[41]

[Vol . 10. No. 6. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 9, 1901. No. 6.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.


LE SEUMAS N. MACFHIONGHAIN.

CAIB. XII.

CHAIDH an ùine seachad air a socair fhéin. Bham foghar seachad, agus a nis an geamhradh dlùth. Chaochail a choilles gach luibh an dreach bho uaine gu buidhe, agus a nis air seargadh, bha an trusgan a tuiteam gu làr leis a h-uile oiteag gaoithe, gus mu dheireadh an robh iad ruisgte, ’s coltas brònach, fuar orra.— “Dìreach,” arsa Calum, “an uair a bfheumaichiad air an trusgain chaith iad dhiubh iad.” Thòisich an latha air fàs gu math goirid, ’s an oidhchair fàs fada, fuar. Ach bha na Gàidheil ògacumail suas gu math. Cha do chaill iad dòchas nach fhaigheadh iad gu àite criosdail luath no mall. Bha iad na bu dòchasaiche nis.

Thachair do phàirt de na h-Innseanaich ògabhi mach aon latha sealg, agus air dhaibh tighinn air ais gu baile bha òganach na phriosanach aca, a bhuineadh do threubh a bha aon uair naimhdeil dhaibh. Cha robh saoghal fada air a bhith aig an duine bhochd nam biodh gach cuis a reir miann nan treun a ghlac e; ach air iarrtas Aonghais agus Chalum chaomhnadh a bheatha. Dhinnis am fear so, ma ta, gu robh e-fhéin agus a chàirdean astar fada mu dheas air an t-samhradh a dhfhalbh, ’s gum faciad daoiniongantach, ’s gruag a fàs air na h-aodainn aca, mar a bha air na Gàidheil fhéingu robh còignear ann dhiubh, ’s iad a dol an iar an canù air amhainn mhoir. Leis cho toilichtes a bhan duinòg so, an uair a thuig e nach robhas gus a chuir gu bàs, a réir cleachdadh a shinnsreadh rin cuid phriosanach, bha e air son a bhi frithealadh don dithis a shàbhail e anns gach dòigh. Be cheud ghniomh a rinn e, a nochdadh a thaingealachd dhaibh, deiseachan do bhian àluinn o làr gu mullach fhaicinn deante dhaibh, maille ri paidhir do bhrògan sneachda. Ged a bhan treubh ag amharc air an Innseanach òg so le malaidhean cromaoir be mac seann nàmhaid dhaibhghabh iad meas gu leor air mu dheireadh, a thaobh a ghaisges a thapachd anns gach dòighs na chuireadh deuchainn air. An ùine gun a bhith fada phòs e-fhéin agus Driùchd-a- chéitein, ’s chaidh mar so sìth a shéuladh eadar an da threubh, a bha o chionn linntean nan naimhdean guineach, agus aig nach robh fios ciamar a thòisich an naimhdeas an toiseach.

Thainig an geamhradh agus thainig am fuachdsa sneachda. A cheud latha bha gle fhuar, chuir na Gaidheil suas na deiseachan béin, agus rinn iad fhéin gaireachdaich gu leor leis a bhùchd a bhannta. Sheinn Calum, ’s e ag amharc air a charaid, mar so:—

“ ’Nuair chi mi fear air fàireadh,
Gur coltach e ri càmhull;
S chan aithnich mi, ’s e làmh rium,
An nàmhaid e na caraide.”

Nam bitheamaidsan trusgan so oidhchen Gleann Fraoich, Aonghais,” arsesan, “cha robh sìtheach, na glaistig, na doideag air an cualiad iomradh riamh, a chuireadh a leithid do dhoillt orra!”

An gabh thu smoc, a Chalum!” arsa guth aig uilinn Chalum, a thug air cha mhor leum as a bhrògan.

An tu sid, a Ni Math?” arsa Calum. “Gu ma h-olc dhut, a chreutair mhi-nàdarra! ’s nacheil uair a chluinneas mi guth Gàilig á dbheul nach éirich mfhalt air mo cheann!”

Bha Ni Math an déis tlachd mor a ghabhail dha na Gàidheil, agus ao-coltach richo-bhràithrean, bha e glé dheigheil air spòrs do sheorsa sam bith, agus mar a chaidh innseadh cheana, bha e tigheach air fiosrachadh is eolas mun t-saoghal as an tainig na daoine geala. Mar sin bha e air aghartachd mhor a dheanamh ag ionnsachadh na Gàilig, agus gu dearbh, mar thuirt Calum, bha e car mi-nadarra gun teagamh cainnt Oisean a chluinntinn o bhileabh Innseanach ann a fàsaichean America.

A dhaindeoin gach oidhirp a bha iad a cleachdadh, bhiodh iad tùrsach, brònach gu leor na uairibh, ged a bhiodh fiamh a ghàire fhéin air an gnùisga fhalach o cheile, agus bu tric na smaointeanan luasganach aca air tir nam beanns nan gleann. Bu thric, an uair a bhiodh na colunnan aca aig fois nan suain, a bhiodh an spiorad luasganach air sgéith, a cur cuairt air gach àitanns am babhaist dhaibh triall. Nach iongantach inntinn an duine, nach gabh fois a dhoidhche na latha gle thric. Nach mor an diomhaireachd a tha cuartachadh a chuspair so. Ach ma theid sinn a bhruidhinn air diomhaireachdan chì sinn iad anns gach nitha gar cuartachadh, anns gach feornainsan àchadh, agus mar as lugha ni sinn a rannsachadh air cuid dhiubh, ’s ann is ionnsaichte bhios sinn. Mar a dhainmicheadh, bhiodh iad iomadh uair trom-inntinneach gu leor; ’s mar bu trice, an uair a gheibheadh fear dhiubh e-fhéin anns an staid sin, air eagal dragh-inntinn a chur air an fhear eile, ’s mar an ceudna air son smaointean na bfhallainedhùsgadh suas, thogadh e airs rachadh e cuairt air feadh na coille. Ann an sin bhiodh e cinnteach á biadh smaointean ùr fhaotainn á cridhe nàduir, nach do rainig lamh duine fhathast, ged a bha i am maoidheadh aig laimh.

Air latha geal, grianach, reota, ’s an geamhradh air tighinn a stigh gu math, bha Calumga fhaighinn fhéin anns an staid inntinn sin. Thog e leis an gunna, ’s ann an tiota bha e á sealladh am measg nan craobh. Greis na dheigh sin thog Aonghas e-fhéin air, ’s lean e lorg Chalum. Lean e i mìle na dhasan t-sneachda, agus thainig e gun fhios air Calum na shuidhe air craoibh a bha na sìneadh, ’s a dhruim ri te eile. A réir coltais cha deach aige air a smaointeanan a chumail air na bhag a chuartachadh, oir bha e le guth tiamhaidh a seinn an òrain a leanas, ris an can sinnA Ghàidhealtachd àluinn”—

O, ’Ghàidhealtachd àluinn, nan àrd-bheanns nan glinn,
Nan gorm-choilltean blàthmhor tha fàs na do thir:
Than diughchuid as fhearr dhith na fhàsaichs na fhrith,
S tha caoirich an àite nan àrmunn bfhearr brigh.

Than sluagh bhann air fhàgail, ’s gach cearn chuir iad linn,
Gun dfhuair iad a bhàrlinnn deigh annradh fo chis,
A dhfhuadaich thar sàil iad, gun fhàirdinn, gun ni;
S tha dùthaich mo ghràidhdol fo ghràisge gun chli.

Ach dhfhàg na Gàidheil cho sàmhachs cho min?
Nach ddhùisgeadh an nàdar, mar bàbhaistsan t-stri?
S le aontachadh làidir, mar bha iads gach linn,
Gun cumte buaidh-làrach na thràth dhaibh le cinnt.

S e tir nam beann àrdathug bàrr air gach tir,
Le fraochs glaine fàileadh a fàs air gach druim;
S gur boidheach na bàigh thas gach àite na dthir;
S tha maoin na do shàile thog sàr-laoichs gach linn.

Than oigridhs gach àite chaidh àrach na dfhonn,
S farm bfhaoilidh luchd-àitich na làraichean lom;
Cha chluinntear ann Gàilig,na dàin airm bith loinn,
Ach glaodh chaoirich-bhàna, na gàirich nan tonn.

Tha pàirt dhiubhs gach àitebheil nàmhaid ri foill,
Len dluth osain ghearra, ’thug bàrr air na Goill;
Bu shiubhlach air blàr iad, ’s bhiodh nàmhaid gun chonn
Nan sineadhsan àraich le lamhach nan sonn.

S gach cunntais thug càch dhuinn air blàraibh bhiodh trom,
Bha biuthas nan àrmunn gle àrd anns gach fonn;
Gun churam romh ghàbhadhfir thàbhachdach, throm,
Dhan dùthchas aGhàiligsid cànain nan sonn.

Bu lionmhor Balàam bha ri fàbhachd gun bhonn,
Gu siubhladh a Ghàilig gun dàil as an fhonn;
Bho thùs bha i làthair, gun fhàillinn na com,
S cha chaochail gu bràth i, gun tràthar gach tonn.

O, ’Ghàidhealtachd àluinn, nan àrd-bheanns nan glinn!
Nuair chiaras mo laths bhios am bàs rium a stri,
Bu mhiann leam bhin tràth sin lem chàirdean na dthir,
S mo shuain bhi gu bràthn gleannan àillidh mo chri’.

Chum Aonghas e-fhéin am falach gus an robh Calum reidh dhen òran so. An uair a chaidh crìoch air, nochd e e-fhéin ag ràdh, “Gabh mo leisgeul, a Chalum, air son do leantuinn, ach dhfhalbh thu gun fhios dhomh, ’s bha toil agam fhìn sgriob a ghabhail cuideachd. Ach, a charaid, a charaid, co shaoileadh air a ghuth thiamhaidh, chianail leis an robh thu seinn an orain ud, gu robh Calum éibhinn mar ainm riamh ort? Tha eagal ormsa gun caill mi mo charaide cuireadach, ma theid e gu bàrdachd, ’s nach fhaic mi nis sealladh air, ach ag osnaichsa falbh le solus na gealaich, lefhalt fada leughadh na speur, ’s ag éisdeachd bhios na h-eòin ag ràdhs na flùraichean min-gheal, bòidheach.”

Siuthad, siuthad, Aonghais. Nam biodh fios na fàth agamsa gun robh prionnsa mar tha sibhse ga méisdeachd, bha fonn eile air a bhith air mòran; ach tha gach cùis gle fhreagarrach fhathast. Bha mise gun phosta suidhichte sam bith san dùthaich so, a chinn cho fàbharrach dhutsa uige so. Tha thu fhéin na drigh air an Fhéinn( ’s be na fiantaichean iad, da rireadh!) ’s bidh mise nis na mOisein agaibh gu bhi luaidhur n-euchdan, los gum biur n-ainm neo-bhàsmhor!”

“ ’S e gle bheag a bha ri chluinntinn mar n-euchdans na rannan ud, a Chalum.”

Tut, a dhuine! cha robh mi ach a gleusadh mo ribheid, mum meirg i air choinneamh chuspairean as freagarraiche. Ach tha mi smaointean, Aonghais, ’s tha e iongantach cuideachd, air cho fior neònachs a tha daoine. Nach iomadh uair a fhuair thu thu-fhéin dubhach, trom-inntinneach, gun reusan sam bith, agus aig amanaibh eile, ’s dochanuair a bhiodh beagan reusain agad air a bhi mar sin, gheibheadh tu thu-fhéin aotrom, sòlasach, ’s nach burrainn dhut innseadh dhut fhéin car son.”



[42]

[Vol . 10. No. 6. p. 2]

Cha robh fios agam gun robh na thubhairt mi roimhe cho fior a thaobh mi bhi dol a chall mo chompanach cridheil, a Chalum, ’s na àitagam an so creutair iongantach cho stòlda ri comhachaiguair a bàrdachds ag osnaich, ’s uair a rannsachadhs a mìneachadhle aghaidh cho fad ris a chlobha, mu cho iongantachs a than cinne-daonna, ’s gnothuichean sniomhanach, toinnte eile, a chuir iomadh fear a dhithe an fheoir a- thug ionnsuidh air an réiteach. Tha dòchas agam nach éirich sin dhutsa, a Chalum. Chaneil a dhith ort ach do dhinneir. Chi sinn gur e ceathramh féidh air a ròstadh as fhearr gus na neòil dhubha, dhuaichnidh sin fhuadach bharr na h-inntinn agad, na ged a bhithinnsa bruidhinn gu latha bealltainn.”

Cha bu donidir e, nam biodh salann air,” arsa Calum, ’s coltas a bhròin air. Rinn e sin gàire cridheil, a fhreagair gach craobh mun cuairt, ’s a toirt sgaile do dhAonghas san druim, thuirt e ris, “Cha donan comhairleach thu idir, a charaid. Cha bolc do ghnothuchsa chùbaid, ach thu chumail o dhearbhadh cruaidh. Nan rachadh tu uige sin cha seasadh cùbaid iaruinn dhut!”

Dhfhàg iad an sin Lag-nan-Rann, mar a bhaist Aonghas am bad, ’s thug iad an aghaidhean air a a bhaile. Ma bhan corr seanachais eatorra cha chuala sinn; bhachoille cho tiugh, ’s ceum Gàidhealach aig na gillean.

(Ri leantuinn).


Sgeulachdan Arabianach.

CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.

CAIB. VII.

BHA Deridhabar acaoidhs atuireams alabhairt air an doigh so car uine mhath, agus i sior amharc air Codadad, ged nach robh e cluinntinn facal dhe na bha ig radh. Ach ged a bha e gun fhaireachadh, cha robh e marbh. Cha bu luaithe a thug i an aire gun robh an anail sios is suas annna ghrad dhfhalbh i cho luaths bhaice don bhaile mhor a chunnaic i fada uaipe air achomhnard, feuch am faigheadh i lighiche. Threoraicheadh gu taigh an lighiche i; agus an uair a dhinnis i dha mar dhfhag i Codadad, ghrad dhfhalbh e comhladh rithe. An uair a thainig iad a dhionnsuidh na buthadh anns an dfhag i Codadad, cha robh cnaimh dheth ri fhaighinn. Smaoinich iad gun dthug uilebhiast air falbh e, agus gun dith i e. Thug so air Deridhabar a dhol gu caoidhs gu tuiream buileach glan. Bha truas mor aig an lighiche rithe, agus o nach robh e toileach a fagailna h-onar air achomhnard, thuirt e rithe gum bfhearr dhi tilleadh don bhaile, agus comhnuidh a ghabhail car uine anns an taigh aige fhein.

Dheonaich i so a dheanamh. Thug an lighiche leis i da thaigh fhein, agus ged nach robh fhios aige gum bu nighean righ i, nochd e urram agus caoimhneas nach bu bheag dhi. Rinn e na burrainn e gus a bron aotromachadh, ach mar bu mho a bheireadh e de chomhairlean oirre, is ann bu truime a bha a bron afas.

Air latharaidh labhair e rithe mar so: “A bhaintighearna, mas e bhur toil e, bfhearr dhuibh gach mi-fhortan troimhn deachaidh sibh innseadh dhomhsa. Innsibh dhomh co sibh, agus ciod i an duthaich dom buin sibh. An uair a gheibh mi fios air an t-suidheachadh anns an robh sibh, agus air gach cruaidh-fhortan troimhn deachaidh sibh, is docha gun teid agam air comhairle a thoirt oirbh a ni feum dhuibh. Tha sibhg ar cur fhein fo amhghair gun stad, agus chaneil sibh asmaointean gum bheil leigheas ri fhaotainn air son gach galair as miosa na cheile.”

Thug na briathran so a labhair an lighiche rithe tomhas mor de mhisnich dhi, agus dhinnis i dha a h-uile car riamh mar a thachair dhi. Agus an uair a chuir i crioch air a h-eachdraidh, thuirt an lighiche rithe: “A bhaintighearna, on a tha cuisean mar a tha iad, ceadaichibh dhomhsa innseadh dhuibh nacheil e ceart dhuibh sibh fein a thoirt thairis do bhrons do lionn-dubh. Bu choir dhuibh seasamh gu laidir an aghaidh na trioblaid agus abhroin, agus an dleasdanas sin a dheanamh a tha coir agaibh mar mhnaoi air a dheanamh. Tha coir agaibh an dioghaltas trom a dheanamh air na daoine e chuir bhur fear-posda gu bas. Ma thogras sibh fhein, theid mise comhladh ribh far am bheil righ Harrain. Is e righ math agus ceart a thann. Cha bhi agaibh ach innseadh gu soilleir dha mar a chuir a bhraithrean Codadad gu bas. Tha mi cinnteach gun dean e lan cheartas.”

Tha mi ag aontachadh leis a h-uile facal a tha thug radh,” arsise: “is e mo dleasdanas feuchainn ri dioghaltas a dheanamh air son bas Chodadad; agus on a tha thusa cho caoimhneils gum bheil thu toileach falbh comhladh rium, tha mi deas gus falbh anns amhionaid.”

Cha bu luaithe a thuirt i so na fhuair an lighiche da chamhal deas, agus mharcaich Deridhabar agus e fhein gus a dhol gu ruige Harran.

Stad iad aig acheud taigh-osdathachair riutha, agus dhfheoraich iad de dhfhear an taigh-osda an cuale an robh naigheachd ur sam bith ann an luchairt an righ.

Tha trioblaid-inntinn ro mhor an cuirt an righ aig an àm so,” arsesan. “Bha mac aig an righ, a bhafuireach uine mhor anns an luchairt, agus an righ an duil fad na h-uine gur e coigreach a bhann. Chan urrainn duine sam bith innseadh caite an deachaidh e, no ciod a dheirich dha. Bi Pirouse, aon de mhnathan an righ, bu mhathair dha. Rinn i h-uile forofhais a ghabhadh deanamh air a shon, ach cha chualas guth no iomradh ma dheidhinn. Tha h-uile duine fo churam ma dheidhinn, oir bha ena dhuinog ro chliuiteach. Tha da fhichead mac agus a naodh aig an righ o chaochladh mhathraichean, ach chaneil a h-aon diubh a thigeadh suas ri Codadad a tha nis marbh. Tha mi ag radh gum bheil e marbh, oir tha e neo-chomasach gum biodh e beo fhathast o nach cualas guth no iomradh ma dheidhinn a dhaindeoin na rinneadh de dhfhorofhais air a shon.”

An uair a chualan lighiche an naigheachd so o fhear an taigh-osda, thuig e gu math nach robh doigh sam bith a bfhearr do Dheridhabar a ghabhail na dhol far an robh Pirouse. Ach dhfheumadh iad a bhith air am faicill mun gabhadh iad an ceum ud, do bhrigh gun robh cunnart rompa. Bha aobhar eagail, nan cluinneadh mic an righ gun dthainig abhean a bhaig Codadad am brathair don luchairt, agus gun gabhadh iad amhrus car son a thainig i, gum feuchadh iad ritoirt air falbh mum faigheadh i cothrom air bruidhinn ri Pirouse. Thug an lighiche na cuisean so fa near le mor churam, agus cha do dhichuimhnich e gum faodadh e a bheatha fhein a chur ann an cunnart mar an ceudna. Air an aobhar sin thug e air abhana-phrionnsa fuireach anns an taigh-osda am feadhs a biodh e fhein agabhail fabhuir aig an luchairt, a chum gun biodh fios aige ciod an doigh bu shabhailte anns an tugadh e i far an robh Pirouse.

Chaidh e don bhaile, agus choisich e air a shocair fhein an rathad a bhan luchairt, mar gum biodh toil aige an luchairt fhaicinn. Agus mar a bha ecoiseachd air aghart, thachair bean-uasal air agus i marcachd air miuleid air an robh acfhuinn anabarrach riomhach. Bha aireamh mhor de mhnathan coimhideachd amarcachd air miuleideanna deigh, agus mar an ceudna saighdearan agus seirbhisich. Mar a bha abhean-uasal so adol air aghart troimhn bhaile, bhan sluagh gu leir astad air gach taobh dhen t-sraid gus an rachadh i seachad orra, agus ataisbeanadh mor umhlachd dhi.

Thug an lighiche dhi an t-urram air an robh i dligheach mar a rinn achuid eile dhen t-sluagh. Agus an uair a chaidh i seachad air, dhfheoraich e de chaladair a thachair a bhith dluth dha, an e te de mhnathan an righ a bhann. “Is e,” arsan caladair, “agus is i an aon is mo air am bheil de mheas aig an t-sluagh, a chionn gur i as mathair do phrionnsa Codadad, air an cuala h-uile duine iomradh.”

Cha dfheoraich an lighiche an tuilleadh cheisdean, ach lean e Pirouse don eaglais, far an deachaidh i a thoirt deirce do na bochdan, agus gus a bhith aig an urnuigh fhollaisich a dhordaich an righ a bhith deante as leith a mhic Codadad.

Bhan sluagh fo mhor dhragh mu dheidhinn Chodadad, agus chaidh aireamh mhor dhiubh don eaglais a dhurnuigh comhladh ris na sagairt.

Chaidh an lighiche troimhn chuideachd gus an draining e am freiceadan a bhann an cuideachd Pirouse. Stad e anns an eaglais gus an do chuireadh crioch air na h-urnuighean. Agus an uair a chaidh Pirouse am mach as an eaglais, chaidh e far an robh aon dhe na seirbhisich, agus thuirt e ris, “A bhrathair, tha diomhaireachd mhor agam ri innseadh don bhana-phrionnsa Pirouse; am bi thusa cho mhaths gum faigh thu doigh air mo thoirtna lathair an uair a theid i don luchairt?”

Ma bhuineas an diomhaireachd sin do Chodadad,” arsan seirbhiseach, “theid min urras gum faigh thu eisdeachd an diugh fhein; ach mas ann mu ni sam bith eile a than diomhaireachd, chaneil feum sam bith dhuit a dhol a bhruidhinn rithe; oir tha a cridhes a h-inntinn suidhichte gu buileach air a mac, agus chan fhuiling i iomradh a thoirt air rud sam bith eile.”

Fhreagair an lighiche, agus thuirt e, “Is ann a mhain mu dheidhinn a mic a tha toil agam bruidhinn rithe.”

Ma tha sin mar sin,” arsan seirbhiseach, “chaneil agad ach ar leantuinn gus an ruig thu an luchairt agus gheibh thu cothrom air bruidhinn rithe ann an uine ghoirid.”

(Ri leantuinn.)


Calanas.

LE K. W. G.

THA banas-tighe na mnatha Gàidhlich air atharrachadh cho mòr o cheann leth-cheud bliadhna, tha na seann chleachduinnean air dol uibhir air chùl gum feumar dol air ais gu àm ar sean-mhàthair gu fìor bhanas-tighe Gàidhleach a chur fa chomhair muinntir an -diugh. Tha so fìor gu sonruichte a thaobh biadh, agus aodach. A thaobh banarachas, am feadh nacheil e comasach ìm no càise nas feàrr fhaotainn an diugh na bhair a cheapaireshin ar sean-mhàthair dhuinnn ar n-òigean t-ìm air a chur air leis an òrdaigam feadh a tha e neo-chomasach uibhir mhùthaidh a thoirt mun cuairt ann an giollachd abhainne, gidheadh chan ionann acfhuinn, chan ionann soithichean, chan ionann dòighean a thaig a bhanaraich an diugh seach mar a bhaig bean tuathanaich, no cuachag na h-àiridh aig toiseach an linn so. ’S iad dòighean, agus briathran ar màthraichean a tha air an cur sìos anns an sgriobhadh a leanas, ctha iad ri fhaotainn ann an leabhraichean no nacheil.



[43]

[Vol . 10. No. 6. p. 3]

Far am bheil ainmean ás aBeurlamar, tea, soda, citsin, etc., a tha air tighinn a stigh do ar cànain le nithean ùr, no Gallda, tha iad air an comharrachadh le sgrìob den pheann fodhpa.

Tha aineam a tha dol air chùl, agus nacheil mòran den mhuinntir òg a làn-thuigsinn, air am mìneachadh air leth.

CALANAS.

Ainmean ealanta na Gàidhlig air son calanas, agus gach seòrsa obair mun chlòimhe, on rùsg gus an t-aodach deas, glan: —tha so afileadh a stigh ainmean nan dath a tha dùthchasach don Ghàidhealtachd; agus an luathadh.

AN OLANN.

Ged nach eil sinn agabhail os-làimh seòlaidhean a thoirt seachad tha ni no dhà as fhearr a chomharrachadh mun obair. Cumaidh echuid a leanas nas cruinneala ma théid gach ceum fa-leth den obair a chur aig an fhìor thoiseach.

OIBREACHADH NA H-OLAINN.

Seòrsachadh na clòimhe; Nigheadh na clòimhe; Tiormachadh na clòimhe; Cìreadh na clòimhe; Armadh na clòimhe; Càrdadh an clòimhe; Sniomh na clòimhe; Crioseadh an t-snàith; Dath an t-snàth; Tachras an t-snàth; Figheadh an t-snàth; Luathadh an aodaich; An Clo a churs aChoinneal.”


NA SEORSACHAN AODAICH COITCHEANN.

Breacan de na h-uile seorsa; Cealtair; Clò; Cùbhrainn; Drògaid; Brataichean; Plaideachan; Caimleid; Teamain.


A RUSG, AGUS AM MARACHANN.

Than rùsg air a thoirt bhàrr na caora bheò le deamhas a Chìbeir. ’S e am marachann an craicionn a tha air fheannadh bhàrr caora mharbhc chaidh a marbhadh, nabhàsaich i.

Tha craicinn don t-seòrsa so glé bhitheannta air an glanadh air latha nigheadaireachd, anns an t-sapull làidir anns an deachaidh na h-aodaichean geal a bhogadh; an déigh sapull glan eile, agus an sruladh, tha iad air an crochadh air callaid na h-iodhlann gus an sruth iad. An uair a tha iad tioram gu bhi air an spionadh tha an craicionn air a chur air cùl cathair dlùth air an teinetha e furasdan spìonnadh ris a bhlàthasle craithleag ghlan foidhe, a chum gun tuit gach badan innte mar a spìonar e. Tham bunach afuireach air an t-seichedem bheil beanntag air a dheanamh. Tha achloimhe deas gubhi air a dath.

Chaneil an olann so air a cunntas cho fhìor mhath ri clòimhe nan rùsg, ach tha i math gu leòir air son co-thlamadh, ann an clò, no aodach cumantas am bith.


TEAMAIN AGUS CAIMLEID.

Ben teamain aodach grinn, cruaidh, seasmhach air son deise chaonnta shamhraidh nam fear, agus aodach caonnta nam ban aig àm air bith. Bann deth a bha cleoca ar seanair air a dheanamh, a bha de dhath uaine dorcha, fìor bhòidheach. Tha cuimhnagainn, mar an ceudna, air còta dheth fhaicinn, gach latha Dònach air seann choimhearsnach còir. Bhan còta so mar a thaOran LuathaidhDhonnacha Bhàin ag innseadh

… “Brionnach, ballach, ciatach,
Triuchanach, stiallagach, gathach;

Snath cho ruithinn ris na teudan,
S e cho réidhs a dhfheudte shnaitheadh:

Cha robh pluc, no meall, no gaog ann,
No gìog chaol, no sliasaid reamhar.”

Bann de bhreacan Chlann-Choinnich a bha e, ’s bu shnasmhor, bòidheach, mìn an t-aodach a bhair an t-seann duine.

Bhan Teamain air a dheanamh den olann a bfhaides a bu ghrinne; bha i air a clàdadh ás achuid eile.

Bha achlòimhe air a h-oibreachadh anns gach dòigh mar an lìon, ach gum beclàda bainm do sheiceal na clòimhe. Bhan clàd mu o òirlich air fad, le dealgan fada iaruinn, crom aig am bàrr; bha e cìreadh na h-olainn an àite nan càrdan a bha air son na h-olainn eile. Cha robh achloimhe air a deanamhn a rolagan, achna boitein, air a cur air cuigeal, agus mur a robh cuibheal-lìn a stigh, rachadh achuigeal a shuidheachadh gu daingionn os-ceann a chirein, anns achuibheal choitchionn. Bhan snàth air a thoinneadh gu cruaidh caol, am feadh a bha abhan-shnìomhaiche acoiseachd air aiss air adhart, mar aig sniomh an lìn. Bann leis an t-snàth chruaidh, chaol so a bhan t-aodach olainn uile air fhuaigheall. Theirteadhsnàth-toinnteris, agus bha e cho caol ri snàth-lìn.

Bhan t-aodach so bitheantan a bhreacan dorcha-dearg, agus dubh-ghorm, le shnàithne geal, na buidhe, aruith tarsuing trompa gach rathad. Bhan teamain air a dheanamh aig an tigh air an doigh so, de chlòimhe a mhàin, agus drillseagach coltach ri siodamoire.”

Ach bhatar adol timchioll air deanamh an aodaich so air dòigh eile. Rachadh an olann a chlàdadh, ’s a shniomh, agus fhigheadh; an sin rachadh an t-aodach a chur do mhuileann Gallda gu bhi air a dhath, a luathadh, agus a ghrinneachadh. Bi so achungaidh ris an abradh ar màthraicheanCaimleid.” Gheibhear an seorsaodaich soair a dheanamh anns gach ponc a réir an dòigh soanns na muileann mora Gallda fon ainmWoollen .


LUATHADH AN AODAICH.

Tha eadhoin am muileann-luaidh air dol air chùl an ioma àite, gun ghuth air na mnathan a thòiseachadh air an obair, a chionn thachlòimhe air a càradh air falbh dìreach mar a tha i air tighinn bhàrr na caora, a dhionnsuidh nam muileann Gallda. Ach faodar an obair so fhaicinn fathasd anns na h-eileanan, far am bheil na mnathan, mar a babhaist, chan e mhain asnìomh, adath, ’s aluathadh, ach afigheadh an aodaich, agus gu bitheanta atoinneadh snàth nan stocaidh leis an dealgan.

Ann am paipeir a chaidh a leughadh aigCéilidh nan Gàidheal,” le Iain Mac Phàidein, ann an Glasacho air aGheamhradhchaidh thairis, tha cunntas cho taitneach air an obair so, gun toir sinn cuid deth seachad an so. Tha eg ràdh: “Bha atharrachadh dòigh aca air luathadh ann an cuid do àiteannan seach àiteannan eile, ach chan fhaca mi riamh ann am Muile ach an cliath.

Rachadh an dorus mor a thoirt bhàrr nam bannaibhbha cliath air a curna sìneadh air fuirm, cho ìosals a ghabhadh i cur, ach gum feumadh ibhi cho àrds gum faigheadh iad an glùinnean a stigh foidhpe, bha so atoirt an tuille cothrom dhoibh air buillean a bu truimethoirt air a chlò, agus chluinnte faobhar trom achléithafreagairt ris gach fonn a bha iad aseinn, agus bu taitneach a cho-sheirm a dheanadh iad agus biongantach an co-chòrdadh anns an seinneadh a h-uile guth a bhiodh an sud.


Oraid Ghailig.

LE UILLEAM MAC AOIDH.

BHA an òraid so air a labhairt aig co-sheirm Comunn Gailig Inbhirnis, a bha air a cumail air a 25mh latha dhen mhios a chaidh seachad. Be Mac-an-Toisich, ceann-feadhna na fine, a bhasa chathair.

Ic-an-Toisich agus a chairdean,— ’Nuair a dhiarr co-chomhairle a Chomuinn Ghailig orm facal no dha thoirt dhuibh an nochds an t-seann chanan, cha robh mi idir toilichte sin a dheanamh, oir bha fior fhios agam gun robh iomadh fears achomunn a chuireadh achuis air a chulthaobh moran ni bfearr na chuirinn-sa. Achs ann a fhreagair mo sheann charaid, Donnachadh Mac-an-Toisich, run-chleireach aChomuinn, gur mi bha faoin a bhi ri leithid abhruidhinn, oir gur mi a sgriobh a cheud oraid Ghailig chaidh riamh a leubhadh don Chomunn, agus gur e-fheinus mise, agus gruagach no dha, a sheinn a cheud oran Gailig a chaidh sheinns an talla so. Bha Donnachadh ceart gu leoirach chaidh deich bliadhna fichead thairis oirnn on am ud, agus air mo shon fhein chaneil mo theangadh a nis cho subailtes aGhailigs a bha i. Ach, coma co dhiubh, ’nuair a runaicheas an run-chleireach gun sgriobh no gun labhair thu, cha dean e feums am bith dhut a dholna aghaidh; agus, le sin, tha mise an so an nochd. Deich bliadhna fichead! Chan olc an aois sin don Chomunn Ghailig. Air an ceathramh latha de mhios mheadhonaich an fhoghair 1871 leubh Gaidheil Inbhirnis na facail sos aChourier” —facail, faodaidh mi innse, a chuir mi-fhein don phaipeir:— “Tha e air a runachadh Comunn Gailig a chuir suas anns a bhaile so; uime sin, tha e gu h-araid air iarraidh air gach neach leis am miannach an gnothach fhaicinn a soirbheachadh, cruinneachadh ann an Seomar Uachdarach Co-chomuinn nan DaoinOga aig ochd uairean an nochd (Diardaoin) .” Chaidh achoinneamh a chumail, agus chaidh an Comunn a chuir air bonn, agus, mar tha sibh a faicinn, tha e beo fhathast. Anns na laithean a chaidh seachad shoirbhich e gu ro shonruichte, agus chan e mhain gun do chuir e a mach moran leabhraichean, ach rinn e moran ann an iomadh doigh gu cliu na Gailigethogail, agus tha meas air an t-seana chanain a nis anns gach cearnaidh dhen t-saoghal. Tha daoine foghlumta ga h-ionnsachadh ann an tiribh cein, agus tha paipeir naigheachd a tighinn gar n-ionsuidh gach seachdan a CanadaMac-Tallaanns nacheil facal Beurla. Chaidh an lath’ -roimh paipeir Gailig eile a chuir air bonnan Siorrachd Obaireadhain le oganach uasal a tha ro chruaidh air taobh na canainStiubhart Raudri Ersein. Ach ma rinn an Comunn gu maith, is mor chaill e air an t-slighe. Cait a nis am beilna bhaig a cheud choinneamh o chionn deich bliadhna fichead? Cait am beil Tomas Mic-Coinnich, Sgoil-an-Tuim; Alasdair Dalais, cleireach a bhaile so; Iain Mac-an-Toisich, Old Academy; Alasdair Mac-Coinnich, Clachnacudain; Aonghas Domhnullach, ceud bhard aChomuinn; agus Rob Domhnullach, maighstir-sgoil na Gailige? Tha, mo chreach, anns an dachaidh bhuain. Thuit iad, fear an deigh fear, mar a thuit cuideachd Tighearna Chluainidh, Sir Coinneach Ghearrloch, Dr MacLachuinn, Dr Stiubhart, an t-urramach Anndra Mac-Coinnich, an t-urramach Alasdair Mac-Griogair, Tearlach Friseil Mac-an-Toisich, Professor Blackie, an siorradh Domhnullach, Cailean Siosal, agus iomadh sonn eile a chuidich leinns na laitheanchaidh seachad. Than sealladh air ais, mar sin, ’na shealladh cianail; ach tha aobhar taingealachd againn gum beil cuid dhe na bhaig acheud choinneamh an lathair fhathast. Tha Iain Mac-Mhurchaidh air taobh nan Gaidheal mar a bu dual; tha Iain Domhnullach, an Exchange, cho smiorails a bha e riamh; tha Uilleam Mac-Coinnich a cumail ceart na croitearan; tha Seumas Barain, a stiuradh a’ “Chourier;” ’se Donnachadh Mac-an-Toisich, runaire aChomuinn; tha mo brathair Tearlach fhathast a caitheadh nam brog; agus tha mi-fhein mar tha sibhga mfhaicinn. Re nam bliadhna a dhfhalbh dheirich daoinogan ar measg a tha tapaidh agus foghlumta, agus chaidh fear dhiubh, Alasdair Mac-Bheathain, a dheanamhna dhochtar le Oil-thigh Obair-readhain o chionn ghoirid, air bhonn eolais na Gailige. A chairdean, than Comunn da rireadh a soirbheachadh, agus chaneil sinn ag iarraidh an nochd ach gun cuidich na daoin oga sinn gu dileas ris, agus gun lean iad gu dluth ri cliu an sinnsre.



[44]

[Vol . 10. No. 6. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OGUST 9, 1901.

Tha Breatunn, Canada agus Australia acur mu dheidhinn càball dealain a leagail anns aChuan Chiùin eadar Canada agus Australia. Tha Breatunn adol a phàigheadh da mhillein punnd Sasunnach dhen chosguis, agus pàighidh Canada agus Australia an cuid féin. Cha bhi cuid Chanada os ceann ceithir millein dolair. ’Nuair a bhios an càball so air a leagail, faodar fiosan a chur ceithir thimchioll an t-saoghail, gun a dhol troimh dhùthaich na àite sam bith nach eil fo chrùn Bhreatuinn. Tha Breatunn agus acoloniesgun teagamh a teannadh dlùth ri chéile.

Tha riaghladh Shina air son cis an opium a tha dol a stigh don dùthaich sin àrdachadh, ach chan aontaich Breatunn ri sin, air eagal gun cuirear maille air malairt an stuth sin anns na h-Innsean. Tha an t-opium na stuth cronail, agus bha riaghladh Shina deònach o chionn fhada a chumail as an dùthaich gu buileach, ach cha cheadaicheadh Breatunn sin; agus chaidh i aon uair a chogadh air son am malairt truaillidh a sparradh air na Sineich gu boil leotha. Tha ena ni nàr do Bhreatunn a bhi deanamh a leithid so, agus bidh dòchas aig daoine nach fhada gus an sguir i ghabhail làmh ann an gnothuch cho aingidh.


Tha e nis air innse nach eil cinnt sam bith gu bheil am bàrr anns na Staidean cho fior dhonas a bhatar ag ràdh. Tha còmhlan dhaoine ann am baile New York a bha gu dichiollach asgaoileadh na droch naigheachd a chums gum biodh pris an t-sil air àrdachadh, agus gum biodh cothrom aca féin air tuilleadh saoibhreis a dheanamh. Tha e car neonach gun rachadh aca air an fhirinn mun chùis a chumail air ais, ach tha e coltach gun teid. Tha cuid de dhaoine a mìneachadh nan naigheachdan mun bhàrr a tha tighnn as na Stàidean an Iar mar so: Nuair a bhios na fiosan ag radh gu bheilcallair a dheanamh air a bharr, chan eil call idir ann; nuair a their iad gu bheilcall morair a dheanamh, tha call beag ann; agus nuair a their iad gu bheilcall iomlanair a dheanamh air, tha an call cuimseach mor. Chan eil teagamh nach eil am mìneachadh so gu math fior a thaobh nan Stàidean, ach tha aobhar againn a bhi taingeil nach eil, gu ruige so co-dhiu, feum sam bith air luchd-mìneachaidh air son nan naigheachdan a thig á taobh an Iar Thuath Chanada, oir tha na fiosan sin fior gu leor, agus chan eil duine no daoine sam bith gan uisneachadh air son am pòcaidean féin a lionadh.

Air an t-seachdain sa chaidh chuir aPhàrlamaid Bhreatunnach ceud mile punnd Sasunnach air leth air son a bhi air a thoirt don Mhorair Roberts mar dhuais air son a dheagh obair mar cheannard airm ann an Africa mu Dheas. Gun teagamh sam bith bu mhath a choisinn Roberts a dhuais, agus cha robh an t-suim a thugadh dha idir tuilleadh us mor. Mur biodh a sheanailearachd-san, bha na Boerich air Kimberley agus Ladysmith a ghlacadh, agus daors gu robh an cogadh mar a bha e, bhiodh e na bu ro-dhaoire nam biodh aig an arm Bhreatunnach, a bhàrr air na rinn iad, ris na bailtean sin a chosnadh bho na naimhdean; bhiodh an cogadh moran na bu leantalaiche, agus na bfhuiltiche na bha e. Chaidh na Boerich am misneach gu mor nuair a thuig iad nach robh enan comas aon de na bailtean daingnichte Breatunnach a ghlacadh. Cha deachaidh guth a thogail anns a Phàrlamaid an aghaidh an airgeid so a shuidheachadh air a mhorair ach le cuid de na buill Eirionnach.

A reir fios a thainig á Halifacs an la roimhe, tha taghadh pàrlamaid gu bhi againn ann an Nobha Scotia an ùine ghoirid. ’S ann dhionnsuidh nam paipearan a tha air taobh an riaghlaidh a thainig na fiosan an toiseach, agus mar sin saoilidh sinn nach eil iad fadam mearachd. Chan eil e coltach gum bi cath ro-shearbh ann air an turus so, ach cha bhi moran duilich air son sin. Tha an latha air a dhol seachad anns am biodh daoine acur a mach air a chéile a thaobh taghadh luchd-pàrlamaid, agus is math gu bheil. Is aon aobhar sin a bhi mar sin nach eil anns na bliadhnaichean so ceistean cho cudthromach rim fuasgladhsa bha anns na bliadhnaichean a dhfhalbh; agus aobhar eilean t-aobhar as mothagu bheil daoine air fàs nas glice anns an dòigh so na bha iadnas comasaiche air fhaicinn gum feum caochladh bharailean a bhi aig caochladh dhaoine, agus gum bheil e comasach do dhaoine bhi eadar-dhealaichte nam beachdan a thaobh nithean aimsireil agus spioradail, agus an deigh sin a bhi nam fior chàirdean.


Ged a tha tiormachd mhor anns na h-Innsean fhathast, chan eil a ghorta cho morsa bha i. Chan eil a nis ach mu leth millein sluaigh nach eil comasach air iad féin a bheathachadh, agus tha am biadh afàs nas pailte gach seachdain, agus cunnart na goirte dol nas lugha.


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
INVICTUS
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater.
A . W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.


Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a thagainn air $3 .50s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios gan iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.



[45]

[Vol . 10. No. 6. p. 5]

Naigheachdan.

Feasgar Di-luain sa chaich chaochail Ban-phrionnsa Rioghail Bhreatunn, bantrach Frederic I., Iompaire na Gearmailt. Bha i tinn o chionn treis a dhùine, agus afulang cràdh mor le cansair a bha anns an amhaich aice, a cheart euslaint leisn do chaochail a céile an 1888. Bha i tri fichead us aon bhliadhna dhaois. Bi an t-aon bu shine de chloinn Banrigh Victoria, agus bi mathair an Impaire tha aig an àm so air aGhearmailt. Bha i comharraichte air son buadhan àrd inntinn, agus bha meas mor oirre ann am Breatunn.

Chuir sinn àireamh mhor chùnntas a mach o chionn ghoirid gu luchd-gabhail MHIC-TALLA. Tha dòchas agus dùil againn ri fios-freagairt fhaotainn do gach aon dhiubh an ùine ghearr, agus an t-suim dhligheach anns gach fios. Chan eil am paipearga chur am mach gun chosguis mhor, agus cha bhiodh e iomchuidh da chàirdean a tha air deireadh na phàigheadh a leigeil air diochuimhn nach eil seachdain a ruith gun a cuid féin den chosguis sin a bhi ri sheasamh. Mae an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach, mar a than sean-fhacal ag ràdh, ’s e am pàigheadh tràth am pàigheadh math.

Beagan cheudan bliadhna air ais cha robh baile air an t-saoghal a bainmeile na Venice, an ceann a tuath na h-Eadailt. Bha na ceannaichean bu bheairtiches an Roinn-Eòrpa ann, agus bha malairt nan dùthchannan air fad air a dheanamh ann. Bha Venice air a thogail air an uisge, agus an àite shràideans e bhann sligheachan-uisge air an robh daoine air an giulan air aiss air aghart ann am bàtaichean. Dhimich a ghlòir bho Venice iomadh bliadhna air ais, agus a nise tha e air innse gu bheil am baile féin, a lion beagan us beagan, adol fodha, agus gu bheil e ro-choltach gum bi e ri ùine air a shlugadh suas gu h-iomlan.

Mas fior sgeòil muinntir a thagabhail orra féin a bhi fiosrach mun chùis, cha dfhuair an luchd-àireamh uiread sluaigh an taobh a stigh de chriochan abhaile sosa bha cuid an dùil a gheibheadh iad. Bha moran am barail nach biodh na bu lugha na coig mile deug ann, achse fhuaireadh, a reir an fhathuinn, nach eil uile gu leir deich mile ann. Bidh àireamh an t-sluaigh a bhi cho beag so na thighnn a nuas do luchd nan gnothuichean mora, achs i ar barail nach bi ena mhealladh sam bith dhaibhsan a bhagabhail beachd tuigseach air fàs agus meud a bhaile. Tha na miltean moran nas motha na tha a mhor chuid an duil.

Aig naCoke Ovens,Di-ciaduin, loisg Eadailteach dan ainm Falco Scino air dithis eile a bha cluich chairtean comhla ris. Tha fear dhiubh air a leònadh cho donas gu bheil coltas air nach bi e beò. Chan eil am fear eile air a leònadh cho dona. Bha Scino air a ghlacadhs tha e nis anns aphriosan. Tha àireamh de thaighean-òil timchioll nanCoke Ovensanns am bheil gach seorsa mi-riaghailt a dol air adhart; agus chan eil sinn acreidsinn, nan deanadh luchd-riaghlaidh a bhaile an dleasdanas, nach gabhadh iad dùnadh. Gu dearbh, chan eil an ùine fada on chaidh innse dhuinns na paipearan gu robh gach taigh dhon t-seòrsa bhasa chearna sin dhen bhaile air a dhùnadh le àrd-mhaor a bhaile. Ach ma bha sin fior, cha robh iad fada gun fhosgladh.

Chaidh Bernard, mac an Dotair R. C. Mhic Leòid, aois cheithir bliadhna, a bhàthadh aig Sidni Tuath Di-sathairne sa chaidh. —Bha Gilleasbuig R. Mac Eamuinn air a bhàthadh aig Loch Mhic Eamuinn air an latha cheudna. Bha eg obair le each us cairt air a chladach, agus air dha bhigan cur an comhair an cùil don loch, chaidh iad ro-fhada mach, agus bha esan air a bhàthadh. Cha robh ann ach duinòg, còig bliadhna fichead a dhaois.

Di-sathairne sa chaidh chaochail bantrach òg Thomais C. Mhoxhaim, a bha air a mharbhadh aig an obair-iaruinn air a choigeamh latha dhen Og-mhios. Cha robh i tinn ach latha no dha, agus cha robh dùil sam bith ri a bàs. Chaochail am pàisde cuideachd. Cha robh i ach tri bliadhna fichead a dhaois. Thainig a h-athairs a màthair as na Staidean air dhaibh fios fhaotainn mutinneas, ach rainig iad beagan uairean ro-anmoch air son a faicinn beò. Bha i air a toirt air falbh maduinn Di-màirt gu bhi air a tiodhlacadh ann an Louisville, Kentucky. Tha a bàsna bhàs ro-mhuladach, atachairt ùine cho goirid an deigh a céile bhi air a mharbhadh.

Tha na paipearan air an t-seachdain so ag innse sgeul air gaols air cabhaig nach eil air a dheònachadh do mhuinntir nan dùthchannan tuathach so a leithid a chluinntinn ach fior ainneamh. Chaidh fear Aonghas Mac-a- Ghobha, a mhuinntir taobh tuath nam Forks, a mach do Ghlace Bay Di-sathairne, agus chuir e eòlas ann an sin air ribhinn a bha cho maiseachna shealladhs gun do thuit e air ball ann an trom ghaol oirre. Bha esan a cheart cho maiseach nasùilean-se, agus ghabh i gaol a cheart cho mor air. Rinneadh an réiteach an oidhche sin fhein, agus an la-iar-na-mhàireachDi-dònaichrinneadh am pòsadh le Maighstir Seumas Gillios, sagart Ghlace Bay. Chan eil sinn a creidsinn gu bheil pears’ -eaglais eile air an eilean dam bu shochair riamh càraid a phòsadh mun robh ceithir uairean fichead air ruith an deigh dhaibh an ceud eòlas a chur air a cheile. Chan urrainnear a ràdh gum be gòraiche na h-òige bha cur air achàraid so, oir tha iad le cheile air a dhol deich no dusan bliadhna thairis air an tri fichead.

Bha clach-oisinn taigh-na-cùrtach air a leagail feasgar Di-ciaduin. Aig da uair chruinnich buill comhairlean na siorrachd agus nam bailtean aig seann tigh-na-cùrtach, agus choisich iad gu taigh-òsda Sidni, far an deachaidh an Riaghladair Jones nan cuideachd, agus á sin choisich iad gu làrach an taighe ùir. Bha anWarden LeVatteair ceann na coinneamh. An deigh òraid ghoirid a labhairt leag an Riaghladair a chlachgu direach agus gu math,” agus sgaoil a chuideachd. Bha bocsa copair air a chur fon chloich anns an robh àireamh de nithean air an curbuinn airgeid, stampaichean, clàir sgriobhte, air an robh ainmean luchd-dreuchd na siorrachd agus na dùthcha, agus àireamh dhe gach paipear a thatar a cur a mach ann an Ceap Breatunn, am measg chàch MAC-TALLA. Bha an soitheach-cogaidhIndefatigableanns an acarsaid, agus bha sgioba de na seòladairean aig an làraich, agus piobaires an deise Ghàidhealaich air an ceann. Cha robh àireamh mhor sluaigh cruinn, ach bha na bhann gle rianail, agus chaidh gach ni air adhart gu h-òrdail.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Stor Ur! - Bathar Ur!

Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.

Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.


[46]

[Vol . 10. No. 6. p. 6]

Ath-leasachadh.

LE DOMHNULL MAC EACHARN.

Bho cheann beagan bhliadhnachan thainig mi trasd air Eachraidh an ath-leasachaidh mhoir sin a rinneadh air an Eaglais, mu thuaiream dluth air Tri ceud gu leth bliadhna roimhe so. Rinn an leabhar drughadh anabarrach orm. Bhan t-ughdair cho deas-bhriathrachs cho soilleirna chunntas air gach ceum anns an uspairn chruaidh a bhan sins nach burrainn dhomh gun aontachadh leis gach facal. Rinn e na daoineghabh pairt air taobh an ath-leaaschaidh cho mor agus cho fiachail, ’s gun robh mi ann am inntinn fheingam faicinn marchraobhan ag imeachd;” ’s amhuinntir olc agus rag mhuinealach a bhaseasamhnan aghaidh, cho snarach agus cho dimeasachs gun duraichdinn an saltairt fo mchasan. Mun do chuir mi crioch air leughadh an leabhair, bha mfhuil air ghoil am chuislean; mfhaireachduinnean air an luasgadh air chors nach burrainn domh an ceannsachadh. Bhreab min cu, ’s thilg min cat a mach air an uinneig, ’s nam biodh a chridhagam, bheirinn achmhasan garbh do bhean-an-tighe, co-dhiu a bhas nach robh iga thoilltinn. Dhuisg, mar so, dealas mor annam, a chum gach ni a bha cearr a chur ceart, is aimheal nach bu bheag orm nach robh mi lathairnuair a bha obair an ath-leasachaidh mhoir so adol air a h-aghairt, air chors gum biodh cothrom agam air pairt a ghabhail innte. Ghabh mi comfhurtachd on smuain, gum faod ni no dha bhi air aghaidh na talmhainn fhathast nach bu mhisde beagan ath-leasachaidh a dheanamh orra, ’s gum be mo ghnothach-sa sealltainn a machs an ni a bha cearr a chur ceart. Dhinnis mi do bhean an tighe an ni a bha ruitham bheachd. Thuirt i rium, gum bfhearr dhomhn toiseach, mo dhroch chleachdainnean fhein ath-leasachadh.

Mo dhroch chleachdainnean fhein,” arsa mise, ’s migam thachdadh leis an ardan.

Seadh,” ars ise, “nan sguireadh tu a dheoghal na pioba sin nach teid as do phluic on a dheireas gus an laidh thu, dheanadh tu toiseachadh math le tath-leasachadh.”

Dad eile?” arsa mise, ’s mi mothachail air an droch shathadh a fhuair mi.

Tha ni no dha eile cho mi-chiatach ris aphiob,” arsise. “ ’Nuair a theid thudhiarraidh coingheall leabhraichean air aChaimbeulach, cha ruig thu leas tighn dachaidh le feith-ghair air tfhiacail; ’snuair a theid thu dhfhaicinn Mhic Fhionghain, cha ruig thu leas fanachd leis gu da uairs amhadainn.”

Cha robh idir crioch aicair a’ chuisd[ ? ]tidh , ’nuair thainig steall de dhuisge goileach mum ladhran-sa a coire bha ise toirt bharr na teine. Thug sin orm leum gu beothail gu taobh eilan tighe. Thilg mi dhiom mo chaiseart, ’s chunnaic mis amhionaid gun robh mi air mo dhroch sgaldadh. Shuath mi ola ri mchoiss shin mi uam air sorchan i, ’s mig am phianadh leis an doruinn. Chualan cu bochd mo ghearan, ’s e fheins an cat acumail cuideachd ri cheiles agharadh, far an robh iad agabhail didean o stoirm an ath-leasachaidh ris an do chuir mise mo lamh. Thainig ena ruith, ’s e tuigsinn gun robh rud-eigin cearr. Leig mi fhaicinn da mo chas, ’s thoisich abhruid bhochd air a h-imlich, ’s thug sin faochadh dhomh. ’Nuair a fhuair mi manail, thug mi achmhasan garbh do bhean-an-tighe air son cho beag suims a bhaice mum dheighinn. ’S ann a rinn i glag gaire, ’g radh gum be sud acheud uair a chuali iomradh air duinebhi air a sgaldadh le uisge fuar. “Fuar!” arsa mise, “bha e dearg ghoileach!”

Bha e,” ars ise, “cho fuars a thainig e as an sput; ’s annga chur air an teine ga theasachadh a bha minuair chaidh an dileag sin mu dchasan.”

Sheall mi na bu dluithe air an lot, ’s ged a bu duilich leam aideachadh, chunnaic mi nach robh an sgiorradh, uile gu leir, cho docharachs a shaoil mi, ach chuir an ni a leithid de dhantlachd orms gun tug mi mi-fhein as an rathad.

Latha no dhana dheigh sin, thug mi fainear gun robh saod anabarrach math air bean-an-tighe. Cha burrainn dhomhthuigsinn ciod a bha cearr; oir faodaidh sibh a bhi cinnteach, ’nuair a bhios aoibh air bean-an-tighe gu bheil gabhdan beagathaobh-eiginna h-aire. Mu dheireadh, thuirt i— ’s sin air dhoigh cho caoin-shuarachs ged nach biodh ni fon ghrein aicair a chul, gum fac i Mr Morrison, a bheans a chlann, afagail an tighes amhadainn, ann an carbad-da-each; ’s gum fac i Mr Munrosa theaghlach afalbh an la roimhe. “Caite,” arsa mise, “ ’n robh iad adol?”

Nach robh thun an t-saile,” arsise.

Thuig mis amhionaid ciod a bu chiall don t-sid fheathail a bhagainn. Chuir mi mo lamham phocas gun mi mothachail air ciod a bha mi adeanamh; ach cha ruiginn a leas, cha robh an sin na bheireadh ach astar gle ghoirid on bhaile sinn, ged a ghabhamaid giulan cho iomchuidh ri bararoth, gun ghuth air carbad da each. Bha fhios agam aig acheart am, nach leigeadh ise dhith an ni a bhana beachd, agus be sin dol thun an t-saile, ciodsam bith a chosdadh e. Thuirt mi-fhein, nach bu leir dhomh aobhar air dol thun an t-sailem bliadhna, bhon nach robh dad cearr air achloinn. “Nacheil,” arsise, “nam biodh tug an eiridinn mar tha mise, bhiodh fhios agad air sin. Dhfhaodadh tu fhaicinn nacheil Deorsag itheadh na chumadh an deoam breac-an-t- sil; ’s nach do chinn Domhull aon oirleach bho cheann da bhliadhna; ’s tha casan Raibeart afas cho brabhdachs gur gann a theid aigair coiseachd; ’s Caitriona—”


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Seall an so air son
SANUS UR
Air an ath Sheachdain.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut.



[47]

[Vol . 10. no. 6. p. 7]

Ostad, stad, air ghaol an Fhreasdail,” arsa mise, “ma tha uidhir sin de thrioblaidnam measg, nach ann a bu choir dhuinn dol don Fhraing leo?”

Ghabh sinn tigh shios aig taobh an t-saile, ’s cha be sin an salann saor. ’Nuair a shuidhich sinn sinn-feinan sin thoisich misair cumail mo shuil ri fuaradh dhfheuch am faicinn nisam bitham feum ath-leasachaidh. Cha bfhad ach gus an dfhuair mi sin. Bha tigh eile ri ceann an tighesan robh sinne, ’s bhan roinn-bhalla, eadar na tighean, cho tanas gun cluinnte san darna tigh amhor-chuid de na theirtes an tigh eile. ’Se duine gle riasgail a bhanar coimhearsnach, ’s co-dhiu a bha no nach robh an t-ablach mnatha aigega thoilltinn, bhiodh e toirt ruith mharbhaidh oirren drasts a rithist. Latha de na laithean, chuala mi iorghuillsan ath-thigh, ’s smaointich mi gum be so mo chothrom air son an duine sin ath-leasachadh. Ghrad leum mi stigh far an robh e, direach, mar a bha esan air pailleart a thoirt seachad a chuir an creutair truagh mnatha sin cho cruinn ri ceairsle ann an cuil-na-mona.

A dhuine gun chiall!” arsa mise, “Ciod a tha thu ris?” Dhamhairc e orm mar nach biodh e gu ro-mhathgam thuigsinn. “Nach eil fhios agad,” arsa miseach cha dfhuair mi dol na bfhaide, ’nuair a chuir e thairis an dorn orm ann an cuinnein na sroine, agus sin le a leithid de dheadhghean, ’s gum faca mise dealanachs gun cuala mi tairneanach nach fhacas nach cuala mi roimhe an leithid; ’s leis aphlathadh a chuir sin orm, chaidh mis shuidh mi ann am poit ghuirmein a bha taobh ni teine. Cha robh fhios agam aig an am ciod a bhas aphoit, ach fhuair mi nach en deigh-laimh. ’Nuair a thill mo leirsinns mo chlaisteachd rium, ’s gun maite-suidhebhi ro-shocrach, leum mi air mo bhonns thoisich mi air an duinaingidh sin ath-leasachadh ann am fìor da-rireadh. ’S tha mi smaointeachadh gun soirbhicheadh leam iompaidh a chur air nan leigeadh a bhean leam; ach ise, ’n creutair fachanta, an aita bhi taingeil dhomh air son tighn ga teasragainn, ’s ann a bha i gabhail gach cothrom air stràchd a thoirt domh le cas na sguabaich. Chuir so a leithid do ghrain orm ris aphaidhirs gun dfhag min sud iad, a reiteach aghnothaich mar a bfhearr a dhfhaodadh iad; ’s ged a dhitheadh iad a cheile so am fear nach teidsan eadragainn a rithist.


Air da ministear a bhiceasnachadh sean bhean da luchd éisdeachd, dhfheòraich e dhi mar so:— “Nacheil fhios agad gur h-ann de shliochd Adhaimh thu; agus gun do thuit thu annsan?” Fhreagair isegun robh dòchas aice nach bann; gur h-ann a bha ise de na daoine coire, na Caimbeulaich, daoine foghainteach ris nach robh ni sam bith riamh ri ràdh.”


Cha reic e a dhal-bhuntata air a tarsuinn.


Chaill e Paras.

Bha duin’ -uasal uair agabhail an rathaid air muin eich, agus air dha tighn gu cnocan beag gorm a bhan sin, chunnaic e duine a ruamhar, agus a h-uile buille bheireadh e, theireadh e, “O! ’Adhaimh!” Stad an duin uasal an t-eachagus ag eigheach air fear an ruamhair dhfheoraich e dheth carson a bha eg aithris ainm Adhaimh cho tric air an doigh ud. “Mata, ler cead,” ars an duine, “mur bitheadh Adhamh cha bhiodh agamsa no aig aon eile dheshliochd ri obair a dheanamh idir; nan robh e-fhéin is Eubh air an aire thoirt air an gnothuch, cha bhiodh aig neach sam bith riaran làitheil a chosnadh le falus a ghnùise, mar a tha misedeanamh.” “Glé mhath,” ars an duin-uasal; “taghail a staigh agam-sa am màireach.” Rinn an duine sin, agus chaidh a thoirt gu seòmar eireachdail, rìomhach, a bhafosgladh a mach do ghàradh anns an robh gach craobh is meas a bàilidhe na chéile a fàs. Dhfheòraich an duin-uasal dheth am bu mhiann leis a bhifuireach na leithid sid a dhàite. Thuirt mac Adhaimh gum beadh gu dearbh. “Ma ta,” ars an duin-uasal, “faodaidh tu fuireach ann, ’s cha bhi dìth no deireas ort. Gheibh thu do bhraiceast, do dhìnneir, ’s do shuipeir de gach biadh as fhearr, agus gu riaghailteach gach latha, agus faodaidh tu na thogras tu dhe tùine chur seachad anns a ghàradh. Ach thoir an aire gu bheil mitoirt so uile dhut air chumha, agusse sin nach seall thu fon truinnsear ghlas a tha air a bheul-fodha air meadhon a bhùird.” Chuir so aoibhneas mor air an duine; bha esmaoineachadh nach robh duine riamh cho fortanach ris, agus thuirt e ris fhéin nach robh cùram gun sealladh e fon truinnsear ghlas. Ach an ceann seachdain no dha, thòisich an truinnsear ri dragh mor a chur air. Cha burrainn e a dheanamh a mach gu bha fodha. Ma dhfhaoidte gu robh nèamhnuid luachmhor ann, agus ma dhfhaoidte nach robh sion ann. Aon lathanuair nach robh duine timchioll, thuirt e ris fhéin gun toireadh e sùil fon truinnsearcha bhiodh cron sam bith anncha bhiodh fhios aig duine gun drinn e e; thog e, uime sin, oir an truinnseir, agus feuch! ruith luchag bheag a mach fodha, ’s thug i mach an dorus oirre. Ghrad leig en truinnsear air ais mar a bha e, ach bha an cron deanta. An lar na mhàireach thainig an duin-uasal far an robh e. “Bi falbh!” ars esan, “ ’s thoir an ruamhar ort, agus na abairO! Adhaimh!’ am feasda tuilleadh, oir rinn thu fhéin an ceart ni a rinn e, —àite-comhnuidh alluinn a chall le eas-umhlachd.”


Cho tioram ris an t-sreathainn.
Cho stallacach ri damhs a cheo.
Cha sheas cairdeas air leth-chois.
Cho bodhar ris a chloich mhuilinn.
Cha toir beannachadh nach fhaigh air ais.


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

TIM-CHLAR.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAIR.

[Clàr - ama]


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO.
Sidni, C. B.
Phone 217
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI., - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean
as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[48]

[Vol . 10. No. 6. p. 8]

Oran Gaoil.

Le Domhnull Ruadh Mac Fhionghain, nach maireann a bhas a Mhorairne.

SEISD.
Mo nighean chruinn, chuimir thu,
Mo nighean chuimir, ghuanach;
A ghruagach dhonn as bòidhche,
Ri mo bheò cha toir mi fuath dhut.

Do chuailean riomhach, barranach,
Na chamagans na dhualan,
S gur bòidhche leam na siod e
N uair chireas tuan cuaich e.

Do shùilean mar na h-airneagan,
Fo mhala tha gun ghruaimein,
Beul meachair fon tig gaire
Gedchaidh do thàladh uamsa.

Mo bheannachd-sa le dùrachd
Ad ionnsuidh ann an uaigneas,
Nam faighinn fear a thaghladh
S aghleann an taobh son ghualainn.

S truagh nach robh mi thall ud leat,
S an lagans am bin luachair,
S a ghleannan bhòidheach, bhadanach,
Fo dhubhar nan geug uaine.

Chan iongantach, chan iongantach
Mo chridhe-sa bhi luaineach,
Acuimhneachadh mar dhealaich mi
Ri ainnir achuil dualaich.

S ùr achoill on dfhàs thu,
Gun fhailinn, àluinn, uasal,
Gu h-ùrail direach, dosrach,
S cha dochair gaoth achuain thu.

Chan fhaicear air an t-sràid thu
Measg ghuanag ghràisgeil, shuarach:
S ann bhios ort siodas fàinneachan
An seomar àrd afuaghal.

Rugadh Domhnull Mac Fhionghain (Domhnull Ruadh) ann an Lochallinesa Mhorairne, an siorrachd Earraghaidheal. Dheug e nuair a bha e na dhuin òg. Bha e gle mheasail aig na chuir eolas air, chan ann a mhain mar dheagh bhard, ach airson blaths a chridhe agus ard-bhuadhaninntinn. Thugadh an t-oran so dhomh le Domhnull Mac Mhuirich, ann an New-Yorkaon de leughadairean MHIC-TALLA, agus mureil mi air mo mhealladh, fear a bha gle eolach air eachdraidh Mhic Fhionghain. Bha eolas math aigathair air Mac Fhionghain.

DONNACHADH MAC-AN-LEIGH.
Portsmouth , Ohio.


An Cogadhan Africa mu Dheas.

LE DOMHNULL MAC EACHARN, DUNEIDEANN.

An Gaidheal afagail a dhuthchadhol thun achogaidh.

Atoirt maghaidh ris na blaraibh,
Is mo chul ri duthaich maraich;
Soraidh leis na bheil mi fagail,
Gus an tig mi slan a ris.

Slan le og-bhean achuil-dualaich,
S na biodh ortsa bron no bruaillean;
Bithidh mi air mais gu h-uallach,
Mum bi guth na cuaichsan tir.

Creid nach aobhar broin no tursa,
A bhi seasamh coir nas fiu leinn;
Nuair bhios bagairt air ar duthaich,
Co a dhiultadh dols an stri.

Ma bhios Gaidheil mar bu duth dhaibh,
Is fir àbhaltag an stiuradh,
Paighidh sinn air ais Majuba
Anns a chuineadh a tha dhith.

Misneach mhath, biodh aig mo mhùirneig,
Thig mi ris, na biodh ort curam;
S ged an robh an t-astar dubailt,
Cha chum muir no Duitsich mi.


Ceannard an airm ra fhir-chuideachaidhs a choltas air an latha dolna aghaidh.

Faic sibh atighinn iad?
Faic sibh atighinn iad?
Faic sibh atighinn iad?
Gillean an fhéilidh.

Faic sibhsan t-sealladh iad?
Faic sibhsan t-sealladh iad?
Greasaibham charaibh iad,
Agamstha feum orr’.
Faic sibh atighinn iad? &c .

An luaidhena frasan
Asguabadh na faiche;
An t-each is am marcaich
Nan laidhe gun eirigh.

Le Fuaim-shligean sgrathail,
Mur cluasan aspraidheadh,
Is cruaidh pheileir chanan
Abarradh an reidhlean.

Feall-fhalachs na cuiltean,
An ealain nach bfhiu leinn;
Geur lannangan rusgadh,
Bu duth dhuinnsan streupaid.

Faic sibh atighinn iad?
Faic sibh atighinn iad?
Greasaibh na gillean geal’,
S misann am eiginn!


Fhir-chuideachaidh ris a cheannards iad afaicinn nan Gaidheal atighinn.

Faicear atighinn iad!
Faicear atighinn iad!
Faicear atighinn iad!
Gillean an fheilidh.

Faicear na lasgairean;
Cluinnear an caiseamachd;
Pioban is brataichean
Ghaisgeach an fheilidh.
Faicear atighinn iad! &c .

Earraghaidhlich ghramail,
S na Gordonaich ealamh,
S an corr de na Clannaibh
Tha caitheadh an fheilidh.

Na h-armuinn tha sgairteil,
Gun mhairneal, gun airsneal;
Tha blath-chridhe gaisgeil
Fo bhreacan an fheilidh.

Suas leis na brataichean;
Nuas leis na gealtairean!
Sguabaibh na machraichean
Glan de na reubal.

Faicibh air mhire iad;
Co nis a thilleadh iad?
Duitsich air iomain
Aig gillean an fheilidh.

Mar babhaists ethachair
Am blara na h-Aifric;
Buaidh-laraichs gach faiche
S am faicear am feileadh.


An Gaidheal atilleadh dhachaidh on chogadh.

Ged tha mi gun chrodh air buaile,
No gun spreidham feum an cuallach,
Tha mo cheum a cheart cho uallach,
S ged bu duais domh buar an righ.

Breacan feilidh air mo ghualainn,
Is mo chlaidheamh air mo chruachann;
Ann am bhoineit ghoim an cluaran,
S ann am chluasan fuaim nam piob.

Tha mo bharantasam phoca,
S crois na banrigh ann am chota;
S ged a bha an iomairt dòbaidh,
Sheas sinn coraichean ar tir.

S e dhfhag misen diugh cho surdail,
Maghaidhbhi ri tir mo dhuthchais:
Fagail Olandaich fo ubhladh,
Agus Duitsichbhi fo chis.

Seideadh gaoth a nis mar baill leinn,
Gar cur sgiobalta thar saile;
S e mo dhuilam beagan laithean
Bhi cur failt air Maol-Chinntir’.

Cuir fios-dealain thun mo mhuirneag,
Mi bhi tilleadh mar bu duth dhomh;
S seachdain leam gach uair a dhuine,
Gus am faic mi run mo chri.

Fhuair an t-oran so an duais a bairde aig a Mhod Ghaidhealach deireadh an fhoghair sa chaidh.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt, faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Ceannachd Posta.
Tha sinn faisg ort cia be ait am bheil thu.. .. . ..
Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dhAirneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu ga iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir tainm ugainn air post card agus gheibh thu e.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


CLOIMH! CLOIMH!

THA sinn a paigheadh a phris as airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do cloimh a reic thig dhan stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.

Mills, Mac Coinnich & Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 6
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 6. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page