[49]

[Vol . 10. No. 7. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 16, 1901. No. 7.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. XIII.

BHA an geamhradh a nis air tighinn a stigh gu math. Cha robh a ghrian ach gannga nochdadh fhéin, ’s mar sin cha robhn latha ach gu math goirid. Bha fuachd uamhasach ann na uairibh; ach air a shon sin bha na Gàidheil gam faighinn fhéin fuathasach aotrom, fallain, agus is gann gun giulanadh iad dad a bharrachd comhdaich na bhiodh iad a giùlan ann an aimsir fhliuch, throm geamhraidh na Gàidhealtachd fhéin. Bha an sneachdanis cho domhains nach burrainn iad ceum a dheanamh gun bhrogan-sneachda. Gle thric, an uair a bhiodh i gle fhuar, na coltas fuachd mor, cha be aon ghrian a bhiodh idir a riaghladh na tir, ach a tri. “Rud iongantach,” arsa Calum; “an uair a shaoileadh tu gum biodh blàthas tri fillte ann, ’s ann a sgiolar na cluasan dhiot ma nochdas iad iad-fhéin!” Chite air corra mhaduinn chiùin, an àm eirigh na gréine, sealladh ciatach air an dùthaich ma chuairt fad iomadh mìle nach biodh ri fhaicinn ach faileas dheth ann an dùthchannan blàth. Canar anns a Bheurlamirageris an t-sealladh so. Ged a bha campa nan Innseanach ann an àite iosal, chite aig na h-amanaibh so fad iomadh mìle ma chuairt orra, gach beinnus craobhus creag a dìreadh dhan iarmailt ceum os cionn ceum mar staidhre, ’s mar a bfhaide air falbh an sealladhs ann a bàirde àitesan t-sreath, gus an robh an t-sùilga chall a leaghadh an guirme nan speur. Anns na h-oidhcheannan fada, aonaranach, ’s iomadh greis a chuir na gillean seachad ag amharc na fir-chlis, no na soluis-thuathach, a bhiodh na uairean gle shoilleir, eireachdail, ’s a fàgail na h-oidhche cho soilleir ris an latha. Bha iad gle fheumach da rireadh air rud air choireigin a chumadh iad gun a bhith smaointean air cho fior aonaranachs a bha iad. Ged a bha iad am measg dhaoine, cha robh iad a dhaon fhuil na dhaon chainnt na idir a dhaon doigh smaointean riutha. Cha robh coimeas eatorra ann an dòigh sam bith ach a mhàin ann am buill a chuirp. Bha na bothain bheag aca gle bhlàth, ’s iad a nis air an comhdachadhs air an cuartachadh le sneachda; ach air a shon sin cha robh iad idir taitneach a bhith comhnaidh annta, oir bha iad dorcha aig a h-uile àm, ’s le toit an fhiodha, agus a chrùisgein olla, faodar a thuigsinn nach robh iad ro chùbhraidh.

Air maduinn chiùin reota àraidh, thog Aonghas air leis a ghunna feuch am faigheadh e cothrom air pàirt dhe na creutairean a bhiodhga chumail na dhùsgadhsan oidhche a mharbhadh. Bha Calumsan àm a feitheamh nam brogan-sneachda a bhacharaide, Ni Math, a càradh dha. Gheall e Aonghas a leantuinn an uair a bhiodh iad deas, gus, mar a thuirt e-fhéin, pàirt don t-sealg a thoirt dhachaidh. Greis an déis do dhAonghas falbh, thàinig seann Innseanach an rathad a bha Calum. An uair a thuig e gun dfhalbh Aonghas, sheall e os a chionn air an iarmailt, air an robh coltas glé shitheil fhathast don t-sùil aineolaich, ach anns am faca sùil gheur, dhubh, eòlach an t-seann Innseanaich comharran nach do chòrd ris a reir coltais. Chrath echeann, ’s thuirt en aon fhacalstoirm,” ’s thug e aghaidh air a bhothan fhéin. Ann an ceann leth-uair dhubh nan speuran, ’s thòisich cur is togail air an t-sneachda, ’s ged a bhachoille tiughs an gleann fasgachs gann a burrainn duineshùil fhosgladh. Dhfhàs i cho dorcha ris an oidhche, ’s le neart na gaoithe bha na craobhan a bristeadh le fuaim uamhasach, o nach lùbadh iad, rud nach deanadh iad aig an cruadhas leis an reothadh. Ciamar a nis a bha cor an t-sealgair, an uair a bhan gleann fasgach anns an t-suidheachadh so?

Bha Aonghas, ma ta, mu cheithir mìle on ghleann an uair a thuit an stoirm, ann am meadhain comhnaird, anns nach robh ach craobh an sids an so. Cha do thachair creutair ris; oir leis an fhaireachadh nadarra ghineadh leis na fiadh-bheathaichean so, bha fios aca na bfhearr na Aonghas bha tighinn, ’s dhfhan iad gu glic nan tuill, ged a bhan t-acras fhéin orra. An uair a bhuail an stoirm Aonghas thug e aghaidh air a ghleann, ach cha burrainn e, cho làidirs gun robh e, ach beagan cheumanan a dheanamh, an uair a bfheudar dha a chùl a thionndadh mun rachadh a thachdadh leis a chathadh. Bha e deanamh a dhichioll feuch an toireadh emach a choille mhor, thiugh, far am faigheadh em barrachd fasgaidh, ach an déis ùine mhath thuig e gun robh e air a chùrsa chall gu buileach. Ghabh e nis car de chùrams de dheagal, ’s gun fhios aigair an t-saoghal com bad an robh es an oidhche tuiteam. Chum e roimhe, oir dhfheumadh e sin co-dhiu, gus e-fhéin a chumail gun reothadh. Bha e nis a gabhail fadachd nach robh e ruighinn na coille a bha cuartachadh a ghlinnesan robh dhachaidh, agus ged a bha i toitidh, duaichnidh fhéin, bu mhath i nis. Cha tug Aonghas an aire gun do thionndaidh a ghaoth na bfhaide ris an deas, ’s mar sin gun robh egabhail calg-dhireach an aghaidh an taobh a bha eg iarraidh. Fhuair an oidhche e mar so, ’s e nis, a dhaindeoin a neart, gu math sgìth. Ged a bhan sneachda domhain, dhaithnich e gun robhn t-àite air fàs gu math garbh, ’s a sior fhàs na bu ghairbhe mar a bha e dol air adhart, le creagan is cnoic. Mu dheireadh shuidh e ri fasgadh creig mhoir a leigeil analach. Bhan stoirm gun abhsadh a séideadh, ’s a h-uile h-oiteag mar gum biodh i air son buaidh a a thoirt air an a bha roimpe. Thòisich noradaich chadail ri tighinn air gun fhios dha, le tàladh na stoirmes le sgìos. Dhfhàs an inntinn aige cho sèimh, ciùin, toilichtes a bha i mionaid riamh. Ach chrath Aonghas e-fhéins dhéirich ena sheasamhs fios aige nan leigeadh e leis a chadal buaidh fhaighinn air, gum be an cadal deirionnach dha e. Ach bha e gu math doirbh gluasad as an àite, oir an uair a dheirich e na sheasamh shaoil leis gun robhn ceòl cho binns a chuala cluas riamhga chuartachadh. Thug e sùil air gach taobh dheths chunnaic e na cathraicheans na langsaidean bu shocraiches bu chiataichechunnaic sùil riamh, agus gairdeanan sìnte aig gach aon ris, ’s guth ag radh: “Caidil, caidil, ’Aonghais! Leig do sgìos! Leig do sgìos! Caidil, caidil, ’Aonghais!” Ach cha do ghéill Aonghas don bhuaireadh mhor so; ’s le oidhirp làidir thòisich e air leum ma chuairt, ’s ann am beagan ùine chuir en fhuil na leum ro chuislibh, ’s mar so chaidh na lìns an ceò a theab lamh-an-uachdair fhaighinn air, fhuadach air falbh. Ghluais e air falbh aon uair eile. Cha robh e cho furasda dha coiseachd a nis; oir leis a h-uile spairn a chuir e orra bhrist na h-iallan a bha ceangal nam brogan-sneachda aige ris na cuarain a bhair a chasans chaill e iad. Bha e nis a bristeadh tromhn t-sneachda air a h-uile ceum, ’s iomadh uair a dol á sealladh buileach glan, ann an sluic a bha eadar nan creagan. Cha robh suim aige nis càitan rachadh e, ach e-fhéin a chumail na dhùsgadh. Gu fortanach, ach gun fhios dha, chuir e aghaidh air a dhachaidh air an turus so. Rainig e mu dheireadh a choille mhor, ’s biodh bàs no beathaige, cha burrainn e dol na bfhaide. An déis a h-uile rud cha robh ann ach feòil is cnamhan, ’s thig crìoch air am fulangas uaireiginn. Rinn e tollsan t-sneachda, ’s chrùb e e-fhéin sìos na ghrunnd, ’s ann an tiota dhùin a shùileans chaidil e.

Bhuail an t-eagal Calum a thaobh a charaid an uair a shéid an stoirm, ’s cho luaths a bha na brògan-sneachda deas cheangail e uime iad, ’s cha chumadh na bhasa champ e. An uair a chunnaic a chàirdean Innseanach sin, dhfhalbh iad le chéile maille ris, a toirt leotha da chù thapaidh, a bhiodh daonnan a leantuinn Aonghais fhéin air a chuairtean. Ghabh iad air adhart cho maths a dhfhaodadh iad. Bha fios aca con taobh a thug Aonghas air, ach dhùin an stoirm gach ceum a dhfhàg e o chionn fada. Cha bhiodh a chùrsa fadaig Calum na aonar, ach bha na daoine buidhe cho math ris na mathain gus an rathad a dheanamh romhn choillegun chairtiuil, gun smaointean, mar na fiadh-bheathaichean fhéin, bheir iad a mach an t-àite as am falbh iad. Bha iad a siubhails ag éigheach gus an robh iad seachd sgìth, ach cha do thachair Aonghas riutha beò na marbh. Thug iad an aghaidhean air an dachaidhean, ’s Calum gu math dubhach, trom, a smaointean air a charaid, a shàbhail a bheatha iomadh uair, ’s docha na shìneadh fuar gun chomas éirigh. An uair a thainig iad dlùth dhan choille mhoir bhan stoirm seachad. Nochd a ghealach i-fhéin gun smal air a ghùis, ’s chaith isolus air na dùin mhora shneachda, a dhfhàg i mar stuadhan na mara air am bualadh le slachdan fear dha na draoidhean o shean. Bha Calums a chridhe gu bristeadh o nach do thachair a charaid ris, ach bha dòchas fann aige gur docha gum biodh e stigh roimhen uair a thilleadh e. Thug e fa near a nis gun sgapadh iads gun gabhadh a h-uile fear rathad air leith, agus rinn iad suas ri cheile nan tachradh e ri fear dhiubh gun leigeadh e glaodh àraidh as, a bhuineadh dha na h-Innseanaich fhéin, ’s a chluinneadh neach thar mhìltean. Ghabh Calum sios ri iomall na coilles e beachdachadh gu dlùth air gach tomus preas a chitheadh e. Thug e sin an aire don chù a stad aig àitàraidh pios air thoiseach air. Rainig e far an robhn a comhartaichs a sgrìobadhs fhuair e Aonghas ann an sin. Ghlaodh e ri



[50]

[Vol . 10. No. 7. p. 2]

càch cho àrds a burrainn dha, ach cha do ghluais am fear a bha na shìneadh. Lechridhe nabheul chrom Calums thug e ionnsuidh air a charaid a dhùsgadh, ach sin rud nach rachadh aig air. Chuir elamh os cionn a chridhe, ’s thug e misneach dha fhaighinn gu fann a bualadh. Aig a mhionaid sin thainig Ni Math an rathad, ’s e air glaodh Chalum a chluinntinn. Chuir e ioghnadh gu leor air Calum cho nimheils a chaidh an t-Innseanach an sàs ann an Aonghascho guineach ri tìgear leum e uige, mar gum biodh e dolga reubadh as a chéile. Bha ega chrathadh, ’sga bhualadh, ’sga shlaiseadh, mar gum bedhearg nàmhaid. An uair a chunnaic Calum so, ’s ann a smaoinich e gun robh Ni Math air a dhol as a rian buileach, glan, ’s thug e upag dha air falbh ocharaid, ag ràdh ris: “An ann, ’amadain! air son an t-sradag bheatha thann a smaladh a tha thu!” Ach dhéirich Ni Maths ghabh e am bad Aonghais a rithist, ag innse do Chalum gum be sud bu mhotha dheanadh a dhfheum do dhAonghas na bhithga shlìobadhsga chaoineadhsga phògadh, na leithid sud do chàs. An ùine gun a bhith fada thòisich fuil Aonghais ri ruiths ri fàs blàth, oir gu fortanach bha e gun tòiseachadh ri reothadh an uair a fhuaras e. Dhfhosgail eshùilean, ’s thug e ionnsuidh lapach air éirigh air son e-fhéin a dhìon, ’s gun e tuigsinn air an t-saoghal n dìol a bha e faighinn, no n t-aobhar a bhaca dha. Mu dheireadh dhéirich e, ’s a faicinn Chalum thuirt e ris: “Nach bu tusan caraide, gu dearbh! na dsheasamh an sin cho toilichtes cho cridheil ag amharc an spòrs a bhith ga mmharbhadh-sa, ’n uair a fhuair na béisdean cothrom orm nam chadal! Ach leigidh mise fhaicinn dhuibh nach téid a chuis leibh cho maths a bha sibh an dùil!” Le so a ràdh rug Aonghas na ghairdeanan mora, cumhachdach air theis-meadhain air an Innseanach, agus ghlac am fear sin Aonghas gu toilichte, ’s fiamh gàirair gu dha chluais. Sin far an robh charachd, ’s Aonghas a fàs làidir air a h-uile car, ’s ann am beagan mhionaidean bha Ni Maths a dhruim ris an t-sneachda, ’s greim aig Aonghas air sgòrnan air. Chaidh a chur air shùilean do dhAonghas mar a bha cùisean, ’s nach banngamhort a bha Ni Math idir, achga thoirt beò. An uair a thuig e so, dhiarr e mathanas air an Innseanach air son na taing gharbh a thug e dha air son a bheathashàbhaladh, ’s air Calum air son a bhriathran ris. Ach cha robh gamhlas aig a h-aon diubh dha; ’na aghaidh sins ann a rinn iad spòrs gu leor air cho dùrachdachs a chaidh Aonghas an greim an uair a dhéirich e. Thainig a nis am fear eiles thug ebhrògan-sneachna fhéin do dhAonghas gu toilichte, ’s le cridheachan aoibhneach, toilichte, thug iad an aghaidhean air a ghleann.

(Ri leantuinn.)


An Dotair Mac Lachuinn.

RUGADH an Dotair Mac Lachuinn ann an Rathuaidhe, anns aMhòrairne bhoidheach, ghleannach, anns a bhliadhna 1804. Bha e na dhuine foghainteach, aoidheil, agus dreachmhor; uasal am measg uaislean, agus na lighiche measail aig uaislibh is ìslibh; caoimhneil, truacanta ri bochdan na dùthcha. Thabhriathran féin a cuir an geill acheanalais anns an rann so:—

Chan fhaicinn ort fàilinn;
S cha shirinn ort pàigheadh;
Nàile! dhaisiginn slàn thu,
Nuair a dhfhàsadh tu tinn.”

Gheibhear cunntas aithghearr air a bheathasa bhàrdachd ann an leabhar a chuir Comunn Ardnamurchan a Mhorairne agus Suaineart a mach beagan bhliadhnachan air ais. Chì mi gum faighear an leabhar so ra cheannach aig clo-bhualadair MHIC-TALLA. Gheibhear mar an ceudna neart da chuid òrain anns anOranaiche.” Gun teagamh tha na h-òrain a rinn e snasda, ceòlmhor agus binn, làn brìghs bàrdachd.

Chaochail esa bhliadhna 1874 ann an Tobar-Mhuire. Chaidh a thiodhlacadhs a Chill Mhorairneach.

“ ’S ann sa chnoc chaidh do chàradh,
Anns an ùir a bha nàdur do sheòrs;
Taobh achaoils am bi challach,
S na luingeis fo làn an cuid seòl.
Tha thud chliùdhEarraghàidheal,
S don dùthaich a dhàraich thu òg;
S fhads a bhruidhneas sinn Gàidhlig,
Bidh cuimhnair do bhàrdachd le ceol.”

Mo chreach! chan fhaicear clach-chinn no carn air uaigh.

Cinnidh feanntags a ghàradh,
Nuair thig fàillinnsan ròs.”

New York. DONULL EACHAINN.


Sgeulachdan Arabianach.

CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.

CAIB. VIII.

CHO luathsa thill Pirouse da seomar fhein, chaidh an seirbhiseach ud far an robh i, agus dhinnis e dhi, gun robh duine nach baithne dha ag iarraidh bruidhinn rithe mu dheidhinn Chodadad. Cha bu laaithe dhinnis e so dhi na thuirt i gun robh toil aice an coigreach fhaicinn gun dail sam bith.

Thugadh an lighiche don t-seomar, agus dhordaicheadh do na mnathan coimhideachd gu leir a dhol am mach ach an dithis o nach robh Pirouse acumail rud sam bith an cleth.

Cho luathsa chunnaic i an lighiche, dhfheoraich i dheth le cabhaig ciod an naigheachd a bhaige ri innseadh mu dheidhinn Chodadad.

An uair a leig an lighiche e fheinna shineadh air a beulaobh mar chomharradh air an urrams air an umhlachd a bha etoirt dhi, thuirt e, an deigh dha eirighna sheasamh, “A bhaintighearna tha cunntas fhadagam ri thoirt dhuibh, agus cuiridh i ioghnadh gu leor oirbh.”

An sin dhinnis e dhi a h-uile dad riamh mar a bha eadar Codadad agus a bhraithrean. Dheisd i le aire agus le foighidinn ris gach facal a labhair e; ach an uair a dhinnis e dhi mar a mhort a-bhraithrean e, thuit i seachad ann an neul air an t-sofa, mar gum biodh i air a lot thun achridhe. Thug an dithis mhnathan coimhideachd lamh air cuideachadh a dheanamh leatha, agus ann an uine ghoirid thainig i as an neul.

Chaidh an lighiche air aghart leis na bhaige ri innseadh dhi. An uair a chur e crioch air na bhaige ri radh, thuirt Pirouse ris: “Bi falbh air ais far am bheil abhana-phrionnsa Deridhabar, agus abair rith gum faod i bhith cinnteach gun gabh an righ rithe mar bhean a mhic. Agus air do shon fhein dheth, faodaidh tu bhith cinnteach gum faigh thu deadh phaigheadh air son do shaoithreach.”

Nuair a dhfhalbh an lighiche, dhfhan Pirouse air an t-sofa air an robh ina suidhe, agus bha i fo dhoilghios a bha anabarrach trom; agus air dhi a bhithsmaointean air Codadad, thuirt i: “Oh, mo mhac, cha ruig mi leis duil sam bith a bhith agam gun faic mi thu gu brath tuilleadh! Ochan! an uair a thug mi cead dhut falbh a Samaria, agus a ghabh thu do chead dhiom, cha do shaoil mi gum biodh tu cho mi-fhortanachs gun tigeadh am bas ort cho fadair falbh uam. A Chodadad mi-fhortanach! Car son a dhfhag thu mi? Tha e gun teagamh sam bith fior nach biodh do chliu cho mor nan dfhan thu comhladh rium; ach cha bhiodh do mhathair cho bronachs a tha i.”

Am feadhs a bha ilabhairt nam briathran so, bha igul gu goirt; agus bhan dithis mhnathan coimhideachd, air dhaibh truas mor a bhi aca rithe, asileadh nan deur mar a bha i fhein.

Am feadhs a bha iadnan triuir mar so atuiream gu dian, thainig an righ don t-seomar, agus an uair a chunnaic e an staid anns an robh iad, dhfheoraich e de Phirouse an cuali droch naigheachd sam bith mu dheidhinn Chodadad?

Ochan! mo thighearna,” ars ise, “tha mo challsa deante. Tha mo mhac marbh, agus gus an tuilleadh a chur ri mo bhron, cha bhi de thoileachadh agam gum faigh mi a chur fon talamh mar bu mhiann leam; oir tha h-uile coltas gun dith beathaichean fiadhaich e.”

An sin dhinnis i don righ facal air an fhacal mar a thuirt an lighiche rithe, agus cha drinn i dearmad air innseadh dha mun doigh chruaidh-chridheach anns an do chuir a bhraithrean gu bas e.

Bu ghann a leig an righ le Pirouse crioch a chur air na bhaice ri innseadh dha an uair a las e le feirg agus le corruich a bha eagalach. “A bhaintighearna,” arsesan, “nithear dioghaltas trom gun dail air na creutairean graineil a thug a leithid a dhaobhar broin agus doilghis dhutsa agus dhomhsa.”

An uair a labhair e na briathran so, ghrad chaidh e mach as an t-seomar anns an robh Pirouse, agus ghabh e direach do seomar na comhairle far an robh na comhairlich uile cruinn aig an am. Cha bu luaithe chunniac iad e na dhaithnich iad air a ghnuis gun robh corruich eagalach air, agus bha iad an duil gum bann ri cuid dhiubh fhein a bha corruich air, agus bha na cridheachan air chrith aca leis an eagal. Shuidh e air an righ-chathair, agus thug e aithne don ard-chomhairleach tighinn dluth dha. “Hasain,” arsesan, “tha ordugh sonruichte agam ri thoirt dhut. Bi grad fhalbh, agus thoir leat mile saighdear, agus dean greim air a h-uile aon dhe mo chuid mac; druid iad anns aphriosan a tha air a chur air leth air son mhortairean. Biodh so deante gun dail sam bith.”

An uair a chuala na h-uile a bhann an seomar na comhairle an t-ordugh neo-chumanta so, chaidh iad air chrith le eagal agus le uamhas.

Cha dubhairt an t-ard-chomhairleach facal, ach mar chomharradh gun robh etoirt umhlachd don righ, chuir e a lamh air a cheann, agus chaidh e mach as an talla gun dail gus deanamh mar a dhaithn an righ dha.

Aig acheart am chuir an righ achomhairle mar sgaoil, agus thuirt e ris na comhairlich nach robh gnothach sam bith ri bhith air a dheanamh gu cionn mhios.

Bha e gun fhalbh as an talla an uair a thainig an t-ard-comhairleach air ais.

Am bheil mo chuid mac uile anns aphriosan?” arsesan.

Tha, ler cead, a righ,” arsan t-ard-chomhairleach; “rinn mise mar a dhaithn sibh dhomh.”

Tha ordugh eile agam ri thoirt dhut gun dail,” arsan righ. Agus an uair a thuirt e so chaidh e mach a talla na comhairle, agus chaidh e don t-seomar anns an robh Pirouse, agus an t-ard-chomhairleachg a leantuinn. Dhfheoraich e dhi caitan robh abhantrach aig Codadad afuireach. Dhinnis Pirouse dha far an robh i, oir cha drinn an lighiche dearmad air ainm an



[51]

[Vol . 10. No. 7. p. 3]

taigh-osda anns an robh i innseadh. An sin thionndaidh an righ ris an ard-chomhairleach, agus thuirt e ris, “Bi falbh don taigh-osdud, agus thoir an so abhana-phrionnsog a thafuireach ann, agus thoir an aire gun toir thu dhi am meas agus an urram air am bheil i dligheach.”

Cha robh an t-ard-chomhairleach fadacur an gniomh an orduigh a thug an righ dha. Mharcaich e fhein agus maithean na cuirte, agus ceannardan an airm gu ruige an taigh-osda far an robh Deiridhabar afuireach, agus dhinnis e dhi gun dordaich an righ dha a toirt don luchairt. Agus thug e dhi muileid gheal a chuir an righ ga h-ionnsuidh, air an robh diollaid agus srian a bha air a deanamh maiseach le or, le rubaidhean, agus le daoimein.

Mharcaich i air a mhuileid so gu ruige an luchairt ann an cuideachd nan ard-uaislean. Bhan lighiche maille rithe agus e marcachd air each mor briagha a chuir an righ ga ionnsuidh. Bha sluagh abhaile aig na h-uinneagan, no air an t-sraid ag amharc amharc-shluaigh adol seachad. Bha e air aithrisnam measg gum bi abhana-phrionnsa a bhachuideachd atreorachadh don luchairt, abhean a bhaig Codadad. Bha sluagh abhaile, air an aobhar sin, adeanamh iolach glaoidh le aoibhneas; ach nan robh fios aca gun dthainig naigheachd bais Chodadad, bhiodh iad uile acheart cho bronachs a bha iad cho aoibhneach; oir bha meas mor aig na h-uile air Codadad.

An uair a rainig Deiridhabar geata na luchairt, bhan righg a feitheamh. Rug e air laimh oirre, agus theoraich e i don t-seomar anns an robh Pirouse, far an robh sealladh gle bhronach ri fhaicinn. Bhabhean aig Codadad moran na bu bhronaiche na bha i riomhe an uair a chunnaic i a mhathair agusathair. Bha iadsan mar an ceudna ro bhronach an uair a chunnaic iad bean am mic. Thilig ise i-fheinna sineadh aig casan an righ, agus bha i cho tursachs cho deurachs nach burrainn i aon fhacal a labhairt. Cha bi Pirouse a bfhearr staid. Bha i air a lot gu trom le brons le bristeadh cridhe; agus an uair a chunnaic an righ an staid bhronach anns an robh iad, cha burrainn e gun toiseachadh ri sileadh nan deur comhladh riutha. Bha iadnan triuir asileadh nan deur fad uine mhath, agus cha robh facal atighinn a ceann aon seach aon diubh.

Mu dheireadh an uair a fhuair abhana-phrionnsa, Deiridhabar, beagan faothachaidh on trom-bhron anns an robh i, dhinnis i dhaibh a h-uile car mar a thachair anns achaisteal, agus mar a chuireadh Codadad gu bas. An sin dhiarr i air an righ dioghaltas a dheanamh air an fheadhain a chuir Codadad gu bas.

Nithear sin, a bhaintighearna,” arsan righ, “cuirear na creutairean neo-thaingeil ud gu bas gun teagamh sam bith; ach feumar an toiseach bas Chodadad a dheanamh follaiseach do shluagh na rioghachd air eagal gun eirich iad ann an aramachnam aghaidh ma chuireas mi mo chuid mac gu bas gun fios an aobhair a thoirt seachad. Agus ged nacheil corp mo mhic againn, cha dean sinn dearmad air na dleasdanais dheireannach a dheanamh dha.”

An uair a labhair an righ na briathran so, thionndaidh e ris an ard-chomhairleach, agus dhordaich e dha taigh-cuimhne do Chodadad a thogail de mharmor geal air achomhnard a bha faisgair abhaile. An sin dhordaich e seomraichean maiseach a chur air leith do Dheiridhabar anns an luchairt.

Gun dail sam bith thug Hasan ordugh don luchd-ceirde dhe gach seorsa toiseachadh ri togail an taighe mar a dhaithn an righ, agus chaidh iad cho sgoinneil ris an obairs gun do chuireadh crioch air an taigh ann an uine ghoirid. An uair a bha e ullamh, thogadh uaighna bhroinn anns an do chuireadh iomhaidh Chodadad. An uair a bha gach ni criochnaichte, dhordaich an righ latha chur air leith air son urnuigh agus trasgadh a dheanamh.

(Ri leantuinn).


Calanas.

LE K. W. G.

BHAn clò adol ceithir-thimchioll air achleithe, a h-uile g a thogail o a taobh deas far an do leig a ban-chompanach as e, agus an sin atoirt smùid dha air a taobh clì; anns an dòigh sin bhan clò daonnan adol mun cuairt air achléith, ’s an t-òrang a sheinn

Chaol-mhala-dhubh ghaolach thu,
Mo Chaol-mhala-dhubh o .

Thug am bàtan caolas oirre,
Mo Chaol-mhala, etc.
ràmh oirris taoman,
Air aChaol-mhala, etc.
Morairean air oighreachd,
Air aChaol-mhala, etc.
Clann an Righ aglaodhaich,
Air aChaol-mhala, etc.

Anns an dòigh sin rachadh an clò a luathadh, aguss ann le òrain a rachadh an tìm a chunntas a ghabhadh iad ris. Chan echluinneadh tu iad ag ràdh— “gabhaidh e leth-uair eile” —ach, “gabhaidh e òran eile fathast.” ’Nuair a bhiodh an clò deas air son a churs aChoinnealmar a theireadh iadgheibhte maide fad caol, cho dìreachs a ghabhadh faodainn.

Shuidheadh an sin an a bha gubhina bean-iùil aig càch anns amheadhon, aig ceann na cléithe, greim aice air amhaide mun mheadhon, agus urad de chàch mun cuairt oirres a burrainn faodainn ann. Thòisicheadh iad an sin air cur an aodaich mun mhaide. ’S ann an sin a bhiodh an strì eadar ceann agus casan na cleithe, bhan clò làidir luaidhte, ’s bha feum aige gun robh. Tha cuimhnagam acheud uair a chunnaic mi air achadh-chluich an cleas ris an abair iad antug-of-wargun dthug e ann am chuimhne na mnathan mun chleith luathaidh. -dhiù, bha car an deigh car den chlòdol mun mhaide, agus an uair a thòisicheadh achoinneal air fàs chùmhal mar a chuireadh an fheadhain a bhaig a cinn car innte, bha càch agabhail dhith lem basan. Thòisicheadh an sin an ceòl ris an abair iad, “Port-nam-bas.” Dhfheumadh an sin abhean-iùil a h-uile nighean òg a bha mun chléith a phaidhreachadh ri gillòg air choireiginn. Anns an dòigh so bhan òigridh air an toileachadh, ’s an t-aodach adol gu teann cruaidh ann an coinneal. Chluinnte fuaim am bas air achlò os-ceann guth na bu treise pong a bhiodhs a chuideachd. Bhiodhan sin an clòs achoinneals rachadh am maide a shlaodadh a mach às; dhfheumadh e gun seasadh e air a cheann, air achléith, cho dìreach ri posta na cachla, ’s mur deanadh e sin cha bhiodh e ceart. Rachadh an sin trì cuir a chur dheth leis aghréin, agus a bheannachadh, etc, etc.


ORAIN-LUATHAIDH.

Cha bhiodh cunntas air obair an luaidh ceart as-eugmhais facal mu na h-òrain-luathaidh. Ann an aon de naSeann DànaGàidhlig a thrus an t-Urr. Iain Smith tha na sreithean a leanas ri fhaotainn

“ ’S tha farum chlàr is caithream bheul
An talla Sgara na féile faoile.

Fonn air clàr, is fonn air dàn,
Slàn gu robh thu, ’rìgh na carraige!”

CATHULA.

Aig bun duilleige than Dr. Urramach ag ràdh

Tha e coltach gum be òran-séisd a bhanns an luinneag so, a ghabh òighean Chrom-I. Than seòrsòrain so anabarrach sean, agus tha e fathast air a chleachda gu bitheantas aGhàidhealtachd. Bha co-chòrdadh eadar tomhas nan sreith agus iomairt nan ràmh, no nan corran, aig abhuain, no iomairt an aodaich aig an luathadh, etc. Bha na Greugaich o shean acleachdadh na seòrsa luinneig so air son na h-aon aobhair. Tha eisimpleir dhiubh sin air a chur a sios dhuinn le Plutarch, ann an séisd a bhiodh na mnathan aseinn aig bleith an t-sìl dhoibh, ris an abradh iad epi-mulioni. e., òran-muilinnagus a tha tòiseachadh.

Alei mùla, alei,” etc.
Bleith a mhuilinn,” etc.

Tha daoine dubh na h-Aifric gus an lathan diugh acleachduinn na séisd aig an obair, eadhoin mas e sreith dhiubh a thag obair air an rathad mhòr, tha gach piocaid ag éirighs atuiteam aig an aon bhuile, acumail tìm rin séisd: agus thaMungo Parkatoirt cunntas air òran nam boirionnach-dubh an uair a bha iad ameileadh na mine air son a shuipeir.

Is sona an obair a thacumail buille ris acheòl; ’s duilich gun cuireadh gaol an airgid, nan sògh an ceòl sunndach air cùl. Tha Macphàidein atoirt cho math ri trì Orain-Luathaidh, agus am beannachadh aig crìoch na h-oibre. Faodar rann a Port namhasaon de na puirt phaidhreachaidh-a thoirt mar eisimpleir o mheasg an trì sin; tha trì rannan àOran-LuaidhDhonnacha Bhàin nan Oran, air an toirt seachad cheana. Tha ceithir air-fhichead ceathramh ann uile gu léir, anns am bheil gach ni mun obairair a chur sios, leis an t-séisd so eadar gach ceathramh

gun togainn air hùgan fathast,
i-ò mun téid mi laidhe;
gun togainn air hùgan fathast.”

S echeud séisd a tha Macphaidein atoirt

Clò nan gillean, iomair o-
Clò nan gillean, iomair o-
Ceòlbu bhinne, iomair o-
Clò nan gillean, iomair o-.”

Than so rann áPort-nam-bas”—

bheir mi leam air an luing Eirionnaich?
Air an fhidhill, air an truimb, air an Luing Eirionnaich?
bheir mi leam air an Luing Eirionnaich?
Morag a bheir mi leam air an Luing Eirionnaich!
bheir mi leam air an Luing Eirionnaich?
Dòmhnull a bheir mi leam air an Luing Eirionnaich!
bheir mi leam air an Luing Eirionnaich?
Marcachd air bharraibh nan tonn air an Luing Eirionnaich!
bheir mi leam air an Luing Eirionnaich?
Air an fhidhill, air an truimb, air an luing Eirionnaich
Màiris i bheir mi leam air an luing Eirionnaich!
bheir mi leam air an Luing Eirionnaich?
Tearlach a bheir mi leam air an Luing Eirionnach!
Etc., etc.


An Teas ann an Alba.

(Oban Times,Iulaidh 27).

Mu mhìosa roimhe so dhfhàs an aimsir anabarrach teth ann an America, agus dhfhuiling mòran don t-sluagh gu cianail. Tha e air a ràdh gun do sgaoil an teas so mar thonn thairis air farsuinneachd na tìre gu léir. Tha an teas so nis againn féin, agus thàinig am bàs ann an ioma àitena dhéigh. Ann an àitean eile thàinig stoirm, uisge is dealanach maille ris an teas, gu sònruichte anns an taobh deas. Bha stoirm ro bhagarrach aca an Glaschu le tàirneanach agus uisge fiadhaich trom. Cha robh an aimsir cho teth no cho fliuch anns aGhàidhealtachd air na còrsan siar, ach dhfhairich iad tomhas don teas ann an crìochan siorrachd Pheairt. Bha an uair ro dheuchainneach ann an ioma ceàrn do Shasunn. Bha aon bhean uasal, nighean Diùc á Albainn a bha dol a phòsadh air latha sònruichte ach rinn an teas cho lag is gun do chuir iad stad air a phòsadh car tacan. Tha i-féin agus an duinòg atighinn tuathan ùine ghoirid far am bi abhanais air a deanamh. Tha mòran bhliadhnachan on a dhfhairicheadh aleithid so do theas.



[52]

[Vol . 10. No. 7. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OGUST 16, 1901.

Tha Morair Citchener an deigh rabhadh deireannach a thoirt do na Boerich a tha fhathast gu diorrasach aseasamh a mach. Na ceannardan nach striochd do na Breatunnaich romh mheadhon September, bidh iad air am fògradh á Africa mu Dheas, agus iadsan a tha fodhpa nach striochd romhn àm sin, bidh cosguis bidh us aodaich an teaghlaichean, a tha mar phriosanaich anns na campaichean Breatunnach, air a phàigheadh len cuid fhearann us innsridh a bhi air an creic. A reir an rabhaidh sin, iadsan nach toir iad féin suas gun dàil, bidh iad aon chuid air am fògradh as an dùthaich gu buileachs gu bràth, neo bidh iad air am fàgail cho loms cho falamhs nach bi e gu moran feuma dhaibh a bhi innte. Chan eil ach àireamh bheag dhe na Boerich a tha feuchainn ris an t-strith a chumail suas, agus chan eil teagamh nach toir an rabhadh mhor chuid dhiubh an airm a leigeil uapa.

Tha daoine anns na Staidean agus ann an dùthchannan eile a tha gabhail tlachd mor ann a bhifaotainn coire do Bhreatunn air son cho borbs cho an-iochdmhors a tha i adeiligeadh ris na Boerich. ’S en aon ghearain, no an gearain as motha thaca sin gu bheil an t-arm Breatunnach a losgadh shaibhlean us thaighean, agus mar sin a cur call us cruadal mor air daoines air mnathan nach eil agabhail gnothuch ris a chogadh idir. Tha fhios nach eil ach fior bheagan firinn anns na sgeulachdan brònach a tha mhuinntir so afaotainn á Africa mu Dheas, ach ged a bhitheadh iad fior, chan eil na thatar a cur air an arm Bhreatunnach ach gle neo-nitheach an coimeas ris an losgadhs an leir-sgrios a rinneadh ann an cuid de na dùthchannan sin féin ri linn dhaoine nach dfhàg tir nam beò fhathast. Agus chan aithne dhuinn gu robh dùthaich riamh roimhe a beathachadhsa gabhail cùraim de mhnathans de chloinn nan daoine bha cogadh na h-aghaidh, mar a tha Breatunn adeanamh o chionn àireamh mhiosan. Nuair a thug Crugar a chasan leis don Roinn-Eorpa, dhfhàg e a bhean am measg nam Breatunnach; agusnuair a thug Steyns buill eilen Riaghlaidh aige na monaidhean orra, dhfhàg iad am mnathans an clann anns na bailtean a bha gu tuiteam an lamhan nan daoine borba ceudna. Agus tha e air innse gun do dhaidich bean Steyn o chionn ghoirid nach robh i féins na mnathan eile cho math air an dòigh riamhnam beathasa bha iad on thuit iad an lamhan nam Breatunnach.

Tha bana-Ghàidheal òg ann an aon de bhailtean Massachusetts, asgriobhadh mar so, an àm a bhith cur ugainn pàigheadh na bliadhna:— “Cha bhithinn as aonais MHIC-TALLA ged bhiodh e coig dolair orm an àite h-aon. Nuair a gheibh mi e tha miga thoirt leam dam rùm, ’sga leughadh a mach dhomh fhin. Theid mi troimh na h-uile facal dheth mun caidil mi, agus an sin bfhearr leam gu robh àireamh na h-ath sheachdain agam. Bfhearr leam gum biodh a h-uile fear us te aig am bheil Gàiligga ghabhail; nam bitheadh, bhiodh paipear na bu mhotha againn. Is aithne dhomh gu leòr leis an fhior thoil a bhiga leughadh, ach Oh! Chan urrainn iad dolair a sheachnadh gus curga iarraidh! ’S e mo bharail nach eil moran toil aca; oir nam bitheadh, gheibheadh iad dòigh.”

Tha anstrikeanns na h-obraichean iaruinn anns na Staidean a sgaoileadhsa fàs an neart. Dhfhairlich orra còrdadh sam bith a dheanamh, agus tha an t-strith ri dhol air adhart gus an fheudar don darna taobh géilleadh. Tha na tha dhobraichean-iaruinn anns na Staidean gu ire bhig uile fo riaghladh aon chuideachdcuideachd Mhorgain. Ann an cuid de na h-obraichean, tha an obair uile air a deanamh le daoine a bhuineas doaonadhan luchd-obrach. Anns na h-obraichean sin tha guth làidir aig an aonadh ann an deanamh an tuarasdails nan uairean-obrach. Anns na h-obraichean nach eil fon aonadh, tha an tuarasdals na h-uairean obrach air an suidheachadh leis achuideachd. Tha an t-aonadh a niseg iarraidh gum bi na h-uaireans an tuarasdal co-ionnan anns na h-obraichean uile, co-dhiu tha an luchd-obrachs an aonadh no nach eil. Tha achuideachd adiùltadh sin a dheanamh; agusse sin aobhar na còmhstri. Cia be taobh a chailleas, bidh an call ro-mhor, agus cia be taobh a bhuadhaicheas, bidh a bhuaidh a cheart cho mor. Tha cùisean moran nas fàbharraiche don chuideachd na tha iad do na daoine, oir chan fhadan ùine gus am bi na daoines an teaghlaichean afulang leis an acras, ni nach cuir dragh air buill na cuideachd ged nach buailte buille gu ceann bliadhna.


Chaidh ceud de na luchd-obrach aig naCoke Ovensa mach airstrikedeireadh na seachdain ag iarraidh tuilleadh tuarasdail. Bha iad afaighinn $1 .50san latha agus bha iad ag iarraidh $1 .75. Tha a mhor chuid dhiubh air a dhol air ais gun obair roimhe so, gun àrdachadh sam bith a bhith air a dheanamhnan tuarasdal.


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
INVICTUS
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater.
A . W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.


Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a thagainn air $3 .50s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios gan iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.



[53]

[Vol . 10. No. 7. p. 5]

Naigheachdan.

Tha cuid de na muillnean sàbhaidh an Cuebec air dùnadh le cion fiodha. Tha an t-uisge cho ganns nach gabh am fiodh giùlain gan ionnsuidh. Cuiridh so call mor air luchd nam muilneans air an luchd-obrach.

Bha cruinneachadh aigConservativesna siorrachd anns a bhaile Di-ciaduin, adeanamh ullachadh air son taghadh luchd-pàrlamaid. Chaidh Cailean Mac Fhionghain agus Vincent Mullins a shònrachadh air son feuchainn aig an taghadh a tha gu bhi ann, reir gach coltais, romh dheireadh na bliadhna.

Tha fios a thainig á Eirinn air an t-seachdain sa chaidh ag innse gu robh na ban-bhuanaichean ann an Tipperary an deigh eirigh ann an ceannairc an aghaidh nan innealan buain. Bha iad amearsadh troimhn bhaile le fear-cluig air an ceann. A bharrachd air a bhig iarraidh cur as do na h-innealan, tha iad ag iarraidh àrdachadh tuarasdail dhaibh féin.

Bha clach-oisinn seann tigh-na-cùrtach air a leagail anns a bhliadhna 1868. Bha an t-seirbheis an uair sin air a deanamh leis na Saor Chlachairean, agus an Coirneal Read air an ceann. Dhiubhsan a bha làthairsa ghabh pàirt aig an àm sin bha dithis a làthair aig leagail cloich-oisinn an taigh ùiran Dotair Mac Gillebhràth agus Tearlach Townsend.

Tha sgaoth de leumadairean-feòir an deigh bualadh a stigh air baile Naples, an staid New York. Tha iad ag itheadh suas gach ni a tha fàs, agus adeanamh sgrios uamhasach air an dùthaich. Cha chuir puinnsean no ni eile stad orra, agus tha na tuathanaich a gearradh an arbhairsga chur a stigh bog, gorm mar a tha e air son nas urrainn iad a shàbhaladh.

Thachair sgiorradh muladach ann anNew GlasgowDior-daoin sa chaidh leisn do chaill bean Fhearchair Shepherd a beathasi feuchainn ri a mac a shabhaladh. Thuit an gille beag ann an slochd domhain anns an robh deich troighean uisge. Leum a mhathair a stigh ga shabhaladh, agus chaidh aice cruaidh spairn air a cheann a chumed os cionn an uisge gus an dfhuaireadh a thoirt as a lamhan, ach bha i-fhein air a claoidh cho mors gun deach i fodha, agus bha i air a bathadh. Bha i da fhichead us coig bliadhna dhaois, agus gle mheasail.

Bha uasal dan ainms dan tiodal Maidsear Astral ann an Sidni fad an earraichs an t-samhraidh so, adeanamh beòlaind shocair air leughadh bhoisean. Cha robh agad ach do bhois a shealltuinn dha, agus dhinnseadh e tfhortains do mhi-fhortan dhuit gu fileanta air son da dholair. Bha uaislean us ìsleanga ruigheachd, agus do chuid dhiubh dhinnis e sgeul iongantach mu fhortan air an dfhuair e fios á Austriaionmhas falaich a rachadh aig air fhaotainn nan robh beagan airgeid aige. Thug aon bhean, a chuir creideas mor ann, da cheud dolair dha air chumha gum faigheadh i earrann den ionmhas. An deigh dhi sin a dheanamh, ghabh i aithreachas, agus chuir i maor os deigh a Mhàidseir, a bha direach aig an àm afàgail a bhaile. Lean am maor air a thòir agus rug e air aig na Narrows Mhora. Chaidh a thoirt do Shidni, ’s chuir e oidhche Di-satharna agus Di-dònaich seachad anns a phrìosan; ach maduinn Di-luain chaidh a leigeil ma sgaoil, air dha an t-airgead a phàigheadh air ais don mhnaoi.
Chaidh muileann sàbhaidh agus obrachaidh-fiodha a losgadh ann an Antigonish feasgar Di-sathairne sa chaidh. Bhuineadh i do Iain Domhnullach. Tha an call air a mheas eadar deich mìle us coig mìle deug dolair, agus cha robh i air a h-urrasachadh idir.

Tha na Geancaich car teagmhach fhathast co-dhiubhs i a bhirlinn ùr no an t-seann a chuireas iad a ruith na reise ris an t-Shamrock II. Tha na dha acur reisean aig an àm so, agus gu ruige so tha anColumbiaa nochdadh gu h-i bàtas fhearr na anConstitution .Ma leanas i mar sin chan eil teagamh nach i aruitheas; agus bheir sin dòchas nas fhearr do Shir Tomas Lipton gun coisinn e an duais.

Tha bruidhinn adol mun cuairt anns na paipearan aig an àm so gu faod e bhith gum bi àireamh mhiltean de na Boerich air an toirt do Iar Thuath Chanada, ’s air an suidheachadh an sin mar thuathanaich. Chan eil teagamh sam bith, nam bitheadh iad dileas don chrùn agus nan ionnsaicheadh iad an obair féin a dheanamh, nach biodh iadnan deagh shluagh anns an dùthaich. Bha an athraicheanna Dùitsichnan daoine bha gle mhath air cosnadh, ach ann an Africa mu Dheas dhionnsuich iad a bhi diomhainsa bhi cur na h-obrach gu h-iomlan air nàisinnich na dùthcha.


Freagairt.

Chunnaic Somhairle Caimbeul, fear gleidhidh an taigh-sholuis air Eilean Phòil, a ghriansa ghealach agus rionnagan anns na speuran, còmhladh da thurus, ach chan eil cunntas aige air na h-amannan. Bann ùine gle ghoirid an deigh éirigh na gréine a chunnaic e iad, agus bha an t-athar aig gach àm gu ire bhig còmhdaichte le neòil dhubha, ghruamach, air an robh coltas stoirme.

Chunnaic Domhull T. Caimbeul, am Bràighe Ghlinn-Comhann, a ghriansa ghealach agus. rionnag anns an speur, comhladh air latha Bealltuinn, 1886. Bha eg am faicinn bho eiridh na gréine gu aon uair feasgar, nuair a thainig an t-athar fo neoilsa chaidh iad as a shealladh.

Tha Iain G. Mac Thearlaich ag innse gu bheil duinefuireach faisg air, aig an Abhainn Mheadhonaich, a chunnaic aghealach agus a ghrian anns an speur còmhladh tri uairean. Aon turus dhiubh so, bann mu dha no tri uairean feasgar, am mios Ogust, ’s e anns a mhachair a deanamh lòd feòir; an da thurus eile chunnaic e iad roimh mheadhon latha.

Faodaidh ant-Oigear Aineolachmar sin a bhi fiosrach gu bheil an sealladh so ri fhaicinn aig amannan sònruichte, ged a tha ena ni gle neo-chumanta.

Gheibhear cunntas aithghearr air an Dotair Mac Lachuinn air taobh eile dhen àireamh so. Tha sinn duilich nach eil leabhar-òrain an Dotair a nise ann an clò; ma tha, dhfhairlich oirnn fhaotainn, agus dhiarramaid air fear-eigin de ar luchd-leughaidh a tha eolach air eachdraidh a bheatha no aig am bheil an leabhar tuilleadh de dheachdraidh a bheatha chur ugainn. Chan eil fhios nach deanDomhnull Eachainnfhéin sin nuair a leughas e so. Mur dean, tha sinn an dòchas gun dean an t-Urramach Mr. Sinclair, aig am bheil na h-uiread de dheòlass de thlachd ann an eachdraidh beathas an saothair nam bàrd.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubailte, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON.

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED,

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as motha, ’s caomhain tairgead.”


Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.



[54]

[Vol . 10. No. 7. p. 6]

Ath-leasachadh.

NUAIR thainig mi dhachaidh cha do dhaithnich mo bhean fhein mi. Bha mo shron air a leudachadh comhnard ri mghruaidh; aon de mshuilean cho dubh ri mas na poit-ghuirmein, ’s a h-uile meall air mo cheann, air tailleabh cas na sguabaich, cho mor ri ubh circe. Thainig an doctair, ’s thoisich e air mo churan eagaibh a cheile. Dhfharraìd e den mhnaoi, ciod a ghne shroinebhann mun deach a h-ath-leasachadh? “Sron gle eireachdail,” arsise, “den t-seorsa ris an abair iad, Roman nose.” Dhfheuch e mar sud i, ’s dhfheuch e mar so i, ach, Roman nose, cha ghabhadh deanamh dhith. Dhfhag e mi, mu dheìreadh, le plasda de shlan-lus ri mshroin; staoig de fheoil amh ri mshuil, ’s fuarlait ri mcheann, ’s thug mise fad mhios anns acheanna-bheairt sin. Bha mi, mu dheireadh, uidh airn uidh, atighn gum chruth fein, ’s ged a bha fhathast striam de bhogha-frois mu mshuil,, ’s ged nach robh mo shron, uile gu leir, cho Romansa bha i, bha mi air chomas dol mun cuairt. Thill sinn don bhaile mhor, ’s gu dearbh, cha robh duilichinn orm miunntir an t-saile fhagailnar deigh.

Feumaidh mi aideachadh nach robh mi cho dian ann an cuis an ath-leasachaidh an deigh dhomh tighn dachaidhs a bha mi mun dfhag mim baile. Chan ann a mhain a thaobh na giollachd a fhuair mi; ach a thuillidh air sin, am feadhs a bha mo cheannsan fhuarlait, bha uinagam air aghnothach a rannsachadh na bu mhionaidiche, ’s thainig mi, mu dheireadh, gus acho-dhunadh, nach robh e daonnan iomchuidh, ma bha e idir ceart, a bhin comhnuidh asparradh ar barail fein air daoineile, olc air mhath leo e. Co againn is urrainn a radh le cinnt gur ebharail fhein is fearr na barail a choimhearsnaich? Ciod achinnt a thagamsa nach robh an duine coirbte sin ag imeachd ann an slighe a dhleasnais, ’nuair a bha e asmachdachadh a mhnatha, ’s a theann mise ri grabadh a chur air. Tha mi nis lan-dhearbhte gun robh an creutair grannda mnatha sin feumail air a h-ath-leasachadh.

S ann mar so a bha mimeorachadh air achuis, ’nuair a thainig mi air poinneach balaichs e leadairt caileag, bhoidheach, cho neo-lochdach coltass a burrainn duinfhaicinn. Rug mi air chluais airs labhair mi gu sgraingeil ris, ’s dhinnis mi dha an t-ait air an robh e stiuradh, mur deanadh e a bheusan ath-leasachadh. Sheall e orm car tiota, mar nach biodh e cinnteach ciod a bu choir dharadh nodheanamh. Mu dheirdadh, ghlaodh is chaoin e cho cruaidhs a baithne dha. Air ball, leum duine dorcha, geinneach, a mach a buth goirid uainn. Bha e gun chota, gun bhoineid, ach le aparan leathraich acomhdach a thaobh-beoil o mhuineal gu aobrainn. Dhfharraid e gu feargach, ciod a rinn mi air abhalach, no ciod an gnothach a bhagam ris? Dhfarraid mise, ciod an gnothach a bhaigesan ris achaileig neo-lochdaich a bha ecnapadhs aciannadh cho an-iochdmhor? Gun fhacal tuillidh air no dheth, chuir e smugaid thombacana laimh; sgailc ebhasan ri cheile; dhruid edhuirn, ’s thug e cuireadh dhomh tighn air maghairt. Bhon nach do ghabh misan cuireadhs amhionaid, thog e seorsa de dhiolach, no brosnacha-catha, ’s leum is dhamhse mun cuairt orm cho luath ri gille-mirein, gus an do chuir e mo cheannan tuainealaich a bhi stri ri suil a chumail air. ’Nuair a thog e an iolach a dhainmich mi, mun abradh tu, “bo thugad!” bha sinn air ar cuartachadh le graisg abhaile, mnathan is clann; garlaich bhalach, ’s prabar mar sin, ’s a h-uile sgornan an sin fosgailte am aghaidh fhein, ’s gun fhios, gun fharraid aig a h-aon diubh ciod a bha cearr. Mu dheireadh fhuair mi cothrom air bristeadh a mach a measg na cuideachd neo-chubhraidh so, ’s theich mi lem bheatha; ach ma theich, cha robh iadsan idir sgith dem chuideachd-sa, ’s leam iad mi. Chuir mis na buinn cho maths a rachadh agam air; ach air fheobhass gun cluichinnsa na pleadhain, bha slapail an aparain leathraicham chluasan. Shin sinn as, a suas aon sraid, ’s a sios sràid eile; agus cha robh cu fuadain no balach miomhail a thachair oirnn, nach do thionndaidh leinn gu sunndach a ghabhail pairt anns an ruaig. Chaill mise mo bhoineid, ’s bha na riobagan fuilt a lean ri mcheann afeadalaichs aghaoith, ach cha robh uine ra sheachnadh a dhamharc air son broig no boineid. Bha manailam uchd, ’s mo ghluinean afailneachadh, ach chuimhnich mi air na daoinon dthainig mi, ’s mar a babhaist domh cumail a suas ri faoghaid an fheidh air aisridhean corrach na Beinne-brice, ’s thug mi aon oidheirp eile a chur leud nam bonn eadar mis mo luchd-leanmhuinn.

Bha minis atighn faisg air an tigh, ach leis an ulfhartaich oillteil a bhaig mo luchd coimhideachd, bha na coimhearsnaich, beag is mor, sean is og, a mach gum meadhon air na h-uinneagan; an suileans am beoil fosgailte; deas gu beannachadh no mallachadh, direach, mar chitheadh iad freagarrach; ’s ged nach robh fios fon ghrein aca ciod a thachair, thainig iad gun dail, gun teagamh, gus acho-dhunadh, gun drinn mise ni-eiginn fìor olc, Mort air achuid a bu lugha.

Fhuair mi, mu dheireadh, achomhladhchur eadar mis fear an aparain leathraich, ach gu firinneach baimhealach an gnothach leam, a bhi air mo ruagadh dhachadh troimh shraidean follaiseach Dhuneidinn, le coin is geocaich abhaile mhoir as mo dheigh. Be iarrtas mo chridhe aig an am: O, air son claidheamh geur da fhaobhairclaidheamh a sgathadh cinn o cholannas a ruigeadh gu eadar-sgaradh nan alts nan smear, nan robh


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Seall an so air son
SANUS UR
Air an ath Sheachdain.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. Cordaidh i Riut.



[55]

[Vol . 10. No. 7. p. 7]

sin agam, bheirinnsa aichmheil a mach air aghraisg sin air son na tamailt a chur iad orm!

Nuair a fhuair mi mfhuil is mfheoil a chiuineachadh, thug mi boid air feusag achait, ged a chithinnsa prabar abhaile so, dolan comhair mhullach an cinn do dhait as teotha na Innsean an Ear non Iar, gur e so am fear nach togadh lamh no cas gan cumail air an ais. Ciod e mo ghnothachsa riutha? Nacheil aChleir an sin a dhamharcnan deigh; ach thaChleir cho bith-dheanadach ag ath-leasachadh an Aidmheilean, ’s nacheil uinacair na ceart aidmheilean sin a chur an gniomh. ’S i mo bharail-sa gum bheil tuillidh eifeachd ann an cuaille math batachum dream araid ath-leasachadh, na tha ann an lan sgireachd de dhaidmheilean, air cho diongmhaltas gum bi iad air an tarruing suas. Biodh na nithe sin mar a dhfhaodas iad, fhuair mise na dhfhoghnas dhomh de dhobair an ath-leasachaidh.


Litir a Ceap Nor.

SHAOIL mi gum biodh naidheachdan gu leor aig an Tuathanach Bhann uair philleadh e a Sidni a Tuath, a dhfhaodinn a sgriobhadhs an litir so; ach mu tha cha cheadaich e dhomh ach beagan dhiubh a chur gu Mac-Talla aig an am so, agus chaneil fhios agam am fiach am beagan sin fhein a chur an clo. Mur fiach tha fios agad fein de thu riutha.

Dhfhag en t-aite so air aon de na pacaidean mu thoiseach a mhios, agus chuir e seachad oidhche chiuin, nach robh idir blath, air clar uachdar na luinge a mach o Smokey. Cha do choidil e priob re na h-oidhche, agus cha mhodha burrainn e blasad air biadh; ach cho luaths a fhuair e cas air tir aig Sidni a Tuath an la-iar-na-mhaireach, ghabh e mach tri mile as a bhaile. An deigh deadh dhinneir a ghabhail an tigh caraide dha, choidil e cho fadas gur gann a chreideadh e gur e fein a bhannnuair a dhuisg e. An deigh a bhi la no dha an Sidni a Tuath, co thachair ris an sin ach a dheadh charaide, Alasdair Og. Bha Alasdair an deigh a bhi car uine ag obairs a bhaile sin, agus bha e ullamh gu pilleadh gudhachaidh an Ceap Nor. Dhinnis an Tuathanach dha gun robh fiodh taighe aige air bord na luinge, agus gum biodh e fior thoilichte nam fanadh esan maille ris re seachduin acur an taighe richeile. Dhaontaich Alasdair coir air ball, agus cha ghabhadh e duais no tuarasdal ach a mhain na phaidheadh a bhord re na seachduin. Cho luaths a fhuaradh am fiodh air an laraich chaidh na seoid an sas ann an cur suas an taighe. Bha choltas air Alasdair nach robh e idir toilichte leis na bhan Tuathanach a cur seachad dhethn uine ann a bhi beachdachadh air an trein ghuail gach uair a bhiodh egabhail seachad. ’Nuair thug an Tuathanach sin fainear, dhiarradh e air Alasdairobair a leigeil seachad, agus e beachd a ghabhail air maise, neart agus luathas an eich iaruinn, &c . Mar bu trice cha togadh Alasdair a cheann, ’s rachadh e air adhart leis an obair mar nach biodh each iaruinn no carbad guails an t-saoghal. ’Nuair fhuair iad an taighs an ire bhan an run phill iad dhachaidh air an Weymouth. Am measg na muinntir a ghabh an turas air a bhata sin bha Mayor Meinnean Shidni. Chan aithnicheadh neach sam bith air a ghiulan gun robh e ann an dreuchd cho ard; ach mur aithnicheadh bha duine og eile air bord a bha smuaineachadh moran dheth fein. Bha esan a tighinn air chuairt ghoirid don duthaich so an deigh a bhi beagan bhliadhna am Boston, agus shaoilte air a ghluasad agus na bha aige ri radh nacheil an Ceap Breatuinn ach duthaich nacheil idir freagarrach don duine a tha annsan. Bha bicycle aig an duine iongantach so, agus bha egabhail a chothrom air innse do gach neach nacheil rothair dam fiu an t-ainm rim faotuinn an Sidni idir, &c . Coma co-dhiu, ’nuair a rainig an Weymouth Ingonish dhfhalbh e air tir air an rothair agus bha e gu bhi an Acarsaid Neill a thiota. ’Nuair shaoil cacha gun robh e astar mor air adhart, de biongantaiche leo nafhaicinn air tilleadh agus bann aon roth air a ghearradh troimhe le cloich gheir air na ruith an rothair ainmeil so thairis. Bfheudar dha fuireach air bord an oidhche sin, agusnuair dhfhag em bata gu dol air tir an Acarsaid Neill an la-iar-na-mhaireach, bha sgiobabhata ag radh ri cheile nach bfhada dhfhanadh esan aite sin, nach robh rum gu leor aige ann. Mur deachaidh e an eisiomail Shidni air son an rothair fhaotuinn air doigh, chan urrain enochdadh don chearna so dhen t-saoghal an t-astar a ni esan le rothair Geancach.

M. D.
Ceap Nor, Iulaidh 31, 1901.


A Bhan-diucs an Gille Beag.

An uair a bha Bandiùc Chornwall ann an Australia air an t-samhradh so, chaidh i aon latha don tigh-eiridinn ann am baile-mor Shidni. Sheas i aig taobh leapa anns an robh gille beagna shineadh, agus dhfheoraich i gu de bhair.

Bhrist mi mo chas,” arsan gille.

Ciamar a rinn thu sin?” arsaBhan-diùc.

Thuit mi bhar mullach feansas mi feuchainn am faicinn a Bhan-diùc, agus chan fhaca mi i an deigh sin.”

Rinn a Bhan-diuc an sin i-fein aithnichte, ag radh, “Tha mi cinnteach gum bfhearr leat nach dthainig mi riamh do Australia, ach a nise tha thug am fhaicinn dhut fhein.”

Shuidh i tacan ri taobh na leapa, acòmhradh ris a ghille bheag, agusnuair a dhfhag i e, bha e cho toilichte ri righ, ’s cha robh caoidh sam bith aig air a chois bhriste.


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAR.

[Clàr - ama]


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aige ris am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO.
Sidni, C. B.
Phone 217
Feb 7011 yr


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[56]

[Vol . 10. no. 7. p. 8]

Oran don Chogadh Ruiseanach.

LE ALASDAIR MAC GILLE-MHAOIL.

S an cuala sibhse mar a thachair
Do na gaisgich anns a chruadal,
Aig Sebastapol a chaisteil
S ann a thachair la an uamhais;
S iomadh fear a rùisg a ghlas-lann,
S e ga tarruing bho smear chruaidhe;
Is bu bheag an déidh don Iompair’,
S do na milteanchuir e uaithe.

Is annsa mhaduinn Di-dòmhnaich
Shin a chòmhstri, ’s gum bu chruaidh i:
S gur iomadh mile chaidh a leònadh
Nach dthainig beò as an tuasaid;
Ged bha ceathrar air son aon fhir
Air an raon ri aghaidh bualaidh,
Sheas na Breatunnaich an t-àrach
Mar a bàbhaist ri uchd cruadail.

S ann tre chealgaireachds tre bhagradh
Shin am baiteals gum bu dian e
Ghealladh òr dha na bhiodh beò,
Is saoibhreas glòrmhor mur a pill iad.
S barail leinn gur mor am peacadh
Rinneadh air an t-sluagh da rireadh;
S cinnteach mi gur cruaidh an acaid
Pilltinn dhachaidh, ’s iad air striochdadh.

Sud an fheadhainn a bha smearail,
S a bha ealantanns an làmhaich,
S iad gan sgathadh ris an talamh
Mheudsa dhfhan dhiubh air an làraich;
S rinn iomadh mile dhiubh tuiteam
Anns a chumasgs an robhn t-uamhas:
Amhuinn Chrimair fiamh na fala,
S i cur thairis air a bruachan.

S thainig na h-eich chruitheach, ghlasa
Thun a bhaiteil, ’s iad nan deann-ruith,
S a marcaichean sunndach, làidir,
Nach gabhadh sgàth bhon naimhdean;
S iad nan duin air aghaidh bheanntaibh
Sruthadh leis na gleanntaibh casa,
S cinnteach mi gun drinn iad bearna,
S rioghachd Shàtainchur fon casaibh.

S thainig an sin air an cùlthaobh
Reiseamaid dhùmhail de Ghàidheil,
An ceithir ficheadsa tri deug sin
A bha riamh an cois nam blàraibh;
Bhuineadh iadsan don Bhan-Iarla
Seanachas fior a tha migràtinn
S gur iomadh Ruiseanach liath-ghlas,
S toll troimh chliabh bham Balaclava.

Saoghal fada do na Bhanrighnn,
S do na stàiteachan mu chuairt dhi,
S do gach oifigeach bu tréine
A rinn feum ri uchd a chruadail,
S do gach saighdear làidir, dileas,
Nach do phill ro mheud na luaidhe,
A choisinn urram do an rioghachd,
Ged a fhuair sibh stri gam bualadh.

Buaidh a chlaldheimh dhuit, a Shasuinn,
Anns gach baiteal anns an teid thu,
Maille ris na fearaibh tapaidh
Thig a Albainn is a Eirinn!
Cha dean sinn di-chuimhnair an Fhrangach
Anns an aimhreit rinn leibh éiridh:
Bhabratach shioda agus srann aice
Ri crann gun mheang don t-seudar.

Buaidh na mara dhuit, a Bhreatuinn,
S gun robhm Freasdal féin ga dchomhnadh!
N àm bhi bombardadh a bhaile,
Bhiodh do chanain anns a chomhrag;
Cha bu dual dhuit dol am falach,
Ged a theannainsa ri ràitinn:
Cumaidh darach uaine Bhreatuinn
Ris na thig a deas bhon Asia.

Cuim nach labhrainn air Sir Cailean,
Fiuran fearail a dhfhàs uasal,
A ghineadh bhon an treubh bu rioghail
A bhan Ile glas nam fuaran;
Bha thun dail am fàbhar Bhreatuinn,
S tuga seasamh anns gach cruadal;
S dhearbh thu dhaibh gun robh thu dileas,
Nuair a chaidh an tir a bhualadh.
S ged bu làidir, cruaidh an daighneach
Bhanns a cheann sin aig an Iompair’,
Cheannsaich Breatuinn mhor san Fhraing e,
Dhaindeoin gamhlas luchd a mhi-rùin;
N àm bhi direadh na parapait,
S iomadh fear a thuit gu h-iosal,
S peileirean bho bheul nan canan
Tighnn nan deannamhs cha do phill sibh.

S ge be co a tha fodhn bhrataich,
Le cuid stiallan breacan òrdugh,
Le dath dearg air fiamh na fala,
Mar ri suaicheantas na leoghainn;
Bithibh dileas do an rioghachd,
S do an tir am bheil ar comhnuidh,
S na biodh reubaldach a chi sibh
Gun a chur a dhith le cocraich.

S thig an t-sith mun cuairt a dhaithghearr,
S cha bhi dortadh fala buailteach,
S gun teid ceangalchur air Sàtan,
Agus càirear anns an uaigh e;
Sgaoilidh fireantachd a Bhiobuill
Anns na rioghachdan mun cuairt duinn;
S cha bhin Sultan mar a bàbhaist,
S gheibh Mahomed bàs an uair sin.

S ged tha mo chiabhagan air glasadh,
Agus mastar air fàs slaodach,
Dhuirichdinn a bhis a bhaiteal,
Ged a ghiorraichte mo shaoghal;
Bhuailinn sràchd le faobhar Shasuinn,
Mar bu chleachdte le mo dhaoine;
S nan tachradh dhomh gun tiginn dhachaidh,
Gheibhtan eachdraidh aig Mac Mhaoilean.

Rinneadh an t-òran gasda so le Alasdair Mac Gille-mhaoil a mhuinntir Abhuinn Inhabitants, an Ceap Breatunn. Bha e air a chlo-bhualadh anns a MHAC-TALLA roimhes a bhliadhna 1892. ChuirDomhull beag Mac Eoina Springhill, Nobha Scotia, pàirt dheth ugainn air an t-seachdainsa chaidh, aguss ann air iarrtus-san a tha an t-òran air a chur an clo aig an àm so.


Iadsan a Phaigh.

A. I. Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
Aonghas Moireasdan, Grand Lake.
Domhull A. Mac Fhearghais, Big Ridge.
Iain Mac Odrum, Sidni.
P. D. Mac-an-t- Saoir, French Road
Uisdean Domhnullach, Whitney Pier.
Ailean Mac Leoid, Whitney Pier.
Iain Mac Aidh, Kempt Road.
R. N. Mac Gilleain, am Bagh an Iar.
Niall Mac Coinnich, Fourchu.
Niall Mac Gilleain, Fourchu.
Domhull Mac-a- Phearsain, Sydney Mines.
Colla Caimbeul, ceann Bagh Hogamah.
Domhull Mac Eachairn, Mabou.
Ceit Mhoireasdan, North Gut.
Lachuinn Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree.
Anna Chaimbeul, Ceap Nor.
Ailean Domhnullach, Abhainn a Bhradain.
Ruairidh Mac Neill, Bridgeport.
Dughall S. Caimbeul, Seana Bhridgeport.
Ruairidh Mac Gille-mhaoil, Meinn Lorway.
Ailean Mac Isaic, Meinn Bhroad Cove.
D. I. Mac Isaic, Edwardsville.
Peigidh Nic Gilleain, Cobh a Bheabheir.
Iain D. Beutan, Broad Cove.
Eoghan Mac Leoid, Gabarus.
Alasdair Camaran, Lochabar, N. S.
Somhairle C. Caimbeul, Eilean Phoil.
Domhull M. Ros, Gleann Frithe.
Niall A. Mac Gill-fhaollain, Broad Cove.
Iain Grannd, Lagan , Ont.
Dr Uisdean Mac-a- aPhearsain, Oilthigh Antigonish.
Alasdair Mac-a- Phi, Loch Katrine, N. S.
E. D. Nic Amhlaidh, Abhainn Dhennis.
Tearlach Mac Leoid, Framboise.
Peigidh S. Ghillios, Braigh Mhargaree.
Eachuinn Mac Fhionghain, Priceville , Ont.
Anna P. Nic Laomuinn, Tiverton , Ont.
Caipt. Calum Mac Leoid, Vancouver , B. C.
Murchadh Mac Laomuinn, Quincey , Mass.
M. D. Nic Leoid, Mattapoisett , Mass.
A. M. Nic Dhughaill, Portsmouth , N. H.
Donnachadh Mac-an-Leigh, Portsmouth , O.
Domhull Mac Laomuinn, Detroit , Mich.
Domhull Rothach, Reynoldstown , N. Z.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt,
faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Ceannachd Posta.
Tha sinn faisg ort cia be ait am bheil thu.. .. . ..
Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dhAirneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu ga iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir tainm ugainn air post card agus gheibh thu e.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


CLOIMH! CLOIMH!

THA sinn a paigheadh a phris as airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dhan stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.

Mills, Mac Coinnich & Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 7
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 7. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page