[33]

[Vol . 10. No. 5. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 2, 1901. No. 5.


Facal do na Nigheannan Oga.

LITIR V.

THA e air a ràdh gur e bhith glan an ni as fhaisge do bhith diadhaidh. Tha facal Dhé ateagasg so dhuinn. Ann an lagh Mhaois chi sinn gu robh sparradh teann air a thoirt don t-sluagh leis an Tighearna iad a bhith glan. Bha Taigh an Tighearna ri bhith glan; bha sagartan an Tighearna ri bhith glan; bha ìobairtean an Tighearna ri bhith glan; agus bha sluagh an Tighearna, eadar bheag is mhor, shean is òg, ri bhith glan. Nis, ged nach biodh facal an Tighearna ag iarraidh oirnn a bhith glan, tha ar n-iarraidh againn fhéin. Tha tùr nàduir ateagasg dhuinn a bhith glan. Tha luchd-sgil an t-saoghail ag iarraidh air na h-uile bhith glan. Tha toileachas inntinn ro mhor anns aghlaine, gu h-àraidh dhaibhsan aig am bheil tlachd anns aghlaine.

Ach, ged a tha ena aobhar bròin a bhithga innseadh, tha cuid de nigheannan òga anns an dùthaich aig nacheil tlachd sam bith ann a bhith glan. Bu cho math leò car sam bith eile ri boiseag den uisge fhuar a chur air an aodainn anns amhaduinn, no sgriob den chìr a thoirt air an cinn chrasgach, ghreannach. Tha cuid ann agus cha ghlan iad ceann, no cas, no lamh gus am bi iad adeanamh deiseil ga falbh on taigh. Co ach iadsan an uair a thachras iad ormnan làn-eideadh afalbh gu banais, no gu féill, no gu comhdhail den t-seorsa! Acheud shealladh a bheir sibh orra saoilidh sibh nacheil nis grinnes nis glaine na iad eadar Taigh Iain Ghròt agus Maol Chinntire. Ach an uair a bheachdaicheas sibh car tiotaidh orra aithnichidh sibh nacheil e mar chleachdadh acabhithgan cumail fhéin glan. Ged a bhiodh na cinn aca air an cìreadhs air an slìobadh gus am biodh iad cho sleamhuinn ri botul an àm dhaibh a bhith measg cuideachd, aithnichidh duine beachdaidh sam bith orra nacheil e mar chleachdadh aca bhith cìreadh an cinn.

Thachair nigheann òg rium o chionn ghoirid ann an àite no dha, agus bha i anabarrach sgiobalta, glan, ar leam. Rug mi air laimh oirre, agus bhruidhinn mi rithe a h-uile uair a thachair i rium. Ach thaghail mi latha anns an taigh aca mu thri uairean feasgar, agus an uair a thainig i dhfhosgladh an doruis cha daithnich mi i. Bha i cho neo-sgiobaltas cho salach o bhonn gu bathaiss gu faodainn mfhacal a thoirt nach deachdaidh tonn air a gnùis no sgrìob den chìr air a ceann fad seachdain. Nan robh i trang ag obair ghabhainn a lethsgeul; ach an uair a shuidh mis a chitsinn thuig mi nach robh car aice ridheanamh bu chabhagaiche na garadh a cas ris an teine! Chan e mhàin gu robhn taigh salach, ach bha e mar an ceudna mar gum fàgadh am muir làn e. Cha burrainn domh gun a bhithsmaointean gum be chulaidh-thruais am fear a gheibheadh i.

Thachair dhomh a bhi geamhradh ann an Glasacho, agus bha mi fhéin agus dithis ghillean òga fuireach ann an taigh ciatach, air aon de na sràidean as glaine thanns abhaile. Ged nach robh aig bean-an-taighe, ’s aig a dithis nigheann, ’s aig an t-searbhanta ach am biadh a dheasachadhs an taigh a chumail glan, bhan seòmar anns an robh sinn a suidhe iomadh uair cho salachs gum biodh na gillean òga bha maille rium asgriobhadh an ainmeannan air mullach aphiano, air a bhord-taoibh, agus air na h-uinneagan. Choisinn an obair ud diumbadh gu leor do na gillean; achs iad a bha coma.

Nis, a nigheannan, thugaibhur ceart aire nach bi sibh coltach ris amhuinntir air an dthug mi iomradh. Bithibh glan oirbh fhéin. Tha dealachadh mor eadar a bhith riomhach agus a bhith glan. Mar is miosa bhur n-aodachs ann is glaines coir dhuibhse sibh fhéin a chumail. Cumaibh na taighean anns am bheil sibh agabhail còmhnuidh cho glans is urrainn sibh. Bithibh glan an uair a bhios sibh a fuinneadh, ’s acur abhidh thun abhuird; bhithibh glan an uair a bhios sibh ableodhan achruidh, ’s adeanamh an imes achàise. Than t-uisge pailts than siapunn saor. ’S en t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh ceart. Mas math leibh na fir a bhith gaolach oirbh an uair a phòsas sibh, bithibh glannur cridhe, ’s bithibh glannur dòigh. Bithibh glan air sgath na glaine, agus ge be uair no àm den latha anns an dthig coigreach no fear-eòlais thun nan taighean agaibh, chan eagal nach bin taigh glan gu leor. Air na chunnaic sibh riamh na deanaibh an ni a chunnaic mi gu leor adeanamh. Cha bhiodh guth aca air an taigh a ghlanadh gus am faiceadh iad coigreach atighinn thun an taighe. Ghrad thòisicheadh sguabadh, agus an uair a rachadh an coigreach a steachs gann a burrainn eshùilean fhosgladh le sturs le luathaidh.

Is mi bhur caraid,
BODACHAN AGHARAIDH.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. XI.

BHAn t-Innseanach mor, a fhuair a chuipeadh o Aonghas, a nis cho maths a bha e riamh, agus ged a chaidh Aonghas uair na dha far an robh e a leigeil fhaicinn nach robh fuath sam bith aige dha, ’s ann a thionndaidh e dhruim ris an uair a chitheadh e tighinn e, a leigeil fhaicinn gu soilleir gun robh esan a cumail beirmsa ghamhlas a bha e ag altrum, agus nach robh bhuaithe ach an cothrom air son a nimh a chur an gniomh.

Air aon oidhche an déis dhaibh campachadh, air do na gillean a bhith bruidhinn air gabhail mu thàmh, thainig an t-Innseanach òg, Ni Math, far an robh iad, agus chuir e nam faireachadh iad. Thuigeadh iad a cheile nis meadhonach math, agus dhinnis e dhaibh gun cuale air an fheasgar ud fhéin, ’s gun iadsanga fhaicinn, am Mathan Mogach agus companach a deanamh suas gun gabhadh iad cothrom an oidhchud, on a bhiodh i gu math dorcha, air crioch a chur air na daoine geala gràineil an uair a bhiodh iad nan cadal, agus an uair a bhiodh an gniomh oillteil sin seachad, gun teicheadh iad mun tigeadh a mhaduinn thun na nàmhaid.

Fàg thusa an gnothuch agamsa,” arsa Calum, “oir tha fios agad fhéin nach bi rìgh sam bith gun gheard, na gun chomhairlichean. Leig thusa eadar mise agus na laoich, ’s gheibh iad fàilte chur orrachuireas ioghnadh orra.”

Dhaontaich Aonghas a chuis fhagail an lamhan Chalum air chumhnants nach marbhadh e na trusdair, ged a thoill iad e. Bha esmaointean nach robh fhios gun tigeadh e nam marbhteadh iad. Tha meas mor aig na h-Innseanaich air am mairbh, agus theid iad tromh iomadh gàbhadh agus cunnart air son an adhlacadh maille rin athraichean. Mar sin bha eagal air, ged a bha iad fo mhor mheas aig an treubh a nis, gun rachadh am fuath a bhaca dan co-bhràithrean adhlacadh maille riutha, nan tachradh dhaibhsan na thoill iad a dheanamh orra, agus gun dùisgeadh e naimhdeas dhaibhs iad nan coigrich. Ach bha e riaraichte gu leor le deisealachd Chalum, agus be so e: Thachair gun robh fiadh marbh anns a champ, a mharbhadh car anamochcho anamochs gun robh e gun ghlanadh fhathast. Fhuair Calum an sgamhan aige le saothair, agus an déis tomhas math fùdair a churs a ghunna, lion e suas e le sgamhan an fhéidh.

Bfhearr leam gun deanadh na lunndairean cabhag,” arsa Calum; “tha mi gus a bhith leis a chadal. An cluinn thu iad, Aonghais?”

Uist!” arsAonghas Donn gu beag. “An cualthu sid?”

Bha iad greis ag éisdeachd, agus chualiad a nis gu soilleir geug a bristeadh fo chois dlùth dhaibh. Chunnaic iad an sin cumadh an da mhortair a tarruinn dlùth gu fàilidh. Bha iad a nis cho faisg ri còig na sia shlatan dha na gillean. Dhéirich iad nan seasamh dìreach, ’s am broillichean mora, dubha rùisgte. Bha toman beag preaslaich eadar iads càch, ’s mar sin cha robh iad gam faicinn fhathast. Ghabh Calum cuimse mhath, ’s cha robh sin doirbh, ’s loisg e barailte am fear ris na broillichean aca. Sin far an robhn ràn oillteil air dha na fir tuiteam; dhùisgeadh e na mairbhdhùisg e an campa co-dhiù. Ann an tiota bha iad air an cuartachadh le càch, ’s iad a suathadh an sùilean, a fuadach a chadail. Chaidh teine mor fhadadh faisg air an fheadhainn a bha nan sìneadh, a dhfhàg an t-àite cho soilleir ris an latha. An uair a fhuaras sealladh math air na laoich, bha iad, ma bfhior iad fhéin, anns na mionaidean deireannach. Cha robh uair a chuireadh an t-Innseanach mor a làmh suas air a chom, agus a gheibheadh efheòl fhein, mar a bha en duil, na plàsd mubhroilleach, nach leigeadh e nuallan ùr as, asgaineadh na creagan; ’s cha bem fear eile bfhearr, air dha e-fhéin fhaicinn le solus an teine.

Dhéirich Calums ghabh e null gu stòlda far an robh na fir a bha tinn, ’s dhinnis e do na bha mun cuairt gun robh e dol a leigheas nan gaisgeach a bhair an leon. Be cheud char a rinn e, ’s a nis a h-uile sùil air, ’éideadh-uachdair a chaitheamh dheth. Fhuair e an sin da mhaide, ’s rinn e crois orra air an làr, ’s le aogas cho stòlda ri breitheamh, thòisich e air dannsachlaidheamh gu sùnndach, ’s baithne dha sin a dheanamh, ’s e aig a cheart àm a feadaireachd a



[34]

[Vol . 10. No. 5. p. 2]

phuirt. An uair a bha sin seachad, chrom echeann da uair an taobh an robh na daoinebha gus a bhith aig a bhàs. Thòisich e an uair sin air a dhol ma chuairt orra, ’s e gabhail rannan á dàin Oisein, le guth mi-thalmhaidh. Chaidh e an sin air a ghlùin rin taobh, ’s thruis e leis sgamhan an fhéidh, ’s le dornan feoir, a chuir e ma chuairt tri uairean os cionn a chinn, shuath agus shliob e gu math iad. Rug e air laimh orra, ’s thog e nan seasamh iad, agus miorbhailt nam miorbhailt! bha iad cho slàn, fallains a bha iad riamh. Thog iad orra, ’s dhfhalbh iad le chéile, ’s an cinn gu math crom, ’s chaidh iad á sealladhsan dorchadas, ’s chan fhaca na Gàidheil sealladh tuilleadh dhiubh fhadsa bha iad an cuideachd na treubh. Fhadsa bha Calum ris na gnothaichean a dhainmicheadh, bha Aonghas a cumail air a ghàire cho maths a dhfhaodadh e, ged a bha fior thoil aigechronachadh, rud a rinn enuair a fhuair e greim air a phlàigh, ’s cha robh sin furasda. Chruinnich na h-Innseanaich ma chuairt da, agus e air éirigh nam meas ceithir fillte. Cha bfhiach na dotairean acasan an ainmeachadhsan aon latha ri Calum. Thairg iad dhas a mhionaid a bhith na àrd-lighiche nam measg, agus nan togradh e ghabhadh iad e an àite Chitchee Manito fhéin. Ach air eagal am mealladh dhinnis e fhéin agus Aonghas do chuid dhiubh mar a rinn iad, agus mar an robh spòrs an sin. Cuid air nach tainig fiamh gàire riamh, theab nach sguireadh iad, ’s a mac-tallag am freagairt anns gach craoibh. Fad a chòrr don oidhche chluinnteadh plubadaich iongantach an drasdas a rithist an taobh an robh an seann cheann-feadhna, an Clamhan Buidhe, na shìneadh na leabaidh ghuirm.

Bha iad a cumail a dol mar so iomadh seachdain, ’s iomadh uair dhfhanadh iad seachdains uairean da sheachdain far an tachradh àite math, taitneach riutha, anns am biodh sealg pailt. Ràinig iad mu dheireadh an fhoghair an dùthaich fhéin, agus ann an gleannan uaigneach, fasgach, rinn iad tàmh. Bha e na àite fasgach, fiadhaich gu leor, far an rachadh aig beagan dhaoine air reiseamaid a chumail a muigh gun stri. Bha iomadh làrach bothain anns a ghleann, far an do chuir an sinnsreadh agus cuid dhiubh fhéin seachad iomadh geamhradh cruaidh. Rinn iadsan mar an ceudna air son cruadhs a gheamhraidh a chur seachad ann, agus chaidh iad a dhobair gun dàil, a togail bhothan ùras a deanamh suas seann fheadhainn. Cha robh a chlachaireachd ach meadhonach, ged a bha taghadh na cloiche aca, agus fiodh gu leor anns a choille thiugh a bha cuartachadh na cùil anns an robh iad.

Tha na togalaichean aognaidh so,” arsa Calum, “a toirt na mchuimhne na clachaireachd a rinn Coinneach grogach air an stàbull. Bha e cho fada na bharail fhéins nach iarradhs nach gabhadh e comhairle air duine sam bith an àm tòiseachadh, ’s bha bhlàthsa bhuil. An latha bha am balla ullamh aige, bha moit mhor air, agus chaidh e stigh a dhiarraidh na mnatha air son a mholadh maille ris. Sheas iad astar air falbh ag amharc saothair Choinnich, oir bha fios aige gur ann air fàireadh fhéin a bfhearr sealladh air. Bha Coinneach gu h-ealanta cur dheth, uair air a ghlùinsa shùil dùinte, ’s uair na sheasamhsa cheann air fhiaradh a tarruinn aire na mnatha thun a sidsa so, a bha e fhéin a smaointean a bha os cionn a chumantais. Thòisich a bhean air moladh obair Choinnich air son a thoileachadh, ach mun robh i reidh rinn i casad, ’san cnatan orrasan àm, ’s aig a cheart mhionaid thuit am balla na fru-fra am broinn a cheile. Thionndaidh Coinneach gu cas ris a mhnaoi— ‘Siuthad a nis,’ arsesan, ‘dean casad eiles leag an taigh! ’”

Be cheud obair a rinn na gillean bothan beag, sgiobaltachur suas dhaibh fhéin, a bha moran na bu ghrinne na saothair chàich. Bha Calum gle choimhlionta air an obair so, agus le sheòladh fhéin agus Aonghais bha taighean nan Innseanach moran na bfhearr na bàbhaist dhaibh air choinneamh dùdhlachd a gheamhraidh, a tha uamhasach anns a chearn ud dhen t-saoghal. Tha am facal, “Gheibh am màireach rud dha fhéin,” gle fhreagarrach am measg nan daoine so, oir chaneil iad a sealltainn rompa nas fhaide na mhionaid tha làthair. Ach air an earalas chomhairlich an righ ùr agus Calum iad tòiseachadh ri cur ma seach, an uair a bha am baile deas, pàirt do dhfheòl a chruidh fhiadhaich, rud a bha furasda gu leor a dheanamh, on a bha reothadh cruaidh a nis a riaghladh na tìre.

(Ri leantuinn).


Sgeulachdan Arabianach.

CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.

CAIB. VI

BHA sinn aireamh laithean air an rathad. An de, an uair a bha sinn adol tromhn chomhnard so, chunnaic sinn an duine dubh a bhafuireach anns achaisteal so. An uair a bha e astar math uainn, shaoileamaid gur e tur a bhann, agus an uair a thainig e dluth dhuinn bu ghann a chreideamaid gur e duinebhann. Thug e tarruinn air claidheamh a bha anabarrach mor, agus thuirt e ris an t-seoladair gum feumadh e striochdadh dha, agus mise agus na seirbhisich a libhrigeadh dha. Bhan seoladairna dhuine laidir treun, misneachail; agus on a bha na seirbhisich gu leir deas gu seasamh air a thaobh, chuir e an duine dubh gudhulan, agus dhfheuch iad ri chur gu bas. Thug iad uine mhath air cath: ach mu dheireadh mharbh an duine dubh an seoladair, agus na seirbhisich mar an ceudna, oir bfhearr leotha am bas fhulang na geill a thoirt dha.

Thug an duine dubh leis mise don chaisteal, agus thug e corp an t seoladair leis mar an ceudna, agus dhith e air a shuipear e an oidhchud fhein.

An deigh dha an t-suipear neo-ghnathach ud a ghabhail, an uair a chunnaic e gun robh mise sior chaoineadh, thuirt e rium: “A bhean uasal og, big ad dheanamh fhein deiseil gus gach riarachadh a thoirt dhomhsa. Is e as glice dhut gu mor na bhithcaoidh agus atuiream air an doigh sin. Faiceam gun gabh thu comhfhurtachd an deigh na thainig de mhi-fhoranna do rathad, agus biodh aoibhneas gu leor ort a chionn gum bheil thu gus a bhithcur do bheatha seachadnam chuideachdsa.”

An uair a thuirt e so, thug e do sheomar mi, agus an uair a dhruid e dorsan achaisteil chaidh e laidhe da sheomar fhein.

Air an ath mhaduinn dhfhosgail e na dorsan, agus air dha luchd-turuis fhaicinn adol troimhn chomhnard, dhuin e iad agus dhfhalbh e air toir an luchd-turuis. Ach feumaidh gun do tharr iad as, on a bha etilleadh air aisna onar an uair a thug thusa ionnsuidh air.”

Cho luaths a chuir abhana-phrionnsa crioch air na bhaice ri innseadh, thuirt Codadad rithe gun do chuir na dhinnis i dha dragh mor air an inntinn aige, agus gun robh truas gu leor aige rithe an deigh na thainig de mhi-fhortanna rathad.

Ach abhaintighearna,” arsesan, “is ann agad fhein a bhios achoire mur caith thu na tha romhad dho do bheatha gu socrach, seimheil. Tha mic righ Harrain atairgseadh ionad tearmuinn dhut ann an luchairt an athar; mas e do thoil e, gabh an tairgse. Bheir an righ dhut gach ni saoghalta a bhios a dhith ort, agus gheibh thu am meas agus an cliu air am bheil thu dligheach o gach aons an luchairt. Agus mur cuir thu ann an suarachas gradh an fhir a thug do shaorsa dhut, ceadaich dhomhsa mi fhin a thairgseadh dhut, agus tha mi toileach do phosadh ann an lathair nam prionnsachan so. Bidh iad mar fhianuisean aig aphosadh.

Thug abhana-phrionnsa a h-aonta gum posadh i Codadad; agus air an latha sin fhein, phos iad anns achaisteal, far an robh biadh agus deoch gu leor air son na bainnse. Bha anabarr de gach seorsa bidh, agus dibhe, agus mheasan aig an duine dhubh anns acaisteal gus a bhith aigega itheadh an uair a dhfhasadh e sgith de dhitheadh feoil dhaoine. Agus bha pailteas dhe gach seorsa fiona anns achaisteal mar an ceudna.

Shuidh iad uile aig abhord; agus an deigh dhaibh pailteas den bhiadh agus den deoch a ghabhail, thug iad leothan corr, agus dhfhalbh iad gus a dhol gu ruigen luchairt aig righ Harran. Bha iad aireamh laithean air an t-slighe, agus bha iad aleigeadh an analach agus acur seachad na h-oidhche anns gach aite bu taitniche na cheile a bhatachairt riutha.

An uair a bha iad mu astar latha on luchairt aige righ Harrain, stad iad a leigeadh an analach. Dhol iad achuid mu dheireadh den fhion a bhaca; oir cha robh caomhnadh acair on a bha iad cinnteach gun ruigeadh iad an luchairt mun tuiteadh an oidhche. Labhair Codadad mar so ris achuideachd gu leir: “A phrionnsachan, chum mi tuilleadh is fadan cleith oirbh co mi. Is mi bhur brathair Codadad. Tha righ Harrain na athair dhomhsa cho maths a tha e dhuibhse. Is i abhana-phrionnsa Pirouse is mathair dhomh, agus chaidh marach agus mfhoghlum le prionnsa Shamaria.”

A bhaintighearna,” arsesan, agus e tionndadh ri Deridhabar, “thoir mathanas dhomh ged a chum mi an cleith ort gus a so gur mac righ mi. Nan dinnis mi roimhe so co mi, is docha gun robh thusa air a bhith na bu toilichte leis a phosadh a rinn thu na bha thu.”

Cha robh, mo thighearna,” ars ise, “ghabh mi barail mhath ort a cheud uair a chunnaic mi thu, agus bha mo bharail ort adol na bfhearr a h-uile latha mar a bha tighinn. Cha bhiodh mo bharail dad na bfhearr ort na tha i ged a bhiodh fhios agam gum bu mhac righ thu.”

Thuirt a bhraithrean ri Codadad gun robh iad ro thoilichte gun dfhuair iad am mach gur e am brathair a bhann. Ach ged a bha iadga chumail so am mach, is ann bha grain an uilc acair. Air an oidhche sin fhein choinnich iad comhladh ann an aite uaigneach am feadhs a bha Codadad agus a bheannan suain chadail. Runaich na creutairean truagha mi-thaingeil so gun cuireadh iad am brathair gu bas, agus dhi-chuimhnich iad gum bann le a threuntas agus le a ghaisge a shaoradh iad o laimh an duine dhuibh a bhag an cumail ann am priosan gus am faigheadh e am air an itheadh. Thuirt fear dhe na braithrean aingidh so: “Chaneil achaochladh so de dhoigh againn; oir cho luaths a gheibh ar n-athair am mach gur emhac a thanns achoigreach so air am bheil a leithid de mheas aige, agus gun do chuir ena aonar gu bas am fuamhaire ud nach burrainn sinne gu leir a chur gu bas, cha bhi crioch air na ni e de mholadh air, agus nochdaidh e mile fabhar dha, agus a bharrachd air so, fagaidh e an riogachd aige an deigh a bhais, agus feumaidh sinne cromadh sios agus umhlachd a thoirt dha.”

Labhair e moran bhriathran eile a bharrachd air so, agus bhrosnaich e inntinn a bhraithrean



[35]

[Vol . 10. No. 5. p. 3]

eile cho mors gun deachaidh iad gun dail far an robh Codadadna chadal gu trom, agus an uair a lot iad mile uair e, air dhaibh a shaoilsinn gun robh e marbh, dhfhag iad e comhladh ri Deidhabar, agus dhfhalbh iad do bhaile Harrain, far an drainig iad feasgar an ath latha.

Bha aoibhneas anabarrach mor air an athair an uair a rainig iad dachaidh, oir bha en duil nach fhaiceadh e gu brath tuilleadh iad. Dhfheoraich e dhiubh ciod a chum cho fada gun tilleadh iad. Ach thug iad an aire mhath nach innseadh iad facal dha mu dheidhinn an duine dhuibh a chuir an sas iad, no idir mar a dhfhuasgail Codadad iad. Thuirt iad gum bann a chionn gun robh toil aca caochladh dhuthchannan fhaicinn a bha iad cho fada gun tilleadh dhachaidh.

Aig acheart am bha Codadadna shineadh agus e comhdaichte lefhuil fhein, agus gun ann ach gun robh an anail sios is suas ann. Cha robh a bhean, ged nach do lot iad i, abheag na bfhearr suidheachadh. Bha i gus a cridhe sgaineadh ag eigheach agus atuiream, aspionadh an fhuilt aisde fhein, agus asileadh nan deur gu frasach air corp a companaich. “Ochan! a Chodadad, mo Chodadad graidh,” theireadh i, “am bheil mig ad dfhaicinn afhagail an t-saoghail so? Nach beucorach na lamhan a chuir anns an t-suidheachadh so thu? An urrainn dhomh a chreidsinn gur iad do bhraithrean na daoine a rinn a leithid so de dhroch dhiol ort, an deigh dhut le do threuntas am beatha shabhaladh dhaibh? Cha chreid mi idir e. Feumaidh gur e droch spioradan a thannta a thainig, fo ainm bhraithrean, gus do mhort. O, a chreutairean cruaidh-chridheach! ge be air bith co sibh, cionnus a burrainn duibh a bhith cho neo-thaingeil an deigh na rinn e de sheirbhis dhuibh? Ach car son a bhithinn agearain air do bhraithrean, a Codadad! Is misenam aonar bu choireach ri do bhas. Roghnaich thu mise mar do cheile posda, agus thuit gach mi-fhortan a bhagam leantuinn-sa riamh on a dhfhalbh mi a taigh mathar air do cheann-sa mu dheireadh. O chruitheachd! ciod a baobhar gun dthaing ormsa a dhol troimh leithid a dhallaban agus de chruaidh-fhortan! Mureil en dan dhomh a bhith ach uine ro ghoirid posda ri fear sam bith, car son a dhordaicheadh dhomh posadh idir?”

(Ri leantuinn.)


Smior na Firinn.

CHAIDH mighabhail sràid, an la-roimhe, ’s cha robh mi ach goirid on tighnuair a thachair fear-eòlais orm. Dhfharraid e dhiom, ciamar a bha mi? Thuirt mi gun robh gu math; ciamar a bha e fein? Thuirt e gun robh gun deireas. A nis, thuit e mach nach robh mi fhein idir gu math. Bha mi, mar a their na maraichean, air laidhe-thuige, fad seachdain roimhe sin, ’s chuala mi gun robh esans an t-suidheachadh cheudna. Cha robh aobhar fon ghréin a chuirs nach fhaodamaid an fhìrinn innseadh, ach a réir coltais, ’s ibhreug a bu deise. Dhealaich sinn an déigh dhuinn breug no dhà eile a chur ris an feadhainn a dhainmich mi. Chuir so mi-féin a smaointeachadh air cho breugachsa tha muinntir an t-saoghail so air fàs, ’s bha mimeòrachadh air an ni, ’nuair chunnaic mi fear-eòlais eiletighinn, ’s sgonn de chù goirid, tiugh, aigair ceann teadhrach. Cha do ghabh mi mòr-thlachd den chù; bham peirceall iochdair aige no trì dhoirlich na bfhaide nam peirceall uachdair, ’s a h-uile tosg a bha na chraos cho fada ri cranntarrunn. Bha an da chluais dheth on fhailleans an t-earball on eàrr. Cha bu chù bòidheach air dhòigh sam bith e, ’s cha bin t-suil bhòidheach no choimhneil a bhana cheann. Dhiarr mi air a mhaighstir an teadhair a thochras thuige. Rinn e sin le lan-aighear nach bu bheag, a chionn misebhi an-earbsach as a chù. “ cho teò-chridheach,” arsesan, “ ’s a laidh riamh ann am broilleach duine, agus sin agad far am bheil a leabah-uile h-oidhche bhios misaig an tigh.” “Chaneil teagamh agam,” arsa mise, “nach coimh-leapach gle ghrinn an , achs feàrr leam am fear sin ann ad bhroilleach fein nam bhroilleach-sa.” Thòisich en sin air spleadhraich mu ghliocass mu threuntas a choin, gus an robh mi seachd searbh dheth. A ghearradh goirid a -sgeul, thuirt mi féin nach bu ni sam bith sin làmh ri gliocas -chaorach a bhagamsa. “Seadh,” arsesanagus ciod a m fleasgach sin?” “Ni,” arsa mise, “h-uile a théid iarraidh air a dheanamh, agus tuigidh e h-uile facal seanachais a bhios againn na làthair.” “Ciamar a tha fhios agad?” arsesan. “Mar dhearbhadh air sin,” arsa mise, “thainig caraid thun an tighe, air an oidhche roimhe; duine a chunnaic móran den t-saoghal, ’s thòisich e air innseadh mu ghàbhadh cuainsan robh e aon uair. BhaYarrowna laidhe taobh an teines a chluas fosgailte. Mar a bha naigheachd mo charaid a dol air a h-aghart; bhaghaillionn a rug air an luing aige, a fàs na bu chruaidhes na bu chruaidhe, gus mu dheireadh, am bfheudar dhomh féin mo chasan a churam forcadh ris a bhalla eagals gun rachadh mo thilgeil air mo chinn-thota. BhaYarrowa fàs neo-shocairs e dranndail ris fein. Thug mi bruideadh dha a chur clos air. Dhamharc e orm agus air mfhacal firinneach, chaog an slaoightire a shùil rium, a cheart cho cealgachs ged a bhiodh edol a shuaip each ri fear na naigheachd. Achnuair a chual e iomradh air a ghaoth bhi cho laìdirs gun robh ispionadh an fhuilt bhàrr cinn nan seòladairean, leum e air a bhonns colg na dunach air. “Caisg do chu,” arsa mo charaid. Thug mi fein pailleart don chùs thuirt mi ris gum bfhearr dha amharc as déigh a chaits gun fhios ciod a bha e ris. ’Am prioba na sùl, bha e feins an cat ann am muinealan a cheile. Chuir sin stad obann air a naigheachd, ’s dhfhàg mo charaid an tigh le freimseadh cho mòrs nach dfhuair mi uidhir is beannachd fhàgail aige.” “Seadh, seadh,” arsa fear a choin fhiaclaich, “nach robh cho math dhuit a ràdh nach do chreid thu na thuirt mise mu dheighinn achoin so. “Ni h-eadh,” ars mise, “chreidinn-se ni sam bith mu dheighinn a choin sin.” ’S cha mhor nach robh so fior, oir chreidinn ni olc sam bith mun cheart bhruid. Smaointich minis gum bu leòir, air son aon latha, na dhinnis mibhreugan, ’s thionndaidh mi mo cheum dhachaidh, ach mun do rainig mi an tigh, thachair fear eilorm. Fear den t-seòrsa sin aig am bheil slugadh cho farsuing air son naigheachd, fior na breugach, ’s gun sluigeadh e Ionahs a mhuc-mhara gun uidhir agus fiacail a chur orra. Rinn mi deas air a shons dhinnis mi dha te de na breugan mora sin a bhios mig innseadh doFhionncorr uair, ’s rinn mim brochan cho tiugh air a shons gun seasadh maide na poite ann, ach cha do chuir sin gaise air. ’S ann a thuirt an duine truagh, ’nuair bha crìoch air mo naigheachd; “O, dhuine ghaolaich,” arsesan, “nach eil fhios gur fior sin.” Tha mig ràdh ribh gun dùraichdinn a breabadh.

Nuair fhuair mi dhachaidhs mo phìob a lasadh thug mi greis ameòrachadh air an cho deass a tha daoine leis a bhréig, eadhoin, ’nuair nacheil i a chum buannachd aimsireil dhaibh. Thug mi, an sin, sùil air feadh nan gnàth-fhocal dhfheuch ciod a bhaig na sean-daoine ri ràdh mun bhréig. Be a cheud ràdh a thachair orm mun bhreig, “Is fèairde duine breugach fianuis.” A nis, air chors gum biodh an fhianuis a chum feum don duine bhreugach saoilidh mi gum biodh e feumail gur ann air a thaobh fein a bhitheadh i; ach a thaobhs gur duine breugach e-fein, saoilidh mi gur fianuis bhreige an aon fhianuis om burrainn dha buannachd fhaotainn. Ma tha so mar so, saoilidh mi gu bheil teagasg an ràdh so, calg-dhireach an aghaidh teagasg lagh nam modhanna, ’s air an aobhar sin, cha bhi tuilidh gnothaich againn ris. An ath ràdh a thionndaidh suas, “Is feàrr a bhi bochd nabhi breugach.” An fheàrr gu dearbh? Tha an saoghal de dhatharrach barail. Tha fhios aig an t-saoghal, gu bheil an duine bochd, a thaobh teanntachd a bheatha, nas buailtiche don bhreig nan duine saibhir, ’s tha ega ghnàthachadh da réir sin. Achs e mar a tha, gu bheil sinn breugach a h-uile mac mathar dhinnbochd is beairteach maraon. An deigh a h-uile car, theagamh nacheil e cho soirbh a bhreug a sheachnadhsa tha daoinem beachd. Chaneil sinn idir cho cinnteach as an firinns a tha sinn fein a smaointeachadh. Faodaidh sinn so fhaicinn gu soilleir, anns a liughad beachds a thainig a nuas oirnn troimh linntean céin, mar fhirinn shuidhichte, a thanar latha-ne air an tilgeil bun os cionn, mar fhaoin sgeulachdan. “Ciod in Fhirinn?” dhfharraid Pontius Pilat dar Slànuighear. A reir aon de na Soisgeulaichean, ben fhreagairt a fhuair e, gur ann o neamh a than fhirinn. “Mar sin,” arsa Pilat, “chan eil an fhirinn air thalamh.” Saoilidh mi nach robh e fad am mearachd a thaobh na firinn. ’S e mar a tha, gum bheil ar cor gu nàdurra, mar chor chreutairean talmhaidh eile; tha de dheòlas againn air na nithe leis am bheil sin air ar cuartachadhs a tha feumail dhuinn a chum na crichechaidh òrduchadh dhuinn; ach an taobh a mach de sindorchadas iomallach. Ma thaleithid de ni air thalamh is firinn neo-thruailte, no mar their sinn, smior na firinn, cha dfhuair an duine fathasd eòlas air. Ann a bhi feuchainn ris an fhìrinn fhaotainn a mach, tha ni no dha a cur amaladh oirnn. Am measg nithean eile, tha neò-choimhliontachd canain a chum ar smuain a churan cainnt. Ged a shaoileas sinn, air uair, gu bheil samhladh firinnmar thuigear i leinne— ’nar n-inntinn fein, tha sinnga fhaotainn ions eu-comasach, an ni a thanar n-inntinn a chompairteachadh anns a cheart chruth agus dhealbh anns am bheil enar n-inntinn fein. Thàinig smuain den t-seòrsa soam cheann fein, an la roimhe, ’s bho nach burrainn dhomh a curan cainnt, chaidh mi thun caraid dhomh; duin’ -uasal aig am bheil no seachd a chànainean air bàrr a theangaidh. Dhfheuch mi ris an ni a dheanamh soilleir dha, ach chuir eleithid de cheistean tarsuinn orm nach burrainn dhomh fhreagairts gun do chaill mi mfhaighidinn gu buileach. Thuirt e mu dheireadh, nach robh anns an ni bhair minntinn ach sgleò. Than smuain sin na sac air beul mo chleibh-sa fathast, ’s gun chànain thalmhaidh annsan gabh i cur.

Tha sinn, mar so, breugach, chan ann, a mhàin, a thaobh an lagh a thanar nadur a tha gar co-eigneachadh chum na breige, ach mar an ceudna, ’thaobh ar n-aineolas air smior na firinn, agus cho eu-comasachs a tha e dhuinn sin fhaotainn a mach. —Highland News.


Feuch gun till thu cho luaths is urrainn thu,” ars a bana-mhaighstir ri Peigidh, a bha dol dhachaidh a choimhead a màthars i air leababàis. “Tillidh, gu dearbh,” arsa Peigidh. An ceann dha no tri lathaichean, fhuair a bana-mhaighstir an litir a leanas: “A bhana-mhaighstir ghràdhach, bidh mi air ais air an t-seachdain sa tighinn. Ler cead, cumaibh an t-àite dhomh. Tha mo mhàthair abàsachadh cho luaths is urrainn i. Peigidh.”


[36]

[Vol . 10. No. 5. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OGUST 2, 1901.

Tha e air innse gu bheil Citchener ri ceannardachd an airm Bhreatunnaich ann an Africa mu Dheas a leigeil dheth deireadh a mhios so. Tha e tilleadh dhachaidh do Bhreatunn, agus an ceann choig miosan gabhaidh e ceannardachd an airm anns na h-Innsean. Bidh Sir Bindon Blood agabhail àite Chitchener ann an Africa, mas fior an sgeul so.

Ma tha seanachas cuid de phaipearan na duthcha sin fein ri ghabhail mar dhearbhadh, tha Newfoundland aig an àm so anabarrach deonach a bhi air a gabhail a stigh do Chanada. Is e sin an aon ni a bfhearr dhi a dheanamh agus tha a mhor chuid de mhuinntir Chanada an dochas gun tachair e. Cha bhi Canada iomlan, agus cha bhi Newfoundland fhein ann an tomhas mor sam bith soirbheachail gus am iad air an tàthadh ri cheile.

Tha an tiormachd a bhann o chionn da mhios air ais an deigh an t-uisge dheanamh gann ann an Sidni. Tha e air tuiteam glé iseal anns an amar agus cha drinn na frasan a thainig o chionn ghoirid moran àrdachaidh air. A mhor chuid dhe na thatar ag uisneachadh anns a bhaile o chionn còrr us seachdainse uisge nam Forks a thann, air a thoirt do amar a bhaile troimh phioban cuideachd an iaruinn. Tha e fortanach gu bheil iad sin ann, air neo bhiodh gort uisgenar measg. Nuair a chaidh an obair uisge chur a stigh ann an Sidni cha robh dùil ris an fhàs mhor a thainig air a bhaile o chionn da bhliadhna.

Tha àireamh mhath de luchd-buana a dhith air tuathanaich Mhanitobas an Iar Thuath air an fhoghar so. Mar is àbhaist tha faradh saor, falbh us tighinn, air a thairgse do dhaoine tha deònach a dhol ann air sgàth mios no dha cosnaidh. Feumar a ràdh nach eil muinntir nan roinnean ìsle acur moran earbsa ann an seanachas briagha luchd an rathaid-iaruinn, oir cha do dhéilig iad ro-cheart riuthasan a chaidh am mach na ceud bhliadhnaichean. Bha àireamhan mora air am briagadh air falbh air sgàth an airgeid faraidh, ’s air am fàgail an àiteachan anns nach robh cuirein de dhobair tuathanachais no eile ri fhaotainn.

Tha aon de phaipearan nan Stàidean ag innse gun deachaidh triùir dhaoine dubha a chrochadh an la roimhe ann an Nashville, Tennessee, “a reir an lagha.” Ged nach eil an sgeul so a nochdadh gu bheil na daoine dubha a fàs moran nas fhearr na bha iad, tha i na dearbhadh cinnteach gu bheil adhartas mor atighinn air na daoine geala.

Tha e gle choltach gum bi bàrr cruithneachd an t-saoghail air an fhoghar so fada goirid air mar a bàbhaist bliadhnaichean roimhe so. Rinn an tiormachd milleadh mor air a bhàrr anns na Stàidean, ann an America mu Dheas, an Ruisia, agus ann an Siberia. Ann an Iar Thuath Chanada tha coltas air achruithneachd a bhi gle mhath, ach ma bhios gainne ann an dùthchannan eile feumaidh gun éirich aphrìs, agus mar sin bidh am biadh daor.

Tha cogadh nam Boereach adol air adhart mar a bha e o chionn àireamh mhiosan. Chan eil Boerich a faotainn buaidh air na Breatunnaich ach fior ainneamh, agus tha iad acall gu tric. Tha iad aruith gann de bhiadhs de dhairm, agus thatar aglacadh buidhnean dhiubh gu math tric. Chaidh Steyn agus ceannardan eile an ainmeachasRiaghladha tha iad acumail suas gle fhaisg air an glacadh o chionn ghoirid; ’s ann air eigin a fhuair iad tàrradh as mun dthainig buidheann dhen arm Bhreatunnach orra, agus chaidh paipearan, litrichean agus leabhraichean na stàite a ghlacadh. Tha cuid de na litrichean anochdadh gu bheil cùisean a tighinn gu bhi gle iseal orra, agus gu bheil cuid de na ceannardan a call an dòchais. Aon ni a tha cumail misnich riutha gu bheil moran ann am Pàrlamaid Bhreatunn a thagabhail an taoibhsa nochdadh bàigh neo-ghlic riutha anns an t-strith a tha iad a cumail suas. Ged nach eil àireamh na muinntir a tha deanamh mar sin mor, tha iad gle labhrach, agus tha am briathran aruigheachd nam Boereachsa cumail dòchais riutha gun toir Breatunn sìth dhaibh air an cumhachan féin. Agus tha cuid de na paipearan Lunnainneach dhen bharail gu bheil iad air an neartachadh anns an dòchas sin leis an dòigh a tha na ceannardan Breatunnach a déiligeadh riutha, acur chumhachan sìthenan tairgse o àm gu àm, ’s mar sin a toirt cothroim dhaibh a bhi creidsinn gu bheil Breatunn nas deònaiche air sìth a dheanamh na tha i air an cogadh a leantuinn. Faodaidh e bhith gu bheil na barailean sin fior, agus faodaidh nach eil. Tha beòil nan daoine tha ann an Africa air am faire cho maths nach eil sgeul atighinn uapa gun a bhi air a deagh dheasachadhs air a fàgail cho neo-chronailsa bhios an comas an sgrùdaire dheanamh. Agus mar sin chan eil fhios nach eil nithean atachairt ann an Africa mu Dheas air nach eil muinntir an t-saoghail a mach a cluinntinn iomradh.


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
INVICTUS
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater.
A . W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.


Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a thagainn air $3 .50s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios gan iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.



[37]

[Vol . 10. No. 5. p. 5]

Naigheachdan.

Bha teine mor toiseach na seachdain so anns na coilltean timchioll air St. Margarets Bay, an siorrachd Halifacs. Tha e an deigh moran fiodha losgadh, agus bha an call air a mheas Di-màirt aig ceud mile dolair. Buinidh am fearann air am bheil an teine don Riaghladh Bhreatunnach.

Dhfhàg an t-Shamrock II., birlinn Shir Tomas Lipton, abhainn Chluaidh deireadh na seachdain sa chaidh, agus tha i nise air a chuan mhorsa h-aghaidh air America. Mur eil dòchas aig Sir Tomas cupan na h-America a bhi aige dol air ais, mar a tha cuid ag ràdh, tha ecumail an eu-dòchais math an cleith.

Bha tiormachd mhor ann an cuid de na Stàidean o chionn àireamh sheachdainean. Bha stàid Kansas gu h-àraidh a fulang gu mor, ach bhrist air an t-side deireadh na seachdain sa chaidh. Shil uisge trom, a thug deoch mhath don talamh thartmhor, agus a shàbhaileas roinn mhor dhen bhàrr, a bha beul ri bhi air a thur mhilleadh leis an tiormachd.

Thatar o chionn da no tri sheachdainean ag obair air balla stéidh tigh-na-cùirte, a tha an t-siorrachd atogail. Bidh clach na h-oisinn air a càradh na h-àite air an t-seachdamh latha dhen mhiosDi-ciaduin sa tighinnleis an Onarach Mr Jones, Riaghladair Nobha Scotia. Bidh òraidean air an labhairt an am càradh na claiche, leis an Riaghladair, leis a Phriomhair Murray, agus leis a Bhreitheamh Dodd.

Chaidhpoit dhubha ghlacadh an la roimhe air an Abhainn Mhuileich, faisg air Mabou. Gun teagamh sam bith tha àireamh mhor de na poitean so air an cumail air obair ann an caochladh chearnan den eilein so, agus mar is luaithe theid an glanadh ass ann is fhearr don dùthaich. Chan eil an t-uisge-beatha na stuth math nuair is fhearr a dheanamh; ach tha toradh amh nam poitean-dubhana fhior phuinnsean.

Bha fras throm de chlachan-meallain Di-sathairne sa chaidh aig Union Road, coig mile match áCharlottetown , E. P. I.Bha an fhras mu chairteal mile air leud, agus bha na clachan-meallain cho garbhs gum bfheudar do dhaoine bha muigh aig an àm an cinn a chòmhdach len cuid aodaich. Sia uairean an deigh don fhras a bhi ann, bha na clachan-meallainn ann an àiteachan cho domhain ri sia òirlich air an làr. Bha milleadh mor air a dheanamh air feur, agus chaidh am bàrr a chur o fheum buileach. Mu mhile on àite so bha sìde bhriagha ann, agus na tuathanaich ag obair air an fheur.

Ghabh am baile suim mhor airgeid an iasad an uiridh— $235 ,000air son shràidean, obair-uisge, agus phioban-glanaidh. Tha an t-airgead sin, a bha dùil a dhfhòghnadh air son na rachadh a dheanamh gu deireadh na bliadhna so, a nis air teirgsinn, agus feumar suim mhor eile ghabhail an iasad ar neo na h-obraichean ud a stad, ni nach freagair idir, oir tha chuid a tha gun deanamh dhe gach obair a cheart cho feumail agus cho riatanach ris a chuid a tha deante. Tha coinneamh ri bhi air a gairm an ùine ghoirid aig am bi achùis air a cur fa chomhair an t-sluaigh air son iad a dheanamh an ni a shaoileas an àireamh as motha dhiubh ceart.

Chaidh Iain Galena, gille beag aois ochd bliadhna, a bhàthadh ann an Glace Bay Di-sathairne sa chaidh. Bha e-féin us gilleile acleasachd mun dama aig an t-seann mhèinn, agus chaidh esan a mach air ràth. Chuir an ràth car dheth, agus bhan gille air a thilgeadh dhan uisges air a bhàthadh.

Chaochail boirionnach ann an New York an la roimhe a bha o chionn iomadh bliadhna a faotainn déirce, ’s i acòmhnuidh ann an aon de na taighean bu bhochda dòighsa bhaile. An deigh a bàis fhuaireadhna seòmar leabhar a bha sealltuinn gu robh còig mile deug dolair aice air a chur mu seach ann am fear de na bancaichean-caomhnaidh.

A réir sgeòil aon de phaipearan abhaile, am measg nam Boereach a chaidh a ghlacadh ann an Africa mu Dheas air an t-samhradh so, bha fear Domhull Mac Citheagain, a mhuinntir Cheap Breatunn. Dhfhalbh an duine so á Mira o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais. Tha e uaithe sin anns an Transbhaal, agusnuair a thòisich an cogadh ghabh e an arm nam Boereach.

Ged is iongantach e ri innse, tha còrr us fichead tiodal ann am Breatunn air nach eil neach sam bith ag agairt còir. Tha oighreachdan an co-cheangal ris an àireamh as motha de na tiodalan sin, agus tha fhios co is oighreachan dligheach air cuid dhiubh, ach cha ghabh na h-oighreachan sin gnothuch sam bith ri tiodal no ri oighreachd. ’S fhearr leotha, mar is fhearr leis a mhor chuid den chinne-daonna bhinan islean na bhinan uaislean.

Thugadh iomradh o chionn ghoirid air na birlinnean a tha dol a chur na réise faisg air New York air an fhoghar so, a bhi cur réisean ris na birlinnean a bha anns an reis mu dheireadh. Anns an iomradh sin rinneadh mearachd le ràdh gu robh birlinnean na bliadhna so a toirt buaidh air na seann bhirlinnean. Tha e fior gu leòir gu bheil a bhirlinn ùr Bhreatunnach a toirt buaidh air an t-seann , ach chan eil sin fior a thaobh na birlinn ùr Gheancaich. ’S ann a than t-seann bhirlinn mar is trice a toirt buaidh oirre-se. Agus chan eil iad gann ann am Breatunn a tha air an aobhar sin ag àrach dòchais gum bi buaidh leis a bhirlinn Bhreatunnaich am bliadhna, ged a chaidh an dòchas ceudna a mhealladh cho tric anns na bliadhnaichean a dhfhalbh.

Chi sinn iomradh an drasdas a rithist air fear no air mnaoi a tha an deigh an ceud bliadhna a ruighinn, achs ann glé ainneamh a chluinnear iomradh air mnaoi a tha cho sean ri bantrach Sheumais Mhills, a tha comhnuidh faisg aia baile beag Woodham, an Ontario. Rugadh i ann a Fermanagh, an Eirinn, an 1788. Fàgaidh sin i ceud bliadhna agus a tri deug a dhaois. Thainig i-fhéinsa companach a mach do Chanada an 1857, agus chaochail esan da bhliadhna an deigh dhaibh tighinn don duthaich so. Bha naodhnar de theaghlach aca, agus tha an sliochd an diugh a ruighinn an siathamh gineal. Rugadh i ann an rioghachadh Righ Seoras III., agus mar sin bha i beò fo riaghladh Seoras IV. ,Uilleam IV., Bhictoria agus Iomhar VII. Gus o chionn bliadhna bha a cuimhne cho maths gum biodh i ag innse le prois na nithean a chunnaic is a bhiodh a tachairt nuair a bha i òg.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.



[38]

[Vol . 10. No. 5. p. 6]

Seann Oran don Fhionnan-fheoir.

So againn eadar-theangachadh orain Greugaich a tha air a chur as leth baird ainmeil dam bainm Anacreon, a rugadh còrrus coig ceud bliadhna roimh bhreith Chriosd. Gidheadh, tha cuid ann a their gun do sgriobhadh e moran bhliadhnaichean an deigh linn ar Tighearna. Co-dhiu a tha a bharail so ceart no nach eil than t-oran sar-ghrinn ann am beachd sgoilearan air feadh an t saoghail, agus is iomadh uair a chaidheadar-theangachadh le bardaibh na Roinn-Eorpa. Thionndadh gu Beurla e le Cowley, gu Fraingeis le Leconte de Lisle, agus gu canain luthmhoir na Gearmailte leis abhard chliuiteach, Goethe:—

DON FHIONNAN-FHEOIR.

A Fhionnain-fheoir! thusa a sheasas air barr na craoibhe urair, tha sinng ad mheas sona. Oirn uair bhios tu air ol driuchd urachail na maidne, is tusa asheinneas gu mear, rioghail. Oir agad-sa tha na h-uile ni a chi thu anns na machraichean, na h-uile ni a tha fas suas anns na ceithir-raithean. Is toigh leis an tuathanach thu, do bhrigh gum bheil thu neo-lochdach. Agus tha muinntir na talmhainn uile a cur urraim ort, oir is tusa teachdaire binn an t-Samhraidh. Seadhagus thug aCheolraidh gradh dhuit, agus Phoebus fhein mar an ceudna, agus is esan a thug dhuit do ghuth binn bidealach.

Ach cha saraichear thu achaoidh, eadhon leis an t-seann-aois; Ochreutair ghlic, thalmhaidh, cheolmhoir, bhig, agus tu gun fhuil agus saor o gach peingu dearbh, is cha mhor nach eil thu neamhaidh.”

Is i earrann deireannach den oran as suaicheanta, oir an so, cha mhor nacheil am bard ag radh gum bheil am fionnan-feoirna chreutairneamhaidh,” is e sin ri radhna dhia. Theagamh gur ann athaobh a dhith fola a tham bard anns abheachd iongantaich so, oir be Homer, am bard mor Greugach, a thubhairt gun robh na diathannangun fhuil.” Gun teagamh, than da fhacalgun fhuila ciallachadh nach e fuildearga thann, agus bithidh lan-fhios aìg ar luchd-leughaidh gum bheil fuil gheal aig an fhionnan-fheoir, mar thaig moran bhiastagan eile. W. H.


Jeremiah G. Fitz-Roberts.

LE DONULL MAC-CALLUM.

A gabhail fadail nach robhThe MacDodo, Henry V. ,a tighinn a thagradh coimhlionadh a geallaidh dha, mar choisinn e ann a bhi glacadh nampoachers,” chuir i an litir so thuigega ghreasad: —“My Ownest Harry, —This day fortnight come to see your sweetheart Dora. ”Bha fios aig Henry B. nach robh dol as aige ach Dora fhreagairt. Fa chomhair an la a chuir i air leth dha gu dol a choimhead orra rinn e an t-ullachadh a bfhearr a burrainn e.

Chuir e an sanas sos na paipearan naigheachd—“Wanted by the Mac-Dodo, of Castle Dodo, a water Baillie. Apply personally at the Castle. ”

An deigh sin a bhi air fhaicinns na paipearan naigheachd, chuir so e fein ann an cruth Maor-aimhne, agus thainig e gu Caisteal Dodo a dhfheoraich air son an aite, a chums gu faiceadh e de bha dol air aghaidh an talla na seirbheiseach.

Tha mi cinnteach nach fhaineichadh amhathair fein e an turus so. ’S e duine fada caol, air cumadh crann giubhais, a bhan Henry V. ’S ann a bha am fear so mor leathann, air cumadh tosgaid leanna. ’S e duine lacann lom a bha ann an Henry V. Se duine ruiteach mollach a bha an so.

Bhuail e glag an talla agus air don chocaire (Miss Ellis; boirionnach a bha leth cheud bliadhna dh, aois, agus sia clacha fichead air chudtrom) tighinn thun an doruis, deir e rithe—“Will you tell me, my sweet little maiden, if The MacDodo is at home, as I have come to offer my services as his Dodoships water baillie.” “Are you married?” deir the sweet little maiden.

Have pity on me, ”ars esan, “I have not that felicity.” “His lordship I am sorry to say, ”ars ise, “is at present in London, but if your water baillieship will have the goodness to exchange cards with me it will give me joy to invite you to a party we are having to-night in Prince CharlesHall, West Wing Castle Dodo.” “A thousand thanks my sweet little maiden, ”fhreagair es e gabhail acard,” Jeremiah G. Fitz-Roberts has great pleasure”— ’s mar sin air aghaidh.

Thainig Jeremiah G. Fitz-Roberts thun na cuirme, mar chaidh a chuireadh, agus cha deachaidh dha gu donidir. BhaJenkins , “flonkeyLady Myshrym,an sin agus de bha aige gu spors a thoirt don chuideachd achCupids Casketna bantraich mhoir. A measg na h-ubraid a bhann chuir Jeremiah litr a roghainnich e as a measg, gun a bhi air fhairicinn, na phocaid.

Mar so thuirt Jenkinsseg ol deoch slainteThe MacDodo— “While drinking his own wine, it would ill become us, ladies and gentlemen, not to celebrate the glory of the Great The MacDodo, of that ilk. He belongs to an ancient race. I am told his forefathers lived at the time of Nimrod, and that it is not at all true that his genus has been long ago extinct. ”Bha oraid tuilles fada air son a cuir a sios an so. Chan fhaod mi ach amperorationa chuir a sios—“And as the ages roll, the fame of the carnage wrought by them, encircling the head of each MacDodo with a saintly halo, increases in splendour. ”


Cho bochd ris an rocais.
Chaidh a chuisn a taois.
Cho dubh ris an oidhche.
Cul an leighis ris an leigh.
Cho luath ris na gatha-dubha.
Cho grad ri feodhrag cheitein.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Seall an so air son
SANUS UR
Air an ath Sheachdain.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHDS AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.



[39]

[Vol . 10. No. 5. p. 7]

Uinneagan Fosgailte.

Nach muladach an ni a bhi comhnuidh ann an tigh gun uinneig, mar a tha moran dhen t-sluagh bhochd ann an duthchannan na h-airden ear. Feumaidh an solus, an t-aileadh, agus gach sealladh air na tha mach tighn uca troimhn dorus. ’Nuair a dhuinear an dorus tha an tigh dorcha. Faodaidh neach suidhe stigh, agus an deigh sin moran fhaicinn agus ionnsachadh troimh na h-uinneagan fosgailte. Bidh sinn gu tric acluinntinn iomradh air dorsan fosgailtesg an samhlachadh ri cothroman a bhios againn air math a dheanamh. Smaoinicheamaid mar an ceudna air uinneagan fosgailte a leigeas a stigh solus agus eolas. Chan eil e daonnannar comas a dhol a mach a chur an gniomh na bu mhath leinn, achs ainneamh an t am nach urrainn duinn suil a thoirt a mach agus nithean fhaicinn. An sin faodaidh sinn a bhi beachd-smaoineachadh air na chunnaic sinn, agus a bhi ullamh gu dhol a machnuair a thig an t-am. Tha leobhraichean dhen t-seorsa cheartnan uinneagan fosgailte dhuinn. Tha iad anochdadh dhuinn na tha dheasbhuidh air muinntir eile, agus aleigeil a stigh gathan iongantach de dheolas ioma-seorsach. Tha leobhraichean matha afosgladh ar n-uinneagan ri neamh, agus asuidheachadh ar n-aignidhean air na nithean a tha shuas. Biodh ar n-uinneagan fosgailte, agus na deanamaid dearmad air amharc trompa. Thig eolas air nithean on taobh a mach ugainn an toiseach, agus an sin faodaidh an dorus fosgladh, agus theid àithne dhuinn ni-eigin a dheanamh.


Mu na h-Eirionnaich.

Bha mi thall nam measg an la-roimh-n’ -de, an uair a thainig fear mun cuairt a bhareiceadh chistean no chobhana beaga a ghleidheadh eudaichean, no nithe sam bith mar sin dhen robh curamga ghabhail. Dhiubh so bha lan cartach aig acheannaich dheth gach meud agus cumadh. Bha Eireannach bochd, luideagach ri taobh an rathaid aig an robh piocaid na laimh agus thubhairt fear na cartach ris, ‘Thig air t-aghaidh, aPhat, thig air t-aghaidh, agus ceannaich achiste bheag, bhoidheach so, aig am bheil deagh ghlas is iuchar, agus bithidh i ro fheumail dhuit, an uair a tha thu fad o ddhachaidh fein.’ ‘Carson, aghraidh mo chridhe, a cheannaichinnsa achiste sin?’ arsan t-Eireannach. ‘Carson, ach chum t-eudach a chur innte,’ deir am fear eile. ‘Seadh, seadh, than gnothuch ro mhaith;’ arsa Pat, ‘oir ann sin dhfhalbhainn ruisgte, oir chaneil snathainn eudaich air thalamh agam ach na luideagan breuna so a tha mu mcholuinn.’

Bha aon diubh a la roimh ag innseadh dhomheachdraidh fein, mu thuras a ghabh e as an duthaich aige air bord luinge gu Sasunn dhionnsuidh an fhogharaidh. Re na slighe bha e cas-imeachd sios agus suas, suas agus sios gun stad, air clar-uachdar na luinge agus an trassa lis ag amharc gu gear air aChaiptein gun lide a labhairt. Ach mu dheireadh, ’nam doibh a bhitarruing gu tir, thainig an cleireach mun cuairt, agus dhiarr e an t-airgiod-slighe air Pat bochd. ‘Air do shocair a nis, aGhraidh-geal me chridhe,’ deir Pat, ‘is cinnteach leam nach ceadaich an Caiptean ni co suarach ri sgillinn ruadh iarraidh air buanaiche bochd mar a ta mise, oir bha Onoir fein fianuiseach gun do choisich mi gach ceum dhen t-slighe.’

Chual mi lionmhorachd chomhraidhean iongantachnam measg, achsan am chaidh iad a mo chuimhne. Feudaidh mi innseadh dhuit mar a dheirich do Mhorgan Finnigan aon dhen luchd-oibre. Air la araidh o cheann ghoirid, bha duin-uasal agabhail an rathaid seachad air an obair agus bha Morgan Finnigan adol gudhineir, agus asiubhal dluth air sailtibh an duin’ -uasail. Bhan la grianach, blath; agus bha an duin’ -uasal asiabadh an fhalluis bharr a ghruaidhibh leneapicinn poca. Ann an uine ghoirid, dhionndrain e a neapicinn a bha aige o cheann mionaidna laimh, agus air tionndadh dha, rinn e greim air Morgan bochd air amhaich, agus thubhairt e ris gu frionasach, ‘Achrochair gun naire, ghoid thu mo neapaicinn-poca.’ — ‘Air do shocair, a dhuin uasail,’ arsMorgan, ‘air do shocair, na bi co cas, co bras, na co bruidhneach!’ Rinn Morgan strith chruaidh gu faotuinn as a lamhaibh, ach rinn am fear eile strith ceart co cruaidh chum a ghreim dhen Eireannach a ghleidheadh gus am faigheadh e an deagh neapaicinn-sioda a ghoideadh uaith. Mu dheireadh anns achomhstrith, thuit an ad o cheann an duin’ -uasail air an lar, agus thuit an neapaicinn-poca a mach as an aid air an rathad-mhoirTha mig iarraidh maitheanais ort, adhuine bhochd,’ ghlaodh an duin’ -uasal ris an Eirionnach, ‘rinn mi casaid-bhreigenadaghaidh, air duit a bhi neo-chiontach dhen mheirle a chuir mi as do leth. Fhreagair Morgan gu seimh, ciuin, agus thubhairt e; ‘Na cuir dragh sam bith ort fein mun chuisna cuireadh e trioblaid-inntinn s am bith ort, oir cha robh ann ach so, gun do ghabh thusa mise gu bhi am mheirleach, agus ghabh mise thusa gu bhinaddhuin’ -uasal, agus bha sinn le cheile air ar mealladh gu turnar barail.”

ALASDAIR RUADH.


Bha fear mor-as-fhein a deanamh fanaid an mnaoi oig a chionn i bhi creidsinn gun do shluig a mhuc-mhara Ionah, s bha e a cur cheisdean oirre nach robh furasda dhi a fhreagairt. “Oars ise ris mu dheireadh, “nuair a ruigeas mi neamh faoighneachdaidh mi sin de dhIonah fhein,” “Ach mur bi Ionah ann an neamh, gu den sin?” arsa fear nan ceisdean. “O mar bi,” ars ise, “faodaidh tu fhein fhaoighneachd dheth.”


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAR.

[Clàr - ama]


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
TELEPHONE No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO.
Phone 217
Sidni, C. B.
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[40]

[Vol . 10. No. 5. p. 8]

Oran air Blar na h-Olaind.

LE ALASDAIR MAC-FHIONGHAIN.

Air mios deireannach an fhoghair,
An dara latha, ’s math mo chuimhne,
Ghluais na Breatunnaich bhon fhaiche,
Dhionnsuidh tachairt ris na naimhdean;
Thug Abercrombaidh taobh na mara
Dhiù len cànain, ’s mi gan cluinntinn;
Bha fòirneadh aig Moore gu daingeann,
Cumail aingil ris na Frangaich.

Thriall Abercrombaidhs Moore na féile,
Len laoich éuchdach, thun a bhaiteil;
Tharruinn iad gu h-eolach, treubhach,
Luchd na Beurla ri uchd catha;
Nuair a dhlù na h-airm ri chéile,
Dhubhadh na speuran len deathaich;
S bu lionmhor fear a bhas an éisdeachd,
Nach do ghluais leis féin an ath-oidhch’.

Dhfhag iad sinne mar a bannsa,
Fo cheannardachd Mhorair Hunndaidh,
An t-òg smiorail, fearail, naimhdeil,
Nan teannadh ain-neart gar n-ionnsuidh;
Lebhrataichean sioda strannraich,
Rin cuid crann a damnsle muiseag;
S na fir a toghairts na Frangaich,
Biad mo rùinsa clann nach diùltadh.

Bhan leoghann colgarra gun ghealtachd,
Le mhìle fear sgairteil làmh ruinn;
An Camshronach garg on Earrachd,
Mar ursainn chathas na blaraibh;
Dhaontaich sinn mar aonsa bhaiteal,
Le faobhar lann sgaiteach stailinn;
Cha bu ghniomh ler laoich gun taise,
Faoineis air an fhaichle làmhaich.

Bhrùchd na naimhdean len trom làdach,
Air muin chàich an àite teine;
N uair fhuair Sasunnaich droch chàradh,
Phill iad on àraich nar coinneamh.
Ghlaodh Ralph uaibhreach ri chuid àrmunn
Greasaibh na Gàidheil nan coinnidh,
S tionndaidh iad an ruaig mar bàbhaist,
An dream àrdanach, neo-fhoileil.

Grad air an aghairts an àraich
Ghluais na saighdearan nach pillte:
Mar iolaire guineach, gun chaoimhneas,
Nach bfhurasda chlaoidh le mi-mhodh;
Thug iad sgrios nan gathan boisgeach,
Mar dhealanaich oidhche dhìlinn,
Ri sior iomain rompnan naimhdean,
S neul na falair roinn am pìcean.

Nuair a dhionndrainn a chonnspuinn
Morair Gòrdon o uchd buailte,
S a chual iad gun robh e leòinte,
Dhùraich iad le deòin an tuasaid;
Mar mhaoim do thuil nam beann mòra
Brùchdudh bho na neòil mur guaillean,
Lean iad an ruaig le cruaidh spòltach,
Gu fuilteach, mor bhuilleach, gruamach.

Bha Camshronaich an tùs a chatha
Air an losgadh mar an cianda;
Leonadh an ceann-feadhna sgairteil,
Ri còmhraig bhaitealach a liath e.
Gu sonraichtcoltach an dearcag,
S an fheoil nach taisicheadh fiamh i;
Mun chrom a ghrian fo cleòc-taisgte,
Phàidh sinn air an ais na fiachan.

Gedbha na Rìoghalaich bho Albainn,
Na fir ainmeil, mheamnach, phrìseil,
Fada bhuainn ri uair a gharbh chath,
S buaidh a bainm dhaibh ri uchd mhìltean;
Ghreas iad air an aghaidh gu colgail,
N uair a chual iad stoirm nam pìcean;
Mo chreach! luchd nam breacan balla-bhreac
Bhi le lasair marbh nan sìneadh.

Tha na Frangaich math air teine,
Gus an teannar goirid uapa;
S ann mar sin a fhrois iad sinne,
Ri deich mionaidean na h-uarach;
Ach, nuair dhfhaod ar laoich gun tioma
Dhol an àite buille bhualadh,
Bha roinn nan stailinne biorach
Sàthadh guineideach mun tuairmse.

Gum bi sin an tuairmse smiorail,
Chinnteach, amaiseach, gun dearmad;
Thug na leoghainn bhorba, nimheil,
Bu cholgail sealladh fon armaibh,
Ri sgiùrsadh naimhdean mar fhalaisg,
As driùchdan fallais air gach calg dhiù,
S bha Frangaich a brùchdadh fala,
S an cùl ri talamhsa ghainmhich.

Mar neoil fhuilteach air an riasladh
Le gaoth a biargalta séideadh,
Ruith nam baididh ceigeach, lia’ -ghlas,
An deigh an cliathadh as a chéile;
Chite na naimhde gun riaghailt
Teicheadh gu dian o uchd streupa,
S iad a leaghadh air am bialthaobh
Mar shneachd am fianuis na gréine.

Ged a phill sinn o ar dùthaich,
Cha dmhill sinn ar cliù an cruadal,
Bha sinn gach latha gan sgiùrsadh,
Mar chaoirich aig gan ruagadh;
Dhaindeoin an cuid slòigh gun chùnntas,
Tighn on Fhraing as ùr gar bualadh,
Bu leisg ar gaisgich gu tionndadh
Nuair a chòrd an Diùc rin uaislean.

N uair chuireadh am baiteal seachad,
S a dhàireadh ar gaisgich threubhach,
Bha iomad Gàidheals an deachaidh,
Le miad am braises an streupa,
Fuil a ruith air lotaibh frasach,
Bho luchd nam breacanan féilidh,
S i sior thaomadh leis na glacan
S truagh nach dhfhaod ar gaisgich éirigh!

S bochd gun sian orra bho luaighe,
On a bha iad cruaidh nan nàdur,
Fulangach gu dholsan tuasaid,
Guineideachnuair ghluaistan àrdan;
Cha robh math dan nàmhaid gluasad,
Dhiarraidh buaidh orras na blàraibh:
Chaill iad air an tràigh seachd uairean,
Tuilleadhs na bha bhuainsan àraich.

Nis on chuir iad sinn do Shasunn,
Ghabhail ar cairtealan geamhraidh,
Far am faigh sinn leann am pailteas,
Ged tha Mac-na-praisich gann oirnn,
Olar leinn deoch-slàinteMharcuis,
Ar gualann thaices ar ceannard:
Tha sinn cho ullamhs a ait leis,
Dhion a bhrataichean bho ainneart.


Rann don Leisg.

LE EOBHAN MAC-LACHUINN.

A leisg reangach, robach, dhuaichnidh,
Mallachd buan bho dhuan nam bàrd dhut!
S bochd an t-sian don bheir cluas dhut,
S dearbh nach dual gun dean e tàbhachd.
S fior an sgeul a sgriobh righ Solamh,
Nach robh sonas riamh ad ghlacaibh.”
A chairbh rag, gun sgrid, gun fhosgladh,
Trom-cheann, marbh, nach mosgail facal,
S ronngach, fàrdalach, gun rùth-bhalg,
Do sheann chlosach bhruchdach, lachdunn;
S miann leat coimhearsp bhuan an rosaid,
Dealbh na gorta sgaoil mu t-asdail;
Tim fon lùirich na dchuail chnàmhaich,
Reic thu Fàrrais air son cadail;
Dréin an Aoig na dghrod-chraos bearnach,
Do chràg chearr am muing do phap-chinn.
Sid an sluagh thug bith an tùs dhut,
A Mi-chùrams Dìth-na-sgoinne.
Slabhraidh theann do phraisich chruaidh ort,
S cheud punnd den luaidhe ddheireadh.

A Leisg throm gam bodhar spad-chluas,
S tun gadaicheshlad na h-aimsir:
Gedbhiodh mìle cuip ga dshlaiseadh,
Cha tig an stadaich á t-earball.
Sibhs anns am beil feum as dìreadh,
Ruithibh grad an tìm gu freagairt,
Mun cosgrar sibh fo shlait iarainn
Ban-mhaighstear iarnaidh na sgreatachd.


Bas.

Ann an Salamanca, New York, air an darra latha fichead dhen mhios a dhfhalbh, Iain D. Domhnullach, leth-cheud bliadhna dhaois. Rugadh esa Cheann Dearg, faisg air Baddeck, far am bheil athairsa mhàthair fhathast a fuireach. Chaidh e do na Staidean nuair a bha e mu fhichead bliadhna. Bha e ann an Salamanca o chionn faisg air ceithir bliadhna, ann an obair-leathrach. Bha ena fhear-ceairde ro mhath, agus rinn e moran airgeid lepatentsa thug e mach air son innealan obrachaidh leathrach. Dhfhàg e bean agus ceathrar chloinne. Tha iad sin aig a dhachaidh ann an Ceap Breatunn far an deachaidh a chorp a thobhairt gu bhi air adhlacadh. Tha dithis bhraithrean agus piuthar dha anns na Stàidean, agus piuthar eile ann am Baddeck. Bha e na dhuine coir, ’sna dheagh charaid, air an robh mor mheas aig na h-uile.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt,
faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Ceannachd Posta.
Tha sinn faisg ort cia be ait am bheil thu.. .. . ..
Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dhAirneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu ga iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir tainm ugainn air post card agus gheibh thu e.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


CLOIMH! CLOIMH!

THA sinn a paigheadh a phris as airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dhan stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.

Mills, Mac Coinnich & Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 5
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 5. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page