[57]

[Vol . 10. No. 8. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 23, 1901. No. 8.


Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.

LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.

CAIB. XIV.

CHAIDH an geamhradh seachad mu dheireadh, ’s bu leasg leis, a réir coltais, ìnean iarnaidh a thoirt á greim. Ach bhan lathafàs fada, ’s a ghrian a fàs laidir, ’s thòisich an sneachda ri leaghadh, ’s bha sruthain shiubhlachs an ceum ris a ghleann rim faicinns rin cluinntinn air gach taobh. Dhfhàs an gleann car mi-thaitneachs an àm. Cha bu chuimhneach leis an Innseanach bu shine nam measg uiread shneachda fhaicinns a bhann air a gheamhradh a bha nis aig crìch; agus faodar a thuigsinn gun robh tuiltean os cionn achumantais ann mar sin.

Air maduinn àraidh, mun robh duine air a choiss a ghleann, chualas fuaimus toirm nach cualas riamh a leithidmar gum biodh reiseamaid thairneanach a cur reis. Bhamhaduinn soilleir, ’s mar sin chualas an fhuaim astar mor air falbh, ach mar gum biodh i sior thighinn na bu dluithe. Leum gach aon a mach. Cha robh éideadh a cur moran dragh ach air na Gàidheil fhéin, ’s a nis an aimsir blàth, ach bha gach aon a giùlan nan gnothuichean bu mheasaile bhuineadh dha. Ann an ùine ghoirid chunnaic iad màthair-aobhair na toirm, a bha nis a fàs na bu chruaidhes gus a bhith aca. Be so an sealladh a chunnaic iad: Stuadh mhor chaoireach gheal a nuas grunnd a ghlinne, anns an robh àirde agus leud mor, ’s i sguabadh leatha gach ni a thachradh rithe, a spìonadh nan craobhan as am freumhaichean, ’s caoban mora dhen talamh fhéin nam measg. Bha na mìltean tunna dheth gach seorsa sprùillich a crùnadh na stuaidh so, a bruanadhs a bristeadh mar fhuaim airm reiseamaid chogaidh. Ged a bha na bothain air an togail os cionn tiurr àbhaisteach nan tuiltean earraich, chunnaic iad gun robh stuadh chireineach, iongantach so air thuar an cuartachadh, ’s mar sin ghabh iad an ratreut suas am bearradh. Mun dfhuair iad suas chualas ràn goirt nan deigh, agus air dhaibh tionndadh chunnaic iad boirionnach bochd a strith ri triuir na ceathrar chloinne fhaighinn leatha, agus faisg dhi seann Innseanach crùbach na shìneadh air làr gun chomas éirigh. Shad Aonghas a chuid den imrich gu Calum, ’s leum e sioss am bàs gu bhi aca. Bhan sguasa chlann nan torr cruinn, ’s chruinnich Aonghas na ghairdeanan iad uile, ach cha robh fios aige ciamar a shàbhaladh en seann Innseanach. Leum e suas leis an ultachs an cuan gu bhith aige, ach bha e air son an t-Innseanach a bhith leis, ’s gun ùinaig Calum tighinnga chuideachadh. O nach burrainn en corr a dheanamh, chuir Aonghas a chas fon t-seann fhears phut e pios suas e, ’s rinn e sin turus na dha gus an dfhuair o iad uile sàbhailte air bàrr a bhruthaich.

Nach ann oirnn a chaidh an sàbhaladh!” arsa Calum. “Nam biodh an t-uisge beò ud air tighinn oirnn mu mheadhain oidhche, bha sinn air a bhith an drasda an cuideachd nan Innseanach am frithean aoibhneach na seilg air an t-saoghal eile. Seall na bothain, ’Aonghais, ’s nach fhaic mi ach bàrr an t-simileir againn fhìn; ’s cinnteach gur e na maighdeanan-mara a bhios a cur seachad na h-oidhchan nochd annta.”

Thig dhuinn a bhith taingeil,” arsAonghas, “nacheil sinn am frithean aoibhneach nan Innseanach fhathast. Ach saoil, a Chalum, nacheil truas agam ris na daoine bochdabha cho caoimhneil ruinnnar càs, a bhi ag altrum a leithid do bheachdan faoines a thaca mun t-saoghal eile. Ach tha dòchas agam gum faigh iad eolasus fiosrachadh fhathast a sguabas air falbh na beachdan mearachdachs gach faoineis anns a bheil iad a creidsinn cho daingeann, mar a sguab an tuil an gleann ud shios. Bha mi smaointean, a Chalum, iomadh uair, nam faigheamaid gu bràth air falbh as a so gu àite criosdail, mar tha dòchas agam gu faigh, gun toireamaid leinn Ni Math, oir bhiodh e deònach gu leor ar leantuinn air son ionnsachadhus eolas fhaighinn mun chreideamh Chriosdail bheannaichte, a dhfhàgadh tiorail, tùrail iad, seach an dorchadas anns a bheil iad an tiodhlacadh a nis, ’s gun tilleadh e air ais guchàirdean an so gus an teagasg ann.”

Tha sin gle mhath, ’Aonghais, agus tha min dòchas gum bichuis mar sin: ach tha iomadh ceap-tuislidhsan rathad, a nochdas mi dhut mar so: Tha fios agad fhéin gu bheil iomadh meursa chreideamh Chriosdail, agus beachdan air leith aig gach aon dhiubh mu iomadh ni. A nis, chaneil teagamh nach buin daoine mathus dona do gach meur, ach chaneil sin ag atharrachadh na cuise. Abramaid, ma ta, gun tigeadh pears’ -eaglais no fear-ionad aon dhiubh so le dùrachd mhath agus le tàlantan air leith a theagasg na treubh so fhéin. Ghabhadh iad ris gu caoimhneil, abraidh sinn, ’s gheibh e eolas air an cainnt, ’s ionnsaichidh e an creideamh dhaibh le dichioll mar a fhuair e-fhéin e, ’s chuireadh o gach cuspair fan comhair mar a bha e-fhéinga fhaicinn leis na glaineachan àraidh a bhuineadh dhan taobh on dfhuair e iad. Abramaid gun do ghabh iad ar creideamh gu toileach, ’s leis a h-uile deagh dhùrachd, ’s gun robh iad cho dìleas dhatheagasgs a bha a cheud fheadhainn a lean e, air chors gu robhn duine còir, a thug le cuideachadh Dhé as an dorchadas iad, làn riaraichte leobair. Fàgaidh e iad, ma ta, car greis, ’s theid e dhamharc air a chàirdean fhéin. Fhads a tha e air falbh, thigeadh fear-teagaisg a bhuineas do mheur eile, agus a tha cho diadhaidh, ’s cho dìleas, ’s cho dùrachdach air a thaobh fhéin, ris an fhear a dhfhalbh. Chuir iad fàiltus furan air. Chòrd a dheanadass a ghluasad riutha, ’s fhuair e eòlas air an cainnts air am beachdan mar a rinn am fear eile, ’s air a chreud a fhuair iad on fhear eile. Ach chaidh esan gu obairs dhoirt e uisge fuar air cuid dhen chreideamh ùr— ’s dòcha gum be chuid bu taitniche leis an fheadhainn a bhair an iompachadh. Innsidh e dhaibh gu robh moran bhreug agus beagan firinn anns na fhuair iad, ach gun toireadh esan dhaibh an creideamh anns an doigh cheart, fhìrinneach. thachradh an uair sin, ’Aonghais? Chrùbadh iad air an ais don t-seann t-slighe a dhfhàg iad, am measg gach faoineisus dorchadas a chaith iad dhiubh, ag ràdh ris: ‘A lighiche, leighis thu fhéin! Tillibh air ais don àitas an tainig sibh, agus cuiribh a chuis air doigh eadraibh fhéin, agus an sin rachaibh a theagasg dhaoineile!”

Chaneil mi ag ràdh nacheil tomhas de dhfhìrinn anns na thubhairt thu, a Chalum,” arsa charaid; “ach air a shon sin faigheadh iadsan eòlas air an stoc air Ughdar cuid de na meuran sin, agus theid mi fhìn an urras nach till iad ris na seana bheachdan gu bràth. —Ach air an t-saoghal tha toirt air an fheadhainn dhubha sin thall a bhithgàireachdaich, a Chalum. Ha! ha! a Chalum, tha mi faicinn an reusain a tha gam fàgail cho cridheil. An ainm an àigh! cuir umad do bhriogais ceart? Seall a cùlthaobh air do bheulaobh!”

Ma ta, gu ma h-olc dhi!” arsa Calum, “cha bi a chleachd mi ach am féile còir; achs e chabhag a teicheadh romhn tuil a dhfhàg mar sin i. Ach, a charaid,” arsa Calum, ’s e an impis strachdadh a gàireachdaich, ’s e air sùil gheur a thoirt air Aonghas, “thoir an t-sail as do shùil fhéin an toiseach. ’S ann a tha colair a chòtagad mu dmheadhainn àite bhith mu damhaich! Bheireadh tu gàirair comhachaig!”

Air mfhacal,” a Chalum, “nach bòidheach sinn da rireadh. Sin agadsa na droch uinneagan an àm eirigh. Nach saoileadh neach a chitheadh sinn gur ann air teicheadh á taigh-caothaich a tha sinn. ’S chan e sin uile gu léir ach na cuspairean cudthromach air an robh sinn a bruidhinnsan àm, ’s ann airtha mi smaointean, agus air cho pongailsa bha thu fhein, a Chalum. Nam biodh tu cho pongail daonnan, ’s ann a bheirinn a chomhairle ort a bhriogais a chumail umad mar a tha i.”

Ni mise sin ma dhfhàgas tu fhéin an còta mar a tha e; ’s tu thug a mach am fasan, agus a dhfhosgail a chùis mu iompachadh nan Innseanach an toiseach. Ach bidh solus gu leor againn á so suas. Cha chum rud sam bith a muigh e. ’S chaneil mi fhéin duilich air a h-aon na bothain dhubha fhàgail. Faodaidh iad a bhi nan caistealan aig na maighdeanan-mara fhads a thogras iad. Ach air an t-saoghal, ’Aonghais—”

Chaidh stad a chur air teanga Chalum an so, oir chualiad glaodh uamhasach, agus air dhaibh sealltuinn chunnaic iad cnapach féidh na chruaidh leum a dol seachad orra, ’s seann Innseanach beag tioram air a mhuin, ’s e ag eigheach aird a chlaiginn. bhann ach chunnaic em fiadh na laidhe fo phreas, ’s dhealaidh e cho balbh uige air chors nach do dhfhairich am fiadh riamh e; ach cha robh ni aige leis am marbhadh e e, ’s deagh acras air cuideachd. Mar sin leum e air a mhuin, ann an dùil gun cumadh em fiadh gus an tigeadh cuideachadh. ’S e bhann dhfhalbh am fiadh leis an t-sealgair, ’s gun am fear sin air son a chall idir, ’s greim bàis aig air, gus na sguab a choille bhar a mhuin e.

Champaich iad far an robh iad gus an traoghadh na h-uisgeachan, ’s toil aca na dhfhàg iads na bothain fhaighinn mun gluaiseadh iad air falbh mu dheas; oir bann an taobh sin a bha dùil aca tachairt air daoine dhen dath fhéin, ma bha iad idir san tìr.

(Ri leantuinn).



[58]

[Vol . 10. No. 8. p. 2]

Domhnull Beag. *

LE IAIN MAC AONGHAIS.

RUGADH Domhnull Beag ann an cearna don Ghàidhealtachd ris an abair iad an Dùnan Ruadh. (Tha sin ann an sgrìobhadh againn, mar a tha sibh afaicinn leur sùilean féin). Agus mar a tha e na chleachdadh gle chumanta anns an àite sin, agus ann an cuid do dhàitean eile, ’s ann air a mhàthair daonnan a dhainmicheadh a luchd-eòlais e. Tha mi a smaoineachadh gun deirich an cleachdadh so anns na dùthchannan far am bi na fir air falbh bhon tigh roinn mhath don bhliadhna, gan cosnadh ann am bailtean mora agus air machraichean na Galldachd, agus air an aobhar sin tha a chlann (far a bheil iad) nis trice air am faicinn fo chùram na mathraichean na ann an comunn an athraichean. Mar sin, mata, a reir a chleachdaidh sin, theirteadh Domhnull Mòraig riar caraid, oirs e Mòrag an Dùnain a bainm do mhàthair. A measg a chàirdeans a choimhearsnaichs gann a chluinneadh sibh ainmathar idir, agus leis a sin fàgaidh sinn mar sin fhéin a chuid sin don chùis.

Faodaidh e bhi gum bheil cuimhne aig cuid agaibh co-dhiù, gun do dhainmich mi an uiridh dhuibh fear ris an abradh iad Dòmhnull Mòr. Tha mhiann orm mata an drasda, leur ceadsa, beagan luaidh a thoirt air nàbaidh do Dhomhnull Mor ris an canadh iad Domhnull Beag, oir, mar is trice feumaidh far an robh Domhnull Mor gun robh Domhnull Beag cuideachd.

Chaidh mathair Dhomhnuill Bhig fhàgailna bantraichnuair a bha esan na naoidheachan maoth, agus cha robh do theaghlach aice ach e fhéin. Tha sin againn ann an sgriobhadh cuideachd! No mar a theireadh Domhnull fhéin mun do dhfhàs e suas, ’nuair a bhiodh gillean eile a tarruing as, agus esan a bagairt sidus seo a dheanamh orra— “Ged nacheil annamsa ach mac aon bhantraich!” Ciamar a burrainn ebhi na mhac do dha bhantraich no do thri bantraichean cha deachaidh sin innse dhomhsa, agus feumaidh mi aideachadh nacheil mi fhein ro mhaith air breithneachadh ghnothuichean neo-shoilleir don t-seorsa sin ann. Ach ann am baile mòr mar so (baile mor Ghlascho) far abheil moran do dhfhoghlum agus do sgil faodaidh e bhi gu bheil cuideigin ann a dhfheuchas ris a cheisd chudthromach so fhuasgladh ma throgras e fhéin, ’s mar a togair chaneil comas air.

Tha so acur na mchuimhne naigheachd bheag a chuala mi mu Dhomhnullnuair a bha ena bhrogachan beag. Chaidh a chur air ghnothuch latha bha sin do bhùtha a bha greis air falbh bhon dachaidh aige. “Tha mi,” arsesan, “ag iarraidh a leithid sid, ’sa leithid so, ’sa leithid ud eile”— ’s e ag ainmeachadh nan gnothuichean a bha a dhith air, ’sa bha rin cur ann an cunntas bheir sibh an aire. “Co dhatha iad?” thuirt fear na bùtha. “Cha deachaidh sin iarraidh orm innse!” fhreagair Domhnull. Cha robh e cho simplidh sin. “Hut,” thubhairt am fear eile, “faodaidh tu innse dhomh fhein. Cagair na mchluais, ’s cha toir mise iomradh air ri neach sam bith.” Chòrd iad so a dheanamh, ’s fhuair Domhnull am bathar, ’s thug e as dhachaidh leis, le mor phròis cho teòmas a bha e.

Nuair a bha Domhnull òg, cha robh bùird sgoile idir anns an tir, ’s cha robh sgoilean cho lionmhorsa tha iad air an latha an diugh, nuair nach mor nacheil tigh-sgoile air ceann gach cnoic. Ach air a shon sin, an oigridh aig an


* Air a leaghadh aig Ceilidh nan Gaidheal, an Ard Sgoil Ghlasacho.


robh ùigh do dhfhoghlum rachadh aca am bitheantas air fhaotainns an àm sin. Cha robh sgìreachd an Alba, aig nach robh aon sgoil co dhiusgoil na sgìreachd. Os ceann nan sgoilean sin bha daoine foghluimt air an cur, agus tha mi a smuaineachadh nach gabh e cur as an leth gur a thann air son buanachd shalaich a bha iad ag iarraidh an dreuchd. Chan fhaca mise agus tha micreidsinn nach faca sibhse riamh fear dhiubh a rinn beartas anns a cheaird sin, ged bu mhor na tàlantan agus bu lionmhor na buadhan inntinn a bha aig iomadach fear dhiubh. Agus tha mi am beachd cuideachd gum faodadh Iompaireachd Bhreatunn rud bu mhiosa a dheanamh air an latha an diugh na luacha-peighinn a thoirt do na bheagan a tha a làthair don t-seann luchd-ionnsachaidh sin air son na comain a chuir iad air Alba, oir a thaobh an fheadhainn a dhfhalbh dhiubh fhuair iadsan an duais mar thaduais nan seirbhiseach dìleas, tha mi am beachd.

Rachadh Domhnull agus iomadach gille eile agus nighean cuideachd don sgoil (anns an àm a bhan sin) direachnuair a fhreagradh e dhaibh fhéin. Cha robh e mar fhiachaibh orra a dhol innte mar a toilicheadh iad féin, agus rud eile dheth, gle thricnuair a bhiodh iad adol don sgoil, cha rachadh foghlum a choiteach orra, ged a bham pailteas ann dheths ri sheachnadh.

Chaidh Domhnull don sgoil nuair a bha e na chnapanach gille. Chord a chùis ris a cheud latha (co dhiu toiseach an latha) gu fior mhaith, ach air tighinn don fheasgar bha mo laochan a gabhail fadachd, agus mu dheireadh dheubh e a mach àirde a chlaiginn— “Nacheil sinn a dol a dhfhaotainn a mach á so an diugh idir?” Bha on seorsa so do dhol-a- mach an aghaidh riaghailtean na sgoile. Cha chualas riamh a leithid. “Co am beadagan a thuirt sid?” dhfheoraich am Maighsteir. Bha e furasda gu leor fhaicinn co a thuirt na briathran, oir dhfhàs aodann Dhomhnuill cho dearg ri slige giomaich bhruich. “A bhrònain bhochd,” arsam Maighstir, “chaneil moran céille agad fhathasd, agus feumar mar sin beagan de do leisgeul a ghabhail; ach feuch nach dean thu leithid a rithist”— ’us e a toirt tarruing air do chluasan Dhomhnuill. Faodaidh mi innse anns an dol seachad, gun do chuir e mor iongantas air a ghille bhochd nach robh poit no coire no inneal còcaireachd sam bith eile ri fhaicinn anns an tigh sgoils nach robh dòigh mar sin air biadh a dheasachadh ann!

S e leth sheann duine a bhanns a Mhaighstir-sgoileduineachan sìobhalta, ciùin, mar bu bhitheanta, ach corra uair bhualadh sradag air, nuair a rachadh an sgoil gu mi-riaghailt, mar a rinn i latha sonruichte bha sin, agus dhfhalbh emach agus thug estigh slat mhor do sheileach Frangach, agus thug e an cuibhleadh ud air na baobhan a bha ri aimlisg. “A chlannaibh an uilc,” thubhairt esan, “mar a gabh sibh teagasg gabhaidh sibh so” —air chors mar a than seanfhacal ag radh, “Eiridh tonn mor air uisge balbhuair no uaireigin. Bhiodh am maighstirna shuidhe ann an seorsa cùbaid, ’s ma bha ceisd nach burrainn dhuibh fhuasgladh rachadh sibh suas leatha far an robh e. Cha bhiodh esan fada a dol roimhpe. Dhfhaoite nach tigeadh facal as a cheann. Ma bha sibh fhein geur-inntinneach theagamh gun amaiseadh sibh air a deanamh sibh fheinna dheigh-san, ach mur a h-amaiseadh dheanadh esan dhuibh i uairus uair, nan togradh sibh fhein; ach thachradh e gu maith tric gun tugadh fear dheth na sgoilearan a bfhearr a bha stigh an dara taobh sibh air son nach cuireadh sibh tuilleadhsa chòir do dhragh air a Mhaighstir, agus gum mìnicheadh esan dhuibh i gus an tuigeadh sibh ceart i, seadh, nan gabhadh i idir sparradh nar ceann! Bhiodh a h-uile fear den t-seorsa so na fhear-cuidichidh aig a Mhaighstir, agus gheibheadh iad fhein brod na sgoile air son an saothairLaidionn no Greugais, no àrd sgoileireachd eile mar sin a bhiodh a dhìth orra. Bha càchan fheadhainn aig nach robh suim do dhionnsachadha faotainn dìreach an seorsa foghluim a bha freagarrach air an son. Bhiodh fear dhiubh ag eubhach a mach cho trangsa burrainn dha facail mhora nach robh e a tuigsinnsanSpelling- Bookmhor,” agus fear eile gar bodharadh a deanamh ablachais leughaidh as an leabhar ris an abradh iadReading made easy, ”mar a theireadh na cailleachan ris! Bhiodh Domhnull Beag fhein thall ann an cùil agus smùid aig air seorsa do chunntas ris an abradh e fhéinFrom, take, ”nosubtraction, ”mar a theirear ris anns a Bheurla. “Gu ,” theireadh am Maighstir, “am feum a thaig a ghille-mhaol aig Donnachadh air Laidionn no air Greugais ionnsachadh? Nach toir e a stigh tarruing no iochdar na lìn sgadain a cheart cho maths ged nach biodh cànan air an t-saoghal ach Gàidhlig? No an slimeir gille ud aig Calum. Nach oibrich e le spaids le piocaid, ’s nach treabh e cheart cho dìreachs cho cunnbhalachs ged nach biodh leabhar cunntais no slat-thomhais air uachdar an t-saoghail?” Agus co their gun robh an duine còir am mearachd? Mars maiththa fhios agaibhse chaidh riaghailtean sgoile a dheanamh aireamh bhliadhnaichean roimhe so, a bha nam bristeadh-cridhe do Mhaighstirean neo-iochdmhor, fon robhas a sparadh foghluim air cuid do dhòigridhan aghaidh a chuilg,” a bha a toirt uapa cadal na h-oidhche, càil a bhidh, agus sìth na h-inntinn. Bhatar ag ràdh nach robh teaghlach aig an fhear a rinn na riaghailtean gun toinisg a bha sin, agus, air an aobhar sin, nach robh e tuigsinn nàdur chloinne, no an t-eadar-dhealachadh buaidhean inntinn a bha eadar cuid do phàisdein agus cuid eile. Ach coma co dhiu tha òrduighean ùra air tighinn a mach a nise a tha air an steidheachadh air tuigse nàduir, agus a tha, cuid aca, gu maith coltach ris na riaghailtean a bha cumanta ri linn dour caraid, Domhnull Beag, a bhis an sgoil. ’S e sin ri ràdh, a chlann (gu h-àraidh na gillean) aig an robh àrd-bhuadhan inntinn, agus an toil gu buil mhaith a dheanamh dhiubh, gheibheadh iadsan làn am boicinn do sgoil de dhiomadach seorsa, ach òinsichean agus buamasdairean dhfhaodadh iadsan anseachd-rathaidein-ficheada ghabhail air son cuid sgoile dheth!

(Ri leantuinn).


Sgeulachdan Arabianach.

CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.

CAIB. IX.

AN uair a thainig latha na h-urnuigh agus an trasgaidh, chaidh sluagh abhaile gu leir am mach don chomhnard a dhfhaicinn an taigh-chuimhne agus na seirbhis sholaimte a bha gu bhith air a cumail. Dhfhalbh an righ, an t-ard-chomhairleach, agus ard-mhaithean na cuirte air thoiseach thun an taigh-chuimhne, agus an uair a rainig iad e, chaidh iad a steach, agus shuidh iad air lar-bhrat de shioda dubh. An sin thainig aireamh mhor de mharc-shluagh air an socair fhein a dhionnsuidh an taigh-chuimhne. Bha coltas abhroin air an gnuis; bha iad ag amharc air an lar, agus cha robh facal atighinn as an cinn. Chaidh iad da uair timchioll an taighe; ach air an treas uair stad iad mu choinneamh an doruis, agus labhair iad uile na briathran so le guth ard: “O phrionnsa! a mhic



[59]

[Vol . 10. No. 8. p. 3]

an righ, nam burrainn duinne le ar treuntas agus le neart achlaidheimh do bheathathoirt air ais, dheanamaid e; ach thug Righ nan righrean seachad an t-ordugh, agus thug teachdairabhais umhlachd dha.”

An uair a labhair iad na briathran so, tharruinn iad air an ais, a chum gun tigeadh feadhainn eile dluthnan aite.

An sin thainig coig fichead seann duine air an robh feusag fhada, liath, agus iad amarcachd air miuleidean dubha, dluth don taigh-chuimhne. Biad so na manaich a bha do ghnath agabhail comhnuidh anns na h-uamhaibh. Chan fhacas riamh iad atighinn am fianuis dhaoine ach an uair a bhiodh bron-adhlacaidh ann an teaghlach righ Harrain. Bha leabhar air ceann, gach fir dhiubh, agus bha eg a chumail ann leleith laimh. Chaidh iad so gu leir tri uairean timchioll an taigh-chuimhne gun aon fhacal a radh; agus an sin stad iad mu choinneamh an doruis, agus thuirt fear dhiubh: “O phrionnsa! ciod is urrainn duinn a deanamh air do shon? Nam burrainn sinn do thoirt beo a rithisd le urnuigh, no le foghlum, dheanamaid urnuighean aig do chasan le ar n-aghaidhean air an lar; ach thug Righ achruinne-che air falbh thu gu siorruidh.”

A uair a labhradh na briathran so, tharruinn na seann daoine astar beag air falbh, agus anns amhionaid thainig leth-cheud maighdean og dluth. Bha gach te dhiubh amarcachd air each beag geal. Cha robh srol air an aghaidh idir, agus bha bascaidean oir aca, lan de na h-uile seorsa chlachan luachmhor. Chaidh iad tri uairean timchioll an taighe mar a rinn cach; agus an uair a stad iad mu choinneamh an doruis, labhair an te a boige dhiubh ann an ainm chaich mar a leanas: “O phrionnsa! a bha aon uair cho maiseach, ciod am fuasgladh ris am bheil duil agad fhaotainn uainne? Nam biodh e comasach dhuinne le ar maise do thoirt beo, bhiomaidn ar searbhantan agad. Ach a nis chaneil mothachadh agad gum bheil sinn maiseach, agus mar sin, chaneil feum sam bith agad oirnn tuilleadh.”

An uair a dhfhalbh na maighdeannan oga on dorus, dheirich an righ agus maithean na cuirtenan seasamh, agus an uair a choisich iad tri uairean mun cuairt air iomhaidh Chodadad, labhair an righ mar a leanas: “O mo mhac gradhach, solus mo shul, chaill mi thu gu brath!”

Bha esileadh nan deur gu frasach, agus ag osnaich gu trom an uair a bha elabhairt nam briathran so; agus bha maithean na cuirte asileadh nan deur mar an ceudna. An sin dhruideadh dorus an taigh-chuimhne, agus thill an sluagh air ais don bhaile.

Air an ath latha bha urnuighean folloiseach air an cur suas anns gach eaglais, agus leanadh air cur suas nan urnuighean so fad ochd latha.

Air an naoidheamh latha runaich an righ gun cuirteadh a chuid mac gu bas. Bhan sluagh uile gabhail fadachd gus an cuirteadh gu bas iad, oir bha iad ann an corruich mhoir air son mar a rinneadh air Codadad. Ged a bha gach ni deiseil air son an cur gu bas, leigeadh am beatha leotha car uine do bhrigh gun dthainig sgeula cabhagach thun an righ gun rohh na righrean ris an robh e uine roimhe sid acogadh atighinn le armailt ro mhor a chogadhna aghaidh, agus gun robh iad gu math dluth air abhaile. Ged a bha fhios aig uine mhath roimhe sid gun robh iad ag ullachadh air son cogaidh, cha do chuir e suim sam bith ann. Ach an uair a thainig an naigheachd cabhagach so don baile, thuit eagal anabarrach mor air an sluagh, gu sonraichte a cionn nach robh Codadad beo; oir chomharraich e e-fhein mar shaighdear ro ghlic treun anns na cogaidhean a bhann roimhe sid. “Ochan!” arsiadsan, “ ’nan robh Codadad treun beo, bu bheag eagail a ruigeamaid a leas a bhith oirnn roimh na righrean so a thatighinn a chogadhnar n-aghaidh.”

Cha robh eagal sam bith air an righ roimhn armailt mhoir a bha tighinn a chogadhna aghaidh, agus gun dail sam bith fhuair e armailt mhor deiseil. Bha ena dhuine treun, agus an aite feitheamh gus an tigeadh a naimhdean ro dhluth air abhaile, chaidh emachnan coinneamh. Fhuair iadsan am mach o na daoine a chuir iad a ghabhail fabhuir gun robh righ Harrain adol am machnan coinneamh, agus chur iad iad-fhein ann an ordugh catha air achomhnard.

An uair a thainig righ Harrain le chuid armailt dluth gu leor don namhaid, chuir e iad ann an ordugh cath mar a ceudna. Agus an uair a thug e an t-ordan dhaibh, thug iad ionnsuidh gharg air an namhaid. Ach bhan namhaid acur nan aghaidh gu laidir. Dhoirteadh moran fala air an da thaobh, agus cha robh fhios an toiseach con taobh a gheibheadh abhuaidh. Ach mu dheireadh bha chuis coltach gum bann aig naimhdean righ Harrain a bhiodh abhuaidh, on a bha iad moran na bu lionmhoire. Agus an uair a bha iad air thuar righ Harrain agus a chuid daoine a chuartachadh, chunnacas aireamh mhor de mharc-shluagh air achomhnard, agus iad adluthachadh gu luath ris an da armailt ann an deadh ordugh. Ghabh iad an t-eagal taobh air thaobh an uair a chunnaic iad am marc-sluagh atighinn dluth dhaibh; oir cha robh fhios aca con taobh air an robh iad gus a bhith. Ann an uine ghoirid bha e soilleir gu leor dhaibh con taobh air an robh am marc-sluagh gus a bhith; oir chaidh iad gu garg ann an dail naimhdean righ Harrain, agus ann an uine ghoirid chuir iad an teicheadh orra. Agus cha do stad iad aige so; ach lean iad an ruaig gus an do chuir iad gu bas an aireamh bu mho dhiubh.

(Ri leantuinn.)


AGhobhar Ghlas.

SEANN SGEULACHD DON CHLOINN.

CHUALA mise mar a sid a bhann, aghobhar ghlas. Agus mar a bhaghobhar ghlas ann, bha idol lathàraidh don tràigh a bhuain mhaoraich. Dhfhág i na tri minneanan meanbh-ghlas, am boca tarra-ghlas, agus an gille-buic a staigh. Agus thuirt i riutha gun an dorus fhosgladh air na chunnaic iad riamh do chreutair sam bith gus an tilleadh i fhein dhachaidh. “Agus,” arsise, “an uair a thig mise dhachaidh, aithnichidh sibh gur mi a bhios ann an uair a chuireas mi mo chas a staigh fo bhonn na comhladh, oir bidh snàithle dearg agus snàithle gorm mam chois.”

Cha robh aghobhar ghlas fad air falbh on taigh an uair a thainig an cat thun an doruis, agus thuirt e, “Fosgail so, fosgail so, mise do mhàthair, mise do mhàthair, mise do mhàthair.”

Cuir do spògag bheag a staigh fo bhonn na comhladh, agus aithnichidh mise mas tu mo mhàthair,” arsan gille-buic.

Chuir an cat a spogag bheag a stigh fo bhonn na comhladh agus thuirt an gille-buic, “Cha tu, cha tu mo mhàthair; tha snàithle dearg is snàithle gorm mu spògaig bhig mo mhàthair-sa.”

An uair a chualan cat so, dhfhalbh e.

An ceann greise, thigeadh thun an doruis ach an , agus thuirt e, “Fosgail so, fosgail so, mise do mhàthair, mise do mhàthair, mise do mhàthair.”

Cuir do spògag bheag a stigh fo bhonn na comhladh, agus aithnichidh mise mas tu mo mhàthair,” arsan gille-buic.

An uair a chuir an a spòg a stigh fo bhonn na comhladh, thuirt an gille-buic, “Cha tu, cha tu mo mhàthair; tha snàithle dearg is snàithle gorm mu spogaig bhig mo mhàthair-sa.”

An uair a chualan so, dhfhalbh e.

Ach cha robh an fad air falbh an uair a thainig am madadh ruadh thun an doruis, agus thuirt e, “Fosgail so, fosgail so, mise do mhàthair, mise do mhàthair.”

Cuir do spògag bheag a staigh fo bhonn na comhladh, agus aithnichidh mise mas tu mo mhàthair,” arsan gille-buic.

An uair a chuir am madadh-ruadh a spòg a staigh fo bhonn na comhladh, thuirt an gille-buic, “Cha tu, cha tu mo mhàthair; tha snàithle dearg is snàithle gorm mu spògaig bhig mo mhàthair-sa.”

An uair a chuir am madadh-ruadh so, ghrad dhfhalbh e cho luaths a bhana chnàmhan, agus cha do stad e gus an do rainig e taigh na baineich. Ghrad thòisich e ri cladhach anns an dùnan, agus cha do stad e gus an dfhuair e snàithle dearg is snàithle gorm. Cheangail e ma spòig iad, agus thill e gu taigh na gaibhre, agus thuirt eFosgail so, fosgail so, mise do mhàthair, mise do mhàthair.”

Cuir do spògag bheag a staigh fo bhonn na comhladh, agus aithnichidh mise mas tu mo mhàthair,” arsan gille-buic.

An uair a chur am madadh-ruadh a spòg a stigh fo bhonn na comhladh, agus a chunnaic an gille-buic an snàithle deargs an snàithle gorm oirre, thuirt e, “Is tu, is tu mo mhathair;” agus dhfhosgail e an dorus dha.

Cha bu luaithe a fhuair am madadh-ruadh a steach na chaidh e sàs anns na minn, agus thug e leis achuid nach do dhith e dhiubh.

An uair a thainig aghobhar ghlas dhachaidh as an tràigh, cha robh roimpe ach taigh lom, fàs. Chaidh i gu tuireams gu tùirse anns amhionaid. Gun dàil sam bith dhfhalbh i feuch am faigheadh i forofhais air na minn. Rainig i taigh achait, agus ghabh i direach suas gu mullach an taighe, mar bu ghnàth le a seòrsadheanamh.

sid air mullach mo bhothain bhig chrùsgaich chràsgaich, chrùsgaich chràsgaich; nach leig bruich le mo bhonnachan, no goil le mo choireachan, ’s nach leig le mo ghille beag balg-fhionnach balagum dhen uisge thoirt dachaidh?” arsan cat.

Tha misan so, aghobhar ghlas air a toirt as, ag iarraidh nan tri minneanan meanbh-ghlas, am boca tara-ghlas, ’s an gille-buic.”

Air an talamh a tha fodhad, ’s air an adhar a thas do chionn, chan fhaca mise riamh do chuid meann,” arsan cat.

Dhfhalbh i gu taigh achoin, agus mar bu ghnàth le a siol-mhuiuntir, ghabh i direach suas gu mullach an tighe.

sid air mullach mo bhothain bhig chrùsgaich chràsgach, chrùsgaich chràsgaich; nach leig bruich do mo bhonnachan, no goil do mo choireachan, ’s nach leig le mo ghille beag, balg-fhionnach balagum dhen uisgthoirt dachaidh?” arsan .

Tha misan so aghobhar ghlas air a toirt as, ag iarraidh nan tri minneanan meanbh-ghlas, am boca tara-ghlas, ’s an gille-buic.”

Air an talamh a tha fodhad, ’s air an adhar a thas do chionn chan fhaca mise riamh do chuid meann,” arsan cu.

Dhfhalbh i gu taigh a mhadaidh-ruaidh, agus mar bu ghnàth le a siol-mhuinntir, ghabh e direach suas gu mullach an taighe.

Co sid air mullach mo bhothain bhig chrùsgaich chràsgaich, chrùsgaich chràsgaich; nach leig bruich le mo bhonnachan, no goil le mo choireachan, no le mo ghille beag balg-fhionnach balagum dhen uisgthoirt dachaidh?” arsam madadh-ruadh.

Tha misan so, aghobhar-ghlas air a toirt as, ag iarraidh nan tri minneanan meanbh-ghlas, am boca tara-ghlas, ’s an gille-buic.”

Air an talamh a tha fodhad, ’s air an adhar a thas do chionn, chan fhaca mise riamh do chuid meann. Ach trobhad a steach a ghaladhad, ’s gum faigheadh tu balagum teith. Tha mi cinnteach gu bheil thu sgith agus acrach an déigh gach uidil is allabain a dhfhuiling thu ag iarraidh do chuid meann,” arsam madadh-ruadh.

Mar bha am mi-fhortan an dan don ghobhair ghlais, chaidh i steach do thaigh amhadaidh-ruaidh, agus an uair a fhuair estaigh i, mharbh e i mar a rinn e air na minn.

IAIN.



[60]

[Vol . 10. No. 8. p. 4]

Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan t-Seachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OGUST 23, 1901.

Aireamh Sluaigh Chanada.

Tha àireamh an t-sluaigh, a reir a chùnntais a rinneadh air an earrach sa chaidh, a nise air a dheanamh follaiseach. Tha ann an Canada air fad 5,338,883, eadar shean us òg, 505,644 a bharrachd air na bhanns an dùthaich anns a bhliadhna 1891. Anns a chlàr a leanas chithear an àireamh a tha anns gach roinn fa-leth, agus mar an ceudna an àireamh a bhannta anns a bhliadhna 1891.

[Clàr]

Mheudaich an sluagh ann an Columbia Bhreatunnach 91,827; ann am Manitoba, 83,858; ann an New Brunswick, 9,830; ann an Nobha Scotia, 8,720; ann an Ontario, 53,657; ann an Cuebec, 132,439; anns naTerritories,” 78,201; agus anns na cearnan iomallach anns nach eil riaghladh steidhichte, 42,832. Chaill Eilean a Phrionnsa anns na deich bliadhna 5820.

A thaobh nam bailtean as motha thanns an dùthaich, ’s e fàs, mor no beag, a rinn iad uile ach aon fhear, Kingston, an Ontario, a chaill mu dha cheud deug. Chithear an tomhas fàis a thainig air càch anns a chlàr a leanas:—

[Clàr]

Ann an siorrachdan Nobha Scotia agus Eilean aPhrionnsa tha àireamh an t-sluaigh mar a leanas:—

[Clàr]

Chaidh dluth air seachd mìle gu leth ri àireamh sluagh Shidni nan deich bliadhna, agus beagan a bharrachd air ceithir mìle deug ri àireamh sluaigh na siorrachd. Mur bitheadh am fàs so air siorrachd Cheap Breatunn, bhiodh àireamh sluaigh Nobha Scotia na bu lugha na bha i ann an 1891, oir ann an deich de na siorrachdan tha àireamh an t-sluaigh nas lugha na bha i anns a bhliadhna sin.

Leis a chùnntas ùr air so air an t-sluagh, caillidh na Roinnean Iochdrach ceithir de na h-àiteachan-suidhe a tha aca anns an àrd-phàrlamaid, agus caillidh Ontario a coig. Buanaichidh Manitoba tri no ceithir, naTerritoriesa dha, agus Columbia Bhreatunnach a h-aon. Bidh an aon àireamh aig Cuebec, agus mar sin cha bhi suidhe ann an Tigh nan Cumantach ach 210 no 211 an àite 213, an àireamh a bhann nan deich bliadhna chaidh seachad.


Tha sinn cleachdte ann an Canada o chionn iomadh bliadhna, ri bhi cluinntinn gearan air na daoine buidhe bhi milleadh na h-obrach air na daoine geala, ’sa deanamh doirbh dhaibh am beòlaind a chosnadh. Gu h-àraid an ceann an iar na dùthcha than glaodh sin ri chluinntinn gu tric, agus chaidh an t-àrd-riaghladh cho fadas gun do chuireadh cìs chusbuinn air na Sineich a tha tighn thar a Chuain Chiùin a dhiarraidh cosnaidh. Ach tha nise glaodh ùr ri chluinntinn, chan ann an Canada a mhàin, ach ann am Breatunn, agus mar an ceudna anns na Stàidean— ’s e sin glaodh nam fear an aghaidh nam ban. Ann am Breatunn tha nigheanan agus mnathan an lathan diugh acur an lamhan ri iomadh seorsobrach a bha riamh roimhe so air fhàgail aig na fir, agus on theid aca air deanamh le tuarasdal nas lugha, gheibh iad gach obair ris an teid iad a roghainn air na fir. Tha cuid de na paipearan Sasunnach ag agairt gum bu chòir do riaghladh na dùthcha àireamh mhor de na mnathan a tha chòrr aca thall an sin a chuideachadh gu tighnn a mach do Chanada, a chums nach biodh iad acumail an arain làitheil o na fir. Ach shaoileamaid gum bfhearr a chùis uiread us uiread de na firs de na mnathan a chur a nall. Dheanadh sin àite agus obair na bfhurasdfhaotainn do na rachadh fhàgail thall, agus aig an àm cheudna bhiodh Canada afaighinn theaghlaichean dhen dearbh sheorsa sluaigh a tha dhith oirre.


REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain den stoc a tha iad acumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.

Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal ga fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhen t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidhsa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.

Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.

Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhndeug a dhaois.

Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.

Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.

Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid as fhearr de na bargain.

THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.


Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
INVICTUS
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater.
A . W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.


Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a thagainn air $3 .50s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios gan iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.



[61]

[Vol . 10. No. 8. p. 5]

Naigheachdan.

Ged a tha ainm mor de Shidni, chaneil baile Ghlace Bay fada air deireadh air. Tha moran obrach adol air adhart ann timchioll nam mèinnean. Faodar so a thuigsinn nuair a dhinnsear gu robh, Di-sathairne sa chaidh, còrr us ceud mìle dolair air a phàigheadh a mach le cuideachd aghuailtuarasdail da sheachdaindon luchd-obrach.

Chaidh an soitheach-smùideHalifaxair sgeir an acarsaid Bhoston toiseach na seachdain sa chaidh, agus rinneadh milleadh mor oirre. Cosgaidh a càradh air achuid as lugha deich mile fichead dolair, agus bidh treis mhath a dhùine mun urrainnear a cur air obair a rithist. Gus a sin bidh a h-áite air a ghabhail leis anYarmouth,” agus cha bhi bàta ruith idir eadar so us Boston.

Bha pic-nic mhor aig Whitney Pier air an t-seachdain so, air son airgead a dheanamh gus cuideachadh leis an eaglais ùr Chaitliceach a thatar a togail anns a chearna sin den bhaile. Mhair a phic-nic tri lathaDi-màirt, Di-ciaduins Dior-daoin, agus chruinnich sluagh mor ga h-ionnsuidh. Di-màirt bha còrr us da mhile air an làraich. Chan eil teagamh nach robh suim mhor airgeid air a chur cruinn.

Chaidh deuchainn a chur air da shoitheach-cogaidh a chaidh a chriochnachadh anns an Fhraing o chionn ghoirid, agus fhuaireadh a mach nach deanadh na h-innealan-smùide a bhannta feum idir. Bhatar ag obair air an da shoitheach sin o chionn shia bliadhna, agus chosg iad dlùth air da fhichead millein franc, no mu $6 ,250,000san airgead againne. Tha a nis innealan ùra ri bhi air an cur annta, ach thatar am mi-mhisnich mhoir mun timchioll, gun fhios an dean innealan ura feum no nach dean.

Tha fiosan á Manitoba ag innse gu bheil e air fairtleachadh air moran de na buanaichean a chaidh a mach o chionn ghoirid obair fhaotainn. Tha na ceudan dhiubh ann am baile Winnipegs am bailtean eile ag iarraidh tilleadh dhachaidh, ach cha toir an C. P. R. faradh dhaibh gus an obraich iad mios air a bhuain. Bi ar barail féin, agus barail moran eile, gun robh cuireadh tuilleadh us fialaidh air a thoirt do mhuinntir a dhol a mach dhionnsuibh na buana, agus nach biodh obair ri fhaotainn do roinn mhor dhe na rachadh ann. Tha e ro-choltach gu robh abharail sin ceart, agus nach be buain a chrithneachd an ni bu mho a bhaig cuideachd an rathaid iaruinnsan amharc idir.

Tha aimhreit air eiridh eadar an Fhraings an Tuirc, agus an la roimhe ghairm an Fhraing a fear-ionaid á Constantinople. ’S e dhaobharaich an aimhreit an Sultan a bhristeadh geallaidh a thug e do fhear-ionaid na Frainge a thaobh còmhstri a bha eadar an da dhùthaich. Bha ena chleachdadh riamh aig an t-Sultan a bhibristeadh a gheallaidhean, agus cha robh e a reir coltais air son an cleachdadh sin a leigeil seachad air sgàth na Frainge. Tha àireamh de shoithichean-cogaidh Frangach a nis air an turus don Tuirc, ach chan eil dùil eadhon aig na Frangaich fhein ri cogadh. Chaneil teagamh nach geall an Sultan a gheallabh a choilionadh, an uair a chi e cho diansa tha corruich na Frainge.

Chaneil feum sam bith teannadh ri comhairle a thoirt air duine anns nacheil reusan. Chaneil iad ann an staid inntinn anns an tuig iad reusonachadh.

Chaidh trein air an robh àireamh mhor de bhuanaichean a dol don Iar Thuath a bhristeadh ann am Manitoba Dior-daoin sa chaidh. Chaidh aireamh den luchd-turuis a ghoirteachadh, cuid diubh gu dona, agus bha dithis air am marbhadh. Bhuineadh fear dhiubh sin, Domhull Mac Citheagain do Ghlace Bay. Bha fear eile mhuinntir Cheap Breatunn, Martin Almon, air a dhroch leonadh.

Nuair a bhios an obair-iaruinn air a criochnachadh bidh obair innte do choig ceud fichead duine. Thatar a faotainn deagh reic don iarunn a thatar a tionndadh a mach, agus tha e toirt deagh riarachadh dhaibh-san a thaga cheannach. Chaidh aireamh mhiltean tunna dheth a chur a null do Bhreatuinn cheana, agus bidh tuilleadh air a chur a null an uine ghearr. Ma thionndaidheas an t-iarunn a mach gu math bidh soirbheachadh na h-obrach air a deanamh cinnteach.

Tha aireamh de luchd nam paipearan naigheachd á Ontarios á Cuebec aig an àm so air cuairt shamhraidh anns na Roinnean Iochdrach. Bha iad ann an Ceap Breatunn toiseach na seachdain so. An deigh a dhol troimh Lochan a Bhras dOir rainig iad Sidni oidhche Di-màirt. Ghabh iad sealladh air an obair-iaruinn maduinn Di-ciaduin, agus an deigh mheadhon-latha chaidh iad gu Louisburg, a tilleadh feasgar. Dhfhalbh iad á Sidni tràthsa mhaduinn Dior-daoin. Bha iad ann còrr us ceud uile gu leir, eadar fhear us mhnathan. Bha iad gle riaraichte len cuairt anns na Roinnean Iochdrach agus gu h-àraid leis na chunnaic iad de Cheap Breatunn.

Chaidh duinòg dam bainm Murchadh Mac Gill-fhinnein, a mhuinntir na Mèinne Tuatha, a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg airNew Glasgowtoiseaach na seachdain so. Tha e coltach gun do thuit e fo charbad a chaidh seachad re na h-oidhche, ’s e feuchainn ri dhol air bòrd. Fhuaireadh a chorpsa mhaduinn, ’s e air a reubadh gu dona. Cha robh an duine mi-fhortanach ach fichead bliadhna dhaois, agus bha e gus o chionn ghoirid ag obair aig te dhe na mèinnean faisg airGlace Bay. ’S ann a dhiarraidh cosnaidh a chaidh e doNew Glasgow.Tha a mhàthair, a thana bantraich, a còmhnuidh aig aMhèinn a Tuath, agus triùir bhràithrean us dithis pheathraichean dha air am fàgail air a cùram.

Tha iadsan a bha cur àireamh mhor sluaigh mu choinneamh na dùthchas nam bailtean air am mealladh. Bha dùil gum biodh eadar da mhile dheug us coig mile deug ann an Sidni, achs ann a bha e beagan goirid air na deich mìle. Bha dùil ri seachd mìles coig ceud ann an Sidni Tuath, ach cha robh ann ach 4,646. Ann an Glace Bay bha dùil ri naodh no deich mìle, ’s cha dfhuaireadh ann buileach seachd mìle. Agus ann an Louisburg, far an abradh cuid gun robh da cheud deug no eadhon da mhìle, cha dfhuair luchd na h-aireamh ach coig ceuds da fhicheads a dha (542). Ma bhios iadsan a bha dol cho fada so air seacharan nam barail beò an ceann dheich bliadhneile, chan eil teagamh nach dean iad tuairmeas nas fhearr.


Chan eil sinn cruaidh ort!

Nuair a tha sinn a tairgse dhut bhargan mar a leanas:
Larigans olla-chairte air $1 .10bha iad roimhe so $1 .75. Dongola Bals, le buinn dhubaile, air $1 .15tha ceannaichean eile faotainn $1 .75 orra. Da phaidhir de shocsaichean cloimhe air cairteal dolair, agus am paidhir bhrog as fhearr a chuir thu riamh air do chois $3 .00. Tha sinn a deanamh ar n-uile dhichioll air luach tairgeid a thoirt dhut ann an caiseart, agus theid sinn an urras air gach paidhir a chreiceas sinn.

H . H. Sutherland & Co.


Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON

Tha sinn afosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mun acuinn, mun bhathar each, mu na truncaicheans mu na maileidean a tha sinn a creic.

F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stors an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinns cho deiseilsa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean as fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.



[62]

[Vol . 10. No. 8. p. 6]

Litir as an Amhuinn Mheadhonaich.

CHA chreid mi nacheil daoine gle fhad air ais ann a bhi sgriobhadh gu MAC-TALLA. ’S e cheud rud air son an toir mi sùilnuair thig am paipeir, am bi litir ann bho charaid air choireigin, agus mur a bi cha bhi mi idir toilichte. Bheir mi sin sùil am bi òran gasda ann. “Ged tha mo cheann air liathadhs mo chiabhagan air tanachadhni mi sùrd mor ri seann òran gasda a bhiodh againn an tùs ar làithean, nuair a bhiodh comunn againn cruinn agus gu leor do Mhac-an-Tòisich ga chur ma chuairt air a chéile, aguss e sin a chuireadh am blas air na h-òrain.

Tha sinn glé thoilichte bhi faighinn seann sgeulachdan an drasd agus a rithist. Bha sgeulachd an t-saighdear buileach math. Cha chreid mi ma bhaabharsaic cruaidh nuair a bhan saighdearga giulan, nacheil i gu math cruaidh a nis, ma tha i aig an fhear a thug suas dhan iarmailt i gus a so. Cha bhiodh toil agam a dholga bualadh le sùisd tuilleadh.

Tha sinn gle thoilichte gun dfhuair thu greim air feadhainn dhenChuairtear Ghàidhealacha bha tighinn a mach bho cheann leth-cheud bliadhna. Tha cuimhnagam air a bhiga leughadh. Bheir mi seachad stòiri bheag a chunnaic mi ann am fear dhiubh, air seann bhodach a bha thalls an t-seann dùthaich. Bha e trom air an uisge-bheatha. ’Se Domhull an stòp a bha aca mar ainm air. Cha chreid mi nach canadh iad stòp ri tomhas air choireigin dhen uisge-bheatha. Coma co dhiu dhfhàs Domhull tinn, agus chuir iad a dhiarraidh dotair. Nuair a thainig an dotair dhiarr e air a bhi gabhail unnsa(ounce) ’san latha de dhuisge-beatha. Nuair a dhfhalbh an dotair dhfheoraich Domhull dhamhac, a bha dol dhan sgoil, gu de uireads a bhann an unnsa de dhuisge-beatha. Cha robh fhios aig a ghille. “Gu math dhomhsabhi gad chur dhan sgoil mur do dhionnsuich thu uiread sid fhathast. Fhuair an gille an leabhar cunntais, agus thug e sùil anns antable ,agus chunnaic e ann an sin16 drams one ounce. ” “Ho, ho!” arsa Domhull an stòp, “tha mi na mo dhuine sona fhathast! Faidh a nall am pige ruadh agus falbh dhan bhùth ud thall, agus abair ris gallan dhen stuth as fhearr a tha aigechur ugam.” Sud na bheil agam an diugh de stòiri Dhomhuill an stòp.

Tha Mac Uisdein a deanamh donoirnn nacheil e cuir a nall na puirt-a- beul ugainn.

Gu thainig ri Murchadh Cam [ ? ]h ’eil sinn a faighinn litir uaithe. ’S ann a bhios sinn a cumha gun do chaill e an t-sùil eile, mur a cluinn [ ? ]n uaithe an ùine nach bi fada.

Fhuair mimach duine aig a bheil òran an eich dealanaich, le Donnacha Fionnlasdan, agus cuiridh mi ugad e uair air choireigin.

Bha sìde mhath feòir againn gus o chionn seachdain. Tham feur fada air ais an àiteachan tioram. Tha cuid do thalamh ard cho mathsa bha en uiridh.

Mo bheannachd aig Bodachan aGhàraidh. Cha chan min corr an dràsd.

MICHEAL.


Dughlas.

Ann am blar Otterburn, ’sa bhliadhna 1388, bhan t-Iarla Dughlasach air a leonadh, agusnuair a fhuaireadhna shineadh e chaidh fheorach dheth ciamar a bha dol dha. “Taing do Dhia,” ars esan, “tha mi faotainn a bhais mar a fhuair a chuid bu mhò dhe mathraichean, chan ann air mo leabaidh, ach air an àrfhaich. Tha tri nithean a tha mig àithne dhùibh a dheanamhdiolaibh mo bhas, oir chan eil dòchas sam bith agam gum bi mi beo; togaibh suas mo bhratach, oir tham flath a bhaga giùlan air tuiteam; agus leanaibh air éigheachDùghlas! Dùghlas!’ a chums nach bi fios aig caraid no idir aig nàmhaid gun do mharbhadh mi. Nan robh fhios agam gum biodh na nithean so air an deanamh, gheobhainn bàs gu toileach, oir chuala mi o chian fàisneachd a bhag radh gun toireadh duine marbh a mach buaidh-làraich, agus tha mig earbsa ri Dia gur-a misen duine marbh sin.” Rinneadh mar a dhaithn e, agus thug anduine marbhbuaidh, oir cha do chaill na h-Albannaich anns abhlàr ach mu thri cheud duine, agus chaill na Sasunnaich ochd ceud deug.


Bha iad Goirt.

Bha madadh-ruadh ann roimhe, agus air dha a bhifalbh an fhasaich air latha tioram teth, dhfhas e ro phaiteachs cha robh uisge no ni air bith eile ann a chaisgeadh iota. Mu dheireadh de chunnaic e ach craobh fhion-dhearcan. Bha na fion dhearcan ro bhriagha, na h-uile aon diubh abuich, agus iad cho lionmhors gun robh iad a lubadh barraibh nam meangan. Arsan sionnach, “ ’S ann domh a rug an cat an cuilean; de na thann an sin de fhion-dhearcan, gach aon diubh cho maiseachs cho lan; ’s iad a chaisgeas mo thart,” agus an so thug e leum suas ris achraoibh an duil gum biodh lan a chraois aige tighinn air ais. Ach leibeidean, cha dfhuair am bainne; —cha ruigeadh e leth na slighe gus na fion-dhearcan. Leum e, ’s leum e, ach ged a bhitheadh e aleum fhathasd cha deanadh e turn. Mu dheireadh dhfhalbh e, agus, arsesan, “Tha mi coma dhe na fion-dhearcan, —tha iad goirt!”


Anns aGhearmailtnuair a gheobhair duine ciontach de bhi gabhail air a mhnaoi, leigear leis a dhol guobair gach latha mar a bàbhaist da, achs ibhean a gheobh an tuarasdal, agus théid esan a dhùnadh a stighsa phriosan bho oidhche Di-satharna gu maduinn Di-luain. Leanar air a pheanaisteachadh mar sin fad dheich seachdainean.


AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Seall an so air son
SANUS UR
Air an ath Sheachdain.


Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.

Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.

OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD AIR PRIS REUSANTA

Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut.



[63]

[Vol . 10. No. 8. p. 7]

Balla Mor Shina.

MA theirear gur h-iad Barrachaoil(pyramids)na h-Eipheit an t-ioghnadh as mhotha thair an t-saoghal, faodar a radh gur e Balla Mor Shina an darra h-ioghnadh. Tha iadsan a chunnaic e ag radh gur e aon obair cho iongantachsa rinn mac an duine riamh. Tha e toiseachadh aig a mhuir air an taobh an ear agus a leantuinn air taobh tuath us iar-thuath na dùthcha fad cheithir cheud deug (1400) mile. Tha e air a thogailsa chuid as mo de chloich, ’s de chloich-chreadha, agus tha tùir air a mhullach astar goirid o chéile. Bha e mar sin air dòighs nan cuirte dragh air freiceadan aon tùir gum burrainn freiceadan an da thùir a bfhaisge tighngan cuideachadh. Anns gach aite a bha furasda do namhaid a ruigheachd, bha daighneachdan làidir air an togail. Ann an àiteachan tham balla dùbailte, agus ann an corra àite tri-filte, ach faisg air a cheann an iar dheth chan eil ann ach dùn mòr talamhainn. Tha e ann an cuid a dhàiteachan adireadhsa tearnadh chreagan us bheanntan àrda, agus tha e doirbh a dheanamh a mach ciamar a chaidh aca-san a bhaga thogail air an stuth a thoirt ann no a chur ri chéile, oir chan eil clachair no fear-togail anns an Roinn Eorpa an diugh a bheireadh ionnsuidh air eadhon tigh a chur suas ann an cuid de na h-àiteachan uamhsach anns am bheil am balla so na sheasamh gu daingeann o chionn còrr us da mhile bliadhna. Tha e air a thogail le balla tana cloiche air gach taobh dheth, agus eadar an da bhalla sin air a lionadh le talamh air dhòighs gun saoileadh duine gum bu chlach air fad e. Tha a chuid iosal deth air a dheanamh de chlachan mòra, agus mu shia troighean on làr tha a chlach-chreadhatoiseachadh agus a leantuinn dhionnsuidh a mhullaich. Tham mullach air a chomhdach le leacan tana mar air cabhsair sraide. Tha na tuir uile mu dha fhichead troigh a dhairde, agus tham balla ri ghabhail thar a chéile mu fhichead troigh o làr gu mullach; tha e nas isle na sin air na beanntan agus nas àirde na sin anns na glinn. Tha araon am ballas na tùir nas leithne gu h-iosal na tha iad gu h-àrd, agus tha geatachan air am fosgladh trompa dhionnsuidh nam bailtean air gach taobh. Bha duine a chunnaic am balla o chionn leth-cheud bliadhna as radh ged rachadh na bha de chloich ann an taighean-còmhnuidh Bhreatunn air fad a chruinneachadh còmhladh, —agus bha emeas gu robh muillean us ochd ceud mile dhiubh ann, —nach biodh gu leòr ann air son am balla so a thogail! Bha eg radh gu robh de chloich anns na tùirs anns na daighneachdan leotha fhein na chuireadh suas baile bhiodh uiread ri Lunnuinn. Tha e air a mheas le feadhain eile gu bheil pailteas de stuth ann gus balla bhiodh sia troighean a dhàirdes ceithir troighean a thiughad a chur ceithir thimchioll an t-saoghail. Chuireadh am balla mor so suas leis na Sineich mu dha cheud bliadhna mun drugadh Criosd, air son an naimhdean, na Tartarich, a chumail a mach; ach an deigh an saothair uile, fhuair na Tartarich a stigh agus thug iad fo chis iad. Gus an lathan diughs iad na coigrich sin a tha riaghladh Shina, agus chaneil bàigh sam bith aca ris an t sluagh, ’s cha mho na sin a tha spéis sam bith aig an t sluagh dhaibhsan.


Oidhche Fhliuch.

Bha duin-uasal o chionn ghoirid aghabhail a dhinneir ann an tigh caraid, agus am feadhsa bha iad aice thoisich sileadh mor uisge. Dhfhuirich an t-aoidh cho fadsa burrainn e, feuch an tigeadh turadh, achs ann a bhan t-uisge sior dhol na bu mhiosa. Chuir fear an taighe impidh air fuireach gu maduinn, agus o nach robh choltas air gun rachadh an t-side na bfhearr dhaontaich e sin a dheanamh. Ach an ceann beagan mhionaidean dhionndrain iad e, ’s cha robh fhios cait an dthug e air. Cha robh sgeul shios no shuas air. An ceann leth-uair a thim, thainig e stighs e bog fliuch. “An ainm an àidh,” arsa fear an taighe, “càit an robh thu?” “Bha mi,” ars esans ega chrathadh fhein, “aig an tigh; chaidh mi a dhinnse do mmhnaoi nach burrainn mi dhol dhachaidh gu maduinn leis cho fliuchs a bha an t-side.”


Mnathan Shiam.

Tha teachdaire a tha o chionn aireamh bhliadhnaichean ann an Siam asgriobhadh mar a leanas a thaobh an t-sluaigh. ’Nuair a thainig sinn don duthaich an toiseach cha robh bean no nighean anns a cheud comasach air leughadh, ged a bha na gillean a faotainn teagaisg ann an leughadhs an sgriobhadh o na sagairt anns na teampuill. Aon latha thainig caileag bheag mu dha bhliadhndeug a dhaois, dhan bhàt againn a dhamharc air na coigrich, agus air dhuinn fheorach dhi an rachadh aice air leughadh, cha dthuirt i gun rachadh no nach rachadh, ach sheall i oirnn le ioghnadh ag radh, “ ’Se nighean a thannamsa!” mar gum bu choir dhuinn a bhi na bu turaile na gun cuireamaid a leithid de cheist oirre.


Chaidh an gunna-mor as motha thair an t-saoghal a ghlacadh leis na Breatunnaich anns na h-Innseannuair a chaidh an duthaich sin a chisneachadh. Rinneadh an gunna anns abhliadhna 1500 le ceann-feadhna dam bainn Chuleby Koomy Khan. Than gunna sin an diugh air a chur air doigh gu grinn na bhroinn, agus cathraichean us leapannan ann, agus tha ena chleachdadh aig na h-oifigich Bhreatunnach a bhi cadal ann.


Thoir a cheartas fhéin do gach neach. Na dean iasg den dara neach agus feòil den neach eile. Thoiràite fhéin do gach neach. Ma ni thu so cha chum thu comunn ris a h-uile neach. Chan urrainn thu comunn a chumail ris an olc agus ris amhath.


Cape Breton Electric Co., Ltd.

RUITH AN AISEIG.

Tim-Chlar.

Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—

[Clàr - ama]

Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.

TURSAN FEASGAIR.

[Clàr - ama]


The Scottish Clans and their Tartans.

IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a thatoirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh aBhreacain bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gachIollach-CathaagusSuaicheantasa bhiodh na Fineachan acleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.


[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e don bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dhfheumas a leithid

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubhagus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc

Aonghas Mac Leoid

Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .

Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.

SHAW & BEAIRSTO.
Phone 217
Feb 7011 yr
Sidni, C. B.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.


J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na caiseachdan as fhearr am Breatunns an America.
SIDNI, - - - C. B.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.


FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a than Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àites saoire thasa bhaile. Bidh an obair dhen t-seorsas fhearr.
C . H. WOODILL.


F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.
SIDNI, - - - C. B.



[64]

[Vol . 10. No. 8. p. 8]

Mo Nighean Dubh.

Mo nighean dubh, tha boidheach dubh,
Mo nighean dubh, na tréig mi:
Ged theireadh cach gu bheil thu dubh,
Cho geals an gruth leam fhéin thu!

Moch Coinnle anns amhadainn,
M leabas mi gun éirigh,
Gum facas òigh an taice rium,
S a gnùis ro dhreachmhor, ceutach.
Mo nighean dubh, &c .

Toisichidh mi aig do chasan,
Chum do mhaiseleughadh;—
Di-dòmhnuich adol an chlachan,
Bean do dhreach cha leir dhomh.

Thig stocaidh gheal air rogha dealbha
Air do chalpa gle-gheal;
Brogan barra-chumhnn, ’s bucaill airgid
Oigh air dhealbh na gréinthu!

Seang chorp fallain, mar shneachd meallain,
No mar chanach sléibhte;
Mar fhaoileag chladaich, ri gaillin,
Air chuan marag éirigh.

S math thug gùns an fhasan duit,,
Cho maths a than Duneideann,
Mu dmheadhon caolg a theannachadh,
S a chamhanaichs tug éirigh.

Do shùilean mar na dearcagan,
Do ghruaidh air dhath na céire,
Cùl do chinn air dhreach an fhithich,
S gradh mo chridhe fhéin ort.

Sùil chorrach ghorm fo dchaol mhala
Bhon tig an sealladh éibhinn,
Mar dhealt camhanaichs an Earrach,
S mar dhruchd meala Chéitein.

Tha falt dubh, dualach, trom, neo-luaidhte,
N ceangal sguaib air meuchdaig;
Gur boidheach e mu dchluasaibh,
S cha mheasan cuailein bréid e.

Cha dean mi tuilleadh molaidh ort
O, ’s tu mo rogha céile!
S ann ort a than cùl fàinneagach,
Mar suds am braighe glé-gheal.

S olc a rinn do chàirdean orm
S gun drinn iad pàirt ort fein de,
N uair chuir iad as an dùthaich mi,
S min dùil gun deanainn feum duit.

S ged nach deanainn fidhleireachd,
Gun deanainn sgriobhadhs leughadh,
S a nàile! dheanainn searmoin duit
Nach talaicheadh neach fon ghréin oirr’.


Fanaidh mo Mhairi Buileach on Ti.

LE EOBHAN MAC COLLA.

Illean, nach misebham bhurraidh bochd truagh?
N uair bha mi gun phòsadh chreid mi na chual’,
As thuirt mi, le Màiris math dheth bhios ,
Oir fanaidh mo Mhàiri buileach on ti.

Fanaidh mo Mhàiri buileach on òl,—
An àite a béil théid an gloine ra sròin;
Cha n-ionnans na banagan shluigeas a tri
As fanaidh mo Mhàiri buileach on ti.

S lurach mo Mhàiribleodhann na spréidh!
Tha e gu cinnteach taghte air gréis;
S eòlach air cuibhioll i, clobhaidh in lìon,
As fanaidh mo Mhàiri buileach on ti.

Ach thachair am pòsadh, dhathraich an duan,—
Faic sinn nis còmhlam bothan na truaigh;
Thainig na pàisdean, Ochain, a righ!
As dhamais mo Mhàiri dol air an ti.

As ged a than olainn gun ghainne miln spàrr,
Seallaidh am burraidhs na ragan ma chlàr!
An gloinair a bilibh gun amais gun strith,
As Ochain, mo leòn! chan fhan i bhon ti.

S ged tha i air dheireadh car beag air an fhual,
S leath’ ’n t-urram air clobhadh, ’s thabhlàth air mo chnuaic!
Le olcas a bleodhainn chaidh Cheann-fhionnan dìosg
S gun cumadh i obair ri tobar le ti.

Mo thruaigh air fear falamh a gheibh le stràic,
Mo thruaigh co sam bith egheibh aon nighn a màthr,
Mo thruaigh thar a h-uile ni fear mar tha mi,
A thuiteas air banaig don iodhal an ti.


Mo Chailin Dileas, Donn.

LE EACHANN MAC COINNICH, ULLAPOOL.

Gum bu slàn a chi mi
Mo chailin dileas, donn,
Bean achuailein réidh,
Air an deise dheireadh fonn;
S i cainnt do bheoil bu bhinne leam,
An uair bhiodh minntinn trom,
S tu thogadh suas mo chridh
N uair a bhiodh tu bruidhinn rium.

Gur muladach a ta mi,
S mi nochd air àirdachuain
S neo-shunndach mo chadal domh,
S do chaidreamh fada bhuam;
Gur tric mi ort asmaointeach;
As t-aogais tha mi truagh;
As mar a dean mi tfhaotainn
Cha bhi mo shaoghal buan.

Sùil chorrach mar an dearcag
Fo rosg a dhiadhas dlùth;
Gruaidhean mar an caorann,
Fon aodann tha leam ciùin.
Mar daithris iad na breugan
Gun dthug mi féin duit rùn;
S gur bliadhna leam gach
On uair a dhfhàg mi thu.

Theireadh iad mun dfhalbh mi,
Gum bu shearbh leam dol adchòir
Gun do chuir mi cùl riut,
S gun dhiùlt mi dhuit mo phòg.
Na cuireadh sud ort cùram,
A rùin, na creid an sgleò;
Tha t-anail leam nis cùbhraidh,
Nan drùchd air bhàrr an fheòir.

Tacan mun do sheol sinn,
Is ann a thòisich càch
Ri innseadh do mo chruinneig-sa
Nach tillinn-sa gu bràth.
Na cuireadh sud ort gruaimein,
A luaidhma bhios mi slàn
Cha chum dad idir uait mi,
Ach saighead chruaidh a bhàis.

Tha moran de luchd aimlisg,
Aseanachas an droch sgeoil;
An cridheachan mar phuinsean,
Cha chuimhnich iad achoir;
Ach na creid an sgeula;
Ma gheibh achléir oirnn coir;
S ma dhfhanas sinn ocheile,
S in éigin a bheir oirnn.

Than t-snaim a nise ceangailte,
Gu daingean agus teann;
As their luchd na fanaid rium,
Nacheil mo phrothaid ann:—
Am fear aig am bheil fortan,
Tha crois aigena cheann,
S tha mise taingeil, toilichte,
Ged tha mo sporan gann.


Bas.

Ann an Oakland, California, air an aonamh latha deug de dhIulaidh, Aonghas Mac Isaic, (Mac Alasdair), a mhuinntir Bhroad Cove, C. B., tri fichead us ceithir bliadhndeug a dhaois. Dhfhàg e bean, triùir mhac agus triùir nighean. Bha e tinn o chionn cheithir bliadhna, agus ann an cràdh mor, ach ghiùlan e leis gu foighidneach, agus bha e làn striochdte do thoil Dhé. O chionn ceithir bliadhndeug air fhichead bha e gabhail cùraim den chladh Chaitliceach ann an Oakland, agus tha e nise na shineadh fon fhod anns an ionad sin, an cadal trom a bhàis, a feitheamh an latha anns am bi e air a ghairm dhionnsuidh na duaise a choisinn e ledheagh ghiùlains le bheusan anns a bheatha so.


DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dhinnsridh Electric.

Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.

Air Sraid Phitt,
faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.


Ceannachd Posta.
Tha sinn faisg ort cia be ait am bheil thu.. .. . ..
Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dhAirneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu ga iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir tainm ugainn air post card agus gheibh thu e.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,


CLOIMH! CLOIMH!

THA sinn a paigheadh a phris as airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dhan stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.

Mills, Mac Coinnich & Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:

[Clàr - ama]

* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.

WM . COYNE, Traffic Manager.


C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.


[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.

Ard-oifis: —Toronto , Canada.

CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham,
Ceann-Suidhe Banc Thoronto.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 8
internal date1901.0
display date1901
publication date1901
level
reference template

Mac-Talla X No. 8. %p

parent textVolume 10
<< please select a word
<< please select a page