhior, a chur so an gniomh. Chual’ Aonghas na thuirt e, ged nach do thuig e guth, gus an d’ fhuair e mach a rithist e, ach thuig e co-dhiu nach b’ ann an càirdeas a bha e bruidhinn na idir a tighinn a nis. Thug e aon ionnsuidh chruaidh eile air na h-iallan a bhristeadh, agus ged a bha e air a cheangal cho cruaidh ’sa bha Samson aig na Philistich, chaidh leis an drasd, agus le aon spreadhadh bha e air a chois. An ath mhionaid bha an t-Innseanach mor ’sa dhruim ri talamh, ’s gun fhios aige co-dhiu ’s e tairneanach na dealanach a bhual an clar an aodainn e. Cha b’e h-aon dhiubh, ach dorn chruaidh Ghaidhealach Aonghais. Sin far an robh ghaireachdaich aig na bha ma chuairt, ach gle bheag, oir cha robh meas mor sam bith aig a chuid bu mhotha air a Mhathan, ’s os cionn gach gaire bha gaire binn Driùchd-a- chéitein. Dh’ eirich e nis, san caothach buileach glan air, ’s thainig e ruaig gu Aonghas. Bha ’m fear sin gu stolda ga fheitheamh, ged a bha an inntinn aige bruailleanach gu leor, ’s fhios aige gun robh so air son a bheatha. An uair a bha am Mathan Mogach gus a bhi aige, thug e leum a thaobh, ’s bhual e ’n t-Innseanach ’sa lethcheann san dol seachad, ’s chuir sin air a bheul ’s air a shròin e ri talamh a rithist, los gum bheil làrach aodainn ri fhaicinn thun an latha ’n diugh, nan rachadh aig neach air amas air an àite.
Bha nis gach fear ’us bean, sean ’us òg, air cruinneachadh ma chuairt air na laoich, agus bha e gu math soilleir ri fhaicinn gun robh iad air meas mor a ghabhail air an duine gheal, agus nach robh e mi-chordadh riutha idir mar a bha cùisean a tionndadh a mach. Dh’ eirich an t-Innseanach mor a rithist, ’s e nis a faicinn gun robh mhaighstir air tachairt ris. Chuir e roimhe gum biodh e na b’ fhaicliche, ma bha duil aige an t-àit’ a chaill e ann an sùilean a chàirdean a bhuanachd. Thàinig e nis air a shocair gus an robh e gu bhith aig Aonghas. Thug e leum uige, ’s rug e na ghairdeanan mora air. Bha e nis a smaointean gun robh gach glòir gu bhi aige co-dhiù. Ged a bha an Gàidheal trom, foghainteach, bha ’n duine buidhe air thoiseach air an cudthrom ’s am meudachd, los gun saoileadh neach nach biodh saoghal fada aig Aonghas. Thoisich an ùpraid a nis da rireadh. Cha robh Aonghas ach ga gheard fhéin an toiseach, gus am biodh an t-Innseanach air a chlaoidh. Bha e nis air a h-uile car a bh’ aige fheuchainn gun fheum sam bith ach e-fhéin a chlaoidh. Smaointich Aonghas a nis gun robh ’n t-àm crìoch a chur air an t-sabaid. Bha ’n treubh mu ’n cuairt orra fad na h-ùine ’s gun iad ach gann a tarrainn an analach—am beoil fosgailte, ’s am meoirean sgaoilte, agus am bodhaigean a cromadh ’s a dìreadh a reir ’s mar a bha ’n dithis a bha gleachd. Ach dh’ fhosgail an sùilean ’s am beòil na bu mhotha, nan gabhadh sin a bhith, an uair a chunnaic iad Aonghas a breith na b’ ìsle air a ghaisgeach aca, ’s a chunnaic iad e ga thogail o’n talamh ’s ga chaitheamh thar a ghuailleadh, mar gun caitheadh gunna-mor e, ’s a tuiteam na thorr mor, dubh aig an casan gun chomas éirigh. An uair a bha ’m blar seachad, thainig an ceann-feadhna air adhart ’s sheas e air beulthaobh Aonghais, ’s coltas gu math faoilidh air, ’s thug e air suidhe air a chathair bhian aige fhéin. Thug e òrdugh a chuid a b’ fhearr dhe ’n t-sealg a chur air doigh dha, agus fhad ’sa bhiodh sin a tachairt, rinn e fhéin òraid a bha car mar a leanas:—
“Mo ghaisgich threun, agus mo chlann éisdaibh rium, ’ur ceann-feadhna dligheach, a chaill a shùil g’ ar dion, agus a chailleadh an té eile gu toileach airson an aobhair cheudna ’s onair na treubh. An dé thugadh duine cumhachdach nar measg, nach ’eil coltach ruinne an dath na an trusgan. Chunnaic sibh e breth air a bhòsdair mhor, am Mathan Mogach, ugh! ’s ga chaitheamh thairis air a cheann, mar shaighead o’n bhogha, ’s a tuiteam mar chriplach mar a thoill e. Ugh! ugh! ’S fhad o’n a bha fios agam nach robh ann ach craobh ghrod, ged a bha e mor, ’s a bhristeadh leis a cheud chrathadh, mar a chunnaic sibh. Ugh! Tha sibh a faicinn nach ’eil e airidh a bhi na cheann-feadhna air an treubh, ’s nach deanadh e ach ar nàrachadh ’s a bhith nar n-aobhar magaidh aig bhur naimhdean. Mar sin, tha mise leagte gun gabh sinn an gaisgeach treun so a stigh san treubh, ’s gu ’m bi e na oighre orm fhìn an uair a dh’ fhàgas mi sibh, agus ionnan rium fhad ’s as beò mi. Tha da rud aige, mar a sheall e dhuinn, as an dig dealanaich agus tairneanaich, a ni sgrios agus marbhadh a h-uile uair a chuireas e ri’ shùil iad. (Nach bochd nach robh mo sheann nàmhaid, an Fheannag Mhor, aig beul fir dhiubh, ’s mo shùil fhìn aig a cheann eile, ’s gun deanadh e casad dearg na aodann, a chuireadh a bhreabadh an làir e mar a bha ’n cù). Mar an ceudna tha mi deonach mo nighean, Driùchd-a- chéitein, an òigh a’s bòidhche ’s an treubh, a thoirt dha mar mhnaoi. Labhair mi.”
Dh’ aontaich iad uile leis, ach fior bheagan, ’s cha robh aon air an robh coltas a bhi cho toilichte ris an nighinn, Driùchd-a- chéitein. Ged a bha fios aig Aonghas gur ann uime fhéin a bhatar a bruidhinn, cha do thuig e guth ’s an àm dheth na chaidh a radh, ach thuig e gun robh e air àrdachadh ionnan ris a Chlamhan Bhuidhe fhéin gu bhi na righ orra, agus gun robh bean deiseil dha uair sam bith a chuireadh e cuireadh oirre. ’S ann a bha eagal air Aonghas bochd gun tigeadh i gun chuireadh idir. An uair a thuig Aonghas so, thug e taing dhaibh uile ann an Gàilig air son a cheud chuid, ach leig e fhaicinn dhaibh, am muigh ’s a mach, nach robh bean bhuaithe idir san àm. Thug e dhaibh ri thuigsinn cho math ’sa rachadh aige air, gun do dh’ fhàg e caileag òg na dhùthaich fhéin dha ’n tug e gealladh, ’s gun robh i cheart cho àluinn ri Driùchd-a- chéitein fhéin, ged nach robh i cho dathte ris an reul sin, ’s mar sin gun robh e air son a bhith dìleas ’s cumail ri ’fhacal mar bu choir do gach aon a dheanamh na leithid do chàs.
Cha robh an seann Innseanach idir toilichte le
[Vol . 10. No. 3. p. 2]
so a thuigsinn, na idir Driùchd-a- chéitein fhéin, a bha, a réir coltais, air meas mor a ghabhail air a Ghàidheal òg, thapaidh, a thainig nam measg air doigh cho iongantach. Thug Aonghas as a phòcaid an sgàthan beag a fhuair e air a chladach, ’s thug e dhi e mar ghibht. Theab i dhol as a ciall leis a phròis ’s leis an toileachadh, is càch a tuiteam air muin a chéile feuch am faiceadh iad sealladh dhe ’n ioghnadh. Mar tha nàdar daonnta co-fhreagairt, co-dhiù bhios iad dubh na geal, bha sannt gàire air Aonghas, an uair a bha e ga ’faicinn ag amharc air a h-iomhaidh bhòidheach, ghrianach fhéin, leis an robh i, a reir coltais, gu math riaraichte. Cha robh cumadh anns nach cuireadh i ’h-aodann, air son i-fhéin fhaicinn na b’ fhearr, ’s a meoirean gu trang a cur suas ciabh dhubh an sud ’s an so, dìreach mar a chunnaic e na h-òighean geala Gaidhealach a deanamh, an uair a bhiodh iad a smaointean nach biodh duine ga ’m faicinn. Bha coinneal na dha am pòcaid Aonghais, agus thug e dha ’n ceann-feadhna iad, ach ’s e ’n sparradh na bheul ’s an ithe a rinn am fear sin, agus theab na sibhagan a thachdadh. Fhuair e sin greim air an sgàthan o ’nighinn, ach an uair a sheall e ann ’s a chunnaic e ’aodann preasach, tioram fhéin, leig e glaodh as ’s chaith e bhuaithe e, agus a mach a thug e. Bha e ’n dùil gur e spiorad a sheanar a bh’ ann; bha cuimhne mhath aig air, agus bha e fior choltach ris fhéin an uair a dh’ eug e, ’s an t-sùil ga dhith cuideachd. Thug e choille air, ’s Aonghas as a dhéigh; agus mar a bhios duine an uair a theid e na bhoil, ’s e chànain mhàthrail ’us deise dha. Bha Aonghas ag eigheach dha stad ann an Gàilig, ’s sin ga chlisgeadh-san buileach, glan. Bhuail bun craoibhe na chois ’s thuit e mu dheireadh, ’s an uair a chuir Aonghas a làmh air, chluinnt an ràn a leig e as mìltean air falbh. Thuig e gur ann roimhe fhéin a bha e teicheadh mu dheireadh, ’s thill e gu stòlda do na champ.
(Ri leantuinn.)
Sgeulachdan Arabianach.
CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.
CAIB. IV.
CHAIDH m’ athair a steach do ’n bhothaig, agus an uair a dh’ fhuasgail e lamhan na mna-uaisle, dh’ fheoraich e dhith co i, agus ciamar a thachair dhi tighinn do ’n àite ud.
“Mo thighearna,” ars’ ise, “tha mise pòsda ri righ; agus tha ’n rioghachd againn ri cois na mara. Faisge air a’ mhuir tha àireamh theaghlaichean a’ fuireach de ’n chinneach ris an abrar na Saraseinich. Is ann do ’n chinneach so a bha ’m fuamhaire a mharbh thusa. Bha e ’na oifigeach aig an righ, agus thuit e ann an trom ghaol ormsa. Ach thug e an aire mhath nach leigeadh e ris gu ’n robh gaol aig’ orm gus an d’ fhuair e cothrom air mo ghoid air falbh. Is minic a thachair gu ’n robh am fortan na b’ fhàbharraiche do ’n duine dhona na bha e do ’n duine mhath.
“Air lath’ àraidh thachair gu ’n robh mi fhin agus an leanabh ann an àite iomallach. Thainig am fuamhaire so oirnn gun fhios duinn, agus sguab e leis sinn le chéile. Bha fhios aige gu ’m biodh an righ ’gar n-ionndrainn gu trom, agus gu ’n cuireadh e daoine air ar tòir anns gach àite, agus air an aobhar sin, thug e leis sinn air astar fada gus mu dheireadh an d’ thaing e leinn do ’n choille so. Ach bronach ’s mar a tha mo staid anns an aite thruagh so, tha aobhar agam a bhith toilichte nach d’ rinn e ainneart orm, borb agus fiadhaich ’s mar a bha e. Ach bhagair e iomadh uair ainneart a dheanamh orm, agus eadhoin mo chur gu bas mur geillinn dha le mo thoil. Agus feumaidh mi aideachadh gu ’n robh mi cho mor air mo bhrosnachadh ’na aghaidh ’s gu ’m b’ fhearr leam gu mor am bàs fhulang na geill a thoirt dha anns an tomhas bu lugha. A dh’ aon fhacal, b’ fhearr leam gu mor am bàs fhulang na mo chliù a chall.
“So agaibh, mo thighearna,” ars’ ise, “cunntas cheart agus chothromach air a’ mhi-fhortan a thainig ’nam rathad-sa. Tha mi ’creidsinn gu ’m bheil truas agaibh rium, agus tha mi cinnteach nach ’eil aithreachas oirbh air son mo bheatha shàbhaladh dhomh.”
“A bhaintighearna,” arsa m’ athair, “faodaidh sibh a bhith cinnteach gu ’m bheil truas mor agamsa ribh, agus ni mi a h-uile rud a ghabhas deanamh a chum bhur deanamh sona rithist. Cho luath ’s a shoilleiricheas an latha maireach falbhaidh sinn as a’ choille so, agus feuchaidh sinn ri amas air an rathad a tha ’treorachadh gu baile Dheridhabar, ceanna-bhaile na rioghachd agamsa. Agus ma thogras sibh fuireach ann, faodaidh sibh tàmh a ghabhail anns an lùchairt gus an d’ thig an righ g’ ar n-iarraidh.”
Ghabh a’ bhaintighearna an tairgse so gu toileach. Agus gu math moch ’s a’ mhaduinn an la-iar-na-mhaireach, dh’ fhalbh iad as a’ choille. Thachair a sheirbhisich uile ri m’ athair beagan uine an deigh dhaibh a dhol a mach as a’ choille. Chuir iad seachad an oidhche roimhe sid air a thoir, agus bha iad fo mhor dhragh inntinn a chionn nach robh e ’tachairt riutha. Bha ioghnadh gu leor orra an uair a chunnaic iad gu ’n robh bean-uasal a bha anabarrach maiseach, agus leanabh gle bhriagha, ’na chuideachd.
Dh’ innis e dhaibh a h-uile car mar a thachair dha, agus an cunnart anns an robh e nan do thachair gu ’n d’ thug am fuamhaire an aire dha. Chuireadh a’ bhean-uasal air muin an eich air culaobh fir dhe na seirbhisich, agus thug fear eile dhiubh leis an leanabh.
An uair a rainig iad an lùchairt aig m’ athair, chuireadh seomraichean mora maiseach air leith dhi, agus thugadh fa near gu ’m biodh an leanabh air fhoghlum gu curamach. Bha ’bhean-uasal gle thaingeil do m’ athair air son meud a’ chaoimhneis a bha e ’nochdadh dhi fhein agus do ’n leanabh. Bha i an toiseach gle neo-shocrach ’na h-inntinn a chionn nach robh a fear-pòsda ’tighinn air a toir; ach mu dheireadh dh’ fhàs i riaraichte gu leor le a staid, an uair a bha i ’faicinn gu ’n robh m’ athair a’ nochdadh dhi gach urram agus caoimhneas air an robh i dligheach. Agus is e mo bharail gu ’m biodh i mu dheireadh na bu toilichte fuireach ri ’beò anns an lùchairt aig m’ athair na falbh a dh’ ionnsuidh a càirdean.
Ri ùine dh’ fhas mac na mna-uaisle so suas gu aois fearachais. Bha e gle mhaiseach, agus ann an tuigse ’s an geurchuis cha robh e fad air dheireadh air a h-aon sam bith dhe sheorsa. Chuir e e-fhein gu mor a staigh air m’ athair, agus bha meas mor aig m’ athair air. Bha ard-mhaithean na cùirte a’ smaointean gu ’m biodh e fhein agus mise air ar pòsadh ri ùine. Thug so orra a bhith ’g amharc air mar oighre a’ chruin, agus air an aobhar sin bha iad a’ deanamh moran dheth gus a dheadh-ghean a chosnadh.
Thuig e ann an uine ghoirid ciod a bh’ anns a’ bheachd aca, agus dh’ fhas e mor as fhein. Agus air dha dichuimhn’ a dheanamh air gu ’n robh e ann an inbhe na b’ ìsle na mise, bha e ’smaointean o’n a bha meas mor aig m’ athair air, nach robh prionnsa anns ann t-saoghal do ’n tugadh e mise ri mo phòsadh air thoiseach air fhein. Chaidh e na b’ fhaide air aghart na so; oir an uair a chunnaic e nach robh m’ athair ’g am thairgse-sa dha ri m’ phòsadh, bha e cho dalma ’s gu ’n d’ iarr e air m’ athair mi.
Ciod sam bith peanas air an robh e toillteanach air son a dhalmachd, cha d’ rinn m’ athair ach innseadh dha nach fhaigheadh e mise ri m’ phòsadh idir.
Bhrosnaich so an t-òganach gu corruich mhor. Bha cheart uiread de thàmailt air ’s ged a dhiulteadh boirionnach cumanta dha, no mar gu ’m biodh e ann an inbhe a cheart cho ard riumsa.
Ach cha do stad e aige so. Chuir e roimhe gu ’n deanadh e trom-dhiodhaltas air m’ athair, agus mar dhearbhadh air cho fior mhi-thaingeil ’s a bha e, shuidhich e gu ’n cuireadh e m’ athair gu bàs. A dh’ aon fhacal, chuir e m’ athair gu bàs, agus air dha an sluagh bu mhiosa a bh’ anns an rioghachd a chur air a thaobh, thug e fa near gu ’m biodh e air a ghairm ’na righ an aite m’ athar. Cha bu luaithe a rinn e so na chuir e roimhe tighinn do na seomraichean agamsa comhladh ri aireamh mhor dhe na daoine a bha air a thaobh, a chum gu ’n cuireadh e gu bàs mi mur bithinn deonach a phòsadh.
Ach mu ’n d’ fhuair e uine gus a dhroch-bheirt a chur an gniomh, thainig an t-ard chomhairleach a bh’ aig m’ athair, agus a bha riamh dìleas do m’ athair, far an robh mise, agus thug e leis mi do thaigh caraid, far an robh mi sàbhailte gu leor gus an d’ fhuaradh long deiseil a bheireadh air falbh as an rioghachd mi. An sin dh’ fhàg mi an t-eilean ’nam dheigh, agus cha robh duine comhladh rium ach bean-choimhideachd agus an t-ard-chomhairleach coir, caoimhneil; oir b’ fhearr leis nighean a sheana mhaighstir a leantuinn, mi-fhortanach ’s mar a bha i na umhlachd a thaisbeanadh do righ eucorach.
Rùnaich an t-ard-chomhairleach mise thoirt leis do’n lùchairt aig an righ a b’ fhaisge dhuinn gus impidh a chur air cuideachadh a dheanamh leinn, agus dioghaltas trom a dheanamh air an fhear a chuir m’ athair gu bàs. Ach cha robh e air òrdachadh gu ’n tachradh so. Cha robh sinn moran laithean aig muir an uair a shéid stoirm uamhasach, agus a dh’ aindeoin gach stri a rinn na maraichean treuna a bh’ air bord, dh’ iomaineadh an long thun a’ chladaich, agus chaidh i na mìle pios.
Cha ruig mi leas teannadh ri mion-chunntas a thoirt seachad air mar a bhristeadh an long. Cha ’n urrainn domh ach gann beachd a thoirt dhuibh air an staid mhuladaich anns an robh a’ bhean-choimhideachd, an t-ard-chomhairleach, mi fhin, agus gach aon eile a bha ’nar cuideachd an uair a bha sinn air ar tilgeadh ann an tonnan beuchdach, uaibhreach a’ chuain. Bha leithid de dh’ uamhas oirnn ’s nach b’ urrainn sinn beachd ceart a ghabhail air an t-suidheachadh anns an robh sinn. Chaill mise mo mhothachadh anns an àm; agus tha mi gun fhios agam co dhiubh chuireadh air tir mi air pairt de dh’ fhiodh na luinge, no a chaidh mi gu tir ann an doigh mhiorbhuilich eile. Ach an uair a thainig mo mhothuchadh ugam, fhuair mi mi-fhin air a’ chladach gun duine beò comhladh rium.
(Ri leantuinn).
“Cha Lion Beannachd Bru.”
A MACH o’n chliù a fhuair na Gaidheil mar shaighdearan, cha ’n ’eil feart, ma dh’ fhaodte, anns a’ bheil iad cho ionmholta ri ’n aoidhealachd—am fialachd ri luchd-turuis ’s ri coigrich, gu h-araid le Biadh ’s le Deoch. Riamh o’n tha eolas againn air an cleachdadh, bha iad comharraichte airson na buaidh so. Dearbhaidh ar Bardachd, ar Sgeulachdan, ar Sean-fhocail, ’s ar n-Eachdraidh gur i Tir nam Beann Tir na
[Vol . 10. No. 3. p. 3. ]
h-Aoidheachd; agus cha ’n ’eil coigreach a chaidh air thurus ’n ar measg nach d’ thug fianuis thoileach air caoimhneas agus air fialachd nan Gàidheal. Ge b’e an t-aobhar no an rùn o’n d’ eirich e, cha ’n ’eil teagamh ’n a fhirinn. Theirear gu bheil caochladh a tighinn oirnn anns an rathad so, a chum na cuid is measa, mar ann an iomadh ni eile; ach tha ’n Gaidheal doicheallach, spiocach fathasd air a chunntas ’n a chreutair maslach, agus gu ma fada bhitheas a’ chuis mar sin. Is ann ’n ar Sean-fhocail a mhàin a gheibh sinn aobhar ar deagh-bheus agus ar droch-bheus air an cur sios. Mholadh ’us dhi-moladh na Baird Ghaidhealach cho maith ri ach beag; ach ’s ann ainmig a dh’ innseadh iad c’arson. Teagaisgidh ar Bardachd ’s ar Sgeulachdan le eisempleir—is ann ’n ar Sean-fhocail a mhàin a gheibh sinn comhairle agus aobhar na comhairle. Ann an rathad aoidheachd ’us fialachd tha mi meas gu ’n deach ar Cleachduin os cionn ar Teagasg. Tha e gun teagamh fior gu bheil dimeas ’us tàir air a dheanamh gu minic agus gu mor; agus gu bheil dimeas ’ns tàir air a dheanamh air an atharrach: Bheirinn cuid oidhche dha ged bhiodh ceann fo achlais; Fialachd do ’n fhogarach ’us cnamhan briste do ’n eucorach; Bithidh sonas an lorg na caitheamh; Cha teid ni sam bith ’s an dorn dhuinte; Is maith a sheoladh an rathaid am fear nach bi maith air an aoidheachd; Suidh gu h-iosal ’us diol gu h-uasal; —cha b’ urrainn a bhi na b’ fhearr na so. Agus a ris chi sinn am meas a bha na seann daoine a’ cur air caoimhneas ri ’n coimhearsnaich leis mar bha iasachd no coinghill air am moladh leo. Bha iasad a ghabhail ’s a thoirt riamh feadh an t-saoghail; Millidh aire iasad; Cuir an t-iasad dhachaidh a’ gaireachdaich.
Ach is eigin aideachadh gu ’n robh beusachd nan Gaidheal mar bu trice feineil. Cha do rainig iad ’n an teagasg cho tric ’s a rainig iad ’n an cleachduin air an riaghailt: Gach uile ni bu mhiann leibh daoine a dheanamh dhuibhse, deanaibhse a leithid dhaibhsan mar an ceudna. B’e ’n teagasg, agus an so cha robh iad na bu mheasa na daoine eile: Gach ni a ni daoine dhuibhse, deanaibhse a leithid dhaibhsan mar an ceudna. Gheibhear an teagasg ceudna mu bhiadh: Beathaich thusa mise an diugh ’s beathaichidh mise thusa am maireach; An lamh a bheir, ’s i gheibh; Is iomadh mir a thug thu do ’n bheul a mhol thu. Agus is e teagasg de ’n aon seorsa, ach ceum na ’s airde a gheibhear anns na beachdan geur, cothromach air caomhnadh ’s air caitheadh a tha anns na Sean-fhocail a leanas: Cinnidh a’ chrionntachd, ’s theid an ro-chrionntachd a’ dholaidh; Tionailidh maoin maoin, ’s tionailidh fiachan fiachan; Tha caitheadh ann is caomhnadh e, tha caomhnadh ann is caitheadh e.
’N ar Sgeulachdan agus ’n ar Seana Bhardachd gheibhear eisempleiran gun chrìch air a chuid is airde ’s is fearr de theagasg nan Sean-fhocal. Rachadh “biadh an aite chaitheamh, deoch an aite h-ol, ’s ceol an aite eisdeachd,” a thoirt do ’n fhear-thuruis mar a dhlighe, gun fheoraich codhiu bu charaid na nàmhaid e. Lean a’ chleachduin ionmholta so ’n ar Tìr, ann an tomhas mor, g’ ar latha fein. Ach o chionn da cheud bliadhna gheibhear atharrachadh mor anns a’ mheas a bha ar Sluagh, no co-dhiu ar Baird, a’ cur air deoch laidir. B’ abhaist do na seanachaidhean a bhi ’g innseadh mu ’n eolas a bha aig priomh luchd-aiteachaidh Albainn air liunn a dheanamh de shugh barr an fhraoich, agus air cho curamach ’s a ghleidh iad an t-eolas so o choigrich. Tha e coltach gu ’n do chaill iad fein an t-eolas air an deireadh, ma dh’ fheudar idir a radh gu bheil bun no barr aig an sgeul. Ach fhuair na Gaidheil eolas da cheud bliadhna roimhe so air deoch laidir a lean riu, cia air bith co as, no ciamar. ’S e mo bheachd fein gur ann thar Galldachd a thug iad an t-eolas so—dearbhadh ùr air an t-seann fhìrinn nach urrainn mac an duine blasad de chraobh an eolas gun a bhi fiosrach air olc maille ri math. Fhuair na Gaidheil deoch mhisgeach ’s thug iad “uisge-beatha” mar ainm oirre— “uisge-teine.” Mar so bha e o thoiseach. An uair a choinnicheas Sluaigh, gabhaidh iad ’us bheir iad seachad am maith ’s an t-olc. Tha smùdan fein os cionn gach fòid; agus eadhon ri fòid an eolas cha gharar Sluagh gun aon a nis ’s a rìs bhi air a thachdadh. Riamh o’n àm a dh’ ainmich mi, bha e ’n a chleachduin aig na Baird a bhi moladh an uisge-bheatha. Cha ’n fhoghnadh leo Marbhrann a dheanamh do gach aon de ’n luchd-eolais a b’ ainmeile na cheile, anns am biodh gach feart chliuteach a bhuineadh dha, agus iomadh feart nach buineadh, air an cuir as a leth; ach b’ eigin a thuilleadh air fialachd an cairdean, le biadh ’s le deoch, a bhi sniomh moran rannan anns an robh gach buaidh fo ’n ghrein ri ’m faotainn co-cheangailte ri uisge-beatha. Cha ’n ’eil teagamh sam bith agam fein nach robh cleachduin ar Baird agus eisempleir morain diubh anns an rathad so cronail d’ ar Sluaigh. Tha iomadh ni an aorabh a’ Ghaidheil, ’n a Fhuil, ’n a Eachdraidh, ’us ’n a Thìr a tha deanamh cuid de chleachduinean neo-fhreagarrach air a shon, agus tha mi meas gur e baigh ri deoch-laidir aon diubh so.
Is docha gu ’n cuir luchd-aiteachaidh gach Tìr a tha bochd, neo thorach, meas neo-ghnathaichte air biadh, ’s gu ’m bi a chliu mur bì a bhlas gu tric ’n am beul. Theireadh na seann daoine, “Uraireachd na bà a mach ’s a steach, mur leighis so an Gaidheal cha ’n ’eil a leigheas ann.” Agus tha mi smuaineachadh gu ’n aidich gach aon a shiubhail a bheag de ’n Tìr ’s a chunnaic a luchd-dùthcha a’ suidhe gu biadh aig banais no air turus, gu bheil bàigh mhor aca fathasd ri crobh dubh, marbh ’us beò. Ach cha ’n e saill nam bà ach sugh an eorna is ioc-shlaint do gach creuchd a nis. Tha mi smuaineachadh nach do leasaich sinn cleachduin ar n-Aithrichean anns a cheum so, Ghleidh iadsan ordugh ceart eadar Biadh ’us Deoch; —chuir sinne car mu chrios dhiubh agus b’ fhearr iad bhi mar bha.
An t-Iompaire a Baigearachd.
BHA air àm sonruichte gainne mhor air teachd an-tir ann an Ruisia. Smaointich an t-Iompaire, (sinn-seanair Nicolais I. ), gu falbhadh e a bhaigeirachd, a dh’ fhaicinn ciod an tighinn roi’ bha aig an t-sluagh. Chuir ’se e fhéin an trusgan freagarrach dha thurus, agus chaidh e gu baile dùthcha a bha beagan mhiltean o’n cheanna-bhaile. Bha e air falbh air feadh a’ bhaile so ré an latha, ag iarraidh na deirce; ach cha ’n fhaigheadh e ni sam bith, uiread is greim bidh, na tigh a bheireadh fasgadh na h-oidhche dha. ’Nuair thuig e, a reir coltais, gu ’m biodh e mach air an oidhche, dh’ fhalbh e am beachd dol dhachaidh; ach a dol troimh iomall a bhaile chunnaic e duine na sheasamh an dorus bothain, air an robh coltas suarach. Labhair e ris, ’s dh’ innis e dha gun robh e fad an latha feadh a bhaile gun bhiadh, gun deoch, agus nach faigheadh e taigh a bheireadh fasgadh na h-oidhche dha.
“Mata, a dhuine bhochd,” ars’ am fear eile, “cha ’n ’eil mo bhothan-sa ach mi-fhreagarrach a’ nochd fhéin—tha mo bhean an saothair chloinne—ach ma thogras tu tigh’n am fasgadh ’n taighe faodaidh tu tigh’nn a stigh.” Chaidh am baigeir gu taingeil a stigh, agus air suidhe dha, chunnaic e triuir phàisdean nan cadal timchioll an t-seorsa theine a bha stigh, agus aon eile air a ghlùinibh ag ùrnuigh gu dùrachdach air son a mhàthair. Bha fear an taighe am bitheantas anns a cheann eile, far an robh a bhean thinn; ach uair dhe na h-uairibh ruith e mach, agus an ùine ghoirid thainig e stigh, a’s builghean bheag de mhinruaidh aige. Thainig e far an robh am baigeir, agus thug e slios dha dhe ’n bhuilghinn ag ràdh, “A dhuine bhochd, ith sin; ’s cha ’n ’eil ni agamsa a gheibh thu leis.” Thug e slios do gach aon dhe ’n chloinn. An sin sgaoil e seana bhrat air an urlar, ag ràdh ris a bhaigeir, “Leig thu fhéin na ’d shineadh air a sin, maille ris a chloinn.” Luidh am baigeir agus a chlann air a bhrat, ach robh an cadal a tighinn. Bha fear an taighe air ais agus air aghart a chuid bu mho dhe ’n oidhche, ach fa dheoidh, thainig an leanabh, agus an uair a chuireadh an uidheam e, thainig fear an taighe ga shealltainn dha ’n bhaigeir. Dh’ eirich am baigeir na shuidhe, agus ghlac e na uchd e, ga mholadh agus ag ràdh, “Tha mise ag innse dhutsa gu ’m bi ’n leanabh so sealbhach fhathast; tha mise ag aithneachadh air a dha shùil gu ’m bi e fortanach! C’uin a tha thu am beachd fhaotainn air a bhaisteadh?” “Am maireach, mu mheadhoin latha,” arsa fear an taighe. “An gabh thu mi-fhein ga chumail ri baisteadh?” ars’ am baigeir. Sheall fear an taighe le iongantas air, ’s thubhairt e gu h-agail, “Gabhaidh.”
Nuair a thainig an latha, thog am baigeir air gu dol air feadh a’ bhaile, na ’m b’ fhior, ach cha leigeadh fear an taighe mach e gus an itheadh e slios dhe ’n bhuilghinn. Ach coma co dhiu, bha ’n latha tighinn, ’s cha robh am baigeir a tighinn, ’s cha bu mhisde le fear an taighe ged nach d’ thigeadh e. Mu dheireadh mu mheadhoin latha chunnacas buidheann mhor do dh’ eich ’s do choisichean a tighinn dh’ ionnsuidh a bhaile. Ann an ùine ghearr dh’ aithnich iad freiceadan an Iompaire. Bha iad a gabhail seachad air bothan an duine bhochd gus an robh carbad an Iompaire fa chomhair an doruis. An sin fhuair am marc-shluagh ordugh stad. Leum an t-Iompaire as a charbad, ’s air ruighinn an doruis, ghlaodh e, “Am bheil an leanabh sin ullamh gu ’bhaisteadh?” Fhreagair fear an taighe le geiltchrith na ghuth, “Tha.” “Faigh am mach e, mata?” ars’ an t-Iompaire. Bha ’n duine bochd fo eagal mu ’n leanabh a thoirt am mach. Ach thuirt an t-Iompair’ e ghreasad air, a cuir na chuimhne gun do gheall e raoir dhasan an leanabh gu chumail ri baisteadh.
Thugadh a mach an leanabh, ghabh an t-Iompaire air a ghàirdeanaibh e, agus choisich e leis gu tigh an t-sagairt, agus an deigh a bhaisteadh, ghiulain e air ais e gus an do liubhair e an leanabh dha mhàthair, ag radh, “Gabh cùram math dhe’n leanabh sin, ’s gheibh thu ceithir mile dollair air son cioch a thoirt dha, agus na dheigh gin gabhaidh mi fhéin cùram dheth.” ’Nuair a bha an leanabh ullamh cìche, thug an t-Iompaire fhéin leis e, ’s thog e na theaghlach fhéin e.
Tha eachdraidh ag innse gu robh an leanabh ceudna na cheann-feadhna aig Peadar ainmeil.
Faodair a bhi cinnteach gu faodadh fear an taighe biadh a b’ fhearr na builghean ruadh a thoirt dh’ an ath aoidh a thigeadh.
Tha ’h-uile duine còir gun ’fheuchainn.
Tha ’h-uile fear na leomhann air a chuid fhéin.
Teirgidh Cruachan Beann, gun dad a dhol ri ’cheann.
Tha aon chas na ’s leòir do ’n fhìrinn, cha tuitidh a’ bhriag le trì.
[Vol . 10. No. 3. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, IULAIDH 19, 1901.
Litir a Ceap Nor.
Cia luath tha ùine ruith seachad? Bu chòir dhomh bhi air sgriobhadh air a mhios s’a chaidh, ach ma ’s urrainn mi sgriobhaidh mi a rìs mu’n criochnaich am mios so. ’Se pàirt dhe na dh’ aobharaich an dàil so, gun thòisich an t-seirbheis a bha’n co-cheangal ris a chomanachadh a bha againn ’s an eaglais Chléirich air an t-Sàbaid mu dheireadh dhe’n mhios, tri là roimhe sin.
Bha ’m ministeir againn fhein air a chomhnadh gu comasach aig an àm, leis an Urr. Calum Mac Leoid, á Baile nan Gall. Cha robh dìth shearmoinean dùrachdach agus drùiteach oirnn; agus bha aon dhiubh sin o Mhata, caib. 27, rann 22:— “Ciod ma seadh a ni mi ri Iosa, d’ an goirear Criosd.” Nochd an t-searmoin so, le Mr Mac Leoid, do gach aon de’n luchd-eisdeachd, nach robh dol a null no nall aig neach sam bith gun ghnothuch a bhi aige ri Iosa—gu bheil gach neach an dara cuid a’ gabhail ris no ’ga dhiùltadh—agus ciod a ni Iosa fadheòidh ris an da sheorsa sluaigh.
Tha Mr. Mac Phàrlain an deigh am mansa fhaotainn air dòigh gu h-eireachdail; agus tha’n sluagh a nis ag obair gu trang a togail sabhal ùr agus comhfhurtail. A bhàrr air sin, tha suidheachain ùra gu bhi aca ’s an eaglais an ùine ghearr.
Tha ’m bàta-smuideWeymoutha’ ruith ris na cladaichean a ris; ach cha ’n ’eil e coltach gu bheil i idir air doigh cho math ’s a bha cuid dhe na paipeirean ag radh a bhiodh i mu’n rachadh i ris air cuan. Gheill i o chionn ghoirid a mach o Ingonish, agus b’ fheudar do na bha tighinn do ’n aite so tir a ghabhail agus deanamh mar a b’ fhearr a b’ urrainn iad. Tha sinn a cluinntinn gu ’m b’ fheudar ise a thoirt air ais le bàta-slaodaidh gu Sidni a Tuath. Tha mi ’n dùil gu ’n deachaidh aice air tighinn aon uair eile o’n àm sin, ach tha sluagh na siorrachd a nise cho eòlach air a doighean ’s nach urrainn ach fior bheagan earbsa bhi aca aisde. Ma tha bàta air cuan a’s trice a thug an car á daoine, b’ fhior thoigh leinn cùnntas a leughadh m’a timchioll. Mur dean i na’s fhearr air a bhliadhna so na b’ àbhaist dhi, ’s dleasdanach do ’n t-sluagh gun ghiùlan leatha na ’s fhaide.
Tha aimsir bhreagha fàs air bhi againn o chionn ùine, ach ged thà cha’n eil e coltach gu’m bi feur cho math aig cuid ’s a ’s minic a bh’ aca. Cha’n ’eil teagamh nach d’ rinn reodhadh a gheamhraidh milleadh mor air cuid a raointean a bha air an deadh mhathachadh.
Tha coltas math air a bhuntata, ’s tha sinn an dòchas, ma dh’ fhanas an daolag sgreataidh uaith, gu ’m bi roinn mhath aig gach aon diubh.
Tha ’n “Tuathanach Ban” a cur roimhe dol gu Sidni a Tuath an ceann la no dhà, agus ma bhios sinn air ar caomhnadh gus an till e, ’s dòcha gu’m bi beagan naidheachdan aige a cheadaicheas e chur ’s an ath litir, ach mur bi, cha ’n ’eil air ach leigeil leis, agus deanamh mar a dh’ fhaodas sinn.
M. D.
Ceap Nor, Iulaidh 8, 1901.
A reir a chùnntais a tha na paipearan-naigheachd a toirt air, cha ’n e Montreal baile ’s fhearr riaghladh a tha air an t-saoghal. O chionn mios no dha air ais ghairmeadh tairgsean air son sràidean a’ bhaile shoillseadhadh. Am measg nan tairgsean a chaidh a stigh, bha aon chuideachd deònach $54 .75 ’sa bliadhna ghabhail air son gach soluis, agus bha cuideachd eile ag iarraidh $95 .00 ’sa bliadhna air son na seirbhis cheudna. Ach bha an àireamh bu mhotha de bhuill comhairle a bhaile air son tairgse na cuideachd a bha ’g iarraidh na prise b’ àirde a ghabhail, agus dhiùlt iad an obair a thoirt idir do’n chuideachd eile. Tha aon de na comhairlich a bhòt air son air tairgse bu lugha a ghabhail ag radh gu ’n deachaidh tri mile dolair a thairgse dha air son a bhot a thoirt seachad air taobh na cuideachd eile.
Iadsan a Phaigh.
Ruairidh Mac Coinnich, Abhainn Bhlackett
Lachuinn I. Mac Aidh, Scotsville.
Iain B. Gillios, Gleann nan Sgiathanach.
Domhull Mac-a- Phi, Gleann Moireasdan.
An t-Urr. R. Mac Coinnich, Grand Mira.
Iain A. Mac Gilleain, Iochdar L’Ardoise.
A. D. Steele, Sidni.
Alasdair R. I. Domhnullach, Meinn Lorway.
Iain Beutan, Meinn Ghuail Mhabou.
Iain Mac Iomhair, Bagh Bhaddeck.
Tormad Mac Leoid, Meinn Reserve.
Anna M. Nic-Dhonuill, S. W. Margaree.
C. Mac Gill-fhinnein, an Abhainn Mheadhonach.
Niall Mac Leoid, Port Morien.
Iain F. Siosal, an Rudha Fada.
R. W. Leonard, Port Hawkesbury.
Iain Mac Rath, an Abhainn Mheadhonach.
Cailean I. Mac Phail, Argyle Shore, E. P. I.
Cyrus D. Dughlach, De Sable, E. P. I.
Alasdair Mac Calamain, Orwell, E. P. I.
Domhull Mac Gille-ghlais, Stellarton , N. S.
Caipt. A. I. Moireasdan, Halifax , N. S.
Dr. D. H. Domhnullach, Welsford , N. B.
Iain Mac Amhlaidh, Southampton , Ont.
Iain Mac-a- Phearsain, Somerville , Mass.
Aonghas Domhnullach, Newton , Mass.
Iain Camaran, Detour , Mich.
M. Mac Iomhair, Elliston , Mont.
Tearlach Duncan, Butte , Mont.
Murchadh Mac-an-t- Saoir, Twin Bridges, Mont.
G. C. Mac Gillemhaoil, Lunnainn, Sasunn.
Iain Mac Aoidh, Lunnainn, Sasunn. (9)
Ian Mac Coinnich, Lunnainn, Sasunn. (2)
E. Hepburn, Lunnainn, Sasunn.
A. Anderson, Lunnainn, Sasunn.
Miss Nic Dhonuill, Lunnainn, Sasunn.
Gilleasbuig Mac Fhionghain, Uidhist.
LUACH ANABARRACH
Cot-Uachdair air $5 .25.
Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran na ’s airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.
COTAICHEAN A’S FHEARR
AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00
F . H. REYNOLDS,
AN STOR, —Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.
Confederation Life ASSOCIATION.
Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.
Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,980.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25
Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nam “policies” $1 ,505,546.25
F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.
Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON
Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
[Vol . 10. No. 3. p. 5]
Naigheachdan.
Tha dha no tri dhe na leabhraichean Gàilig mu’m bheil sanas anns a’ paipeir air teirgsinn dhuinn, agus feumaidh iadsan a chuir g’an iarraidh foighidin a bhi aca gus am faigh sinn a nall á Alba iad. Cha ’n eil iad ri ’m faotainn air a taobh so dhe ’n chuan, agus uime sin theid beagan ùine seachad mu’m bi iad againn.
Bha stoirm thàirneanach us dealanach ann oidhche Di-màirt, agus shil frasan troma uisge air an robh an dùthaich gle fheumach. Rinn an dealanach beagan millidh air tigh Neill Mhic Neìll aig Marion Bridge. Bhuail e an ceann an tighe, agus chaidh e troimh phosta leapa anns an robh dithis ghillean òga ’nan cadal, ach cha d’ rinn e dochann sam bith orra; cha deach uiread ’s an dùsgadh as an cadal.
Dh’ fhalbh an soitheach-smùide Erik air a turus do’n àirde tuath maduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Tha an soitheach so air a cur air falbh a dh’ iarraidh Lieutennant Peary, a tha anns an àirde tuath gun fios fhaotainn uaithe o chionn corr us da bhliadhna. Chaidh soitheach a chur air falbh g’a ionnsuidh an uiridh le luchd bidh us aodaich, ach cha do thill i toiseach a gheamhraidh mar a bha dùil a dheanadh i, agus cha ’n eil fhios co-dhiu rainig i an t-àite ’san robh Peary ’sa chuideachd no nach d’ rainig.
Chaidh fear Niall Caimbeal a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Loch Mhic-an-t- Saoir, maduinn Di-haoine s’a chaidh. Bha e ag obair air an t-section, agus air dha bhi ’g amharc thairis air an rathad, thainig trein air gun fhios d’a. Dh’ fheuch e ris a charbad-laimhe air an robh e a thoirt bhar an rathaid, ach mu’n d’ fhuair e sin a dheanamh, bhuail an trein ann, ’s bha e air a thilgeadh taobh an rathaid ’s air a ghrad mharbhadh. Bha e da fhichead us coig bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean agus clann.
Tha teas anabarrach ann an iomadh cearna de na Staidean aig an àm so. ’S ann ’sna bailtean móra, far am bheil a ghrian a’ dòrtadh sios a gathan loisgeach air na sràidean a tha air an dùnadh a stigh air gach taobh le togalaichean móra cloiche, agus far nach ruig deò gaoithe, a tha an gearain a’s motha. Tha daoine agus ainmhidhean a tuiteam as an seasamh leis an teas. Cha robh a leithid de bhruthainn ann an Chicago o chionn iomadh bliadhna ’sa bh’ ann air Didòmhnaich s’ a chaidh. Ged a tha muinntir nan Staidean a’ fulang cho mor leis a’ bhlàths, tha aobhar taingealachd againne anns a chearna so dhe’n t-saoghal nach eil an aimsir cho fior theth ’sa tha i ann an dùthchannan eile. Tha an t-side ann an Ceap Breatunn a’ fuireach glé bhriagha—cho briagha ’sa dh’iarradh neach sam bith—ged a tha an dùthaich gle fheumach air frasan uisge.
Am Breatuinn tha aig parantan ri ainmean an cloinne a chur air leabhar-cuimhne na sgireachd anns am bi iad an taobh a stigh de shia seachdainean an deigh am breith, agus mur dean iad sin, cuirear cain orra. ’Nuair a rugadh Diuc Dhun-Eideann, darra mac banrigh Victoria, cha do chuireadh ainm air an leobhar ann an am, agus b’ fheudar dh’a mhathair cain seachd tasdain us sia sgillinn a phaigheadh. Feumaidh an teaghlach rioghail cumail ris an lagh cho math ri muinntir eile.
Tha am Morair Minto, Ard-riaghladair Chanada gu bhi ann an Ceap Breatunn toiseach na seachdain s’a tighinn. Thig an soitheach air a bheil e tighinn a stigh do Shidni feasgar Di-luain, agus thig iad air tir maduinn Di-màirt, agus cuiridh iad seachad a’ chuid a’s motha de’n latha a’ gabhail seallaidh air a’ bhaile ’s air an obair iaruinn. Bidh Di-màirt air a chumail ’na latha saor anns a’ bhaile air son cothrom a thoirt do’n t-sluagh air failte a chur air an Ard-riaghladair an ann dòigh a bhios freagarrach do fhear a dhreuchd.
The MAC-TALLA air crioch bliadhn’ eile ruigheachd, agus tha dòchas aige gu’n cum a chàirdean sin air chuimhne, agus gu’n cuir iad air adhart pàigheadh na bliadhna tha toiseachadh. Mar is aithne do gach aon aig am bheil fiosrachadh sam bith a thaobh a ghnothuich, tha cosguis mor timchioll air cur a mach paipeir, agus a chum soirbheachadh a bhi leis feumaidh an luchd-gabhail uile an dleasdanas a dheanamh ris gu riaghailteach. Cha’n eil toil againn a bhi toirt iomraidh air pàigheadh ro-thric, agus tha sinn an dòchas nach bi feum air—gu’n dean gach aon a tha leughadh MHIC-TALLA a phàigheadh gun dàil gun an còrr iarraidh.
An uair thoisich an cogadh Boerach, chaidh àireamh nach bu bheag de dhaoine eudmhor as na Staidean a null a chuideachadh Chrugair. Fhuair a’ chuid bu mhotha dhiubh tilleadh dhachaidh beò, slàn, ach fhuair na Breatunnaich greim air cuid dhiubh, agus tha iad sin air an cumail mar phriosanaich ann an Ceylon, far nach bi ’nan comas cron sam bith a dheanamh gus am bi a’ bhuille mu dheireadh dhe ’n chogadh air a thoirt seachad. Air iarrtus chàirdean nan daoine sin chuir Riaghladh na Staidean impidh air an Riaghladh Bhreatunnach an saorsa thoirt dhaibh. Ach chaidh sin a dhiùltadh, agus b’e am bonn air an deach a dhiùltadh nach b’ urrainn do Bhreatunn amharc air daoine a bha ’cogadh na h-aghaidh mar iochdarain dùthaich eile. Cho luath sa chaidh iad a chogadh os leth nam Boereach chuir iad cùl ri’n dùthaich féin, agus cha robh gnothuch aca rithe tuilleadh. Cha bhi aig na Boerich Gheancach, ma ta, ach fuireach fo chuing fhuathach Bhreatunn, ’sa bhi ’guidhe gu ’n greas an latha bhios an t-sith air a gairm; oir ’s ann an uair sin a bhios dòchas aca faighinn m’ a sgaoil.
Cha ’n eil sinn cruaidh ort!
Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10—bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1 .15—tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog a’s fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach t’ airgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.
H . H. Sutherland & Co.
Bathar Cruaidh
Tha sinn a’ cumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn a’ creic air na prisean a’s isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.
Kelly
&
Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.
Uaireadairean,
Waltham agus Elgin
AIR
$7 .50 agus $10 .00.
Seorsachan eile air $1 .75, $4 .00, $5 .00, agus suas.
Theid sinn an urras orra uile.
K. Benzanson, Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.
Sraid Shearlot, Sidni.
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
[Vol . 10. No. 3. p. 6]
Na Baird Ghaidhealach.
Tha an cùnntas gearr a leanas air triùir de na bàird ainmeil Ghàidhealach air a thoirt as a’ “Chuairtear Og Ghaelach” air an d’ rinneadh iomradh ann an àireamh na seachdain s’ a chaidh.
ROB DONN.
Rugadh Rob Donn an taobh tuath na h-Alba, an aite ris an abradh iad Allt-na-Caillich, sa gheamhradh 1714. Bha e comharraichte bho oige; airson a theomachd am bruidhinn. Tha iomadh sgeul beag laghach, air an aithris uime o’n bha e na leanabh.
Air dha athair a bhi, aon latha, sailleadh na feoil gheamhraidh, agus moran dha theaghlach na luidhe ’sa bhric thuirt e, “Cha ’n fhaodar beanailt de’n chuid ’s fearr de’n fheoil so, gus a faic sinn co chuireas seachad a bhreac gus an roinn orra.” “ ’S olc a chuid sin do’n fhear a dh’ fhalbhas;” ars’ an leanabh nach robh ach a dol air choiseachd.
Na thri bliadhna dh’aois, rinn tailleir deise dha ’bha dunadh air a chulamh, rud nach do chleachd e roi’ sin. A cheud uair a dh’ fhiach e ris an deise a chuir uime, cha robh muinntir an tighe a stigh, agus dh’fhairtlich air na putainn a dhunadh air a chulaobh. Ruith e mach as an tigh mar bha e. Chunnaic a mhathair e ’s i tighinn dachaidh, is chronaich i e air-son e bhi ruisgte. Ach fhreagair e i mar so:
’S math dhomhsa bhi ’n diugh gun aodach,
Le slaodaireachd Mhurchaidh ’Ic Neill,
Mo bhroilleach chur air mo chùlthaobh,
’S gun a dhùnadh agam fhein!”
Anns a bhliadhna cheudna, thug a bhan-altrtm (seann bhean) a mach e air latha araidh, far an robh muinntir an tighe buainn. Ghlac i an coran, ’s thoisich i air ribeagan a bha cach a fagail aice timchioll na clais a bhuainn. Bha i ri fiar mhonmhor trod, chionn bhi ga fagailse anns a chuid bu taine ’s bu ghainne de ’n arbhur. Fhreagair am brogach i fa dheireadh, ’s thuirt e:
Bi-sa dol a null ’s a nall,
Gus a ruig thu grunnd na clais’,
Cha ’n ’eil air, ma tha e gann,
Ach na tha ann a thoirt as.
Chaochail am bard ainmeil so, na thri fichead-bliadhna-sa-ceithir a dh’ aois, anns a bhliadhna 1778.
ALASDAIR MAC MHAIGHSTIR ALASDAIR.
Rugadh am bard ainmeil so, ma thoiseach an t-ochdamh-linn-deug. Bu mhac e do Mhinisteir na h-Eaglais Sasunnaich, a bha chomhnuidh ann a Muideart, aig an robh teaghlach mor eadar ghillean us nigheanan. Chaochail na h-igheanan uile anns a bhric, (na bhean-mhaith). —Bha Alastair comharaichte airson a thalann bho oige. Fhuair e ard sgoil. Bha Tighearna Chlann-Raonuil airson ionnsachadh fear-lagha thoirt da, ach ’s ann a bha’m beachd athair Ministeir a dhianamh dheth, ach mheall e orra le cheile. Ma’n d’ fhag e an Colaisde, phos e Sine Dhomhnullach a teaghlach dail-an-eas. Na dheigh sin thoisich e ri cumail ard sgoil, an Ardnamurchan. Bha e na fhior charaid do Phrionns’ Tearlach, chuir e cul ris gach tighinn a stigh a bh’aig; ’s ghlac e an claidheamh na aobhar:
Dearbhaidh, beachdaidh, sibh bhi ceart da,
Eiribh grad le ’r slògha;
Gun ur mnathan, clann, no beairteas,
Chur stad-feachd ’n ur dòchus;
Ach gluasad inntinneach, luath, cinnteach,
Rioghail, liont’ de mhòrchuis;
Mar an raineach a’ dol sios duibh,
Sgriosadh dian luchd-chleòcan.
Bha meas mor aig air Prionns’ Tearlach, ’s bha meas aig a Phrionns’ air-san, mar ard sgoilear, mar shaighdear, a’s os cionn gach ni, mar bhard. ’S e a chuir a mach a cheud fhoclair Gailig a bha riamh an Albainn. Thainig an leabhar ainmeil so a mach anns a bhliadhna 1741, a choisinn cliu mor dha ’n ughdar, a thuilleadh air cho riatanach ’sa bha e ’s an am sin ’s a Ghaeltachd.
IAIN LOM.
Tha eachdraidh ag innse dhuinn gur e bu cheann-aobhair do ’n ainmsa thoirt air an duin’ ainmeil so, leis cho bearr, sgaiteach, ’s bha e air an teangaidh; ach tha cuid eile ag radh, gur ann o’n bha aghaidh lom gun fheusag, a fhuair e an t-ainm. Theirte air amannan Iain Manntach ris, o’n bha seorsa do stad na bhruidhinn. Bha am bàrd ainmeil so a mach á teaghlach Chlann Raonaill na Ceapaich, meur de na Domhnullaich. Bha e ann ri linn cogadh Mhontros. Bha fior naimhdeas guineach aige an aghaidh na’n Caimbeulach, bha e toirt droch ruitheanan de ’n teangaidh dhoibh. Choisinn so dha, gun chuir an t-uachdaran airgiod cinn as. Chual am bard so, dh’ fhalbh e agus thug e Caisteal Inmhearaora air, far a robh an t-uachdaran. Liubhair e e fhein dha. “Thoir dhomh a nis an t-airgiod cinn,” ars’ esan. Ged rinn e so, cha robh ann ach am fior ghealtair, agus tha e air a radh, nach b’e an t-uachdaran saighdear dad a’ b’ fhearr. Thoisich esan ri leithsgeul fhein a ghabhail, ged bha e ruith cuid sios le bardachd, gu’m b’e sud oifig-san, bha e daonan tearuint na measg. “Cha’n e amhain,” ars esan, “ach ann an Caisteal an uachdarain a chuir airgiod cinn asam, tha mi tearuinte.” Ghabh an t-uachdaran ris a sin gu baigheil. Thug e stigh e do sheomraichean a chaisteil, ’s air dhoibh a bhi dol roi rum araid, far an robh moran do chinn choilich dhubha an crochadh, dh’ fharaid an t-uachdaran dheth: —Am fac thu riamh Iain, an uiread sin do choilich dhubha an aon aite? “Chunnaic,” ars Iain. C’aite? “An Inbher-Lochaidh.” “A! Iain, Iain,” ars’ an t-uachdaran, “cha sguir thu gu brach a chagnadh nan Caimbeulach?” “ ’Se ’s duilich leam,” ars Iain, “nach urrainn mi ga slugadh.”
Chaochail e na fhior sheann duine, mu ’n bhliadhna 1710, ’s rinn e do dh’ orain na lionadh leabhar mor leo fhein.
Cath taobh na teallaich.
REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.
Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.
Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.
Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois.
Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.
Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.
Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain.
THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
“INVICTUS”
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater.
A .W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.
Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.
[Vol . 10. No. 3. p. 7]
Seumas Fawcett.
Tha beatha ’n duine so a nochdadh gu soilleir gur-a mor na theid aig duin’ air a dheanamh ma bhios an toil aige, a dh’ aindeoin cho doirbh ’sa bhitheas an ni sin a chuir e roimhe a thoirt gu crich. Chaidh aige air faotainn a stigh do’n Pharlamaid Bhreatunnaich, agus fhuair e aon de na dreuchdan bu chudthromaiche ’san rioghachd, agus e aig a’ cheart am dall.
’Nuair a bha e fhathast ’na ghille, rinn e suas ’inntinn gu’m biodh e latheigin ’na bhall de Thigh nan Islean, agus bha gach ni a bha e deanamh air a dheanamh le sin ’san amharc aige. Bha e direach an deigh a chursa ann an collaiste Chambridge a chriochnachadh, aig aois choig bliadhna fichead, ’nuair a chaidh e aon latha mach a shealg comhla ri athair ’s ri sgioba de chairdean ann an ceann a deas Shasuinn. Ann an dol troimh phairce a bha ’n sin, chaidh an duin’ og beagan air thoiseach air cach, agus beagan an deigh sin loisg ’athair, aig nach robh ach droch fhradharc, urchair air ian a bha direach an rathad a bha mhac. Chaidh a chuid bu mho dhe’n urchair anns an ian, ach chaidh da ghrainein air seacharan agus chaidh iad an suilean a mhic, a deanamh toll cruinn troimh gach suil ’san speuclair aige agus ’ga dhalladh ri bheo. An ceann dheich mhionaidean, tha e-fhein ag innse dhuinn, bha e air inntinn a dheanamh suas gu ’n leanadh e roimhe mar a runaich e o oige. Dall, bochd agus gun eolas sam bith aig an t-saoghal air, chuir e roimhe gu’m faigheadh e do Thigh nan Islean, agus an ceann sheachd bliadhna aig aois da bhliadhn’ deug air fhichead fhuair e a run agus ghabh e aite suidhe ’sa pharlamaid. Nuair nach robh e ach da fhichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois, dh’ eirich e gu bhi ’na Ard-Phost-mhaighstir na rioghachd. A bharrachd air an onair sin choisinn e cliu mor mar ughdar, agus mar fhear-teagaisg ann an aon de ard oilthighean Shasuinn. Ged a bha aige ri’ bheatha chur seachad ann an tiugh dhorchadas, bha e daonnan aoibheil, toilichte. Bha e a’ deanamh feum iomchuidh de nithean matha na beatha so. Bha e gle mheasail air ceol, agus rachadh aige air iomadh seòrsa cleas a chluich. B’ fhior thoigh leis a bhi ’g iomradh, agus bhiodh e eadhon a sceiteadh air an deigh, agus greim aige air an darra ceann de mhaide a bhiodh an laimh fir eile. Na dhreuchd mar Ard-Phost-mhaighstir, bha e ’na dhuine cumhachdach. Rinn e iomadh riaghailt mhath inntreachadh, agus gu h-araidh an lagh leis an robh na bancaichean-cumhnaidh air an cur air chois. Chaochail e leis an amhaich-ghoirt ’sa bhliadhna 1884.
Calltachd na bliadhna leis.
Biodh sin mar a chithear dha.
Bithidh deireadh an latha salach.
Cha ’n ann gun chomain a ni ’n croman fead.
Ceistean
An urrainn aon de luchd-leughaidh MHIC-TALLA innseadh dhomh am bheil no nach eil Gàidhlig aig righ Iomhar, a tha o chionn ghoirid air tigh’nn dh’ ionnsuidh a’ chrùin Bhreatunnaich? Nuair a bha mi ’nam bhalachan òg, chuala mi air aithris gu robh Banrigh Victoria cho measail air cànain nan Gaidheil ’s gu’n d’ fhuair i a teagasg do a cloinn nuair a bha iad a’ fàs suas. Bu mhath leam fios cinnteach a bhi agam co-dhiu tha no nach eil sin fior, agus mar an ceudna an robh Gàilig aig Banrigh Victoria féin.
GAIDHEAL.
Co a bheir dhuinn cunntas aithghearr air beatha an Dotair Mhic Lachuinn, Rathuaidhe? Tha mi tuigsinn gu’m bu bhàrd e a bha air leth binn, ach ’si mo bharail nach eil moran eòlais air a chuid bàrdachd anns an dùthaich so. Chuala mi o chionn ghoirid òran a rinn e do’n chuthaig air ’n do ghabh mi meas mor, agus b’ fhior thoigh leam eachdraidh a bheatha leughadh.
ORANAICHE.
Iceland .
Ged a thaIcelandcho fada tuath tha e moran na’s blaithe na duthchannan eile tha ’san aon airde ris. Se tha dianamh sin, amhuinn bhlath a tha ruith troimh ’n chuan Atlantach ris an canar an Gulf Stream. Tha ’n amhuinn sin a falbh a Gulf Mhecsico, agus a dol a tuath; tha i bualadh air cladaicheanIcelandam measg dhuthchannan eile, agus air a tailleabh tha fiar agus barr eile a fas gu math anns an duthaich. Tha moran de’n t-sluagh a deanamh am beothachd air togail spreidh us chaorach. Thatar a’ cur moran de na caoraich do Bhreatunn na h-uile bliadhna. Cha’n eileas a’lomradh nan caorach idir, ach toiseach an t-samhraidh tha iad a’ cur na cloimhe. Tha i air a trusadh an sin ’s ’ga cur gu feum.
“Cha’n eil mi cinnteach,” arsa bean araidh, “an robh am Mac Strodhail cho fior dhona ’n deigh a h-uile rud.” “Cha ’n eil mi ’faicinn gu de ’m math a rinn e,” arsa ’fear rithe. “Cha mhor a rinn e riamh air son a theaghlaich, co-dhiu.” “Aon rud a rinn e,” ars ise, “nuair a thainig e dhachaidh bha e samhach. ’Nam biodh e coltach ri daoine ’n latha ’n diugh, ’se cheud rud a dheanadh e ’n deigh dha tighinn, toiseachadh ri talach air an doigh air an robh ’n laogh biadhte air a dheasachadh air a shon.”
Chaidh fear Micheal Mac Neill, mèinneadair, a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn Chaledonia Dior-daoin s’a chaidh le tuiteam guail. Chaidh a dhruim a bhristeadh, ’s bha a dha chois air am pronnadh. A bharrachd air sin bha e air a ghoirteachadh air an taobh a stigh.
Cha b’ ann air muileacha-mag a chaidh m’ arach-sa.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas MacLeoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO.
Sidni, C. B.
Phone 217
Feb 7 ’01—1 yr
Amy Mhoraidh.
FEASGAIR DE DH’ ORAIN ALBANNACH.
(BEURLA AGUS GAILIG.)
Cuairt troimh Chanada, a’ gabhail a stigh nan Roinnean Iochdrach.
MAIGH-IUN, 1901.
GEO . W. COLBY, Manager,
10 E, 14th St., New York.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
H . A. JONES, M. D., C. M. ,
LIGHICHE,
OIFIS: Ri taobh stor Aonghais Mhic Guaire.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 10. No. 3. p. 8]
An Gaidheal air Leaba-bais.
LE EANRAIG MAC-ILLEBHAIN, GLASACHO.
Fad’ air falbh bho thìr nan àrd-bheann,
Tha mi ’m fhògrach an tìr chéin;
Am measg choigreach ’s fad’ o m’ chàirdean,
Tha mi ’m laidhe so leam féin.
Tha mo chridhe briste, brùite,
Saighead bàis a nis am chom,
An ùine ghearr mo shùil bidh dùinte,
’S aig a’ bhàs mi ’m chadal trom.
’S tric ag éirigh suas am chuimhne,
Albainn àillidh, tìr nam beann;
Chi mi sud an lèanag uaine,—
A’s am bothan anns a’ ghleann.
Tha gach ni fo bhlàth gu h-ùraidh,
Aig an allt tha crònan fann,
Air a’ ghaoith tha fàile cùbhraidh
’Tighinn bho fhlùrain nach ’eil gann.
’S ann an sud a fhuair mi m’ àrach;
’S mi neo-lochdach mar na h-uain;
Ach ’s lom a dh’ fhàgadh nis an làrach
Bho ’n a sheol mi thar a’ chuain.
Thar leam gun cluinn mi guth nan smeòrach,
’Seinn gu ceòlar feadh nan crann;
’S òran binn nan uiseag’ bòidheach,
Ard ’s na speuran os mo cheann.
Chi mi chill aig bun a’ bhruthaich,
Taobh an uillt tha ruith gu lùgh’r,
’S tric a bha mi sud gu dubhach,
Caoidh nan càirdean tha fo ’n ùir.
Mo mhàthair ’s m’ athair tha ’n an sìneadh,
’N cadal siorruidh anns an uaigh;
’S chaidh mo chopan searbh a lìonadh
’N uair a dh’ fhàg mi’n sin mo luaidh.
Nis cha léir dhomh tìr nan àrd-bheann,
Air mo shùil tha ceò air fàs;
Am measg choigreach ’s fad’ o m’ chàirdean,
Tha mi feitheamh air a’ bhàs.
Thusa spioraid bhochd, tha ’n daorsa,
Ach cha ’n fhada bhios tu ann;
Thig, a Bhàis, a’s thoir dhomh saorsa,
Beannachd leat, a thìr nam beann.
Oran.
LE IAIN RUAIDH DROBHAIR A BHA ’N RAINEACH.
Duine bochd air bheagan mhart
Cha ’n fhaigh e meas bho nàbaidh;
Duine falamh ’s e gun ni
Gur fada shios theid fhàgail.
Bha mise uair do m’ shaoghal,
’S bha maoin agam a’s càirdean:
Bu chompanach dhaoin’ -uaisle mi,
’Nam shuidhe shuas ’s tigh-thàirne.
Ach nis bho ’n tha mi aosmhor,
’S gu ’m beil mo mhaoin air m’ fhàgail,
Cha ’n aithnich fear de ’n chiad mi,
Ged chi iad air an t-sràid mi.
Ged bhiodh gliocas Shol’ aig fear,
A’s sgoilearachd Righ Dàibhidh;
’N uair their’geas a chuid storais,
Cha ’n fhiach a chomhradh fàirdean.
Cha ’n iarrar ann an comhairl’ e,
Cha dean e gnothach stàthor:
Measar e mar ùmpaidh,
Cha ’n fhiù a ghuth no ghàire.
’S fuathach e le ’choimhearsnaich,
’S doimheil e le ’chàirdean;
’S ann is aobhar spuirt e
Do luchd an uilc ’s àillis.
Ma dh’ iarras iad gu drama e,
Bidh faire air gach tràth ann;
Gu ’m feum e bhi cho siobhala
Ri luch aig stid’ fo smàgan.
Ach am balach slaodach,
Gun fhoghlum ach droch-nàdur,
’S e sin an sàr dhuin’ -uasal:
Tha ’n sporan uaine làn da.
Tha ’n sluagh air fàs cho uaibhreach,
’S ’n an éideadh suas co àrda,
’S nach aithn’ear an duin’ -uasal
Seach buachaille an fhàsaich.
Tha ’n Sgriobtur dhuinn ag innse,
Le firinn nach gabh àicheadh,
An uair is àirde ’n inntinn,
Gu ’n leagar sios gu làr i.
Ach marbhaisg air an t-saoghal,
Gur caochlaideach a tha e;
Ni ’n t-airgiod a’ h-uile ni,
Ach anam duine ’thearnadh.
Gur h-iongantach a chlaon e,
Tha ’n daoibh a’ sior dhol ’n àirdead;
Tha ’n t-ùmpaidh pailt de stòras,
’S an duine còir ’g a shàrach’.
Ach ’n t-umpaidh ’g am bheil stòras,
Airgiod ’s òr gun bhàigh leis,
Cha ’n fhasa dol do ghlòir dha,
Na dol tromh chrò na snàthaide.
Ma gheibh mi lòn a’s aodach,
Cha ’n iarr mi chaoidh na ’s àirde,
’S gu ’m bi mi leis cho toilichte
Ri Bonipart ’n a phàillinn.
Na Brogan Dannsaidh.
LE IAIN MAC DHUGHAIL.
SEISD—
Cha dean na brògan dannsaidh
An gnothuch idir, idir, idir;
B’ olc na brògan dannsaidh
Nach maireadh idir dhomhsa.
Na brògan ’fhuair mi an Dunfris,
Ged a bha iad boidheach, piollach,
Thug mi ’n charraig iad g’a milleadh,
’S gun d’ rinn sud an stròichdeadh.
Gun robh ’n gutta percha daor dhomh,
’S shaoil mi e ’bhi saor r’a cheannach,—
Thug e na builg air mo bhuinn,
’S bi’dh cuimhn’ agam ri ’m bheò air.
Dh’ éirich an t-uachdar o’n bhonn,
’S bha m’ òrdag mhor air lom na dallach:
Sgaoil na deireannan o’n sàiltean,
’S rinn iad m’ fhàgail còmhla.
Cha bhi mi coslach ri càcha,
Ged ’theid mi gu bàil na banais,
B’ fhearr leam an dibhersoin a chall
Na dannsadh le droch bhrògan.
Bha iad olc gu leum na fèitheadh,
’S cha robh feum annt’ anns a’ charraid,
’S dh’ fheumainn fuireach fad o’n ghriosaich
Ged bhiodh m’ fheusag reòta.
’M fear a thàth ra cheile ’n tùs iad,
Cha toir mise tùrn dha tuilleadh:
On a mheall e mi le foill,
Gur h-ann a thoill e ’chòrcach.
Mur a dealaich e ri dhòighean,
Cha toir duine beò dha cuirein:
Faodaidh e ’n dorus a dhùnadh,
’S luidhe ’n cùil na mòna.
’N t-airgiod a chruinnich mi fhein,
A reic nam biobull anns gach baile,
’S mor am milleadh air mo chliù
A thoirt do dhiù nan gròigean.
Bas.
—Ann a Waipu, New Zealand, air an treas latha de dh’ Iun, thainig bàs gle aithghearr air Ruairidh I. Mac Aoidh, tri fichead us naodh bliadhna dh’ aois. B’e an treas mac bu shine bh’ aig Iain Ruadh Mac Aoidh, ann am Baddeck. Dh’ fhàg e bantrach, dithis mhac, agus coignear nighean.
Tha an t-side ann an cuid de na Staidean a cheart cho caochlaideach ’sa tha i anns an dùthaich so fhéin. Ann an Trenton, an New York, bha stoirm shneachd aca Di-sathairne s’a chaidh, nuair a bha chuid bu mhotha dhe’n dùthaich a’ losgadh le teas. ’S ann uair gle ainneamh a chithear fras shneachda mu thoiseach an iuchair ann an dùthchannan a’s fuaire ’s is faide tuath na cearna sam bith de na Staidean.
De Witt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Reic-a- mach.
Tha aon dhiubhsan a tha ’sa chuideachd againn an uine ghoirid ’g ar fagail. Air an aobhar sin agus airson rum a dheanamh do Bhathar Ur a tha air an t-slighe tighinn a Sasunn, tha sinn a tairgse
An t-Iomlan de ar Stoc
DE DH’ INNSRIDH-TAIGHE
air prisean a tha bho 20 gu 40 sent air an dolair na ’s isle na bha iad roimhe so.
TAGHAIL TRATH AGUS FAIGH ROGHA NAM BARGAN.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,
CLOIMH! CLOIMH!
THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.
Mills, Mac Coinnich
&
Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
WM . COYNE, Traffic Manager.
WANTED—RELIABLE MEN in every locality throughout Canada to introduce our goods, tacking show-cards on trees, fences, along roads, and all conspicuous places, also distributing small advertising matter. Commission or salary $60 .00 per month and expenses not to exceed $2 .50 per day. Steady employment to good, honest, reliable men. No experience needful. Write for full particulars.
THE EMPIRE MEDICINE CO., London, Ont.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham,
Ceann-Suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 3 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 3. %p |
parent text | Volume 10 |