[233]

[Vol . 10. No. 31. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach duinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 23, 1902. No. 31.


Stuth na Beatha;

NO TE DHE NA SGEULACHDAN URA.

NUAIR a bhan saoghal òg bha stuth na beatha na laighe gu socrach sàmhach air grunnd a chuain. Bha e air a dheanamh a suas de pholl buidhe, de chriomagan mìne de chlaich-theine, agus de bhrìgh beatha. Bhiodh an doinionn gaghluasad gu garbh, gabhrisdeadh as a chéile, agus gashuaineadh a suas nabhùill bheaga, chruinne. Bhiodh na critheannan-talmhainn, cuideachd, a toirt chrathaidhean doirbhe air, agus mar so a cuideachadh na doininn gu brìgh na beatha a chur air ghluasad ann. Leis gach crathadh a bha na bùill bheaga a bha dlùth don chladach a faotuinn, agus le bhith a sìor sgailceadh a chéile, bha brìgh na beatha air a neartachadh cho mór annta is gun dfhàs iad nan iasgan crìona. Cha burrainn iad snàmh an toiseach; ach le dìchioll is oidheirpibh, dhfhàs lannan is sgiathan orra, agus shnàmhadh iad gu siubhlach. Bha déidh mhór acair an t-saoghal a bha os an cionnfhaicinn, agus gu sònruichte an ni sin a bhiodh a dearrasach air an uisge is a cur blàiths ann. Latha de na lathachan thog iad orra agus chaidh iad a suas gu uachdar an uisge. Bha iad anabarrach toilichte, agus thòisich iad air ruiths air leum gun sgàth, gun chùram. Nuair a bha an othail acaig a h-àirde thàinig gaoth uamhasach a nuas gu h-obann mun cinn, agus chuir i na tonnan gu leumnaich, slachdraich, is rànaich. Ghabh iad eagal mor agus thoisich iad ri tilleadh dhachaidh. Ach mun gann a fhuair iad tionndadh, ghlac an tinneas-mariad, agus chuir e gu diobhairt iad uile, ach na giomaichs na partain. Theab iad am mionaichean a chur am mach. Bha iad tinn da-rìreadh; ach fhuair a chuid mhor diu air ais sàbhailte.

Air latha stoirm an éisg ghiulain a ghaoth beagan de leóbagan, de dh-easgannan, de phartain, ’s de dh-iasgan meanbha gu tìr, agus thilg i iad am fàsaichibh tiormas an coilltibh gorma, an lochaibh glana, ’s am boglaichibh salach. Tre neart na h-ùrach agus an uisge ùir, maille ri cumhachd na gréine agus na dealanaich, ach gu sonraichte le éifeachd lagh an taghaidh nàdarra agus lagh maireachduinn an ni bu fhreagarraiche thàinig sliochd nan iasgan a sguabadh am mach as a mhuir, an ceann morain de lìnntibh gu bhith nan snàigearan, nan cuileagan, nan eoin, ’s nan ceithir-chasaich.

Bha na losgannan a bha ann an eilein Iava anabarrach tapaidh agus teoma. Chleachd iad gach ìnnleachd a bha nan comas gu sliochd ùr a dheanamh agus gu fàs mór. Thainig iomadh atharrachadh air cuid diu agus be deireadh a ghnothaich gun dàinig dithis diu gu bhith nan apannan, apa firionn agus apa boireann.

Mar a thachair do Chalum a Ghlinne thachair do na h-apannan; bha iad ag iarraidh a bhith mór. Bha iad math air streapadh nan craobh, ach cha burrainn iad a bheag de choiseachd a dheanamh le seasamh air an casaibh deiridh. Bhiodh iad a cur nan apannan òga air am broinn agus a saltairt orra mu na màsaibh gus mu dheireadh an do rinn iad triuir dhiu cho dìreach ri saighdear. Dhfhàs an triuir so gu math mór asda fein agus, mar bha cuid do ghaothairean gun tùr a deanamh an diugh, bha iad a sealltainn a sios air an sinnsre. Bha a h-aon diu firionn agus a dha dhiu boirionn. Thachair gun do chaill dhe na apannan boirionn an t-earball, agus bhiodh an eile ri fanaid oirre. Bha so ri aimhreit mhoir. Dhfhalbh an t-apa firionn agus ghearr e an t-earball dhen eile. Bhiodh iad an nis le chéile a magadh air fhein. Ghabh e an sin an sgian-chlaiche aige, agus ghearr e an t-earball deth fein cuideachd. Thainig e an nis mar chleachdadh am measg nan apannan a bhith a gearradh nan earball de na h-apannaibh òga. Bhiodh blàths mor an eilein Iava air uairean. Smaointich na h-apannan neo-earballach, no na h-apannan uasal, gum biodh e gu moran feuma dhaibh am fionnadh fhaighinn diu fein. Thug e iomadh lìnn daibh mun dfhuair iad am mach an doigh air son sin a dheanamh. Mu dheireadh bhruich iad cairt shearbh a thachair orra agus shuath iad iad-fhein thairis is thairis leis an t-sùghadh aice. Thòisich iad, cuideachd, air an t-sùghadh so a shuathadh ri bun a chnaimh droma nuair a ghearradh iad an t-earball deth. Ann an ùine nach robh fìor fhada thoisich na h-apannan òga ri tighinn a staigh don t-saoghal gun fhionnadh, gun earball. Bha na làmhan aca tuilleadh is fada leotha, ach le bhith gam brisdeadh, gan deanamh goirid, is gan tàthadh ri chéile fhuair iad an cur anns an fhad cheart. Ach cha robh iad toilichte fhathasd. Cha bu toigh leotha na mucan, agus bhan ceann aca fhein gle choltach ri ceann na muice. Thoisich iad an nis air dinneadh ceann nan apannan òga gu cuma chruinn bhoidhich. Lean iad air an obair so greis mhóir. Chleachd iad iomadh seòrsa sùghaidh gus an ceann a chumail ceart, achs i saill a mhathain agus sùgh na deanntaig air an cur am measg a chéile ni a bfhearr a fhuair iad. Bhiodh iad a marbhadh nan apannan òga air nach biodh ceann car mar bu mhiann leotha. Air don chleachdadh so a bhith a reir lagh an taghaidh nàdarra, rinn e moran de dh-fheura daibh. Thainig beagan de na h-apannan air a cheann mu dheireadh gu bhith ann an cruth duine. Fhuair an fheadhainn so dragh mor leis an dòigh anns an robh na h-apannan òga a teachd a chum an t-saoghail. Cor uair bhiodh na h-apannan firionn gle ghann, agus air uairean eile bhiodh na h-apannan boirionn a cheart cho gann sin. Dhaobharraich an t-eadar-dhealachadh a bhiodh mar so ann an àireamh eadar an da sheorsa moran de chànran, de chasadh-fhiacail, is de dhortadh fala. Ma than t-suiridhe cunnartach an diugh, bha i deich mìluair na bu chunnartaiche an uair ud. Chleachd na h-apannan gach ìnnleachds gach cùngaidh air am burrainn daibh smaointeachadh gu apannan firionn is apannan boirionn a thoirt gu bhith ann dìreach mar bu mhiann leotha; ach theap a chùis fairtleachadh orra. Gidheadh thàinig a h-uile ni gu bhith ceart ran dheireadh. Ghabh lagh an taghaidh nàdarra truas riutha agus chuidich iad. Thòisich na apannan òga an sin air tighinn a staigh don t-saoghal dìreach mar a chitheadh am pàrantan iomchuidh. Chan fheil fios an diugh aig duinetha air uachdar an t-saoghail ciamar a rinn lagh an taghaidh an ni sin; ach rinn e e.

Bha moran de dh-àbhacas anns na h-apannan neo-earballach, agus bhiodh iad gle thric a magadh air na h-eoins air na beathaichean ceithir-chasach. Dhionnsaich iad mar sin gog bhon choileach, - bhon chailich-oidhche, bhon mhart, bhon tarbh, bhon chaora, dur bhon fheoraig, agus - bhon chat. Thòisich iad fein air deanamh fhacal ùra, agus ann an uine gle ghoirid bhruidhneadh iad siubhlach gu leoir. Bha iad an nis nan daoine, agus lan ullamh gu toiseachadh air an t-saoghal a thoirt a chùm an t-suidheachaidh thaitnich anns a bheil e an diugh.

Bha deich muillein bliadhna eadar an latha san dainig stuth na beatha gu bhith ann agus latha stoirm an éisg; bha deich muillein bliadhna agus coig mìosan eadar latha stoirm an éisg agus latha gearradh nan earball; agus bha fichead muillein bliadhna agus da sheachduin eadar latha gearradh nan earball is latha na cainnte.

A. M. S.


Iain Mor nan Ord.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. V.

IAIN MOR RI CLEASACHD GHARBHS RI TEAGASG CIUINMAR A FHUAIR E DA DHEAGH EACH GUN PHAIGHEADH.

CHAneil teagamh nach robh dùil aig iomadh neach gur Iain Mór nan Ord an duine mór a chunnaic na Sasunnaich air mullach na creige, agus a dhfhag sinn na leithid a ghàbhadh an deireadh a cheathramh caibideal. Ach cha be idir. Baithne do dhIain Mór còir cleas no dha, agus be miann a chridhe an cluich air luchd nan dearg-chotgràineil, naimhdean a dhùthcha. Mar sin cha be fhéin gu pearsantachuir Iainsa chunnart, oir ged nach robh moran meas aigair na naimhdean mar chuspairean, dhfhaodadh peileir le tuiteamas a shnathlein a ghearradh am measg na h-uiread. Fhuair Iain da shlait air chùl na creige air na rinn e crois, gan ceangal ri cheile le barr-iall abhroige. Air uachdar so chuir ebhreacan mor fhein agus a bhonaid, air chor gun robh e air faireadh, nuair a thog e air a chreig e, gu math coltach ri fuamhaire Gàidhealach. Thachair gach ni mar a bha fios aig Iain a thachradh: loisg na naoi-deug air a bhodach, is leum na Gàidheil nam measg len claidhnean mora sgaiteach, mun rachadh aca air urchair eilechur a stigh. An uair a chunnaic an nàmhaid nach robh aca ach dithis cha do dhfheuch iad ri sian a dheanamh. Chaog iad ri cheile, ’s iad a faicinn tuilleadh spors gus euchdan an latha chrùnadh. Bha buaidh shaor gu bhith aca gun teagamh. Ach cha dfhuair iad eòlas air claidheamh mor Iain fhathast. Gun dàil, mar an dealanach, thòisich e ri cluich, ’s an ùine ghearr dhfhàg e iomadh diollaid falamh. Bha Eachunn e fhein gu math guineach, is callathar daonnan mu choinneamh a shùilean gus neart a chur na ghairdean. Thachair gun robh mar



[234]

[Vol . 10. No. 31. p. 2]

cheannard air na saighdearan Sasunnach, seargeant, dom bainm Uilleam Bruno, maighstir claidheamh a bainmeilebha san ann dhearg, agus a bha gu math bòsdail dha thaobh sin. Bhan duine da rireadh treun an coltasmor, trom ann am bodhaig, le ceann mor air a thubhadh le mapaid chrasgaich, dhuibh de ghruaig agus de dhfheusaigbha da chlàraig mhora bhuidhe, a dheanadh leaca-lighe, gan nochdadh fhein nabheul mor gach uair a thogadh a bhilibh le feirg no le sreamadh gàire. Bha Bruno acumail air chul an toiseach, gu stòlda a gabhail smoc, a smaointean nach bfhiach dhachlaidheamh a thoirt á truaill anngam fàgail aig a chuid ghillean, o nach robh ann ach an dithis. Ach an uair a chunnaic echuid shaighdearan a tuiteam cho brass a cur ri bruthaich, dhatharraich e inntinn, agus thainig e air adharts aodann air at le feirg, a mionnan dha chuid dhaoine air son teicheadh romh dhithis reubalach leibideach Ghàidhealach. Leum an leoghann garg so a nall agus lechlaidheamh fada guineach leon e lamh dheas Eachuinn gu goirt air a cheud ionnsuidh, ach mun do thuit a chlaidheamh bàsmhor an darna h-uair bha broilleach leathann Iain Mhóir eadar e agus Eachunn òg, lechlaidheamh mor Gàidhealachghairdean treun tàbhachdach. Sheas na ceatharnaich tacan mar so, aghaidh ri aghaidh, gach fear a faicinn gun robh fiach a stàillinn mu choinneamh, agus, mar gum beadh, a cruinneachadh a neart gus a bhuaidh a bhith air a thaobh fhein. Labhair an Sasunnach an toiseach agus thuirt e, ’s na clàragan mora tighinn ris le magadh, “Is dìleas a sheas thu do charaid an àm fheuma, agus tha mi fhin toilichte thu bhith agam an àitebhalaich cuideachd, a thaobhs gum bi fiach na saoithreach agam a tarruinn mo chlaidheamh. Ach,” arsesan, “aidichidh mi gur duine tapaidh thu, agus ma bheir thu suas do chuid armaibh an sith leigidh mi do bheatha leat, air chumhnants gum mionnaich thu air onair do mhàthar a bhi dìleas do drigh dligheach, Deorsa. Mar a dian thu sin faodaidh tu do chunntais fhein marbh mar tha, oir cha do thill claidheamh Uilleam Bhruno riamh dha thruaill gun a dhuine mharbhadh!”

Ma dhfhaodte,” arsan Gàidheal, ’s e caogadh a shùil ri beanntaibh garbh a dhùthchais, “gum bi naigheachd eile aig Uilleam Bruno, mum bi e moran nas sine na tha e, a chuireas ioghnadh air. Geard thu fhein!”

Chuir an Sasunnach e fhein air gheard, is fiamh gàire air aghnùis, ’s gun teagamh sam bith aige nach biodh e cho buadhars a bàbhaist dhasan Fhraing, agus na dhùthaich fhein. Bha claidheamh Bhruno na bfhaide na arm Iain Mhóir, ged nach robh e cho trom rigille glasIain. Rinn an Sasunnach deiseil airson a chuid innleachdan a chur an geill, is thug e ionnsuidh gharbh air aGhàidheal, le cleas a babhaist crioch aithghearr a chur air gach sabaids na phàrtaich Bruno riamh. Ach cha deach an car so leis air an turus so, is cha dfhuair e fad air aghart le chleasachd an uair a thug Iain Mór siabadh uamhasach air aghille ghlas,” is chaidh claidheamh an t-Sasunnaich a chaitheamh fichead slat air falbh agus e fhein dusan troidh na dheigh a pògadh na duslaich. Bha e ann an sid na shìneadh, tuilleadh is mor na cheò air son ionnsuidh a thoirt air eiridh. Cha do ghabh Iain Mór còir an cothrom, cha bfhiach leis, air a nàmhaid na shìneadh, ach thug e brosnachadh beag dha le barr a bhròige, a cur na chuimhne, ma bha e air anail a leigeil a nis, gum faigheadh echlaidheamh ma bhan corr a dhith air. Dheirich Bruno na bhreislich, is e mar gum biodh ioghnadh air e bhith fhathast beò, agus sheall e gu dur air Iain Mór, a bha sìneadh a chlaidheamh dha air fhaobhar. “Aidichidh mi mi-fhin air mo bheatadh,” arsesan; “bfhearr leam a bheithir a thighinn na mluib na siabadh eile dhe do chlaidheamh. Ach chaneil mi idir a tuigsinn carson a leig thu mo bheatha leams i na dlaimh? Bha mi smaointean riamh agus a cluinntinn gun robh na Gàidheil borb, aineolach, ’s nach robh truas no iochd nan cridheachan, ach tha mi faicinn gun robh mi air mo mhealladh, ma thabheag dhiubh cho trocaireach riutsa.”

Bha thu gu mor air do mhealladh gun teagamh,” arsan Gàidheal, “agus tha fios agam glé mhath gum bheil am beachd sin a thaobh nan Gàidheal aig do luchd-dùthcha. Chaneil na Gàidheil gu leir nan ainglean, gun teagamh, ach mar dhaoine, agus mar shluagh, agus gu h-àraidh mar shaighdearan tha e furasda gu leor dhut an coimeas ri saighdearan do dhùthcha fhein on a thòisich an cogadh so. Chunnaic thu na saighdearan Gàidhealach buadhmhor a dol a stigh gu cridhe do dhuthcha fhein. Cha robh mallachd bhantraichean no dhilleachdain nan deigh, oir cha do thoill iad e. Ma bha biadh no goireas sam bith eiledhìth orra air an t-slighe dhiarradh iad e le modh, agus nam burrainn iad phàigheadh iad air a shon. Ach am faod thu sin a radh a thaobh muinntir do dhùthcha fhein, on a thionndaidh a bhuaidh iomlan air an taobh? Than gniomh uasal, duineil anns an dfhuair sinn thu fheins do cheatharnaich, a toirt a ghreim a theannachdadh iad á beul nam pàisdean neo-chiontacha toirt air falbh le neart aona mhart nan truaghantha e na shamhladh nacheil moran agaibh ri mhalairt an Sasuinn de thruacantas, no de dhiochd, no subhailcean a bha sibh cho cinnteach a bhith cho ganns a Ghàidhealtachd, agus cho fior phailt agaibh fhein.”

Dhfhas aodann Bhruno na bu deirge, nan gabhadh sin a bhith, ach cha dubhairt e diog, agus a breith air a chlaidheamh á laimh Iain, chuir e ri ghlùin es rinn e da leith air, ’s chaith e bhuaithe e fad a laimhe am measg nan creag. Leig Iain Mór air falbh e na bu ghlice na fhuair e e. Agus a tionndadh chunnaic e gun robh Eachunn air an làr gu fann le call fola, agus gu mor am feum cuideachaidh. Thainig a nis am boirionnach bochd dam buineadh am mart air adhart, agus iguidhe mìle beannachd air an cinn gu bràth, agus soirbheachadh len cloinn gu deireadh an t-saoghails na dheigh. Cheangail iad lot Eachainn, agus le iomadhgràdhiseudalon mhnaoi bhochd (oir bha Eachunn na òganach tlachdar don t-sùil) fhuair iad e le cuideachadh gairdean a charaid gu bothan a bhoirionnaich. An uair a rainig iad bha chaileag bheag, ’s a gruaidh thana, bhàn a dearrsadh le toileachadh, s a da laimh mu amhaichCiaraigaig an dorus. Thug aon sealladh dhi air Iain Mór e-fhein a chunntais gle shona leobair. Fhuair iad a h-athair gu sàmhach a sileadh nan deur, a thaobh a laige fhein, air leabaidh bhig ri taobh an teine, as nach robh e ro choltach gun eireadh e gu bràth. Ghabh Iain truas mor ris an teaghlach bhochd so agus chuir e roimhe, on a bha h-uile coltas gun tigeadh orra fuireach maille riutha àireamh làithean, nach cailleadh iad dad ri linn iad a thighinn an rathad. Bhan t-àite car uaigneach agus fàsail, ’s na dheagh àite seilge, ’s mar sin on a bha Iain na dheagh shealgair, bha iad gu math sòghail, ròiceil o latha gu latha, agus rud a thug toileachadh mor dhaibh uile, thòisich fear an taighe ri eirigh, is thòisich neart ri tighinns na féithean as an dug an tinneas an tùs a bhrigh, agus a bha ghortair thuar a chur fon fhòd romhn àm. Mar a dhainmicheadh bhan t-àite fàsail, fiadhaich, far nach taghladh duine ach uair ainneamh eadar da cheann na bliadhna, ach air a shon sin, cha robh oisean an Alba bha gun sùil nàmhaid fad nan àmannan garbha so. Mar sin bhan sealgair a cumail a dha shùil fosgailte air a chuairtean.

Air aon latha chaidh e na bfhaide air falbh na bàbhaist da, agus air dha uchdach chas a dhireadh gus sealladh fhaighinn air a chomhnard a bha os a chionn, thainig e direach aghaidh ri aghaidh ri dithis thrupairean meara Sasunnach. Ghabh iad ioghnadh nach bu bheag taobh air thaobh, ach dhaithnich iadsan gle mhath co bhaca, oir bha coltas Iain Mhóir air a chraobh-sgaoileadh am measg a naimhdean, agus airgiod cinn assuim mhath do dhfhear a ghlacadh e marbh no beò. Bha Iain air inntinn a dhèanamh suas, le aontEachuinn, gum fàgadh iad slàn aig muinntir a bhothain air an ath latha, ach bha esam àm ag ionndrainn gu mor nach robh da each aca air son gluasad cho math ris na nàimhdean sòghail a bha salach tir an fhraoich len làthaireachd. “ ’S e am fortan a chur an rathad sibh!” arsIain ris fhein, agus bha nan Sasunnaich a smaointean a cheart ni aig an àm, agus a nuas leum iad as an diollaidean, is rinn iad airson an Gàidheal a ghlacadh. Thionndaidh Iain Mórsa mhionaid, ’s ma bfhior eagal an uilc air, ’s chaidh e á sealladh sios am bruthach. Leum na trupairean sios, fear air gach taobh, is iollach ait na seilg nam beoil, air son gearradh romhn reubalach. Bha bruadair bhoillsgeach ag eirigh suas nan inntinnean abhachdach, anns an robh iad a faicinn an duais air a cosnadhstaid fearainnsa Ghàidhealtachd, agus cinnteach gu leor tiotal na cois. A dhaon fhacal bha iad afaicinn an arain fuinte gu bràth. Sid sios a ghabh iad le sitheadh uamhasach, agus sid suas Iain thun nan each, ’s e call a luis a gaireachdaich, mun do thàrr iad dol á sealladh, oir cha do rinn e ach crubadh an sgor creige lamh riutha, gus an deanadh iad mar a rinn iad. Leum e gu sunndach leis an t sealg air muin an eich bu choltaiche, a ceangal an fhir eile ri shrein, is ghluais e gu socair air falbh. Chuale glaodh fheargach na dheigh, ’s a tionndadh chunnaic e gun robh na trupairean air tilleadh, ’s an anail nan uchd, ’s iad, mo chreach, gam breabadh fhein leis a mhi-chiataibh. Thòisich iad an sin air cuiridhean fialaidh a chaitheamh air Iain, e thilleadhs gnothuch aca ris, ’s nach robh math dhaibh innseadh dha ach ann an cagar, ’s o nach deanadh e sin, thòisich drannadh nam fiaclan is maoidheadh nan dorn. Thog Iain Mór a bhonaid ghorm is rinn e umhlachd mhagaidh dhaibh, is thill e ceum na bfhaisge, ach thug en aire cumail astar sàbhailte o na seann mhosgaidean aca. Ghlaodh e riuthan e eich a bhair chall orraden dath a bhorra— ’s co dhiubh bhann eich no capuill? Dhinnis en sin dhaibh( ’s e air an cluinntinn ma bfhior a freagairt nan ceistean so) gum facesan an dearbh choltas o chionn ùine ghearr, agus da asal òga nan cuideachdgun dug na h-asail ri bruthach an uair a chunnaic iad esan, ach gun robh e smaointean, mur an robh sgàthan acair an siubhal, gum faiceadh iad an coltass a cheud lòn glan anns an sealladh iad. Bha na Sasunnaich air an gonadh, ’s iad air an cuid luaidhes fùdair a chosg, a bharr air gach facal bu mhiosa na cheile nan cànain. Mun do dhfhàg Iain iad, bha e tairgse dhaibh an da each bhòidheach a bhaige so an nasgaidh, nan rachadh aca fhein air breith orra. Sheall e dhaibh cho maths a leumadh iad, ’s cho aotroms a dhfhalbhadh iad, ’s cho riomhach, bòidheachs a bha na diollaideans gach ball mun cuairt daibh. “Agus rud is fhearr na sin uile,” arsIain, “bha iad riamh thun an diugh fhein eolach air cuideachd nan



[235]

[Vol . 10. No. 31. p. 3]

asal. Achs fheudar dhomh latha math fhàgail agaibh, ’illean; tha mifaicinn nach gabh sibh tairgse mhathnuair a gheibh sibh i. Ach na deanaibh dearmad air beannachdan a thoirt uamsa gu Bùidsear Chumberland, agus innsibh dha, uair sam bith a bhios each math aige ri sheachnadh gu bheil fios agaibh fhein càit am faigh e margadh dha!” Le so a radh thog Iain Mór a bhonaid a rithist, ’s a cur spuir ris an each dhfhàg e latha math aig na Sasunnaich.

Gu math moch air an ath mhadainn bha na fir nan diollaidean riomhach, air an rathad don Ghleann Ghorm, seann dachaidh Iain Mhóir. Bha iad agabhail gach rathaid a baonaranaiche na cheile, a bhàrr air a bhithcumail sùil gheur am mach, oir bha iad a smaointean gum biodh an tòir teith a thaobh each nan Sasunnach. Rainig iad mu dheireadh baile beag àraidh, far na reic iad na h-eich air deagh shuim, oir cha deanadh iad feum dhaibh tuilleadh tromhn mhonadh gharbh Ghàidhealach a bha eadar iads an Gleann Gorm. Ghabh iad gu sunndach an casan luthmhor fhein; agus faodar a radh gun robh leith dhòchas aig Eachunn gun glacteadh a rithist iad, feuch am faiceadh e aon sealladh eile de Mhaili na h-Uamha.

(Ri leantuinn.)


Sgeulachdan Arabianach.

MAR A DHUISGEADH AM FEAR A BHANA CHADAL.

CAIB. XVII.

CHUIR an connsachadh a bha eadar Mesrour agus abhanaltrum ioghnadh gu leor air an righ. An deigh dhabhith greis asmaointean air achuis, cha robh fhios aige ciod a theireadh nosmaoinicheadh e. Bha abhanrigh i-fhein, cho math ri Mesrour agus ris abhanaltruim, agus mar an ceudna na mnatha-coimhideachdnan tosd, agus iad gu mornam breislich mun chuis. Mu dheireadh thuirt an righ ri Sobaide: “Tha mifaicinn gle mhath gum bheil sinn uile breugach; mi fhin an toiseach, an sin thu fhein, a Mhesrour, agus thusa, a bhanaltrum; oir air achuid as lugha, tha e coltach leamsa nach urrainnear a h aon dhinn a chreidsinn air thoiseach air an aon eile. Air an aobhar sin, rachamaid gu leir don taigh aig Abon Hasan feuch am faigh sinn am mach bonn na firinn , oir chaneil misefaicinn doigh sam bith eile air achuis a shocrachadh gu ceart.

An uair a thuirt e so, dhfhalbh e fhein agus abhanrigh, agus dhfhalbh Mesrour rompa gus an dorus fhosgladh dhaibh.

A Cheannaird nan Creidmheach,” arsa Mesrour, “tha aoibhneas ro mhor orm a chionn gum bheil bhur morachd agabhail na doigh so air fios ceart fhaotainn mun chuis; agus bidh am barrachd aoibhneis orm, an uair a bhios e air a dheanamh soilleir don bhanaltruim, chan e gum bheil i air a dhol anns an treas ceill, on a tha mo dheadh bhanamhaighstir an aghaidh dhomh so a radh, ach nacheil an sgeul a thug i thugaibh fior.”

Bha freagairt deas gu leor aig abhanaltruim. Thuirt i ris: “Duin do bheul, a bhodaich dhuibh, ghrannda; tha thu fhein air a dhol anns an treas ceill.”

Bha Sobaide air a brosnachadh cho mor leis na briathran a labhair Mesrour ris abhanaltruims nach burrrainn i gun a taobh a ghabhail. “A thraill thruaillidh,” arsise, “abair na thogras tu, ach tha mise cinnteach gum bheil abhanaltram ag innseadh na firinn, agus gum bheil thusag innseadh nam breug.”

A bhaintighearna,” fhreagair Mesrour, “ma thabhanaltrum cho fior chinnteach gum bheil Noushatal beo, agus gum bheil Abon Hasan marbh, cuiridh mise geall sam bith a thogras i rithe gum bheil i fada, fada cearr.”

Bhabhanaltrum a cheart cho deonach an geall a churs a bha Mesrour fhein, agus thuirt i ris: “Tha mise gad ghabhail aig dfhacal, faiceam gun seas thu ris.”

Sheas Mesrour rifhacal; agus chuir iad bonn oir, agus pios de shioda srianach air agheall an lathair an righs na banrigh.

Bhan seomar as an dthainig an righ agus abhanrigh am mach astar on taigh aig Abon Hasan, ach bha e direach ma choinneamh, agus thug Abon Hasan an aire dhaibh atighinn. Agus thuirt e ris amhnaoi gun robh e gu mor air a mhealladh mur ann atighinn far an robh iad a bhan righs abhanrigh, agus Mesrours na mnathan-coimhideachd. Sheall imach troimhn uinneig, agus chunnaic i iad atighinn. Ged a dhinnis Abon Hasan dhi roimhe sid gun robh iad atighinn, ghabh i eagal an uair a chunnaic i iad, agus ghlaodh imach: “Ciod air an t-saoghal a ni sinn? Tha sinn caillte.”

Na biodh eagal sam bith ort,” arsAbon Hasan; “an do leig thu as do chuimhne mar tha na dhaontaich sinn a dhèanamh? Leigidh sinn oirnn le cheile gum bheil sinn marbh, agus chi thu gun teid a h-uile cuis air aghart ceart gu leor. Tha iad atighinn le ceum cho malls gum bi sinn deiseil mun tig iad thun an doruis.”

Mar sin, chomhdaich Abon Hasan agus a bhean iad fhein anns an aodach shioda a thug an righs abhanrigh dhaibh, agus dhfheith iad gu foighidneach gus an dthainig an righs abhanrigh, agus na bhanan cuideachd.

Bha Mesrour air thoiseach, agus dhfhosgail e an dorus agus bhan righs abhanrigh, agus na mnathan-coimhideachd a steach air a shail. Ach bha ioghnadh anabarrach mor orra, agus sheas iad far an robh iad, an uair a chunnaic iad an sealladh muladach a bha rompa. Cha burrainn daibh achuis a thuigsinn idir.

Mu dheireadh labhair Sobaide, agus thuirt i ris an righ: ‘Ochan! tha iad marbh le cheile! Rinn sibh na burrainn duibh,” arsises ig amharc air an righ, agus air Mesrour, “gus a thoirt ormsachreidsinn gun robh mo shearbhanta marbh, agus tha mi nis afaicinn gum bheil e fior gu leor. Thug am bron a bhoirre air son bas a fir am bas oirre.

Bfhearr dhut a radh,” arsan righ, agus e air achaochladh so de bheachd, “gun dfhuair Noushatal bas an toiseach, agus gun dfhuair Abon Hasan bas leis abhron a bhair an uair a fhuair abhean ghaoil bas. Tha coir agad, air an aobhar sin, ’aideachadh gun do chaill thun geall, agus gur leamsa luchairt nan dealbhannan.”

Dean air do shocair,” arsa Sobaide, agus ifas blàth a chionn gun robh an righ acurna h-aghaidh; “tha misecumail am mach gun do chaill thusa do gharadh maiseach. Fhuair Abon Hasan bas an toiseach, on a dhinnis araon abhanaltrum agus mise dhut gum faci beo i agus icaoidh gu goirt air son bas a fir.”

Thug an connsachadh a bha eadar an righs abhanrigh air Mesrours air a bhanaltruim toiseachadh ri connsachadh a rithist; oir chuir iad geall mar an ceudna, agus bha esan, mar a bha ise, ’cumail am mach gur e a bhuinig an geall. Agus mu dheireadh thainig iad gu bhithcaineadhs asmadadh a cheile gu searbh.

Mu dheireadh thoisich an righ ri smaointean gun robh acheart urad de choir aig Sobaide air a bhithcumail am mach gun do bhuinig i an gealls a bhaige fhein. Air dhabhith gun fhios aige ciod a theireadh nodheanadh e gus an fhirinn fhaotainn am mach, ghabh e far an robh an da chorpnan sineadh, agus shuidh e aig an ceann, agus thoisich e ri smaointean ciod an doigh leis am faigheadh e buaidh air Sobaide. Ann an uine ghoirid thuirt e: “Tha mi toirt mo mhionnan air ainm Dhe gun toir mi mile bonn oir do neach sam bith a dhinnseas dhomh co dhen dithis a fhuair bas an toiseach.”

Cha bu luaithelabhair an righ na briathran so na chuale guth Abon Hasain fon aodach shioda, ag radh: “A Cheannaird nan Creidmheach, is misefhuair bas an toiseach; thoiribh dhomh am mile bonn oir.”

Aig acheart am thilg Abon Hasan dheth an t-aodach sioda, agus leig e e-fheinna shineadh aig casan an righ. Leig a bhean i-fheinna sineadh mar an ceudna aig casan na banrigh.

Leig abhanrigh a leithid de sgriach aisde an uair a chunnaic i an te shaoil leathabha marbh ag eirighs gun do chuir i eagal air gach aon a bha mun cuairt dhi. Ach mu dheireadh an uair a dhfhalbh an t-eagal dhi, bha aoibhneas mor oirre an uair a chunnaic i an t-searbhanta air an robh meas cho mor aice, beo a rithist, an deigh dhibhithn duil gun robh i marbh. “Ah! ’Noushatal aingidh,” ars ise, “nach mor a dhfhuiling mi air do sgath? Ach air a shon sin, tha mitoirt mathanais dhut le muile chridhe, o nacheil thu marbh.”

Cha robh urad a dhioghnadh air an righ an uair a chuale guth Abon Hasain. Cha mhor nach robh e marbh leis aghaireachdaich an uair a thuig e mar a bha cuisean, agus a chuale Abon Hasan ag iarraidh amhile bonn oir.

Ciod is ciall dha so Abon Hasain,” arsesan; “am bheil thun dara uair afeuchainn ri mmharbhadh le gaireachdaich? Cia mar a smaoinich thu air a leithid so de chlisgeadh a chur air abhanrigh agus ormsa, an uair nach robh smaointean sam bith againn air a leithid?

A Cheannaird nan Creidmheach,” fhreagair Abon Hasan, “aidichidh mi gu saor, soilleir an fhirinn do bhur morachd. Tha fhios aig bhur morachd gle mhath gum bu toigh leamsa riamh am pailteas de bhiadh agus de dheoch mhath a ghabhail, agus is ann a mheudaich abhean a thug sibh dhomh an toil a bhagam a bhithcaitheamh mo bheatha gu soghail. Anns an t-suidheachadh so, faodaidh bhur morachd a thuigsinn gun robh sinn adeanamh cosgais mhor. Agus gu sgeula goirid a dheanamh dheth, cha robh caomhnadh sam bith againn air na thug bhur morachd gu caoimhneil dhuinn. Anns amhadainn an diugh an uair a phaigh sinn achunntais a fhuair sinn on fhear on robh sinn aceannach a h-uile rud a bha sinn acosg, fhuair sinn am mach gun robh sinn lom, falamh. An sin thoisich sinn ri smaointean air mar a bha sinn acaitheamh ar beathas an am a dhfhalbh, agus ri cur romhainn gum biomaid na bu ghlices an am ri teachd. Ged a smaoinich sinn air mile doigh, thuig sinn nach deanadh a h-aon dhiubh feum sam bith. Mu dheireadh, leis an nairebha oirnn sinn-fhin fhaicinn ann an suidheachadh cho iosal, agus o nach bu dana leinn ar staid a leigeadh ris do bhur morachd, ghabh sinn an doigh charach so gus sinn-fhin a thoirt as an eiginn anns an robh sinn, agus gu ceol-spors a thoirt dhuibhse; agus tha sinn an dochas gum bi bhur morachd cho maths gun toir sibh mathanas dhuinn.”

Bhan righs abhanrigh gle riaraichte leis mar a dhinnis Abon Hasan an fhirinn dhaibh, agus cha robh iad duilich air son mar a thachair. Mu dheireadh thoisich Sobaide fhein ri gaireachd-

(Air a leantuinn air taobh 238.)



[236]

[Vol . 10. No. 31. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi an a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, MAIGH 23, 1902.

Righ Og na Spaine.

THAINIG Alfonso, righ òg na Spaine, dhionnsuidh achrùin Di-sathairne sa chaidh. Air an latha sin bha e sia bliadhndeug a dhaois, an aois aig am bheil lagh na dùthcha sin a ceadachadh do righ an riaghladh a ghabhail nalaimh fhéin. Chaochailathair anns a bhliadhna 1886, sia miosan mun drugadh esan, agus bha a mhàthair a riaghladh riamh uaithe sin. Nochd i gleusdachd is tuigse nach bi bheag mu chùisean na rioghachd. Tha Alfonso nabhalach nach eil e ro làidir, air am bi cùram stàite buailteach air laidhe ro-throm. Ach chan eil fhios nach ann a dhfhàsas e ann an neart mar a dhfhàsas e ann am bliadhnaichean; agus cuiridh e feum air uile nearts air uile thuigse. Tha an Spàin nadùthaich a tha gle dhoirbh a cumail aig riaghailt. Chaneil guth ro chudthromach aig an t-sluagh anns an riaghladh, agus tha moran dhiubh bochd nan crannchur agus mi-riaraichte.


MunMhac-Talla

MAR a dhfhaodar fhaicinn anns an àireamh sos anns an àireamh roimpe, tha cuid de ar leughadairean air-son fhaotainn a mach cuin a thòisicheas am paipeir ri bhith gan ruigheachd uairsan t-seachdain. Bhitheamaid gle dheònach sin innse dhaibh, ach chan urrainn dhuinn, oir chan eil fhios againn fhein air. Cha bann gun deagh aobhar a sguir e bhi tighinn a mach uairsan t-seachduin, agus fhads a mhaireas an t-aobhar sin chan urrainnear a chur a mach ach mar a thatar adeanamh aig an àm so, uairsan da sheachduin. Agus chan eil e nar comas-ne an t-aobhar sin a chur as an rathadach tha e an comas ar leughadairean. Is en t-aobhar a thann nach eil an àireamh a tha gaghabhail mor gu leòr. Air-son am paipeir a chur a mach uairsan t-seachduin cha builear àireamh an luchd-gabhail a dhùblachadh. Nan deanadh iadsan uile tha cheana gaghabhail beagan dichill, dhfhaodadh an àireamh a bhi choig uireads a tha i mun ruitheadh da mhios dhen t-samhradh so. Ach chan iarr sinn orra an uiread sin a dheanamh; bheir sinn gealladh dhaibh, cho luathsa bhios àireamh an luchd-gabhail a dha uireads a bha i air a Bhealltainn so gun tòisich MAC-TALLA ri tighinn a mach uairsan t-seachduin. Nas fhearr na so chan urrainn duinn a ghealltainn. Tha sinn deònach na tha nar comas a dheanamh, ach feumaidh na Gàidheil an tuilleadh comais a thoirt dhuinn ma tha iad air-son MAC-TALLA fhaicinn cho trics bu mhiann leò. Agus mur dean iad sin, tha sinn an dòchas nach bi iad afaotainn coire dhaibhsan a tha air chùl a phaipeirs gachumail air adhart air sgàth an gràidh do chainnt an sinnsir.


Am Mise Fear-gleidhidh Mo Bhrathair?”

NACH eagalach an obair a thaig fear-cumail taigh-òil, ’s gu seachd sonruichtenuair a tha ecreic an stuth mhallaichte ri gillean òga? Ma dhfhaodte (agus tha e tachairt gu tric) ’nuair a gheibh gillòg gòrach aphàigheadh an ceann na seachduin, gur e ni e ra thuarasdal a chosg ann an deoch-làidir, an àite a thoirt dhachaidh gupharantan. Gu dearbh is bochd an obair e! duine mor calma acreic an stuth theinntich fhads a mhaireas airgiod an amadain bhochd a tha sgrios a chuirp is anama, airson ana-miannan aingidh a shàsachadh.

Is muladach, da rireadh, na tha de mhisg a dol air adharts a bhaile so. Chaneil latha dol seachad anns nacheil àireamh bheag no mhors a phrìosan air sàillibh an òil, agus, mo thruaighe, gillean òga am measg chàich! Nam biodh mac aig fear an taigh-òsda a bhiodh trom air an òl, an toireadh esan an deoch dhamhac, gachur an cunnart prìosan? ’S e nach toireadh. Agus carson a tha e gachreic ri gillean òga eile? atoirt bristeadh-cridhe air am pàrantan, agus masladh air an fheadhainn a tha ris. Tha e gu tric a tachairt, nuair a tha am misgear an deigh gach sgillinn achosg, gum bheil e air a thilgeadh am mach thun na sràide, agus mur a tachair caraid ris a bheir dhachaidh e dùisgidh e air an ath mhaduinns a phrìosan, am measg a leithidean fhein, a dhfhaodadh a bhi nan onair dhaibh fheins dham pàrantan nan stadadh iad gu bràth dhen mhisg, a tha air a dhìteadh anns an Leabhar Naomh ann am briathran cho laidir.

Tha sinn an dòchas nacheil an latha fad as anns am feum luchd-cumail thaighean-òil, gu boil len cridhe, stad a chreic stuth làidir, ri gillean òga, co dhiubh. Chaneil an lagh a ceadachadh a chreic. Carson, air an aobhar sin, nacheil muinntir a bhaile nacheil ablasad air, ag eiridh suass a cur stad air. Le dichioll agus furachas dhfhaodte am baileghlanadh gus nach biodh, an ùine ghoirid, aon taigh-òil ann, agus bu shona an latha sin do iomadh dachaidh a than diugh na h-ionad-bròin. “Is an-aoibhin dhasan a thatoirt air a choimhearsnach òl, a tha cur ris achopain, agus gachur air mhisg.”


Beanntan Teine.

CHA bhiodh e as an rathad aig an àm so, an deigh an sgrios eagalaich a rinneadh ann an Innsibh na h-Aird-an-iar, gearr iomradh a thoirt air beanntan teine a than caochladh chearnan eile dhen t-saoghal.

Chuala sinn uile mu bheinn Bhesubhius, agus mar a sgriosadh bailtean Herculaneum agus Pompeii leatha annsa bhliadhna 79. Bheir sinn cunntas mionaideach air abheinn sin do ar leughadairean aig àm eile, agus aig an àm so bheir sinn seachad beagan fiosrachaidh mu bheanntan iomraiteach eile.

Tha Beinn Etna deich mìle agus ochd ceud troidh (10,800) air àirde. Faodar a smaointeachadh gur beinn mhòr i so, ’n uair a chuimhuicheas sinn nacheil Beinn-Nibheis ach ceithir mìle, tri cheud, agus seachd deug is fhichead (4, 357) troidh air àirde; agus tha Etna naoi fichead mìle mun cuairt da bonn. ’Nis, tha abheinn mhòr so gu léir, eadar a buns a bàrr, air a deanamh suas de lava, mar their iad ris anns aBheurla; ’s e sin stuth a thilg abheinn os a eeann den stuth a bha aon uair loisgeach, teinteach, agus a thilg i an uachdar anns an staid sin, a dhfhuaraichs a chruadhaich ma timchioll, agus a thasìor fhàs nas mar tha itilgeadh a mach brat ùr thairis air an t-seann rùsg.

Ge mòr beinn Etna, agus ge mòr na tha itilgeadhan uachdar de stuth loisgeach, teinteach, chaneil i mar choimeas ri beinn loisgich eiletha ann an eileanIceland .Bhrùchd abheinn so a mach aon uair sruth loisgeach a ruith sios air gach taobh dhin a thuiltean dearga, teinteach, a lìon clais no gleann mòr, anns an robh abhainn air an seòladh loingeis, agus ann an tiota thiormaicheadh an t-uisge, agus lìonadh suas amar na h-aibhne agus an gleann ceud troidh air doimhneachd, agus eadar a dhàs a trìcheudan troidh air leud! Agus chan e sin uile, ach ghabh an sruth loisgeach so air adhart gus an dràinig e loch mòr uisge, a lìon e suas gu buileach, gus an robh e mar chòmhnard, no mar fhaiche iaruinn. Fad bhliadhna bhan tuil loisgeach so asruthadh le leathad o mhullach na beinne: thugadh lom-sgrios air leth-cheud baile, agus bhàsaich deich mìle pearsa anns an tuil uamhasaich so, a bharrachd air anabarr spréidhe agus feudalach de gach seòrsa. Bha na h-aibhnichean siubhlach, dearg-loisgeach a bharuith sios air cliathach na beinne, cuid diubh leth-cheud mìle air fad, agus mu thuaiream -mhìle-dheug air leud: ann an doimhneachd bhan sruth eagalach so ceud troidh far am bu taine e, agusan cuid a dhàiteachan ceud troidh air doimhneachd.

Tha cunntas againn air mu thimchioll cheud de bheanntan teine, a tha, nobha o cheann linn no dha, alosgadh. Tha dhiubh so trì-deugs an Roinn-Eòrpa; ochd is tri fichead ann an Asia; deich ann an eileanaibh Africa; agus còig ficheads a naoi ann an America; bha dhiubh so mu thuaiream da mhìlebrùchdadh nobristeadh a mach anns gach ceud bliadhna, no fichead anns gach bhliadhna. Ann an teis-meadhoin Asia, ann an Innsibh na h-Aird-an-ear, tha dùthaich anns am bheil farsuingeachd da mhìle gu leth de mhìltean (2500), araon air fad agus air leud a bha a h-uile mìr dheth aon uair fo chumhachd teine den t-seòrsa so, ged thanis fearann is fonn ann air am bheil feur agus luibhean is coille gu pailt afàs, cho tarbhach ri aon chearn den t-saoghal. Tha beinn ann an America mu dheas, ann an tìr Mhecsico, a dhéirich suas ann am meadhon dùthcha chòmhnard, réidh, -ceud-deug troidh air àirde os ceann achòmhnaird, agus an sin rinn i bristeadh a machna lasraichean. Spùt imach stuth loisgeach a lom-sgrios an dùthaich a bu tarbhaichetha air aghaidh an t-saoghail. Thachair so anns abhliadhna 1759, ’s e sin ceithir bliadhna-deugan déigh bliadhna Thearlaich. Tha fear-turuis cho measails a sgriobh leabhar riamh, Humboldt, ag innseadh dhuinn gun robh esan aig bun na beinne so fichead bliadhnan deigh dhi éiridh suas, agus gum face aon tuil a thàinig a nìos mar a chì sinn gaineamh aig bun sgrìodain, a bha ceithir mìlair fad, agus ceud troidh air doimhneachd. Bha am meall so teth fichead bhliadhnan déigh dha ruith a mach; cha robh àitanns an cladh-aicheadh e toll nach faodadh e maidelosgadh agus teinefhadadh. —Bhrùchd abheinn so a mach o cheann cheithir fichead bliadhna, aig àm crith-thalmhainn mhòir a tharruing frasan de luaithre air baile mòr a tha dlùth do dha cheud mìle on àite, a bha òirlichan tiughad air na sràidibh.



[237]

[Vol . 10. No. 31. p. 5]

Sgrios Uamhasach.

Thainig sgrios uamhasach agus obann air eilean Martinique, ’sna h-Innsean an Iar, air madainn an ochdamh latha dhen mhios so. Buinidh an t-eilean so don Fhraing, agus tha mu naodh fichead mile sluaigh ann. Is daoine dubhas Innseanaich a mhor chuid dhiubh. Tha beinn theine air an eilean ris an canar Mont Pelee, ach cha do bhrist i mach roimhe so a chionn còrr is leth-cheud bliadhna. Tha a bheinn so dlùth air coig miles coig ceud troigh a dhàirde, agus aig a bonn, ri taobh na mara, bha ceanna-bhailen eilein, St. Pierre, anns an robh mu dheich mile fichead sluaigh. Mu thoisich amhios so, thòisich a bheinn ri tilgeadh suas toites luaitha, ach cha dainig i gu bhi ro dhona gu maduinn Dior-daoin, an t-ochdamh latha, nuair a rinn i spraidheadh uamhasach, a brùchdadh suas teine, smùid, luath is poll, a sguab thairis air a bhaile, ’s a chuir gu bàs gu ire bhig gach neach dhen deich mile fichead a bha. chòmhnuidh ann. Bha àireamh de shoithichean air acair mu choinneamh abhaile, agus bhan cuan air a-chur troimhe cheile naleithid de dhòighs gun deach an cur thairis, ’s bha iad feins a mhor chuid de na daoine a bhorra air an call. Air bòrd aon dhiubh bha an Caiptean A. T. Muggah, a mhuinntir Shidni; chaill esan a bheatha maille ris a chuid mhor den sgioba bha fodha. Bha an t-athar air a lionadh le ceòs le luath air dhòighs gu robh tiugh dhorchadas ann. Cha do mhair an stoirm uamhasach ach gann fichead mionaid, ach anns an uine sin, bha gach tigh anns a bhaile air a leagails air a losgadh, agus cha dfhuair as lem beatha ach àireamh gle bheag dhen t-sluagh. Tha daoine rainig St. Pierre dha no tri de lathaichean an deigh an spraidhidh ag radh gum be sealladh cho uamhasachs a burrainn do dhuine fhaicinn. Bha làraichean nan taigheans nan togalaichean eile asior ghabhail, agus bha fàileadh losgaidh is breòthaidh nan corp a lionadh an àite. Anns abhaile agus faisg air bham polls an luath a shruth on bheinn àireamh throighean a dhoimhnead, agus an ceann eilen eilein, cunntas mhìltean air falbh, bhan talamh air a chòmhdach le luath ghlas coltach ri sneachda salach. Be so an call bu mhotha rinneadh riamh le cumhachdan nàdair ann an America, deas no tuath, agus cha bu mhòr call a rinneadh riamh air an t-saoghal a thug bàrr air. Mar bu dligheach, tha moran rioghachdan is dhùthchannan thalls a bhos acur cuideachaidh gan ionnsaidh-san a dhfhàgadh beò air an eilean. Bha spraidheadh ann am beinn air eilean St. Vincent air an aonamh latha deug, agus thatar a meas gun do chailleadh mu dha mhile beatha. BInnseanaich iad cha mhor gu h-iomlan. Buinidh an t-eilean sin do Bhreatuinn. Tha e eadar ceithir fichead is ceud mìle deas air Martinique.


Litir a Eilean aPhrionnsa.

A CHARAID: —Tha mi acur dolair anns an litir bhig so, feuch an cuidich e le MAC-TALLA chur ugainn uairsan t-seachduin mar a bàbhaist dha. Chunnaic mi litir bheag oMhicheilcòir, agus rinn mi toileachadh gu leòr rithe. Tha mismaointeachadh gum feumadh e putadh eile thoirt dhuinn feuch am biodh na Gàidheil acluinntinn bho cheile na bu trice, oirs i mo bharail fein nach eil mi sam bith eile is fearr gus inntinn nan Gàidheal a thoirt gu bhi aonaichte mu dheidhinn aphaipeir na bhicluinntinn an dràsds a rithist bhon càirdean. Tha moran dhiubh a chuireadh feum air putadh an drasdas a rithist bhoMhicheilno bho chuideigin eile; agus tha mi fein ag aideachadh gu saor gu bheil mi air fear de luchd an dearmaid, achs es aobhar dha sin nach eil mi afaicinn guth bho msheann chàirdean. Thugaibh mo mile beannachd do Mhicheil còir, is do ghin sam bith eile bhios ga mfheòrach, agus gabhaibh fein an ni ceudna. An dòchas gun cluinn mi an ùine gun bhith fada gun tig MAC-TALLA uairsan t-seachduin, is mi, mar riamh is roimhe, ur caraid dileas.

SEUMAS A. MAC GILLE-MHAOIL.
Na h-Eileanan Coille, E. P. I., 12, 5, ’02.


Cuisean am Breatuinn.

(Oban Times) .

Tha oidhirp air a deanamh an dràsd anns aPhàrlamaid air lagh ùr a thaobh na misg a thoirt a mach, anns am faighear riaghailtean a bhios glé theann air na fir thruagh ud a gheibhear fo bhuaidh na misg. Cha dthàinig an lagh so a mach fathast ach tha dùil gun tig e. Bidh peanas sònruichte air a dheanamh air na fir òsda a bheir deoch do fhearsam bith a bhios buailteach don mhisg. Bidh ena uairean glé dhuilich an t-eadar-dhealachadh ceart a dheanamh. Tha e gu tric atachairt gum faicear feadhainn a bhios ag òl fad an latha deur beag a niss a rithis agus cha bhi coslassam bith don deoch orra. Tha bròin eile ann agus cuiridh an deur is lugha air leth chaothaich iad. ’Se an fheadhainn nach blais deur ach theagamh uairsan t-seachdainn, mureil iad làidirs acheann, a ruitheas nis trice gu cunnart. A thaobh nan òsdaireans fheairrd iad tighinn fo na riaghailtean ùra. Bidh an lagh aneartachadh an làmhan ann a bhi diùltainn dibhe dhoibhsan aig am bheil tuilles achòir mar a tha. Tha Albainn an dràsd fo dhroch chliù a thaobh na ceist so, gu sònruichte muinntir Ghlasachu aig am bheil ainm glé airidh ann an ioma cùis eile. Bidh eagal air cuid gum bi saorsa air a giorrachadh troimh lagh an don t-seòrsa so; ach air an làimh eile far am bheil an lagh air a bhonntachadh air aonta choitcheann an t-sluaigh, cha tig droch thoradhna lorg.

Bidh costus achogaidhna eallach glé throm air guallaibh an t sluaigh ioma latha ri teachd. Cha do mhothaich sinn fathast làn achudthrom; ach tha cùisean atromachadh. Tha sinn acluinntinn guth ás aPhàrlamaid gum bheil cìs ùr gu bhi air abhiadh a tha tighinn don dùthaich so. Chaneil achìs ach beag air abhliadhna so; ach on a tha an seann lagh air a chur air chùl tha eagal oirnn nach stadar aig an t-suim a tha air a h-òrdachadh air abhliadhna so. Tha an latha tighinn gun teagamh anns am bi aran an duine bhochd nis daoire, agus anns an cluinnear guth na h-éigins na gainnenar tìr. Tha staid an t-sluaigh glé thruagh mar tha cheana, gu sònruichte ann an cuid do chearnan nam bailte mòra; ach tha e cosmhuil gum feud iad tuiteam ann an cor a bhios nis miosa. Ach tha an cumhachdan làmhan tighearnan mòra an fhearainn, agus is e toil is cleachdadh an t-sluaigh féin gum biodh e air fhàgail an sud. Fhuair iad an cothrom cùisean is laghan atharrachadh, ach cha drinn iad am feum dheth a dhfheudadh iad troimhn phàrlamaid.


Naigheachdan.

BAS AN OLLAMH GHRANNDChaochail an t-Urramach Seòras M. Grannd ann an Kingston, Ontario, air Di-sathairne, an deicheamh latha dhen mhios. Rugadh an sgoilears an sgriobhadair cliùteach so ann an Stellarton, an siorrachd Phictou, N. S., agus fhuair e fhòghlum ann an àrd-sgoil Phictous an oil-thigh Ghlascho. Bha e o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean na cheann air Oil-thigh na Banrigh, an Kingston, agus bha e air a mheas mar aon de na daoine bu tapaidhes bu gheur-chuisiche bhan Canada. Bidh e air ionndrain gu mor anns an Eaglais Chleirich, gu h àraidh anns an ard-sheanadh, far an robh a ghuth ra chluinntinn mu gach cùis, ’s a chomhairle gu tric air a gabhail mu nithean cudthromach a bhiodh fa chomhair na cùirte sin.

SIDEN T-SAMHRAIDHTha an t-side o chionn còrr is mios gu math fuar air an taobh so dhen eilein, agus tha na tuathanaich agearain air gainnead an uisge. Bhiodh frasan de dhuisge blàth gle fheumail air-son adhartas a thoirt air feur, a tha gu ruige so car fad air ais. Air an taobh eile dhen eilean, tha an t-sìde nas blàithe na air an taobh so. Ann am Margaree, tha moran de na tuathanaich a cheana ullamh dhen churachd, agus tha cùisean ag amharc nas fhearr na bha iad o chionn iomadh bliadhna.

SGIORRADH MULADACHBha fear Fionnladh Mac-an-t- Saoir air a mharbhadh anns aMhèinn a Tuath feasgar Di-haoine, an naodhamh latha dhen mhios. Bha ecumail olla ri inneal-criathraidh aghuail, nuair a ghreimich te dhe na cuibhlichean air a chuid aodaich. Bha a dha choiss a dha laimh air am bristeadh, ’s bha e air a leònadh mun chorp, cho donas nach robh e beò ach beagan uairean. Cha robh e ach coig bliadhna fichead a dhaois, agus bha e air pòsadh ùine ghoirid mun do thachair an sgiorradh a dhaobharaich a bhàs.

RATHAD-IARUINN SRAIDEThatar ag obair gu trang air togail rathaid-iaruinn sraide anns a bhaile so. Tha na rails cheana air an leagail air àireamh dhe na sràidean. Tha an rathad ri bhi air a thogail leis an aon chuideachd ann an Sidni Tuath, an Glace Bay, agus eadar Glace Bay is Sidni. Tha dùil aca bhi ruith nan cars mu mheadhon Iulaidh. Bidh an rathad na dheisealachadh mor anns na bailtean uile, ach gu sònraichte ann an Sidni, ga dheanamh furasda do dhaoine an dachaidhean a dheanamh nas fhaide mach ris an dùthaich, far nach bi màl no tacsaichean cho troms a bhios iad am meadhon a bhaile.

BAS SEANA GHAIDHEALAnn an St. Martins, faisg air baile St. John, N. B., air an 10mh latha dhen mhios so, dheug fear Seumas Ros, a bha dlùth air ceud is da bhliadhndeug a dhaois. Rugadh e ann an siorrachd Rois, an Alba, air an ochdamh latha deug dhen òg-mhios, ’sa bhliadhna 1790. Thainig e do Americasa bhliadhna 1812, agus shuidich e ann an St. Martinssa bhliadhna 1820. Ged bha echuid bu mhotha dhe bheatha am measg Ghall, cha do chaill e aGhàilig riamh, agus bfhior thoigh leis a bhi galabhairt. Bha e nabhall dhen eaglais Chleirich, agus na dhuine measailsan sgireachdsan robh e comhnuidh.

ANRADH LUCHD NA MARA— “Is beag fios aig fear an tàimh air ànradh fear na mara.” Chaidh aon de na soithichean a tha mach á Newfoundland amarbhadh nan ròn, a ghlacadh anns an deigh mhoir, agus dhfhàs am biadh gann mun dfhuaireadh a fuasgladh. Dhfhalbh da dhuin air fhichead dhen sgioba gu tir, agus choisich iad ceithir fichead mile troimh choilles troimh mhonadh a dhiarraidh cuideachaidh. Bha iad air an sàrachadh gu dona mun dràinig iad an ceann-uidhe, agus bha deichnear dhiubh air an claoidh cho mor le sgìthss le acrass gum bfheudar dhaibh fuireach ann an campasa choille. Chaidh cur gan iarraidh sin cho luathsa rainig an companaich àiteachan-còmhnuidh, agus bha cuideachadh air a chur air falbh gun dail gan ionnsuidh-san a dhfhuirich air an t-soitheach.

ARDACHADH TUARASDAILBha eagal air daoinen taobh so air an t-seachduin sa chaidh gu robh na mèinnean guail ri bhi air an dùnadh suas. Dhiarr an luchd-obrach air cuideachd aghuail na tuarasdail àrdachadh an deicheamh cuid, ’s e sin deich sentichean air an dolair. An uiridh, bha iad ag iarraidh leasachadh tuarasdail, agus dhaontaich iad an càs a chur fa chomhair cùirt-reiteachaidh, ach an deigh sin a dheanamh chaill iad. Air an turus so, cha robh iad deònach gnothach a ghabhail ri cùirt dhen t-seòrsa sin; agus mur toireadh achuideachd dhaibh na bha iad ag iarraidh, bha iad adol a sgur a dhobair. Gu fortanach dhaontaich achuideachd na bha iad ag iarraidh a thoirt dhaibh, agus than obair adol air adhart mar a bàbhaist. Fhadsa bhan reiteachadh so gadheanamh, bha gach ni gu sitheil sàmhach mu na mèinnean; cha robh mi-riaghailt de sheòrsa sam bith adol air adhart. Tha achuideachd agearain gu bheil iad afulang call mor na h-uile bliadhna le moran de na daoine bhifuireach air falbh on obair fad dha no tri de lathaichean an deigh gach pàidhidh.



[238]

[Vol . 10. No. 31. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 235.)

aich an uair a smaoinich i air an doigh a ghabh Abon Hasan agus a bhean gus airgiodfhaotainn. Bhan righ asior ghaireachdaich mu dheidhinn na doigh-mheallaidh a ghabh Abon Hasan, agus an uair a dheirich ena sheasamh, thuirt e ri Abon Hasan agus ris amhnaoi: “Leanaibh mise; bheir mi dhuibh am mile bonn oir a gheall mi dhuibh air son an aoibhneis a thorm gum bheil sibh le cheile beo.”

Dhiarr Sobaide cead air an righ mile bonn oir eilethoirt do Noushatal.

Air an doigh so ghleidh Abon Hasan agus Noushatal fabhar an righa na banrigh fhads a bha iad beo, agus cha robh eis sum bith orra gu latham bais.

(Achrioch.)


Turus Ruairidh don Exhibition.

FACAL AIR AN FHACAL MAR A CHUALAS UAITHE FHEIN.

IV.

DHIRICH sinn suas staidhreachan gu leor gus mu dheireadh an drainig sinn na seomraichean a bairdebhanns an taigh. Bha aireamh mhor de dhealbhannan briaghan crochadh ris na ballachan; ach feumaidh mi radh nach do thog iad, briaghas mar a bha iad, abheag dhe maire-sa co dhiubh. Bha iad tuilleadh is lionmhor ann gus maire-sa thogail. Ach bha maire gle mhor air a togail leis na bhanns an taigh de dhealbhan snaidhte. Bha iad, tha mismaointean, air an deanamh de dhumha, de dhiarunn, agus de chloich. Agus, rud nach do chord rium idir, bha iad uile dearg-ruisgte.

Ach co dhiubh, bha sinn acoiseachd air ar socair fhin o sheomar gu seomar, agus mas math mo chuimhne, bha feadhainn dhe na h-iodhalan so anns a h-uile seomar. Agus thug min aire gun robh aireamh mhath dhen t-sluagh a bhanns na seomraicheanaraon firionnaich agus boirionnaichaseasamh mu choinneamh nan iodhalan, agus agabhail beachd orra gu dluth. A nis, cha do chord so idir rium. “Is ann a thachuis coltach, ’illean,” arsa mise, “gum bheil moran dhen t-sluagh adeanamh aoraidh do na h-iodhalan balbha so. Biomaid agrad fhalbh as aso. Cha bu choir do dhuine a rainig an aois a rainig mise comunn sam bith a chumail ri daoinebhiodh adeanamh iodhal-aoraidh an-dligheach.”

Rinn na gillean glag gaire; agus thuirt Domhull: “Tha mi cinnteach, ’athair, gum bheil sibh afas sgith. Ach tha aon ioghnadh eile ann a dhfheumas sibh fhaicinn mum falbh sinn.”

Ciod en t-ioghnadh a than sin?” arsa mise.

Tha,” arsesan, “bean Lot.”

Bean Lot!” arsa mise.

Seadh,” arsesan.

Cia mar,” arsa mise, “a burrainn daibh a toirt an so? Tha Sodom, a reir mar a chuala mise, gle fhadair falbh as aso. Agus a bharrachd air asin, is e carragh salainn a bhinnte, agus a dhaindeoin cho cruaidh gum bi an salann, chaneil e furasda ghiulan air astar fada gun a bhristeadh.”

Feumaidh sibh a thoirt fa near, ’athair,” arsa Domhull, “gum bheil iomadh doigh ro iongantach aca air rudan a dheanamh anns an àm so.”

Tha mi coma,” arsa mise, “ged a chithinn sealladh dhith, ged is e fior dhroch bhoirionnach a bhinnte. Is fhadon a leugh mi ma deidhinn.”

Chaidh sinn sios an staidhre, agus ann an oisinn leith dhorcha dhen t-seomar, bha iomhaidh boirionnaich; agus thug min aire gun robh i mar gum biodh ig amharc air na nithean a bha air a culaobh. Ach bhan iomhaidh car og agus maiseach leam air son boirionnaich aig an robh oghachan aig an àms an drinneadh carragh salainn dhi.

Cha chreid mi gur e so bean Lot idir,” arsa mise. “Tha i ro og agus ro bhriagha leam; ach gu cinnteach tha e gle choltach gur e salann a thinnte.”

Feumaidh sibh a chuimhneachadh, athair,” arsa Domhull, “gun robh na boirionnaich a bhann o sheannam boirionnaich ro bhriagha, agus gun robh iad acumail an dreach agus an coltais gus am biodh iad anabarrach sean.”

Tha mig aontachadh leat anns aphuing sin,” arsa mise; “ach bidh fhios agamsa gun dail an i bean Lot a thann.”

Gun tuilleadh a radh, ghabh mi null, agus thoisich mi ri mo theanga chur oirre an aites an aite feuch an e salann a bhinnte. Thoisich na gillean ri gaireachdaich an uair a chunnaic iad an obair a bhagam. Chruinnich na daoinebhanns an t-seomar mun cuairt oirnn an uair a chualiad aghaireachdaich. Agus an sin thainig fear le cabhaig far an robh mi, agus rug e air ghualainn orm, agus thug e crathadh math orm. “Ciod e,” arsesan, agus ebruidhinn rium ann an Gailig, “an obair a thort mar sin. Theid do chur an laimh air son dobrach. Bi falbh an so comhladh riumsa.”

Gun sealladh am fortan oirbh, a dhuine choir,” arsa mise, “cha drinn mise cron sam bith, agus cha robhnam bheachd cron sam bith a dheanamh. Thuirt mo mhac fhin rium gur e so bean Lot, agus bha teagamh agam nach robh eg innseadh na firinn dhomh. Bha mi air son achuis a dhearbhadh, agus chaidh mi, agus chuir mi mo theangadh oirre ann an aite no dha feuch an deanainn am mach an e salann a bhinnte. Sin agaibh na rinn mise de chron, agus shaoilinn nach deanadh an lagh greim orm air a shon.” An uair a chuale so, thoisich e ri gaireachdaich. Agus an sin thuirt e gun robh e an aghaidh riaghailtean an aite do dhuine sam bith beantail ri dad a bhanns na seomraichean. Rug e air laimh orm gu cridheil, agus dhfhalbh e.

Bha car de thamailt orm air son mar a thachair, agus thuirt mi ris na gillean, nach robh e ceart dhaibh a bhith deanamh culaidh-mhagaidh de sheann duine bochd, aineolach mar a bha mise. Cha duirt min corr riutha; ach chuir mi romham nach fhanainn na bfhaide anns anExhibitionan lathud.

Cha leigeadh companach Dhomhuill am mach sinn gus an gabhamaid cupa ti comhladh ris. Chaidh sinn a steach do thaigh briagha, agus fhuair sinn ti mhath, agus biadh math leatha. Agus an sin dhfhalbh mise agus Domhull dhachaidh ann am beul an anamoich.

Eadar an sgios a bhorm, agus an dragh a ghabh mi air son mar a rinneadh culaidh-mhagaidh dhiom, cha robh sunnd sam bith orm gus a bheag de chomhradh a dheanamh ri Domhull. Chaidh milaidhe gu math trath, ach ma chaidh, cha bann gu cadal. Bha gnothaichean bean Lot acur dragh gu leor orm gus an do chuimhnich mi gun robh mi fhin og roimhe, agus gun robh minam spriolag cho aimlisgeach agus cho math gu culaidh-mhagaidh a dheanamh de dhaoineile ri fear a bha beo. Thuirt mi rium fhin gur ann uam fhin a thug Domhull an nadar magail a bhann, agus nach bu choir dhomh a bhith cho diumbach dheths a bha mi. Mu dheireadh chaidil mi gu trom gus an robh e naodh uaireans amhadainn.

Shuidhich mi fhin is Domhull gun rachamaid a dhamharc air seana charaid is fear-eolais a bhafuireach air taobh eile na h-aimhne. Rainig sinn aite a bha beagan astair on taigh anns an robh Domhull afuireach, agus chaidh sinn sios air staidhre gus an drainig sinn antrain.’ Shuidh sinn innte. Cha do thachair dhomhsa ceisd sam bith a chur air Domhull mu dheidhinn an rathaid a bha sinn gus a ghabhail, oir cha robh sunnd comhraidh orm an lathud. Tiotadh an deigh don train falbh thuirt Domhull: “So agaibh, ’athair, an rathad fon talamh. Tha sinn an drasta fhein, tha mideanamh dheth, dìreach fon amhainn.”

Dhfhairich mi mfheoil adol air chrith, agus mfhalt ag eirigh o mcheann, agus thuirt mi ris: “Cha stad thu gu brath, a laochain, gus an cuir thu as mo chiall mi. Ciod e am fios a thagad, nach tig toll air grunnd na h-aimhne, agus nach tig a h-uile deur dhen uisge shalach a thinnte a nuas mar cinn m um faigh sinn gu aghaidh na talmhainn. Chaneil dad a dhiarraidh agam a bhith air mo bhathadh; ach mas ann le bathadh a thig crioch air mo bheatha, bfhearr leam gu mor a bhith air mo bhathadh air muir nabhith air mo bhathadh ann an uisge salach air tir.”

Gu fortanach rainig sinn ar ceann-uidhe gun bheud sam bith; agus bha mi gle thoilichte an uair a chunnaic mi aon sealladh eile de dhaghaidh na talmhainn.

An deigh dhuinn an lathachur seachad gu cridheil, sunndach ann an taigh mo charaid, thill sinn anamoch feasgar. Ach gabh sinn antrain.’ Agus gu dearbh is e inneal-giulain cho fior iongantachs a chunnaic mise riamh. Bha Domhull ag radh rium gun robh e air a chur air falbh leis an dealanach. Ach ma tha sin fior, is e gnothach iongantach a thann. Bha cho math ri da fhichead pearsa air bord ann, agus cha chuireadh tu uidhireachd gun robh punnd de chudam aig ri ghiulan. Bha rud mar gum biodh stiuir giomaichna stob air amhullach aige, agus en ceangal ris na sreangannan a tha air an sineadh gu teann air tarsuinn, agus air fad, nan sraidean air am bheil antraina ruith. Bha fearna sheasamh air a thoiseach, agus fear eile air a dheireadh gus a bhithg a stiuireadh agus acur stad air.

A nis, ’athair,” arsa Domhull, an uair a bha sinn aig ar biadh anns amhadainn an la-iar-na mhaireach, cha teid sinn donExhibitiongu feasgar. On a tha misefalbh dhachaidh comhladh ribhs amhadainn am maireach, tha rud no dha agam ri cheannach gus an toirt dhachaidh leam thun mo mhathar, agus theid sibhse comhladh rium. Ged a dhfhagainn ann an so sibh, cha bhi sibh ach agabhail fadachd. An uair a thig am feasgar tha sealladh briagha rifhaicinn anns anExhibition; bidh rud ris an can iadfireworksann an nochd, agus bu mhath leam gum faiceadh sibh e.

Thuirt mi ris gun robh mi toileach gu leor deanamh mar a bha eg iarraidh. Bha fior thoil agam sealladh fhaotainn dhe na buithean mora, briaghabha cho lionar ann an Glasacho. Agus ged a bha ioghnaidhean gu leor ri mfaicinn anns anExhibition,’ cha biad na bha ri fhaicinn de luach airgid anns abhaile dad bu lugha chuir a dhioghnadh orm. Ach cha ruig mi leas teannadh ri innseadh dhut, oir chunnaic tuleithid roimhe.

Chaidh sinn feasgar donExhibition,’ agus cha robh sinn fadann an uair a thoisich nafireworks.’ Agus ma thoisich chaidh an cridhe air chrith agam. Chluinneadh tu fuaim mar gum biodh uruchair gunna, agus an sin chitheadh tu rud anns na speuran mar gum biodh meall teinebristeadh as a cheile, agus shaoileadh tu gun robh edol a thuiteam a nuas air cinn nam miltean air mhiltean de shluagh a bha cruinn aig an àm. Thig gaoirnam fheoil fhathast an uair a smaoinicheas mi air an t-sealladh uamhasach ud. Ach an aitebhith gabhail eagail, is ann a bhan sluagh gun mhothachadh abualadh bhas ris, agus adeanamh iolach aoibhneis a chluinnteadh mile air astar!



[239]

[Vol . 10. No. 31. p. 7]

Ged a dhfhalbh tomhas dhen eagal dhiom chuir an sealladh a bhann gu smaointean gle mhor mi. Thuirt mi rium fhin, gum bfheudar gur ann rudeiginn coltach ris an t sealladh ud a bhan sealladh a bhann an Sodoms an Gomorrah an oidhcha fhrasadh teine agus pronnasg a nuas o neamh orra. Ar leam gun robh mi faireachadh faileadh aphronnuisg far an robh mi nam shuidhe.

Mu dheireadh thainig crioch air an obair eagalaich ud, agus dhfhalbh sinn dhachaidh. Ach mun dfhuair sinn am mach troimhn dorus, theabas na h-asnaichean agam a chur air a cheile leis mar a bhan sluaghg am dhomhlachadh.

Thill mi dhachaidh gu math mochs amhadainn an la iar-na-mhaireach leis an train; oir chuir mi romham nach fhaigheadh fear achrogain bhearnais an ath chothrom air mo dheadh dheise mhilleadh orm. Agus on a bha Domhull comhladh rium, cha robh eagal no eis sam bith orm.

Rinn mi dichuimhn air aon rud innseadh dhut; agus ged a tha fhios agam gum bheil thugabhail fadachd nacheil micur crioch air mo naigheachd, feumaidh mi innseadh dhut, agus is e sin, cho mi-thoilichtes a bha mi dhen cheol a bhaca anns anExhibition.” Ged a bha Domhull, agus a h-uile duineile a chuala misebruidhinn ma dheidhinng a mholadh, cha do chord e riumsidir. Neo-ar-thaing nach robh an luchd-ciuil adeanamh fuaim gu leor; agus is docha gun robh an ceol air cordadh math gu leor riumsa nan robh mi comasach air a thuigsinn. Tha sean-fhacal ann a thag radh, “Ciod e am math a thair piob mur a seinnear i.” Agus tha miseg radh: Ciod e am math a thair ceol mur a tuigear e. Bfhearr leamsa aon phort a chluinninn o dheadh phiobaire mar a bha Domhull bàn mac Eoghainn, na na chuala mi fad na h-uinebha mi anns anExhibition.’ Ach cia mar a burrainn an luchd ciuil ceol ceart a sheinn an uair a bha h-uile mac mathar dhiubh asior leughadh leabhair fhads a bha iad aseinn? Mar a tham facal ag radh: “Chan urrainn duine amhin itheadh agus an teinesheideadh aig an aon àm.” Nan cuireadh tu fichead rodan, agus fichead cat, agus fichead cu, agus fichead searrach comhladh ann an aon chrodhaidh as nach fhaigheadh a h-aon acamach, dheanadh iad, an uair a thoisicheadh iad ri leum air a cheile, ceol a cheart cho taitneach ris acheol a chuala mise. Dhfhairlich air an fhear a bhair ceann an luchd-ciuil an cumail aig rian. Bha ena sheasamh air am beulaobh, agus slatag bheag bhuidhe aigena dhorn, agus bhafhalusg a dhalladh leis na bha edeanamh de mhaoidheadh orra. Chunnaic mi fhin etiormachadhfhaluis uair no dha leneapaiginn pocaid. Ach thuirt mise rium fhin gum bfhearr dha gu mor deadh chuaille trom de bhata daraich a bhith aigena dhorn, agus buille mhath a thoirt do gach fear nach gabhadh a chomhairle. Nam bann agamsa bha riaghladh aghnothaich, bhiodh mala ghorm air iomadh fear dhe na baoghairean mora, bronnach a bha seideadh nan trumpaidean buidhud, agus mur seinneadh iad ceol ceart, chuirinn a h-uile mac mathar dhiubh gu ruige Taigh Iain Ghrot an Gallaobh.

(Achrioch).


Cead le Duthaich nam Beann.

Chaidh an t-oran a leanas a dheanamh an Astralia le fear de Chloinn-an-t- Saoir.

Fo throm mhìgheans leisg mo ghluasad,
Gur a cruaidh leam a bhith fàgail
Tir mo shinnsir, tir na h-uaisle,
A bha dual do chlann nan Gàidheal.

Tha mi fàgail na tir Abraich,
Agus caidreamh caomh mo chàirdean,
Chaneil maigne ach neo-shùrdail,
Is chan ioghnadh mar a tha mi.

Ciamar dhfhaodas mi bhi sunndach
S mi ag ionndrainn nam beann àrda;
Far an cluinnte damh na cr[ ? ]ice
Ri ard-dreocam dolsan dàmhair.

Tir nam beanntan arda fuar-ghlas,
Tir nan gleanntan lurach, tlàthail
Far am faighte spreidh am buaile
S bannal ghruagachmeasg an àlaich.

S cliuteach ainm nan Gaidheal gasda,
Seorsa reachdor ri uchd nàmhaid,
Luchd nam breacanan gun ghealtachd,
Uasal, smachdail, lan de dh-àrdan.

Seoladh air an fhairge dhu-ghuirm,
An cuan udlaidh, farsuinn, gàbhaidh,
Fuachd is teas mu seach a muthadh,
Ach na duilean chi sinn sàbhailt.

Dol gu taobh mu dheas a chruinne
Far nach cluinnear leam mar bàbhaist
Fonn na smeoraich air na h-àgain,
Ceolmhor anns a mhaduinn Mhàighe.

Bidh mi cuimhneachadh nan gleannaibh
Anns an fhearannsan deach màrach,
Anns an dionnsaich mi na leanas
Rium gu daingeann mo làithean.

O! mo bheannachd leis na stùcaibh
Mun tiugh dhùineas ceo nan àrdaibh,
S ged nach faic mi iad le mshùilibh
Bidh mo rùns mo smuain gu bràth orr’.


Uirnigh Phaisdean I.

LE LACHAINN MAC-GILLEAIN, LACHAINN NA GAIDHLIG.

Tha sinn cruinn ann ad fhianais,
Thi tha riaghladh gu h-àrd,
Tighnn a dhiarraidh ort eolais
Ann an oige air ,
Mar-ri saorsbho gach truailleachd
A tha gluasad nar cridh:
Seall a nuas ann ad ghràs oirnn,
Is sinn pàisdean bochd I.

Ann an linn Chaluim-Chille
Be so innis an àigh,
Bha i ainmeilsan Eorpa
Airson eolais is gràidh.
Dhé na cumhachds na morachd,
Dam buin trocair gun chrìch,
Seall a nuas ann ad bhàigh oirnn,
Is sinn pàisdean bochd I.

Ged is iosal ar bothain
Am measg chnoc agus ghleann,
Bha do mhac féin air docair,
S e gun socair focheann.
Athair naoimh uile-ghloirmhoir,
Lem miann solas is sith,
Seall a nuas ann ad ghràdh oirnn,
Is sinn pàisdean bochd I.

SEAMRAG.


Iadsan a Phaigh.

An t-Urr. I. W. Mac Isaic, Lakevale , N. S.
Beau Dhomhnaill Bhurns, Sonora , N. S.
Iain Mac Isaic, St . Andrews, N. S.
Mor Nic Aonghais, Martinvale , E. P. I.
C H Mac Gillemhaoil, na h-Eileanan Coille
S A Mac Gillemhaoil, na h-Eileanan Coille
Gilleasbuig Domhnullach, Brooklyn , E. P. I
Dughall Mac Mhuirich, Ceylon , Ont.
Domhnall I. Domhnallach, Milan , Que.
Bean N. D . Dhomhnallach, Milan , Que.
Cailean Mac Leoid, Hasavick , Man.
Caiptean A. Mac Neill, Seattle , Wash.
Bean D MhicFhionghain, Mooreton , N. D.
Domhnall Mathanach, New York.
Bean Eachuinn Mhic Neill, Baddeck.
Micheal Mac Neill, Washabuckt.
Iain A. Mac Cuthais, Whitney Pier.
E. Domhnullach, am Beighen Iar.


Sac trom air achois chaoil.
Sannt caillichs achruaich mhoine.
Saoilidh an duinair mhisg gum bi ah-uile duinair mhisg ach e fhéin.
Seachd bliadhnaan cuimhne na , ’s gu a bhàisan cuimhnan eich.
Sealladh àrd na seana mhaighdinn.
Eireachdas mnathan Loch-Obha, am bréid odhar a bhionndadh.
Cho fileanta ri uileann fidhleir.
Sron cho biorachs gun bugadh i biadh a faochag.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duinainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 4mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.48 a. m.
A fagail Shidni aig 9.15 a. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 9.55 a. m.
A fagail Ghlace Bay aig 1.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 2.11 p. m.
A fagail Shidni aig 4 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.00 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.41 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE,
Traffic Manager.


Uilleam K. Beairsto,

Luaidh-Cheard, &c .

Theid againn air gach obair an co cheangal ri cur an phioban uisge agus blathachaidh thaighean a deanamh le deach luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

UILLEAM K. BEAIRSTO.

Phone 217
Sidni, C. B.

Feb 7011 yr



[240]

[Vol . 10. No. 31. p. 8 ]

An Gleanns an Robh Mi Og.

LE NIALL MAC-LEOID.

Air fonn—“When the kye come hame. ”

N uairphilleas ruinn an samhradh,
Bidh gach doires crann fodh chroic;
Na h-eoin air bhàrr nam meanglan
Deanamh caithreim bhinn len ceol;
Achlann bheag aruith le fonn
Mu gach tom abuain nan ros
Be mo mhiann a bhis an àm sin
Anns aghleanns an robh mi og.

Anns aghleanns an robh mi og,
Anns aghleanns an robh mi og,
Be mo mhiann a bhis an àm sin
Anns aghleanns an robh mi og.

S amhaduinnn àm dhuinn dùsgadh,
Bhiodh an driùchd air bharr an fheoir;
Achuthag is gug-gùg aic
Ann an doire dlùth nan cno;
Na laoigh ogaleum le sunnd,
S ag cuir smùid air feadh nan lon;
Ach chan fhaicear sins an àm so
Anns aghleanns an robh mi og.
Anns aghleann, &c .

N àm an cruinneachadh don bhuailidh
Be mo luaidh a bhin an coir;
Bhiodh a duanag aig gach guanaig,
Agus cuach aicen a dorn;
Bhiodh mactallafreagairt shuas
E ri aithris fuaim a beoil
Ach cha chluinnear sins an àm so
Anns aghleanns an robh mi og.

Ann an dùbhlachd gharbh agheamhraidh
Cha be àmbu ghainnar spors;
Greis air sùgradh, greis air dannsa,
Greis air canntaireachd is ceol;
Bhiodh gach seanair aosmhor, liath,
G innse sgialachdan gun gho,
Air gach gaisgeach fearail, greannmhor,
Bhas aghleannn uair bha iad og.

Bha de sholas dheth gach seorsann
Chumadh oigridh ann am fonn;
Cha robh uisge, muir, no mointeach,
Air an comhdach bho ar bonn;
Ach an diugh tha maor is lann
Air gach alltan agus ob;
Chaneil saorsa sruth nam beanntan
Anns aghleanns an robh mi og.

Tha na fàrdaicheann am fàsaich,
Far an dàraicheadh na seoid,
Farm bu chridheil fuaim an gàire,
Farm bu chàirdeil iad mun bhord,
Far am faigheadh coigreach bàigh,
Agus ànrach bochd a lon;
Ach chan fhaigh iad sins an àm so
Anns aghleanns an robh mi og.

Chaochail maduinn ait ar n-oige
Mar an ceo air bhàrr nam beann;
Tha ar càirdeans ar luchd-eolais
Air am fogradh bhos is thall;
Tha cuid eile dhiubh nach gluais,
Tha nan cadal buan fodhn fhod,
Bha gun uaill, gun fhuath, gun antlachd
Anns aghleanns an robh iad og.

Mo shoraidh leis gach cuairteig,
Leis gach bruachaig agus cos,
Mun tric an robh micluaineis
N àmbhibuachailleachd nam bo
N uair a thig mo réis guceann,
Agus feasgar fann mo lo,
Be mo mhiann a bhis an àm sin
Anns aghleanns an robh mi og.

Tha an t-oran so air a chlo-bhualadh air iarrtus duin’ -uasail airn do dhfhairtlich leabhar a bhàird, “Clàrsach an Doire,” fhaotainn ra cheannach. Bidh e toilichte chluinntinn gu bheil an leabhar sin ri bhi air a chur an clo as ùr air a bhliadhna so. Bha e air a chur an clo da uair cheana, agus chaidh achreic gu b-iomlan, ni a tha leigeadh ris gu bheil mor mheas air am measg nan Gàidheal.


Am fear a gheallass e dhiocas,
S em fear a dhiarras a phàigheas;
Cha choir do neach a bhi ullamh
Gu dol an cunnart non gàbhadh.


Oran

Do Shir Domhnull Mac Mhuirich, Ceannsuidhe Cruinneachadh bliadhnail Comunn Eilean aCheo,

LE IAIN MARTAINN.

Air fonn— “Coire-Cheuthaich.”

Geds dàil cha dearmad dhomh innsa msheanachas
Mun uasal ainmeil nach searg a chliù:
Thatheisd thar fairge, le mheuds a dhearbh e
Do thuigse thalmhaidh, feadh Alba dhuinn;
Chraobh-sgaoil esheanchas gu biodh ar n-ainmean,
Is miltean airgid air falbh a null;
S gur onair àraid thu dhEarraghàidheal
Bhi suidhem pàrlamaid àrd a chrùin.

Gur h-ait an sgeula leam a bhi leughadh,
Gun ghabh thu spéis ann an tìr nam beann,
Bhodhearbh do bheusan gur h-uasal treun thu,
Thug buaidhs nach géilleadh tu fhéin don Ghall.
Tha doighreachd stéidhichten criochan Shléibhte,
S am miann gu léir thu bhi ghnàth leo ann;
S gach bochd is uaibhreach cuir onair suas ort,
Le meud do shuairceis don t-sluagh gach àm.

Gur lionmhor màthair ta guidhe gràs dhut
Le meud do chàirdeas da pàisdean og;
Do bhuadhan nàduir gun uaill, gun àrdan,
S tu fialaidh, pàirtmhors gach càs dhen t-seors;
Cha chualas daicheadh bhi riamh san àite
No gin thug bàrr ort bhi san Roinn-Eorp,
Le dshuairceas fàilteil gu caoimhneil, bàigheil,
S ro chaoimhneil, gnàthor gach do dhoigh.

Gur lionmhor dilseachd bhan cois do shinnsir,
Fuil uasal rioghail bho thir nam beann,
Na gaisgich spéideilsan streup nach striochdadh,
San cliù bho chianta feadh sliabh nan gleann;
Fir chridheil fhiorghlan, le onair fhialaidh,
Is tric thug dioladh a ciadan Ghall,
Le lannan geura gu sgolta chreuchdan,
Feadh naimhdean beuchdach a ghéill dhaibh mall.

Clann Mhuirich ainmeil bhair thùs na h-armachd,
Na gaisgich mheanmnach nach dfhalbh san ruaig,
Bu sgaiteach, garg iad, ’s na blàir gun dearbhadh,
Do naimhdean aneugnaidh nach tearbadh bhuath;
Bu chliù air Albiad, is tir nan garbh-chrioch.
Na laoich nach fannaicheadh le anagheur cruais,
Bha seasmhach, dìleas, nan ceannard mhiltean,
S bidhn teisd gun dìobradh feadh linntean buan.

Sir Domhnull ainmeil, àrd uasal Alba,
Thar chuan tha t-ainm le mor shealbh galuaidh,
Tha chaithir dhealbhach anochd neo-chearbach,
S tu riaghladhn ceannaghaidh le soirbh mor shuairc;
S e mheudaich manamhor gu innsamsheanchas
A mheudsa dhearbh thu feadh Albdhan tuath,
Do chaoimhneas fearadha mu dmhaoins mu dairgiod,
S aig réis ar n-aimsir cha searg do dhuais.

An treas dhen Dùdlachd, 1897.


Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
as fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.

K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., —LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. 10
Fodair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tar .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlanders by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. MacIan (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith do na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .

Ard-oifis: —TORONTO , CANADA.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 31
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla X No. 31. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page