[Vol . 10. No. 33. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi màireach.”
VOL X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 20, 1902. No.33.
Suiridhe a’ Mhadaidh-ruaidh;
NO ’SI ’N ONOIR A BHEIR BUAIDH.
SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH.
(Air a leantuinn.)
ACH faiceamaid a nis ciod a dh’ éirich do ’n chù. Bha ’n toll anns na thuit e tuille ’s cumhann gu tionndadh ann, agus chuir an leac a chàirich an sionnach air beul an t-sluic, as a chomas faotainn a mach le streapadh. “Mur teid sinn air ar n-ais,” ars’ an cù, ”feuchaidh sinn dol air ar n-aghaidh,” agus le mor strìth dh’ oibrich e rathad air aghaidh tre ’n t-sloc gus an d’ thainig e gu uaimh mhor, fharsuing, réidh, far am fac e na chuir iongantas gu leòir air.
Bha ’n so de dh’ òr ’s de dh’ airgiod na dh’ fhóghnadh do rìgh, agus de chlachan riomhach, loinnearach, na bha dealradh cosmhuil ris a’ ghréin; ach am meadhon na h-uaimh bha uile-bhéisd mhor uamhasach na ’suidhe, beithir sgiathach, agus cha b’ e sealladh blàth a thug i air a’ chù. “ ’Dé thug an so thu?” thuirt ise, “an ann a ghoid mo stòrais a thainig thu? thig an so—là t’ athar ’s do sheanar dhuit, a mheirlich! bheir mis’ ort nach toir thu an oidhirp cheudna ’rithist—thig an so!”
“Cha ’n ann a ghoid do chodach a thainig mise,” thuirt an cù, “agus nam b’ aithne dhuit mi cha tugadh tu a leithid do mhì-mheas orm— ’s ni e nach d’ rinn beathach no duine orm riamh roimhe, agus ni nach ’eil gnothuch agadsa dheanamh nis mò.”
“ ’S ann agad tha ’bhathais, a bheathaich pheallagaich, robaich, fhad-chluasaich,” ars’ an uile-bheisd ’s i séideadh gu h-eagalach ’s a sùilean a’ lasadh le feirg; “nach ’eil fhios agad gur h-urrainn domh do phronnadh fo m’ chasan ann am prioba na sùl?”
“Faodaidh tu sin a dheanamh, gun teagamh,” ars’ an cù, “ach cha bhiodh e ach gle nàr, allanta dhuit sin a dheanamh ’s tu na ’s mò na mise—cha d’ thug mi fein aghaidh air aon riamh bu lugha na mi fhein; agus ’s ann a b’ fhearr dhuit an rathad a sheòladh dhomh gu uachdar an talamh— ’s ann an sin tha ’mhiann orm a bhi—tha fior dhéigh agam air tilleadh ann car tacain co dhiu, gu aon deagh phabadh a thoirt do bhéisd shionnaich a thug droch car asam an diugh fein;” agus an sin dh’ innis e gu lom soilleir do ’n nathair sgiathaich mar a dh’ eirich dha.
“Am fan thu,” ars’ an nathair sgiathach, “gu bhi á d’ fhear-muinntir agamsa?”
“Cha ’n fhan mi féin,” thuirt an cù.
“Mur bi thu a d’ fhear-muinntir agam,” ars’ an uile-bheisd eagalach, “bidh tu a d’ lòn feasgair dhomh. Gun dol a null no nall freagair mi, am fuirich thu ’n so á d’ òglach agamsa? freagair mi a thiota—ciod tha thu ’g ràdhainn?” ars’ ise le colg eagalach ’s i ’fosgladh a mach a sgiathan oillteil, ’s teine-sionnachain a’ sradadh as a sùilean, ’s a craos dearg fosgailte. “Labhair,” ars’ ise.
“Mur ’eil dol as,” fhreagair an cù, “cha ’n ’eil comas air, fanaidh mi.”
“Thoir dhomh crathadh do d’ spòig air a’ chuis, mata,” ars’ an nathair sgiathach.
“So dhuit i,” ars’ an cù; “cha do gheall mi rud riamh ris nach do sheas mi, ’s nach do choimhlion mi a réir mo chomais.”
An sin dh’ innis an nathair sgiathach dha gu ’n robh moran do bheathraichean-nimhe, nathraichean grànnda, bha ann an seòrsa de chàirdeas fad as d’a theaghlach-sa, a bha ’sior fheuchainn ise mharbhadh, a chum ’s gum faigheadh iad a beairteas, nach robh fois aice a là na dh’ oidhche leò, ’s gur h-e bhiodh mar obair aige-san faire dheanamh nuair a bhiodh ise, an nathair-sgiathach, na ’cadal, agus a dùsgadh nuair a thigeadh na uathraichean-nimhe grannda ’mach as na sluic. Gheall an cu a dheanamh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. Phaisg an nathair a sgiathan, tharruing i a h-earball mu thimchioll a cinn. Bha ’n cu gle thùrsach, throm, ’s an t-acras air cuideachd. Chunnaic e meall mor feòla agus moran chnàmh ann an oisinn do ’n uaimh, agus thug iad uisge air ’fhiaclan a bhi ’g amharc orra; ach o nach d’ fhuair e cead an itheadh cha do bhean e dhaibh; chuir e roimhe bhi iònraic, onorach mar bha e riamh, agus rinn e faire re na h-oidhche. Thainig na nathraichean nimhe uair is uair ach rinn an cu tathunn daonnan, dhùisg a’ bheithir-sgiathach, agus cho luath ’s a chrath ise i féin, theich iadsan air falbh.
’Sa mhaduinn bha ’bheithir-sgiathach moran na bu chaoimhneile ris a’ chu, thug i dha a shàth r’a itheadh, agus labhair i ris le bàigh. Chaidh latha ’s là mar so seachad, an cu a’ fuireach dìleas, agus a’ bheithir-sgiathach a’ faighinn deagh chadail, gus mu dheireadh aon oidhche ’n d’ thainig measan beag bòidheach, ballach, donn a stigh do ’n uaimh, agus thòisich e ri moran miodail is beadraidh a dheanamh ris a’ chu. “ ’S duilich leam,” ars’ am measan, “fear do choltais fhaicinn na ’leithid so do shloc, á d’ thràill aig a’ bhéisd ud; falbh thusa leamsa ’s bheir mi an uine ghoirid gu uachdar an t-saoghail ’s gu d’ chàirdean fein thu.”
“ ’S mi bhiodh deònach aighearach,” ars’ an cu, “ach gheall mi do ’n bheithir sgiathaich fuireach á m’ fhear-muinntir aice, thug mi dhith mo spòg air a’ chuis, cha ghabhainn an saoghal agus m’ fhacal a bhristeadh, éireadh dhomh mar thogras, bidh mi dìleas.”
“An toir thu dhomh,” ars’ am measan, “cuid do na cnàmhan ud r’a itheadh ’s an t-acras ga m’ tholladh?”
“Nam bu leam fein iad,” ars’ an cu, “b’e do bheatha mìle agus mìle uair, ach buinidh iad dh’ ise do na gheall mi bhi dìleas, agus cha chuir mise làmh air cuid duin’ eile airson ni air bith,” ars’ an cu.
Dh’ fheuch am measan moran brìodail is miodail, ach cha ghéilleadh an cu a bheag no mhor, gus mu dheireadh ’s mu dhiù, ann am prioba na sùl, am d’ fhàs am measan beag bòidheach, ballach, donn, na ’nathair mhor stiallaich, làbanaich, shleamhuin! a sùilean mar an teine, gach fiacail na ’craos mar scolb tighe, agus an caramh a’ choin ghabh i. Thug an cu bochd sgal cruaidh as, agus gu fortanach dhàsan dhuisg a’ bheithir-sgiathach, ’s cha b’ ann a chrathadh a cluasan, no ga tachas féin a dh’ fhuirich i, ach an tiota na boise bha i air a bonnaibh ’s an sàs san nathair mhóir. B’e sin an cath, ’s cha ’n fhacas a leithid. Bha sgreadail is sgriachail is raoicich is rànaich, srannraich agus séidil oillteil, ni ’s leòir chum na creagan a sgoltadh, agus a thoirt air bras-shruthaibh an aonaich stad a dh’ eisdeachd. Bu duilich a ràdhainn có bu treasa, ach mu dheireadh fhuair an nathair-nimhe lùbach, làbanach air muin na beithir-sgiathaich, agus bha i ga ’suaineadh féin na ’cuairt eagalaich mu ’timchioll, le fead agus séidil choimheach, nuair a leum an cu agus le ’uile neart shàth e ’fhiaclan ann an earball na nathrach. Cho luath ’s a mhothuich ise dha so, ghrad thionndaidh i mu ’n cuairt gu cur as da, ach mu ’n d’ rainig i an cu bha a’ bheithir-sgiathach air a cois agus ann an amhach na nathrach-nimhe; ghleidh i greim air a sgòrnan gu teann, treun, gu dluth, dìonach, gus nach robh sgrid innte.
Nuair a bha ’n comhrag seachad, thug a’ bheithir-sgiathach mìle agus mìle taing do ’n chu; dh’ innis i dha gu ’m b’e sud righ nan nathraichean-nimhe, gu ’n robh comas aige air a chruth atharrachadh mar a thogradh e, agus na ’n géilleadh an cu ann an aon ni no ni eile, gu ’n grad sgriosadh e iad le chéile; “ach tha mi ’faicinn nach ’eil dion ann cosmhuil ri dìlseachd agus ri h-onoir. A nis,” ars’ ise, “cha ’n ’eil feum tuilleadh agam air do sheirbhis, leigidh mi fhaicinn duit an rathad gu uachdar an t-saoghail, agus o’n tha thu cho dìleas dòmhsa, bheir mi dhuit seòladh no dha a ni thu comasach air bhi suas ris an t-sionnach chuireideach, carach, seòlta ’s ge bheil e.”
“Gu robh math agaibhse,” ars’ an cu, “tha mi fada ’nur comain, ach ’s coma leam cuir is cleasan, cha d’ fheuch mi riamh iad ’s cha ’n fheuch , cha chreid mi nach fhaigh ionracas a’ chuid is fearr do na cuilbheartan a’s mò aig a’ cheann mu dheireadh.”
“Gabh do dhòigh fein air, ma ta,” ars’ a bheithir-sgiathach. “Slan leat! Chuir thu comain mhor ormsa ’s cha di-chuimhnich mi dhuit e ma thig do ghnothuch a m’ charamh.”
Fhuair an cu a chas air lóm aon uair eile; ghrad dh’ fhalbh e gu tigh a’ chait agus ge b’ fhada bhuaithe cha b’ fhada ga ’ruigheachd. Nuair ràinig e thuig e gu ’n d’ rinn an sionnach a leithid de chàineadh air ’s gu ’n robh gach beathach ’sa bhaile ann am fuath air. Cha togadh an cat sùil no mala ris, agus cha’n iarradh i cuideachd air bith ach cuideachd an t-sionnaich a bha gach mionaid r’ a gualainn.
Bha tuille spioraid ’sa chu na gu ’n cuireadh e na ’comas a dhiùltadh, ach nuair a chunnaic e ’n sionnach aig an uiuneig a’ toirt
[Vol . 10. No. 33. p. 2]
pòige dhi, ise le a spòig ghil bhòidhich a’ cìreadh earball ruadh dosrach an trusdair, ghabh e fearg nach bu bheag, agus ghlaodh e ris a’ bhalgaire charach, “A shloightire chuil-bheartaich, bhreugaich, ma tha a chridhe agad thig a mach an so ’s bheir mise aon fhàsgadh air do chnàmhan a ghleidheas tu gun do chuireidean fheuchainn air cu eile ’n da latha so! ’Bheil a chridh’ agad tighinn, a bhradaire chealgaich, mheirgich, ruaidh?”
Chuir an sionnach a theanga na ’phluic, chuir e ’n sin a spòg air a shròin, chaog e shùil, chuir e draoin air, agus an sin dh’ fhàg e ’n uinneag gun tuille feart a thoirt air a’ chu.
“Cha ’n ’eil fhios am faigh thu as mar sin fhathast ge cuireideach thu,” ars’ an cu. Dh’ fhalbh e agus luidh e aig bun craoibhe bha dluth do ’n tigh, a’ cur roimhe nan cuireadh an sionnach a chas air blàr lóm gu ’n tugadh e aon deagh chrathadh dha.
(Ri leantuinn.)
Iain Mor nan Ord.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. VII.
CAOCHLADH CRUTH A GHLINN GHUIRM—NAIGHEACHDAN SEARBHA IS TAGAIRTEAN URA.
IS tìm dhuinn a nis tilleadh agus feuchainn ri lorg fhaotainn air na gaisgich a dh’ fhàg sinn gu sunndach a gabhail na slighe do ’n Ghleann Ghorm, seann dachaidh Iain Mhóir. Tha fios againn uile nach ’eil e idir soirbh tighinn suas ri gaisgich Ghàidhealach nan osan ghearr, an uair a shìneas iad a chas tarsuinn mhonaidhean garbha an dùthcha. Cha bu toigh leinn feuchainn ris a ghniomh, ach a mhàin le biorain an àigh, am peann. An deigh iomadh ceum fhàgail na ’n déigh, ràinig na fir, air feasgar blàth grianach samhraidh Bearradh Sìth, maol bheinn ard os cionn a Ghlinn Ghuirm, far am faighteadh sealladh air gach bothan dìblidh ’s air gach ni mu ’n cuairt. Is minig a shuidh Iain air a charn a bha na ’mullach, a cur fàilt’ air gleann a ghràidh, air a thilleadh dhachaidh thar a chuairtean anns na tìmeannan a thriall. B’ àbhaist dha ’chridhe aig na h-amannan so at na ’chliabh, le gaol do ’n ghleann bhoidheach ’san d’ fhuair e àrach.
Bidh sinn daonnan an uair a tha sinn òg ag amharc le farmad air daoine ’chi sinn a falbh ’s a tighinn air feadh an t-saoghail mar a thogras iad, agus bidh sinn a gabhail fadachd gus an tog sinne na sgiathan cuideachd, air son an seann nead fhàgail agus na geimhlean gràineil a tha ga ’r ceangal a bhristeadh. Cha bhi fios againn an uair sin gur geimhlean gaoil iad, agus nach teid sinn fada air adhart ’san t-saoghal an deigh am bristeadh an uair a bhios sinn sgìth dhe sheol, agus aonaranach am measg mhìltean sluaigh. An uair a threigeas gach bann, bidh sinn an uair sin a sealltainn air ais le tlachd air gàireachdaich is deòir nan laithean a dh’ aom, agus a tionndadh agus a meòrachadh ann an seòmraichean na h-inntinn na cuimhneachain bheaga tha agus a bhitheas air uachdar gach ni bhios sinn a cumail ’s na seòmraichean diomhair so.
Bha fios aig Iain Mór air a so, agus bha smaointean car mar so ag eirigh suas na ’inntinn, na ’sheasamh air mullach Bearradh Sìth air an fheasgar shèimh shamhraidh ud. Thionndaidh e ’shùilean mar bu ghnàth le toileachadh air a Ghleann Ghorm, far am b’ àbhaist da na bothain bhòidheach fhraoch-thubhte fhaicinn, ach co dhiubh ’s e ghrian a bha na shùilean no ma dh’ fhaodte deòir cha bu léir dha ni. Shuath e ’shùilean, ’s thionndaidh iad a rithist gun sgleo, gun smalan air a ghleann, ach cha robh tigh ri fhaicinn, guth ri chluinntinn, no ni, ach sàmhchair mharbh a riaghladh far am b’ àbhaist farum is fuaim bheò a bhith ’g éiridh mar fhianuis air bith an luchd-àitich.
“Cha ’n e so an Gleann Gorm idir!” ars’ Eachunn; ’s e tha ’n so gleann fàsail, gun taigh, gun duine, gun ni ach làraichean dubha ri fhaicinn ann. Nach neònach leam thu ’dhol iomrall, Iain?”
“Cha deachaidh, cha deachaidh sinn iomrall idir, Eachuinn; cha ’n ’eil an Alba ach aon Bhearradh Sìth, agus tha e fodh ’r casan, agus ged tha iomadh gleann gorm ann ’s e so mo Ghleann Gorm-sa. Ach mo chreach! mo chreach! c’ àit’ a bheil luchd mo ghaoil? Is eagal leam gu ’n d’ fhuair clann a Bhùidsear (saighdearan Diùc Chumberland) a mach e, ’s nach ’eil ann ach làraichean dubha gun teagamh, Eachainn. O,” ars’ Iain, “nach robh gach fear a ghabh pàirt na d’ mhilleadh-sa, ’ghlinn àillidh, ’sa ghlaic so shios. Nach mise, na ’m b’ urrainn mi, a chaitheadh le m’ uile chridhe Beinn Nibheis mu ’n cinn. Ach, Eachuinn, ’s faoin mo bhriathran. An ni dh’ fhalbhas cha ’n e dh’ fhoghnas. Agus ma dh’ fhaodte gu bheil iad uile beò slàn an daingnichean nam beann.”
Mar a dh’ ainmicheadh cha robh bean no clann no bann dlùth gaoil aig Iain Mór ’sa Ghleann, ach air a shon sin bha bannaibh làidir eile ann; ma ’s e na creagan fhein a bha ’sa Ghleann Ghorm bha bàigh aige riutha nach robh aige ri creagan eile, agus is gann nach robh e creidsinn gu ’m faiceadh e aoidh orra nach fhaiceadh e air creagan àite sam bith eile. B’ ann mar sin le cridhe brùite ’dh’ fhàg e Bearradh Sìth le ’charaid, agus a ghabh iad sios a shealltainn air na làraichean dubha bha ’n àite nam bothan comhfhurtail a dh’ fhàg iad o chiònn ùine cho gearr. Bha iad le cinn chrom a falbh o làraich gu làraich, is cuimhneachain ùra ag éirigh mu choinneamh inntinn Iain aig gach aon diubh, a bha fàgail a dhùrachd searbh do dh’ ughdair na h-obair dhuibh a bha mu choinneamh. Thug guth Eachuinn Iain Mór uige fhein, air dha ’chluinntinn ag radh, “Tha ’n oidhche tighinn, ’s gun taigh an sealladh; nach fhearr dhuinn ar n-aghaidhean a chur air taigh a chiobair. Ma dh’ fhaodte ’thaobh e ’bhith iomallach gu bheil e sàbhailte, ’s gu ’m faigh sinn cuid na h-oidhche agus fiosrachadh uaithe mu d’ chàirdean.”
Dh’ eirich Iain bhar an t-seann innein aige fhein an làrach na ceardaich agus dh’ aontaich e leis, is thòisich iad air dìreadh na beinne gu taigh a chiobair. Bha ’n òige aig Eachunn, agus ged a bha co-fhaireachdain laidir aige ri charaid, bha ’fhuil a ruith le farum blàth an earrach a h-òige na ’chuislibh, agus a chridhe sireadh a chompanaich le ordugh làidir nàdair. Mar sin bha smaointeanan àraidh eile tighinn a stigh air gle thric, oir bha iomhaidh Maili na h-Uamha na ’chadal ’s na dhùsgadh daonnan mar-ri Eachunn òg, agus bha mar sin fior thoil aige faighinn dlùth dh’i, agus bha e smaointean gu ’n cluinneadh e o’n chiobair rudeiginn mu theaghlach na h-uamha. Anns a ghlòmanaich rainig iad bothan a chiobair agus rinn iad toileachadh gu leor ri solus beag fhaicinn troimh ’n dorus, a bha gu fialaidh, fosgailte mar bu ghnàth. Fhuair iad am fàilteachadh gu blàth, ’s an ùine ghearr chaidh an seorsa b’ fhearr a bha stigh a chur na ’n tairgse gu fialaidh, biadh air an robh iad gu math feumail, agus a dh’ fhàg an t-acras gu math blasda. An uair a fhuair iad an sùilean na b’ fhearr, thug iad an aire do chuideigin na ’shìneadh air leabaidh an oisean mu ’n coinneamh.
Dh’ aithnich iad o ghearain gu ’n robh an neach a bh’ ann air a dhroch leon, no ’fulang cràdh mor, ged a bha e ’cumail air cho math ’sa b’ urrainn dha. Fhuair iad, air dhaibh an t-acras a chiosnachadh, a mach iomadh naigheachd o’n chiobair, agus dh’ innis e dhaibh gu ’m b’ e an t-òganach so, a bh’ anns an leabaidh, na bha beò de theaghlach na h-uamha ach ma dh’ fhaodte an aon phiuthar, ’s gu ’m b’ fhearr dhith bhith ’san uaigh fhein, mur an robh i innte, na bhith ’n lamhan nan naimdean. Bha ’n dorchadas càirdeil a falach gnùis Eachuinn òig o shùilean chàich. Air dha so a chluinntinn leum fhuil le ruais na ’cheann, a bodhradh a chluas, agus a cheart cho luath dh’ fhàg i e cho bàn ris an anart, ach cha dubhairt e guth. Dh’ innis an sin an ciobair mar a dh’ eirich do theaghlach Ruairidh Ghlais o ’n a dh’ fhàg iad an Gleann Gorm.
“Tha fios agaibh fhein,” ars’ an ciobair, “gu ’n robh dithis de mhic Ruairidh leis a’ Phriònnsa, ’s bho nach cualas iomradh orra roimhe so ’s ni cinnteach nach ’eil iad beò. Dh’ fhàn càch comhladh ri ’n athair, ’s e fàs breòite, ged nach b’ ann le ’thoil, agus o chionn beagan ùine chaidh triùir air turus riatanach o ’n dachaidh ’s cha do thill iad riamh. Ghlac an naimdean furachail iad, ’s cha de nochd ’s cha de dh’ iarr iad trocair, ach tuiteam ’s an airm na ’n lamhan ’s an aghaidhean air an nàmhaid. Cha robh stigh mar sin ach an dithis, Maili agus Ruairidh òg, a bha car tinn ’san àm, ach air a shon sin chuir e roimhe o nach robh bhràithrean a tilleadh gu ’m falbhadh e ga ’n sireadh, no co dhiubh feuch dé dh’ eirich dhaibh. Fhuair e air ais sàbhailte leis an sgeul bhrònaich, mu chrioch a bhràithrean gaisgeil, agus mar a bhios trioblaidean an t-saoghail so buailteach air aon air a leig iad làmh a mhùchadh le ’n àireamh, cha luaithe chuala ’n seann ghaisgeach Ruairidh glas, mu ’n sgeul mhuladach a thug Ruairidh òg ga ’ionnsuidh na thuit e seachad, ’s bha ’n lòchran treun a sheas iomadh stoirm agus cruadal nach gabh innseadh air a mhùchadh gu bràth, ach a nis,” ars’ an ciobair còir, “a tha boillsgeadh, tha mi ’n dòchas, na ’reul do-mhùchte gu sèimh os cionn stoirm dhuaichnidh agus faoineis an t-saoghail so, mar ri grian ghlòrmhor nam flaitheas.”
Cha robh nis beò ach Ruairidh òg agus Maili. Agus air aon latha dh’ fhàg iad an uamha aonaranach, a bha nis air fàs gràineil leotha mar an ceudna, is ghabh iad sios guala na beinne gus a dhol do thaigh a chiobair, le ’chuireadh fialaidh fhein, an rùn fuireach ann gus am biodh na làithean garbha so seachad, ’s am faigheadh Maili gu dachaidh caraide an cearn eile dhe ’n dùthaich. Ach cha robh iad fada triall do ’n ionad fhasgaidh so nuair a thuit iad gun fhios gun fhaireachadh ann an lamhan buidheann de shaighdearan Chaiptean Eanruic, a bha ’g amharc a mach air an son. Chuir Ruairidh òg iomadh dearg-chot’ gu làr, ga ’dhion fhein ’s a pheathar, mu ’n do thuit e le iomadh lot creuchdach. Thugadh air falbh Maili ’s cha robh fios c’ àite, ’s dh’ fhàg iad a bràthair far an do thuit e, an dùil gu ’n robh e glan mharbh. B’ ann mar a their sinn, le tuiteamas, a thainig an ciobair an rathad air a stiùireadh le lamh Dhé fhein, far an robh ’n t-òganach leònte, agus le dichioll agus innleachdan fhuair e e da bhothan fhein, agus a nis le ’aire mhath fhein ’s a dheagh mhnatha bha Ruairidh òg air slighe na slàinte, ged a bhiodh iomadh latha fhathast mu ’n leumadh e feithe ’sa mhonadh.
Is gann a b’ urrainn Eachunn fois a ghabhail an oidhch’ ud le bruaillein inntinn, agus na ’n dùineadh a shùil idir b’ ann gu bruadar air Maili—daonnan a togail a lamhan ris a guidhe air gu dùrachdach tighinn ga ’sàbhaladh á lamhan
[Vol . 10. No. 33. p. 3]
nan Sasunnach. Dh’ eirich e gu math moch ’sa mhaduinn, agus an uair a ghabh e greim bidh rinn e air son taigh a chiobair fhàgail. Dh’ fhàg e slàn aig na bha stigh gun innseadh dhaibh c’ àit’ an robh e dol, agus ghabh e suas far an robh Iain Mór air mullach Creag-nan-gobhar ag amharc air laraichean dubha Ghlinn Ghuirm.
“C’ àite cho tràth so, Eachuinn? Cha chreid mi fhein nach ’eil turus fada fa near dhut, a reir mar tha do bhreacan ag inuseadh dhomhsa.”
“Ma dh’ fhaodte gu ’m bi thu magadh orm, Iain, an uair a dh’ innseas mi dhut,” ars’ Eachunn, “nach ’eil fios agam fhein gu robh mhath c’ ait’ a bheil mi dol, ach tha fios agam c’ arson a tha mi falbh. Chuala tu ’n raoir mu Mhaili ’s mar a dh’ eirich dh’i. Ma dh’ fhaodte gu ’n robh amhrus agad roimhe so gu ’n robh meas mor agam oirre. Cha bhi gillean òga ag aideachadh nan gnothuichean so ach ainneamh, ach a nis, an uair a ghàbhaidh, cha ’n ’eil nàire orm innseadh dhutsa, mo charaide, gu bheil gaol mo chridhe agam air Maili. Cha robh fios agam fhin dé uiread gus an cuala mi mu ’n mhi fhortan a thainig na ’rathad, agus a nis cha ’n urrainn mi fois no tàmh a ghabhail gus am faic mi sàbhailt i, no gus am bi mi gun chli, gun reusan. Cha ’n ’eil fios agam c’ àit’ a bheil i, no ciamar a gheibh ma gheibh mi gu bràth i; ach shàbhail i-fhein mise roimhe, agus ni mise nis na ’s urrainn mi gus ise shàbhaladh o na brùidean aig am bheil i. Agus a nis, a charaid, slàn leat. Tha dòchas agam gun tachair sinn fhathast, an uair a bhios ar grian na ’s dealraiche na tha i nis.”
“Air do shocair, Eachuinn, air do shocair, sinn a thachras; ach, fhir mo chridhe, cha do dhealaich sinn fhathast! Tha gaol agamsa air Maili cuideachd, (thug Eachunn sùil ghruamach air) mar,” ars’ Iain, “tha agam air gach òigh Ghaidhealach, ged nach ’eil teinntean na h-òige cho teith na m’ chliabh ’sa bha; ach tha iad teith gu leor an aghaidh naimhdean mo duùthcha, agus tha connadh gu leor gus am beothachadh mu choinneamh mo shùilean ’s na lasraichean dubha sin an gleann mo ghaoil,” ars’ Iain, ’s e tionndadh a shùl air a Ghleann Ghorm. “Agus a nis, Eachuinn, an robh thu fhein a smaointean gu ’n robh mise dol a shuidhe le cuigeil ri taobh bean a chiobair an so, an uair a bhiodh buille chruaidh ri ’bualadh air son nighinn Ghaidhealach sam bith. Tha ’n ’gille glas’ sgaiteach fhathast, agus ciocrach, agus taing do Dhia an gairdean so treun fhathast air a chùl. B’ ann a smaointean air mi-fhortan Maili a bha mi an uair a thainig thu, agus air gluasad air a sàilleabh. Ach ma thachras i rium, Eachuinn, gun thusa comhladh rium, dé na comharran leis an aithnich mi i? Nach robh thu ’g radh gu ’n robh i fiar shùileach, ’s gu ’n robh sron mhor cham aice?”
“Cha dubhairt mi guth riamh dheth!” ars’ Eachunn gu feargach. “Tha sron bheag dhìreach, bhòidheach aice, agus da shùil cho soilleir ri da rionnaig, agus—”
“O, ni sin an gnothuch,” ars’ Iain Mór ’s e deanamh gàire; “ ’s tu fhein a ghabh am beachd oirre ’san dorchadas! Ma dh’ fhaodte gu ’m b’ iad da shùil cait Ruairidh Ghlais a chunnaic thu ’dearrsadh ’san dorchadas!”
Rinn Eachunn gàire. “O, Iain Mhór,” ars’ esan, “cha do dh’ fhàs thusa uiread ’sa tha thu idir gun amharc gu dlùth air da shùil shoilleir an idir a thachradh iad riut.”
“Cha ’n ’eil mi ’g radh nach ’eil thu ceart an sin, Eachuinn,” ars’ Iain. “Ach suidh an so tiotadh gus am fàg mise slàn aig a chiobair chòir ’s aig a mhnaoi, ’s an cuir mi facal no dha an cluais Ruairidh òig, ’s bidh shin a falbh ris a mhonadh.”
An uine ghearr thill Iain Mór air a chrioslachadh airson turais, is mulachag tharbhach chàise o bhean a chiobair an sgioblachadh a bhreacain. Le ceum sunndach ghabh iad sios a bheinn ’s chuir iad an aghaidhean air campaichean nan Sasunnach. A dol seachad air a Ghleann Ghorm, ’s iad a dian chomhradh, ciod a b’ iongantaiche leotha na ceann crasgach dubh fhaicinn ag éiridh á tom fraoich, ’s an ath mhionaid chaidh am fàilteachadh an cainnt chruaidh nan Sasunnach.
(Ri leantuinn).
Sgeulachdan Arabianach.
ALADIN.
CAIB. II.
THUG an draoidh Africanach an aire gu ’n do thoisich mathair Aladin ri caoineadh an uair a chuimhnicheadh Mustafa dhi, agus ghrad thug e staigh seanachas eile. Thionndaidh e ri Aladin, agus dh’ fheoraich e dheth de h-ainm dha.
“Is e Aladin a theirear rium,” ars’ esan.
“Seadh, Aladin,” ars’ an draoidh, “ciod an obair a tha thu ’leantuinn? Am bheil thu aig ceird sam bith?”
An uair a chual’ Aladin na ceisdean so, chrom e ’cheann, agus bha naire gu leor air an uair a fhreagair a mhathair agus thuirt i: “Cha ’n ’eil ann an Aladin ach balach gun fheum. Fhad ’s a bha ’athair beo, dh’ fheuch e cho math ’s a b’ urrainn e ri thoirt air an taillearachd iònnsachadh, ach dh’ fhairlich sin air. Agus o ’n a dh’ eug ’athair, tha e ’caitheamh na h-uine gu diomhanach air na sraidean mar a chunnaic sibh e, a dh’ aindeoin na tha mise ’deanamh de chomhairleachadh air, agus gun e ’toirt fa near idir gu ’m bheil e nis air a dhol thar aois leanabais; agus mur toir sibhse air naire ’ghabhail dheth fhein, agus sgur dhe ’n doigh a th’ aige, cha ’n ’eil dochas agamsa gu ’n tig e gu dad a dh’ fheum dha fhein no do dhaoin’ eile ri ’bheo. Tha fhios aige nach d’ fhag ’athair fortan sam bith aige, agus tha e ’g am fhaicinn-sa ’feuchainn ri biadh a chosnadh le bhith ’sniomh chotain a h-uile latha. Air mo shonsa dheth, tha mi suidhichte gu ’n cuir mi ’mach as an taigh e lath’ eiginn, agus gu ’n leig mi leis a bhith ’g ulluchadh air a shon fhein.”
An deigh do mhathair Aladin so a radh, thoisich i ri sileadh nan deur gu frasach. Agus thuirt an draoidh: “A mhic mo bhrathar, cha ’n ’eil e ceart dhut a bhith ’dol air aghart air an doigh so. Feumaidh tu smaoineachadh air thu fhein a chuideachadh agus a chumail suas. Tha moran de sheorsachan ceirde ann; smaoinich am bheil toil agad a h-aon sam bith dhiubh a leantuinn. Is docha gu ’m b’ fhearr leat ceird eile ’leantuinn na ’cheird a bh’ aig d’ athair. Na cum d’ inntinn ann an cleith ormsa, oir feuchaidh mi ri cuideachadh a thoirt dhut.” Ach an uair a chunnaic e nach d’ thug Aladin freagairt sam bith dha, thuirt e: “Mur ’eil toil agad ceird ionnsachadh, agus thu fhein a thoirt troimh ’n t-saoghal gu h-onarach, cuiridh mise suas buth dhut, agus lionaidh mi i leis a h uile seorsa bathair a’s fhearr na cheile; agus leis a’ bhuannachd a ni thu faodaidh tu tuilleadh bathair a cheannach, agus mar sin gheibh thu air aghart anns an t-saoghal gu measail, onarach. Smaoinich air ciod a’s fhearr leat, agus innis gu saor dhomhsa ciod a’s aill leat mi dheanamh dhut. Gheibh thu mise ’n comhnuidh deas gu cumail ri mo ghealladh.”
Chord an tairgse so anabarrach math ri Aladin, gu h-araidh o ’n a bha grain aige air car obrach a dheanamh. Bha de thur ann na thug fa near gu ’n robh meas mor air na marsantan a bhiodh a reic a h-uile seorsa de dh’ aodaichean grinne. Thuirt e ris an draoidh gu ’m b’ fhearr leis a bhith ri marsantachd na ri obair sam bith eile, agus gu ’m biodh e ’na chomain ri ’bheo air son a chaoimhneis.
“O ’n a tha ’mharsantachd a’ tighinn a reir do mhiann,” ars’ an draoidh, “bheir mi leam am maireach thu, agus cuiridh mi deis’ aodaich umad cho math ’s a th’ aig aon sam bith de mharsantan a’ bhaile, agus ’na dheigh sin bidh sinn a’ smaointean air c’aite am fosgail sinn a’ bhuth dhut.”
Gus a’ so cha do chreid mathair Aladin gu ’m b’e an draoidh brathair an fhir a bha posda rithe, ach an deigh nan geallaidhean caoimhneil a bha e ’toirt d’a mac, cha robh teagamh sam bith aic’ ann. Thug i taing dha air son a dheadh ruintean; agus thug i earail laidir air Aladin e ’g a ghluasad fhein ann an doigh ghlic, mheasail, chliuitich mar chomharradh air a thaingealachd do bhrathair athar.
Fhad ’s a bha iad a’ gabhail na suipearach, bha iomadh comhradh cairdeil eile eatorra. Bha greis mhor dhe ’n oidhch’ air a dhol seachad mu ’n d’ fhalbh an draoidh, agus an uair a dh’ fhalbh e, ghabh Aladin agus a mhathair mu thamh.
Thainig e air an ath latha mar a gheall e, agus thug e leis Aladin do ’n bhuthaidh aig marsanta mor a bha reic a h-uile seorsa de dh’ aodaichean grinne a bha freagarrach air seann daoine, agus air daoin’ oga. Dh’ iarr e sealladh dhe na h-aodaichean a b’ fhearr na cheile, agus a fhreagradh air Aladin. Thagh e asda an seorsa shaoileadh e fhein a b’ fhearr, agus an sin dh’ iarr e air Aladin fear dhe ’n t-seors’ a b’ fhearr leis fhein a thaghadh. Bha Aladin cho toilichte leis an fhialachd a bha brathair ’athar a’ taisbeanadh ’s gu ’n do thagh e deise dhe ’n aodach cho math ’s a bh’ ann, agus anns a’ mhionaid cheannaich an draoidh an deise, agus phaigh e i gun fhacal a chur an aghaidh na prise.
An uair a fhuair Aladin e fhein air a dheadh chomhdach o lar gu mullach, thug e mile taing do bhrathair ’athar. Gheall brathair ’athar nach treigeadh e gu brath e, ach gu ’m biodh e comhladh ris an comhnuidh. An sin thug e leis e do gach aite anns am biodh uaislean a’ bhaile ’tathaich, agus do gach aite anns an robh na buithean bu mho ’s bu bhriagha ’bh’ anns a’ bhaile. An uair a thug e e do ’n t-sraid air an robh na buithean anns am biodh iad a’ reic an aodaich bu ghrinne a bha ri ’fhaotainn, thuirt e ri Aladin: “O ’n a tha thu gus a bluth gun dail ’nad mharsanta mar a tha iad so, tha e iomchuidh gu ’m biodh tu ’dol gu tric do na buithean so, agus a’ cur eolais orra.”
An sin sheall e dha na h-eaglaisean bu mho ’s bu bhriagha ’bh’ anns a’ bhaile, agus thug e leis e do na taighean-osda far am biodh marsantan agus luchd-turuis a’ gabhail taimh. ’Na dheigh sin thug e do luchairt an righ e, far an robh cead aige ’dhol; agus mu dheireadh, thug e e do ’n taigh-osda anns an robh e fhein a’ fuireach o ’n a thainig e do ’n bhaile, far an do chuir e eolas air marsantan agus air luchd-turuis eile. Gus iad so agus mac a bhrathar a dheanamh eolach air a cheile, thug e cuirm dhaibh gu leir.
Bha beul na h-oidhch’ ann mu ’n do chuireadh crioch air a’ chuirm, agus bha toil aig Aladin falbh dhachaidh. Cha leigeadh an draoidh leis falbh ’na onar, agus dh’ fhalbh e comhladh ris gus an d’ fhag e aig a mhathair e.
An uair a chunnaic a mhathair an deise bhriagha, riomhach a bh’ air Aladin, bha aoibhneas mor oirre, agus thug i mile taing do ’n draoidh a chionn cho fialaidh ’sa bha e.
“A charaid chaoimhneil,” ars’ ise, “cha ’n ’eil
(Air a leantuinn air taobh 254.)
[Vol . 10. No. 33. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, IUN 20, 1902.
Sgrios Baile Phompeii.
CHA ’n ’eil fios cinnteach c’uin a thogadh Pompeii agus Herculaneum; ach cha ’n ’eil teagamh nach robh iad ’nam bailtean mora, agus ainmeil ann an eachdraidh, fada roimh linn Chriosd. Bha iad dlùth do iochdar na beinne, an cois a’ chladaich air bàgh Naples. Bha abhainn mhor leathann agus dhomhain a’ siubhal seachad air Pompeii, air an robh luingis-mhalairt gu lionmhor a seòladh. Bha guala Bhesubhiuis air a còmhdachadh le tighean mora, riomhach, eireachdail, agus fion-liosan mu ’n timchioll, air chor agus gu ’n robh cliathach na beinne a b’ fhaisge do ’n fhairge, mar aon bhaile, mor, eireachdail, farsuing, saoibhir. Cha robh cearn de ’n t-saoghal a b’ àille agus a b’ fhallaine na so. Bha uaislean agus daoine saoibhir o gach dùthaich a chòmhnuidh ann air son an slàinte, do bhrigh àilleachd agus fallaineachd an aite. Ach ’s beag a bha fios aca mu ’n teine bha nis air ’fhadadh mu mheadhon na beinne bha os an ceannsan, agus an sgrios oillteil, eagalach a bha ’feitheamh orrasan a bha ’chomhnuidh m’ a timchioll.
Air a’ 24 latha do cheud mhios an fhogharaidh A. D. 79, ’s e sin radh an naoi-deug agus tri ficheadamh bliadhna do linn Chriosd, mhothuich muinntir Phompeii neul dorcha os ceann mullach na beinne. Bha an neul so air chumadh craoibhe mhor, ag eiridh suas gu direach ceud troidh ann an àirde, gun gheug gun mheanglan, agus ’na dhéigh sin a’ sgaoileadh a geugan a mach gu fada farsuing air gach taobh. Bha an neul so air uairibh dubh, dorcha, agus ann an tiota chìteadh e dearg theinnteach, lasarrach, le gach dath tha ’sa bhogha-fhrois. Bha a’ bheinn a’ beucaich gu h-oillteil, agus air uairibh air chrith o ’bràigh gu a bunchar, co mór ’s gu ’n do thuit moran do na tighean. Ghabh muinntir na dùthcha eagal, agus thoisich iad air teicheadh, ach ’s gann a bha fios aca c’ àite. Bha frasan do éibhlibh dearga lasarrach a nis a’ tuiteam co tiugh ri clacha-meallain ’sa gheamhradh. Bha mòran do na luingis a bha ’mach ’s a bhàgh r’a theine; bha, cha ’n e amhàin dòirneagan do chlachan teinnteach a’ tuiteam as na speuraibh, a bha air an sgeith a mach as a’ bheinn, ach creagan mòra, ’s gach aon diubh co dearg ri aona chaoran a thainig riabh a mach á meadhon gealbhain. Bha ’n fhairge fo bhuaireas eagalach, a’ tràghadh an dara h-uair astar mòr a mach, agus a rithist, ann an tiota beag ag at ’s ag éiridh suas thar an fhearann ri guala na beinne, le gair agus toirm uamhasach. Bha ’n oidhche anabarrach dorcha, gun ghealach gun reull r’a fhaicinn, ach air uairibh, dhìreadh lasair àrd, agus dealradh á fìor mhullach na beinne, leis an robh an dùthaich uile air a soilleireachadh co mòr ’s ged bu mheadhon latha bhiodh ann, agus ann an tiota ’na dhéigh sin bhiodh an lasair so mar gum biodh i air a smàladh, agus thigeadh an dorchadas bu duibhe, le frasan do luaithre dhorcha agus do phronnusc, nach b’ urrainnear a sheasamh, agus leis na bhàsaich na mìltean. ’S ann le so a mhilleadh a’ chuid bu mhò do shluagh Phompeii. Tha cùnntas againn air so le neach a bha làthair agus a fhuair as, Pliny òg, ann an leabhar a dh’ fhàg e agus tha againn air mhairionn. Anns an leabhar sin tha cùnntas eagnaidh, pongail air a’ mhilleadh sgriosail uamhasach so. Bha ’n dùthaich uile air a tiodhlacadh fo ’n luaithre ghil mar gum biodh i fo shneachda. ’S ann fo ’n luaithre so agus fo na h-éibhlean so a bha Pompeii air a sgrios. A thaobh Herculaneum, thainig tuil do stuth loisgeach thairis air, mar iarunn air a leaghadh, a thainig mar abhuinn mhòr dhearg-loisgeach a nuas air an àite, agus a thug sgrios agus bàs ’na cois; ach ’s ann leis an luaithre aotruim dheirg a mhilleadh Pompeii. Bha ’n t-àite sin, air a thiodhlacadh mar a chithear tighean buaile fo shneachda; ach am baile eile mar gum biodh sligean air an tìodhlacadh ann am bunchar àth-cheilp an déigh dhi ruith.
Fad shè-ceud-deug tri fichead agus sé-bliadhna deug, bha Pompeii air a chleith o shealladh an t-saoghail, air a thiodhlacadh fo ’n luaithre thainig a nuas o mhullach na beinne; agus tha os ceann ceud is da fhichead bliadhna o ’n a thòisich daoine air an luaithre so a reiteachadh agus a ghiùlan air falbh, chum sealladh a ghabhail air a’ bhaile—dìreach mar gum faiceadh tu daoine le sluasaidean a’ réiteachadh as an rathad cuitheachan sneachda, leis an robh bothain chaorach no ghobhar air an còmhdachadh an àm gaillinn. O ’n àm sin chaidh mòran airgid a chosg ann an togail air falbh na luaithre so, agus ann an réiteachadh nan sràidean agus nan tighean a bha air an cleith; agus is iomad sealladh iongatach a fhuaradh an lorg na saoithreach so.
Bha dion-bhalla làidir ceithir thimchioll air Pompeii do chlachan anabarrach mòr, cuid diubh deich troidhean air fad, ceithir troidhean air leud, agus trì troidhean gu leth air tiuighead, agus am balla eadar dà agus trì fichead troidh air airde. Tha na sràidean aimhlean, ach tha cuid do na tighean fior eireachdail. Tha dealbhan air am faotainn air ballachan nan tighean, air a’ bheil gach dath co ùrar àillidh ’s ged a b’ ann a’ bhliadhna ’n uraidh a rachadh an tarruing. Tha eairneis nan tighean air chumadh agus air dhreach anabarrach eireachdail, air chor’s gur h-e ’n cumadh ceudna tha iad a nis a’ gabhail airson eairneis nan tighean a’s riomhaiche san rìoghachd. Tha na teampuill agus na tighean-cluiche farsuing snasmhor, ciatach. Tha ochd fichead acair fhearainn taobh a stigh do bhaile Phompeii. Tha eireachdas nan tighean-ionnlaid, ’se sin far am bi iad ’gam fairceadh féin, a’ toirt bàrr air aon tighean do ’n t-seòrsa so tha anns an Roinn-Eòrpa; tha na soithichean creadha gu h-àraidh, maiseach agus eireachdail. Fhuaras fàinneachan òir agus ailbheagan àillidh, le clachan àillidh annta, a tha ro-phrìseil. Anns na bùithean fhuaras buinn òir agus airgid, builinnean arain ’nan smùr; ann an aon bhuth fhuaras os ceann da fhichead bonn do dh-airgiod geal, agus ceithir cheud deug bonn do umha no do phrais. Fhuaras dealbhan a tha ’leigeil ris cuid do chleachdainnean nan lìnntean sin, a tha anabarrach iongantach gu h-àraid mu shaobh-chreideamh agus saobh-chràbhadh nan amanna dorcha sin, mu na h-ìobairtean a bha iad a’ tairgsinn, agus an dòigh anns am bu chleachdadh dhoibh so a dheanamh. Tha seòmair nan sagart r’a fhaicinn, agus na soithichean anns an robh am fion air a chumail. Os ceann ard-dorus nan tighean tha ainmeannan na feadhnach a thog iad, agus a’ cheaird a bha iad a’ leantuinn. Tha ìomhaighean agus dealbhan snaighte do gach seòrsa agus ann am mór lìonmhoireachd air am faotainn san àite so: ach tha cuid diubh a’ toirt duinn beachd brònach air cleachdainnean peacach, salach, an t-sluaigh a bha a’ tàmh ann am Pompeii—gu h-àraid dia-bréige an Oil agus na Misg, agus bain-dia a’ Ghaoil; tha na dealbhan salach sin r’ am faotainn anns gach àite.
Tha mòran do na làraichean briste ann am Pompeii, a leigeas ris duinn gu ’n robh clachaireachd, saorsainneachd, agus iomad ìnnleachd eile anns na h-amanna sin co fada air an aghaidh ’s a tha iad a nis, mur robh mòran na b’ fhaide. Cha ’n eil aig banrigh Bhreatunn tigh-ionnlaid is àille na bha aig a’ chuid bu lionmhoire do mhuinntir Phompeii. Lionadh e leabhar mòr beachd ceart a thoirt air na tighean-ionnlaid sin amhàin. Bha aon tigh ionnlaid anns an robh àiteachan-snàmh do uisge teth agus fuar, dlùth air dà mhìle troidh air fad, agus coìg ceud-deug àite-suidhe do mharmor geal san àite so, agus seòmraichean airson leabhraichean anns am faodadh na mìltean suidhe a leughadh. Cha ’n eil e comasach beachd ceart a thoirt ann an cùnntas aithghearra mar so, air àilleachd agus eireachdas an àite so, anns am faodadh ochd-ceud-deug pearsa bhi ’gan ionnlad féin air an aon àm, agus seòmar fa leth aig gach aon. Tha teampuill ann airson gach dia-breige d’am robh iad ’nan aineolas a’ deanamh aoraidh; ach bha na tighean-cluiche eireachdail dreachmhor os ceann gach seòrsa eile thighean; air an togail do mharmor geal, air an snaigheadh gu h-àillidh, agus anns am faodadh deich mìle pearsa suidhe san aon am.
Bha ’n t-uisge air a ghiùlan feadh a’ bhaile ann am pioban creadha, agus tha e soilleir gu ’n robh mòr phailteas do ’n uisge ’b ’fhéarr aca anns gach cearn do ’n bhaile. A réir coslais bha na sràidean aca gun chabhsair, agus le so salach, oir tha clacharain lìonmhor romhpa air am b’ àbhaist do ’n t-sluaigh dol thairis, agus iad féin a chumail as a’ chlàbar. Chladhaicheadh a stigh do thigh lighiche, anns an d’ fhuaradh gach cungaidh a bhuineadh d’ a cheird ann an soithichean gloine, agus tha cuid fhathast diubh air mhairionn. Tha tighean-fuine ann anns an robh an t-aran air a dheasachadh, lionmhor; iomad muilionn a bha air an tionndadh le neart dhaoine agus asal; agus fhuaras mòran do ni cosmhail ri ùir mhin, a thuig iad le deuchainnean, gum bu mhin chruineachd a bh’ ann. ’S ann sa’ bhaile mhòr so bha ’n duine ainmeil sin, Sallust, a chomhnuidh, a sgriobh iomad leabhar a th’ againn, agus tha làrach a thighe r’a fhaicinn.
Fhuaras, mar an ceudna na h-àiteachan-amhluic anns an robh luaithre nam marbh air a càramh. Tha mòran diubh so air an togail do mharmor geal, agus air an snaigheadh gu h-eireachdail. Anns na linntibh sin bu chleachdadh leo ’sna dùthchanna m’a bheil sinn a’ labhairt, na cuirp a losgadh air griosaich mhòir do chonnadh, an luath a chruinneachadh, agus a cur ann an crogan creadha, agus sin a charamh san uáigh. Bha an teine no a’ ghriosach air an robh cuirp nam marbh air an losgadh, mòr agus cosdail, do réir saoibhreas an duine a chaochail. B’e an caraid bu dlùithe air an robh mar fhiachaibh a lasadh; agus nuair a b’ àill leo ard urram a thoirt do neach air bith, bha eich a’s crodh a’s caoraich, eoin agus columain, air an tilgeadh sa’ ghrìosaich mhòir, agus air an losgadh maille ris a’ chorp. Bha ’n luath an sin air a cruinneachadh, air a tasgaidh suas ann an soitheach creadha, latha-cuirm air a chumail, agus an sin an crog creadha air a chàramh san uaigh. ’S iomadh aon dhiubh so a gheibhear air feadh na Gàidhealtachd, anns gach cearn dhi, o’n àm anns an robh na Ròmanaich ’nam measg a thug a stigh an cleachdadh so.
[Vol . 10. No. 33. p. 5]
Fhuaras mòran do leabhraichean, air neo rolan do sgriobhadh, am measg laraichean briste Phompeii agus Herculaneum; ach air dhoibh a bhi co fada air an tiodhlacadh, tha e duilich an toirt as a chéile; tha iad mar gum biodh iad air an losgadh ann an àmhuinn. Tha nis dlùth do thri ceud rola air am faotainn; tha cuid diubh mu lusan; cuid mu chungaidhean leighis, agus moran diubh nach d’ fhuaras fhathast a mach. Ach do na h-uile ni a fhuaradh san àite so ’s iad na lòchrain àillidh eireachdail, na nithe is iongataiche. Tha iad so do gach cumadh. ’S ann air chumadh na feadhnach so tha iadsan tha nis r’ am faicinn ann am pàilliunaibh righrean an t-saoghail air an deanamh. Ach ’s éiginn stad; cha b’e ’n leabhar beag a chumadh na tha r’a innseadh mu ’n bhaile mhor so, a bha dlùth do dh’ ochd ceud deug bliadhna air a chleith o shealladh an t-saoghail; ach ann an aon oidhche thainig sgrios air. Ceart mar thachair ann an làithibh. Noah, bha iad ag ithe ’s ag òl, a’ pòsadh ’s a’ toirt seachad am pòsadh—ach thainig an tuil theinnteach orra, agus mhilleadh iad gu léir. Cia uamhasach cumhachd an teine lasaraich sin a th’ ann am meadhon na talmhainn! —Cuairtear nan Gleann.
Dleasnas Cloinne d’am Parantan.
THA iomadh uair òigridh deas gu bhi dichuimhneachadh nam fiachan trom fo am bheil iad gu caoimhneas agus blàthas-cridhe a nochdadh d’ am parantan. ’N uair a thòiseachas duine òg air dol a mach ann an cuideachd agus fàs eòlach air gnàthas an t-saoghail, tha e tachairt iomadh uair gu ’m bheil e’ tòiseachadh air di-meas a dheanadh air a pharantan, a’ saoilsinn gu ’m bheil e féin mòran ni ’s glice na tha iadsan, a’s gu ’m faod e air an aobhar sin tàir a dheanadh orra a’s eas-ùmhlachd a thoirt doibh. Tha e smaointeachadh gu ’m bheil e na ni fearail a thoil féin a dheanadh agus eas-ùmhlachd a thoirt dhoibhsan, ma tha an àithntean-san a’ dol an aghaidh iarrtusan. Tha dùil aige gu ’n dean so duine mòr dheth a dh’ aon bhuile, a’s gu ’m bheil e ’n a dhearbhadh gu ’m bheil tapadh air leth aige. Is tha na companaich fhaoin leis am bheil e a’ deanadh fearais-chuideachd ullamh gu leòir gu a mhisneachadh anns an droch bharail so, gus am bheil esan a bu chòir a bhi na ’bheannachadh anns an teaghlach le a chaoimhneas agus a shuairceas, a’ fàs cho beadaidh neo-chaoimhneil, ’s nach ’eil e furasda air chor air bith cur suas leis. Cha ’n ann mar so, a dhaoine òga, a bu chòir do ’n chùis a bhi. Cha ’n ’eil dleasdanas eile a bu chòir do dh’ òganach a bhi cho cùramach mu dheidhinn ris a so; is cha ’n ’eil òigear tuigseach air bith nach dean a dhichioll gu sòlas a thoirt do chridhe a pharantan, le a dheadh bheus agus le a bhlàthas-cridhe. Cha bu mhaith leam an t-òganach ud àireamh am measg mo chàirdean no mo dlùth-chompanaich, a bheireadh eas-urram d’a athair no bhiodh neo-chaoimhneil r’a mhàthair. Cha mhotha bhitheadh mòr mheas agam air fearalas an neach, air am biodh nàire as a’ chàraid aosda, a rinn an dichioll air esan a thogail gu onorach ceart ged a dh’ fhaodadh iad a bhi ann an suidheachadh bochd gu leòir a thaobh inbhe saoghalta. Tha iomadh aobhar ann air son am bu chòir meas is urram a bhi air a thoirt do phàrantan. Ged nach biodh ann ach a’ chomain fo an do chuir iad sinn trid an cùraim dhinn an uair nach robh sinn comasach air ni air bith a dheanadh air ar son féin, bu leòir e gu toirt oirnn gach caoimhneas a b’ urrainn sinn a nochdadh dhoibh agus gach meas a tha ’n ar comas a chur orra. Smaoinich, a dhuin’ òig, co a rinn faire thairis air do leanabaidheachd, a dhion thu o gach ni a dh’ fhaodadh do bheatha a chur as mar lasair laig, a ghiùlan gu foighidinneach le do dhroch nàdur, a sholair air do shon na nithe a bha feumail dhùit, a dh’ eiridinn thu ann an uair an tinneas, a dhion thu ann an àm a’ chunnairt, agus a bha a dh-oidhche agus a latha le cùram gun choimeas a’ freasdal dhuit. Co a dh’ éisd cho foighidinneach ri gach gearan a bha agad ri dheanadh? Co a stiùir thu mar a bha thu ann an iomacheist, is a thug sòlas dhuit ’n uair a bha thu fo bhròn? Co ach do pharantan. Is mar ’eil thusa tur gun mhothachadh, agus gun bhlàthas nadurra bheir thu gach oidhirp air na fiacha trom so fo am bheil thu dhoibh a dhiol, le do choimhneas dhoibhsan a nis ann am feasgar an làithean. Ach cha ’n e mhàin gu ’m bheil taingealachd mar so ga ’r cur fo chomain d’ ar pàrantan, ach tha focal Dé à sparradh oirnn ro bhitheanta an dleasdanais so, agus a’ bagradh gu trom an aghaidh na muinntir a tha ’dearmad a bhi umhal agus dleasdanach. Nach tric a tha briathran na còigeamh àithne air an seirm le fàidhaibh agus abstolaibh, “Thoir urram do d’ athair agus do d’ mhathair.” Is nach ’eil bagraidhean de ’n t seórsa so bitheanta gu leòir ann am facal Dhé. “An t-sùil a ni magadh air athair agus a ni tarcuis air ùmhlachd do mhathair, spionaidh fithich a’ ghlinne a mach i agus ithidh na h-iolairean oga suas i.” Tha, mar so, tuigse-nadurra agus Focal Dé a’ cordadh ri cheile ann a bhi g’ ar brosnachadh gus an dleasdanas so a choimhead. Feuch nach bi sibh ma ta dearmadach air. Thugaibh gach urram a tha dligheach dhoibh. Deanaibh an cridhe subhach le bhur deadh ghiùlan, oir cha ’n ’eil ni ann a bheir urad sòlais d’ an cridhe na bhi g’ ar faicinn ag imeachd ann an rathaidibh na stuamachd. Ma tha sibhse a’ tuineachadh aig an àm ’s a’ bhaile, agus iadsan aig an tigh ’san dùthaich, deanaibh ’ur dichioll gu sgriobhadh do ’n ionnsuidh gu riaghailteach gach seachdain, oir ’s e an sgeul is taitniche a thig gu ’n ionnsuidh ’ur deadh naigheachd. Is na dearmadaibh a bhi a’ cur roinn d’ ar cosnadh dhachaidh, ma tha iad ann an suidheachadh a chuireas feum air ’ur còmhnadh. Is eadhon ged a robh iad gun mhór fheum air cuideachadh uaibh, cuiribh an drasd ’s a rithisd, tiodhlac eigin gu’n ionnsuidh. Cha ’n ’eil seud is luachmhoire is urrainn a bhi aig màthair na tiodhlac a tha ’labhairt rithe mu ghràdh a mic a tha air falbh am measg choigreach. Cha ’n ’eil ach tearo do nithean a chumas ’ur cridhe féin ùrar glan cosmhal ri cuimhneachan air an dachaidh shiochail ud, anns a’ ghleann bhòidheach anns an deachaidh ’ur n-àrach, us air an aobhar sin tha e buanachdar dhuibh féin a bhi mar so a ’deanadh.
A’ BHREAC AIR BORD SOITHICH—Air an latha mu dheireadh dhe ’n mhios a dh’ fhalbh, thainig soitheach-iasgaich Geancach a stigh do Shidni Tuath agus aon de na seòladairean a bh’ oirre na laidhe tinn leis a’ bhric. Chaidh an duine chur do’n tigh-eiridinn, agus bha an soitheach ’s a sgioba air an cumail gus am faicte co-dhiu bha no nach robh tuilleadh gu fàs tinn. Toiseach na seachduin so chaidh an leigeil mar sgaoil, oir cha robh coltas na brice air gin dhiubh. Tha ’m fear a bha tinn anns an tigh-eiridinn fhathast, ach tha e á cunnart, agus a’ dol am feabhas na h-uile latha. Leis gach cùram agus faiceall a thatar a’ cleachdadh anns na bliadhnaichean so, tha e na ’s furasda grabadh a chur air tinneasan gabhaltach na bha e anns na linntean a dh’ fhalbh. Cha’n eil a’ bhreac an diugh na cùis-eagail cho mor ’sa bha i leth-cheud no eadhon fichead bliadhna air ais.
A thoil fhéin do gach duine, ’s an toil uile do na mnathan.
Naigheachdan.
A’ GAIRM MINISTEIR—Aig coinneamh a bha air a cumail air feasgar an aonamh latha deug dhe ’n mhios, dh’ aontaich coithoinal St. Andrew’s, ’sa bhaile so, an t-Urr. Clarence Mac-Fhionghain a ghairm gu bhi na ’mhinisteir anns an eaglais comhla ri Maighstir Forbeis. Tha Mr Mac Fhionghain aig an àm so air a shuidheachadh ann am baile Halifacs. Tha e air aon de na searmonaichean a’s fhearr a tha ’san Eaglais Chleirich ’sna Roinnean Iochdarach.
FAILT O MHARCONI—Bha dòchas aig Marconi gu ’m biodh na togalaichean agus na h-innealan aig Table Head criochnaichte mu ’n àm so, agus gu ’m biodh e comasach dha fàilte chur air Righ Iomhar latha ’chrùnaidh. Cha ’n eil cùisean cho fad air aghaidh ’s gu ’n teid aig air sin a dheanamh, ach cha bhi ’n ùine fada gus am bi fiosan ga ’n cur a null ’s a nall. Tha Marconi an deigh an t-innleachd a leasachadh air dhoigh ’s gu ’n gabh eadar ceud is da cheud facal ’sa mhionaid cur air falbh. Roimhe so cha b’ urrainn dha ach mu dheich air fhichead a chur air falbh anns a’ mhionaid.
CRUNADH AN RIGH—Bidh Dior daoin so ’tighinn na ’latha mor agus ainmeil anns an Impireachd Bhreatunnaich. Air an latha sin bidh Righ Iomhar air a chrùnadh. Bidh greadhnachas agus riomhadh mor air an nochdadh mu chuartachadh na seirbhis ann an Lunnuinn, agus cha bhi baile beag no mor anns an Impireachd anns nach bi an latha air a chumail saor. Bidh e air a chumail leis a’ bharrachd aoibhneis a chionn gu bheil sìth air a nasgadh ann an Africa mu dheas, ni ris nach robh moran duil mios no dha roimhe so. Tha sin an deigh toil-inntinn mhor a thoirt do ’n righ fein.
BAS SAN TIGH CHAOTHAICH—Thainig fear Uilleam Mac-Leoid ri ’bheatha fhein ’san tigh-chaothaich, la na Sábaid s’a chaidh. Chroch e e-fhein ri te dhe na h-uinneagan, agus nuair a chaidh fhaotainn bha e marbh. Bha e air a thoirt do’n bhaile feasgar Di-sathuirne á Port Morien, far an robh e fuireach nuair a chaidh e as a rian. Bha e ri bhi air a thoirt do Halifacs Di-luain. Bha e leth-cheud is da bhliadhna dh’ aois. Bha e o chionn da bhliadhn’ deug air ais anns na Staidean, agus cha’n eil ach mu thri miosan o’n thainig e air ais ’s a chaidh e dh’ obair do Phort Morien. Bu mhac e do Uilleam Mac-Leoid, nach maireann a bha chòmhnuidh air taobh tuath nam Forks.
TIM CHLAR UR—Di-luain s’a chaidh thòisich na treineachan ri ruith a réir tìm-chlàr an t-samhraidh. Bidh a’ cheud trein a fàgail Shidni aig fichead mionaid gu seachd, agus an darra té aig deich uairean. Bidh na treineachan á Halifacs a ruigheachd a bhaile feasgar, —a cheud té aig leth-uair an deigh seachd, agus an darra té aig leth-uair an deigh deich. Bidh na h-amannan so moran na ’s freagarraiche na na h-amannan aig an robh iad a’ falbh ’s a’ tighinn fad a’ gheamhraidh. Tha an rathad an deigh so ri bhi air a ruith a reir an tìm chumanta; roimhe so bhatar ga ’ruith a réirstandard time,a tha uair air dheireadh air tìm nan Roinnean Iochdarach. Bidh so cuideachd na dheisealachadh mor do luchd-turuis; cha bhi iad cho buailteach air mearachd a dheanamh a thaobh àm falbh is tighinn an eich-iaruinn.
“AM FAIDH ELIAH!” —Co nach cuala iomradh uair no uaireiginn air an duine mhealltach sin Alasdair Dowie, no mar a theirear ris “Am fàidh Eliah,” a tha an deigh an liughad duine is bean a mhealladh, gu h-àraidh ann am baile-mor Chicago, far am bheil e fuireach. Tha e a cumail a mach nach ’eil feum sam bith ann an lighiche, —ma tha fear no bean tinn nach leig iad a leas ach ùirnigh a dheanamh, sin ri radh ma tha creideamh laidir aca, agus bidh an neach tinn air a leigheas. O chionn ghoirid loisgeadh nighean leis a bhaoth-chreidmheach so gle dhona. Chaidh a h-athair air a ghlùinean agus thoisich e ri ùirnigh, ni a rinn e fad latha, ged a bha a nighean a fulang cràdh uamhasach, ach ged a bhiodh e ’g ùirnigh fhathast cha ’n fhaigheadh ùirnighean cealgach freagairt. Mu dheireadh chuir e a dh’ iarraidh dotair, a bha e roimhe cur cho mor an suarachas, ach thainig an dotair ro anmoch—fhuair a nighean bàs. Tha lan àm aig an lagh casg a chur air na daoine seòlta, mealltach so. “Sgrios gun tig air an gineal-san a mach as an tìr gu luath.”
[Vol . 10. No. 33. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 251.)
fhios agam cia mar a bheir mi taing dhuibh air son bhur fialachd. Tha fhios agam nach ’eil mo mhac airidh air a’ chaoimhneas a tha sibh a’ nochdadh dha; agus ciod sam bith cho taingeil ’s a bhitheadh e, agus cho math ’s a ghabhadh e bhur comhairle, bhiodh e neo-airidh air bhur caoimhneas. Air mo shon fhin dheth, tha mi ’toirt taing dhuibh le m’ uile chridhe, agus is e mo mhiann gu ’m biodh sibh fada gu leor beo gu bhith ’n ’ur fianuis air taingealachd mo mhic. Agus cha ’n urrainn e a thaingealachd a nochdadh ann an doigh a’s fhearr na bhith ’g a ghluasad fhein a reir mar a bheir sibhse comhairl’ air.”
Fhreagair an draoidh, agus thuirt e rithe: “Is e balach gasda ’th’ ann an Aladin, agus tha nadar math gu leor aige, agus tha mi ’creidsinn gu ’n tig sinn a reir a cheile gle mhath. Ach tha mi duilich air son aon ni, agus is e sin, nach urrainn mi deanamh am maireach mar agheall mi, o ’n is e maireach Di-haoine; agus bidh na buithean uile duinte, agus air an aobhar sin, cha ’n urrainn sinn aon chuid buth a cheannach no bathar a chur innte. Ach leigidh sinn leis gu Di-sathuirne. Thig mi g’ a iarraidh am maireach, agus bheir mi e do na liosan anns am bheil uaislean a’ bhaile mar is trice ’gabhail sraid. Is docha nach fhac’ e na liosan maiseach so riamh, o nach robh e gus a so ach am measg na cloinne; ach a nis tha ’n t-am aige ’bhith ’measg dhaoine.”
An sin dh’ fhalbh an draoidh, agus chaidh Aladin agus a mhathair a laidhe.
Bha aoibhneas mor air Aladin araon a chionn gu ’n d’ fhuair e deise mhath, ngus mar an ceudna ’chionn gu ’n robh e gus a dhol do na liosan maiseach anns am biodh uaislean a’ bhaile ’cur seachad moran dhe ’n uine. Cha robh e riamh am mach ann an iomall a’ bhaile far an robh seallaidhean ro bhriagha ri ’m faicinn.
Dh’ eirich Aladin gu math moch air an ath mhadainn, agus rinn e deiseil gu falbh comhladh ri brathair ’athar an uair a thigeadh e g’ a iarraidh; agus an deigh dha ’bhith ’feitheamh car uine, thoisich ’fhoighidinn ri fas goirid, agus bha e ’na sheasamh aig an dorus ’g a fheitheamh. Agus cho luath ’s a chunnaic e ’tighinn e, dh’ innis e dh’ mhathair e, agus ruith e ’na choinneamh.
Bha ’n draoidh anabarrach caoimhneil ri Aladin an uair a choinnich e e. “Tiugainn, mo leanabh gaoil,” ars’ esan, “agus nochdaidh mise dhut seallaidhean maiseach.”
Threoraich e ’mach troimh gheatachan a’ bhail’ e gus an d’ rainig iad taighean briagha aig an robh liosan do ’m faodadh neach sam bith a dhol. A h-uile taigh a ruigeadh e, dh’ fheoraicheadh an robh e briagha, agus theireadh Aladin gu ’n robh. Leis an doigh sheolta so thug e leis Aladin astar math am mach air an duthaich; agus o ’n a bha ’na bheachd a thoirt leis ’na b’ fhaide air falbh, a chum an gnothach a bha fa near bha a chur an gniomh, thug e air suidhe lamh ri tobar briagha a bh’ ann an aon dhe na liosan, a leigeadh air gu ’n robh e fhein sgith, agus thuirt e: “Trobhad a mhic mo bhrathar; feumaidh gu ’m bheil thusa sgith mar a tha mi fhin; leigeamaid ar n-anail, agus bidh sinn na ’s fhearr gu coiseachd a rithist.”
An deigh dhaibh suidhe, thug an draoidh lamh air neapaiginn a bh’ aige fo ’n chrios anns an robh aran agus measan a thug e leis as a’ bhaile, agus chuir e air bruaich an tobair iad. Rinn e da leith air an aran, agus thug e leith dheth do dh’ Aladin, agus dh’ ith e fhein an leith eile. Leig e le Aladin an seorsa a b’ fhearr leis dhe na measan itheadh.
Fhad ’s a bha iad ag itheadh a’ bheidh, chomhairlich e dò dh’ Aladin sgur a bhith ’cumail cuideachd ri cloinn, agus a bhith gu tric ann an cuideachd dhaoine glice agus tuigseach a chum a bhith ’foghlum gliocais uapa; “oir bidh tu gun dail aig aois duine,” ars’ esan, “agus cha ’n urrainn dut toiseachadh tuilleadh is trath ri foghlum o ’n comhradh.”
An uair a ghabh iad na thainig riutha dhe ’n bhiadh, dh’ eirich iad, agus ghabh iad air an aghart troimh na liosan nach robh ach air an dealachadh o cheile le digean beaga mar chriochan, agus nach cumadh iad o dhol o aon lios gu lios eile. Bha so a’ leigeadh ris gu ’n robh earbsa mhor aig muinntir an aite ’na cheile. Air an doigh so thug an draoidh leis Aladin seachad air na liosan, agus tarsuinn na duthchadh gus mu dheireadh an d’ rainig iad faisg’ air na beanntan.
Cha robh Aladin riamh air astar cho fada sid, agus an uair a thoisich e ri fas sgith, thuirt e ris an draoidh: “C’ait’ am bheil sinn a’ dol, a bhrathair m’ athar? Dh’ fhag sinn na liosan astar mor ’n ar deigh, agus cha ’n ’eil mi faicinn dad ach beanntan. Ma theid sinn moran na ’s fhaide air ar n-aghart, cha ’n ’eil fhios agam am bi mi comasach air tilleadh air ais do ’n bhaile.”
“Na biodh eagal sam bith ort, a mhic mo bhrathar,” ars’ an draoidh; “seallaidh mi dhut lios eile a tha moran na’s briagha na h-uile lios a chunnaic sinn fhathast; cha ’n ’eil e ach astar beag air falbh. Agus mi uair a ruigeas sinn e, their thu gu ’m biodh doilighios ort mur faiceadh tu e, an deigh a bhith cho faisg’ air. Chreid Aladin e; agus a chum nach fhairicheadh e an t-astar cho fada, dh’ innis an draoidh iomadh naigheachd dha.”
(Ri leantuinn.)
Am Bru-dhearg a’ Gabhail Fasgaidh o’n Doininn.
EOINEIN bhig bhòidheich! cia aoibhneach, ait a tha thu ann an sin, a’ suidhe agus a’ seinn, agus a’ togail gach criomaig bhig a tha thu ’faotainn air an làr, gun fhios agad c’ àite ’bheil thu, no c’ áite ’m faigh thu an ath lòn, agus ’nuair thig an t-anmoch cha ’n eil agad ach do leaba iarraidh anns a’ cheud phreas a thig ann ad rathad, far, ma dh’ fhaoidte ’bheil an neas no an cat fiadhaich no ’n t-seabhag a’ feitheamh air do mhilleadh! Tha mi ’gabhail nàire, mise le pailteas a’m thigh, le m’ ghealbhan cridheil, sunndach, fasgadh agam o’n doininn, mo leaba sheasgair bhlàth, agus a dh’ aindeoin so uile mi ri gearan, fo iomaguin, fo imcheist, gu trom, muladach, bochd, brònach. Nam bithinn coltach riutsa, eòin bhig bhòidheich, air allaban gun tigh gun dachaidh, gun fhìos c’ àite ’m faighinn mo lòn maidne no m’ àite táimh san oidhche, cia truagh a bhithinn! Cha togainn òran mar tha thusa ’deanamh. Cò stiùir an so thu, a choigrich bhig? ’S cinnteach mi gur h-e freasdal Dhé, a shearmonachadh dhòmhsa, chum mo theagasg agus mo chronachadh. Agadsa cha ’n eil tuigse no riasan as a’ bheil mise co bòsdail; cha robh thu ann an sgoil—cha d’ fhuair thu do theagasg; ach thug Dia dhuit tuigse. Seinn t’ òran laghach, eòinein dhig—cha bhean mi dhuit—gabh do thàmh an nochd san t-seòmar so— ’se do bheatha— ’s ’nuair thig a’ mhaduinn leigidh mi a mach thu air feadh an t-saoghail.
“Amhaircibh air eunlaith an athair, oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlibh; gidheadh tha ar n-Athair nèamhaidh ’g am beathachadh. Nach fearr sibhse gu mòr na iadsan?”
Cha tig am bàs gun leisgeul.
Cha teid fiach air bial dùinte, ’s cha tog balbhan fianuis.
Litir as an Abhainn Mheadhonaich.
A’ CHARAID, —Tha mi ’cur ugad tri dolair aig an àm so air son ainmeanan ùr, nach do ghabh MAC-TALLA riamh roimhe gus a so. Tha fear dhiubh, Fearchar Mac Rath, na ’fhear-comhairle againn, agus is fhad bho ’n bha còir aig air do phaipear a ghabhail. Tha e na ghobha math, agus cha bhith e fada cosnadh dolair le beagan ghnogan leis an òrd air an innein. Tha ’m fear eile, Ruairidh Mac Rath, gille òg, gasda a tha gun phosadh fhathast. Bidh tusa cinnteach gun toir thu òran math gaol dha anns a’ MHAC-TALLA. Tha ’n treas fear, Domhull Fionnlasdan, —cha b’ e bu chòir fhàgail air deireadh—na ’sgoilear math, Beurla agus Gàilig, agus tha sinn ann an làn dòchas gu ’n cluinn sinn gu math tric bhuaithe anns a MHAC-TALLA.
’S e bhiodh math aig an àm so mòran airgiod airson MAC-TALLA chur air bhonn cho math ris na paipearan Beurla. Tha e maslach dha na Gaidheil mur cum iad aon phaipear Gailig suas. Churainn a mach an cent mu dheireadh a bhiodh agam ma ’s tugainn suas cainnt mo dhùthaich. Bha litir anns an àireamh mu dheireadh dhe ’n MHAC-TALLA bho “M. D. ,” a Ceap Nòr, agus tha mi-fhein gle thoilichte leis a bheachd a bh’ aig air leabhraichean òrain, agus air na h-òrain a bhios anns a’ MHAC-TALLA. Cha chreid mi nach ’eil e moran na’s fhearr a bhi ga ’n leughadh na moran dhe ’n smodal a bhios sinn a faotainn anns na paipearan Beurla. Nam biodh sinne cur urram agus cho dìleas dha ’n Ghailig ris na bàird, cha bhiodh éis air MAC-TALLA. Tha ’m bàrd Niall Mac Leoid a cantuinn anns an oran a rinn e do ’n Ghailig—
“Duisg suas, a Ghàidhlig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgàig;
Tha ciadan mile dileas duit
Nach diobair thu ’sa’ bhlàr;
Cho fad ’s a shiubhias uillt le sruth,
’S a bhuaileas tuinn air tràigh,
Cha ’n aontaich iad a’n cainnt no ’n cruth
Gu ’n teid do chur gu bàs.”
Agus thuirt e anns an rann mu dheireadh dhe’n òran—
“Ach buaidh is piseach air na laoich
’Tha seasmhach air a sgàth,
’Chaidh àrach ann an tir an fhraoich,
Ge sgaoilt’ an diugh an àl;
Ged ’chaidh an sgapadh air gach taobh,
Cha chaochail iad an gnàths,
Cha ’n fhàs an eachdraidh lag le aois
’S cha ’n fhaigh a’ Ghàidhlig bàs.”
Cha ’n ’eil sinn a faotainn MHIC-TALLA ach gle allabanach an taobh so—uair a thig e Di-sathairne, uair eile Di-màirt, agus an àireamh mu dheireadh ’s ann Dior-daoin a thainig e.
Bi cinnteach gu ’n cur thu ’chiad àireamh a dh’ ionnsuidh na daoine gasda tha ga ’ghabhail as ùr. Tha greis bho ’n fhuair mise paìrt dhe ’n airgiod. Ma dh’ fhaodte gu ’m faigh mi beagan dholair fhathast.
Bidh daoine an taobh so gle thoilichte òrain Dhonnachaidh Fhionnlasdan fhaicinn anns a’ MHAC-TALLA. Cuiridh mi ugad uair air choireigin òran an eich dhealanaich, agus mur cur thu an clò e cha ’n fhaic thu dollar tuilleadh bho do charaid dileas
MICHEAL.
Ged a gheibheadh am peacach a steach do nèamh cha bhiodh e mionaid toilichte ann. Is iad na h-àiteachan a’s coltaichte ri nèamh a th’ air an talamh, na n-àiteachan mu dheireadh do ’m biodh am peacach toileach a dhol. Cha ’n ’eil tlachd sam bith aig misgear, no aig meirleach, no aig breugaire, no aig duine truaillidh sam bith eile, ann a bhith cur seachad na h-ùine ann an cuideachd dhaoine diadhaidh, eadhoin air an talamh fhein.
[Vol . 10. No. 33. p. 7]
Marbhrann
Do Mhr Seumas Beattie, fear-teagaisg cànain ’s nan eolas nadarra ann an Oilthigh ùr-Obaireadhain, a chaochail ’s a bhliadhna 1810,
LE EOBHAN MAC-LACHUINN.
Och nan och! mar a tha mi,
Threig mo shùgradh, mo mhànran, ’s mo cheol,
’S trom an aiceid tha m’ chràdh-lot,
’S goirt am beum a rinn sgàinteach ’am fheoil;
Mi mar ànrach nan cuaintean,
A chailleas astar feadh stuadhan ’sa cheo,
O’n bhuail teachdair a bhàis thu,
A charaid chaoimh bu neo-fhàilteumach gloir.
A ghaoil! a ghaoil de na fearaibh!
’S fuar a nochd air an darach do chréubh,
’S fuar a nochd air a bhord thu,
Fhiùrain uasail bu stold’ ann ad bhéus!
An lamh gheal, fhuranach, chàirdeil,
Is tric a ghlac mi le fàilte gun phléid,
Ri d’ thaobh ’s an anairt na ’sineadh,
Na meall fuar creadha, fo chis aig an éug.
A mhiog-shuil donn bu tlàth sealladh,
A nis air tionndadh gun lannair a d’ cheann;
’S sàmhach binn-ghuth nan ealaidh,
’S dùint’ am beul ud o ’m b’ anasach cainnt;
An cridhe firinneach, soilleir,
Leis ’m bu spìdeil duais foille, no sannt,
A nochd gun phlosg air an déile!
Sian mo dhosgainn, nach breugach mo rann.
Gun smid tha ’n ceann anns na thàrmaich
Bladh gach eolais a b’ àird ann am miagh,
Gliocas eagnaidh na Gréige,
’S na thuig an Eadailt bu gheur-fhaclaich brigh.
’S balbh fear-reitich gach teagamh
Anns a Bheurla chruaidh, spreigearra, ghrinn;
’N uair bhios luchd-foghluim fo dhubhar,
Co na t-ionads’ a dh’ fhuasglas an t-snuim?
’S balbh an labhraiche pongail,
Bu tearc r’a fhaotainn a chompanach beoil,
Am briathran snaidhte, sgéimh-dhealbhach,
A chur na h-ealaidh no ’n t-seanachais air neoil;
Ge b’ e bàrd an dàin chéutaich,
Mu chian-astar Ænéas o Throidh,
’S firinn cheart nach bu diù leis
E-fein thoirt mar ùghdair do sgeoil.
Gun smid tha ’n gliocair a b’ eolach
Air fad na cruitheachd a dh’ ordaich Mac Dhé,
Gach gnè an saoghal na fairge,
’Sa mhachair chomhnaird no ’n garbhlaich an t-sléibh,
Gach bileag throm a tha lùbadh
Fo throm eallaich na driùchd ris a ghréin,
’S an rioghachd mheatailtich b’ àghor
Bo phurp, ag innse dhuinn nàdar gach seud.
’S balbh fear-aithne nan ràidean,
A shoillsich aingil is fàidhean o thùs,
Is soisgeul ghlormhor na slàinte,
Thug fios air trocairean Ard-righ nan dùl;
An stéigh gach teagaisg bu ghràsmhoir,
’S tearc pears-eaglais thug bàrr ort, a rùin!
Dochas t-anma bu làidir,
’S an fhuil a dhoirteadh gu Pàrras thoirt dhuinn.
Riaghlaich t-eolas ’s do ghiùlan
Modh na foirfeachd a b’ iùil dut ’s gach ceum;
Do mhor-chridh uasal gun tnù ann,
Gun ghoimh, gun uabhar, gun lùban, gun bhreug;
Cha b’ uailse tholgach an fhasain,
Cha dealradh saibhreis a dh’ atadh do speis;
’S i ’n inntinn fhior-ghlan a b’ fhiù leat,
Is foghlum dichill ga ’stiùireadh le céill.
Mo chreach léir! an taigh mùirneach,
’S am faict’ a ghreadhain gu sunndach mu ’n bhord,
Dreos na céire toirt soillse;
Gach fion bu taitniche faoileas fo chroic:
Do chuilm bu chonaltrach, fàilteach,
B’ aiseag slainte dhuinn mànran do bheoil;
Bu bhinn a thogail na téis thu,
’Sa chruit fhonnor ga ’gleusadh gu ceol.
’N uair dh’ éireadh coisridh bu choinnealt
A dhanns’ gu lùghor ri pronnadh nam pong,
Gum b’ éibhinn cri do mhnà-comuinn,
Do chroilein maoth, ’s iad gu tomanach, donn,
A ghearradh leum air bhord loma,
Dol seach a chéile mar ghoireadh am fonn;
Ach dh’ fhalbh sid uile mar bhruadar,
“No bristeadh builgein air uachdar nan tonn.”
A righ! gur cianail mo smaointean,
Ri linn do t-àrois bhi faontrach gun mhùirn,
Sguir a chuilm ’s an ceol-gàire,
Chaidh meoghail ghreadhnach is mànran o ’r cùl;
Chinn an talla fuar, fàsail;
’S e chuir mullach na fàrdaich na ’smùr,
Ceann da dìdinn ’s na riaghailt
A bhi ’sa chadal throm shiorruidh nach dùisg!
Do bhantrach bhochd mar ian tiamhaidh,
Ri truagh thursa, ’sa sgiathan mu h-àl,
A neadan creachta, ’s i dòineach,
Mu gaol a sholair an lòn daibh gach tràth;
O’n dh’ imich Fir-eun na h-ealtainn,
Tha ’n t-searbh-dhìle ’teachd thart as gach àird;
A Rìgh nan aingeal! bi d’ dhìon daibh,
’S tionndaidh ascaoin na sìne gu tlàths.
’S iomadh sùil a ta silteach,
A thaobh ùigh nam fear glic gun bhi buan:
Tha mìltean ùrnuigh ga d’ leantuinn,
Le mìltean dùrachd is beannachd gu d’ uaigh;
A liuthad diùlannach ainnis
A dh’ ardaich t-ionnsachadh ainneamh gu uaill;
’S gach là bhios càirdeas air faoineachd,
A Bheattie chliùitich! bidh cuimhn’ air do luach.
Rinn t-eug sinn uile gun solas,
Tha teach nan innleachd, ’s an oigridh fo phràmh;
Chaidh Albainn buileach fo éislean,
Sgur na Ceolraidhean Gréugach de ’n dàn:
Thainig dall-bhrat na h-oidhch’ oirnn,
O’n chaidh lochran na soillse na ’smàl:
B’ e sid an crith-reothadh céitein
A mhill am fochann bu cheutaiche bàrr.
Bu tu craobh-abhull a ghàraidh,
A chaoidh cha chinnich ni ’s àillidh fo ’n ghrein!
Dealt an t-samhraidh mu blàthaibh,
Lùisreadh dhuilleag air chràcaibh a geug;
Ach thilg dubh-dhoirionn a gheamhraidh
A bheithir theinntidh le srann as an speur;
Thuit an gallan ùr, rìomhach,
’S uile-mhaise ghrad-chrìon air an fheur.
A Thi tha stiùireadh na cruinne
’S tu leig d’ ar n-ionnsuidh a bhuille bha cruaidh:
Sinne chaill an t-sàr ulaidh,
Neonaid phriseil nan iomadaidh buaidh!—
Dh’ fhalbh a chombaisd ’s na siùil oirnn,
Chaidh an gaisreadh ’s an fhiùbhaidh ’nam bruan;
Gach creag na ’cunnart do ’n fhiùraich,
O laidh duibhr’air reul-iùil an taobh tuath.
Och, nan och! mar a tha mi,
Mo chridhe ’n impis bhi sgàinte le bron!
Tha ’n caraid-cùirt’ an deigh m’ fhàgail
A sheasadh dùrachdach dàn’ air mo choir;
Bidh sid am’ chliabh na ’bheum cnàmhain,
Gus an uair anns an tàr mi fo ’n fhod;
Ach ’s glic an t-Aon a thug cis dhinn,
’S da ordugh naomh biomaid striochdta gach lo.
A MHIC-TALLA RUNAICH, —Tha mi faicinn gu bheil gach paipeir is fhiach a tha ’n Canada an deigh iomradh a thoirt air beatha agus cliù an Ollaimh Urramaich, Deorsa M. Grannd, a chaochail o chionn ghoirid ann an Kingston, Ontario. Bhith duilich mur deanadh MAC-TALLA, an aon phaipeir a th’ againn ann an cainnt Oisein, clach a chur na ’chàrn. Bu Ghaidheal gu ’chùl an t-Olla Grannd. Rugadh athair air bruach na h-Aibhne Spé, an siorrachd Inbhirnis. Thug mi fein ionnsuidh air beagan a sgriobhadh mar chuimhneachan air a Ghaidheal chliùtich so, ach cha do shoirbhich leam, oir ged labhras ’sa leughas mi cainnt mhilis nam beann cha ’n urrainn dhomh a sgriobhadh. Iarraidh mi oirbh, ma ta, gu ’n cuir sibh anns a’ cheud àireamh de ’n phaipear am marbhrann eireachdail a rinneadh do Sheumas Beattie leis an Olla Eobhan Mac-Lachuinn. Cuiridh an dàn sin an geill faireachduinean mhorain a thaobh an Olla Ghrannd, agus am measg chàch do charaid dìleas
ALASDAIR MAC GHILLEASBUIG.
Strath-Lathuirn, C. B.
A Mhorag Nighean Dhomhnuill Duinn.
A Mhorag nighean Dhomhuill duinn,
Tha thn cruinn sgiobalta;
A Mhorag nighean Dhomhuill duinn,
Tha thu cruinn boidheach!
A Mhorag bheag nighean Dhomhuill ghibich,
Is ioma fear ’thug ribean duit;
A Mhorag bheag nighean Dhomhuill ghibich,
Is ioma fear ’tha ’n toir ort!
A Mhorag bheag nighean Dhomhuill uidhir,
Thug mi cion an uiridh dhuit;
A Mhorag bheag nighean Dhomhuill uidhir,
Bhuilichinn do phosadh!
Thug mi cion! is cion! is cion!
Thug mi cion an uiridh dhuit;
Thug mi cion! is cion! is cion!
’S bhuilichinn do phosadh!
MACTALLA NAN TUR, leis AN Urr. A Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.
A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM. COYNE,
Traffic Manager.
[Vol . 10. No. 33. p. 8]
Oran Gaoil.
’S e dhùisg cho grad a m’ shuain mi
’Bhith bruadar an raoir.
Cha chadal dhomh ach smuairean
Bhon dh’ fhuaraich do ghaol.
A ribhinn donn nan dual,
Na toir fuath dhomh gun aobh’r;
Ach tiomaich is gabh truas diom
Bhon fhuair thu mo ghaol.
Gu dé so ’rinn mi ’dh-eucoir
Nuair thréig thu mi, ’rùin.
Cha d’ thugas riamh dhuit beum,
’S cha bu léir dhomh ach thu.
Cha chreidinn-sa droch sgeul ort,
Le eud air do chùl;
’S ged theireadh càch na breugan,
Cha ’n eisdinn-sa riù.
Mar lilidh ’s tu gun mhorchuis,
’S tu ’s boidhche na càch;
Le d’ chùl bachlach, ordail,
’S fiamh oir air gu bhàrr;
Mo ghaol an ribhinn og,
’Dh’ fhàs gu comhraiteach, tlàth,
Nan gealladh tu mo phosadh,
Bu bheo dhomh o ’n bhàs.
Cha dug mi gaol do dh-airgiod;
Clia dug mi gaol do dh-or;
Cha dug mi gaol do shioda;
Cha dug mi gaol do shrol;
Cha dug mi gaol do dh-fhion dearg
Ga ’lionadh an stop.
’S co dha a thug mi ’n gaol sin
’Tha daonnan ga m’ leon?
’S ann thug mi ceist do ’n og-mhnaoi
A’s boidhch’ tha fo ’n ghréin;
Do ghruaidhean mar an ros,
’S mar an neoinean do dheud.
Shiubhlainn an Roinn-Eorp’ leat,
A m’ chora gu leir;
’S b’ fhearr na oighreachd Dheorsa
Làn choir ort bho ’n chléir.
’S i mo ghaol-sa ’n rìbhinn
A’s grinn ’theid na ’gùn;
Mo rùn thu ’measg nam maighdean,
’S gum faighneachdainn thu,
Gun roghnaichinn roimh ’n or thu
Aig boidhchid do ghnùis.—
’S e n gaol a thug mi og dhuit
Thug deoir air mo shùil.
Is guirme leam do shùilean
Na ’n drùchd air an fhiar;
Do bhilean mar na caoran
Air aodann nan sliabh;
’S do chiabhan maiseach or-bhuidh’
Gu boidheach a sniomh,
’S a dearrsadh mar an fheucag
Nuair dh’ éireas a ghrian.
Ged gheibhinn-sa fo m’ ordagh
An coirichin sgriobht’
Gach dùthaich san Roinn-Eorpa
’S gach storas tha innt’,
Ged dh’ éighteadh mi ’nam dhiùca,
’S ged chrùnteadh mi ’m righ,
Is tusa ’n té bu deoin leam,
Nam posadh tu mi.
An uair a bha mi og
Bha mi gorach ro fhaoin,
’S bha saighdean a bhroin
Ga mo leon air gach taobh.
Mo chreach! an roth thigh’nn cearr
Air mo nàdar ’s mi baoth.—
O ciamar bhios mi sàbhailt’
’S mi bàtht’ na d’ ghaol?
Tha m’ inntinn’s i air chall
Mar neach fann ann an ceo;
Cha léir dhomh meud gach baoghail
Tha ’g aomadh am choir.
Mo smaointinn tha cho luaineach.
Gach uair le mo leoin
Ri luing air tonnaibh uaibhreach
A chuain ’s i gun seol.
Gur mis’ a tha fo ghruaman,
’S cha ghluais mi leam fhìn,
Bho ’n ghaol ’thug mi do ’n ghruagaich
’S gun duais air a chìnn.
Ma bheir fear eile bhuam thu
Gur truagh dheth bhios mi.
O b’ fhearr a bhith san uaigh
Na mo luaidh bhith gam dhìth.
Ar leam gur h-olc an doigh
Do dh-aon oigear an ni,
Gaol a thoirt do dh-og mhnaoi,
Air bhoichid ’s ga ’m bì.
Ged labhradh i gu ciuin riut,
Cum dùinte’ bhuaip’ do chrì,
’S fearr gun thu chur dùil innt’
Mur lùbar leat i.
Tha m’ aigneadh trom fo eislein,
’S mo chreuchdan fo leon;
Mo chridhe cha dean eirigh,
Ged dh’ eisdinn ri ceol.
Ach mur dean mi t’ fhaotainn,
’S mo ghaol ort cho mor,
Cha d’ thoir mi ri mo shaoghal
Mo ghaol do mhnaoi oig.
Mo thruaighe mi gad chaoineadh,
’S nach taobhadh tu mi;
’S gorach mi thug gaol dhuit,
’S gum faod thu bhith ’m dhith.
Bhon tha mi gann de storas
Cha leoir leat-sa mi;
Ach ’s fheudar dhomh bhith beo;
Ged nach pos thu mi ’chaoidh.
Tha ’n t-oran so an Leabhar nan Gleann aig slios 173, agus anns an Oranaiche air slios 170. Fhuair mi cuid mhath dheth bho chionn beagan sheachduinean á Columbia Bhreatannaich bho Iain Gobha. Bhon tha Iain na Ghaidheal dìleas, duineil, cheangail mise a h-uile rann a fhuair mi ri ’cheile cho math is a b’ urrainn mi. Cha ’n fheil fios agam co a rinn an t-oran, agus cha ’n fheil fios agam nach h-fheil a dha na tri de dh-orain air an cur am measg a chéile. Ach ma tha Iain na sheinneadar cho math ri Calum a bhràthair, tha mi dhe ’n bheachd, co dhiu a tha ’n t-oran ceart no cearr, gun teid aig air a sheinn.
Bho chionn beagan bhliadhnachan b’ fheudar dhomh na pìnn chruadhach a thilgeadh air falbh; cha seasadh mo lamh riutha. Tha iad gle mhath ma tha ùine aig duine gus gnothach a ghabhail air a shocair; ach ma tha duine a sgriobhadh cho luath agus is urrainn da, agus ri moran sgriobhaidh, cha ghabh iad coimeas ris an ite. Ged nach faca mise Iain Gobha riamh tha iomradh agam air. Fhuair mi da ite eala bhuaith agus seachd no ochd de dh-itean briagha iolaire. Is ann le ite iolair a tha mi a sgriobhadh an dràsd, agus tha i fior mhath. Tha mi gu mor ann an comain Iain air son nan itean.
GLEANN-A- BHAIRD.
Brosnachadh Catha.
A mhacan ceann,
Nan cursa srann,
Ard-leumnach dàn air magh,
Faigh buaidh ’san t-stri,
Sgrios sios gun dith
Ar naimhde, righ nan sleagh!
Lamh threin ’s gach càs!
Cridh’ ard gun sgàth!
Ceann airm nan roinn gear goirt!
Gearr sios gu bàs,
Gun bhàrc sheol bhàn
Bhi snàmh mu dhubh Innis-torc.
Mar thairneanach bhaoghal
Do bhuille, laoich,
Do shuil mar chaoir ad cheann,
Mar charraig chruinn
Do chridh’ gun roinn,
Mar lasan òich’ do lann.
Cum suas do sgiath,
Is crobhaidh nial,
Mar chiach bho reul a bhàis.
A mhacain cheann,
Nan cursan srann,
Sgrios naimhde sios gu làr!
Is ann againne a gheibh thu na
. .Gloineachan Sula..
a’s fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.
Do shuilean air am feuchainn leis an OPHTHALMOMETER a nasgaidh.
K . Bezanson,
Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-Urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A.T GRANT, . .. . .Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic.. .. .. .. ..
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n chuideachd a’s motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an t-Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich. (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mao-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney. Cape Breton. Canada.
[Dealbh]
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.. .. .
Ard-oifis: —TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 33 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 33. %p |
parent text | Volume 10 |