[Vol . 10. No. 32. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 6, 1902. No. 32.
Suiridhe a’ Mhadaidh-ruaidh;
NO ’SI ’N ONOIR A BHEIR BUAIDH.
SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH.
ROIMHE so o chionn a fhada an t-saoghail (ma’s fior an naigheachd) bha deagh Ghàilig mhilis, bhlasda aig uile bheathaichean na tìre, agus cha robh gamhlas, no mì-run, no naimhdeas air bith eatorra, mar a chì sinn a nis; ach bha iad uile caoimhneil, càirdeil, carannach r’a chéile, mar bu chòir do Ghàidheil a bhi. Dh’ òladh iad taobh ri taobh as an aon sruth, chaidleadh iad anns an aon phreas, agus chìteadh iad a’ mireag r’a cheile ait an aon réilean; rachadh an dara h-aon gu minic air chéilidh do thigh an aoin eile, ’s bha ceòl is aoidheachd is aighear, bha fala-dhà agus sùgradh is cridhealas, bha suiridhe ’s gaol is pòsadh a’ dol air aghaidh na ’m measg. Chìteadh am miol-chu ’s a’ mhaigheach, an dobhran-donn ’s an abhag riabhach, an t-uainein beag geal ’ s an sionnach ruadh, guala ri guala, gu mùirneach, caidreach, càirdeil—an còmhradh r’a chéile le brìodal blàth ’s le mànran milis.
’San àm so, ma ta, (a réir ar sgeòil) bha cat òg ann, aig an d’ fhàg a h athair ’s a màthair mòran stòrais, agus cha robh cat san dùthaich uile bha cho maiseach. Bha a bian cho slìom mhìn ri sioda na gailbheinn, ’s a sùilean cho loinnreach àluinn ri aon chloich dhearrsaich luachmhor uaine bha riamh ann am fàinne na ban-righ. Mar is furasda thuigsinn, bha iomadach leannan aig an àilleig òig; cha robh cù no cat, sionnach no feòcullan, dòbhran-donn no coinean san tìr, nach robh air a tòir. Ach do na suiridhichean uile, ’s e cù àraidh agus sionnach a b’ iomraitiche, agus orra so innsidh sinn sgeul.
Bha ’n cù ’na mhadadh còir, tlachdmhor, ionraic, onorach; agus ’nuair chual’ e gu ’n robh a liughad fear an tòir air nighean peathar a sheanamhar, (oir bha e cho càirdeach is so dhi) chuir e roimhe gu’n tugadh e féin tairgse dhi. “Innsidh mi ’n fhìrinn,” thuirt esan, “mu m’ stoc ’s m’ ghabhaltas, mu m’ chuid ’s mu m’ chreideas, cha cheil mi an nì is faoine—ma ghabhas i mi ’s math, ’s mur gabh, cha bhrist mi mo chridhe air a son.
Thog am madadh còir air leis an rùn so; ach bha ’n sionnach ’na choimhearsnach dha, agus thuig e ciod a bha air ’aire. Chuir e roimhe na ’m b’ urrainn e, gu ’m tugadh e an car as a’ chù ’s gu ’m faigheadh e an cat òg beairteach dha féin. Tha fios aig a h-uile duine gu bheil na sionnaich carach, cuilbheartach, seòlta, sloighteil; agus bha ’m fear so cosmhuil r’ a sheòrsa.
’Nuair chunnaic e an cù an déigh falbh cha robh fios aige ’n toiseach ciod a dheanadh e: oir bha eagal air na ’m bruidhneadh an cù mu ’n ruigeadh esan nach biodh moran tuiteamais aige-san air airgiod a’ chait—ach cha d’ fhuaras neas riamh na ’cadal, ni mò fhuaras sionnach ruadh gun chleas. Ghabh e stigh do choille bha ’n sin—fhuair e ath-ghoirid roimhpe thug chum an rathaid-mhóir e air thoiseach air a’ chù, agus aig taobh an rathaid chunnaic e beul-fo-fhraoch cumhann domhain, agus aige so stad e, a’ cur roimhe gu ’m milleadh e suiridhe a’ choin-mhóir fhathasd. ’Nuair a mhothuich e ’n cù a’ tighinn, leig e e-féin ’na shìneadh agus thòisich e ri tùirse ’s ri caoineadh mar gu ’m biodh e a’ call an deò. Chunnaic an cù e, agus thubhairt e ris fhéin, “Tha ’n sionnach an sàs—tha na cluipearan carach sin daonnan a’ tachairt ri tubaist air choireiginn, le tuille ’s a’ choir de sheòltachd. Air mo shon féin cha d’ fheuch mi ach fìrinn is onoir riamh, ’s cha d’ thainig cruaidh-chas no aimlisg fhathasd orm; ach feumar cuideachadh leis an t-sionnach o ’n tha e ann an eiginn.” Ghreas an cù air ais agus dh’ fheòraich e d’a choimhearsnach ciod a dh’ eirich dha.
“Mo thruaighe! mo thruaighe! ” ars’ an sionnach, “thuit mo phiuthar bheag san t-slochd so ’s cha ’n ’eil fios agam ciod a nì mi; tha eagal orm gu ’m bi i tachdte a thiota.”
“Nach teid thu as a deigh ’s nach toir thu ’nìos i? a bheathaich gun rath,” ars’ an cù.
“O! ’s mi bhiodh toileach i thuirt esan, “ach nach fhaic thu ann am feuchainn ri ruigheachd oirre cheana gu ’n do shniomh mi mo dhruim ’s cha ’n ’eil gluasad agam. Och is ochòin! mo phiuthar bheag bhochd! ’s e ’n diugh latha na dunach, an latha dubh dhomhsa!”
“Ma tha a’ chùis mar sin,” ars’ an cù, “cha ’n fhàg mise thu an àm na h-éiginn: bheir mi nìos do phiuthar bheag ma ghabhas e deanamh.”
Gun tuilleadh a ràdhainn leum am madadh còir caoimhneil sios do ’n t-slochd. Bha ’n sionnach gu grad air a bhonnaibh ’ s chuir e leac mhór chloiche air beul an tuill ’s rinn e glag gàire. “Fan thusa ’n sin, a choin chòir,” ars’ esan; “theid mise ’s bheir mi beannachd uat gu d’ bhana-charaid an cat.”
“A shloightire! a bhiasd! a chluipear ruaidh! an ann mar so a riun thu orm?” ars’ an cù. Ach cha d’ eisd an sionnach ri smàdadh. Dh’ fhalbh e gu siubhlach sunndach do thigh na ban oighre, làn-thoilichte le ’thapachd féin. ’Nuair a bha e dlùth do ’n tigh chuir e roimhe gu ’n taghladh e aig a mhnaoi-eòlais, a’ phioghaid, chum an sin gu ’m faigheadh e gach naigheachd a bha ’falbh. Bha ’phioghaid ro chaoimhneil ris. “Ach,” ars’ ise, “ciod thug sibh fein co fada bho ’n bhaile? mur mi-mhodhail r’a fheòraich e.”
“Ma ta, le ’r cead,” fhreagair esan, “bha aon aobhar mor agam, tighinn a chòmhradh ri mnaoi-uasail cho glic, fhiosrach ribh féin; ach a thuilleadh air so, b’ éiginn domh a’ chùirt san robh mi fhàgail. Bha a’ bhàn-leóghann, bean an rìgh, gu math mùirneach umam; ach ghabh esan na ’cheann gu ’n robh i tuille ’s gaolach mu m’ dheidhinn. Thòisich esan, am burraidh mor, ri eudach rithe, agus smuaintich mise gu ’m bu mhithich dhòmhsa bhi ’bogadh na gad. Cha’n fhala-dhà leóghann a bhios ri eudach.”
“Ach ciamar a leig e air falbh sibh?” ars’ a phioghaid; “nach h-iongantach nach do mharbh e sibh gun dàil?”
“O! ’s ann tha e ro-chaoimhneil rium,” ars’ esan, “cha robh a dhìth air ach gu ’m bithinn air falbh o’n bhan-righ; agus mar dhearbhadh air a chàirdeas do m’ thaobh, thug ’e domh an ni luachmhor so tha agam ann an so, ni nach fhaighinn a leithid eile eadar ceithir chearnaibh an domhain mhòir.”
“ ’Dé sin? ’dé sin?” ars’ a phioghaid.
“Cha ’n fhaod sibh innseadh,” ars’ an sionnach.
“Innseadh! air focal onorach na pioghaid cha chluinnear diog uamsa dheth gu bràth,” deir ise.
“ ’S e ’n rud a th’ ann, ma ta, tri ròinneagan a bha air a’ chóigeamh cois aig a’ bheathach mhor a bha ’n Loch-odha,” thuirt an sionnach.
“Ciod am beathach mor? —ciod na casan? —ciod na ròinneagan? innis dhomh, innis dhomh,” thuirt a’ phioghaid ’s a sùilean a’ lasadh ’s a guth air chrith le h-ioghnadh.
“Nach ’eil fios agaibh mu ’n bheathach mhór a tha ’n Loch-odha bho chionn tri cheud bliadhna, gu bheil cóig casan air; agus na tri ròinneagan a tha aig bun na h-ionga-móire aig té dhiubh gu ’n gleidh iad an t-aon aig am bi iad am maise ’s an àilleachd na h-òige, gun liathadh, gun phreasadh, gun seargadh, gun seacadh, ged a bhiodh e beò cho fada ris a’ bheathach mhor fhein. Fhuair mi iad so bho ’n righ ’s tha iad agam air mo shiubhal.”
“O! nach leig sibh fhaicinn iad?” ars’ ise, “ ’s bidh mo bheannachd oirbh.”
“ ’S ro-dhuilich leam ’ur diùltadh,” ars’ esan, “ach gheall mi do ’n rìgh nach leiginn fhaicinn iad do thé gu bràth ach an té a phòsas mi—gabhaibh mo leisgeul.”
B’ eiginn do ’n phioghaid cur suas leis an diùltadh; agus o ’n dh’ innis an sionnach uiread de nithibh iongantach dh’ ise, dh’ innis ise dhàsan gach ni a bha ’dol air aghaidh mu ’n àite, agus moran naigheachdan mu ’n chat ’s na suiridhichean. Bha ’n sionnach tuille ’s seòlta glic gus a h-uile rud a chual’ e a chreidsinn; ach thuig e gu ’n robh an cat gle mhor aisde fein, agus gu ’n taitneadh miodal is moladh is brosgul gu math rithe. Dh’ fhàg e beannachd aig a’ phioghaid, ag earalachadh oirre gu ’n diog a ràdhainn mu na chual’ i.
“ ’N e mise?” ars’ a phioghaid, “cha ’n ann de ’n t-seòrsa sin mi Na biodh cùram oirbhse uime sin; ’s iomadh carraig air an caochail sruth, ach cha chluinnear pioghaid a’ tighinn thairis air na chluinneas i.”
Dh’ fhalbh an sionnach ’s ghabh e mu thàmh ré na h-oidhche sin. ’Sa mhaduinn am màireach, gun fhios ciamar, chual’ a’ chuthag ’s an fheannag, chuala ’n cat ’s an coinean, chuala gach beathach is duine na h-uile facal a bha eadar an sionnach ’s a’ phioghaid; ’s bha gach maighdeann ’sa bhaile air bàineadh gu eòlas fhaotainn air aon cho
[Vol . 10. No. 32. p. 2]
ainmeil. Cha do chaill esan moran ùine gun dol an còmhradh a’ chait, agus bha e cho grinn, sgiolta, bha e cho beulach, mhiodalach, ’s gu ’n do ghabh an cat déigh mhor dheth a thiota, agus a réir coltais bha ’shaod gu ’m faigheadh e gach ni mar bu mhath leis.
(Ri leantuinn.)
Iain Mor nan Ord.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. VI.
CAISTEAL AN TUILM UAINE—CAIPTEAN EANRUIC, MUIME NA H-AIRIDH, ’S AM PRIOSANACH.
MU ’n cuairt air cladach Rudha na h-Osnaich tha, mar tha ’n iomadh cearna de ’n Ghàidhealtachd gu léir, barr math chreagan. Ach ann an aon àite tha na creagan so air an carnadh suas taobh ri taobh air a h-uile dreach ’s air a h-uile cumadh, mar gu ’m biodh fuamhaire o shean a feuchainn a lamhe air clachaireachd. Tha e co dhiubh coltach gu ’n robh coinneamh aig na creagan an so uaireiginn an tùs an t-saoghail, agus gu ’n do chruinnich a h-uile cnap a b’ iongantaiche na ’cheile, a gabhail cumadh crò mhor, àrd, anns nach robh fosgladh ri fhaicinn, cho geur ’s gu ’n rannsaicheadh neach i, ach os cionn, agus ri aghaidh a chuain mhoir, luasganaich. B’ ann a thaobh ’s gu ’n robh an cuan air cladhach a stigh fo na creagan ’s air tuill agus uaimhean a dheanamh dha fhein, anns am biodh an cuan gun abhsadh a bùirich ’s ag osnaich a thugadh an t-ainm Rudha na h-Osnaich air an àite. Ach cha b’ ann air cumhachdan nàdair a bha ’n corra dhuine thigeadh an rathad a fagail na h-osnaich so idir, ach air cumhachdan uamhasach do-fhaicsinneach eile. Tha nàdar garbh na gloir ’s an àite so, ’s mar sin cuiridh e am barrachd ioghnaidh oirnn air dhuinn faighinn a stigh do ’n ’chro, blianag chaoin, bhòidheach, ghorm, anns a bheil mu dha acaire fearainn, fhaicinn an taobh a stigh de na ballachan garbha so. Tha na creagan àrda mu ’n cuairt a cumail sùil na gréine daonnan air an àite; tha mar an ceudna driùchd na h-oidhche a tuiteam tri fillte air, air chor ’s gu bheil gach flùr is bòidhche, ’s gach luibh is cùbhraidhe ga ’chomhdach. Ach am meadhain na blianaig so tha ’n h-ioghnadh is motha gu léir— ’s e sin seana chaisteal fàs, ach a tha gu math làidir fhathast, air a chomhdach le eidheann uaine agus feanndag. B’ e Caisteal an Tuilm Uaine a theirteadh ris, agus b’ ann mar a leanas, ma b’ fhior an sgeul, a chaidh a chur suas.
Bha ceann-feadhna cumhachdach uaireiginn dhe ’n t-saoghal a còmhnaidh air an staid da ’m buineadh an t àite so, agus a reir coltais ’s e fior dhroch dhuine ’bh’ ann, a rinn iomadh gniomh eucorach ri latha ’s ri linn. Ach bhuail an t-eagal e ’n uair a bha feasgar a réis a ciaradh, agus thog e ’n caisteal an so gus a bhi ann na aonar air furm an aithreachais fhad ’s bu bheò e, a mach o ’n t-saoghal ’s o chuid bhuairidhean meallta. B’ ann mar sin a bha. Cha robh e faicinn gnùis duine uair sam bith, ’s cha robh cuideachd aige ach a smaointean fhein. Bha seann seirbhiseach uair ’san t-seachduin a fàgail balg beag gràin air leac ghil a mach o ’n chrò am bad àraidh, agus a toirt leis a bhuilg fhalamh a gheibheadh e ann. B’ e so agus uisg’ an fhuarain biadh an aonarain. Bha dorus diomhair aig a bhodach anns a bhalla mhor so air a dhùnadh le creig mhoir air a cur air sorachain cho innleachdach ’s gu ’m fosgladh lamh naoidhean i le beantainn dhith am bad àraidh, ach nach fhosgladh Samson fhein le neart, mur biodh fios aig air a chleas. Cha robh fios aig duine air a so no mu ’n dorus idir ach aig a’ bhodach fhein: agus a thaobh ’s nach robh uibhreachd ri chur eadar e is bad eile, dh’ fhaodadh reiseamaid a bhith ’g amharc air a shon fichead bliadhna gun bhuaidh.
Air aon fheasgar àraidh rainig an seirbhiseach an leac gheal mar bu ghnath an dùil mar a b’ àbhaist gu ’m faigheadh e am balg falamh, ach na àite sin bha e cho làn ’sa dh’ fhàg e e seachduin roimhe sid. Fhuaras daoine is bàta is chaidh iad mu ’n cuairt air an rudha ’sa stigh do dhaighneach an t-seann duine, ach cha ’n fhacas a choltas, no iomradh thun an latha ’n diugh dé dh’ éirich dha. Ach bha beul-aithris am measg an t-sluaigh a bha ’g at mar is dual, mar a bha e dol suas ’s gach linn. B’ ann air a bhodach bhochd a bha gach osnaich is bùirich a bha ’n cuan a deanamh ’s na h-uaimhean air fhàgail, air chor ’s nach rachadh ach duine gu math misneachail faisg air an àite, gu h-àraidh ’s an dorchadas. Bha Caisteal an Tuilm Uaine mar sin fad iomadh linn gun duine na chòir; ach anns a’ bhliadhna 1740 chòrd an t-àite cho math ri Tighearna Shrath Ghlinn, da ’m buineadh an staid, ’s gu ’n do chuir e air dòigh an caisteal air son dachaidh shamhraidh. Ach dh’ eirich Tighearna Shrath Ghlinn le Tearlach, agus a nis bha ’n caisteal fàs aon uair eile, ’s a mhaighstir na ’fhogarach ’s na ’chrùban feadh nan eileinean comhla ri Tearlach. Chaidh gach fearann is maoin a bhuineadh dha a ghlacadh an ainm Dheòrsa, agus a nis bha buidheann de na saighdearan dearga na ’m freiceadan ’s gach caisteal a bhuineadh dha ach an t aon nach d’ fhuair iad fhathast a mach, Caisteal an Tuilm Uaine.
B’ e béisd a bhuineadh do theaghlach cumhachdach á Sasuinn da ’m b’ ainm Caiptean Eanruic a bha nis le stròdhalachd uamhasaich a caitheamh maoin oighreachd Shrath Ghlinn, agus na ’riaghladair thairis oirre fo laimh Chumberland fhein. Air maduinn chiùin, ghrianaich an tùs an t-samhraidh, 1746, bha bàta-cogaidh Sasunnach, a mach o Chaiptean Eanruic, a seoladh ’s a gabhail geur bheachd air muir ’s air tìr mu ’n cuairt, suas ris na cladaichean garbha so a bha cuartachadh Rudha na h-Osnaich. Ann am prioba na sùla, mar is dual do ’n t-samhradh òg, —aig a bheil coltas ri samhradh òg ar beatha fhein—thainig neul dubh ’san iarmailt air an robh coltas gle dhuaichnidh, agus a chuir eagal gu leor air oifigich òga, mheara, aineolach a bhàta Shasunnaich. Ruith iad am bàta ’stigh gu cabhagach, agus dh’ acraich iad ri fasgadh gob an rudha. An uair a fhuair iad air doigh, sheall iad mu ’n cuairt orra, agus ciod a b’ iongantaiche leotha na ’n caisteal a dh’ ainmich sinn, Caisteal an Tuilm Uaine, fhaicinn mu ’n coinneamh troimh ’n bhealach, agus ged a bha i aognaidh, duaichnidh ’n taobh am muigh dhiubh, bha ’ghrian gu h-òirdhearc a dearrsadh air an t-seann chaisteal ’s ga ’chuartachadh le tuil bhlàth dhe ’solus caoin.
“Air m’ fhacal,” ars’ an t-oifigeach Sasunnach, “ ’s i bànrigh nan sìthichean Gàidhealach ’tha cumail cùirt san dainghnich iongantaich so, ’illean ar neo Prionnsa Tearlach fhein. Nach coir dhuinn a dhol suas feuch dé thachras ruinn, no chuireas am fortan na ’r luib?”
Chaidh na fir gu tir agus dh’ ealaidh iad gu fàillidh thun an t-seann chaisteal, ach a mach o sgaoth dhruidean a dh’ eirich air dhaibh tighinn dlùth, cha robh creutair beò ri fhaicinn mu’n àite.
“ ’Fhearaibh,” ars’ an t-oifigeach, “nach e Caiptean Eanruic a ni ’n toileachadh agus a bheir dhuinn an taing agus an duais airson an caisteal falachaidh so fhaighinn dha! Nach e ’bhios air a dhòigh!” ars’ esan, ’s e caogadh ri càch. “Faodaidh e ’bhan-reubalach òg, aluinn, fhiadhaich Ghàidhealach a ghlac e a chumail an so fichead bliadhna, no gus am brist e a spiorad, gun fhios do dhuine beò, ma thogras e. An cuala sibh mar a rinn i air an latha roimhe, airson e pòg iarraidh oirre?”
“Cha chuala,” arsa na h-òganaich eile.
“Chaidh, ma ta, an Caiptean a stigh far an robh i, air a chur suas air sheol ’s gu ’n robh e smaointean gu ’n aomadh e cridhe caileig òig sam bith, àrd no iosal. Tha fios agaibh fhein, fhearaibh, eadrainn fhìn, gu ’m bheil an Caiptean gu math féineil, agus a smaointean gur fior Apollo e-fhein, ach, fhearaibh, bheirte dheth an riomhadh ’s am breid òir ’s gach ribin eile, is chumadh e na ’aonar na ròcaisean á achadh ceud acaire arbhair. Ach is diomhaireachd so uile. Ach gu tilleadh gu Móraig no Màireig, —cha ’n ’eil fios agam air a h-ainm, ach gu bheil e tòiseachadh le M. —ach tha i da rireadh bòidheach. Co dhiubh, chaidh an Caiptean a stigh, agus le gasdachd mhoir bha e ’dol a shuidhe ri taobh Maili (fhuair mi e), agus thug e ionnsuidh air fàilte chur oirre le ’bhilibh, an uair, mar dhreagan, no mar chat-fiadhaich leum i uige is theab i thoirt as a chéile na ’mhìrean, mu ’n d’ fhuair mi-fhin is Barry a thoirt bhuaithe, air dhuinn a chluinntinn ag éibheach ‘Mort! mort!’ aird a chlaiginn. Agus bheireadh staid a Chaiptein gàire air gamhainn an uair a fhuair sinn a mach e. Ma bha e sleamhainn, cùbhraidh, làn olla spiosraidh, agus chnotaichean a dol a stigh, cha toireadh marsanta paca gròt air ’nuair thainig o ’mach, ’s cha ’n fhaiceadh tu le fuil e. ’S an òigh Ghàidhealach fhein: bidh a bòidhchead fhiadhaich na ’m shealladh gu bràth, air a dùbladh leis an fheirg. Sealladh àrd-inntinneach, misneachail na ’sùil, ’s a falt fada, cho dubh ri sgiath an fhithich, m’ a guaillnean ga ’comhdach mar bhrat sioda. Ach tha fios agam gu ’n dug an Caiptean bòid nach bi chum a math, ma theid leis. Chuala mi e ’g radh gu ’n toireadh esan oirre tighinn far an robh e air a da ghlùin a ghuidhe pòige air. Ach chi sinn, chi sinn.” A’ bruidhinn mar so bha na fir a tilleadh thun a chladaich. “B’ fhearr leam fhìn,” ars’ an ceannard, “aghaidh a thoirt air ban-leoghainn a bhiodh air a cuileanan a chall, na air an òigh Ghàilig gun chuireadh, agus—Ach air an t-saoghal dé tha sud?” Thuirt an Sasunnach na briathran so, air dha fhein ’s dha chompanaich osnaich aognaidh a chluinntinn air gach taobh, ’s fo ’n casan fhein, ’s iad a nis faisg air oir na mara, is sèimhealachd ga ’n cuartachadh a fàgail na h-osnaich so na bu shoilleire.
“ ’S e na maighdeanan mara th’ ann,” arsa spalpair òg nam measg, a bha ’n deigh ùrsgeul a leughadh mu shluagh an aigein latha no dha roimhe so. “ ’S e na maighdeanan mara th’ ann,” ars’ esan, “agus tha ’n t àite fo gheasaibh, is mar is luaithe gheibh sinn as ’s ann is fhearr dhuinn.”
Bha na bha iad a cluinntinn mi-thalmhaidh gu ’n teagamh, agus le aghaidhean tana, glasneulach, a mach a ghabh iad, a leum do ’n bhàta bheag a thug gu tìr iad air muin a chéile, air chor ’s gu ’n do chuir iad thairis i. Fhuair an companaich an iasgach gu sàbhailte gu bord, ’s mar chearcan fliucha rainig iad Caiptean Eanruic, ’s dh’ innis iad dha gach ni a chunnaic ’s a chual’ iad. O’n a bha ’n Caiptean fo dheagh dhion ’san àm, is botul math làmh ris air a bhord, rinn e faoineis dhe na bòcain a chual’ iad.
“Ma tha iad ann,” ars’ esan, “cha bhi mo chlaidheamh sgaiteach-sa fada cur na ruaig orra!’ Le so a radh chuir an Caiptean a lamh chaol air a chruachan far an robh ’chlaidheamh, agus stadh e e-fhein gu duineil. “Mìle taing dhuibh, ’illean,” ars’ esan, “airson an t-àite fhaighinn dhomh—direach a cheart àite bha bhuam! Uilleim,” ars’
[Vol . 10. No. 32. p. 3]
esan, “Uilleim, (ris a bhuidileir) a nuas leth-dusan botul de ’n fhion is fhearr ann an seilleirean an reubalaich, Tighearna Shrath Ghlinn, is cuir air a bhord iad air beulaobh nan uaislean so. Air m’ fhacal chunnaic mi na bu mhiosa ’san Fhraing. B’ aithne dha fion a thaghadh, ged nach b’ aithne dha righ a thaghadh!”
Le so a ràdh thòisich Caiptean Eanruic ri spaisdearachd feadh an t-seomair, agus gach uair a rachadh e seachad air an sgàthan ’sa chitheadh e iomhaidh fhein, le iomadh lot agus spuaic, dhrannadh e ’fhiaclan, agus thigeadh solus cruaidh na ’shùilean. Sheas e sin aig an dorus, agus ghlaodh e air seirbhiseach, ’s thug e ordugh dha: “Faic brath,” ars’ esan, “gu cailleach a bhothain, agus innis dhith gu bheil toil agamsa a faicinn an so feasgar.”
Bha ’chailleach so, dha ’m b’ ainm Muime na h-Airidh (ma bha ainm eile oirre cha chuala sinn) o chionn ùine mhoir air oighreachd Shrath Ghlinn, ann am bothan beag faisg air a chaisteal, far an robh i ’tighinn beò gu ròiceil air na daoine mora le brosgul ’s leis gach car eile bhios a leithid a cleachdadh, gus i fhein a chur a stigh agus càch a chur a mach. Bha i na ròtaich mhoir làidir, aig nach robh gràdh duine. Cha bhuineadh i do ’n àite, oir bu bhana-choigreach i a thainig bhar na Galldachd. Cha robh Muime na h-Airidh fada mu ’n cuairt air tionndadh colair a chleoc, ’n uair a thainig Caiptean Eanruic, agus bha i ’cheart cho sleamhainn, brosgulach ris an’ fhear ùr ’sa bha i ris an t-seana mhaighstir, agus cho deiseil air an laimh a bheathaich i bhrath, agus gach fiosrachadh eile thoirt seachad dha thaobh do Chaiptean Eanruic, ’s gur gann a dheanadh e ’n gnothuch as a h-aonais. Ach cha b’ i Muime na h-Airidh an te a mhalairteadh a chuid bu luachmhoire dhe ’bathar ’san fhosgladh, ’s mar sin bha i cumail iomadh rud an cleith, gus an toir air lom mar a bhiodh feum aic’ orra. Bhiodh diùrais dhiomhair eadar i fhein agus an Sasunnach gle thric; oir bha i coimhlionta am Beurla ’s an Gàilig. Agus b’ ann bhuaipe a fhuair an Caiptean a mach mu dheidhinn nighinn òig àluinn a bha còmhnaidh an cearn aonaranach, iomallach dhe ’n bheinn, comhladh ri ’h athair ’s ri ’bràithrean, a bha fo choill o chionn iomadh bliadhna. Mar a fhuair e greim air an òigh so theid innseadh na ’àite fhein. Ach air an fheasgar so thainig Muime na h-Airidh an làthair a Chaiptean Shasunnaich le iomadh béic agus umhlachd.
“Ni sin an gnothuch, a chailleach,” ars’ esan. “Chuir mi brath ort feuch an rachadh agad air innseadh dhomh co dha ’bhuineas seann chaisteal fàs, air a chuartachadh le creagan garbha Gàidhealach, an àite fàsail ’sa bheinn ri oir na mara.”
“Is cinnteach gu bheil ’ur n-onair a’ ciallachadh Caisteal an Tuilm Uaine,” ars’ a chailleach, ’s i leigeil ris an da bhun dhubha fhiaclan a bh’ aice le fiamh gàire aognaidh. “Bhuineadh e dha ’n t-seann reubalach, Tighearna Shrath Ghlinn, ach a nis buinidh e dhuibhse, is Dia ga ’r gleidheadh na ’cheann gu bràth.”
“A bheil fios agad a bheil seomar dubh duaichnidh fo thalamh ann, nach fhaca solus gréine riamh? a dh’ aon fhacal, a chailleach, a b’ fhearr a fhreagradh air an eun a tha agad fhein fo ghlais na far a bheil i.”
Rinn a chailleach gàire fada tùchanach. “Ha! ha! ha!” ars’ ise, “bristidh ’ur n-onair mo chridhe leis cho éibhinn ’sa tha sibh. Tha ’cheart rùm a tha bhuaibh fo Chaisteal an Tuilm Uaine, nach fhaca grian no gealach riamh; ach bu rùm gun ghrian gun ghealaich rùm sam bith anns nach faiceadh i sibhse. Cha ’n ’eil sibhse ’tuigsinn nigheanan nam beann cho math riumsa; agus faodaidh sibh mo chreidsinn an uair a dh’ innseas mi dhuibh gu bheil cridhe na caileig gu bristeadh le gaol dhuibh.”
“Tha dòigh gle neonach aice airson a nochdadh, ma ta,” ars’ an Sasunnach, “ ’s na bi smaointean gu ’n creid mi do sgeul, a chailleach. Ach,” ars’ esan, ’sa làmh a siubhal nan lotan na ’aodann, “mur a bheil a cridhe gu bristeadh le gaol dhomh, bristidh e air dòigh air choireiginn i mu ’m bi i cuibhteas mise!”
Le beagan seanachas diomhair eile eatorra, chaidh mar so a shuidheachadh gu ’m biodh Maili na h-Uamha air a toirt do Chaisteal an Tuilm Uaine air an ath latha, fo churam na caillich, Muime na h-Airidh. So air a shuidheachadh dh’ fhosgail Eanruic a sporran is thug e á measg na bh’ ann aon bhonn òir do ’n chaillich, a dh’ fhàg e, le briathran brosgulach, sleamhainn air a bilibh, agus farmad na ’cridhe.
(Ri leantuinn.)
Sgeulachdan Arabianach.
ALADIN.
CAIB. I.
ANN an ceanna-bhaile aoin dhe na h-earannan cho farsuinn agus cho saoibhir ’s a th’ ann an rioghachd Shina gu leir—cha ’n ’eil cuimhn’ agam an drast’ air ainm a’ cheanna-bhaile—bha taillear a’ fuireach do ’m b’ ainm Mustafa, agus cha robh e comharraichte ann an doigh sam bith ach gu ’n robh e cho bochd ’s gu ’m bu ghann a bha e comasach leis a’ cheird a bh’ aige air e fhein ’s a bhean ’s a mhac a chumail suas.
B’ e Aladin an t-ainm a bh’ air a mhac, agus o nach robh e air iarraidh air car obrach a dheanamh, dh’ ionnsaich e moran de dhroch cleachdaidhean. Bha e aingidh, rag, rasanta, agus eas-umhail dh’ a athair ’s dh’ a mhathair, agus mar sin cha b’ urrainn daibh toirt air fuireach tiotadh aig an taigh ach fhad ’s a bhiodh e ’na chadal. Rachadh e mach gu math moch ’s a’ mhadainn a chluich thun na sraide comhladh ris na peasain a bha mu ’n aon aois ris fhein.
An uair a bha e sean gu leor gus ceird ionnsachadh, o nach b’ urrainn ’athair ceird a b’ fhearr a thoirt dha, thug e air toiseachadh ri ionnsachadh na taillearachd. Ach cha tugadh comhairleachadh, no caineadh, no rud sam bith eile air Aladin ’inntinn a shocrachadh ris an taillearachd. Ged a dh’ fheuch ’athair a h-uile doigh air an smaoinicheadh e gus a chumail a staigh comhladh ris aig an obair, dhubh-dh’ fhairlich an gnothach air. Cha bu luaithe a bheireadh e cul a chinn ris, na bheireadh Aladin e fhein as thun na sraide, agus cha ’n fhaiceadh ’athair no ’mhathair sealladh dheth gus am biodh an cadail ann. Mu dheireadh thoisich ’athair ri gabhail air, an duil gu ’n tugadh e air a chomhairle ’ghabhail; ach bha Aladin na bu mhiosa na bha e riamh. Mu dheireadh b’ fheudar dh’a athair, ged bu chruaidh leis e, a chead fhein a thoirt gu buileach do dh’ Aladin. Agus leis an dragh-inntinn a ghabh e a chionn nach b’ urrainn e a mhac a cheannsachadh, dh’ fhas e tinn, agus ann am beagan mhiosan dh’ eug e.
An uair a chunnaic a mhathair nach leanadh Aladin a’ cheird a bh’ aig ’athair, dhuin i ’bhuth, agus reic i an t-uidheam-taillearachd, agus leis na fhuair i air a son, agus leis na bha i gus a chosnadh le sniomh chotain, bha i ’smaointean gu ’n rachadh aice air i fhein agus a mac a chumail suas.
O nach robh ’athair beo gus a chumail fo smachd, thug Aladin e fhein suas gu buileach do gach olc agus mi-mhodh air an smaoinicheadh e. Agus ge b’ e uair a chomhairlicheadh no ’chronaicheadh a mhathair e, thionndadh e gu garg rithe agus chaineadh e i. Cha robh rathad air a chumail a cuideachd nan droch chompanach a bh’ aige air na sraidean.
Lean e air an obair so gus an robh e mu choig bliadhna deug a dh’ aois, agus cha robh aon smaointean aige air car de dh’ obair fheumail sam bith a dheanamh, agus idir cha robh smaointean aige air ciod a thachradh dha ’na dheigh sid. Anns an t-suidheachadh so an uair a bha e air lath’ araidh a’ cluich maille ri ’chompanaich mar bu ghnath leis, sheas coigreach a bha ’dol seachad an t-sraid far an robh iad, agus bheachdnaich e gu dluth air Aladin.
B’ e ’n coigreach so an draoidh ainmeil ris an canadh an neach a sgriobh an sgeul so, an Draoidh Africanach. Agus is e so an t-ainm a tha freagarrach dhomh a thoirt air o nach robh e ach air tighinn a Africa da latha roimhe sid.
Bha eolas math aig an draoidh air gnuis-fhiosachd, agus thuig e gu ’n robh rud eiginn ann an Aladin a bhiodh anabarrach feumail dha a chum an gnothach mor a bh’ aige ri dheanamh a chur an gniomh, agus dh’ fheoraich e gu gleusda de dh’ Aladin, co dha ’bhuineadh e, co dh’ ainm a bh’ air agus ciod an obair a bha duil aige ’leantuinn. Agus an uair a fhuair e gach fiosrachadh a bha toil aig’ fhaotainn, thug e Aladin ceum no dha a thaobh o na companaich a bha comhladh ris, agus thuirt e: “Nach b’ e ainm d’ athar Mustafa an taillear?”
“B’ e, mo thighearna,” ars’ Aladin, “ach tha uine mhath o ’n a dh’ eug e.”
An uair a chual’ an draoidh na briathran so, chuir e ’dha lamh mu amhaich Aladin, agus phog e caochladh uairean e, agus e ’sileadh nan deur.
An uair a thug Aladin an aire dha ’sileadh nan deur, dh’ fheoraich e dheth, car son a bha e gul.
“Ochan! a mhic,” ars’ an draoidh, agus e ’g osnaich, “cia mar is urrainn mise cumail orm fhin. Is mise brathair d’ athair; b’ e d’ athair mo dheadh bhrathair. Bha mi o chionn aireamh mhor bhliadhnachan a’ siubhal an t-saoghail, agus tha mi nis air tighinn dachaidh ann an dochas gu ’m faicinn esan a tha thusa ’g radh a tha marbh. Tha mi ’g innseadh dhut le firinn gu ’m bheil doilighios gu leor orm a chionn nach ’eil de thoileachadh agam gu ’m faic mi e. Ach tha tomhas de dh’ fhaothachadh agam a chionn, cho fad ’s is cuimhneach leam, gu ’m bheil thusa coltach ris, oir dh’ aithnich mi air d’ athair thu a cheud shealladh a chunnaic mi dhiot, agus tha mi nis a’ faicinn nach robh mi air mo mhealladh ’nam bharail.”
An uair a dh’ fheoraich e dheth an t1aite an robh a mhathair a’ fuireach, agus a dh’ innis Aladin dha, dh’ fhosgail e an sporran, agus thug e dha lan a dhuirn de bhuinn bheag ’airgid, agus thuirt e ris: “Bi falbh dhachaidh far am bheil do mhathair, a mhic, agus thoir mo bheannachd-sa g’a h-ionnsuidh, agus innis dhi gu ’m bheil mise gu tighinn g’ a h-amharc am maireach, ma bhios uine agam, a chum gu ’m bi de thoileachadh agam gu ’m faic mi an t-aite anns an robh mo dheadh bhrathair beo cho fada, agus far an d’ thainig crioch air a bheatha.”
Cha bu luaithe dhealaich an draoidh ri Aladin na ruith e dhachaidh far an robh ’mhathair agus aoibhneas mor air a chionn gu ’n d’ thug brathair athar airgiod dha.
“A mhathair,” ars’ esan, “am bheil brathair athar agam?”
(Air a leantuinn air taobh 246).
[Vol . 10. No. 32. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, IUN 6, 1902.
Am bu Bhreitheanas e?
O THUS eachdraidh an t-saoghail cha dàinig sgrios riamh air dùthaich no air sluagh gun daoine dh’ éirich sus gun dàil a radh gu ’m bu bhreitheanas a bh’ ann air-son aingidheachd na muinntir air an dàinig e. Tha so ri ’chluinntinn aig an àm so mu ’n sgrios uamhasach a thainig air an t-sluagh ann an St. Pierre, Martinique. Tha iomadh sgeul air innse mu olcas an t-sluaigh sin—a reir cuid dhiubh bha iad da-rireadh aingidh—ach cha ’n eil e ri chreidsinn gu robh iad na bu mhiosa na luchd-àiteachaidh dhùthchannan eile air nach dàinig fiosrachadh sam bith. Tha cearnan dhe ’n t-saoghal as am bheil droch sgeul air iomadh seòrs’ aingidheachd a nighinn o àm gu àm air am fàgail mar a bha iad, ’s an sluagh ag imeachd na slighe bha iad ag imeachd roimhe. A thaobh eilean Martinique, cha robh moran againn fiosrach gu robh a leithid ann gus an d’ fhuaras sgeul a sgrios, agus ged nach e ’n cliù a’s fhearr a thatar a toirt air an t-sluagh, cha ’n eil sin ag radh nach eil slòigh an àiteachan eile a bhiodh na ’r barail-ne a cheart cho toillteanach air sgrios ’sa bha iadsan. Cha’n eil e glic no ceart a bhi toirt breth orra-san air an dig bàs obann no call mor. Cha’n eil Breitheamh na talmhainn uile a’ toirt breith a reir barail ’s tuigse dhaoine, agus is math nach eil, oir bheir daoine ’m bitheantas breith a bhios mearachdach. Cha’n ann d’ ar dleasdanas-ne a bhi feòrach co-dhiu tha no nach eil iadsan air am bheil dosgainn agus bàs a tighinn a’ fulang nan nithean sin a chionn gu bheil iad ga ’n toilltinn os ceann chàich. ’S e ’n dleasdanas a bhuineas dhuinne a dheanamh cinnteach nach eil sinn fein a toilltinn nam peanasan a tha sinn a’ faicinn a’ tuiteam air muinntir eile. Is glice dhuinn a bhi stiùireadh ar ceumannan fein na bhi toirt breith air gluasad ar coimhearsnaich.
An t-Sith.
THA sgeul mhath ga ’h-aithris air feadh an t-saoghail aig an àm so, sgeul cho math ’sa chaidh aithris o chionn iomadh bliadhna. Tha cogadh nam Bóerach seachad, agus sìth air a h-aiseag do Africa mu dheas ’s do’n Impireachd Breatunnaich. O chionn dlùth air tri bliadhna bha an cogadh so a’ dol air adhart; rinneadh iomadh beatha phrìseil a chall ann, agus dh’ fhàgadh iomadh dachaidh brònach anns an ùine sin. Ach tha sin a nise seachad, agus bidh na creuchdan a rinneadh air an slànuchadh. Tha an Impireachd Bhreatunnach air a gleidheadh iomlan, agus bidh saorsa ’s ceartas a riaghladh far an robh daorsa ’s fòirneart a’ feuchainn ri ’n cinn a thogail. Dh’ ionnsuich Breatunn moran gliocais o’n chogadh so. Bidh a h-armailtean an deigh so air bhonn na ’s fhearr na bhitheadh iad mur robh na Bóerich air an ionnsuidh ghòrach a thug iad a thabhairt. Tha ’m Breatunnach ’s am Bóerach an diugh na ’s eòlaiche ’s na ’s measaile air a chéile na bha iad tri bliadhna roimhe so. Cha mhisd’ iad sin taobh air thaobh. Agus o’n tha na cumhachan-sìthe gle fhàbharrach do na Bóerich, bidh iad na ’s ullaimhe gu amhreitean nam bliadhnachan a chaidh seachad a leigeil air dichuimhn,’ agus gu socrachadh sios mar iochdarain dhileas do ’n Impireachd a thug buaidh orra. Cha do ghabh Breatunn droch bhrath riamh air nàmhaid chìsnichte, agus cha dean i sin air na Bóerich. Bidh barrachd de dh’ fhior shaorsa ’s de cheartas aca fo a riaghladh na b’ urrainn dhaibh a mhealtuinn fo riaghladh Steyn is Chrugair. Aon ni math a thug an cogadh mu ’n cuairt, air-son an còir dhuinn uile bhi taingeil, ’se sin, gu bheil an Impireachd an diugh air a tàthadh ri cheile le bannan dluth càirdeis mar nach robh i riamh roimhe. Ghabh Canada, Australia, New Zealand, ’s na ùr-threabhachais eile an cuid fein de dh’ uallach a chogaidh; dhòirt an cuid mhac am fuil chraobhach os leth na duthcha màthaireil, agus gheibhear an uaighean air machraichean Africa am measg uaighean nan laoch a fhuair an àrach an Alba, an Eirinn, ’s an Sasunn. Is uamhasach an ni cogadh, agus thigeadh dhuinn a bhi ’guidhe nach bi aig ar duthaich ri dhol gu stri nan lann air chabhaig a rithist. Ach o ’n bha ’n cogadh so ann, is còir dhuinn mar Bhreatunnaich a bhi taingeil gu ’n dainig ar duthaich as le buaidh ’s le onoir, agus an àite ’bhi air a lagachadh, mar a bha moran a cur air mhanadh dhi, gur h-aon tha i na’s treasa agus na’s aonaichte na bha i riamh roimhe.
An Samhradh.
IS iomadh aobhar toileachais-inntinn a tha ’n samhradh ’toirt duinn agus dearbhadh air caoimhneas agus càirdeas neo-chrìochnach an Uile-chumhachdaich. ’S e so an ràidhe sona sin, anns am bheil Dia a’ taomadh a mach saoibhreis a mhaitheis anns an tomhas a’s pailte air gach ni agus neach. Is sunndach càil gach beò-chreutair. Tha réite agus ciùineachd air dùilibh an domhain. Tha blàths agus aoibhneas a mach air feadh an t-saoghail, agus cha ’n ’eil obair eile aig an t samhradh ach ag uidheamachadh air son gach ni ’tha feumail agus taitneach do mhac an duine, agus freagarrach gu àrd thaingealachd a dhùsgadh ’na chridhe. Tha ’m pòr a chuireadh ’san earrach a’ teachd a nis a mach ’na fhochann bòidheach; tre chumhachdaibh diomhair nàduir, le feart na gréine, tha meas de gach seòrs’ a’ fàs anns na liosaibh. Fo mhìle suaicheantas rìomhach chithear lusan na machrach a fàs gu dosrach, ùrar; cha robh Rìgh Solamh riamh air ’éideadh cho àillidh riu. Nach lionmhor an àireamh, agus nach maiseach an snuadh! Nach dealaichte o chéile na ’n gnè ’s na ’n coslas gach feòirnein agus lus, gach preas agus crann a tha ’nis a’ fosgladh a mach an duillich, o’n chòinnich iosail uaine gu ruig an darach làidir, rìgh nan craobh! Siùbhlamaid far an àill leinn, gu mullach an fhirich a’s àirde, gu uaigneas a’ ghlinne a’s ìsle, tachraidh oirnn anns gach àite àilleachd ùr. Ma shuidheas sinn air bruaich na h-aibhne, nach binn torman ciùin an t sruth’ a’ siubhal seachad oirnn gu réidh, sàmhach do’n chuan mhòr. Nach bòidheach na blàthan maoth’ a tha ’fàs mu bhruachan nan allt, —an t-sòbhrach, a’ bharra-gheall, ’s an neòinein, a’ bhiolair uaine, ròs nam bad bòidheach, is mìle lus nach fhaodar àireamh ’s an àite. Amhairc os do cheann, nach glòrmhor dreach nan speur, —amhairc air an làr agus faic an trusgan uaine leis am bheil na cluainean air an còmhdachadh. Eisd ris a’ cheòl a tha m’ ad thimchioll, tha ’chòisridh cheòlmhor a mach air gach preas. Cluinnear fad as fuaim nam feadan uisge, turaraich chianail nan eas, agus onfhadh trom a’ chuain. Chithear caoraich le ’n uain bheaga gheala a muigh air an raon. Tha buaile ’chruidh ghuaill-fhinn air an todhar, tha na laoigh ghuanach a’ mireag air an àilein. Chuir fiadh nan stùc suas a shuaicheantas samhraidh, is àrd a langan ’s an fhrìth! Ann an aon fhocal, tha mìle ni r’a fhaicinn agus r’a chluinntinn ann an òg mhios an t-samhraidh a bu chòir ar taingealachd a dhùsgadh do ’n Ti àrd agus ghlòrmhor, a chàirich gach ni de ’n t-seòrsa so mu choinneamh ar sùl a thug tuigse dhuinn gu eòlas a ghabhail orra, agus riarachas inntinn a tharruing uatha. Ach àillidh mar tha tùs an t-samhraidh, cha mhair e fada; latha no dha seachad, agus fàilnichidh a dhreach. Agadsa, mar an ceudna, a dhuin’ òig, tha do shamhradh féin: ’s taitneach e, ach O! cha ’n ’eil ach gearr! Ann an ùine ghoirid caillidh an saoghal dhuitsa moran d’a àilleachd, fàilnichidh na nithean sin a thug dhuitsa sonas a ’d òige. Ma shìnear do làithean, lionaidh curam an t-saoghail so do chridhe, agus canaidh tu mu ’n aimsir a tha ’dol seachad, “Cha ’n ’eil tlachd aig m’ anam innte.” Do d’ ionnsuidh-sa, O mo Dhia! thogainn suas mo chridhe; gabh thusa, m’ anam, tlachd ann an Dia, agus bheir e dhuit gach maith ’na thràth. Dhàsan gu ’n robh samhradh mo làithean air a choisrigeadh. Gu ’n deònaicheadh e dhomhsa ’bhi beò air an t-samhradh so, mar nach faicinn a h-aon eile. —Caraid nan Gaidheal.
Sealladh Uamhasach.
THA dithis dhaoin-uaisle a bha ’g amharc air beinn Phelee bhar na mara nuair a thachair an spraidheadh a sgrios baile St. Pierre, ag innse gu ’m bu shealladh uamhasach e. Bha iadsan air a dhol a mach ’sa mhaduinn a dh’ iasgach, agus bha iad aig an àm mu dha mhìle bho thir. An toiseach chunnaic iad meall mor de cheò geal a’ spùtadh suas á mullach na beinne, an sin thainig ceò dubh air a leantuinn le ceò dorcha, buidhe, a sgaoil mar neul thairis air St. Pierre, ga ’dhubhadh as an sealladh. Lion an neul so an iarmailt, agus bha dorchadas mor ann, air chor ’s nach bu leir dhaibh am baile no ’n dùthaich timchioll air. Dh’ fhàs an t-àile aig an àm cheudna cho teth ’s gu ’m b’ fheudar dhaibh iomaradh air falbh cho luath ’sa b’ urrainn daibh. Nuair a dh’ éirich an neul ’s a shoilleirich an iarmailt chitheadh iad lasraichean ag éirigh o bhaile St. Pierre, ’s e air a dhol na ’theine. Lean an losgadh sin cóig no sia dh’ uairean, agus an sin bha am baile na ’luathainn. Tha iad so agus daoin’ eile a chaidh gu làrach a’ bhaile beagan làithean an deigh an sgrios, ag radh nach eil iad a creidsinn gu ’n suidhichear baile ’sa cheart àite am feasda tuilleadh; gu bheil an sgrios cho uamhasach agus cho iomlan ’s gu ’m bi e air fhàgail mar làraichean Shodoim agus Ghomorrah, na fhàsaich oillteil gu deireadh an t-saoghail.
[Vol . 10. No. 32. p. 5]
Crioch a’ Chogaidh.
Thainig crioch air a’ chogadh. Oidhche Di-sathairne s’a chaidh, mu leth-uair an deigh deich, chuir morair Citchener, morair Milner, agus ceannardan nam Boerach an ainmean ri cumhachan-sithe. Fhuaireadh fios ann an Lunnainn air an ath latha, agus á sin sgaoil sgeul an aoibhneis do gach cearna dhe ’n t-saoghal. Tha na cumhachan a rinneadh gle fhàbharrach do na Boerich, ach ’s i barail dhaoine nach caill Breatunn air sin ri ùine. Tha na Boerich ga ’n toirt fein suas, ’sa toirt gach arm is innsridh airm a th’ aca do na Breatunnaich. Tha Breatunn a’ dol a leigeil nam priosanach air ais do ’n dùthaich fein gun pheanas sam bith, ach orra san a mhàin a bha ciontach de bhristeadh air riaghailtean cogaidh. Bidh a’ chainnt Dhùitseach air a teagasg anns na sgoilean, agus air a cleachdadh anns na cuirtean-lagha ma chuirear feum oirre. Bidh an t-arm air a thoirt as an dùthaich cho luath ’sa bhios sin comasach, agus bidh fein-riaghladh air a chur air chois. Faodaidh na Boerich gunnachan caola chumail air-son iad fein a dhion, agus air-son sealg. Cha bhi cosdus a’ chogaidh air a leagail air an Transbhaal, agus bidh tri millein punnd Sasunnach ( $15 ,000,000) air a chur air leth air son fearainn nam Boerach a stocachadh. Bidh iadsan a bha ciontach de ghniomharan nach gabh mathadh air am feuchainn a reir lagh na dùthcha ach cha bhi neach sam bith air a chur gu bàs. Iadsan a bha ciontach de cheannairc, caillidh iad còir bhòtaidh fhad ’s is beò iad. Tha Breatunn mar so a’ déiligeadh ris na Boerich gu math na ’s fhearr na ’s àbhaist a bhi deanamh ri namhaid a thig gu ùmhlachd, ach feumar a chumail air chuimhne nach ann le dioghaltas no le laghannan cruaidhe, fòirneartach a thionndaidhear naimhdean gu bhi na ’n càirdean. Ma tha dùil ri Breatunnaich a dheanamh dhe na Boerich, ’s ann le càirdeas ’s le fialuidheachd a nithear e ’s cha’n ann le bhi ga ’n cumail fodha ’s ga ’n cruaidh pheanasachadh air son na rinn iad.
Pol Ana-creideach.
Nuair chaidh innse do Phol Cruger maduinn Di-dòmhnaich s’a chaidh gu robh crìoch air a chogadh, cha chreideadh e gu ’n robh an naigheachd fior. Tha e fein agus an Dotair Leyds gle dhiùmbach dhe na Bóerich air-son iad a dheanamh sìth gun an cead-san iarraidh. Tha Cruger o chionn da bhliadhna gu socair, seasgair anns an Olaint, a’ tigh’nn beò air ionmhas a thug e leis as an Transbhaal, am feadh ’sa tha a luchd-dùthcha a fulang fuachd is acrais is iomadh cruadail eile a’ cumail air adhart a’ chogaidh air an d’ thug esan orra tòiseachadh. Cha robh esan a’ faicinn aobhar sam bith air sgur, oir cha robh fuachd no acras, teine no luaidhe a’ tigh’nn na rathad fhein. Cha ’n eil e ’san doigh sin eu-coltach ri moran a bha air an taobh eile dhe ’n t-strìth, daoine bheireadh comhairle ghlic agus deagh sheòladh do cheannardan an airm mu iomairt cogaidh, ’s gun iad fein fad na h-ùine ach a’ garadh an cas ’s a’ leughadh nam paipeirean-naigheachd. Bha na daoine sin air an cogadh a thoirt gu crìch o chionn fhada na ’n gabhadh e deanamh le briathran beòil. Agus na ’n deanadh na h-airm cheudna feum do Chruger, bhiodh e n diugh na àrd-righ air Africa mu dheas, an àite bhi na fhògarach gun diù am baile beag an aon de na rioghachdan a’s lugha ’san Roinn Eòrpa.
STOIRM ’SAN IAR-THUATH—Bhuail stoirm mhor chuairt-ghaothach Manitoba ’s an Iar-Thuath air an t-seachdamh latha fichead dhe ’n Mhàigh, agus rinneadh call mor leatha. Cóig mionaidean an deigh dhi tòiseachadh bha ’n talamh air a chòmhdach le clacha-meallain. Bha gaoth uamhasach agus uisge trom ann. Bha taighean agns saibhlean air am milleadh, ach cha chualas gu robh call beatha sam bith ann. Timchioll air Calgary cha ’n fhacas stoirm cho dona o’n chaidh daoine dh’ fhuireach ann. Far an robh na clacha-meallain a tuiteam, bidh am bàrr gun fheum gu buileach, agus bidh call mor air fhulang leis na tuathanaich.
Litir a Ceap Nor.
A CHARAIDE: —Thainig “Mactalla nan Tùr” a’ m’ ionnsuidh gu sabhailte. ’S cinnteach gur ann a chum a reic a bha ’m fear a chur thu ’n a chois, na ’s lugha na bha eagal ort mur biodh agam ach aon gu ’n tugainn seachad an iasad e, ’s mar sin nach faighinn a bheag de fheum an leabhair. Bheir mise m’ fhacal ’s mo bhoidean dhuit maille ri Micheil nach fheil mac mathar ’an siorrachd Bhictoria a gheibh iasad dheth; agus cha mhotha na sin a bheirear an iasad Filidh na Coille, a tha mi ’cur a dh’ iarraidh ’s an litir so.
Cha ’n fheil leabhraichean Gàilig pailt ri am faotainn, agus is fior airidh Mr. Sinclair air a bhi air a mhisneachadh a chum an tuilleadh dhiubh so agus de leabhraichean eile fhaotainn air an cur an clò. Cha’n fheil e comasach do neach sam bith leabhar a’ sgrìobhadh agus a chur an clò, gun tomhas nach beag de ùine ’s de airgiod a chosg anns an oidhearp, agus mur bi sinne, a tha gabhail oirnn a bhi cho Gaidhealach, ullamh, air a chuid a’ s lugha, a chum cuid dhiubh a cheannach, ciamar a ’s urrainn duil a bhi againn ach ri gainne dhiubh a bhi ’n ar tir.
Gheibhear ’s an t-saoghal so muinntir a tha meas gur ni mi-iomchuidh do neach sam bith aig am bheil suim d’a chliu, a bhi ’cur ùigh ann am bàrdachd. Cha ’n fhiosrach mi ma tha aon de ’n t-seorsa iongantach sin an taobh so, ach mur fheil, tha iad taobh eiginn eile—cuid leis nach fiach eadhon MAC-TALLA a thaobh na tha e toirt de bhardachd d’ a luchd-leughaidh. Saolaidh mi nach ’eil duine sam bith aig am bheil tomhas iomchuidh de thuigse nàdurra nach abair gu bheil daoine mar sid glic os ceann na bheil sgrìobhte. ’Nuair bha ’n t abstol Pòl a deanamh uile dhichioll a chum sluagh iodhal-aorach baile na h-Aithne aomadh gu gabhail ris a chreidimh Chriosdail, am measg na labhair e riu a chum na criche sin tha na briathran so: “Oir annsan tha sinn beo, agus a gluasad, agus tha ar bith againn; mar a thubhairt mar an ceudna dream àraidh de bhur bàrdaibh fein, Oir is sinne fos a ghineil-san.” A nis ma bha’n t-abstol ullamh gu bhi foghlum o bhàrdachd dhaoine aig nach robh eolas sam bith air an Dia bheò, agus cuid dhe’n fhoghlum sin a chleachdadh ann a bhi cur air adhart leas aimsireal agus spioradail muinntir eile, cia mòr is mo na sin a dh’ fhaodas sinne bhi foghlum o bhardachd dhaoine a thogadh an tìrean soisgeulach, cha’n ann a mhain a chum ar leas fein ach leas muinntir eile mar an ceudna. Nach math a thigeadh do gach neach rann deireannach aoin de orain Bhurns, —oran a bha le móran air a dhiteadh ’n a latha fein—a ghleidheadh air chuimhne, agus buannachd fhaotainn dheth. Air a thionndadh gu Gailig, tha a bhrigh gu ìre bhig air a ghabhail a stigh anns na leanas: “O gu ’n tugadh cumhachd eigin comas dhuinn sinn fein fhaicinn mar tha muinntir eile ’g ar faicinn, shaoradh sin sinn o iomadh mearachd agus smuaintean faoine. Cia meud de ’n phrois a chithear ’n ar siubhal ’s ’n ar n-earradh a dhealaicheadh ruinn, agus eadhon cràbhadh.”
M. D.
DEONACH AONADH RI CANADA—Tha iad ann a tha dhe ’n bharail nach eil an latha fad as anns am bi Newfoundland air a ghabhail a stigh mar aon do roinnean Chanada. Tha moran de na daoine ’s tuigsiche tha ’n Newfoundland a’ faicinn gu ’m b’ e sin an ceum a b’ fhearr a b’ urrainn do ’n dùthaich a ghabhail aig an àm so. Le bhi fuireach leatha fein tha i call a thaobh malairt, agus tha cosdus an riaghlaidh ro throm. Dh’ fhosgladh aonadh ri Canada margaidhean dhith a tha ’n dràsda cho math ri bhi duinte, agus bhiodh suidheachadh an t sluaigh gu math na ’s fhearr na tha e. Tha aon de bhreitheamhan àrd-chùirt Newfoundland an deigh a dhreuchd a leigeadh uaithe a dh’ aon ghnothuch air-son a luchd-dùthcha a thoirt gu bhi ’g amharc’ air aonadh ri Canada mar ni buanachdail dhaibh fein. Air son Chanada, tha i deònach an gabhail a stigh cho luath ’sa thig iad. Cha ’n eil fhios an toir i moran cuiridh dhaibh, ach nuair a nochdas iad gu bheil iad deònach aonadh rithe, cuiridh i fàilte chridheil orra, agus faodaidh iad a bhi cinnteach gu ’m faigh iad brod a’ cheartais.
AN SAMHRADH—Tha e cearr a bhi labhairt mu ’n mhios Màigh anns an dùthaich so mar cheud mhios an t-samhraidh. Faodaidh e bhith gu bheil an samhradh a tòiseachadh ’san t-seann dùthaich air Latha Bealltainn, ach anns an dùthaich so cha ’n fhaicear moran dhe ’dhreach gu toiseach an òig-mhios. Thainig an t-òg-mhios a stigh an so am bliadhna gu briagha; bha a’ cheud latha dheth cho àlainn ri latha toiseach samhraidh ’sa chunnaic sinn riamh, ach cha robh na thainig uaithe sin cho blàth no cho coltach ris an aimsir sin dhe ’n bhliadhna. Bidh sinn gu tric a’ talach air sìde na dùthcha so, ach ’s e ’s coireach ri sin cho aineolach ’s a tha sinn air sìde dhùthchannan eile. Tha fuachd is fliuichead mi-thoilichte, agus gu tric mi-fhallain, ach is suarach iad an taca ris na tha r’a ghiùlan an dùthchannan eile. Cha d’ rinneadh anns an dùthaich so riamh call le brùchdadh bheanntan-teine no le crithean-talmhainn, mar a tha gu bitheanta a’ tachairt ’sna dùthchannan anns nach bi fuachd no reothadh.
SGIORRADH UAMHASACH—Ann am Fernie, an Columbia Bhreatunnach, bha spraidheadh uamhasach ann am mèinn ghuail leis an robh ceud gu leth de ’n luchd-obrach air am marbhadh. Thachair so maduinn Dior-daoin, an darra latha fichead dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Am measg na chaidh a mharbhadh, bha dha dheug a mhuinntir Nobha Scotia, agus dithis a mhuinntir Cheap Breatuinn, Iain Domhnallach a mhuinntir Chaledonia, agus Raonull Mac Ille-mhaoil á Port Morien. Bu mhac esan do Dhomhnall Mac Ille-mhaoil, a chaidh a mach do Fhernie o chionn dha no tri bhliadhnaichean air ais. Dh’ fhàg an sgiorradh da fhichead bantrach is da cheud dìlleachdan. Bha a’ mhèinn gle dhona le gas, agus thatar ag aithris nach robhas cho faicilleach uime sin ’s bu chòir a bhith. Tha e gu tric a tachairt gu bheil sgiorraidhean agus call beatha air an aobharachadh le muinntir ris am ’bheil cùisean an earbsa a bhi deanamh dearmaid air an dleasdanas.
MEINNEADAIREAN GANN—Tha aig a chuideachd a tha ’g obrachadh na Mèinne Tuatha ri àireamh de mhèinneadairean a thoirt a nall á Alba. Tha mhèinneadairean na dùthcha so fhein air fàs gann; tha na mèinnean uile ga ’n obrachadh gu trang, agus a’ cur feum air barrachd dhaoine ’s a bha iad riamh roimhe. Feumar air an aobhar sin daoine fhaotainn á dùthchannan eile.
TAGHADH AN ONTARIO—Chaidh pàrlamaid ùr a thaghadh an Ontano air an t-seachduin s’a chaidh—air Dior-daoin. Chaidh an latha leis na Liberals. Fhuair iad leth-cheud is aon de ’n daoine stigh, agus na Conservatives da fhichead is seachd. Tha na Liberals an dreuchd an Ontario o chionn dheich bliadhna fichead.
Mar is trice, is e am fear a’s fhearr gu bruidhinn a’s miosa gu obair.
Mar is feumaiche a tha duine air comhairle, is ann is lugha tha de thlachd aige dhi.
Ionnsaich a bhi modhail, iomchuidh ris na h-uile, agus bidh meas aig a h-uile duine ceart ort.
Leabhar Ciuil.
Tha an leabhar gasda so, a bha air a chur an clò an toiseach ’sa bhliadhna 1888, air ùr chur a mach agus sin ann an deagh uidheam. Tha a dha dheug air fhichead de laoidhean, agus an cunntas ceudna de dh’ òrain na Gaidhealtachd ri ’m faotainn ann, agus an ceòl ’san da notation leis gach aon. Tha ann mar an ceudna àireamh de dh’ fhuinn nan salm, mar a thatar ga ’n seinn ’sa Ghailig. Mur eil sinn am mearachd, ’se so an aon leabhar anns am faighear iad. Tha an leabhar air a chlo-bhualadh air deagh phaipeir, agus còmhdach math air. Thatar ga ’chreic air coig tasdain, agus ’s math is fhiach e a phris.
The Songs and Hymns of the Gael, with English Translations and Music in both Staff and Sol-Fa Notations, to which is added the Gaelic Psalmody, also in both Notations, with an Introductory Chapter and Notes by Lachlan MacBean. Price 5s. Stirling: Eneas MacKay, 43 Murray Place. Can be ordered from the Publishers of Mac-Talla, Sydney, C. B. Price by mail postpaid, $1 .50.
[Vol . 10. No. 32. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 243.)
“Cha ’n ’eil, a leinibh,” ars’ a mhathair, “cha ’n ’eil brathair agamsa no aig d’ athair.”
“Tha mi direach air tighinn a nis fhein o dhuine ’tha ’g radh gur e fhein brathair m’ athar cinnteach gu leor. Bha e ’caoineadh, agus phog e mi an uair a dh’ innis mi dha nach ’eil m’ athair beo; agus gus a dhearbhadh dhuibh gu ’m bheil mi ’g innseadh na firinn, seallaibh na thug e dhomh de dh’ airgiod. Dh’ aithn e dhomh moran bheannachd a thoirt do ’r n-ionnsuidh, agus a radh ribh gu ’m bheil e gu tighinn gu ’r n-amharc am maireach, ma bhios uin’ aige, a chum gu ’m faic e aig a’ cheart am an taigh anns an do chuir m’ athair seachad a bheatha.”
“Bha brathar aig d’ athair gu dearbh, a leinibh, ach is fhad o ’n a fhuair e bas, agus cha chuala mise riamh gu ’n robh brathair eil’ aige,” arsa mathair Aladin.
Cha do labhair Aladin agus a mhathair an corr mu dheidhinn an draoidh aig an am. Ach air an ath latha fhuair brathair-athar e ann an ait’ eile dhe ’n bhaile ’s e ’cluich comhladh ri cloinn eile, agus an uair a chuir e ’lamhan m’ a amhaich mar a rinn e an latha roimhe sid, thug e dha da bhonn oir, agus thuirt e ris: “Thoir so, a leinibh, thun do mhathar, agus abair rithe gu ’m bheil mise gu tighinn g’ a faicinn a’ nochd, agus iarr oirre rud fhaotainn dhuinn gu ar suipear; ach seall dhomh an toiseach an taigh anns am bheil sibh a’ fuireach.”
Sheall Aladin an taigh do ’n draoidh, agus an sin chaidh e steach leis an or thun a mhathar. Agus an uair a dh’ innis e dhi mar a thuirt brathair-athar ris, chaidh i ’mach a cheannach a’ bheidh a bha gus a bhith aca gu ’n suipear; agus o ’n a bha soithichean a dhith oirre, chaidh i g’ an iarraidh an iasad air na coimhearsnaich. Chaith i an latha gu leir ag ulluchadh na suipearach. Agus an uair a bha ’n t-suipear deiseil, thuirt i ri Aladin: “Is docha nach aithne do bhrathair d’ athar an taigh; bi falbh feuch am faic thu e, agus thoir leat an so e ma thachras e riut.”
Ged a sheall Aladin an taigh do ’n draoidh, bha e faisg’ air a bhith deas gu falbh g’ a iarraidh an uair a chual’ iad cuideiginn a’ bualadh aig an dorus. Dh’ fhosgail Aladin an dorus anns a’ mhionaid, agus thainig an draoidh a steach agus eallach a dhroma de dh’ fhion ’s de mheasan aige gus a bhith aca aig an t-suipear.
An deigh dha na measan agus am fion a thoirt do Aladin, chuir e failte air a mhathair, agus dh’ iarr e oirre an t-aite dhe ’n t-sofa air am biodh Mustafa a bhrathair a’ suidhe a shealltain dha. An uair a rinn i so, anns a mhionaid chrom e, agus phog e an t-aite caochladh uairean a’ glaodhaich, agus na deoir o ’shuilean: “Mo bhrathair bochd! nach mi tha neo-shona nach d’ thainig mi ann an am gus d’ fhaicinn mu ’n d’ fhag thu ’n saoghal!”
Dh’ iarr mathair Aladin air suidhe anns an aite anns am biodh a bhrathair a’ suidhe, ach cha deanadh e sid idir. “Bheir mi ’n aire nach dean mi sin idir,” ars’ esan; “ach thoir dhomh cead suidhe m’ a choinneamh, a chum gu ’m bi de thoileachadh agam gu ’m bi mi ’faicinn an aite anns am bu ghnath le maighstir ionmhuinn an taighe ’bhith ’na shuidh, o nach ’eil e ’n comas dhomh e fhein fhaicinn.”
Cha duirt mathair Aladin an corr ris, ach leig i leis suidhe far an do thoilich e fhein.
An uair a shuidh an draoidh aig a’ bhord, thoisich e ri comhradh ri mathair Aladin. “Mo dheadh phiuthar,” ars’ esan, “na cuireadh e ioghnadh sam bith ort ged nach fhaca tu mise riamh o ’n a phos thu mo bhrathair, Mustafa, air am bheil meas cho mor againn le cheile. Tha da fhichead bliadhna o ’n a dh’ fhalbh mi as an duthaich so, an duthaich anns an d’ rugadh mi fhin agus mo bhrathair nach maireann. Agus anns an uine sin shiubhail mi na h-Innsean, agus Persia, agus Arabia, agus Siria, agus an Eiphit, agus bha mi greis a’ gabhail comhnuidh anns na bailtean a’s briagha ’th’ anns na duthchannan so, agus ’na dheigh sin chaidh mi gu ruig’ Africa far an do chuir mi seachad uine mhor. Mu dheireadh, mar a tha nadarra do dhaoine, an uair a tha iad uine mhor air falbh o aite am breith agus ann araich, chuimhnich mi air mo dhuthaich, air mo chairdean, agus air mo luchd-eolais, agus bha toil mhor agam tighinn air ais agus failte ’chur air mo bhrathair. Agus o ’n a bha misneach agus neart gu leor agam gus an turus fada so a ghabhail, gun dail sam bith fhuair mi deiseil agus dh’ fhalbh mi. Cha ruig mi leas innseadh dhut an uine ’thug mi air an t-slighe ’tighinn an so, no na duiligheadasan a thachair rium, no an uidil ’s an t-allaban a dh’ fhuiling mi; ach cha do chuir rud sam bith uiread de bhron agus de dhragh-inntinn orm ri naigheachd bais mo bhrathar do ’n robh gradh mor agam an comhnuidh. Thug mi ’n aire gu ’n robh iomhaidh ’athar air do mhac cho luath ’s a chunnaic mi e am measg na cloinne eile a bha ’mireag comhladh ris air an t-sraid. Faodaidh e innseadh cho fior bhronach ’s a bha mi an uair a chuala mi an naigheachd bu mhuladaiche ’chuala mi riamh. Ach moladh do Dhia air son nan uile nithean! tha e ’na chomhfhurtachd dhomh gu ’m bheil a mhac ro choltach ris anns gach doigh.
(Ri leantuinn).
Litir a Detroit.
FHIR-DEASACHAIDH, —Tha mi duilich air son nan daoine gasda a chaill an cuid de ’n t-saoghal leis an teine mhor a bha agaibh ann an Sidni. Is e tha mi a’ ciallachadh gu sonraichte an fheadhainn dhiubh a bha cur sanais ann a rithist. Tha mi ’g earbsa nach bi an ùine fada gus am bi na daoine còire a’ cur sanais ’sa MHAC TALLA. Tha mi fhìn fuasach taingeil nach deacha am paipeir Gàilig againn a losgadh. Bha eagal orm, an uair a leugh mi ’sna paipearan Beurla gu robh Sidni air a losgadh, gu robh MAC-TALLA cuideachd air a losgadh agus nach biodh e air a chur a mach tuille. Faodaidh sibh a thuigsinn uaithe sin gu bheil mi toilichte gu leor a bhi ga ’fhaotainn uair ’san da sheachduin. Agus tha dochas làidir agam gu’m bi e, an ùine nach bi fada, ’tighinn a mach ùair ’san t-seachduin, agus neo-ar-thaing do na daoine leibidach a dhiult a chuid airgeid dligheach fhéin a thoirt dha. Thuirt Anna Og anns an òran aice,
“ ’S truagh nach robh agam do ’n Eilean Dubh
Staidhrean de na Frisealaich.”
A reir coslais cha robh moran meas aig Anna air na Frisealaich, ach cha’n ’eil fios agam gu de bh’ aice nan aghaidh. Ach bu mhath an airidh staidhrean a dheanamh de’n “fheadhainn nach do phaigh,” ann an àite air choireigin mar b’ e gur h-e droch rud a tha anns an dioghaltas. Cha b’ fhiach le MAC-TALLA dioghaltas a dheanamh orra. Tha MAC TALLA ag radh ’san aireamh mu dheireadh, gu’n teid aig a Ghàilig air facail a ghabhal ’an iasad cho math ri canainean eile. Cha’n ’eil mi creidsinn gu’n gabh i iasad cho math ris a Bheurla. Tha a’ chànain sin cosmhuil ri Tigh Iain Ghròt. Bha ochdnar mhac aig an duine choir sin; bha iad a’ stri co aca rachadh air thoiseach a’ dol a mach ’s a stigh air an aon dorus a bh’ air an taigh aca. Thog Iain an sin an taigh iomraiteach aige: bha ochd cliathaichean air agus dorus air gach aon dhiubh, dorus do gach mac. Agus bha ochd oisinnean air a bhòrd dhe am biodh iad a’ gabhal am bidh. Tha ochd dorsan, an car a’s lugha, air a Bheurla, agus gabhaidh i stigh facal sam bith a thachras rithe; ach mur còrd e rithe gearraidh i an t-earball dheth, air neo cuiridh i car ’na amhaich, agus anns a mhionad tha e na fhacal Beurla. Is iomadh ionmhas luachmhor a tha taisgte suas innte, ceud uair na’s motha na bha an cànain riamh roimhe; ach cha’n aidich mi gur h-i is fhearr innte fhein na a Ghàilig. Tha a Ghàilig gann ann an ainmean aig gach ealain, gach innleachd is eolas a fhuair daoine mach anns a linn a chaidh seachad; ach cha ’n e coire na Gàilig a tha an sin ach coire nan Gaidheal fhein. An uair a bhios sinn air son eòlas fhaotainn air na rudan ùra so, ’s ann ’s a’ Bheurla theid sinn ga shireadh chionn cha’n eil e anns a’ Ghailig. C’arson nach eil?
Air son nach do chur na Gaidheil innte e, cha’n ann airson nach gabh e cur innte. Nam bi a Ghailig cànain Bhreatuinn gu h-iomlan bhiodh i an diugh cho fada air a h-aghart ’sa tha a Bheurla. Ach sguir i de dh’ fhàs bho cheann fhada, agus an car a theid ’san t-seann mhaide ’s duilich leis dìreadh. Nam biodh i air a teagasg anns na sgoilean, bhiodh dòchas agam gu ’n tigeadh i air a h-aghart fhathast ann am briathran a bhiodh freagarrach air staid an t-saoghail mar tha e an diugh. Tha iomadh facal ’sa’ Bheurla a dh’ fhaodadh sinn a ghabhal a stigh ’nar cànain a bhiodh na bhuanachd dh’ ì. Is minig a chuala mi Gàidheil a bruidhinn, agus an àite rathad-iaruinn ’serailroada theireadh iad: gidheadh ’se brod na Gailig a tha ’san fhocal rathad-iaruinn’ tha e h-uile buille cho math sa tharailroadan canain nan Gall. Agus ciod e a ni sinn ri facail mar thalocomitive , telephone, telegraph,agus iomadhgraph eile? Cha’n ’eil mi faicinn dad an aghaidh an gabhail a stigh uair sam bith nach eil facal freagarach ’nar cànain. An àitelocomotivedh’ fhaodadh sinn an t-each-iaruinn a radh; is e sin brod an ainm, chionn ghabh an inneal sin aite an eich. Ach ’se a chùis sinn fhìn fhaotainn air ar cleachdadh ris. An uair a bhios an Gearmailteach a bruidhinn mu lamhainnean ’se their e riutha, “brogan-làmh,” agus ri peann their e “ite.” Cha robh cànain riamh ann ach a chiad té nach do ghabh iasad. Chuir duine saibhir geall mile punnd Sasunnach ri sgiobar Leòghasach nach b’ urrainn e-fhein agus a sgioba Leòghasach a long mhor thri-chrannach a thoirt mu ’n cuairt de’n t saoghal gun facal a labhairt air bòrd fad an turuis ach Gàilig. Sheol iad á Steòrnabha, chur iad cuairt mu ’n t-saoghal, agus an ceann dà bhliadhna sheòl iad a stigh do bhagh Steòrnabha gun fhacal a radh ach Gàilig. Bha an sgiobar còir an duil, car mionad, gun d’ thug e a chuairt gu crich, agus thubhairt e: —“Let go the anchor—leig a mach an greim mor.” Ged a rug e air fhein ann am mionaid chaill e an geall. Slan leibh.
Is mi ’ur caraid,
DOMHULL MAC LEOID.
CRAIGIE AIR A SHAORADH—Air an t-seachduin s’a chaidh bha ’n Conductor Craigie air fheuchainn aig a’ chùirt mhoir ann an Arichat air-son a bhi coireach ri bàs a Chaiptean Stiùbhart. Mar is cuimhne le ar leughadairean, bha ’n Stiùbhartach air a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Loch Mhic-an-t- Saoir, an deigh a bhi air a chur bhar na trein le Craigie. Dh’ fheuchadh ri dheanamh mach gu’n deachaidh Craigie thar a dhleasdanais ga ’chur a mach, gu’n do chleachd e-fhein ’s a luchd-cuideachaidh neart is an-iochd mi-iomchuidh ris, agus gu robh e mar sin coireach ri ’bhàs. Aig a chuirt cha robh dearbhadh sam bith air a thoirt air adhart gu ’n d’ rinneadh ni sam bith ach na bha dleasdanach a reir riaghailtean an rathaid. Bha Craigie mar sin air a shaoradh gu h onorach.
[Vol . 10. No. 32. p. 7]
Tuireadh.
LE IAIN RUADH MAC-GILLEBHRATH.
Moch Di-luain an àm dhuinn gluasad,
’S sinn gun smuairean oirnn, gun champar,
Fhuair sinn naidheachd a bha cruaidh leinn,
Na fir shuairc’ a bhith air chall oirnn,
’N àite bhith a teachd gu h-uallach,
Gur h-e ’n cuan a b’ ionad tamh dhaibh.—
Dochas m’ anm’ gun d’ rinn sibh buannachd
’Bheir dhaibh suaimhneas ’measg nan ainglean.
Tha lionn-dubh air feadh an àite
Mu ’n da bhràthair bhàthadh comhla,
’N Domhnallach bho Allt ’Ic Càrra,
’S an deagh àrmunn bha air bord leo.
Ol, no aimhreit, no droch nàdar
Cha do chàradh riamh na ’r feoil-sa.
’S lionmhor iad n’ ur déidh tha cràiteach
’Bharrachd air na dh’ àraich og sibh.
Ged a theannainn-sa ri ’r cùnntas
Feadh na dùthcha ’rinn an àrach,
C’àit am faicteadh na b’ fhearr biuthas
Na na fiurain ghearradh tràth bhuainn.
’N Ti a ghairm sibh suas g’a ionnsaigh
Ghabhail curaim agus bàigh ruibh,
Is gach neach théid air an glùinean
A bhith ’g ùirnigh ’suas n’ ur fàbhar.
Och, mo thruaighe-s’ thus’, Iain Ghrannda,
Chaill thu chlann sin a b’ fhèarr beusan.
Shaoileadh tu gum biodh tu taingeil
Mur a biodh iad ann le chéile.
Liath a bhliadhna so roimh ’n àm thu,
Dh’ fhàs thu fann, ’s gur mall do cheum leam,
’S beag an t-ioghnadh thu bhith ann,
’S gur mor an call am measg nan ceud iad.
’S lionmhor cridhe tha ’n diugh cràiteach
O’n a bhàthadh Domhnall Grannda;
Beul a thoirt am mach a ghàire
Nuair bhiodh càch a dol gu aimhreit.
Leam is duilich e ri ’ràitinn
Bean do ghràidh a bhith na bantraich.—
Beannachd Dhé bhith leis na h-àrmuinn;
Leam is tràth sibh dhol air chall bhuainn.
’S beag an t-ioghnadh leam-sa Anna
Bhith trom galach, mar a tha i,
’S ann ga ’dìth a tha na fearaibh,
A deagh chaidreabh ’s a geal bhràthair.
Nuair a dhùisgeas i ’sa mhaduinn
Anns an leaba, gur a fàs i.
Chuir sud sgian na ’cridh an sparradh
Nach dig as air bheagan làithean.
’S beag an t-ioghnadh i bhith truagh dheth,
’S deoir a gruaidhean a bhith siubhlach.
’S mor an ionndrainn a tha bhuaipe,
Measg an t-sluaigh cha robh ’n luchd-diomha.
’N Ti a dh’ ordaich an toirt bhuaipe
Bhith ri fuasgladh anns gach cùis oirr’;
’S e a dh’ àithn am bas a fhuair iad—
Bhith ’sa chuan, ’s an uaigh gun dùnadh.
Och, Alasdair Bhàin, a charaid,
’S trom air m’ aigne nach do thill thu;
’S og a thogadh thu nam thaice,
Is do ghruaim cha ’n fhacas riamh leam.
A bhith siobhalt’, aoibheil, taitneach,
Sin a chleachd thu ’s cha b’e mhiothlachd.
Cha bu mhac thu mar an t-athair
Nam biodh atharrachadh fiamh ort.
Bha gill’ og de Chloinn Mhic-Leoid ann,
Ged nach b’ aithne dhomhs’ gu dlùth e.
Far an robh e riamh a comhnuidh
’S e na h-eolaich bheir an cliu air.
Mac an athar ’s nach robh chomhstri,
Fhuair e ’leon ’s bu mhor an diubhail;
Tha mac eile leis fo ’n fhoid,
Ach cha robh sin cho mor ri ’chùnntas.
Nam b’ e stoirm a chuir sibh thairis,
’Chaoidh cha ghearainain-s’ cho mor sibh;
No ainneart am meadhon mara,
’N tric a chailleadh na fir eolach;
Ach ’s ann ’bha sibh taobh a chladaich
Nuair a thachair gniomh na doruinn,
A rinn sealap dhubh a challa,
’Tigh’nn gu acair oidhche Dhomhnaich.
Ged a bhiodh a mhuir na ’deannaibh
Aig na fearaibh anns a bhàta
’S gann gum faicteadh i dol thairis
Mur a biodh an t-sealap làmh rith.
Nan robh siuil a suas ri crannaibh,
’S i aig astar mar a b’ àbhaist,
’S cinnteach mi gun d’ fhuair sibh cala,
Nan deanadh tapadh tigh’nn a gàbhadh.
A bhith cuimhneachadh bhur coltais,
Cha ’n fheil ann ach obair dhiomhain;
Nuair a gheibh an ùir a cholann
Theid i dholaidh, ’s beag a’s fiach i.
A bhith ’g ùirnigh ris na h-aingil,
Sin a th’ againne ri ’dheanamh,
Dia a dh’ fhuasgladh air bhur n-anam,
’S e a lagachadh bhur pian duibh.
Ach bhon dh’ fhalbh sibh air ur turas,
Gun tigh’nn tuilleadh thun ur càirdean,
Deanamaid dheth galar fulaing,
Ma ’s a h-urrainn sinn na ’r nàdar.
Tha fios aig an t-saoghal uile
Nach h-fheil duin’ a dol a thàmh ann;
Mar gun tilgeadh craobh a duilleach,
Thus’ an diugh is mis’ am màireach.
Fhuair mis’ an t-oran so, an 1889, bho Iain Domhnallach, tàillear a tha fuireach mu choig mile bhuam. Is mac e do Niall Mor mac Eoin mhic Dhomhnaill mhic Thormaid. Bu nighean a mhàthair, Mairi Nic-Neill, do Dhomhnall Og Mac-Neill. Rugadh e aig na Caoil Bheaga an Ceap Breatann. Dh’ ionnsaich e an tàillearachd ’san Eantarbhal, no baile Antigonish, aig Aonghus Domhnallach, Aonghus mac Dhomhnall Dhìrich. Tha e beo slàn fhathasd, ach cha ’n fheil e uile gu leir cho sùbailte is a bha e nuair a bhiodh e a dannsa ’san Eantarbhal agus a bualadh na lobhta le ’chasan.
Tha Alasdair Domhnallach, Alasdair Clachair, duine a rugadh air a Ghulf, a fuireach mu cheithir mile bhuam. Tha e ag radh gu bheil e an nis tri-fichead ’s a sia diag, agus gun robh e mu cheithir bliadhna diag de dh-aois nuair a thachair am bàthadh. Chuireadh sin am bàthadh anns a bhliadhna 1840.
’S a bhliadhna 1892 fhuair mi litir bho ’n duine fhiosrach, mheasail sin, Mr Raonall Mac-Gillebhràth, sagart Arisaig, anns a bheil an t-iomradh a leanas air a bhàthadh:
Nuair a bha Mr Iain Grannda is Mr Alasdair Mac-Leoid na ’m foghlamaichean chaidh coignear dhaoine leotha o Mhuideart gu Arichat, far an deach iad air bord soithich gu an toirt do Chùibeic. Nuair a bha na daoine a chaidh leotha a tilleadh air ais rinneadh a suas riutha le shallop a bha dol gu Pictou. Cheangladh am bàta aca ris an t-sealap, agus dh’ fhalbh i leotha. Dh’ fhuirich ceithrear diu anns a bhàta—Domhnall Grannda, Cailein Grannda, Alasdair Bàn Domhnallach, agus Calum Mac-Leoid. Chaidh an coigeamh fear Donnachadh Mac-a- Phearsain air bord na sealaip. Nuair a rainig iad Muideart bha an oidhche aca, agus bha a ghaoth a seideadh gu math làidir o ’n airde deas. Nuair a bha am bàta ’s an t-sealap a dealachadh ri ’cheile bhuail an t-sealap am bàta agus chuir i car dh’ i. Chaidh a cheithrear a bha ’sa bhàta a bhàthadh. Anns a’ mhadainn fhuaradh an t-sealap an sàs air creig air Rudha Arisaig; ach cha dàinig ni ris na daoine a bha innte.
Cheasnaich Mr Raonall beagan de shean daoine, ach cha b’ urrainn e ’fhaighinn am mach ge dé a bhliadhna anns an do thachair am bàthadh. Rugadh Mr Alasdair Mac-Leoid ’sa bhliadhna 1809, agus bhiodh e co dhiu bliadhna ar fhichead de dh aois nuair a chaidh e do Chùibeic a dh’ ionnsachadh na sagartachd. Tha e cinnteach mar sin nach do thachair am bàthadh roimh ’n bhliadhna 1830.
Chuir am ministear foghluimte gasda sin, an t-Olla Mac-Eanraig am mach, an Leabhar nan Gleann, ceithreannan de dh-oran a bhàthaidh. Fhuair e e bho Mhairi Nic-Gillemhaoil an Erisgaidh. A réir an iomraidh a thugadh dha uime rinneadh e le sagart ann am Morar Mhic-Shimi air bàthadh a dha bhràthar fhin agus an duine aig a phiuthair. Cha ’n fheil fios agamsa ciamar a chaidh an t-oran do dh-Erisgaidh; ach tha e làn chinnteach gur h-ann air a Ghulf a chaidh a dheanamh, agus gur h-e Iain Ruadh Mac-Gillebhràth, am bàrd a rinn fear de na h-orain a tha ann am Filidh na Coille, a rinn e.
Bhon tha MAC-TALLA a dol do ’n t-sean dùthaich faodaidh mi innse gu bheil àiteachan briagha air a Ghulf an Antigonish ris an abrar Arisaig, Mùideart, is Cnoideart, agus gu bheil iad lan de shluagh laidir, tapaidh. Cha ’n fheil gin diu cho math air a chlaidheabh is a bha Iain Mùideartach, ach tha moran diu fichead uair na ’s fearr air a chrann-treabhaidh na bha e riamh.
GLEANN-A- BHAIRD.
Iadsan a Phaigh.
Iain Gillios, Sidni.
Alasdair Domhnullach, Whitney Pier.
An t-Urr. Alasdair Ros, Hogamah.
Micheal R. Mac Neill, Benacadie.
L. Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree
Domhull A. Gillios, Mabou Bheag.
Ruairidh Mac Coinnich, Loch Bhlackett.
Maighstir A L Domhnullach, Broad Cove
Iain Mac Iomhair, Bagh Bhaddeck.
Eobhan Mac Gilleain. Eilean Phictou, N. S.
Uisdean Mac Leoid, Allt nan Sia Mile, N. S.
D. Mac Gillemhaoil, Dunbheagain, Ont.
Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont.
Calum Deora, Dunbheagain, Ont.
D. B. Mac Aoidh, Southampton , Ont.
Alasdair L. Leitch, Strathroy, Ont.
Domhnall Mac Leoid, Detroit , Mich.
An t-Urr Domhnall Mac Gilleain, Dunbheagain, Alba.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte do dh’ orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.
PUBLISHERS “MAC-TALLA.”
Sydney, Cape Breton, Canada.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.
A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
Wm. COYNE,
Traffic Manager.
[Vol . 10. No. 32. p. 8]
Dealachadh a’ Phrionnsa ri Fionnghal Nic-Dhomhnuill.
LE D. B. MAC-LEOID.
Air fonn:— “Eirinn gu brath.”
Ga cladach a’ chuain,
Ri fuar-ghaoth an anmoich,
Thriall Tearlach gun dealradh
Air allaban ’s e sgìth;
Gun reul air a bhroilleach,
No freiceadan a’ falbh leis,
Ach ainnir nan gorm-shul
Bu dealbhaiche lìth.
Mar dhaoimean ’san oidhche
Bha mhaighdean fo thùrsa,
’Si cràiteach mu Thearlach
Bhi fàgail a dhùthcha;
Bu trom air a h-osna,
’S bu ghoirt deoir a sùilean
’Nuair chunnaic i ’n iùbhrach
A’ dlùthadh ri tìr.
Bha ghealach a’ tearnadh
Thar airde nan stùc-bheann,
’S gathan gu siùbhlach
Air dlù-thonna ’leum;
Ach ghrad thug i ’n aire,
’S mar oigh air a ciùrradh
Chuir sgail air a gnùis-ghil
De dhù-neoil nan speur;
Is dh’ fhalaich na reulltan
Iad féin anns a’ ghorm-bhrat,
Bha osna na gaoithe
’Trom chaoidh na bha falbh leath’,
’S b’ e gearan a’ chuain
An àm bualadh ri garbh-chreig:
“Mo léir-chreach an Albainn
’S ann mharbhadh na tréin!”
Sheas Flòraidh is Tearlach
Air tràigh nan tonn caoir-gheal,
’S bu bhrist-chridheach aog-neulach
’N aogas le cràdh;
Gun fhacal o ’m bilibh
Ach sileadh gun chaochladh,
’S iad aodann ri aodann
Air glaodhadh le gràdh!
Ach thainig a’ bhirlinn,
’S i ’n ribhinn a thoisich,
Le brist-ghuthan anmhuinn,
Air seanachas gu dòimheach;
Mar chlàrsach ’sa teudan
Gun ghleusadh, gun ordugh,
Bha reull nam ban oga
Fo dhoruinn ’s fo spàirn:—
“A Thearlaich mhic Sheumais,
’Ic Sheumais nan cùirtean,
Mo leon-sa do chrùn ’bhi
Air ùmaidh gun euchd;
Mo leon-sa na treun-laoich,
Cha ’n éirich ’s cha dùisg iad
A trom-chadal dùint-shùileach,
Udlaidh an éig!
Cha ghlac iad an lann anns
A’ champ ri uchd nàmhaid,
Cha sgap iad fir Shasuinn
Mar asbhuain ’sna blàraibh,
Cha ’n fhaic iad do bhratach,
’S cha ghlac iad air laimh thu;—
Ni sàile ’s am bas
Bhur fad fhagail o chéil.
“A Thearlaich mhic Sheumais,
Ma dh’ fheumas tu triall uainn,
Gu ’n coimhead do Thriath thu
Bho fhiaclan nan daoi;
Gu ’n stiùir e an iùbhrach
Thar dlù-thonnan liath-ghlas,
Gu réidh-shligeach, dian-shiùbhlach,
Fior-luath gu tìr!
Gu ’m boillsg anns an oidhch’ ort
Na soillsearan neamhaidh,
Gu h-iùlmhor ga d’ ghiùlan
Gu tùbh anns nach feum thu
’Bhi t’ fhogarach bronach,
Fo chomhdach mar reubalt,
Aig allamharach éitidh,
Neo-spéiseil gun chlì!
“O, Alba! tha ’n t-àm aig
Do cheannsa bhi dortadh,—
Do Phrionns’ uat air fhogradh,
’S do laochraidh ’san uaigh;
Bidh cronan do phioban
A’ sior-dhiùltadh ceoil dhut,
’S do chlarsairean rò-mhilis
Dòimheach gach uair:
Bidh cruitearan sgiathach
Nam fior-chrannaibh sàmhach,
Cha doirt iad an ceileir
Am broilleach mo Thearlaich,
Cha dùisg iad na treun-laoich
A dh’ eug anns an àraich,
’S cha mhosgail am bas dhaibh
Air airdead am fuaim.
“ ’Se chuibhle dhol cearr oirnn
A dh’ fhag sinn ’san àm so
Fo smàdadh nan Gall
Ann an calldachd na cùis’;
Na ’n robh cothrom na Féinn’
Aig na treun-laoich ’san teanndachd,
Bu roinn-bhiorach lann daibh
’Cuir naimhdean an cùil:
Mu ’n d’ fhaod iad ’bhi shios
Bhrùchd sian as na speuran,
Gu trom-fhrasach, lom-sgaiteach,
Steall-bhras na ’n eudann,
Fo riasladh is fiadh-bhuirich
Iargalt nam beur-ghunn’ ;—
Cha d’ fhaod na fir ghleusda
Bhi reubadh le sùrd.
“Ach soraidh, mo Phrionns’, leat
A dh’ ionnsaidh na h-uaghach,
’S mo bheannachd gach uair leat,
Fhir uasail nan srol!
Cha slanaich ri m’ aimsir
Mo shearbh-lotan cruaidhe,
’S cha dùisg mi bho smuairean
Ri duan no ri ceol:
Bidh ùr-luibhean samhraidh
A’ danns’ air an réidhlein,
Is caileachd gach dùil
Mar is dù dhaibh na ’n céitean,
Ach domhs’ cha ’n ’eil solas
Ach dorainn is léireadh,
Gun Tearlach mac Sheumais,
Mo chéille na ’m choir!”
Ach stad i; ’s le ’ros-bhilibh
Phog e a’ mhaighdean,
A’ siabadh gu caoimhneil
Na deoraibh o ’sùil:—
“Glac solas, a Fhloraidh,
Tha oganaich Fhrangach
A dh’ éireas neo-ghann leam
A bhuannachd mo chrùin;
’S theid lasgairean fearg-ghlonnach
Albainn a’ dhùsgadh,
Le ’n trusganan balla-bhreac,
’S an armaibh math dùbailt;
Theid cath-thromp nan Garbh-chrioch
Le borb-sgread ’sa bhùraich,
’S bidh trupairean ciùrrte
Gun lùgh anns gach cùil!”
Ach dh’ fhag e i caoineadh
Na h-aonar air fàireadh,
Is sheol e ’sa bhat’ uaip
A’ fàsgadh nan dorn:
Bha ’cliabh air a lionadh
Le iargain a’ sgàineadh,
’S i airtneulach, ànrach,
Gun mhànran, gun cheol;
Laidh fuar-dhealt na h-oidhch’
Air a’ mhaighdein ghlain aluinn,
’S a’ h-inntinn gu luaineach
Air chuan mar ri Tearlach,
Cha ’n fhac i e tuille
Gu ’bhuillean a phaigheadh,
Ach mhiadaich a gradh dha
Gach la ’bha i beo!
Ceartachadh.
Ann an “Stuth na Beatha” thachair gun robh tiorma air son tioram, agus casadh-fhiacail air son casadh-fhiacal, ach cha do mhìll sin an sgeulachd.
Bas.
Aig Loch Bhlackett, Sydney Forks, air an t-seachdamh latha dhe ’n Mhaigh, Uillena, nighean ghradhach Ruairidh Mhic-Coinnich, an t-eildear, bliadhn’ air fhichead a dh’ aois.
Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
a’s fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.
Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.
K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith,
A. T. GRANT,
. .. . .Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla do Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50.
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid. D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaichc, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of tha Clans of the Scottish Highlands, by. R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan (colored plates) 2.25
Tho Gaelic names of Plants by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith do na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .
Ard-oifis: —TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 32 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 32. %p |
parent text | Volume 10 |