[225]

[Vol . 10. No. 30. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 9, 1902. No. 30.


Iain Mor nan Ord.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. IV.

MAR A FHUAIR NA SASUNNAICH DEARBHADH AIR CUMHACHDAN NAN CAILLEACHA GLASA GAIDHEALACH.

FOSGAIL, ann an ainm an rìgh! Chaidh an t-òrdugh so, le iomadh buille chruaidh air an dorus, a thoirt seachad a rithist agus a rithist. Thuig an fheadhainn a bhastigh glé mhath co bhamuigh, air an cànain, a bha tighinn uca troimhn chòmhlaidh, le mionnan garbh an cois gach facail. Thuig iad gur buidheann de na saighdearan deargabhann, air tòir fhògarach, is spuillaidh is creachaidh, an àite sam bith a bhiodh car iomallach, ’s far nach biodh neart ri chunntais. Bha deagh iuchair aca a ghabhadh an leisgeuls a dhfhosgladh gach diomhaireachd naomh dhaibh gun tioma gun taisechur air an cridheachan cruaidhebe sin, ainm an rìgh. Thug Iain Mór agus Eachunn an aghaidhean air an dorus dhiomhair, oir thuig iad gun robh bhuidheann car làidir air son dithis, gu h-àraidh on bha chailleach bheag a stigh; ach cha ghluaiseadh i sin ogealbhan fhein, ’s cha ghabhadh i dion air an iarratas mar riutha, —cha ghabhadh, cha ghabhadh.

ghràidh,” arsise, “ni iad ormsa? seann chreutair truagh, le leth-choissan uaigh mar tha mise, nach drinn eucoir air duine riamh, ’s nach dean!— ’s gun fhios, a rùin, nach digeadh Murchadhs gun mise roimhe, gun teine, gun tuar, agus o làn acrais agus pathaidh.”

Ceart gu leor, a mhàthair,” arsIain Mór; “ach cha ruig sibh a leas a dhol an urras air na saighdearan Sasunnach, ged a bhiodh sibh cho neochiontach ri aingeal. Ach cha teid sinne fada, is cumaidh sinn sùil air na seòid.”

Chaidh so uile radh an cagar, is leis na facail mu dheireadh chaidh an dithis á sealladhs a bhalla, is dhùin an dorus diomhair nan deigh mar bha e roimhe. Mun gann a bha iad fo dhion, chaidh an dorus a bhristeadh, ’s an ùine ghearr bham bothan air a lionadh le naimhdean guineach, is coltas a chaothaich nan gnùisean duaichnidh.

Carson, a sheana bhuidseach, a sheana bhan-reubalach, nach do dhfhosgail thun dorus mar a dhordaicheadh dhut, ann an ainm an rìgh?” arsa ceannard na buidhne.

Bhabhantrach bheag na suidhes a cùl riutha, lelaimh foleth-cheann aig an teine, ’n uair a chaidh an fhàilte gharbh so a chur oirre. Cha do thionndaidh i, is cha mho leig i oirre gun cuali e, ged a bha i gathuigsinn gle mhath, oir bha i eòlach gu leòr air cainnt nan Gall.

Than t-seana bhuidseach bodhar,” arsan t-oifigeach, ’s e tarruinn dlùth rithe. Chàirich ebhilibh mora dubha ricluais, agus ghlaodh e, “A bheil thu bodhar, a chailleach ghlas?” Cha do ghluais abhantrachs cha do sguir i dhethturaman.

Chaneil i dad dhen t-seorsa,” arsa saighdear mor fiarshùileach a thainig air adhart. “Tha mise cho cinnteachsa tha mi beò gun cuala mi icòmhradh ri reubalach air choireigins mi aig an uinneig mun dfhuair sinn a stigh. Tha cuideigin am falach aig an t-seana bhuidsich. Ma dhfhaodte gur e Tearlach fhéin a thann.”

Ma tha i bodhar,” arsan t-oifigeach, “fosglaidh mise na cluasan aice gu math leis a bhiodaig mun dealaich sinn, mur a dean i faosaid ghlan rium. Ach than t-acras orm, is chi sinn an toiseach thaig abhuidsich a ghabhas ithe.”

Chan ithinn greim air na chuir i na spuirean chnàmhach làmhan ud aice air na chunnaic mi riamh!” arsam fear mhor gisreagach a labhair roimhe. “Chuala mise mìle uair, agus tha mi ga làn chreidsinn, gu bheil cumhachdan an uilc fhein aig cailleachan glasa nam beann. Ach tha da ghobhar aicemuigh, ’s mur do chaill mo lamhsagleustachd cha bhi mi fada gan cur gu feum.” ’S e so a rinn na fir dhearga. Fhuair agus mharbh iad da ghobhar na bantraich bhochd, agus chaidh na fir gu ròiceil gu deasachadhs gu ithe. Fhadsa bha iad ris a so rinn iad cruach air an cuid annaibh ri taobh an doruis dhiomhair, nach robh ri fhaicinn no ri aithneachadh seach pios eile dhen bhalla. Bha Iain Mór nan Ord agus a chompanach acluinntinn gach guth agus atuigsinn gach car a bha iad a cur dhiubh. An uair a thuig Iain gun robh aire nan saighdearan air roinn nan gobhars air an cur á sealladh, chuir eshùil gheur ri toll, agus air ball chunnaic e na h-airm. Gu fàillidh, sàmhach, thòisich a chròg mhor gu trang air tarruinn gach ball, a lion fear is fear, a stigh don uamh, agus gan sìneadh do dhEachunn, a bha gan tarruinn am mach don tom sheillich aig beul an tuill. Mar an ceudna fhuair lamh Iain, air dha sgriob a thoirt mun cuairt, ceann agus seice de na gobhair, agus sgioblaich e stigh iad mar ris a chòrr. On a bha iad sgìth, agus a nis buidheach, cha robh cabhag sam bith air na saighdearan gu tòiseachadh ri rannsachadh, agus mar sins ann a thòisich am fear gisreagach ri aithris iomadh sgeul beag a chuale mu bhuidseachas, is cumhachd, agus na riochdan anns an robh e comasach do na cailleacha Gàidhealach a dhol nuair a bàill leotha. Leis cho dlùths a bha càch gaeisdeachd, agus an greim a ghabh na naigheachdan mi-thalmhaidh so air inntinnean a luchd-éisdeachd, agus leis an droch sholus, cha dug na fir an aire gun robh a chailleach bheag a tarruinn dlùth, beag air bheag, ris an dorus dhiomhair, gus mu dheireadh, le cuideachadh nam fear a bha stigh, an deach i á sealladh buileach glan gun fhios do na saighdearan.

Chuala mise le cinnt,” arsam fear a bha ag innseadh na sgeul, “gun teid aig na seana bhuidsichean glasa so air a dhol ann an riochd creutair sam bith, agus gun teid acair a dhol á sealladh mar an ceudna.” Mun do thàrr e na briathran a radh thuit caoran cruaidh dubh a meadhain an teine, a cur boillsgeadh air feadh a bhothain agus dreòs dhearg gumhullach. “Am fear mor gam spadadh!” arsa saighdear, ’sa ghruag aigeg éiridh, “mar dfhalbh a chailleach na sradagan teine!” Chaidh iad uile air chriths iad ag amharc mun cuairt lem beòil fosgailte, feuch am faiceadh iad achailleach a tilleadh ann an riochd sam bith. Chunnaic iad an sin le uamhas am ballafosgladh, agus ceann fuilteach glas gaibhre, lebeul fosgailte, a nochdadh am mach. Leum gach fear air a chois le oillt, is thug e tàrradh air a ghunna, ach cha robh ball air faighinn. Thug a chailleach leatha na h-airm. Air don taibhse aognaidh srann uamhasach a tharruinn, chaith gaisgich rìgh Deòrsa bhuatha gach cleòc is eile thigeadh iad as aonais, ’s a mach a ghabh iad, bronnaich thar tharraich, apronnadhs a spuaiceadh a chéile mun dfhuair iad am mach air an dorus chumhann. Leum Iain Mór (oir beghobhar) agus a chompanach òg am mach nan deigh, agus le iomadh buille chruaidh agus iomadh glaodh mi-thalmhaidh bhual iad air na Sasunnaich. Bha iad sin a smaointean gun robh gach buidseach agus sìtheach a dhàraich aGhàidhealtachd riamh ma sgaoil an oidhchud, ’san àm uamhalta dhorcha sin romh bhristeadh na faire, a bhair a chur air leth riamh airson cleasachd dhen t-seorsud. Am beagan den naimhdean a thàrr as, chunnaic na Gàidheil iad gu sàbhailte ann am bogaich dhuibh gun sùilean, far nach deanadh iad moran uilc, mun do thill iad gu bothan na bantraich. Bha Iain Mór an impis sracadh le subhachas, a smaointean air an eagal a ghabh na fir dhearga. “Tha mim barail,” arsesan, “gum bi naigheachd aca sidma gheibh aon aca dhachaidh beòair cumhachd cailleacha glasa nam beann a chluinneas na h-oghaichean, agus a dhfhuadaich gach teagamh a bhaig gach Tòmas nam measg gu bràth.”

An deigh fois a ghabhail tacan rinn iad deiseil cho luathsa ghlas an latha gu falbh, air eagals gun digeadh buidheann lionmhor shaighdearan an latha air nach gabhadh an cleas ceudna deanamh. Ach cha ghluaiseadh a chailleach, ged a thairg Iain Mór gun giùlaineadh e i cuid den astar bu ghairbhe. Achs fhad o chuala sinn mu chur a bhodaich as a thaigh. Bhabhantrach bhochd na bothan gaoil fhein, agus a feitheamh an aona mhic a dhfhosgail a shùil air an t-saoghal an tùs fo na cabair dhiblidh, agus a nis, mo thruaighe, nach bruthadh a h-ùrlar gu bràth tuilleadh. Dhfhàg na companaich gach sgillinn a bhaca aig achaillich, agus le taghadh nan arm, a thug iad o na Sasunnaich, an deigh iad fhein a chur as aithne cho maths a dhfhaodadh iad, thug iad an aghaidhean air a mhonadh. Bhaghrian a nis a dearrsadhs ag òradh na sléibhteanan uiseags an smeòrach a seinn gu trileanta, binnam feur maoth, gorm, ’s fàileadh cùbhraidh an fhraoichs a fhroinnich air gach taobh, air chorsan éideadh so, an uair a bha nàdar na trusgan féille, gun robhn saoghal ag amharc na àite taitneach airson a bhi beò air uachdar an gradhs an sìth. Bha àr an lathan agus aghaidh bhuaireasach nan speur os cionn a chasgraidh fhuiltich a tighinnsan àm eadar sùilean nan companach agus an sealladh bòidheach a bha gan cuartachadh, air chors nach robh iad a gabhail tlachd ann. Dlùth air an fheasgar rainig iad bonn beinn bheag chas, agus on a bha iad car sgìth shuidh iad a leigeil an analach, agus a dhithe greim a neartaicheadh iad de chàise na caillich. Cha robh iad fad an so nuair a chualiad fuaim agus monabur air an



[226]

[Vol . 10. No. 30. p. 2]

taobh eile dhen bheinn. Leum iad suas gu cabhagach, agus thòisich iad ri dìreadh gu mullach na beinne. Rainig iads an cridhe nam beul leis a chabhaig, agus sheas iad air chùl creige feuch am faiceadh iad co bha deanamh na h-ùpraid. Ach fad ùine cha bu léir dhaibh ni, leis a ghrian a bhi nan sùilean. Ach fad na h-ùine bha iad a cluinntinn farum chas agus bruidhne, ’s an ùine ghearr chunnaic iad a nochdadh am mach á beallach cumhann grunnan cruidh, agus mu fhichead trupair Deòrsach nan deigh, agaireachdaichsa fanaid air cuideiginn aig an robh gaoir thruagh nan deigh. Ghluais Iain Mórs a chompanach sios gu fàillidh ri sgath nan creag air son faighinn ua bu dluithe dhaibh, gus mu dheireadh an dfhuair iad àite math falaich air am feumadh a bhuidheann a dhol seachad fodhpa. Thuig iad a nis bun is bàrr a ghnothuich. Chunnaic iad mart beag ciar a bristeadh air falbh o chàch a rithist agus a rithist, agus a geumnaich gu cianail ag iarraidh tilleadh. Bhafuil a sruthadh gu làr na allt o bhuillean cruaidhe nam brùidean a bha gatoirt air falbh. Chunnaic iad an sin leth sheana bhoirionnach a nochdadh am mach as a bhealachs i caoidh gu cruaidh, agus a suathadh nan dòrn, agus an drasdas a rithist ag éibheach air a mhart, “Ciarag! Ciarag! Ciarag bhochd! Ciarag bhochd!” a bha toirt air a mhart bhochd feuchainn ri tilleadh le h-uile dhichioll. Ghuidheadh i an sin gu dùrachdach air na saighdearan a h-aona mhart fhàgail air son na pàisdean a chumail beò, ach be gàire fanaid an fhreagairt a gheibheadh i o na fearaibh. Thug iad an aire do chnapach nighinn bhig mhi-thuarail leith-rùisgte gu piantail galeantuinn, ach cha robh a sealladh a toirt tioma air cridheachan nan trupairean. Mu dheireadh fhuair am boirionnach eadar a bhós a naimhdean, is bha i gu cabhagach gatoirt leatha, an uair a ruith saighdear mor brùideil uice leis an each chruidheach, an rùn a pronnadh, agus air di leum a thaobh gus a sheachnadh, rug e air fhalt oirre, is le iomadh mionnan thug e ionnsuidh air a togail mar sin air muin an eich, ach anns amhionaid sin, mun deach leis, thàinig peileir a chuir esan gun chrith gu làr! Chlisg na Sasunnaich. Sheall iad le uamhas a nulls a nall, agus an sin os an cionn le geilt, far am faciad an gathan na gréine, a bha nis a dol fodha, an duine bu mhotha chunnaic sùil duine riamh na sheasamh air mullach creige, ’s e gluasad ann an dòigh mhi-nàdarra. Ann an tiotadh bha naoidh mosgaidean deug ri gach liugha gualla, a deanamh cuimse air a bhroilleach mhor leathann aig an duine.

(Ri leantuinn).


Turus Ruairidh don Exhibition.

FACAL AIR AN FHACAL MAR A CHUALAS UAITHE FHEIN.

III.

ANNS acheart àm bham bata dluth air a chidhe ann an Grianaig. Thainig mo charaid, Seumas Mac-an-Toisich, agus an tuathanach coir a dhainmich mi mar tha, far an robh mi, agus thuirt iad rium gum feumainn a dhol gu tir comhladh riutha gus an deisebha iad adol a cheannach dhomh a chur umam.

Ma ta, ’dhaoine coire,” arsa mise, “thigeadh e dhomhsabhith anabarrach fadanur comain, agus tha mi ann an sin; ach cha deachaidh ball aodaich riamh fhathast mu mdhruim ach aodach a rinneadh air cloimh mo chuid caorach fhin, no, a cheannaichs a choisinn mi fhin agus mo theaghlach, agus chaneil mismaointean gun teid. Cha robh mi latha riamh on a chaidh mi ann an ceann togail teaghlaich cho math air mo dhoighs a tha min diugh. Ach bha mismaointean, gun teagamh sam bith, gun iarrainn oirbhse le cheile a dhol comhladh rium do bhuth taillear agus a dhol an urras orm air son deise gus an ruig mi suas Glasacho, agus paighidh Domhull an deise cho luaths a ruigeas achunntais e.”

Thuirt na fir a beul a cheile gun robh so ceart gu leor. Cha robhn corr ma dheidhinn. Cho luaths a rainig am batan cidhe, chaidh sinn gu tir, agus ma chaidh, cha robh sinn fichead slat suas on chidhe an uair a bha cho math ri ceud pearsan ar cuideachd, agus uiread a dhioghnadh aca dhiomsas ged bu mi Iompaire na Tuirce.

Mu dheireadh rainig sinn buth mhor, agus thugadh mise steach do sheomar-cuil far an do chuir mi dhiom na bha salach dhe maodach. Agus an uair a nighs a ghlan mi na bha salach dhiom, fhuaradh deise dhomh o lar gu mullach a bha freagarrach gu leor dhomh, agus a bha pailt cho math ris an deisebhorm roimhe. Thill mi air ais don bhata; oir chuir mi romham gum faicinn sealladh de Chaisteal Dhunbreatunn anns an dol seachad. Bha moran de ghrid an t-saighdear annam gu nadarra; agus tha mig innseadh dhut le fìrinn, a charaid, gum bithinn cho toileach air a dhol gu ruigAfrica a chogadh ris na Bodharaichs a bha mi air a dhol a chadal an oidhche bu sgithebha mi riamh.

An àm a bhithseoladh suas amhainn Chluaidh, bha iomadh sealladh taitneach rifhaicinn. Mu dheireadh rainig am bata cidhe Ghlasacho, agus bha Domhull, mar a gheall e, ’g am fheitheamh. Dhaithnich e anns amhionaid nach bi an deisechuir e fhein gam ionnsuidh a bhumam; agus an uair a dhfheoraich e dhiom ciod a thachair don deisechuir e dhachaidh gu mionnsuidh, thuirt mi ris gun innsinn sid dha an uair a bhiodh am barrachd uinagam. Agus rinn mi sid.

An uair a rainig sinn an taigh anns an robh Domhull afuireachagus be sid an taigh mor, briagha gu dearbh: chaneil fhios ciod e am fad non airdebhannbha biadh gu leor deas air ar coinneamh, agus gu cinnteach ghabh mi na thainig rium dheth cho sunndachsa rinn mi riamh.

Bha fhios aig Domhull gun robh mi trom air aphiob, agus an uair a chuala bean an taighe, am boirionnach coir, gun robh so mar so, thug i cead dhomh mo dhiol smocaidh a dheanamh anns an t-seomar.

An uair a thainig àm a dhol a laidhe, chuireadh mi do sheomar cho grinns cho glans a chunnaic mi riamh. On a bha mi air dhroch cadal an da oidhche roimhe sid, chaidil mi cho trom ris achloich gus an robh e ochd uaireans amhadainn.

An uair a ghabh sinn ar biadh, thog sinn oirnn, agus dhfhalbh sinn donExhibition.’ Ged a bha iomadh dorus air an aitreimh mhoir ud, thuirt Domhull gum bfhearr dhuinn a dhol a steach air an dorus mhor. Agus bha mi fhin gle thoileach so a dheanamh, gu h-araidh on a chuala mi gun robh iomhaidh an righ anns an tallabha faisgair an dorus.

Cha robh fhios agam ciod a theirinn an uair a chaidh mi steach. Stad an da shuil shuas agam an uair a sheall mi mun cuairt orm. Chaneil micreidsinn gum burrainn togalaichean bu bhriagha na sid a bhith air talamh nam beo. Chaneil mi idir atuigsinn cia mar a burrainn do mhac peacaich a leithid a dheanamh.

Sin agad iomhaidh an righ, ’athair,” arsa Domhull, ’s ecomharrachadh am mach iomhaidh a bhacheart cho ard ri crann soithich.

Chan urrainn gum bheil an righ cho mor so,” arsa mise; “cha chreid mise gun robh Samson no Goliath, ged a bainmeil na daoiniad, cho mor so. Chunnaic mise dealbh an righ, agus cha robh mismaointean gun robh e na bu mho na daoineile.”

Chaneil an righ cho mor ris an iomhaidh so idir; ach chunnacas iomchuidh an iomhaidh a dheanamh mor a chum gun tairneadh i aire dhaoine na bfhearr,” arsa Domhull.

Ghabh sinn a steach air dorus eile, agus chaidh sinn sios ceumannan staidhreach, agus thuirt Domhull gum bfhearr dhuinn sealladh fhaotainn air na togalaichean an toiseach mun rachamaid a steach a dhfhaicinn nan ioghnaidhean a bhanam broinn. Thuirt mi ris nach robh agamsa ach a bhithg a leantail fhein ge be taobh a rachadh e.

Tha miseg radh riut gum bfhiach do dhuine a dhol air astar mor a dhfhaicinn nan togalaichean fhein, gun ghuth a thoirt air na h-ioghnaidhean a bha rim faicinn annta. Bha h-uile ceum dhe na rathaidean cho grinns cho glans ged nach seasadh duine riamh orra. Bha iad comhdaichte le moroghan briagha, min, geal. Bha na togalaichean gle neo-choltach richeile, araon ann am meudachd, agus ann an cumadh. Agus bhan aireamh bu mho dhiubh air an dèanamh de dhfhiodh, agus bha iad air am dathadh anabarrach briagha leis a h-uile dath a thanns abhodha-fhrois, agus le iomadh dath nacheil idir ann.

Chaidh sinn ceum math air ar n-aghart, gus mu dheireadh, an uair a chaidh sinn tarsuinn air drochaid no dha, an drainig sinn rud ris an canadh iadwater-shute. ’Chuir an obair a bhaca ann an so oillt orm. Bha aite cas air a dheanamhgun fhacal breige, bha e cheart cho cas ri cliathach taigheagus bha iad atarruinn bhàtaichean beaga suas air dhoigh eiginn gu mullach an aite so. Bha na daoinedireadh suas mar an ceudna, agus an uair a shuidheadh iad anns na bataichean, bha na bataichean air an leigeadh sios air an toil fhein don amhainn, agus an uair a bha iad abualadh anns an uisge cha mhor nach robh iad adol as mo shealladh fon uisge. Agus, rud iongantach, cha robh boinne dhen uisgebualadh air duine dhe na bhanns na bàtaichean. Bha Domhull air son misethoirt don aite chunnartach ud; ach cha rachainn ann dha ged a bheireadh e dhomh baile Glasacho as a ghrunnd.

Bha aite cunnartach eile gle fhaisgair an aitud, ris an canadh iadswitchback railway. ’Cha do stad Domhull, agus an companach grinn, coir a bha comhladh ris, dhe mo choiteach gus an dthug iad orm a dhol ann. Cha robh e cho mi-nadarra ris an aituamhasach air an dthug mi iomradh mar tha. A dhaon chuid, bha fhios agam nach rachadh mo bhathadh. Agus a bharrachd air a sin, thug min aire gun robh callaid air gach taobh dhen rathad a chumadh daoine gun dol leis abhruthach ged a thuiteadh iad dheth. Coma co dhiubh, chaidh mi steach don charabad chaol, chorrach ud, agus an uair a thug am fear a bhana sheasamh aig a cheann upag dha, thug e cruinn leum as, agus dhfhalbh e. Tha mig radh riut gun robh min duil gun robh mi leitheach rathaid a dhionnsuidh an t-saoghail thall. Bha echeart cho luath adireach bruthaichs a bha etearnadh bruthaich. Bha minam shuidhe eadar Domhull agus an gille coir eile a bha comhladh ruinn, agus rinn mi greim bais orra. Tha iad fhein ag radh, ma dh



[227]

[Vol . 10. No. 30. p. 3]

fhaodar geill a thoirt do na their iad, gun robh mig urnuigh aird mo chlaiginn. Chan urrainn dhomhsaradh nach fhaodadh gun diarr mi gleidheadh an Uile-chumhachdaich; agus is mise dhfheumadh e aig an àm ud.

Gun dail sam bith choisich sinn air ar n aghart gus an drainig sinn togail mhor, bhriagha a bha air an taobh eile dhen amhainn. “Theid sinn a steach an so, a Ruairidh,” arsa companach Dhomhuill, “agus gheibh sinn deur beag de mhac na braiche. Cha mhisde sinn taobh air thaobh beagan eolais a chur air an deigh na chunnaic, na chuala, agus na dhfhairich sinn.”

Tha mi gle dheonach,” arsa mise. “Tha mig am fhaireachadh fhin gle lag an deigh an eagail a ghabh mi.”

Chaidh sinn a steach, agus bha aireamh mhath a staigh romhainn. Shuidh sinn ann an aite air leith leinn fhin, agus mun do tharr sinn suidhe thainig fear caol, ard, dubh far an robh sinn agus dhfheoraich e ciod a bha dhith oirnn. Dhinnis Domhull dha. Bha deise bhriagha dhubh air, agus bha stoc beag, caol, geal muamhaich, agus bha brollach geal air sios gu beul na duilleig. Is e cota biorach a bhair cuideachd.

Is e coltas ministear a thair an duinud,” arsa mise.

Is e sin a thann cuideachd,” arsa Domhulls ecaogadh.

Co ris a tha thucaogadh a laochain,” arsa mise, agus min deigh amhrus a ghabhail gur ann amagadh orm a bha e.

Tha micaogadh ris an nighinn bhoidhich, ghlain ud an taobh thall dhen bhord,” arsesan.

Ma ta, ma ghabhas tu mo chomhairle-sa sguiridh tu dhen obair sin. Air do shon fhein, agus air son na h-ighinnagus gu firinneach, ceart, bha i cho boidheachs cho sgiobalta ri te chunnaic mi riamhna bi ri magaireachd sam bith; oir, mar a tham facal ag radh: “Is minic a thainig fior a fanaid.”

Bha min duil tuilleadh chomhairlean a thoirt air na gillean, ach thainig am fear caol, dubh ugainn le pailteas dhe gach biadh is deoch a bfhearr na cheile, agus chaidh stad air achomhairleachadh aig an àm. Cha robh cabhag sam bith oirnn gu eirigh on bhord. Bha mise car sgith, agus bha na gillean coma ged chuireadh iad seachad greis dhen uine far an robh iad. Chaidh sinn an sin a dhamharc nan ioghnaidhean; agus a mhic chridhe, be na h-ioghnaidhean iad! Chaneil micreidsinn gun robh uiread de rudan iongantach rim faicinn riamh roimhe cruinn, cothrom, comhladh air aon lathrach. Ged a bhithinn-sa cho foghluimte agus cho geur-chuiseach ri mac mathar a sheas riamh ann am broig leathair, cha burrainn domh trian dhe na chunaic mi innseadh dhut, ged a bhithinnn abruidhinn gu cionn mhios. Chaidh mo cheann na bhoil leis na bha mi faicinn de rudan iongantach. Ach sheas mi greis mhath ag amharc air na bha de bheairtean-innleachd(machinery)ann. Chuir an t-inneal clo-bhualaidh iongantas anabarrach mor orm. Tha miseg radh ruit gur ebhann gnothach ro mhiorbhuileach. Sheas mi greis mar an ceudna far an robh iad adeanamh nan rudan-milis, agus far an robh iad ag obair air deanamh nancigarettes, ’seorsa tombaca cho beag tail agus brighs a chunnaic duine riamh. Bu cheart cho math leam a bhithsmocadh amhuill ri bhithga smocadh.

Ach feumaidh mi radh nach fhaca mi dad bu mho a thug de thoileachadh dhomh na na rudan iongantach agus feumail a thainig a Canada, a Australia, agus a New Zealand. Bhan t-or a tha iad afaotainn ann an Clondykena chnapan ann an sid mar a chladhaicheadh as an talamh e. Bha moran de bheairtean-fighe dhe gach seorsann, agus thug mi greis mhath air an amharc. Ged a bha mifas sgith le bhith cho fadair mo chasan, thuirt Domhull gum bfhearr dhuinn a dhol a dhamharc nan dealbhannan, agusna dheigh sin, gun rachamaid dhachaidh.

(Ri leantuinn.)


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHANA CHADAL.

CAIB. XVI.

FHADs a bhan connsachadh so adol air aghart eadar Sobaide agus Mesrour, bhan righ, air dha fios a bhith aige air mar a tha cuisean air an da thaobh agus air dha bhith dearbhtena inntinn fhein, o na chuale o Abon Hasan agus o Mhesrour, gun robh e fhein ceart, agus Sobaide cearr, a gaireachdaich gu cridheil an uair a chunnaic e cho crosdas a dhfhas Sobaide ri Mesrour. “A bhaintighearna,” arsesan ri Sobaide, “aon uair eile tha mig innseadh dhut co thuirt na briathran so: ‘Tha na mnathan air uairibh acall an tuirs an tuigse.’ Agus tha mi cinnteach gum beil thusadearbhadh gum bheil na briathran so fior. Tha Mesrour air tighinn direach as an taigh aig Abon Hasan, agus tha eg innseadh dhuinn gum face Noushatalna sineadh marbh air an urlar, agus gun robh Abon Hasan beo, agusna shuidhe aig ceann achuirp. Agusna dheigh so gu leir, cha chreid thusa an fhianuis a tha etogail, ged a tha eg innseadh na firinn. Chan urrainn mi thuigsinn ciod is ciall dhuibh.”

Cha do chord na briathran a labhair an righ ri Sobaide. Thuirt i ris: “Thugaibh mathanas dhomh, a Cheannaird nan Creidmheach, ma tha amhrus agam oirbh. Tha mifaicinn gle mhath gum bheil sibh fein agus Mesrour afeuchainn ri dorran a chur orm, agus ri mfhoighidinn fheuchainn. Agus on a tha mifaicinn gum bheil an sgeul a dhinnis e air a dheanamh suas eadraibh, tha mig iarraidh cead neach a chur don taigh aig Abon Hasan a chum gum faigh mi fios co dhiubh a tha mi ceart no cearr.”

Dhaontaich an righ gun deanteadh mar a bha ig iarraidh, agus chuir abhanrigh air falbh an t-seana bhanaltrum a bhafuireach comhladh rithe o laithean a h-oige, agus a bha, aig an am, alathair comhladh ris na mnathan-coimhideachd eile.

An cluinn thu so, a bhanaltrum,” arsise, “tha thufaicinn achonnsachaidh a tha eadar an righ agus Mesrour, agus mi fhin. Cha ruig mi leas an corr a radh riut. Bi falbh don taigh aig Abon Hasan, no, mar is coir dhomh a radh, don taigh aig Noushatal, oir tha Abon Hasan marbh, agus faigh am mach an fhirinn mu dheidhinn aghnothaich so. Ma bheir thu ugam deadh naigheachd, gheibh thu deadh dhuais air a shon; greas air falbh, agus na bi fada gun tilleadh.”

Dhfhalbh abhanaltrum gun dail, agus bhan righ gle thoilichte a chionn gun robh Sobaidena leithid a dhiomacheist. Bha dorran mor air Mesrour a chionn gun robh fearg air abhanrigh ris, agus bha edeanamh n a burrainn e gu saod math a chur oirre, agus gus toirt oirre fhein agus air an righ a bhith riaraichte leis na bha eg radh agus adeanamh. Bha aoibhneas mor air an uair a chunnaic e gun do chuir Sobaide abhanaltrum air falbh; oir bha eg a dheanamh fhein cinnteach gum biodh am fios a bheireadh i air ais ann an co-chordadh ris na chunnaics na dhinnis e fhein mun chuis, agus, air an aobhar sin, gun creideadh i gun robh e dileas agus firinneach.

Aig acheart am bha suil aig Abon Hasan air an uinneig, agus thug e an aire don bhanaltram atighinn. Thuig e anns amhionaid gum be Sobaide a chur air falbh i. Ghairm e air a mhnaoi, agus dhinnis e dhi gun robh banaltrum na banrigh atighinn a dhfhaotainn am mach bun aghnothaich. “Air an aobhar sin,” arsesan, “greas ort, agus paisg mise anns an aodach-mhairbh.”

Anns amhionaid leig Abon Hasan e-fheinna shineadh air an urlar, agus sgaoil Noushatal an t-aodach sioda a thug abhanrigh dhi thairis air, agus chuir i a cheann-aodach airaghaidh.

On a bha toil aig abhanaltruim a gnothach a dheanamh cho cabhagachs a burrainn i, thainig i le ceum math laidir, agus an uair a chaidh i steach don t-seomar, chunnaic i Noushatalna suidhe aig ceann a fir, agus isileadh nan deur gu frasach, agus a falt sgaoilte sios ma guaillean. Bha ibualadh a h-uchd, agus a h-uile coltas oirre gun robh i ann an trom-bhron.

Ghabh an t-seana bhanaltrum direach far an robh Noushatal, agus thuirt i: “A Noushatal mo ghaoil, cha dthainig mi a chur stad air abhron anns am bheil thu air son do cheile don robh gradh cho mor agad.”

Ah! mo dheadh mhathair,” arsa Noushatal, “tha sibh afaicinn amhi-fhortain a thainig orm, agus am bron trom a thorm air son bas mo cheile graidh Abon Hasan. Abon Hasain, mo cheile graidh,” arsise, “ciod a rinn mise gum fagadh tu cho trath mi? Nach bfhearr leam an comhnuidh do thoil-sa a dheanamh na mo thoil fhin? Ochan! ciod a thachras do Noushatal bhochd?”

Ghabh abhanaltrum ioghnadh anabarrach mor an uair a chunnaic i gun robh a h-uile rud calg-dhireach an aghaidh na dhinnis Mesrour don righ. Thog i suas a lamhan, agus thuirt i le guth ard: “Is airidh Mesrour, leaghaidh dhuibh, ghranda, air a bhith air a sgrios air son mar a tha ecur cadar an righs abhanrigh leis na tha eg innseadh dhaibh de bhreugan mora. Feumaidh mi innseadh dhut, mo nighean,” arsise, “mun aingidheachd a thanns an t slaoightire ud, Mestour. Tha e cho fior dhalmas gun duirt e ann an lathair an righs na banrigh, gun robh thusa marbh, agus gum bheil Abon Hasan beo!”

Ochan! mo dheadh mhathair,” arsa Noushatal, “be mo ghuidhe air Dia gun robh sin fior! Cha bithinn anns an t-suidheachadh mhuladach so, agus cha mho a bhithinn acaoidh mo cheile graidh air an robh meas cho mor agam!” An uair a labhair i na briathran so, thoisich i ri caoidh na bu ghoirte na bha i roimhe, agus i mar gum biodh i air thuar a dhol as a rian le bron. Bhabhanaltrum cho mor air a gluasad le faireachdainnean broins gun do thoisich i fhein ri sileadh nan deur mar an ceudna. ’Na dheigh sin thog i an ceannaodach agus an t-aodach sioda bhar aghaidh achuirp, agus thuirt is ileagadh an aodaich airaghaidh mar a bha e roimhe: “Ah! Abon Hasan bochd! Gun deanadh Dia trocair ort! Slan leat, mo leanabh,” arsise ri Noushatal; “nan burrainn domh, dhfhanainn na bfhaide comhladh riut le muile chridhe. Ach feumaidh mi tilleadh gun dail gus innseadh do mbhana-mhaighstir mar a tha cuisean, a chum gun tog mi bhar a h-inntinn an dragh a chur an slaoightire dubh ud oirre lechuid bhreugan dalma an uair a bha e toileach a mhionnan a thabhairt gun robh thusa marbh, agus gum bheil Abon Hasan beo.”

Cho luaths a dhfhalbh abhanaltrum, agus a dhuin i an dorusna deigh, agus a shaoil Noush-

(Air a leantuinn air taobh 230.)



[228]

[Vol . 10. No. 30. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phàigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, MAIGH 9, 1902.

Cuisean air Atharrachadh.

CHAn eil duine no dùthaich air nach tig da latha. Beagan bhliadhnaichean roimhe so, mun do thòisich an cogadh eadar na Staideans an Spàin, bha iomadh naigheachd chruaidh air a h-aithris anns na paipearan Geancach air cho an-iochdmhorsa bha arm na Spàine a déiligeadh ris na ceannaircich ann an Cubas anns na h-Eileanan Philipach. Dhfhàs na naigheachdan sin cho pailt, agus bha iad air an aithris air a leithid de dhòighs gu robh caomh-fhaireachduinnean an t-sluaigh air an dùsgadh ann an tomhas mor; agus mu dheireadh bfheudar don riaghladh a dhols an eadraigeadh, agus a radh ris an Spàin nach fhaodadh i leantuinn air smachdadh a cuid iochdaran anns an dòigh sin na bfhaide. Tha fhios againn uile ciod a thachair an sin. Thòisich an cogadh, agus an ceann beagan mhios bha Cuba, Puerto Rico, agus na h-Eileanan Philipach air am fuasgladh bho chrùn na Spàines air an cur fo riaghladh nan Staidean. Ann an Cubas am Puerto Rico, chaidh gnothuichean a shocrachadh gu sìtheil. Ghabh an sluagh ri uachdaranachd nan Staidean air chumha gum faigheadh iad, an ceann ùine, fein-riaghladh. Ach anns na h-Eileanan Philipach dheas an sluagh an aghaidh an airm Gheancaich mar a rinn iad an aghaidh arm na Spàine. Ma fhuair iad fuasgladh bho aon chuing cha robh iad adol gan cur fein fo chuing eile. Bhiodh iadsan saor, a dhaindeoin co theireadh e! Agus ged is doirbh ri chreidsinn e, an deigh do na Staidean an sluagh a chuideachadh ann am fògradh nan Spàinteach as an tir, thionndaidh iad fein ris an dearbh obair ris an robh iad sin, —a feuchainn ris an t-sluagh a chìsneachadh, agus adéiligeadh riuthasan a sheasadh nan aghaidh mar cheannaircich! Tha an obair sin adol air adhart o chionn thri bliadhna, ’s i gun chriochnachadh fhathast. Aguss i chùis is miosa, gu bheil e ro-choltach gu robh arm nan Staidean acur a cheart cho cruaidh ris na Filipinichsa bha na Spàintich, agus a cheart cho an-iochdmhor riutha anns gach dòigh. Tha nithean air tighinn gu solus o chionn ghoirid a thaobh iomairt an airm is ghniomharan nan ceannard nach eil idir cliùteach; agus tha corruich an t-sluaigh air a dùsgadh. Bha àrd-cheannardan an airm acumail moran fiosrachaidh air ais, agus cha leasaich sin càs nan ciontach nuair a bheirear gu ceartas iad. Achs e bha romhainn innse an car a chaidh an ruidhlebhodaich air na paipearan-naigheachd. An àite na paipearan Geancach a bhig aithris naigheachdan air fòirneart is euceart na Spàine, ’s ann tha na paipearan Spàinteach aglaodhaich a mach gu cruaidh an aghaidh fòirneart is euceart nan Geancach. A reir an sgeòil-san, chan eil leasachadh sam bith air cor nam Filipinach; tha iad cho dona dhethsa bha iad riamh; chaeil de dhatharrachadh nan suidheachadh ach gur h-iad na Geancaich a tha nan luchd-sàrachaidh dhaibh an diugh an àite nan Spàinteach. Ma tha gach sgeul a thatar ag aithris fior, chan eil na Staidean air a nochdadh ann an solus ro-mhath, agus tha e iongantach sluagh a tha cho eudmhor air taobh saorsa bhi ceadachadh a leithidsluagh a bha cho ullamh, an àms an an-àm, gu bhi teagasg a dleasdanais do Bhreatuinn a thaobh nam Boerach. Cha robh iad riamh, mar shluagh, caomhnach air comhairle: ach chan eil iad cho math air iad fein a chomhairleachadhsa tha iad air comhairleachadh muinntir eile.


Fois na Sabaid.

THA Seòmar nam Fear-ionaid, —an t-ainm fom bheil pàrlamaid na Frainge adolan deigh reachd a dheanamh a bacail do neach sam bith, ann an seirbhis fhollaiseach no dhiomhair, a bhi aig cosnadh thar sia lathasan t-seachdain. Feumaidh gach neach cothrom fhaotainn air fois a ghabhail aon latha as na seachd. Is dùthaich an Fhraing aigm bu chòir fhios a bhith co-dhiu tha no nach eil fois na Sàbaid feumail don duine. O chionn còrr is ceud bliadhna cha robh an t-Sàbaid air a coimhead a reir lagh na dùthcha sin, agus bha iadsan a bhag obair seachd lathasan t-seachduin cho lionmhorsa bha iadsan nach robh ag obair ach na sia. Rinneadh lagh aon uair gum biodh latha as gach deich air a chumail mar latha-tàimh, ach cha doibrich an lagh sin idir, ’s chuireadh an ùine ghoirid air chùl e. Agus a nise, an deigh moran laithean, agus an deigh iomadh dòigh ùr fheuchainn, tha an sluagh sin air fhaotainn a mach nach eil ni is fhearr dhaibh na tilleadh ris an t-seann dòigh, agus fois a ghabhail on oibribh air an t-seachdamh latha, mar a bhatar a deanamh le luchd-aoraidh Dhé o thoiseach an t-saoghail. Faodaidh daoine radh nach eil ann an gabhail fois air latha na Sàbaid ach dleasdanas no cleachdadh cràbhach, agus mur eil neach toileach a bhith cràbhach nach eil e mar fhiachaibh air an t-Sàbaid a choimhead. Ach tha iadsan a bhios areusonachadh anns an dòigh sin ann am mearachd mhoir. Tha fois a ghabhail air an t-seachdamh latha nadhleasdanas agus nachleachdadh cràbhach, gun teagamh, ach tha e mar an ceudna na dhleasdanas nàdarra. Tha nàdar ag àithne don duine fois a ghabhail aig amannan riaghailteach, agus mur dean e sin cha bhi e gun pheanas. Am fear a dhobraicheas gach latha dheireas e, cha bhi e cho buans cha chriochnaich e uiread obrach ris-san a ghabhas latha-fois uair san t-seachduin. Agus tha e mar fhiachaibh orrasan a thagabhail fois dhaibh feins amealtuinn nan sochairean a tha tighinn nalorg, gach dichioll is urrainn dhaibh a dheanamh air an fhois cheudna thoirt do mhuinntir eile. Air an lathan diugh chan eil iadsan dom beil an fhois sin air a h-àicheadh aon chuid tearc no fad as. Anns abhaile so fhein tha Cuideachd an Iaruinn, gun aobhar sam bith ach ro-mheud an t-sannt, acumail àireamh cheudan de dhaoine aig obair gach latha dhen t-seachduin, agus tha gach tagradh a chaidh fan comhair air son sin a stad agus an latha-fois bu chòir a bhi aig an luchd-obrach a thoirt dhaibh, air a chur an suarachas. Chan fhaod e bhith gun leigear sin air adhart. Tha lagh na dùthcha naaghaidh agus is mithich a chur air ghluasad, o nach dean tagraidhean feum. Bu bhochd an gnothuch do shluagh na dùthcha so cùl a chur ri fois na Sàbaid aig a cheart àm a tha sluagh dùthcha eile, a chuir cùl rithes a chreanaich air, atilleadh rithe rithist.


Fios o Sheonaid Nic Lachuinn.

THA a bhan-òranaiche so an deigh crioch a chur air a cuairt do America. Direach mun dfhalbh i thar cuain, chuir i am fios a leanas gu MAC-TALLA. Bidh na Gàidheil anns na Roinnean Iochdrach toilichte chluinntinn gu bheil irùnachadh taghal orra-san air an ath bhliadhna; agus tha sinn cinnteach nach bi an fhàilte gheibh i uapa dad air dheireadh air an fhàilte fhuair i bho Ghàidheil nan Roinnean Uachdrach agus nan Staidean.


FAILTES FURAN!”

ADheagh Charaid, —Ceadaichibh dhomh, mun fàg min tir so, taing a thoirt don Ghàidheal ghasda a sheinn mo chliù anns aMHAC-TALLA o chionn mios no dha air ais; agus mar an ceudna dhuibh fein air son nam briathran snasda a sgriobh sibh air an obair a tha mi deanamh as leth cànain agus ceòlTìr nam Beann.” Aidichidh mi le mor-speis, mar bhana-Ghàidheal a tha stri ri òrain bhlasda ar sinnsir a sheinn agus a chraobh-sgaoileadh, gum bheil MAC-TALLA an còmhnuidh na inneal-iùil dhaibhsan a tha deònach air achànain aosda a chumail beò. Agus ma ghluaiseas iad, mar bu nos, gualann ri gualainn, chan fhaigh aGhàidhlig no MAC-TALLA bàs am feasda. Tha mi cur am broinn na litir so duais a phaipear air son bliadhna, agus cuiridh sibh a mionnsuidh e do Ghlaschu. Tha dòchas agam uair a thig mi an ath bhliadhna don tìr so, gum faigh mi cothrom air fàilte chridheil Ghàidhealach a chuir oirbh fein agus air Gàidheil Cheap Breatunn, agus gun seinn sinn le chéile òran math Gàidhlig.

Bu mhor am beud gum bàsaicheadh
Achànain as fhearr buaidh.”

Slàn leibh. Is mi bhur caraid,
SEONAID NIC LACHUINN.
New York, Maigh 3, 1902.


Latha Cur nan Craobh.

BE Di-haoine, an darra latha dhen mhios so, latha cur nan craobh. Tha an latha so a nise air a chumail anns na sgoilean an iomadh cearna dhen dùthaich, agus bhiodh e air a chumail na bfhearr nam biodh fios air an latha air a thabhairt gach bliadhna beagan ùine mun tigeadh e. Mar a tha, chan eil fhios aig moran gu bheil a leithid de latha ann gus am bheil e seachad. Ach ged a than latha seachad air a bhliadhna so, chan eil àm cur nan craobh seachad, agus bhiodh e na ni iomchuidh, chan ann a mhàin do gach sgoil, ach do gach teaghlach, beagan chraobh a chur na h-uile toiseach samhraidh. Chan eil an dùthaich so nadùthaich nan craobhnis fhaide. Theich na coilltean mora romh thuaighs romh theine, agus gheibhear an diugh iomadh àite lom, reidh, gun mhath do dhuine no do bheathach, a bhiodh moran na bfhearr nan robh e air fhàgail fo choille. Tha sgrios na coille adol air adhart fhathast ann an iomadh àite, ach ann an àiteachan eile than sluagh a faicinn maise agus feum nan craobh, agus gan cur na h-uile bliadhna. Chan eil ni am baile no air dùthaich as bòidhche sealladh na taigh air a shuidheachadh ri taobh tuim



[229]

[Vol . 10. No. 30. p. 5]

coille, agus cha mhò a tha sealladh ri fhaicinn as lugha tlachd na taigh na sheasamh leis fein gun chraoibh gun phreas am faisg fàire dha. Aguss e sin suidheachadh àireamh mhor de thaighean na dùthcha so. Tha tuilleadhs a chòir dhen t-sluagh aleigeil air diochuimhn gur bòidhche obair nàdair na an obair fein, ged is i an obair fein as cosdaile agus is giorra mhaireas. Togadh duine taigh, agus mas duinòg e, bidh giorra-shaoghail air mur faic e a bhith galeagail; ach cuireadh e craobh, agus bidh i afàs o bhliadhna gu bliadhna, na h-ionad-ceileiridhs na fasgadh do na h-eòin, na sgàile do na h-ainmhidheans na toileachadh do dhaoine; agus mairidh i mar sin fadan deigh don duine chuir i a chuairtsan t-saoghal a thoirt gu crìch.


Faclair Gailig Mhic-Eachainn.

Tha sinn adeanamh toileachadh mor ris an leabhar so. Is fada on bha na Gàidheil feumach air Faclair Gàilig a bhiodh naleabhar math earbsach, agus aig an àm cheudna saor. Tha sin air a thoirt dhaibh ann am Faclair Mhic-Eachainn. Bha am Faclair so air a sgriobhadh air tùs le Maighstir Eobhan Mac-Eachainn, sàr sgoilear tapaidh a mhuinntir Arasaig, a bha na Shagart ann am Braigh Mhàir, agus a chaochailsa bliadhna 1849. Sgriobh e àireamh de leabhraichean Gàilig. Bha am Faclair air a chur a mach an toiseachsa bhliadhna 1842, ach bha e mach á clò o chionn iomadh bliadhna. Tha an clòthadh ùr so air a dheasachadhs air a mheudachadh le dithis de na sgoilearan Gàilig as fhearr a thagainn an diugh, an t-Ollamh Mac-Bheathain, agus Iain Mac-Ille-bhain, an Inbhir-nis. Tha còrr is aona mile deug facal anns an leabharmu choig no sia ceud a bharrachd air na bhann afàgail làimh an ùghdair. Gheibhear iomadh facal ann a bha le faclairichean roimhe so air am meas tuilleadh is Galldafacail a bha air an gabhail an iasad on Bheurla, ach a gheibhear am beòil Ghàidheal anns gach cearna dhen t-saoghal, agus a tha mar sin air an deanamh nam fior Ghàilig. Theid aig a Ghàilig air iasad a ghabhail cho math ri cànainean eile. Tha an Faclair so naleabhar a tha de mheuds de chumadh a tha furasda laimhseachadh, tha an clò glan, soilleir, ’s am paipeir math, làidir. Tha brìgh nam facal air an innse ann am Beurla. Tha an luchd-deasachaidh ag innse gu bheil nam beachd faclair Beurla chur a mach anns am bi brìgh nam facal air an innse an Gàilig; le sin a dheanamh cuiridh iad comain mhor eile air luchd na Gàilig. Tha sinn an dòchas gum faigh an leabhar so creic mhor am measg nan Gàidheal, oir cha dthàinig leabhar a mach o chionn iomadh bliadhna as fhearr an airidh air.


Maceachen ’s Gaelic-English Dictionary. Second edition: revised and enlarged by Alexander MacBain, LL. D., and John Whyte. Inverness: The Highland News Office Price, 2s. 6d.; postage extra, 3d. To be had from the Publishers of Mac-Talla, Sydney, C. B. Price 75 cents by mail, post paid.


Litir Bheag o Mhicheil.

FHIR-DEASACHAIDH GHASDA: —Tha mi cur dolar thugad air son ainm ùr eile don phaipeir Ghàilig. Cha dfhuair min còrr aig an àm so, ach cha dthug mi suas nach faigh mi tuilleadh air son cuideachadh leis aphaipeir fhaotainn aon uairsan t-seachduin. Am faod mi acheist a chur, cuin a bhios dùil againn ri fhaotainn mar sin, no am bheil moran cuideachaidh gad dhìth fhathast air son a chur thugainn cho tricsa bàbhaist dhut? O nach eil mi cinnteach nach eil an luchd leughaidh air fàs coma dhe bhi faicinn mainmsa phaipeir, cha chan mi an còrr aig àm so. Is mi do charaid dìleas, MICHEAL.


Naigheachdan.

BAS MULADACHLatha Bealltainn dheug fear Iain Mathanach, aig a Mhèinn Uir, air sàileabh sgiorraidh a thachair dha da latha roimhe sin. Bha e tarruing leasachaidh don ghàradh, nuair ghabh an t-each eagal, ’s bha esan air a thilgeadh as achairt. Chaidh cuibhle na cartach thairis air, ga ghoirteachadh cho donas nach robh e beò ach an da latha. Bha e air aon de na daoine bu shines bu mheasaile bha aig amhèinn, agus chuir a bhàs mulad air na h-eòlaich uile.

GLUASADANSA CHLEIRTha coithional Aiseag Mhira an deigh gairm a chur dhionnsuidh an Urr. Iain Friseil, ministeir aChladaich a Tuath; agus coithional Mharion Bridge dhionnsuidh an Urr. Uilleam A Friseil, a tha air an earrach so ullamh ionnsachaidhs a mach á Colaisde. Bha an gairm sin air a ghabhail, ach dhiùlt Mr Friseil aChladaich a Tuath an gairm on Aiseag. Tha an t-Urr. F. C. Simpson air a dhreuchd mar fhear-cuideachaidh an eaglais St. Andrews, ’sa bhaile so, a leigeil uaithe, agus bidh an coithional sin an ùine ghoirid agluasad air son ministeir a ghairm a bhios air a shuidheachadh mar cho-oibriche do Mhaighstir Forbeis.

MORT ANN AN ST. JOHNAir an treas latha fichead den mhios a chaidh, fhuaireadh seann duine dam bainm Isac Outlin marbh nathaigh fhein ann an St. John, N. B. Bha làraichean bhuillean air aodanns air mullach a chinn, agus bha fuil mubheuls mushròin. Tha e ro choltach gum be mhort a rinneadh. Bha e nadhuine aig an robh roinn mhath de dhairgead, agus ainm a bhi gle spìocach. Bha e fuireach leis fhéin agus agabhail a bhìdh ann an taigh eile. ’S e fear an taighe sin a dol guionnsuidh le shuipeir a fhuair marbh e. Cha robh e aig a dhìnneir no aig a bhraiceas, agus tha e mar sin coltach gu robh e air a mharbhadh tràthsan latha no air an oidhche.

FALBH MHAIGHSTIR MHIC-ISAICDhfhalbh an t-Urr. Iain I. Mac Isaic á Sidni air an t seachduin sa chaidh. Bha e anns abhaile so mar shagart cuideachaidhsan eaglais Chaitlicich o chionn thri bliadhna, agus bha meas mor air mar dhuines mar phears’ -eaglais. Oidhche na Sàbaid mun dfhalbh e, bha sporan anns an robh tri cheud dolair de dhòr air a thoirt dha mar ghibht o mhuinntir apharraist, agus bha àireamh de ghibhtean luachmhor eile air an toirt dha an deigh sin. Tha e air a dhol gu parraist Lakevale, an siorrachd Antigonish, an àite an Athair Mhic-Gillesheathaich, a chaochail air a mhios a dhfhalbh. Thaàite ann an Sidni air a ghabhail leis an Athair Iain I. Camaran, a bha na fhear-cuideachaidh aig an Athair Mac-Gillesheathaich. Ged is Gaidheal Maighstir Camaran a fhuair a bhreth is àrach an Alba, tha e gun Ghàilig, agus mar sin cha bhiodh e cho feumail ann an Lakevale ri fear aig am bheil a chainnt sin, oir is parraist Gàilig a thann. ’S e sin a dhaobharaich an t-athair Mac-Isaic a bhi air a thoirt air falbh á Sidni.

IAIN BROWN MAR SGAOILFhuair Iain Brown, a bhasa phriosan air son ionnsuidh mharbhaidh a thoirt air Calum Mac-Fhearghais, teicheadh as aphrìosan oidhche Di-màirt air an t-seachdain sa chaidh. Tha Iain tinn leis achaitheimh, agus an àite chumail an aon de sheòmraichean aphrìosain, thugadh àite tàimh is cadal dha ann an seòmar najury .Bha e cumail ris an leabaidh fad na h-ùine, agus e air choltas cho tinns nach do smaoinich fear-a- phrìosain no neach eile gun toireadh e ionnsuidh air teicheadh. Ach maduinn Di-ciaduin bha a leabaidhs a sheòmar falamh, agus litrichean air am fàgail ag innse gu robh e air a dhol gu taobh na mara air son a shlainte. Tha esna litrichean sin ag àithne do luchd a cheartais, gun cur air a thòir, agus agealltainn gun till esan òg-mhios a sheasamh cùirte, ma bhios e beò, agus mur bi e beò, gun tig e mas urrainn da, a chur eagail orra. Chan eil teagamh nach robh e air a chuideachadh le cuideigin eile, oir cha bhiodh na chomas faotainn a mach leis fhein. Bha lorgan eich is carbaid air am faotainn aig dorus a phrìosain. Tha achùis a nise ann an lamhan an t-siorraim, agus mur dean esan prìosanach dheth a rithists es dòcha nach faicear Iain còir aig achùirtsan òg-mhios, aon chuidsa choluinn nosan spiorad.

BAS AN ATHAIR MHIC-NEILLChaochail Maighstir Iain I. Mac Neill aig Iona, air a cheathramh latha fichead de dhAprail. Bha e tinn o chionn còrr is bliadhna gu leth, air dha bhi air a bhualadh le parilis mu mheadhon an fhoghair 1900. Bha e tri fichead bliadhna dhaois, agus bha e nashagart am paraiste Iona fad thri bliadhna fichead. Bha meas mòr aig a shluagh air. Bha e air a thiodhlacadh aig Eilean Christmas Di-dòmhnaich an seachdamh latha fichead, agus bha barrachd cruinns a chunnacas riamh roimhe aig tòrradh anns an sgireachd sin.

SEANA BHEAN AIR CHALLTha bantrach Dhomhnaill Mhic-Coinnich, a bha fuireach air an Enterbhail Mhoir, am Margaree, air chall o chionn cheithir seachduinean, agus chan eil a nise dùil sam bith ra faotainn beò. Cho luaths a chaidh a h-ionndrain dhfhalbh sgioba dhaoine gah-iarraidh, ach gu ruige so cha dfhuaireadh i, beò no marbh. Tha beinn air am beil coille mhor, dhlùth, os ceann an àitesan robh a còmhnuidh; fhuaireadh a lorgan anns an t-sneachda suas a bheinn sin, ach air don t-sneachda leaghadh, chaidh an call, ’s chan eil dòigh air an taobh a ghabh i a dheanamh mach. Bha i ceithir fichead bliadhna dhaois, agus chan eil e ro choltach gun seasadh i ùine mhor ri fuachds ri anastachd.

FEIN-MHARBHABHThainig fear Patraic Daley ri bheatha fein anns a bhaile so maduinn Di-dòmhnaich, an seachdamh latha fichead de dhAprail. Leum e dhan uisge bhar na drochaid a tha eadar an obair-iaruinns am baile. Fhuaireadh a chorp mu dha uair feasgar. Bha e gle throm air an òl agus chaidh e car as a rian o chionn mios no dha air ais. Bha lighiche abhaile a frithealadh dha pàirt dhen ùine uaithe sin, ged nach robhas a meas gu robh e ann an cunnart. Chan eil teagamh nach robh inntinn air aimhreit nuair a chuir e as dha fhein. Thainig e an so á Boston, agus cha robh gin dhe chuideachdsa bhaile. Bha mu cheud gu leth dolair aige ann am fear de na bancaichean. Bha e coig bliadhndeug air fhichead a dhaois.

AN SIORRAM BUCHANANTha Uilleam Buchanan an deigh a dhreuchd mar àrd-shiorram na siorrachd so a leigeil uaithe agus tha Deòrsa B. Ingraham, á Sidni Tuath air a chur na àite. Bha Mr. Buchanan anns an dreuchd fad shia bliadhna deug, agus faodar a radh le firinn nach burrainn duine a dhleasdanas a dheanamh na bfhearr agus na bu lugha cruais na bha esan gadeanamh. Bidh iomadh dleasdanas mi-thaitneach air a chur fa chomhair oifigeach-lagha, agus is e fear ainneamh dhiubh aig nach bi grunnan math de naimhdean; ach chan fhiosrach sinn gu bheil aon aig Mr. Buchanan. Tha e nise nasheann duine, agus feumach air fois oshaothair, ach tha dòchas aig a chàirdean uile gu bheil iomadh bliadhna de shaoghal sona, saor o thinneas is gach trioblaid eile, roimhe fhathast.

ADAORADH NA FEOLATha cuideachd de dhaoinearrasach anns na Staidean an deigh greim fhaotainn air margaidhean-feòla na dùthcha. Tha iad atogail na prìse air son tuilleadh airgeid a dheanamh dhaibh féin agus tha àireamh mhor dhen t-sluagh air sàileabh sin do nach eil e comasach feòil a cheannach. Tha an dòigh gnothaich so air fàs gle chumanta anns na Staidean, ’s tha iadsan a tha ris afàs anabarrach saoibhir. Ach chan eil e cinnteach gun dean iadsan a tha daoradh na feòla am beairteas cho luaths a bha iad an dùil. Theid aig daoinair a bhi beò air biadh eile, agus feuchaidh iad ri deanamh as aon ais feòla nuair a dhfhàsas i ro-dhaor. Tha àireamh mhiltean de luchd-obrach ann an Chicagos am bailtean eile air aontachadh nach ith iad greim feòla gu ceann mios, agus mur bi a phrìs nas ìsle an uair sin, ni iad trasg fad mios eile. Ma ghabhar an dòigh sin le moran eile, faodaidh na h-uaislean a bhadol a dheanamh am fortain air biadh an t-sluaigh a bhin ùine ghoirid sgìth gu leòr dhen dòigh a ghabh iad. On chaidh so a sgriobhadh, tha fiosan á Chicago ag innse gu bheil malairt na feòla air tuiteam cheana; nach eilear a nise creic ach mu dha thrian dhen tomhas a bhatar acreic mun deach aphris àrdachadh. Faodaidh gun toir so air na daoine gun chogais a thuigsinn ged a theid aca air prìs bidh àrdachadh nach eil nan comas toirt air an t-sluagh an seòrsa bidh a thaghas iadsan ithe.



[230]

[Vol . 10. No. 30. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 227.)

atal nach tilleadh i air ais, thiormaich i na deoir bhar a h-aghaidh, agus dhfhuasgail i Abon Hasan. Shuidh iad le cheile air an t-sofa mu choinneamh na h-uinneig, afeitheamh feuch cia mar a thigeadh na cuilbheartan so gu crich, agus gus a bhith deas gus an gnothach a dheanamh a reir mar a thuiteadh cuisean am mach.

Aig acheart am ghreas abhanaltrum oirre cho maths a burrainn i gus fios a thoirt do Shobaide mar a bha. Leis cho toilichtes a bha i leis an naigheachd a bhaice ri innseadh da banamhaighstir, agus gu h-araidh a chionn gun robh duil aice ri duais mhath fhaotainn, ruith i, agus an anail an aird achleibh aice, don t-seomar anns an robh abhanrigh, gus a naigheachd innseadh dhi.

Dheisd Sobaide ris na bhaig abhanaltrum ri innseadh dhi le toileachadh gu leor; agus an uair a chuir i crioch air na bhaice ri innseadh, thuirt Sobaide le guth a bhanochdadh gun robh i toilichte gun cleachaidh an tagradh leatha: “Aithris do naigheachd aon uair eile ann an lathair an righ, a thag amharc oirnn uile mar nach biodh annainn ach dearg òinsichean. Bu mhiann leis a thoirt oirnn a chreidsinn nacheil aon chuid tur, no diadhachd annainn. Agus innis do naigheachd mar an ceudna don traill dhubh, aingidh sin aig an robh de dhànadas naigheachd bhreugach innseadh, ged a bha fhios aige gur e na breugan a bha eg innseadh.”

Bha Mesrour an duil gum biodh an naigheachd a bheireadh abhanaltrum gu Sobaide a reir na naigheachd a thug e fhein thun an righ, agus bha e air a dhorranachadh an uair a chuale na bhaice ri radh. Bha e fo dhoilghios mar an ceudna, a chionn gun robh fearg air abhanrigh ris, agus e an duil gun robh e fhein na bu chinntiche as achuis na neach sam bith eile. Bha e toilichte a chionn gum faodadh einntinn a leigeadh ris gu saor don bhanaltrum ged nach bu dana leis sin a dheanamh don bhanrigh. “A bhean chraosach ghranda,” arsesan ris abhanaltruim, “tha thug innseadh nam breug, agus chaneil facal firinn anns na tha thug radh; oir chunnaic mise le mo shuilean fhin Noushatalna sineadh marbh air an urlar.”

Tha thu fheinnad dhearg bhreugaire,” arsabhanaltrums ifreagairt le corruich. “An dana leat breugan cho comharraichte a labhairtnam lathair, agus mi direach air tighinn an deigh dhomh Abon Hasan fhaicinnna shineadh marbh; agus a bhean beos ina suidhe aig a cheann?”

Cha mhealltair idir mi,” arsa Mesrour; “is tusathafeuchainn ri ar cur uile cearr.”

Nach tu tha mimhodhail,” arsabhanaltrum, “an uair a tha de dhanadas agad a radh, ann an lathair an righs na banrigh, gum bheil mig innseadh nam breug, an uair a tha mi direach an drasta fhein an deigh na dhinnis mi dhaibh fhaicinn le mo shuilean fhin.”

Seadh gu dearbh, a bhanaltrum,” arsa Mesrour; “is fhearr dhut do bheul a chumail duinte; tha thu air a dholnad bhreislich.”

Chuir na briathran so a labhair Mesrour ris abhanaltruim dragh mor air Sobaide, agus thuirt i ris an righ: “A Cheannaird nan Creidmheach, tha mig iarraidh gun smachdaichear e air son nam briathran taireil a tha elabhairt ruinn le cheile.”

Bha ina leithid de chorruichs nach burrainn i facal tuilleadh a radh, agus thoisich i ri sileadh nan deur.

(Ri leantuinn.)


Ge be don dthug thumhin, thoir dha achàth.


Air Diteadh gu Bas gun Dearbhadh Soilleir.”

IS lìonmhor eisimpleir a ta againn air daoinibh a bhi air an cur gu bàs gu neo-chiontach, do bhrigh nach robh an dearbhadh a bhanan aghaidh cinnteach ann fein. Bu chòir, uime sin do bhreitheamhnaibh a bhi anabarrach cùramach ciod an fhìanuis leis an dìt iad an co’ -chréutairean fein gu bàs, do bhrigh gur fearr fichead ciontach a chur fa sgaoil, na aon neach a chur gu bas agus e neo-chiontach.

Bheir sinn cùnntas air cùis iongantaich don ghnè so, a thachair o cheann ghoirid ann an Sasunn. Bha fear dom bainm Ionatan Bradford acumail tigh-òsda ann an siorramachd Ocsfoird, a bha fo dheadh chliù. Bha duin’ -uasal dom bainm Haies, agabhail na slighe gu baile Ocsfoird, agus chuir e suas car oidhche ann an tigh Bhradfoird. Ghabh e a shuipeir maille ri dhuin’ -uasal eile, agus gun umhaill sam bith, dhinnis e dhoibh gun robh mòran airgid ma thimchioll. Aig am iomchuidh chaidh iad gu fois: chuireadh Haies do sheòmar leis fein, agus an dithis eile do sheòmar anns an robh da leabaidh, far an dfhag iad, a réir cleachdaidh mòrain sluaigh, coinneal alasadh na h-òidhche! Ann an ùine ghoirid an déigh dhoibh dol dan leapaichibh, dhùisg fear don dithis dhaoin’ -uaisle, agus air leis gun cual e osnadh tròm anns an ath sheomar, dhéirich e, dhùisg e gu ciùin a chompanach, dhéisd iad le chéile car tamuill, chualiad caoidh agus gearan, mar aig neach adol gu bàs, leum an ath fhear as a leabaidh agus ghluais iadnan dithis gu tosdach a dhionnsuidh doruis an t seòmair, anns an robh iad acluinntiunn aghearain. Cha robh an dorus buileach dùinte, agus chunnaic iad solus a steach. Dhfhosgail iad an dorus, chaidh iad a stigh, agus feuch! an t-eagal leis an do bhuaileadh iad, an uair a chunnaic iad duinesan leabaidhga aoirnoaganna fhuil fein, agus duineile crom os a cheann’, le lòchransan aon làimh, agus sgiansan làimh eile. Is luath a dhaithnich an dhuin’ -uasal gum be am fear a mhortadh, esan a ghabh a shuipeir maille riu, agus gum be fear an tigh-òsda fein, aig an robh an t-inneal bàsmhorna laimh! Rug iad air Bradford, thug iad an sgian uaith, agus chuir iadna eudann gum bu mhortair e! Ach thagair esan a neo chiontas fein, chaidh e as àicheadh gu dìan ag ràdh gun dthainig esan an sin leis acheart rùn leis an dthainig iad fein, gun cual e osnadh, gun do léum e as a leabaidh, gun do las e solus, gun dthug e sgian leis chum e fein a dhionadh, agus nach robh e leth mionaidsan t seòmar mun dinndrinn iad fein e!

Cha deanadh na leisgeulan so féum dha, chuireadh an làimh e gu maduinn, agus thugadh an sin e an làthair fir ceartais a bha sachoimhearsnachd. Bha e do ghnàth atagradh a neo-chiontais fein, ach bha -éigin amhrasach mun cuairt da ghiùlan, a thug air an fhear-cheartais a ràdh, “Cha ruig thu leas a bhi labhairt mar sin, a Bhradford, oir tha e cìnnteach gur tusa no mise, a rìnn am mort so.”

Bhan gnìomh oillteil so ann am béul nan uile, agus leis na h-uile bha Bradford air a dhìteadh! Ann am beagan ùine an deigh sin, thàinig na deuchainn, ann am baile Ocsfoird. Bhachuirt air a lìonadh leis gach àrd agus ìosal. Thugadh Bradford an làthair nam Breitheamh, agus thagair e a neo-chiontas fein. Ach ciod a burrainn a bhi ni bu treise na fianuis an dhuin’ -uasail? Mhionnaich iad gan dfhuair iad Haies air a mhortadhna leabaidh, gun do ghlac iad Bradford ri taobh achuirp le sgithinn agus lòchran, agus gun robh an sgìan agus an lamh anns an robh i làn fola! Chuir iad an céill gun robh coslas ciontach air a ghiùlan, an uair a chaidh iad a stigh don t-seòmar, agus gun cual iad beagan mhionaidean roimhe sin, caoidh agus gearan an duine a mhortadh!

Ghabh Bradford a leisgeul fein, agus thagair e a chùis mar a a rinn e roimhe, ach bha na breitheamhna a dhaon ìnntinn, ag ràdh, gun robh gach leisgeul a thagair e faoin agus suarach, an coimeas ris an dearbhadh laìdir a bhana aghaidh. Bhachùis co soilleir an aghaidh achiontaich, ’s nach do smuainich an luchd-deuchainn gun robh aobhar idir aca dol air leth do sheomar eile, chum am barail a dheanamh suas, ’s a chur an ceill, ach ghlaodh iad a dhaon ghuth, gun robh am prìosanach ciontach do mhortadh Mhaighstir Haies!

Beagan an déigh sin chrochadh Bradford, agus bha e gus an uair fa dheireadh acur an céill, nach robh e ciontach, agus gun robh e gu h-iomlan aineolach mun mhortadh, ach cha robh neach sam bithga chreidsinn!

Bha Bradford, gidheadh, ag innseadh na firinn, oir cha be idir a rinn am mortadh! —Rinneadh e le gille an duin’ -uasail a mhortadh! —agus co luathsa shàth e an t-inneal marbhtach ann an corp a mhaighstir, ghrad thug e aseudach an t-airgiod, uaireadair òir, agus nithe luachmhor eile, agus ruith e air ais da sheòmar fein! Cha burrainn so uile tachairt ach mu aon mhionaid mun deachaidh Bradford a steach do sheòmar an duin’ -uasail a mhortadh! Fhuair an saoghal fios air so uile, a mhàin, trìd agartais coguis an fhìor mhortair. Dhfhàs e tinn ochd mìosa deug an déigh do Bhradford a bhi air a chur thairis, agus dhinnis e gach gu saor. ’Se aithreachas leabaidh-bàis a bhann, agus air da bàs fhaotuinn, chaill an lagh a chreach!

Bfhearr air dòigh, gum be so an t-iomlan, ach tha tuilleadh fathast ri innseadh! Ged bha Bradford neo chiontach don mhort so, bha e gidheadhna mhortairna chridhe! Chual e, co math ris aghille, Haies ag ìnnseadh aig a shuipeir, gun robh mòran airgid air a shiubhal, agus chaidh e gu ruig a sheòmar leis acheart rùn a bha ann an cridhe a ghille a mhort e! Bhuaileadh le h-iongantas agus eagal e, an uair a chunnaic e an gnìomh sin air a dheanamh, a bhana chridhe fein a dheanamh! Cha burrainn e a shùilean fein a chreidsinn, agus air da an t-eudach leapach fhilleadh sios, dhfheuchainn an robh an duine da rìreadh air a mhortadh, thuit an sgian as a làimh air achorp, agus mar so, ’n uair a thog e i, bha i fein agus a làmh làn fola! Aig amhionaidsan drinn e sin, chaidh na daoin’- uaisle a stigh far an robh e! Dhinnis Bradford na nithe so uile don mhinisteir a bhafrithealadh dha, an déigh dha bhi air a dhìteadh gu bàs, ach cha robh esan no neach eile idirga chreidsinn.

Tha sinn afaicinn an so, eadhon an rùn a mhàin chum aingidheachd ghràineil a chur an gnìomh, air fhiosrachabh le dìoghaltas agus peanas; agus tha so adeanamh soilleir dhuinn, gur mìorbhuileach oibre freasdail ! Ach a thuilleadh air so, tha rabhadh an so do na h-uile, iad a bhi air am faicill nach feuch iad an airgiod agus an òr do shluagh eile ann an àitibh coimheach. Thuit Haiesna chreich do mhi-chùram air an dòigh so. Bha buaireadh an airgid tuilleadhs làidir, tha sinn afaicinn air son dithis don chuideachd bhig sin a bha làthair air an oidhche sin! Nach soilleir an dearbhadh so air briathraibh an abstoil, gurh-e gaol an airgid freumh gach uilc?” —Cuairtear nan Gleann.


Ge be nach fuiling docair, chan fhaigh e socair.

Ge be nach dean a ghnothach cho luath risheise, ni e uair as aimh-dheise.



[231]

[Vol . 10. No. 30. p. 7]

Comunn na Stuamachd.

LE ROB MAC-DHUGHAIL.

Bu mhac Rob Mac-Dhùghail do dhAlasdair Mac-Dhùghail, a bha na thuathanacham Braigh-Fasaidh. Chaidh e do dhAustralian mun bhliadhna 1843, far an do ghabh e tuineachas mu cheithir mile bho Mhelbourn. Bhiodh e aig an àm sin, a reir iomraidh, mu dha fhichead bliadhnadhaois.

SEISD
Buaidh le comunn mo ghaoil!
Piseach air comnnn mo ghaoil!
O! soirbheachadh math leis a chomunn
A chuir an droch obair ma sgaoil.

Gun tuigeadh an leughadair suairce
An commm a luaidh mi am rann;
S e comunn fior ghasda na stuamachd
Mun togainn mo dhuan anns an àm,
An comunn a dheulaidh mu thuath oirnn
Feadh ghlacagan uaigneach nan gleann,
Aleasachadh cleachdaidh na tuath-cheairn,
S a cheartachadh gluasaid nan clann.

Than comunn so urramach, feumail,
A chasgadh gach eucoirus ;
S thoirt caochlaidh ro mhathasach ceutach
Air abhaist mi-cheillidh nan slògh;
Am fear a bhan uiridh le daoirich
Na shineadhs an aolach gun treoir,
Tham bliadhna, air fheins air a theaghlach,
Learans leaodach a fòir.

S a bhean a bhan uiridh gle dhiùmbach,
S le bochduinn fo thuirses fo bhron,
Tham bliadhna gu h-aighearach, mùirneach,
S am pailteas mu tùrlach de lon.
Onmhosgail fear tighe odhùsal,
S a dhfhosgail a shùilean o chlo,
S a dheirich gu farumach, sùrdail,
Mar dhuine as ùr atighnn beo.

On threigeadh leo cuideachd dhroch dhaoine,
S an coluadar baobhail gun tùr,
Fhuair fuasgladh a aimbeart an t-saoghail,
Us mhothaich iad saorsa as ùr;
Faicnis iad gu h-aithreachail geamnuidh,
“ ’G ath cheannach na h-aimsirle sgoinn,
Stoirt eisimpleirs airidh a leanmhuinn
Len oibribhs len seanchas don cloinn.

Gum bionmholtgun teagamhs bu chliuiteach
An gradh chuir air tus e air bonn,
Gradh dian nach robh farasd a mhùchadh
Las cridheachan iulmhor nan sonn
Le curam mu anma neo-bhàsmhor
A thearnadh gu bràths a chuir saor;
Ged their a chuid mhor de na phràbar,
Chaneil iad achsàbhal am maoin.”

Is ainmeil am ball deths is fheumail,
An sagartthan Eirionn ud thall,
Bu bhuannachdail sealbhach do cheudaibh
A chuairtthug an treun-laoch a nall;
Thug Matthew math iomadh fear dalma
A purgadoir gailbheach an oil;
Chuir an sagart so comain air Alba,
Ged dhiult es a charbhas dhi feoil.

Gur fhadabhios cuimhnagus luaidh air
A bhall sin deth, Ruairidh nan glonn,
A theann riss na h-eileanaibh tuathach,
S a sgaoil e gu buadhachn ar fonn;
Is dileass is gaisgeil an fhianuis
E, ged a bha iannad gun cheill
A feuchainn risgaradh on fhion-lios
Mar mheangan de chrionaich gun fheum.

Am fear a ghabh aisling neo-bhrioghar,
Nach bi e ga h-innseadh gach ;
Ach esanghabh focal na firinn,
Sior sheasadh e dileas do ghnàth.
Ciod e an droch mholl do na chruinneachd?
No ciod e an cruinneachd don mholl?
N teid daoine glan stuama nan cuideachd,
Is daoraich gan luidreadhs a pholl?

Cha teid: oir gu deimhinn is leir dhuinn
An caochladh thair beusaibh an t-slòigh,
On thuig iad da rireadh gum bfheumail
Bhi diteadhs a seunadh na pàit;

(Air a leantuinn air taobh 232.)


Oran

Do sgioba bàta a mhuinntir Chnoideart, a bhàthadh aig Rudha Arisaigsa bhliadhna 1831, le Eoin Mac Gillebhrath, nach maireann, Dunmaglass.

Tha liunn-dubh air feadh an àite
Mun da bhràthair bhàthadh comhladh,
Domhnallach aig Allt Mhic-Càra,
S na deagh àrmuinn bha na chomhdhail;
Am pòitearachd na droch nàdar
Cha do chàraich Dia nar feola;
S lionmhor cridhe dhfhag sid cràiteach
Bharrachd air na dhàraich og sibh.

Och, mo thruaighe! ’s tusEoin Ghrannd
A chaill a chlann bu mhath beusan;
Shaoileadh tu gum biodh tu taingeil
Mur am biodh iad ann le cheile;
Liath am bliadhna so roimhn àm thu,
Dhfhag i fann is mall na dcheum thu,
Gur beag an t-ioghnadh thu bhi ann;
Is mor do chall am measg nan ceudan.

Gur beag an t-ioghnadh leam Anna
Bhi trom galach mar a tha i,
S ann ga dith a tha na fearaibh,
Deagh chaidreabhsa dearbh bhràthair;
Nuair a dhuisgeas isa mhaduinn
Anns an leabaidh gur a fàs i;
Chuir sid sgian ad chridhe sparradh
Nach tig asad fad do làithean.

S beag ioghnadh leam i bhi truagh dheth,
S a gruaidhean gu silteach siubhlach,
Mun ionndrainn a thugadh uaipe;
Measg an t-sluagh cha robh an diumb ann;
An Dia thogair an toirt uaipe
Dheanamh fuasgladh anns gach cùis oirr’,
Bhon dhordaich E bàs a fhuair iad,
Sgrios an cuan, mar caigh gadùnadh.

S iomadh cridhe than diugh cràiteach,
S ann mu bhàthadh Dhomhnaill Grannd e,
Beul a toirt a mach a ghàire
Nuair bhiodh càch a dol air aimhreit;
Leam is duilich e ri ghradhainn,
Do bhean og i bhi na bantraich;
Beannachd an t-sluagh leis na h-armuinn,
Leam is truagh na chaidh air chall oirnn.

Ach Alasdair bhàin, a charaid,
S fada leam a tha thu di-chuimhn:
S og a thogadh thun taic rium,
Do mhi-thlachd chan fhacas riamh ann,
Ach fior siobhaltachd is ceartas,
Sid a chleachd thun àite mi-thlachd;
Cha bu mhac thu mar an t-athair
Nam biodh atharrachadh giomh ann.

Bha oganach de chloinn Mhic Leoid ann,
Ged nach robh ar n-eolas dlùth air,
Far an robh e greis a comhnuidh,
S e na h-eolaichbheireadh c air;
Mac an athair nach robh comhstri,
Fhuair e leons bu mhor an diubhail,
Chuir e fear eile fon fhoid dhiù
Cha robh sid cho mor ri chunntas.

Bho na dhfhalbh iad air an turus,
Gun tighnn tuilleadh thun an càirdean,
Nan deanadh sibh galar fhulang,
Mas e burraiun duibh for nàdar;
S fios agaibhsan t-saoghal uile
Nacheil duine dol a thàmhachd,
Sinn a falbh mar thilgeadh duilleach,
Thusan diugh is mise màireach.

Nam bu stoirm a chuir sibh thairis,
Cha ghearainean fhein cho mor e,
No aimbeart am meadhon mara
S tric a chailleadh nan daoineolach
Ach cuir as duibh ri taobh cladaich,
S daor a cheannaich càch am voyage,
A rinn shallop dubh a calladh
Tighnn gu acair oidhche Dhomhnaich.

Moch Di-luain an àm dhuinn gluasad,
Gun sibh buan fo thus na samhuinn,
Fhuair sinn naigheachd a bha cruaidh leinn,
Luchd gun smuairnean bhi air chall oirnn;
Trod no misgearachd no tuasaid
No mi-stuaim gun robh sibh gann dheth;
Mo dhochas gun drinn sibh buanachd
A bhios buan am measg nan ainglibh.

S e bhith cuimhneachadh ur coltais
Chaneil ann ach smuaintean diomhain,
Ged bann san ùir bhiodh an collunn,
Theid i dholaidh, ’s beag is fhiach i;
S e bing ùrnuigh ris na h-aingeil
Na bheil againne ri dheanamh,
Criosd a dhfhuasgladh air ur n-anam
Gu bhi maireannach na fhianuis.


Iadsan a Phaigh.

Eachunn G. Mac Aoidh, Bras dOr Mor.
Iain F. Domhnullach, Seana Bridgeport.
Gilleasbuig Moireasdan, Horne ’s Road.
Aonghas Gillios, Braigh Mhargaree.
Aonghas Bautan am Pon Mor.
Caipt. Raonull Moireasdan, Halifacs, N. S.
A. A. Mac Gillebhrath, Dunmaglas, N. S.
Donnacha Gillios, Whimroad Cross, E. P. I.
S. Mac-a- Phearsain, Green Marsh, E. P. I.
An b-Urr. G. Mac-Mhuirich, Sonya , Ont.
Anna P. Nic Laomuinn, Tiverton , Ont.
A. I. Mac Dhiarmaid, Ottawa , Ont.
F. A. Gemmel, Selkirk , Manitoba.
F. A. Mac Coinnich, Vancouver , B. C.
Domhnail Dùghlach, Red Jacket, Assa.
Calum Ros, Milan, Cuebec.
Domhuall Mac Laomuinn, Detroit , Mich.
Alasdair Torrey, Pittsburg, Dakota Tuath
Alasdair Mitchell, Bowesmont, Dakota Tuath
Domhnall D. Camaran, San Francisco.
Seonaid Nic Lachuinn, Glaschu, Alba.
Iain Hosack, Dun-Eidionn, Alba.
Niall Mae Leoid, Waipu , New Zealand.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air S2.00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris leth-dolar.

COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duinainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


Uilleam K. Beaitsto,
Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO,
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr



[232]

[Vol . 10. No. 30. p. 8]

Comunn na Stuamachd.

(Air a leantuinn o thaobh 231.)

Na misgearan mosach le athadh
Cha tog, air an latha, an sùil:
Mas fheudar gun caisg iad am pathadh,
S ann dheigheas iad searrag do chùil.

Mo thruaighe! air son luchd nan tigh-osda,
Tha cuspair an dochaisdol eug,
Chan ioghnadh iadchasadh an sron rinn,
S bhig aithris droch sgleo oirnn is bhreug;
On thachair do chomunn na stuamachd
Bhi seoladh an t-sluaigh air deagh cheum,
Chaill moran diubhdochas am buannachd
S chan fhaigh iad na dhfhuasglas am feum.

AN II CUID.

O! càit a bheil obair cho suarach,
Ri suidhe mun cuairt air a bhord!
An conaltradh dàna ri tuaileas,
Ri brionnal mi-chuannta ag ol;
Co-fharpais gun tlachd agus buaireas,
Mu dheireadh abualadh nan dorn,
S a mionnachadhchaoidh nach duin-uasal
An siachair nach sguab leis a chorn?

Fearrùchdail an leth-oir na luatha,
Fear eilena shuacan air stol,
Fearbrùchdailsa sgeithe mun chuaiche,
S fear eiletoirt fuaim air a cheol;
An nàmhaid gu ailghios ri luaghair,
Chan iarr e ceol-cluaise nis fhearr,
M feadh dhfhanas an cogaisean suaimhneach,
Oir tha iad gu luath a dol cearr.

S a mhadainn an àm dhaibh sud dùsgadh,
S neo-aoidheil an gnùisus am fiamh,
Iad anshocrach, acaineach, ciùrrte,
Trom, airsneulach, brùite nan cliabh;
Cha chluinnear on slugan ach càrsan,
Oir theirig an tàbhachds an cli,
Cha ghabhus chan fhuiling biadh làidir,
Cha fhreagair dan càileachd ach ti.

Nach anabarrach meallta am bruadar
Bhan eanchainnibh luaineach nan Gàidhl,
N uair mheas iad an carraids an tuasaid
An cuideachdaibh truaillidh nam bàl.
Mar ghaisge, mar urram, ’s mar chruadal,
Bha dhaibhsan tur dhualachs an stri;
Nach ioghnadh nach tuigeadh na truaghain
Ciod e chuir an t-uabharnan cridh’.

Achnis bheir an comunn so buaidh orr’,
Us treigidh am fuathus am fraoch,
Chan fhaicear tuilleabar mu ghuaillibh,
No sgrioba mu ghruaidhibh nan laoch;
Cha bhi fear-na-toiseachd an uachdar,
Acur nan daoin’ -uaisle fo shàil;
Bidh iadsan gu ceanalta, suairce,
Us paidhidh an tuath dhaibh na màil.

Chan fhaicear fir choire na stuaime
Nis mo aig luchd druaibe an sàs,
Mas eiginn gun iarr iadbheag uatha
Leo iocar a luach dhaibh gun dàil;
Dhfhalbh cosnadh nan earraide crosda,
Bha fiaradh, le brosgul an ròd,
Chaill iadsan an greim bhac den cuspair,
S cha chluinnear an gusgals a mhòd.

Ach sibhsechuir comunn na stuamachd
An aidbheil caoin-shuarachs an nòs,
Tha miseg radh ribh anns an uair so,
Gu bheil sibhnar truaillidheachd fòs;
Cha dànus cha nàr leambhig innseadh
Gun tug sibh do fhìreantachd fuath,
Oir dearbhar gu beachdaidh on fhirinn
Ur cleachdadhsur n-inntinnbhi tual.

Nach soilleir ri leughadhs a Bhiobull,
S na briathraibh a sgriobhadh le Pol,
Nach sealbhaich luchd-misg agus mi-ghniomh
Chaoidh cuibhrionn an rioghachd na gloir!
Gur ann a than anma fon diteadh,
S gum bi iad gu dilinn an truaigh!
S nacheil aig an corpaibh do shiochaint,
Ach fhads bhios iad sintes an uaigh!

S truagh gum bitheadh clann-daoin
Struigheadh an anmas am maoin!
Nach neartaicheadh lamhan achomuinn,
S gun cuireadh droch obair cho faoin!

Nach treigeadh os-airdus os-iosal
Na doigheana millteach gun àgh
Bha measail na latha aig Dives,
S a threoraich na milte gu cràdh!
Nach aonadh ri comunn nam fìrean,
S an spiorads am fìrinn rin ceann,
An caraid tha tairisus dileas,
S gu suthainn nach diobair am fann.

Ios, an Slanuighear caomh,
Cia mor a ghradhaich an saoghl,
’ ’Nuair thainig eshaoradh a phobuill?
Sa dhaingneachadh Comunn nan Naomh.


Oran

Do Chaiptin Uilleam Siosal agus do bhuidhinn dhaoine a dhfhalbh leis a Strathghlais don t-saighdearachd,

LE DOMHNALL GOBHA.

Nam bu deonach leibh meisdeachd
Ged a dhfhailnich mo gheirorm,
So na facil a leughinn an drasd.

Gu bheil sinnann an solas
Ged tha mnathan fo bhron dheth,
S tha mim beachd gur h-e dochas as fearr.

Tha iadsa caoineadh nam macan
A tha triall chum an fheachda,
S chan fheil sinne gan acainnan càs.

Ach faightan nall dhuinn am botull
Agus gloine no copan,
Gus an ol sinn an deoch sair an càil;

S air slaintan t-Siosalich Ghlaisich,
Agus olamaid as i;
S na robh slaintann sa phearsa nach tràigh.

S am fear nach ol i gu dùbailt’,
Call a dheudachs a shùlair,
Gus nach leir dha mo dhùrachd-sa dha.

Ach buaidh is piseach air Uilleam
Ga shior dhion bho gach cunnart,
S air gach duinechaidh bhuileachadh dha.

An t-og aigeantach, priseil,
Chuireadh sgairt fo na miltean,
S leat am prasgan as finealtadh-fhàs.

S beag an t-ioghnadh ethachairt,
Oighre Chomair nam macan,
Dhan robh foghlum is fasanan àrd.

N am catha no comhraig
Gur leat maithean Chlann-Domhnaill,
Eadar Uibhist is comhnard Phort-chlàr.

Tha Gleann-Garadh dhuit dileas
Ann an cogadh non siochaint;
S thug Mac-Dhughill gle chinnteachad phàirt.

Mar sud is Clann-Choinnich,
Le am brataichean soilleir,
S thig Mac-Shiminad choinnimh bhon Aird.

Gur a h-iomad fuil uasal
Thanad bhallibh a bualadh,
Nach lamh misesan uairchur osn aird.

Bha na Siosalich ainmeil
Anns gach ait am biodh fear-ghleus,
Eadar criochan na h-Albasan Spain.

Bha iad tighearnail, feilidh,
Gun airce, gun eucoir,
S iad mar leoghannan beumannach, garg.

Bha iad iriosal, beachdail,
Na fir ardanach, sinachdail,
Rachadh daicheil am fasan nan arm.

Bann de dh-fhasan nan Glaiseach
A bhi ceannsgalach, tapidh,
Le luths lamh gum biodh acain aig càch.

Gur h-en suaineas a bhaca,
N àm dol sios anns na baitil,
Dealbh an tuirc ann sa bhratich gun sgath.

Gur h-en cleachdadh bu dual daibh
An am caitheamh na luaidhe
A bhi bras-lamhach, cruadalach dàn.

Gun robh Dia ga bhur seoladh
Anns gach onair an coir dhuibh,
Gus an till sibh air meolas an nall.


Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
as fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.

K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid. D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. 10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .

Ard-oifis: —TORONTO , CANADA.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 30
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla X No. 30. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page