[25]

[Vol . 10. No. 4. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 26, 1901. No. 4.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. X.

AIR feagar àraidh, beagan làithean an déigh na thachair anns a chaibideal mu dheireadh, chualas na coin a comhartaich, agus ann am beagan ùine bha na gaisgich fodhn armaibh ag éisdeachd, ’s an ceann-feadhna air an ceann, deiseil gus coinneamh gharbh a thoirt dhaibh, mas e nàmhaid a bha tighinn. Ach cha be nàmhaid a bhann, ach am buidheann a bhair falbh a bhuineadh dhaibh fhéins a bha iad a feitheamh. Nochd iad, ma ta, le ceum mall, is eallach air gach aon. Chaidh cuid nan coinneamhgam fàilteachadh, oir bha cuid aig an robh càirdean agus companaich nam measg.

Bha Aonghasna sheasamhs e ag amharc air a h-uile rud a bhann, an uair a mhothaich e do choin a champacur fàilte gu math coimheach air aon a measg chàich, a réir coltais nach robh iad ag aithneachadh. Bheachdnaich Aonghas na bfhearr air an duine so, ’s iad a nuas uige, agus chunnaic e nach robh e coltach ri càch. Bha feusag ruadh air, agus ged a rinn a ghrian a dichioll gus a losgadh, bha e gu math na bu ghile na càch. Bha gad ian aige nalaimh, agus air do dhaon de na coin nach robh cho garg ri càch a dhol na choinneamh, thug e dha fear dhiubh, ag radh ris, an deagh Ghàilig, “So, a mhadaidh bhochd, on tha thu modhail; ’s gu dearbh tha do dhruim gu math feumach air” —briathran a chuir a leithid de dhioghnadh air a chùs gun do leig e as a chearc, a toirt cothrom do mhadadh cruaidh eile greim a dheanamh oirres a chasan a thoirt leis, ’s càch na dheigh. Con duine bhan so ach Calum. Leum Aonghas na choinneamh, ’s nam bu Fhrangaich iad bhiodh iad a pògadhs an gairdeanan a chéile, ach on a rugadh iad an tìr nam beann cha do nochd iad am faireachdains an toileachadh, ged bu mhor e, ach le crathadh cruaidh lamhan, ged a bha na deoir nan sùilean leis an toileachadh.

Taing do Math,” arsa Calum, an uair a fhuair e anail, “gun cluinn mi cainnt mo ghaoil aon uir eile. Bruidhinn, Aonghais, an ainm an àigh! ged a be mionnan fhéin a dheanadh tu! Bfhearr leam, air mfhacal, mionnan Gàilig na aphaidir ann an cainnt sam bith eile!”

Co as a thainig thu, no ciamar a fhuair thu so?” arsAonghas. “Theab nach aithnichinn thu leis mar tha thu air a dhol fo fhalts fo fheusaig. Is cinnteach nach mises fhearr? Ubh, ubh! a Chalum, ’s duilich dhomhsa bruidhinn, ’s nach fhaigh min cothrom leis na thagad fhéin ri ràdh, ged is e ceòl cho binnsa chuala mi on latha dhealaich sinn aig a chladach. Nach tu fhéin a rinn car-ma-chnoc orm an lathud? dhéirich dhut?”

Innsidh mi sin,” arsa Calum. “Cha robh thu air falbh cairteal na h-uarach an uair a thòisich noradaich chadail ri tighinn orm. Shocraich mi mi-fhìn cho maths a burrainn mi fo dhubhar nam preas, agus chaidil mi. Cha robh mi fada gun dùsgadh co-dhiu, agus chuala mi mun do dhfhosgail mi mo shùilean gaoir iongantach ma chuairt orm. Sheall mi, ach bha mi smaointean gur ann as mo chiall a bha mi, nuair a chunnaic mi na daoine iongantach a bha ma chuairt orm. Dhùin mi mo shùileansa mhionaid, feuch am falbhadh am bruadar gràineil a chunnaic mi, agus thug mi bìdeag asam fhéin feuch an robh mi beò; ach cha do dhfhàg am balla beò a bha ma chuairt orm fad ann an teagamh mi mun chùis. Rug cuid dhiubh orms thog iad nam sheasamh mi, feuch am faiceadh iad an robh mi comasach falbh air da chois mar a bha iad fhéin. Bha aon nam measg (am bòcan ud thall) a thug ionnsuidh air mo cheangal le iallan làidir, ach ged a bha mise fanns an àm, chuir mi e-fhéins leth-dusan a bharr air ri talamh mun dfhuair iad sin a dheanamh. Cheangail iad gu teann, cruaidh mi, ’s thug iad leotha mi nam phriosanach. Coma co dhiu, cha deach sinn fad air adhartceathrar dhiubhsan ga mghiulan-saan uair a thòisich an ceum air fàs mall, ’s a choille asior fhàs tiugh. Mu dheireadh leig iad as mi air an làr, ’s shuidh iad ma chuairt orm, ’s thòisich iad ri dian labhairt agus an sin ri cruaidh chomhdach. Thuig mi, ma ta, gun robh mi fo bhreth nam britheamhan aognaidh so, agus nach bfhiach mo bheatha bonn-a- sia san àmgun robh in crochadh ri snàthlain gu math faoin. Dhfhàs minntinn fuathasach soilleir anns an àm, agus ged nach robh mituigsinn guth, bha mi leughadh nan gnùisean dubh aca. Thug min aire nach robh gaol aig a h-aon diubh dhomh. Bha cuid dhiubh a bha airson crioch a chur air mo bheathas a mhionaid, ’s gun an corr dragh a ghabhail dhiom. Bha càch an aghaidh so, agus gu fortanach dhomhsa biad bu treise. Bha iad so air son mo thoirt leotha beò, los gum pàrticheadh an treubh uiles an spòrs; ’s mar sin chaidh dàil a chur an ìobradh Chalum. Dhfhuasgail iad mi, agus thug iad dhomh feoil thioram ri ithe, ’s thug iad orm a thuigsinn gum feumainn mi-fhin a ghiulan an corr dhan astar. Gu fortanach thill mo neart, ’s dhfhàs mi cho aotrom, uallachs a bha mi mionaid riamh. Bha geard làidir orm co-dhiu, agus ged nach bitheadh cha tugainn ionnsuidh air teicheadh, oir cha robh fios agam co an taobh dhen t-saoghal air an tugainn maghaidh.

An ath latha bha sinn ag imeachd ri taobh aimhne car ùine. Gu fortanach thuislich an ceannard a bhair a bhuidhinn, agus thuit en comhair a chinn don amhuinn, ’s chaidh e á sealladh ann am prioba na sùl. Sheas càchs am beoil fosgailte ag amharc air na glumagan a bha ag éiridh as an lathaich a bhan grunnd na h-aimhne, ’s cha do ghluais iad làmh na cas air son a shàbhaladh. Gu fortanach tha mise cho math air an t-snàmh ris na ròin, agus leum mi don ghrunnd air a thoir, agus air an darna h-ionnsuidh fhuair mi greim air chaol coise air, ’s thug mi air éiginn as an lathaich en uachdar. Fhuaras an t-sradag beatha bhann fhadadh suas, agus an ath latha bha e comasach air an t-slighe leantuinn. Cha dubhairt e cus, ach thuig mi gun robh caraid agam, agus bha mi gu math feumach air fear aig an àm. Bha meas gu leor aige fhéins aig a chuideachd orm na dheigh sid, ’s cha robh dìth na deireas orm. On uair sin bha mo thoil fhin agam, gun dad ri dheanamh ach a leantuinn ag iasgachs a sealg a chruidh fhiadhaich; agus gu dearbh nam bitheadh tusa maille rium theirinn nach bolc a bheathe. Sin agad gearr-chunntais, ’Aonghais, air mar a dhéirich dhomhsa on a dhealaich sinn.”

An uair a chuir Calum crioch air a naigheachd lean e Aonghas thun a phaileas a bhuineadh dha an uair bu toigh leis a bhi diomhair, far an dfhuair iad suipeir mhath, làidir. “An aon bhiadh criosdail,” arsa Calum, “a ghabh mi on a chuir mi casar neon e mo cheann a thainig air tìr an toiseach, Aonghais.” Faodar a radh gum bheil na h-Innseanaich gu math coingeis a thaobh ithe, ’s nach diult na stamagan aca rud sam bith air an dearg fiacail. “Feumaidh,” arsa Calum, “gu bheil giabain aig na daoine uamhasach mar a bhios aig na tunnagan air son cnamh am bidh.”

Dhfhosgail sùilean Chalum le ioghnadh an uair a chuale naigheachd a charaid, agus gu h-àraidh an inbhes an tiodal a bhaige san àm.

Na drigh air an treubh!” arsa Calum, ’s e ag eirigh le cabhaig mhoir, agus rinn e beicus umhlachd air beulaobh Aonghais, ag ràdh, “Tha dòchas agam gun gabhur morachd mo leisgeul a thaobh maineolas nr ulàthair. Ach ceadaichidh sibh dhomh innseadh dhuibh nach robh cleachdadh agam air comunnur seorsa riamh. ’S ann a bhios sinn ag amharc sios air Diuc Earraghàidheal fhéin a nis!”

Na bith cho gòrach, a Chalum, ar neo bheir mi upag dhut an rathad a bheil a chailleach mhor, dhubh sin thall. Tha mifaicinn gu bheil i air son cumail gu math dlùth dhut on a thainig thu. Is docha gum bheil i ga dcholtachadh ris an fhear nach mairionn.”

Faodaidh i sin,” arsa Calum, “san trusgan so; ach chan aithnich mise co-dhius e cailleach na bodach a thann. Tha iad cho mi-nadarras nacheil feusag fhéin air na fir, ach iad uile cho coltach ri chéile ris na feannagan.”

Dhfhuirich iad seachdain eile anns an àite so, gus an leigeadh an fheadhainn a thàinig an anail gu math. Bha Calum gu mor ag ionndrainn an tombaca, oir bha e gle throm air a smoc, agus cha deargadh e, an deigh iomadh ionnsuidh, air an stuth a bha na daoine buidhe a cleachdadh. Bha fios aig Aonghas air a so, agus bhiodh e gun fhios do Chalum ag ionnsachadh Gàilig do dhInnseanach òg a bha tigheach air fiosrachadh, agus a bha gle ealanta air ionnsachadh a thogail. Bha Calum aon mhaduinn na shuidhe a càradh a bhrògan, an uair a chunnaic e am fear so a tighinn far an robh e, seorsa do phiob nabheul, ’s ceò gasdaisde. Thug ephiob as a bheul an uair a rainig e Calum, agus arsesan, ann an Gàilig mhath, “An gabh thu smoc, a Chalum?” Ged a bhruidhneadh a chraobh a bha ri druim Chalum cha ghabhadh e barrachd ioghnaidhsa ghabh ecluinntinn Gàilig a tighinn o bheul mi-nadarra an Innseanaich.

Cha ghabh, gugu dearbh!” arsesan, le guth fann, ’sa bhrog a tuiteam as a laimh.

Tut, a dhuine, so smoc!” arsa Ni Math. Be sin an t-ainm a thug Calum air.



[26]

[Vol . 10. No. 4. p. 2]

Dheirich Calum na sheasamhsa dha shùil air seasamh nacheann le ioghnadh, ’s e faireachduin gaoir neonach sios mu chnaimh a dhroma. Thàinig Aonghas, ’s e an impis a dhol as a chìdhlean leis a ghaireachdaich, ’s thuig Calum mar a bha.

Air aon latha grianach thog an treubh gach treallaich a bhuineadh dhaibh, ’s thug iad an aghaidh an eara-dheas. Faodar a ràdh gum biad na boirionnaich air an robh cudthrom na h-imrich gu leir. Agus ged a bha Aonghass a charaid gan cuideachadh o àm gu àm air an t-slighe, an dùil gun leanadh na gaisgich òg an samhladh, cha do leig iad sin orra gum fac iad iad, ’s cho mhò fhuair iad moran taing o na boirionnaich fhéin, ach o phàirt don fheadhainn òga.

Tha eagal orm, a Chalum,” arsAonghas, air dhaibh a bhi triall mar so, “nach cordadh e ro mhath ri Mairi Ailein dfhaicinn cho math gus frithealadh do Dhriùchd-a- chéitein, ’s gum faodadh i na tha igiulan a chur na pòcaid.”

Ma ta, saol nacheil mi smaointean gur h-iomadh a chunnaic mi nach robh cho bòidheach rithe, ged a tha i buidhe. Ach nighean mo chridhe! bfhearr leamsa gas feòir air an seasadh Màiri Ailein, nan treubh uile gu léir!”

Bha iad mar so a dol air an aghart o latha gu latha air an socair. Thuig na gillean gun robh aca ri dhol astar mor an eara-dheas, far an robh comhnaidh na treubh iomadh bliadhna roimhe sud. Thachair gun robhn treubh so aon uair lionmhor agus làidir. Bha iad a cogadhsa ruagadh nan treubhan a bha mu thuath orra; ach an teis-meadhain a chogaidh, ’s iad fada mu thuath ann an dùthaich nan nàmhaid, bhual a bhreac, na bhanachdach iad, agus sgrios an tinneas sin iad cha mhor gu léir. Mar sin thionndaidh an t-sealg air an t-sealgair, agus ruagadh am beagan a bha beò dhiubh do dhàiteachan, far an robh iad uige so, a gabhail cothrom air an naimhdean an uair a gheibheadh iad e. Bhan tinneas ceudna nis aig na naimhdean; ’s mar so, an deigh iomadh bliadhna, fhuair iad an Eiphit fhàgails an aghaidh a chur air Canàan aca fhéin. Bha iad gu math sàmhach ag imeachd gun chabhaig sam bith. Than t-Innseanach gu nàdarra stòlda, sàmhach, gun chus ri radh mar is trice uair sam bith, mar a bhios duine buailteach a bhith a thatar ag àrach ann an sàmhchair nan coilltean mora, agus fàsaichean gun chrìch. Ach an drasdasa rithist bhiodh gnothaichean a tachairt a bha cumail biadh smaointean agus bruidhne ris na Gàidheil, ’s mar sin a cur seachad na h-ùine.

(Ri leantuinn).


An Saighdear.

BHA seann saighdear ann aon uair, agus thréig en t-arm. Chaidh e gu mullach cnoic a bham braigh a bhaile, agus thubhairt e, “Gu ma thann a thig an Donas, agus mise a thoirt leis air a dhruim, an ath uair a thig mise an sealladh a bhaile so a rithist.” Bha e so a coiseachd, gus an dthàinig e gu tigh duin’ -uasal a bhan sin. Dhfheoraich Iain don duin’ -uasail am faodadh e fantainn na thigh air an oidhche sin.

Mata,” arsan duin’ -uasal, “bhon is seann saighdear thu, agus coslas duine calma gun fhiamh na eagal na dghnùis, tha caisteal ri taobh na coille sin thall, agus faodaidh tu fantainn ann gu latha; gheibh thu piobs tombaca, cuach làn uisge agus Biobull gu leughadh.”

Nuair a fhuair Iain a shuipeir, thug en caisteal air. Chuir e teine mor air, agus nuair a thainig tacan don oidhche thainig dithis mhnathan ruadh a steach, ’s ciste duine mhairbh eatorra! Thilg iad i ri taobh na teallaich, ’s leum iad a mach. Dheirich Iain, ’s le sàil a choise chuir en ceann aisde. Tharruinn e mach seann bhodach liath, agus chuir ena shuidhe anns achathair mhòir e: thug e piobs tombaca dha, agus cuach uisge, ach leig am bodach leo tuiteam air an urlar. “A dhuine bhochd,” arsIain, “tham fuachd ort.” Chaidh Iainna shìneadhsan leabaidh, ’s dhfhag em bodach ga gharadh ri taobh aghealbhain; ach mu ghairm choileach dhfhalbh e.

Thainig an duin’ -uasal gu math mochs amhaduinn. “n tàmh a fhuair thu, Iain?”

Tàmh math,” arsIain; “cha be tathair am fear a chuireadh eagal ormsa.”

Ro mhath, Iain; gheibh thu da cheud punnd, agus luidh a nochds achaisteal.”

“ ’S mise an duina ni sin,” thuirt Iain: agus air an oidhche so beleithid cheudna. Thainig triùir mhnathan ruadh, ’s ciste duine mhairbh aca eadar iad. Thilg iad suas i ri taobh na teallaich, ’s thug iad na buinn asda. Dheirich Iain, ’s le sàil a choise bhrist e ceann na ciste, ’s shlaod e aisde an seann duine liath, agus mar a rinn e an oidhche roimhe, chuir es achathair mhoir e. Thug e dha piobs tombaca, ’s leig e leò tuiteam. “A dhuine bhochd,” arsIain, “tha fuachd ort.” Thug en so cuach làn dibhe dha, ’s leig e le so tuiteam cuideachd. Dhfhalbh am bodach, mar a rinn en oidhche roimhe. “Ach,” arsIain ris fhein, “ma dhfhanas misan so a nochd, agus gun dthig thusa, paighidh tusa mo phiobs mo thombacas mo chuach dibhe.”

Thainig an duin’ -uasal gle mhochsa mhaduinn, ’s dhfhaighneachd e, “n tàmh a fhuair thun raoir, Iain?”

Tàmh math,” arsIain; “cha bem bodach liath tathair a chuireadh eagal ormsa.”

Ach,” arsan duin’ -uasal, “ma dhfhanas tunochd, gheibh thu tri cheud punnd.”

“ ’S bargan e,” arsIain.

Nuair a bha e tacain don oidhche, thainig ceathrar do mhnathan ruadha, ’s ciste duine mhairbh aca eadar iad, ’s leig iad sud sios ri taobh Iain. Dheirich Iain, ’s tharruinn echas, ’s chuir en ceann as a chiste, ’s tharruinn e mach an seann duine liath, ’s chuir es a chathair mhoir e. Shìn e dha piobs tombaca, an corns an deoch, ach leig an seann duine leò tuiteam, ’s bhristeadh iad. Ach thubhairt Iain, “Mum falbh thusanochd, paighidh tu dhomhsa na bhrist thu.” Ach facal cha dthainig á ceann a bhodaich. Ghabh Iain an so crios abharsgaic, agus cheangail em bodach richliathaich, ’s thug e leis a laidhe e. Nuair a ghoir an coileach fraoich dhiarr am bodach air a leigeil as. “Paigh na bhrist thun toiseach,” arsIain.

Innsidh mise dhuit ni thu,” arsan seann duine. “Tha seilear dibhe shios fodham anns am bheil pailteas dibhe, tombacas pioban: tha seomar beag eile laimh ris an t-seilear, anns am bheil coire làn òir, agus fo starsnaich an doruis mhoir tha crogan làn airgid. Chunnaic thu na mnathan ud a thainig leamsanochd.”

Chunnaic,” arsIain.

Sin agad ceathrar mhnathan bhon dthug mise na mairt, agus iad nan éigin; tha iad a falbh leamsa a h-uile h-oidhche mar so ga mphianadh; ach falbh thusa agus innis do mmhac mar tha misair mo shàrachadh; falbhadh esan agus paigheadh e na mairt, agus na biodh e trom air abhochd. Faodaidh tu fhéin agus esan an t-òrs an t-airgiod a roinn eadaruibh, agus pòs fhéin mo sheann nighean; ach cuimhnich, thoir pailteas òir do na thalàthair do na bochdan air an robh mise ro chruaidh, agus gheibh mise fois gu saoghal nan saoghal.”

Thainig an duin’ -uasal, agus dhinnis Iain dha mar a dhinnis mise dhutsa; ach cha phòsadh Iain seann nighean abhodaich liath. An ceann latha na dha chan fhanadh Iain ni bfhaide. Lion e phòcaidean làn do dhòr, ’s dhiarr e air an duin’ -uasal pailteas òir a thoirt do na bochdan. Rainig en tigh, ach bha egabhail fadail aig an tigh, agus bfhearr leis a bhi air aissan reiseamaid.

Thog e air latha do na laithean, ’s rainig en cnoc a bha os ceann a bhaile, bhon dfhalbh e. Ach co thainig ga ionnsuidh ach an Donas!

Hoth! hoth! Iain, phill thu.”

Hoth! ort fhein,” arsIain, “phill. Co thusa?” “ ’S misan Donasam fear don dthug thusa thu fhein, nuair a bha thun so mu dheireadh.”

Ai! ai!” arsIain, “ ’s fhada bho na chuala mi iomradh ort, ach chan fhaca mi riamh roimhe thu. ’S ann a tha spleùmas air mo shùilean; cha chreid mi gur tu thann idir; ach dean nathair dhiot fhéin agus creididh mi thu.” Rinn an Donas so. “Dean a nis leomhan beuchdach dhiot fhéin.” Rinn an Donas so. “Cuir a nis smugaidean teine seachd mile as do dheigh agus seachd mile romhad.” Rinn an Donas so. “Bho na tha mi gu bhi na mghillagad, thig a steach na mabarsgaic, agus giulainidh misthu; ach chan fhaod thu tighinn a mach gus an iarr mise, ar neo tham bargan briste.” Gheall an Donas, ’s rinn e so. “Nis,” arsIain, “tha mise dol a dhfhaicinn brathair dhomh a thasan reiseamaid, ach fan thusa sàmhach.” Chaidh Iain an so a stigh don bhaile, agus ghlaodh fear thalls fear a bhos, “So Iain an desertair!” Chaidh beireachd air Iains mòd a chuir air, aguss e bhann gun robh e gu bhi air a chrochadh mu mheadhon-lathamaireach; agus cha do dhiarr Iain do dhfhàbhar ach e bhi air a thilgeil le peileir. Thubhairt an còirneal, bhon is e seann saighdear a bhann, agus e anns an arm cho fada gum faigheadh eiarrius.

An la-iar-na-mhaireach, nuair a bha Iain gu bhi air a thilgeils na saighdearan ceithir chuairt thimchioll air, thuirt an Donas: “ sud a tha iad ag ràdh? Leig misenam measgs chan fhada bhios migan sgapadh.”

Cuist! cuist!” arsIain.

sin a tha bruidhinn riut?” arsan còirneal.

O! chaneil ach luch bhàn,” arsIain.

Bàn na dubh i,” arsan còirneal, “na leig thusas an abarsgaic i, ’s gheibh thu litir fhuasglaidh, ’s na faiceam tuilleadh thu.”

Dhfhalbh Iain, agus am beul na h-oidhche chaidh e stigh do shabhal far an robh fhear dheug a bualadh.

O! ’illean,” arsIain, “so dhuibh mo sheann abarsgaic, ’s thugaibh greis bhualaidh oirre; tha i cho cruaidh, ’s gu bheil i toirt a chraicinn dheth mo dhruim.”

Thug iad cho maith ri uair an uaireadair air an abarsgaic, leis an shùisd dheug, gus mu dheireadh na h-uile buille a bheireadh iad dhith, leumadh i gu mullach an t-sabhail, ’s bha i tilgeil fear air a dhruim an dràstas a rithist dheth na bualadairean. Nuair a chunnaic iad so dhiarr iad air a bhi muigh á sud, e fheins abarsgaic; cha chreideadh iad fhein nach robh an Donas innte.

Dhfhalbh en sin air a thurus, ’s chaidh e steach do cheardaich, far an robh da ghobha dheug a bualadh nan òrd mora. “So dhuibh, ’illean, seann abarsgaic, ’s bheir mi dhuibh lethchrùn, ’s thugaibh greis oirre leis an òrd mhor dheug; tha i cho cruaidh, ’s gu bheil i toirt a chraicinn dheth mo dhruim.”



[27]

[Vol . 10. No. 4. p. 3]

Ach ge bha aoibhinn, be na gobhainnan; bu mhaith an spors dhaibh abarsgaic an t-saighdear, ach na h-uile sgailc a bha i faotainn, bha i leum gu mullach na ceardaich. “Gabh a mach á so thu fheins ise,” arsiadsan, “bhon cha chreid sinn fhein nacheil am Braman innte.”

Dhfhalbh Iain air aghaidh mar so, ’s an Donas air a dhruim! ’s rainig e fuirneis mhor a bhasin.

Càit a nis am bheil thu dol, Iain,” arsan Donas.

Foighidinn beag, ’s chi thu sin,” arsIain.

Leig as mi,” arsan Donas, “ ’s cha chuir mi dragh orts an t-saoghal so.”

Nosan ath fhear?” arsIain.

Seadh!” arsan Donas.

Stad, mata,” arsIain, “gus am faigh thu smoc”— ’s le so a ràdh, thilg Iain an abarsgaics an Donas an teis meadhoin na fuirneis, ’s chaidh e fheins an fhuirneisna lasair uaine anns na speuran. —Seann Sgeulachd.


Sgeulachdan Arabianach.

CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.

CAIB. V.

BHEIR am mi-fhortan oirnn ar dleasdanas a dhi-chuimhneachadh gu math tric. An àite taing a thoirt do Dhia air son meud an fhàbhair a nochd e dhomh, cha drinn mi ach mo shuilean a thogail suas gu neamh agus teannadh ri gearain a chionn gun robh mo bheatha air a caomhnadh dhomh. An aite bhithcaoidh na bean-choimhideachds an ard-chomhairlich, is ann a bha farmad agam riutha chionn gun dthainig crioch air an trioblaidean anns an t-saoghal so. Agus leis mar a bha minntinn fo bhuaireas le smaointeanan eagalach, chuir mi romham gun tilginn mi fhin don chuan. An uair a bha midol ga dheanamh so, chuala mi fuaim chasan each agus bruidhinn dhaoine air mo chulaobh. Thug mi suil thar mo ghuaille feuch co bhann, agus chunnaic mi caochladh mharcaichean fon cuid armaibh, agusnam measg bha aon fhear a bha marcachd air each Arabianach. Bhan t-eideadh anns an robh e air a dheanamh maiseach le snath airgid, bhan crios a bha ma mheadhain lan de chlachan luachmhor, agus bha crun den or air a cheann. Ged nach dthugadh an t-eideadh riomhach a bha uime orm a chreidsinn gum be am fear a bairde dreuchd a bhanns achuideachd, dhfhaodainn aithneachadh air a choltas agus air a ghluasad. Bha ena dhuinog a bha anabarrach dreachar, deas, dealbhach.

Ghabh e ioghnadh an uair a chunnaic e misenam onar anns an aitud, agus chuir e feadhain dhe na h-oifigich far an robh mi a dhfheorach co mi. Be an fhreagairt a thug mi orra teannadh ri caoineadh. On a bhan cladach lan fiodha, thuig iad gun do bhristeadh long, agus gum bu mhise aon de na bha air bord innte.

Thug araon na smaointean so, agus an staid bhronach anns an robh mi, orra gun robh toil mhor aca fiosrachadh fhaotainn mu mdheidhinn. Thoisich iad ri feorach moran cheisdean dhiom, agus ri innseadh dhomh gun robh an righ anabarrach iochdar, caoimhneil, agus gum faighinn comh-fhurtachd mhor anns an luchairt aige.

Bha toil mhor aig an righ fios fhaotainn co mi, agus on a bha egabhail fadachd nach robh na h-oifigich atilleadh le fios ga ionnsuidh, thainig e fhein far an robh mi. Bheachdnaich e orm gu math dluth, agus an uair a chunnaic e nach robh misgur de bhrons de shileadh dheur, agus nach robh mitoirt freagairt sam bith do na ceisdean a bha na h-oifigich acur orm, thuirt e riutha gun iad a bhith cur dragh orm na bfhaide; agus labhair e rium mar so: “A bhaintighearna tha miguidhe ort gun cuir thu stamhnadh air do throm bhron. Ged a leagadh corruich neamh ort, leis achruaidh fhortan a thainignad rathad, cha choir dhut tuiteam ann an eu-dochas. Tha miguidhe ort gun gabh thu misneach. Tha am fortan, a bha gus a sog ad sharuchadh, gle neo sheasmhach, agus is docha gun tig atharrachadh air cuisean gun dail. Theid mise am bannadh dhut, ma tha e comasach do mhi fhortan aotromachadh, gum faigh thu an t-aotromachadh so nam rioghachd-sa. Is e do bheatha fuireach anns an luchairt agamsa, Bidh tufuireach comhladh ris abhanrigh mo mhathair, agus feuchaidh i ris gach toileachadh a thoirt dhut. Chaneil fhios agam fhathast co thu; ach tha mifaireachadh gum bheil mi mar tha agabhail suim agus curam dhiot.”

Thug mi taing don righ og air son a mhaitheis dhomh, agus ghabh mi gu toileach an tairgse a thug e dhomh. Agus gus a dhearbhadh dha nach robh mi neo-airidh air an urram a bha ecur orm, dhinnis mi dha co mi.

Thug mi dha cunntas mhion air mar a chuir an Sarasenach mathair gu bas, agus mar a beigin dhomhsa teicheadh le mo bheatha. Bhrosnaich na dhinnis mi dhaibh araon an righ agus na h-oifigich gus an tuilleadh truais a ghabhail dhiom.

An uair a chuir mi crioch air na bhagam ri innseadh, thoisich an righ a rithist ri bruidhinn, agus thug e gach dearbhadh dhomh gun drinn am mi-fhortan troimhn deachaidh mi drughadh trom air.

An sin thug e don luchairt mi, agus chuir e ann an lathair a mhathar mi. Bfheudar dhomh mion-chunntas a thoirt dhise mar an ceudna mu gach mi-fhortan troimhn deachaidh mi, agus shil mi deoir gu leor am feadhs a bha mig a innseadh dhi.

Thuig abhanrigh mo shuidheachadh trioblaideach, agus dhfhas i gle mhiadhail orm. Air an laimh eile, thuit an righ ann an gaol anabarrach trom orm, agus ann an uine ghoirid chuir e tairgse posaidh mu mchoinneamh. Bha mi cho mor air mo lionadh le smaointeanan mu dheidhinn gach mi-fhortan a thainignam rathads nach do ghabh mi uiread de thlachd dhen righs a dhfhaodainn aig am eile, ged a bha ena dhuine, maiseach tlachdar anns gach doigh. Ach air a shon sin, bha mo thaingealachd cho mor dhas gun daontaich mi a phosadh, agus rinneadh banais mhor, eibhinn, aighearrach dhuinn.

Am feadhs a bha aire an t-sluaigh air a togail le greadhnachas na bainnse, thainig righ a bhanns achoimhearsnachd le armailt mhor don eilean gun fhios air an oidhche. Be so an righ a bhair Sangubar. Fhuair e buaidh air armailt an righ. Fhuair e steach don luchairt; ach chaidh againne air teicheadh gun fhios dha, agus chaidh sin air bord ann an batiasgaich a thachair a bhith aig an am dluth air tir.

Bha sinn fad da latha aseoladh astar math on eilean, agus gun fhios againn gu ro mhath ciod an taobh air an tugamaid ar n-aghaidh. Air an treas latha thug sinn an aire do luing agus i fo lan sheol. Thug so toileachadh mor dhuinn: oir bha sinn an duil gur e soitheach marsantachd a bhann, agus gun tugadh iad air bord sinn. Ach an uair a thainig sinn dluth gu leor dhi, ciod a biongantaiche leinn na da fhear dheug fhaicinn air bord fon lan armaibh. Leum coignear no shianar dhiubh air bord abhata. Rug iad ormsa agus air an righ, agus an uair a cheangail iad sinn, thug iad gu bord na luinge sinn, agus ghrad thug iad dhiomsa an srol a bhair maghaidh.

An uair a chunnaic iad gun robh mi og dreachar, ghabh iad uile tlachd dhiom. An aite croinn a chur feuch co aige bhithinn, bha h-uile fear dhiubh acumail am mach gur ann aige fhein a bha coir orm. Mu deireadh thall dhfhas an connsachadh cho teiths cho teanns gun do tharruinn iad na claidhnean, agus chathaich iad mar gum biodh daoine a bhiodh air an dearg chaoch. Ann an uine ghoirid bha clar-uachdar na luinge comhdaichte le fuil agus le cuirp mharbha. Mharbhadh a h-uile fear dhiubh ach aon fhear. Thuirt an fear so rium: “Is leamsa thu nis, agus tha mi gus do thoirt gu ruige Cairo gu caraid don gheall mi searbhanta bhriagha. “Ach,” arsesan agus eg amharc air an righ, “co am fhear a tha sid? Ciod an daimh a thaige riut? An e daimh fala, no bann graidh a tha eadraibh?”

Mo thighearna,” fhreagair mise, “is e mfhear-posdathann.”

Ma tha sin mar sin,” arsesan, “feumaidh mi truas a ghabhail dheth agus a chur gu bas, oir bhiodh ena amhghair ro mhor dha thusa fhaicinn ann an gairdeanan mo charaid.”

An uair a thuirt e so, rug e air an righ, agus thilg e e, agus e ceangailte, leis achliathaich, a dhaindeoin gach guidhe agus asluchadh a rinn mi air a bheatha leigeadh leis.

An uair a chunnaic mi mfhear-posdag a thilgeadh leis achliathaich, thug mi glaodh eagalach asam, agus bha mi air mi fhein a thilgeadh don fhairge mur be gun do chum an seoladair greim orm. Thuig e gu math ciod a bhanam bheachd a dheanamh, agus an uair a cheangail e gu teann ris achrann mi, thog e na siuil, agus sheol e gu tir.

An uair a rainig sinn tir, dhfhuasgail e mi, agus dhfhalbh e leam gus an drainig sinn baile beag. Cheannaich e camhail, agus buithean, agus seirbhisich, agus dhfhalbh e leam gu ruige Cairo gus mo thoirt dha charaid mar a gheall e.

(Ri leantuinn.)


BRIATHRAN GLIOCAIS.

Tha cuid de dhaoine ann agus ni nach urrainn iad fein a dheanamh, bidh iad dhen bharail nach urrainn neach sam bith eile.

Tha e tric atachairt gur h-e am fear is a ni ghearain air abhiadh as a dhitheas dheth.

Chan eil ni air an t-saoghal as usa fhaotainn na coire, ma theid duine ga h-iarraidh.

Is e bhi dìreadh bhruthaichean nach drainigs nach ruig iad a tha deanamh sheann daoine de chuid romhn àm.

Tha moran dhaoinann nach eil a tuigsinn ciamar a fhuair an saoghal air adhart mun dthainig iad fein ann, agus chan eil fhios aca gu dheireas dha idir nuair a thig orra fhalbh as.


NAM BU GHILLE OG MI

Bhithinn modhail ris na h-uile neach.

Cha leiginn le gille sam bith eile dhol air thoiseach orm ann an ionnsachadh.

Cha bhithinn an cuideachd ghillean a chluinninn uair sam bith a cleachdadh droch cainnt.

Dhfheuchainn ri meas dhaoine chosnadh le bhi siobhalta, caoimhneil ris na h-uile.

Cha bhiodh nàire orm an ni a bhiodh ceart a dheanamh an àite sam bith. Agus cha deanainn ni sam bith nach bithinn toileach fhios a bhi aig daoineile gun drinn mi e.


Ars ise, ’si gabhail fadachd nach robh e falbh:— “Gu den t-astar a tha an t-àit agad as a so?” Ars esan, ’se gun ghuth air gluasad, “Tha faisg air da mhile.” “Agus,” ars ise, “nam falbhadh tu air dràsda, saoil gu den ùine bheireadh tu a ruigheachd?”



[28]

[Vol . 10. No. 4. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, IULAIDH 26, 1901.

Tha dòchas againn gum bi na ceistean a bha air an cur anns an da àireamh mu dheireadh agus anns an àireamh so dhen MHAC-TALLA air am freagairt leotha-san a tha comasach air freagairt a thoirt daibh. Tha sinn a meas gum biodh ceistean agus freagairtean mar sonan ni gle thaitneach anns aphaipeir, agus gum biodh moran fiosrachaidh agus eòlais air a thoirt seachad anns an dòigh so. Neach sam bith, ma ta, aig am bheil ceist ri faoighneachd, no is urrainn ceist a theid fhaoighneachd a fhreagairt, gheibh a cheist no fhreagairt àite gu toileach.

Bhon thainig an àireamh mu dheireadh dhen MHIC-TALLA mach thainig agus dhfhalbh Morair Minto, ard-riaghladair Chanada. Rainig e Sidni oidhche Di-luain, agus aig aon uair deug maduinn Di-mairt thainig e fhéinsa Bhan-mhorairsan cuideachd air tir, agus an deigh cuairt a chur air abhaile bha iad air an toirt don rink, far an robh òraid fhàilteachaidh air a leughadh dhaibhs air a freagirt leis a mhorair. An deigh meadhon-latha bha cuairt air a chur an an obair-iarruinn. Maduinn Di ciaduin chaidh achuideachd do Louisburg, a taghal ann an Glace Bay air an tilleadh. Aig Sidni bha treingam feitheamh a ghiulain iad gu Port Hawkesbury far an deach iad air bord na Minto, an soitheach a thug a nuas iad, agus á sin chaidh iad gu Halifacs. Bha am morairsa bhanmhorair anabarrach toilichte le bòidhchead nàdarra Cheap Breatunn. Air an tighinns ann troimh lochan a Bhras dOir a thainig iad, agus chòrd an sealladh anabarrach math riutha.

Chaochail bean Phòil Chrugair ann am Pretoria Di-sathairne sa chaidh. Cha robh i tinn ach tri latha. Bha i tri fichead us seachd bliadhna dhaois. Tha Crugar fhéin anns an Olaint, agus cha dfhuair e sgeul a bàis gu feasgar na Sàbaid. Nuair a dhfhalbh e féin á Africa mu Dheas, dhfhàg e ise ann am Pretoria, agus on chaidh am baile sin a ghlacadh o chionn còrr agus bliadhna bha i air chùram nam BreatunnachBha ina mnaoi mhath,” ars esan, ’s e sileadh nan deur, air dha fios mubàs fhaotainn. “Cha deachaidh sinn bhar a chéile riamh ach aon uair, —mu shia miosan an deigh dhuinn pòsadh.” Bha e ùine mhor an deigh dha sgeul a bàis fhaotainn ag ùrnaigh, agus an sin chaidil es am Biobull ri taobh a leapa. Ged nach eil gradh sam bith aig daoine do Chrugar, no meas airobair ann an Africa mu Dheas, chan urrainn iad gun truas a ghabhail ris fhéins ri mhnaoi, air an sgaradh o cheilenan seann aois, agus ise caochladh am measg choigreach ris am bheil esan fhathast a feuchainn ri strith cogaidh a chumail suas.

Beagan bhliadhnaichean air ais bha strike mhor anns na h-obraichean iaruinn am Breatunn. Aig an àm sin cha robh trioblaid sam bith anns na h-obraichean iaruinnsna Staidean, agus chaidh moran dhen obair a bàbhaist a bhi air a dheanamh ann am Breatunn a dhionnsaidh nan Geancach. Air an t-samhradh so tha car eilesa chùis; tha strike mhor anns na Stàidean, am feadh a than obair a dol air adhart gu riaghailteach ann am Breatunn, agus tha e ro choltach gum fuiling obraichean iaruinn nan Stàidean an aon chall a dhfhuiling na h-obraichean Breatunnach abhliadhna roimhe, agus gum buannaich na Breatunnaich na chaill iad.


Mionnan aChrunaidh.

Tha e air a shuidheachadh gum bi an Rìgh air a chrunadh anns an òg-mhios an ath bliadhna, agus aig an am sin bidh e gabhail bòidean sonruichte air féin gu h-àraidh a thaobh aidmheil a chreidimh. Chuireadh facail nam mionnan so ri chéile o cheann còrr is cheud bliadhnanuair a bha Righ Tealach an Darana rìgh. Bha briathran ro làidir air an cleachdadh a thaobh beachdan nan Caitliceach air sacramaid, suipeir an Tighearna. Bha e air a chumail a mach gun robh na beachdan ud iodhal-aorach.Tha na Caitlicich an diugh maille ri moran anns na h-eaglaisean eile acuran aghaidh nam facal ud; agus chuireadh còmhlan air leth a dheanamh atharrachadh orra. Bidh dòigh ùr mionnan achrunaidh aruith mar so: “Tha mise, A. B., a tha le gràs , ’nam Righ (no nam Bhanrigh) air Breatunn Mòr agus Eirinn, Fear-Dìon aChreidimh, ag aideachadh, adearbhadh agus acur an céill, gu sòluimte agus gu h-ionraic gum bheil mi acreidsinn nacheil cruth-atharrachadh air bith atighinn air eileamaidean an arain agus an fhion gu corp agus fuil Chriost ann an Sacramaid Suipeir an Tighearna aig no an déigh an coisrigeadh le pearsasam bith. Agus tha mi acreidsinn gum bheil guidhe no aoradh don Oighe Muire na do Naomhsam bith eile agus ìobairt aifrionn mar tha iad sin air an cleachdadh ann an Eaglais na Roimh an aghaidh aChreidimh Phrothastanaich. Agus tha mi gu sòluimte, ann an làthair Dhé, ag aideachadh, adearbhadh agus acur an céill gum bheil mi atoirt na bòid anns gach cuid di saor o theagamh.”


LUACH ANABARRACH.
Cot-Uachdair air $5 .25.

Tha Cotaichean-uachdair air an creic an storaichean eile air pris moran nas airde na so, nach eil faisg cho math ris, ann an aodach no ann an deanamh.

COTAICHEAN AS FHEARR AIR PRISEAN EILE.
$5 .75, $7 .50, $8 .00, $12 .00

F . H. REYNOLDS,
AN STOR, —Matheson , Townsend & Co.air Sraid Shearlot.


Confederation Life ASSOCIATION.

Eachdraidh 29 Bliadhna
GU IANUARAIDH 1, 1901.

Urrasachadh an greim $32 ,332,908.00
Teachd-a- stigh 1,392,980.43
Earras 7,799,983.89
Airgead air laimh 505,546.25

Luach-airgeid gach ni a tha air a chur air leth air son tearuinteachd nampolicies” $1 ,505,546.25

F . W. GREEN, Halifax,
Manager anns na Roinnean Iochdrach.

Luchd-gnothuich an Ceap Breatunn:
IAIN MAC NEILL, Sidni.
A . W. WOODILL,Sidni.
J . W. EDWARDS, Glace Bay.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.



[29]

[Vol . 10. No. 4. p. 5]

Naigheachdan.

Shil frasan mora uisge air an eilein so maduinn -luain sa chaidh agus oidhche Di-ciaduin. Ni an t-uisge sin feum mor don dùthaich. Bha an talamh roimhe sin anabarrach tioram, agus bha e gle chunnartach gum biodh am feurs am bàrr air a mhilleadh leis an teas.

Chaidh muileann fudair ann a Windsor an Cuebec a sheideadh suas dha na speuran an la romhe. Fhuair sradag theine air doigh eigin a dhol dhan fhudar. Bha aon duine air a mharbhadh agus dithis eile air an leonadh, fear dhiubh cho donas nach eil duil ri e bhi fada beo.

Chaidh mile each a chur air falbh á Montreal do Africa mu Dheas air an t-seachdain sa chaidh. Tha iad ri bha air an cur dhan arm nuair a ruigeas iad thall. Tha cogadh nam Boereach anabarrach trom air na h-eich. Tha an duthaich cho garbhs an t-side cho doirbhs gu bheil aireamh mhor dhuibh abasachadh gach seachdain.

Tha teas anabarrach ann o chionn da sheachdain, teas nach eilear a faireachadh a leithid anns an duthaich so ach uair ainneamh. Than tiormachd gun teagamh a fagail an teas nas motha na bhitheadh e nan robh an tuisge ann na bu trice. Is abhaist teas mor a bhi ann an àm an iuchair, ach ma bhios na tha ri tighinn coltach ris na thainig bidh iuchar na bliadhna so ainmeil.

Thastrikemhor air tòiseachadh anns na h-obraichean-iaruinn anns na Staidean. Thatar ameas gum bi ceud gu leth mile duinenan tàmh an ùine ghoirid. Tha iadsan a tha seasamh a nach ag iarraidh còir air an turasdal a dheanamh do na tha de dhaoine timchioll nan obraichean, co-dhiubh tha iad den comunn fhéin no nach eil. Cuiridh na h-obraichean iarruinn a bhinan tàmh call mor air muinntir nan Staidean air fad; tha e ro-choltach gum bi iad nan tàmh ùine mhor, oir chan eil taobh seach taobh toileach géilleadh.

Nuair a bha Morair Minto air a chuairt an Ceap Breatunn air an t-seachdain so, cha deach e an rathad Shidni Tuath idir, agus chuir e mar sin corruich nach bu bheag air muinntir a bhaile sin. Chuir e mar an ceudna corruich mhor aig muinntir Louisburg. Chaidh e dhan bhaile sin a shealltuinn seann làraichean nan daighnachdan Frangach, ach cha drinn e òraid éisdeachd o luchd-riaghlaidh a bhaile no gnothuch a ghabhail riutha ann an doigh sam bith. Bha iad an deigh gach ullachadh a dheanamh air son fàilte chridheil a chur air, ach nuair a shaoil iad nach gabhadh e riutha, dhatharraich iad am barail air, agusnuair a rainig an trein aige calan rathaid-iaruinn, cha dthainig ad bhar ceann duine dhe na bha cruinn, agus cha deachaidh facal fàilteachaidh a labhairt ris. Tha muinntir Louisburg ameas gu bheil iad cho airidh air beagan fhacal fhaotainn o ard-riaghladair an dùthcha ri muinntir bhailtean eile, agus ma tha e fior gun do dhiùlt e sin a thoirt daibh, chan eil ena ioghnadh sam bith iad a bhi diombach dheth. Chan eil e ro-ghlic do fhear inbhesan an àm a bhi cur cuairt air a dhùthaich cuid de na bailtean a sheachnadh gu buileach, agus a dhol troimh chuid eile dhiubh gun cothrom a thoirt don t-sluaghfhàilteachadh mar fhear-ionaid an Rìgh.

Tha an fhactoridh thombaca a bha anns abhaile so o chionn dha no tri bhliadhnaichean, air a dunadh. Tha i ri bhi air a fosgladh ann an Pictou, far an robh i mun dthainig i do Shidni.

Tha am bàrr cruithneachd anabarrach coltach ann am Manitoba. Ma leanas an t-side cho fabharrach sa tha i gu àm na buana, tha daoine dhen bharail gun giulain moran dhen fhearann cho ard ri da fhichead buiseal an t-acaire. Bidh abhuain atoiseachadh mun deicheamh latha de dhOgust.

Tha Diuc agus Bandiuc York gu bhi ann am baile Halifacs air an naodhamh latha deug de dhOctober. Tha seorsa de dhochas aig cuid an taobh so gun tig a chuideachd rioghail do bhailen iaruinn, ach ma tha rompa sin a dheanamh cha do leig iad fios uapa fhathast. Ses docha nach taghail iad ann an Ceap Breatunn idir.

Nuair a thaghail Morair Minto aig Glace Bay chaidh a thoirt dhionnsaidh an ait anns am bheil tigh-eiridinn ur nan Caitliceach ri bhi air a thogail agus thionndaidh e a cheud phloc air an laraich. Tha an obair air an taigh-eiridinn sin ri toiseachadh gun dail. Bidh ena thogalach briagha; tha e air a dheagh shuidheachadh, agus cosgaidh e mu dheich mile fichead dolair nuair a bhios e criochnaichte.

Tha aireamh de mhinistearan oga Cleireach a mhuinntir an eilein so aig an àm so air chuairt samhraidh an tir am breithsan araich. Nam measg faodair ainmeachadh na h-Urramaich a leanas: Uilleam A. Moireasdan, aig am bheil paraisde Gaidhealach ann an Granitville, Vermont; Domhull C. Mac Leoid, Washington; A. D. MacFhionghain, Boston; Iain B. Mac Fhionghain, Dalhousie Mills, Ontario; agus Alasdair S. Mac Neill, Orwell, E. P. I. Tha iad so uile nan searmonaichean Gailig agus tha gach aon dhiubh ga cleachdadh gach Sàbaid, ach a mhàin Mac Leoid, a tha ann an baile mor Washington, anns an eaglais anns an robh an Dotair Talmage na mhinistear aireamh bhliadhnaichean.


An t-Iasgachsa Ghaidhealtachd.

(Oban Times) .

Aig dithis do na h-aitean sonruichte far am bheil moran bhàtan agiulan air aghaidh an iasgaich bha soirbheachadh riaraichte aleantuinn oidhirp nan iasgairean. Bha e air iomradh aig Steornobhaigh air Di-sathuirne, Iun 16, gun dfhuaradh mar thoradh saothair na seachduin tri mile, tri cheud, tri ficheads a tri cran, adeanamh ochd mile fichead, ceithir cheud tri fichead, ’s a coig deug cran o thoiseach an iasgaich. Tha so corr is da mhile nis motha na bha air a chunntadh aig an aon am an uiridh. Fhuaradh achuid is mo do sgadan na seachduin anns aChuan-sgi far am bheil an t-iasg a réir coslais gu coitcheann. Bha an t-iasgach gle mhath mar an ceudna aig Stromness far am drinneadh 17,000 cran gu deireadh na seachduin, a bha fada air thoiseach air na fhuaradh o cheann bliadhna na dha. Aig Barra fhuair iad o thoiseach an iasgaich gu deireadh na seachduin cheudna corr is aon mhile deug cran, mile nis motha na fhuaradh aig aon àm an uiridh. Chaidh na h-iasgairean so a mach astair mhor anns achuan siar agus siar-thuath, o she deug gu deich thar fhichead mile.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do dha chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Bathar Cruaidh
Tha sinn acumail gach seorsa
BATHAR CRUAIDH
SOITHEACH-COCAIREACHD
PAINT agus OLLA
UIDHEAM SAOIRSNEACHD
Tha sinn acreic air na prisean as isle.
SYDNEY HARDWARE Co.,
Telephone 228.
Feb. 20, ’01-1yr
Sydney Hotel Block.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.


Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a thagainn air $3 .50s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios gan iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.



[30]

[Vol . 10. No. 4. p. 6]

Canain agus Cliu ar Sinnsearan.

[Oraid a bha air a labhairt aig ceud cruinneachadh Chlann Domhnuill aig baile Alexandria, siorramachd Ghlinne-Garraidh, le Alasdair Friseal, Toronto. ]

A shair riaghladair, agus a mhnathansa dhaoin’ -uaisle: Tha miga mheas mar aon de na sochairean as mo a bhuilich mo luchd-duthcha an Canada orm fhathast cuireadh fhaotainn a bhi comhladh ribh an so an diugh, aig a cho-chruinneachadh mhor, eireachdail so do Chomunn Chlann Domhnuill. Chan urrainn mi a chur an ceill duibh, ann am briathran freagarach, an toilinntinn a tha e a toirt dhomh a bhi maille rim luchd-duthcha an so aig ceud chruinneachadh bliadhnail a chomuinn so, ’sa bhig amharc air gnuis aoidheal Ghaidheal Ghlinne-Garraidh, muinntir a tha ainmeil mar fhior Ghaidheil air feadh na tire so fein agus air feadh Gaidhealtachd na h-Alba. Fodh thearman Chlann Domhnuill than domhlachadh sluaigh ag coinneachadh an diugh, agus ma tha aon de na fineachan Gaidhealach thar aon eile a choisinn cliu ann an Canada, is i fine nan Domhnullach. Ach, mar thuirt am bard— “Is braithrean sinn uile, far dhomhsa do lamh,” —tha sinn an so mar Ghaidheil, ’s gu sonraichte mar Ghaidheil Ghlinne-Garraidh, gu bhig earralachadhs gu bhibrosnachadh cach a cheile, gu bhi cumail suas gnàthan, cleachdaidhean agus cliu ar sinnsearangu h-araidh an cliu.

Sheilbhich sinn mar shluagh dileaban do-luachmhor bho ar n-athraicheancreideamh, treibhdhireas, ionracas, dilseachd, maise nadair, baigh, beusalachd, fiadhlaidheachd, agus iomadh buaidh eile, agus is e an soitheach oir anns am bheil na subhailcean sin taisgte suas, teangaidh ghlan, mhilis ar n-athraichean. Be la muladach, mi-chiatach do na Gaidheil a bhiodh ann, nam faigheadh a Ghaidhlig bas: —la dubh, bronach, anns an rachadh an tiodhlac is priseile a fhuair sinn bho ar mathraicheans ar n-athraichean seachad gu brath.

Mo luchd-duthcha, —tha mi far comhair an diugh le da theachdaireachd mhoirair an aon laimh, cumaibh beo canain ar mathar; air an laimh eile, cumaibh suas cliu ar sinnsearean. ’Nuair a theasdas a Ghaidhlig tuitidh coran gloirmhor a Ghaidheil o a cheann; dubhar a mach bonn-chomharradh ar sluaigh o chlar-eachdraidh an t-saoghail; cuiridh an crann giuthais a mach a mheanglan, agus fosglaidh am fraoch a dhitheanan gucagach, dheirg-ghil air beanntaibh na h-Alba, mar bu noscha chaochail iadsan oir ta iad aleantainn gnathais shiorraidh nadair; ach, mo thruaighe! cha bhi an giuthass an la mhuladach sin tuille mar shuaicheantas aig Clann Ailpein, nom fraoch tuille mar shuaicheantas aig Clann Domhnuill, oir a dheasbhaidh an canain aosda sin alabhair Adhamh ann am Paras feincaitem biodh clanna nan Gaidheal? Cha bhiodh iad air am faotainn air feadh cinnich an t-saoghail. Nach eil dearbhadh againn air a son ar tir fein? Air da thaobh abhainn mhor St. Lawrence, fodh bhaile Chuibec, tha Domhnullaich Frisealaich, geugan de Chlann Mhic Illebhraighe, Mhic-an-Toisich, Mhic-Coinnich, Mhic Illeathain, Rothaich, agus Rosaich, agus muinntir air an sloinneadh air clanna Gaidhealach eile; ginealaich nan Gaidheal a thainig do Chanada mu cheud gu leth bliadhna roimhe so. Tha na h-ainmean ann an sin, ach an iad Gaidheil a thag an giulain? Leoire chan iad, ach muinntir a thionndain gu bhi nam Frangaich, ’nan canain, ’nan cleachdaidhean agusnan cridheachan! Chan eil fada on thuirt an t-Uasal Iain Ros, neach a bha a reir beachd iomadh seanachaidhna oighre air Iarlachd Rois, gum bu mho leis a bhina bhall Parlamaid Frangaich an Canada, na ged a bhiodh ena mhorair mor am measg Ghaidheal Alba. Mar sin tha smaointean iomadh fear a tha air a thruailleadh le gradh an t-saoghail, agus chan eil dol as bhon cho-dhunadh so gur ann mar sin a bhitheas deireadh ar gineal-ne, ’n uair a chromas a Ghaidhlig a ceann aosda, urramach, liath, ’sa bheir i suas an deo. Chan fhag in a deigh sluagh ris an abrar na Gaidheil; oir bithidh na ginealaichean a leanas sinn air an slugadh suas ann an cuan marbhteach di-chuimhne an t-saoghail.

Ach, an eigin da sin tachairt? A bheil cor na Gaidhlig cho cruaidh, mi-dhochasach ri so? Tha e duilich na ceisdean sin a fhreagairt. Nan eireadh na Gaidheil mar bu choir doibh cha bhiodh teagamhsa chuis. Tha e fathasdn an lamhan fein buaidh mhath a thoirt mun cuairt. A bheil sinne, a bheil na Gaidheil air fad, adeanamh na dhfhaodadh iad, ’s na bu choir dhoibhs a chuis? Feumar aideachadh le bron, le dubh-bhron nach eil. Ann an iomadh teaghlach chan eil a bheag sam bith air a dheanadh gu bhi faotainn eolas air a Ghaidhlig. Nach narach an ni so? An iongantach ged a bhiodh feaghainn againn air ar cradh mun chul-shleamhnachadh so? Tha mi guidhe oirbh cluas fhosgailte a thabhairt do na briathran so, agus aithreachas a ghabhail mum bi e ro anmoch. Tha misgaoileadh bratach bhuadhail na Gaidhlig a mach far comhair air an lathan diugh; tha mi tilgeadh a srolaichean fosgailte air a ghaoth; tha micur mar fhiachan oirbh, a dhaoines a mhnathan Ghlinne-Garaidh, —clann nan sonn, ginealach nan daoine iomraiteach on dthainig sibh! nach gabh sibh fois, ’s nach failnich sibh, gus an giulain sibh a bhratach so gu buaidh mhaireannach steidheachail, shiorraidh!

Am bi e ri innseadh gun dfhagadh do Ghaidheil ar lath-ne an coir-bhreith a reic airson airgiod? airson fois shiochail an t-saoghail? airson oir eucoireach nam marsantan? no gun do bhrathadh


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR
AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
INVICTUS
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater.
A . W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.


Stor Ur! Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.



[31]

[Vol . 10. No. 4. p. 7]

an cainnt an los sgeig an t-Sasunnaich? An ni beag e dhuinne a bhi cho mi-dhleasdanach ri so? A chlann nan Gaidheil! thoireamaid an deagh aire nach coisinn sinn a bhinar cuis-mhagaidh, ’s nar cuis-naire do na ginealaich a thign ar deigh. Bitheamaid dileas dar canain an diugh, foghlamaid i dar clann agus thugamaid sios dhoibhs i mar a fhuair sinn fein i, glan neo-thruaillte, bhor n-athraichean.

Facal na dha, a nis mu chliu ar sinnsre. Chan ann mu Chonn Cheud-chathach no mu Cholla, no mu Shomhairle, no mu na baird, no mu na fir-chogaidh threun a bhuineadh do Chlann Domhnuill a bu mhiann leam labhairt aig an am so. Tha an eachdraidh-san sgriobhta ann am bardachd ar tir, ’s bithidh eolas orra fhads a labhras agus a leughas daoine a Ghaidhlig. Ach aig cridhe na siorramachd Gaidhealach so, far a bheil mi am sheasamh an diugh, bu mhath leam labhairt air ar n-athraicheans ar màthraichean a thuinnich ann an Canada. Be saighdearan Gaidhealach a choisinn Canada do chrun Bhreatainn, ann an 1759. Dhion claidheamhan Gaidhealach an tir ann an 1812, ’s a rithisd ann an 1837, 1866, agus ann an 1884. Chan eil seargadh air gaisge ar luchd-duthcha; tha iadnam fir chogaidh mar bu dual. Ach mar thuirt am bard:

Cha bu ghaisgeach Alasdair Mor,
No Cæsar thug an Ròimh gu géill.

Achs gaisgeach esan a bheir buaidh
Air eagal beatha, ’s uamhunn bàis,
S a chomhlaicheas le misnich cridh,
Na h-uile ni a ta dhan dàn.”

Ged is cliuiteach eachdraidh ar saighdearan, tha e ro iomchaidh gum biodh sinn acur urram air na daoine a dhfhag an dachaidheansa Ghaidhealtachdsa thainig a steach don choille dhùmhail, dhorch, ann an Canada, ’sa dhfhosgail an duthaich so don t-saoghail. Is beag gur urrain duinne a thuigsinn meud na h-oibre a ghabh iad os laimh, ann a bhi reiteachadh an fhearainn agus a steidheachadhna duthcha air bunachair a sheasas troimh na linntean. Bu chruaidh suidheachadh na mor chuid diubh; cha robh aileas nan dachaidhean, cha robh riomhachais mun cuairt daibh. Ach bha cridheachan misneachail nan com, bha an gairdeanan laidir, bha dochas a stiuireadh an ceuman agus cha beagal gun geilleadh na laoich. Tha an saothair follaiseach an so an diugh. Thugaibh fainear na raointean trom, toirbheartach leis a bheil sinn air ar cuairteachadhfearainn cho briaghs air a bheil grian trocaireach an Fhreasdail a leigeadh a gathanaibh blath; ’s iad sin na raointean, ’s iad sin na dachaidhean a dhfhag bhur n-athraichean dhuibhse gun seilbheachadh. Is tric a tha sibh seinn orain na seann duthcha: mun

Eilean Mhuileach, an t-eilean àghor,
An t-eilean grianach, mun iadh an sàile.”

Agus orain airEilean uaine Ile,” “Ilen fheoir,” “far an biodh na h-uaislean còir,” etc. Chan fhaca sibh Lochabar feurach, no Gaidhealtachd na h-Alba riamh. Bann an sin a rugadh mise, agus gu la mo bhais cha chrion mo ghradh do thir mo bhreiths mo shinnsre.

Is toigh leam a Ghaidhealtachd, is toigh leam gach gleann,
Gach eas agus coire an dùthaich nam beann.”

Ach ged is fior da rireadh sin, tha mi ag innse dhuibhse an so, an diugh, nach fhaca mi riamh, an Albainn non Sasunn, machraichean nis briagha, nis beartaiche, nis tarbhaiche, nis sgiamhaiche na na machraichean a bhuinig bhur n-athraichean a mach as na lointean, ’sna coilltean, ’sa dhfhag iad agaibhse mar sheilbh. Cumaibh ma ta suas an cuimhneachansan ainm, ’san cliu. Togaibh carn-cuimhne ann bhur cridheachan air an sgath; agus biodh an euchdan air an sgriobhadh ann an eachdraidh na tire. Leanaibh gu dlun an ceumanaibh, aidichibh gur ann bhuatha a thainig sibhs gur priosail leibh an cliu.

An da ni soCliu agus Cànain ar sluaighna tigeadh an la anns am bi iad air an cur air chul.

Is toigh leam a Ghàilig, a bàrdachds a ceòl,
Is tric thug i nios sinnnuair bhiomaid fo leòn:
S i dhionnsaich sinn tràth ann an làithean ar n-òig’,
S nach treig sinn gu bràth gus an laidh sinn fon fhòid.”


CEISDEAN.

Bidh mi fada nur comain ma bheir sibh oisean dhen MHAC-TALLA do na ceisdean so.

Am bheil an sluagh cho lionmhor an diugh ann an Uidhist mu Thuaths a bha iad o chionn leth-cheud no tri fichead bliadhna air ais, nuair a thainig àireamh dhiubh don dùthaich so? Am bheil muinntir an eilnea sin cho math no nas fhearr air an dòigh an diugh na bha iad an uair sin? Agus a bheil riaghladh an eilean aig maors aig bàillidh fhathast mar a bha e anns an àm a chaidh seachad?

Ma dhfhaodte gu bheil leughadair aig MAC-TALLA ann an Uidhist fhéin a fhreagras na ceisdean so. Co-dhiu bidh duil agam ri freagairt fhaicinn na do phaipear an ùine gun bhi fada. EILEANACH.


Freagairt don Oigear Aineolach.

Faodaidh sibh aithris ann am MAC-TALLA gu faca mise an Solus Ur agus a ghrian aig an aon àms an àird an ear, ’s mi airRathad Charribou Marsh,” faisg air Sidni, aon mhaduinns an òg-mhios, ’sa bhliadhna 1872. Ged a tha e car doirbh innse ciamar a tha so a tachairt, agus ged is ann fior ainneamh a tha e ri fhaicinn, chan eil e na ni iongantach idir. Chan eil e ri fhaicinn aig àm sam bith dhen bhliadhna ach am mios Iun no Iulaidh, agus air a cheud no air acheathramh mu dheireadh dhen t-Solus, agus trathsa mhaduinn, mar is trice beagan an deigh éiridh na gréine. Cha ghabh e faicinn aig àm sam bith an iar air Ceap Breatunn.

D. H. DOMHNULLACH, M. D.
Welsford , N. B.


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAR.

[Clàr - ama]


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO.
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[32]

[Vol . 10. No. 4. p. 8]

Am Bruadar.

LE DUGHALL BUCHANAN.

Air bhith dhomhsa ann am shuain
Abruadar diamhain mar tha càch,
Bhi glacadh sonais o gach ni;
Is e gam dhìbreadh anns gach àit.

Air leam gun tainig neach am chòir,
S gun dubhrt e rium, “Gur gòrach mi,
Bhi smuainteach greim a ghleidh don ghaoith,
No fos gun lion an saoghl mo chri’.

Is diamhain dut bhig iarraidh sàimh
N aon ni non àitair bith fon ghréin;
Cha chlos do dchorp an taobh son uaigh,
No t-anamn taobh so shuaimhneas .

An trath dhith Adhamh ameas an tùs,
Am peacadh dhrùigh e air gach :
Lion e na h-uile ni le saothr,
Is dhfhàg en saoghl na bhriste crì’.

Air sonasanma chaill e chòir,
Mar ris gach sòlas bhannsa ghàr’;
O sin tashliochd nan deoiribh truagh,
Mar uan a mearachd air a mhàthr.

Ri meilich chruaidh tad ruith gach ni,
An duil gum faigh an inntinn clos;
Ach dhaibh than saoghl gun iochd no truas,
Mar mhuime coimheich fhuair gun tlùs.

Mar sin tha iad gun fhois no tàmh,
Gan sàrachglacadh faileas bréig;
S adeothl toil-inntinn o gach ni,
Is iad mar chìochan seasg nam béul.

Bidh teanndachd eigin ort am feasd,
S do dhòchas faicinn fuasgladh tfheum,
An còmhnuidh dhut mar fhad do làimh;
Ach gu brath chan fhaigh dheth greim.

Cha teagaisg tfheuchainns dearbhadh thu,
O dhuil is earbsa chuirsa bhréig,
A rinn do mhealladh mìle uair,
S cho fada bhuat an diughsan .

An ni bu mho don tug thu miann,
Nach dfhag a mhealtuinn riamh e searbh?
Tha tuille sonais ann an dùil,
Na thann an crùn le bhi na sheilbh.

Ceart mar an ròs a tasa ghàr’,
Crion seargaidh bhlàthnuair theid a bhuain;
Mun gann a ghlacas tu e dlàimh,
Grad tréigidh fhàileadh esa shnuadh.

Chaneil neach o thrioblaid saor,
Am measg achinne-daoinair fad,
S co lionmhor osna aig an righ,
Is aig an neach is ìsle staid.

Thasmùdan fein os ceann gach fòid,
Is dòruinn ceangailtris gach math;
Than ròs a fàs air drisean geur,
S an taica cheil tha mhil san gath.

Ged fhaic thu neachan saibhreas mor,
Na meas a shòlas bhi thar chàch:
An tobars gloine chi do shùil,
Tha ghrùid na iochdar gabhail tàmh.

S ma chuireas t-anail ena ghluais,
Le tarruinn chabhaig suas adbhéul,
Dùisgidh an ruaghan dearg a nìos,
S le gaineamh lionaidh e do dhéud.

S ged fhaic thu neachan inbhe aird,
Tha e mar nead am bàrr na craoibh;
Gach stoirm a bagrathilgeadh nuas,
Is e air luasgadh leis gach gaoith.

An neach is fearr than saoghl a riar,
Tha fiaradh eiginn annna staid,
Nach dean a sheoltachd as a strì
Am feast a dhìreachadh air fad.

Mar bhata fiar an aghaidh cheil,
A ta o shuidheachfein do-chur;
A reir mar dhireas tu a bharr,
S cho cinnteach ni thu cam a bhun.

Na h-Iudhaich thionail beag no mor
Don Mhana dhoirteadh orranuas;
N tra chuir gach neach a chuids a chlàr,
Cha robh air bàrr no dadum uaith.

Mar sin a ta gach sonas saoghlt
A ta thu faotainn an a dlàimh,
Fa chomhair saibhreass inbhe cùirt,
Tha caitheamh, cùram agus cràdh.

Ged chàrn thu òr adshlige suas,
Fa chomhair fàsaidhn luaith da réir,
Is ged a chuir thu innte rioghchd,
A mheidh cha dirich i na déigh.

Tha cuibhrionn iomchuidh aig gach neach,
S ged tha thu meas gur tuille bfhearr;
Cha dthoir an t-anabharr thann an sud,
Am feasd an cudthrom as achradh;

O iomluas t-inntinn tha do phian
Adiulta’ ’n diugh na dhiarr thun ;
Cha chomasach an saoghl do riar,
Le t-anamiannan aghaidh chéil.

Nam faigheadh toil na feol a run,
Da mianna brùideil dhiarradh sàth;
Flaitheas a bairdchan iarradh i,
Na annta sud bhi siorruidhsnàmh.

Ach ged a bionmhuinn leis a fheòil,
Air talamh còmhnachadh gach ,
Bhiodh dùrachd t-ardain agus t-uaill
Cho àrd a shuas ri cathair Dhé.

Ach nam bàill leat sonas buan,
Do shlighe tabhair suas do Dhia
Le dùrachd, creideamh agus gràdh,
Is sàsaichidh e t-uile mhiann.

Than cuideachd sud gach ni san t-saoghl,
Than comas dhaoine shealbhachfior:
Tha biadh, as eudach agus slàint,
Is saorsa, càirdeas, agus sith.”

An sin do mhosgail as mo shuain,
Is dhfhàg mo bhruadar mi air fad;
Ghrad leig mi dhiom bhi ruith gach sgàil,
Is dhfhàs mi toilichte le mstaid.


Teagasg Righ Artair.

Laidh agus eirich air do làimh dheis,
Na dean féisd ach sàth;
Dean comhairle le do ghaol.
S na bid aonarn aghaidh chàich.

S mairg a bhiodh gun chomhairleach
N uair bhiodh neachna aonar;
Air duaisle na dean ro-chuimhne,
Ged thigeadh dhuit a dheanadh.

Na bi cruaidh as na bi bog,
Na tréig do charaid air do chuid;
A mhic-cridhe na dean trod,
S na ob e mas éiginn duit.

Na h-ob sìths na seachainn cogadh,
Na h-arguin ann an cill ri dbheò;
Na dean gniomh teann as do theangaidh,
Na can foills na geall gleò.

Na h-aithris na chitear leat,
S gur beag an diùbhailbhid thosd;
Eisd ri còmhradh dhaoine glic,
Tuig agus abair gu beag.

Na bi briathrach an tigh an òil,
S labhair gu fòil ri sean fhear;
Na abair nach tiùbhradh tu còir,
Na h-ob as na h-iarr onair.

Na bi seilgeach air sràid,
Na bi gealtachs an ruaig;
Na bid bharantas am bréig,
Leig i gu féilidh bhuait.

Na pòs bean as a sgèimh,
S gun fhios dhuit ciod e a lochd;
Na miannaich i ged bhios i dearg,
S gur seirbhe bias na canrunn chon.


Tha da fhichead us coig factoridh-chàise ag obair air Eilean aPhrionnsa air an t-samhradh so, agus seachd factoridhean-ime. Tha roinn mhor dhen chàise air a chur a null do Bhreatunn.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt,
faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Ceannachd Posta.
Tha sinn faisg ort cia be ait am bheil thu.. .. . ..
Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dhAirneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu ga iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir tainm ugainn air post card agus gheibh thu e.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


CLOIMH! CLOIMH!

THA sinn a paigheadh a phris as airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dhan stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.

Mills, Mac Coinnich & Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld,
Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 4
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 4. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page