[Vol . 10. No. 9. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. X. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 30, 1901. No. 9.
Aonghas Donn Ghlinn Fraoich.
LE SEUMAS N. MAC-FHIONGHAIN.
CAIB. XV.
ANN an da sheachdain bha ’n tuil air traoghadh gu mor, air chor ’s gu ’n d’ fhuair iad na bha dhìth orra. Bha ’n t-sìde nis a fàs na bu bhlàithe a h-uile latha mar a bha tighinn. Bhrùchd am feur maoth, gorm a mach cho luath ’s gur gann nach fhaicteadh ’fàs e. Dhùisg an sùgh-beatha bha ’n cridhe nan craobh ’s nam preas, ’s thòisich e ri ruith le farum anns na cuislibh a bha cho fada fuar, ’s chuir e ’mach an duilleach air gach meanglan, ’s ann an ùine ghoirid bha na coilltean ’s na blàir an éideadh cùbhraidh, taitneach an t-samhraidh. Anns a’ mhaduinn, ’s iad uile fo dhriùchd, bu leigh bodhaig ’us inntinn an siubhal—fàileadh cùbhraidh air gach taobh, mar thùis ag éirigh gu nèamh an dearrsadh òr-bhuidh na gréine; —na h-eòin a seinn le caithream ’s gach àite, ’s iad a nis air tilleadh as an cairtealan geamhraidh mu dheas, ’s car tacain iad a leigeil an analach, a cur seachad na h-ùine seinn gu milis, gus am bi an t-àm an t-seann nead a lìnigeadh as ùr ’s an teaghlach a thogail mar a dh’ òrdaich nàdar.
Air maduinn chiùin, chùbhraidh mar so, bha an dithis chompanach a’ gabhail cuairt shios ’sa ghleann aig an amhuinn ag iasgach. Bha iad air feum math a dheanamh, a réir a ghaid a bha iad a’ giùlan. Air dhaibh a bhith dol ma chuairt air lùb dhe ’n amhainn, thachair meall do thalamh riutha a thug an sruth, am measg gach ni eile, nuas o’n tuath. Bha iad a dol a ghabhail seachad, an uair a thug Aonghas an aire, ’s e air sùil a thoirt thar a ghuailleadh, do ni air choireigin a dearrsadh ann. Chrom e ’dh’ fhaicinn dé bh’ ann, ’s fhuair e cnap beag, cruaidh gu math trom, anns an robh iomadh dath an dearrsadh na gréine, ach b’e dath blath-buidhe bu mhotha bh’ ann. Ghabh na gillean amhrus làidir gur e òr a bh’ ann, ’s chaith iad an t-iasg air làr, ’s thòisich iad le chéile air cladhach gu trang.
“Cha ’n fhaca mi-fhìn riamh,” arsa Calum, “righ an t-saoghail ’san leabaidh ’s na dh’ fhàs e, ach ’s fhad o chuala mi gur iomadh rud buidhe nach ’eil na òr; ach tha cudthrom an uamhais ’san rud so co-dhiu, ’s tha sin na chomharradh math. Feumaidh gu bheil an stuth so gu math pailt ’san àite as an tàinig so.”
Rannsaich iad gu math ’s gu ro mhath an talamh ’s gach freumh, ’s fhuair iad seachd cnapan eile nam measg. Roinn iad an stuth, ’s ghleidh iad gu cùramach e gus an ruigeadh iad àite tiorail, ’s am faigheadh iad a mach dé bh’ aca. A mach uaithe sin bhiodh iad a siubhal na h-aimhne gu tric feuch an tachradh tuilleadh riutha, ach cha d’ fhuair iad ach aon àit’ eile san tiurr’ a phàigh an saothair. Cha robh na daoine buidhe ’cur dragh sam bith orra fhéin mu ’n chùis; b’ fhearr leotha gu mor rud air an deargadh fiacail ’sa ghabhadh ithe, na na bha de dh’ òr air thalamh. Mar sin cha bhiodh iad ’gan sàrachadh fhein, ’s cha robh iad ach a faicinn dhaoin’ eile gòrach ’ga shìreadh, na ’shìreadh ni sam bith ach rud a chumadh beò iad.
Thòisich a nis inntinn nan Gaidheal ri fàs luasganach, oir bha toil aca faighinn air falbh mu dheas. B’ ann an taobh sin bu docha iad tighinn tarsuinn air a seorsa fhéin, a stiùireadh iad aon uair eile gu àite Criosdail. Bha e nàdarra gu leor iad a bhi mar so, ’s nach biodh iad cho riaraichte ri ’n co-bhràithrean buidhe ’san staid anns an robh iad. Bhiodh farmad aca riutha na uairibh cho neo-ar-thaingeil ’sa bha iad, gun chìs do righ, na do mhaor no bàillidh—gun chùram lòin, gun chur, gun bhuain, ach mar na coilltean a bha ga ’n cuartachadh, a sealltainn ri nàdar air son am beathachadh. Ach seallamaid a bheil so cho taitneach ’sa shaoileadh sinn: Anns gach cearna ’s na dùthchannan teith ’sa bheil nàdar ’ga nochdadh fhéin na glòir a chuid mhor dhe ’n bhliadhna—far a bheil, mar gu ’m b’ eadh, an t-aran fuinte air gach craoibh, air chor ’s nach ’eil aig duine ach a làmh a chur as a chionn air son a dhìnneireach—tha buadhan-inntinn nan daoine sin marbh; cha ’n ’eil iad aona chuid treun am bodhaig na ’n inntinn, oir feumaidh an da chuid a bhith air an obrachadh ’s air an treachaid gu math, air neo cha bhi annta ach mathachadh gun bhrìgh. Air an laimh eile, far a bheil daoine ri stri an aghaidh nàdair gu cruaidh air son am beòlaind, tha iad treun am bodhaig ’s an inntinn. Bha fios aig na gillean air a so, agus b’ fhearr leotha bhith fo chuing a mhaoir fhéin na bhith nan tàmh; oir mar is cruaidhe dh’ oibricheas sinn air son ar lòin ’s ann is blasda gheibh sinn e, ged tha iomadh àit’ ann, mar a bha ’Ghàidhealtachd fhéin, nach fhaigh duine ach beagan duais air son moran saothair.
“Nach e duine gheibh e-fhéin beag, a Chalum,” ars’ Aonghas, ’s iad a muigh air chuairt, “am measg nam fàsaichean so. Nach suarach, crion aon duine na dithis an cridhe obraichean nàdair, ged tha iomadh duine ann, gu h-àraidh an uair a bhios iad òg, a bhios a smaointean nach deanadh an saoghal an gnothuch as an aonais idir. Chuireadh e ioghnadh mor orra nan drughadh e air na h-inntinnean beaga, cumhann aca, nach ’eil iad as aonais an t-saoghail, ’n uair a shluigeas e iad, ach mar bhoine uisge as aonais a chuain mhoir. Cha ’n ’eil boin’ uisge ach faoin leis fhéin, ach cuir moran dhiubh comhladh ’s tha cuan mor gun choimeas agad, a ghiulaineas gach ni, ’s nach gabh smachdachadh le cumhachd sam bith eile. ’S ann mar bhoine tha sinne ’san tìr so, a Chalum. Cha dian sinn moran feum ann leinn fhìn, ach thig an latha ’theid am boine ’na shruth, ’s an sruth na chuan, a theid o dhuine na dithis gu grunnan, ’s o ghrunnan gu sluagh lionmhor, a dh’ atharraicheas aghaidh na tìr so; oir ma ’s e òr a fhuair sinn an sid, feumaidh gu bheil e gu math pailt an cearn air choireigin, a bharr air iomadh ni eile ’thairneas sluagh as gach cearn.”
“Stad ort, ’Aonghais, feuch am faic mi a bheil an còta cearr umad,” arsa Calum. “Cha chuala mi thu ri fàdhadaireachd o’n latha bha e cearr umad roimhe; ach tha mi ag aontachadh leat ’s na thubhairt thu. Ach seall an treubh g’ ar feitheimh, ’s iad deiseil leis an imrich air son an Eiphit fhàgail. Dé do bharail, ’Aonghais, nach ann a bha Rob Cam (b’e so an t-ainm a bh’ aig Calum air a cheann-feadhna) an dé a tairgse dhomh dithis mhnathan na ’n tugainn dha mo sgian-luthaidh, agus coiseachd latha do dh’ fhearann a bhàrr air. Ach ged nach do chosg i dhomh ach da thasdan, cha tugainn dha i air an treubh, ’s gach frith a bhuineas dhaibh ’s an àm.”
Ghluais iad air falbh, ’s an ceann-feadhna ’sa ghaisgich nan cuideachd. Bha na sguaichean, a chlann ’s an t-seann fheadhainn a fuireach, ach bha càch a dol astar da sheachdain maille riutha. Rainig iad aig ceann an ama sin bruaichean amhainn mhor, ach ged a bha i gu math mor, dh’ innseadh dhaibh nach robh ann ach meur a bhuineadh do dh’ amhainn a bha moran na bu mhotha. Cha ’n fhac’ iad uige so duine geal na ’choltas faisg na faireadh. Chuir iad seachad seachdain an so, ’s gun mhoran aca ’ga dheanamh, oir theirig am fùdar fhein dhaibh, ’s mar sin cha robh cothrom aca air sealg, ’s ged a rinneadh rogha nam boghachan dhaibh, cha robh meas sam bith ac’ orra.
“Tha sinn,” arsa Calum, “coltach gu leoir ris na h-Innseanaich mar a tha sinn, ’s ma chuireas sinn na biorain-iteach ud air ar cliathaich ni e ’n gràinne-mullaich a bha dhith. Saoilidh mi fhìn gu ’m fàgadh a Ghàilig mo theanga nan cuirinn fear dhiubh ri m’ shùil gu bràth.”
Bhiodh iad mar sin mar bu trice dluth do ’n champ ri taobh na h-aimhne. Air aon latha bha iad mar so a gabhail fois ’san àit’ àbhaisteach—cùil thaitneach a ghlacadh a ghaoth fhionnar a bhiodh a tighinn thar an uisge. Bha ’n latha gu math teith, ’s bha na gillean nan sìneadh fo dhubhar tom seillich, gu cadalach ag amharc an éisg, a bha gu math pailt ’san amhainn, a ruith ’sa leum an deigh nan cuileag air uachdar an uisge. Air dhaibh a bhith mar so, chual’ iad farum, farum a tighinn, mar iomadh cas a ruith. Bha iad air am bonnaibh ’sa mhionaid feuch am faiceadh iad co air an robh chabhag air latha cho teith. An nuas uca chunnaic iad dithis do dhaoine geala, nan cruaidh leum, agus seiseir eile nan deigh, geal cuideachd, ged nach robh na bha ri fhaicinn dhiubh ro gheal ’san am. An uair a chunnaic an dithis a bh’ air thoiseach na Gaidheil, ghabh iad far an robh iad air son dian, ’s iad gu glan thoirt suas. Thainig càch, ’s coltas na feirge nan gnùisean, ’s bha iad air son a bhith ’m bad chàich ’sa mhionaid. Ach chaidh na gillean eatorra, ’s leis a choltas mhor, fhiadhaich a bh’ orra, ghabh càch miapadh ’s sheas iad tiota.
Dh’ fhaighneachd Aonghas am Beurla ciod a bha cearr, ’na dé rinn an dithis, a dh’ fhàg iad cho naimhdeil dhaibh.
Fhreagair fear dhiubh ann a fìor dhroch Bheurla gu ’m bu Fhrangaich e-fhéin ’sa chompanaich, ach aon fhear, ’s gu ’m bu Gheancaich an dithis eile, gu robh e smaointean. Thuirt e gun robh iad nan companaich aca uige so—gun do shàbhail e-fhéin ’sa chàirdean iad o fhearg nan Innseanach, ’s gun do ghabh iad iad a stigh comhla riutha a trapadh fada ’n iar air a sid—gun robh amhrus aca gun robh ’n thoill annta riamh o’n a thainig iad nan cuideachd, ach nach d’ fhuair iad cothrom gus an lath’ ud fhéin air a cur an gniomh.
“Bha sinn,” ars’ esan, “a trapadh fad a gheamhraidh, agus chaidh leinn gu math, oir tha
[Vol . 10. No. 9. p. 2]
iomadh luach ceud dolair do bhéin luachmhor againn. Tha mise eòlach air gach slighe ’sa chearna so, oir is scann “voyageur” mi, agus is mi is fear-iùil do chàch. Tha ’n t-slighe ’n iar air a so doirbh a deanamh, agus ’se duine aig am bi féin-fhiosrachadh a ni an rathad, ach an car bhuaithe so tha e furasda gu leor. Mar sin bha na h-uaislean sin a smaointean gun deanadh iad fhein an gnothuch tuilleadh, ’s ghabh iad mar sin an cothrom, ’s iad air sinne fhaighinn air tìr, ’s chuir iad na béin uile ’s gach ni anns a chanu bu mhotha, ’s chuir iad an sgian air an fhear eile pìos o thìr, ’s leig iad dha ’n ghrunnd e. Bha iad mar sin dìreach deas, an duil gu ’n robh gach ni leotha, an uair a nochd sinne gu fàillidh, gun fhios dhaibh, ’s sinn air amhrus a ghabhail, o nach robh iad na ’r cuideachd. An uair a chunnaic iad sinn thug iad ionnsuidh air falbh, ach leis a chabhaig, ’s leis an aineolas,” ars’ esan, ’s e deanamh gàire tioram, “chuir iad thairis i, oir tha e gu math na ’s fhasa fear de dh’ eich fhiadhaich nan Stàidean a mhaighstireachadh na canù, ’s tha i-fhéin ’sa luchd ’sa ghrunnd shìos ann an sud. Am measg gach ni eile bh’ innte, tha na gunnachan againn, agus ’s e sin a dh’ fhàg iadsan cho fada so beò, oir bha iad air an duais a choisinn iad fhaighinn air son am mi dhìlseachd.”
Thionndaidh Aonghas ’s sheall e air an dithis chiontach, ’s chreid e air an coltas gun deanadh na ceart òganaich gniomh cam sam bith.
“Cha ’n ’eil teagamh,” ars’ esan, ’s e tionndadh ris an Fhrangach, “ma rinn iad sin uile nach do thoill iad dioladh air a shon. Ach air a shon sin nam faigheamaid uile na thoill sinn, ’s iomadh aon a bhiodh uireasach. An uair a bhios duine air a dhalladh le feirg, ni e iomadh uair gniomh no their e briathran a bhios aithreachas air air an son, ach tha an cron deante ’s cha dean aithreachas ’atharrachadh. Cha toireadh e toil-inntinn mhor sam bith dhuibhse iadsan a chrochadh ri craoibh, mar tha sibh a maoidheadh a dheanamh. Tha sibh an drasd’, agus le reusan, ann am feirg—abuich mar sin airson an gniomh sin a dheanamh. Ach smaointichibh car tiota. ’S docha gu bheil iomadh bliadhna saoghail aig gach aon agaibh, agus mar sin ùine airson sealltainn air ais air an rud a rinn sibh, le smaointean nach biodh robh thaitneach. Cha ’n ’eil e ro choltach gu ’m biodh e ’na shealladh ro bhòidheach aig sùilean ’ur n-inntinn, na ’r dùsgadh no na ’r cadal, na cuirp aig an dithis so, ciontach ’s mar a tha iad, a bhith gu critheach, gluasadach, ’s na spàirnean deireannach, a tighinn gu ’r cuimhne. Leigidh sibh am beatha leotha, agus fàgaidh sibh am peanasachadh aig an cogaisean fhéin, agus ma dh’ fhaodte gun dean iad aithreachas agus beagan math ’san t saoghal fhathast.”
’S ann mar sin a bha. Thug am Frangach taing do Aonghas, an déis dha a bhith bruidhinn greis ri càch, air son a chomhairle. Ach thuirt e gun tainig e-fhéin ’sa chàirdean gu aon cho-dhùnadh co-dhiù, agus b’e sin, gum fàgadh iad an dithis chiontach far an robh iad, air son iad fhéin a chothachadh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad.
(Ri leantuinn).
Am fear a thug buaidh air fhéin thug e buaidh air nàmhaid.
Faodaidh fearg sealltuinn a steach ’an cridh’ an duine ghlic, ach còmhnaichidh i ’n cridh’ an amadain.
Am fear a dh’ imich an cruinne cha d’ fhiosraich co dhiubh b’ fhearr luathas no maille; ach thug e ’n t-urram do dh’ fhear na moch-eirigh.
Domhnull Beag. *
EARRANN II.
LE IAIN MAC AONGHAIS.
BHA Domhnull a sid uair a’ dol a cheannach “catechu,” ma ’s fior an sgeul, air son ruith chartaidh, mar a thuirt e fhein, a thoirt air badan lìn sgadain a bha aige. “Tha iad ag ràdh,” thuirt e ris a ghille bhiorach aig Dùghall, “nach ’eil Gàidhlig ro mhaith aig a ghille ghlas a tha anns a bhùthaidh an drasda ann. Ciamar a dh’ iarras mi deich puinnd do “Chatechu” air, ann am Beurla?” A thaobh, mar tha fhios agaibhse, cha toil le cuid do Ghaidheil aineolas aideachadh. “U!” ars’ an gille biorach, “tha sin furasda gu leor a dheanamh. Abair thusa: ‘I want ten pounds of Sheriffmuir, and look slippery!’ ”Fhuair Domhnull na facail so air a theangaidh math gu leoir—co-dhiu shaoil e fhein sin. Thug e a bhùtha air, mata, agus leig e na facail as mu chinn a ghille ghlais: “I want ten pounds of Sheriffmuir, and look slubbery! ”thuirt e gu foirmeil. “A dhearg amadain,” thuirt an gille glas, “thoir thu fhein asad.” Ghabh Domhnull fior mhi-thlachd ’nuair a chaidh na briathran mi-mhodhail sin eadar-theangachadh dha, ’s cha robh iongantas ann. Cha robh duine a bha ’san eisdeachd nach robh a call an luthais le gàireachdaich. ’S ann le spairn a chumadh Domhnull bho bhi am bad a ghille ghlais. Fhuair e a ghnothuch an deigh beagan dragh, ach cha do ghabh e riamh amhrus gun do chuir an gille biorach facail thubaisteach ’na bheul!
Bha nàbuidh aig Domhnull ris an canadh iad Eoghann mòr. Cha ’n fhanadh an dithis ud bho chéile, agus an deigh sid ’s gu léir cha chòrdadh iad fad thri mionaidean. “Tha sibh a teannadh sios,” thuirt Domhnull. “Cha ’n ann ’s ann a tha mi ’dol suas,” fhreagair Eoghann. “Ma ta,” arsa Domhnull, “ge b’e air bith an rathad a tha e na ’ur beachd a dhol, ’s ann sios a tha ’ur n-aghaidh co-dhiu.” Tuigidh sibh, theireadh an dara fear sios ri ruith an uisge, ugus theireadh am fear eile ri dol fodha na gréine.
“ ’S e an ceann so de ’n t-saoghal ’tha gu h-ard,” thuirt Eoghann. “Cha ’n e,” arsa Domhnull, “ ’s e an ceann eile dheth tha gu h-ard.” “Cha ’n e,” ars’ Eoghann, “gu b’ oil le do chorp.” “ ’S e,” thuirt Domhnull, “gu b’ oil le t-amhaich. Bheir mise sios thu air sgroig do ’n tigh sgoile, agus chi thu an sin co tha ceart.” Chaidh iad sios do ’n tigh sgoile ’us chunnaic iad co an ceann do ’n “mhap” a bha gu h-ard, agus bha iad làn riaraichte le cheile gu ’r e sin an ceann de ’n talamh a bha an uachdar cuideachd.
“Tha ’n saoghal, a Dhomhnuill,” ars’ am Maighstir sgoile, “cho cruinn ri ceirsle shiomain.” “Cha chreid mi guth dheth,” arsa Domhnull. “Creididh mis’ e,” arsa Eoghann mòr. “Tha, a Dhomhnuill,” thuirt am Maighstir sgoile, “agus tha e a dol mu ’n cuairt mar gu ’m biodh clach-liaraidh ann.” “Cha chreid mi facal dheth,” fhreagair Domhnull. “Tha mise a’ creidsinn a h-uile smiod dheth,” arsa Eoghann. “Ciamar, mata,” thuirt Domhnull, “nach ’eil mi a tuiteam dheth.” “Tha,” ars’ am Maighstir, “rud ga do chumail air ris an can iad‘attraction.’ ” “Pooh!” arsa Domhnull, “coma leam dhibh fhéin, ’s de ’ur cuid‘subtraction.’ ”
Ann an làithean òige chaidh Domhnull bliadhna a bha ’n sin a dh’ ionnsuidh iasgach Eirinn—iasgach Howth—no mar a theireadh e fhein iasgach “House.” Bho ’n a b’e fear a b’ òige
* Air a leughadh aig Ceilidh nan Gaidheal, an Ard Sgoil Ghlasacho.
dheth na sgioba, thainig air a chòcaireachd a ghabhail fo ’s laimh—b’ e sin obair na tubaisde, mar a thuirt e fhein. Chaidh gnothuichean reidh gu leor gus latha a bha sin a thainig lunn mor air a mhuir. Mar tha fhios aig cuid agaibhse tha mi a creidsinn, cha ’n ’eil moran ruim ann an toiseach bàta iasgaich. Bha Domhnull a stigh na dha lùib ri taobh an teine, ’us ’aodann cho dearg ri partan bruich, agus e feitheamh gu foighidneach gus an goileadh an coire. Bha ’n gille garbh aig Miles ’na shuidhe aig an stiùir—làmh chinnteach aig an ailm, ged a bha e dàna gu leor corra uair; agus bho ’n ’us e an gille garbh bu stiùireadair, gu dé a b’ fhearr a b’ urrainn tachairt na mar a thachair. Bha iad a fàgail air gu robh e ’gabhail ealaidh ri Domhnull, agus an uair a chunnaic e tonn ni bu mhodha na ’cheile a tighinn “leig e ceann caol a fiodha anns an fhairge.” Thug am bàta an t-sìnteag sin aisde ’us chaidh i air chrith mar gum biodh capull a gheibheadh sgian. Sud an coire ’us an t-uisge goileach sìos mu chasan Dhomhnuill. “Ah!” ars’ esan, “fàrdach mo dhuibheadh! nach robh thu a mach air a mhuir mu ’m faca mi riamh thu!” Bhatar ag ràdh gu ’n robh am bàta a mach air a mhuir mu ’m faca Domhnull i.
Bha iad oidhche a sid air cheann nan lìon, agus bha Domhnull ri fuireach na chaithris mun tigeadh farbhas sam bith orra no cunnart na ’n rathad. Thuirt Miles ris: “A nise, a Dhomhnuill, feumaidh tu sealltainn a mach gu math geur agus gu ’n cunnart a leigeadh na ’r rathad; ma chi thu solus a tighinn faisg oirnn, feuch gu ’n dùisg thu mise.” Cha robh Miles fada na chadal ’nuair a dh’ eubh Domhnull “Chi mi solus, a Mhiles.” Gu dé a bha so ach rionnag a bha air ùr éiridh! Co dhiu ’se sin a bha na biastan ghillean eile a fàgail air. Dh’ eubh Domhnull uair no dha eile, ach cha tug duine feairt air. Mu dheireadh ghlaodh e aird a chlaiginn, “Chi mi tri soluis a nise, a Mhiles—fear dearg ’us fear uaine gu h-iosal, agus fear geal gu h-ard; agus tha iad dìreach gu ’bhi againn! “Bha ’n t-àm do Mhiles éirigh. Theab“steamboat”mhor a bhi air am muin. Bha Domhnull ag innse a rithist gur e fhein a phut bhuapa i, ’us gur e sin a shàbhail am bàta ’san robh e agus an sgioba a bh’ innte!
Chunnaic Domhnull ioghnaidhean mora ann am Baile Atha Cliath, gu sonruichte na beathaichean fiadhaich a bh’ anns na “showachan” —mar a dh’ ainmich e iad—ann am “Pàirce na Phænix” Leis nach robh e fhein ro mhath air a pheann, ’s e an gille garbh aig Niall (fear a bha cho làn do chleasan ’sa bha ’n t-ubh do bhiadh) bu chléireach dha. “Innsidh thu do mo mhàthair,” thuirt Domhnull, “mu ’n a h-uile beathach neònach a chunnaic sinn anns na ‘showachan. ’” “Innsidh,” ars’ an gille garbh; “agus tha dealbhan an sid dhiubh agam fhein, agus cuiridh sinn anns an litir iad.” “Sin thu, ’sheoid!” arsa Domhnull, “bheir mi dhut pinnt de na phortair a’s fhearr a tha anns a bhaile air son sin.” Chaidh an litir a sgriobhadh, agus moran fiosrachaidh a chur innte mu dheighinn bheathaichean fiadhaich nach fhaigh sibh air a chur sios ann an leabhraichean a chaidh fhathast a chlodh-bhualadh! Anns an litir, mar mhìneachadh air a chùis, chuir an gille garbh dealbhannan a chruinnich e thall ’s a bhos—mar a chi sibh ann am paipeirean neonach a bhios ri faladha—cinn dhaoine ’us mhnathan air leomhain ’us air iolairean, ’us cinn bheathaichean eile air daoine ’us air mnathan, ’s mar sin sios. Rainig an litir a ceann-uidhe, agus bho nach b’ urrainn do mhàthair Dhomhnuill a leughadh chaidh i gu Eoghann mòr leatha, oir bha brocarsaich mhaith sgoile
[Vol . 10. No. 9. p. 3]
aigesan. “Tha mise ag radh riut,” ars’ Eoghann, “nach robh an leithid sin do bheathaichean riamh air uachdar an t-saoghail.” “Tha mise ag radh riutsa gu robh,” thuirt a chailleach. “Dearg amadanachd!” ars’ Eoghann; “cha deachaidh an leithid a chruthachadh!” “Gu dé fios a th’ agadsa, a bhuamasdair mhosaich, nach d’ fhàg an dùthaich riamh,” thuirt Mòrag, ’s i lasadh le feirg. Spìon i an litir as a laimh. Cha chuireadh Domhnull aicese ach an fhìrinn ghlan ann an litir. Tha fhios nach cuireadh—le fhiosrachadh!
(Ri leantuinn.)
Sgeulachdan Arabianach.
CODADAD AGUS A BHRAITHREAN.
CAIB. X
BHA righ Harrain a’ gabhail beachd air gach ni a bha ’dol air aghart, agus chord gaisge a’ mharc-shluaigh a thainig g’ a chuideachadh ris gle mhath, agus gun duil aige riutha. Ach, os cionn gach ni, ghabh e tlachd do ’n cheannard an uair a chunnaic e cho treun ’s a bha e anns a’ chath. Bha e ’miannachadh gu laidir fios fhaotainn co e an gaisgeach a thainig cho caoimhneil g’ a chuideachadh. O’n a bha toil mhor aige ’fhaicinn agus taing a thoirt dha, choisich e gus a dhol far an robh e, ach thug e an aire gu ’n robh e ’tighinn ’na choinneamh. An uair a thainig iad dluth dha cheile, dh’ aithnich righ Harrain gu ’m b’ e a mhac Codadad, an gaisgeach treun a thainig g’ a chuideachadh, agus a chuir teicheadh air a naimhdean; agus is gann a b’ urrainn e ceum a thoirt a ionaid nam bonn leis an aoibhneas a bh’ air.
“Mo thighearna,” arsa Codadad, “tha aobhar agaibh a bhith fo mhor ioghnadh an uair a tha sibh a’ fhaicinn duine tighinn g’ ar cuideachadh a bha sibh an duil a bha marbh. Bha mi air a bhith marbh gun teagamh mur b’ e gun do ghleidh an Cruithfhear beo mi gus cuideachadh a dheanamh leibh an aghaidh bhur naimhdean.”
“O! mo mhac,” ars’ an righ, “am bheil e comasach gu ’m bheil thu air do thoirt dhomh air ais a rithisd? Ochan! Thug mi duil thairis nach fhaicinn gu brath tuilleadh thu.”
An uair a thuirt e so, rug e air a mhac ’na ghairdeanan. Agus an deigh dha a mhac a chumail, uine fhada ’na ghairdeanan, thuirt e, “Tha fhios agam, a mhic, air a h-uile car mar a thachair. Tha fhios agam air gach droch dhiol a rinn mo chuid mhac ort an deigh na rinn thu dhaibh de mhath an uair a shaor thu iad a lamhan an duine dhuibh. Ach nithear dioghaltas trom orra am maireach air son an droch ghniomharan. Rachamaid do ’n luchairt. Shil do mhathair iomadh deur air do shon, agus tha i ’feitheamh gus an ruig mise gus gairdeachas a dheanamh maille ruinn a chionn gu ’n d’ fhuair sinn buaidh air ar naimhdean. Nach ann oirre a bhios an t-aoibhneas an uair a chluinneas i gur tusa ’choisinn a’ bhuaidh dhuinn!”
“Mo tighearna,” arsa Codadad, “ceadaichibh dhomh fheoraich dhibh cia mar a tha e comasach gu ’m biodh fios agaibh air gach ni a thachair aig a’ chaisteal. An do ghabh aon dhe mo bhraithrean aithreachas, agus an d’ aidich e gach olc a rinneadh orm?”
“Cha do ghabh,” ars’ an righ. “Dh’ innis a’ bhan-phrionnsa Deiridhabar dhuinn a h-uile car mar a thachair, oir tha i anns an luchairt. Thainig i dh’ iarraidh dioghaltas a dheanamh air do bhraithrean.”
Bha aoibhneas anabarrach mor air an uair a thuig e gu ’n robh a bhean anns an luchairt.
“Biomaid a’ grad fhalbh,” ars’ esan ri ’athair agus aoibhneas anabarrach air; “biomaid a’ grad fhalbh far am bheil mo mhathair o’n a tha i ’g ar feitheamh. Tha fadachd orm gus an toir mi oirre fhein agus air Deiridhabar sgur a shileadh nan deur.”
Thill an righ gun dail maille ris an armailt do ’n bhaile, agus an uair a chuir e mar sgaoil iad, chaidh e do ’n luchairt le buaidh-chaithream, air a chuartachadh le sluagh a’ bhaile, agus lad araon a’ guidhe air Dia gu ’m biodh an righ fada beo, agus ag ard-mholadh Chodadad.
An uair a chaidh an righ agus Codadad a steach do ’n luchairt, fhuair iad Pirouse agus Diridhabar a’ feitheamh an righ gus comh-ghairdeachas a deanamh maille ris a chionn gu’n d’ fhuair e buaidh air a naimhdean. Ach cha ’n ’eil e comasach cainnt a chur air an aoibhneas a bh’ orra le cheile an uair a chunnaic iad Codadad a’ dol a steach comhladh ris an righ. Rug iad air ’nan gairdeanan agus shil iad deoir an aoibhneis gu frasach. An uair a chur iad seachad ’nan ceathrar ann an tomhas math faireachdainean an aoibhneis agus a’ ghraidh a bha cho madurra dhaibh, dh’ fheoraich iad de Chodadad, ciod a’ mhiorbhuil leis an robh e fhathast beo.
Thuirt e riutha gu ’n do thachair do dhuine a mhuinntir na duthchadh tighinn a dh’ ionnsuidh na buthadh anns an robh o ’na laidhe leith mharbh, agus an uair a thug e an aire gu ’n robh e ’na shineadh ’na aonar an deigh a lot gu trom, gu ’n d’ thug e d’ a thaigh fhein e air a’ mhuileid a bha e ’marcachd, agus gu ’n do chuir e plasda de luibhean araidh, an deigh dha an cagnadh, air na lotan, a leighis iad ann am beagan laithean. “An uair a chaidh mi na b’ fhearr,” ars’ esan, “thug mi mile taing do’n duine, agus thug mi dha a h-uile daimean a bh’ agam ris an t-saoghal. An sin thainig mi dluth do ’n bhaile, agus air dhomh fios fhaotainn gu ’n robh na righrean a bha anns a’ choimhearsnachd a’ faotainn armailt mhoir deiseil gus ionnsuidh a thoirt air rioghachd m’ athar a cheannsachadh, rinn mi mi-fhin aithnichte do shluagh nam bailtean, agus bhrosnaich mi iad gus a dhol a dhion na rioghachd. Dh’ armaich mi aireamh mhor de dhaoin’ oga, agus dh’ fhalbh mi fhin air an ceann. Thachair dhuinn tighinn an uair a bha ’n da armailt ann an cruas a’ chatha.”
An uair a chuir e crioch air na bh’ aige ri radh thuirt an righ, “Thugamaid buidheachas do Dhia a chionn gu ’n do ghleidh e Codadad beo; ach tha e iomchuidh gu’n rachadh na creutairean mealltach a dh’ fheuch ri bheatha ’thoirt dheth a chur gu bas.”
“Mo thighearna,” fhreagair Codadad, “ged a tha iad aingidh agus neo-thaingeil, cuimhnichibh gur iad bhur fuil agus feoil; agus is iad mo bhraithreansa. Tha mise ’toirt lan mathanas dhaibh air son an uilc a rinn iad orm, agus tha mi guidhe oirbhse gu ’n toir sibhse mar a ceudna mathanas dhaibh.”
An uair a chuala an righ na briathran so, thoisich e ri sileadh deoir an aoibhneis. Gun dail sam bith thug e ordugh sluagh na rioghachd a chruinneachadh, agus ghairmeadh Codadad ’na oighre air a’ chrun.
An sin dh’ ordaich e gu’m biodh a mhic air an toirt ’na lathair ceangailte le slabhruidhean. Dh’ fhuasgail Codadad na slabhruidhean dhiubh, agus chuir a failte orra a cheart cho cridheil ’s a rinn e an uair a thachair iad ris anns a’ caisteal.
Bha sluagh na rioghachd lan aoibhneis air son mar a rinn Codadad, agus thug iad cliu is moladh mor dha.
Thugadh duais do ’n lighiche mar a b’ airidh e, air son gach deadh obair a rinn e do Dheridhabar.
(A’ chrioch).
A ni nach gabh nighe, cha ghabh e fàsgadh.
Moladh Claidheimh Chonaill.
IS e mac mna sithe a bha ann an Conall Gulbann. Chuir righ Lochluinn fo dhraoidheachd e; agus bha e fad tri ràidhean anns a’ bhruth agus dùil aige nach robh e ann ach aon oidhche. Fhuair Conall an claidheamh o a shean-athair, bodach sìth, nuair a bha e ann am bruth Bheinn Ghulbann. Nuair a rachadh an saoidh ’na chulaidh chatha chruaidh chomhraig, is e bu chulaidh chatha chruaidh chomhraig da, a chrios strìlean, strolain, a leine shleamhain, de ’n t-sìoda bhuidhe, agus a luireach aigileineach iarruinn, a chlogad clocharra ceanna-bhuidhe gu dìon a mhuineil agus a gheala-bhraghaid. Chuireadh e sgiath bhucaideach, bhacaideach mhìn-dearg air a thaobh eile, air am bu lionmhor dealbh leomhain, liobairt, gribhinnich, nathrach bheumnaich, losgnaich, shlignich. Sin an uair a dheasaicheadh an laoch a shlachdan geur, cruaidh, curranta claidheimh an deidh a tharruing as a chisdidh chaoil, ghuirm, ghiumhais. A cheann air a chur ann gu socair, mar chuismhdta, ’s e gu ’n fhacal air a linntean, ’s e gu lìomha, liomarra; ’s e gu laidir, fulangach; gu ruighinn geur, ri iomarachadh; so-chur, sàthta, so-bhuailte, ’na làmhuinn geur, eutrom, iongantach. B’e sin an claidheamh siosantach, suasantach. Ghearradh e naoi naoinear a null, agus naoi naoinear a nall, agus ghlacadh e fein anns an làimh cheudna a rithisd e; maille ri a dha sgithinn ghuineana, ghoineana, mar arm gheur ghorrag, mar arm ghorm sgian. Sgian a ghearradh ubhal air uisge, agus fuiltean foinnearra, fiorghaidh; a bheireadh uisge air stiornanan, agus teine dearg air an earrliun annta air an toiseach agus asta air an deireadh; far am bu tiugh e bu tana e, agus far am bu tana bu luath-sgaoilteach, bu dùn-mharbhach. Cha ’n fhàgadh e fear innseadh sgeul na maoidheadh an tuairisgeul, mar an rachadh e an talamh toll na sgeilpeannan chreag, ach aon fhear claghann ruadh air leith-shuil, agus air leth-ghluin, ’ s air leth-chluais; agus ged a bhitheadh deich teanganan filidh fior-ghlic ’na cheann, is ann ag innseadh uilc fhein agus uilc chaich a bhitheadh e, agus treuntan a’ ghaisgich.
Bha Domhnull agus a ghoistidh, Iain, a’ falbh còmhla do’n bhaile mhòr, agus sùil gu’n d’ thug Iain air an rathad, chunnaic e sporan làn us teann ’n a laidhe aig a chasan. Thog e e, agus thubhairt Dòmhnull, “A chiall nach gasd a thachair dhuinn.” “Dhuinn!” ars Iain, “cha mhath a labhair thu; ’s ann dhomhs a tha an tachdair,” ’us chuir e an sporan càirtidh ’n a sporan molach fhéin.
Cha dubhairt Domhnull diog, agus chaidh iad air adhart gu balbh, tosdach, gus an d’ ràinig iad coille mhor. An seo ghabh na robairean fàth orra, agus thuirt Iain “mo thruaighe! tha sinn ’an eiginn n’ ar dithis.” “N’ar dithis!” arsa Domhnull, “tha thus’ a d’ aonar ann,” agus thárr e às troimh ’n choille, ach bha Iain air chrith cho mòr leis an eagal ’s nach b’ urrainn dha teicheadh. Rug na ceatharnaich air agus thug iad uaithe an sporan ’s a chuid airgiod fein maille ris. Mar bha e air an àm sin, bithidh e a rithist, —am fear nach cuidich le càch an uair a bhitheas am pailteas aige, is docha gum bi e gun charaid ’n a dheuchainn féin.
Faodaidh duine dol air muin eich gun dol thairis air.
Am fear a bhios modhail, bidh e modhail ris a’ h-uile duine.
Faodaidh duine ’chuid itheadh, gun a chluasan a shalachadh.
Faodaidh e ’bhi gur duine math thu, ach cha ’n ’eil gnùis deadh dhuin’ agad, mu’n dubhairt Niall nam beann ris a’ chat.
[Vol . 10. No. 9. p. 4]
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san t-Seachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann an Breatunn. anNew Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son 1.52 neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, OGUST 30, 1901.
“Am Bard.”
Is e so is ainm do phaipear ùr Gàidhealach a thatar a’ cur am mach ann an Duneideann, agus de’n d’ fhuair sinn an darra àireamh. Tha e air innse dhuinn gu’ m b’e chum a’ cheud àireamh o thighinn gu ’n d’ rinn na clodhadairean uiread mhearachdan ’s an obair a rinn iad air ’s nach robh am fear-deasachaidh toileach a chur an lamhan luchd-deasachaidh phaipearan eile. Cha’n eil an darra àireamh fhein gu buileach saor o mhearachdan, ach cha’n eil na th’ann dhiubh cronail. Tha leughadh taitneach anns A’ Bhard, Beurla ’s Gailig, eachdraidh, sgeulachdan agus bàrdachd. Tha àireamh mhath de dheagh sgriobhadairean aige, am measg chàch ar caraid dìleas féin, “Iain,” a tha toirt seachad “A’ Ghobhair Ghlais,” sgeulachd a fhuair ar luchd-leughaidh air an t-seachdain ’sa chaidh anns a’ MHAC-TALLA. Bu chòir do Ghàidheil na h-Alba paipear a bhi aca gu h-iomlan ann an Gàilig, ach o nach eil sin aca, bu chòir dhaibh an dichioll a dheanamh air Am Bard a chumail beò ’sa neartachadh. Ma leanas Am Bard roimhe cho math ’sa thoisich e, agus gun cum e suas ’eud a thaobh Tir agus Teanga nan Gàidheal, faodaidh e bhi cinnteach aig gach àm á deagh dhùrachd ’s á cairdeas MHIC-TALLA.
Cruinneachadh Mor nan Gaidheal.
(Oban Times) .
Ann an ceann-bhaile na h-Eirinn bidh Gàidheil as gach cearn a’ cruinneachadh ’an ùine ghoirid a chur eòlas is fàilte air a chéile. Bidh Gàidheil na h-Alba ann, agus sliochd a’ Ghàidheil á Sasunn, maille ri muinntir Mhanainn, agus feadhainn do ’n aon fhuil as an Fhraing. Thig iad so uile a ghabhail comhairle le am bràithrean an Eirinn a thaobh moran nithean a tha iad ag altrum agus aig am bheil gràdh aca ’an coitcheann. Tha ioma ni aca ri ghleidheadh a suas. An cliù mar chinneach bhiodh o nàrach dhoibh a dhearmad. ’S cha bhiodh e ceart doibh a bhi a’ leigeadh d’ an cànain a bhi faotainn bàs. Agus bu shuarach gu dearbh an sgoilearachd nach biodh a’ gleidheadh gu tairiseach an seann litreachas a tha air a thasgaidh anns a’ chànain. Tha an ceòl ’s an òrain mar an ceudna ’nam boinn orra, ged tha an t-aineolas mor mu ’n chùis so. Bidh na cuspairean so uile air an cuimhneachadh aig a’ chruinneachadh so; agus bhiodh e ’na amaideas dhoibh a bhi fàilneachadh anns an stri a tha iad ag oidhirpeachadh air sealbh fhaotainn air na còirichean ’san fhearann a bhuineas dhoibh.
Na Seilleinean.
Tha tri seòrsa sheilleinean a’ gabhail comhnuidh anns gach sgeap; ’s iad sin na seilleinean òga, na seilleinean dìomhain, agus a’ bhan-righ. Ré an t-samhraidh tha na seilleinean òga ro-ghnìomhach, a deanamh suas Chirean, agus ’gan lionadh le mil; ach tha na seilleinean dìomhain a’ fantuinn an còmhnuidh san sgeap, agus ag òl na meala a ta a chuid eile a’ tional. Aig deireadh an t-samhraidh, ’nuair a ta a’ chir-mheala lan, agus an obair thairis, tha na seilleinean dìomhain air an tilgeadh mach le cach o’n sgeap, agus air am marbhadh, no air am fàgail gu bàsachadh le fuachd agus le gorta.
Tha banrigh anns gach sgeap, a’ riaghladh agus a’ cumail orduigh am measg nan seilleinean. Cha leum sgeap mur falbh i air an ceann, agus ma gheibh i bas fasaidh iad mall ’nan obair, agus theid iad ma dheireadh gu neoni. Oibrichidh an seillein gu dichiollach air feadh an t-samhraidh chum gu’m bi pailteas aig air feadh a’ gheamhraidh; agus nach còir d’ a so gach leisgean a theagasg, gu bheil e mar fhiachaibh air dìchioll a dheanamh air son na beatha a ta làthair, ’nuair tha e òg agus comasach air so a dheanamh?
Tha gluasad am measg sluagh Shidni aig an àm so air son suim mhor airgeid a thairgse do chuideachd sam bith a thoisicheas air togail shoithichean an taobh a stigh de chriochan a’ bhaile. Bha a’ chuis air beulaobh comhairle a’ bhaile air an t-seachdain s’a chaidh ach chuir iad dail ann, ’s tha cuid de ’n t-sluagh anabarrach diumbach dhiubh air son sin a dheanamh. Tha Halifacs a tairgse suim mhor airgeid air son an aobhair cheudna, agus tha Louisbourg a tairgse larach shaor air son nan obraichean. ’S i bharail a tha aig daoine breithneachail nach teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bithear a’ togail shoithichean ann an cearn air choireigin de Nobha Scotia, agus ma tha bharail sin ceart, ’s tha sinn an dochas gu bheil, saoilidh sinn fein gu ’m bi an obair air a suidheachadh anns an ait a’s fhearr ’s is freagarraiche, co-dhiu a thairgeas muinntir an aite sin cuideachadh, no nach tairg. Cha’n eil sinn a’ creidsinn gu ’m b’e na fhuair cuideachd an iaruinn o bhaile Shidni a thug orra an obraichean a shuidheachadh ann, agus cha mho a tha sinn a’ creidsinn gu ’n toir na thairgeas aon de na tri bailtean a chaidh ainmeachadh, air cuideachd togail shoithichean suidheachadh ann mur bi iad lan dhearbhte gur h-e an t-aite ’s freagarraiche air son na h-obrach a tha ri fhaotainn.
REIC A MACH AIRGEID.
THA AM
Maritime Premium Co. ,
a creic a mach an iomlain de ’n stoc a tha iad a’ cumail:
DEISEACHAN DEANTE AGUS BATHAR AODAICH DHE GACH SEORSA.
Tha iad a toirt cuireadh dhut taghal g’a fhaicinn, ma tha thu air son ni sam bith dhe ’n t-seorsa cheannach. Chi thu gu bheil againn stoc bathair cho math seorsachaidh ’sa tha ri fhaotainn anns na Roinnean Iochdrach.
Do na Fir: Deiseachan, Triubhsairean, Cotaichean Uachdair, Overalls, Ulsters, Reefers, Aodach Iochdair, Leintean geala agus Dathte.
Do na Gillean: Tha againn gach ni air an cuir iad feum o cheithir bliadhna gu sia bliadhn’ deug a dh’ aois.
Do na Mnathan: Tha againn Cuim agus Iochdair, Deiseachan deante le taillear, Deacaidean, agus Aodaichean Uachdair.
Innsridh Taighe: Wringers, Clocaichean, Cuirteanan Lace, Bratachan Leapa agus Plaideachan.
Tha gach seorsa tha an so air ainmeachadh, agus moran sheorsachan eile air nach eil sinn a toirt iomradh idir ri bhi air an creic gun suim do chosguis. Thig trath agus faigh a chuid a’s fhearr de na bargain.
THE MARITIME PREMIUM CO., Ltd.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
G . K. Cochran, Mgr.
Is sinne na h-aon cheannaichean aig a bheil na brogan
“INVICTUS”
Brogan fhear air an deanamh le Deorsa A. Slater
A . W. REDDEN & Co.,
Ross Block.Sraid Shearlot.
Faineachan Faineachan
FAINEACHAN OIR
AIR PRISEAN A THA RUITH O $0 .75 GU $200 .00
Faic na Faineachan a th’ againn air $3 .50 ’s air $4 .50
Faineachan Bainnse air prisean a fhreagras orra-san a bhios g’ an iarraidh.
K . Bezanson,Sraid Shearlot, Sidni.
Stor Sheudan us Ghloineachan Sula.
[Vol . 10. No. 9. p. 5]
Naigheachdan.
Am fear aig am bheil saoibhreas tha meas air, cha ’n ann a chionn gu bheil nadur math aige, ach a chionn gu bheil saoibhreas aige. Cha ’n ann mar so bu choir do ’n chùis a bhith.
Tha sinn toilichte ar caraid, Alasdair Mathanach, fhaicinn dhachaidh gu slàn, fallain, an deigh cuairt thri miosan a chur air bailtean mora Bhreatuinn, agus air Tir nam Beann. Chòrd a thurus gu sàr-mhath ris. Chunnaic e roinn mhor dhe’n Ghàidhealtachd, agus tha dòchas againn nach fhada gus an toir e iomradh do leughadairean MHIC-TALLA air pàirt dhe na chunnaic ’s na chual’ e ann an dùthaich bheanntail, bhàrdail ar sinnsir.
Tha an coirce ’s an crithneachd gu bhi gle mhath an Eilean a’ Phrionnsa air an fhoghar so, gu h-àraidh ’sa cheann an ear dheth, far an robh barrachd uisge sileadh fad an t-samhraidh ’sa bha ’sa cheann an iar. Bidh am fodar car goirid, ach tha an siol anabarrach math. Tha am buntàta gle ghealltannach, agus mur tig gaiseadh sam bith ann romh àm a bhuain bidh e na’s pailte ’s na’s fhearr na bha e air an Eilean o chionn àireamh bhliadhnaichean.
Tha bean a comhnuidh ann an Ardnamurchan, an Alba, Mairi Stiubhart, a tha ceud bliadhna agus a deich a dh’ aois. Ma dh’ fhaodte nach ’eil ban-iochdaran eile aig Righ Iomhar ann an cearna sam bith de Bhreatunn a tha an déis an aois so a ruigheachd gun facal na ceann ach Gàilig. Rugadh i ann an siorrachd a tha ainmeil airson seann daoine—siorrachd Earraghaidheal. Ged a tha bhean chòir so cho sean ’sa tha i, tha i gu slan, fallain fhathast.
Anns a bhliadhna 1795 rinn a’ Pharlamaid Bhreatunnach lagh airson sgoilean Beurla a bhi air an togail feadh na Gaidhealtachd a chum a’ Ghàidhlig a chur as gu buileach, agus aig a’ cheart am sin bha miltean de na Gaidheil a dortadh am fala airson cliù nan Sasunnach a chumail suas feadh an t-saoghail. Nach ann aca bha ’n taing air son an treubhantais? Ach tha Ghailig an diugh moran na’s beothaile na bha i o chionn cheud bliadhna dh’ aindeoin gach dichioll a rinneadh air cur as di.
Tha rathad-iaruinn Inbhirnis a nise fosgailte o chionn còrr us da mhios, agus tha treineachan a’ ruith gach latha eadar Port Hawkesbury agus mèinnean Bhroad Cove, astar tri fichead mile. Tha an rathad air a dheagh dheanamh, agus tha ’n t-each-iaruinn a’ deanamh da fhichead mile ’s an uair air. Tha an rathad an deigh togail mhor a thoirt do Phort Hood, do Mhabou, ’s do na bailtean eile troimh ’m bheil e ’dol, agus cha’n eil teagamh ri tim nach dean e feum mor do shiorrachd Inbhirnis air fad.
Tha fiosan a thainig as an Iar Tuath air an t-seachdain so ag innse nach e cion na h-obrach a tha ’cur air na buanaichean a chaidh a mach as na roinnean so, ach cho doirbh ’sa tha e dhaibh faotainn g’ a h-ionnsuidh. Bha iad air an leigeadh as an sid ’s an so an cois an rathaid-iaruinn, agus moran de na h-àiteachan sin cho làn ’sa chumadh iad de bhuanaichean a rainig air thoiseach orra. Cha d’ rinn iadsan a chuir impidh orra dhol a mach mar bu chòir dhaibh riutha. Cha b’e ’m fàgail àireamh fhicheadan no ceudan mile o’n obair a bhatar a’ gealltuinn dhaibh mu’n d’ fhag iad an tigh.
Cha ’n eil tuathanach ann an Ceap Breatunn nach d’rinn gàirdeachas ris an uisge shil oidhche Di-luain. Rinn e feum mor, oir bha an talamh tartmhor, agus bha moran de na tobraichean ’s de na h-uillt air tiormachadh. Thiormaich tobraichean air an fhoghar so nach fhacas gun uisge roimhe o chionn dheich bliadhna fichead.
Chaochail triùir ann an aon teaghlach aig na Forks o thoiseach an t-samhradh so. Air an t-siathamh latha dhe’n Mhàigh, chaochail bantrach Jeremiah Smith; air an ath mhios chaochail a h-ighean, Mairearad, agus mu mheadhon Ogust, chaochail Màiri. Is gle ainneamh teaghlach a fhuair fiosrachadh cho trom an ùine cho goirid.
Bidh coinneamh aig muinntir a bhaile ann an tigh-na-cùrtach oidhche Di-haoine s’a tighinn air son tuilleadh airgeid a bhòtadh air son obraichean a’ bhaile chur air adhart. Cuirear feum air corr us cairteal millein dolair ( $257 .000), agus mur bi a mhor-chuid dhe’n t-suim sin air a bhòtadh, cha’n urrrainnear na h-obraichean a bh’ air an gabhail as laimh a chriochnachadh. Cosgaidh e dlùth air ochd fichead mile dolair an t-uisge thoirt troimh nan sràidean ùra agus dh’ ionnsuidh nan taighean ùra chaidh a thogail o chionn bliadhna.
Chaidh duine dubh a losgadh gu bas ann an staid Tennessee Di-donaich s’a chaidh an lathair sia mile sluaigh. B’ ann air son mort a chuireadh crioch air; dh’ aidich e a chionta, agus chaidh e ’n coinneamh a bhàis gun fhiamh no coltas eagail a nochdadh. Mar sin cha dug e riarachadh còir sam bith do’n t-sluagh, a bha cruinn air son fhaicinn an dòruinn. Nach math an gnothuch nach ann an Africa Dheas no an cearna sam bith de’n Impireachd Bhreatunnaich a thachair so. Bhiodh e ’na ghnothuch uamhasach ann an sealladh cuid de na paipearan Geancach, agus cha chluinneamaid am facal mu dheireadh mu dheidhinn gu ceann iomadh bliadhna. Agus na’n tachradh a leithid ann am fearann sam bith a tha fo chrun na Spainne, bhiodh iad air son na Staidean a dhol a chogadh rithe. A reir nam paipearan sin cha’n eil e idir cho olc no cho aingidh a bhi losgadh dhaoine dubha anns na Staidean ’sa tha e bhi losgadh shaibhlean ann an Africa mu Dheas.
Tha duine thainig dhachaidh as an Yukon o chionn ghoirid ag innse dhuinn gu robh baile Dawson, fhad ’sa bha esan ann, ’na àite gle shitheil, —na bu shitheile ’s na bu shaoire o mhi-riaghailt, na bharail-san, na bha baile Shidni ’san da bhliadhna chaidh seachad. Bha ceud maor-marcachd anns a bhaile, a’ cumail sùil gheur air gach duine ’s àite air am biodh coltas mi-riaghailt. Duine dheanadh coire, cha robh dhol as aige, oir cha robh ach aon rathad air falbh as an dùthaich, agus bha sin air a gheard. Rinneadh mort ann air a gheamhradh s’a chaidh, agus chosg an riaghladh ceud mile dolair a lorgachadh am mach a’ mhortair; ach fuaireadh e mu deireadh thall, agus chaidh a chrochadh. Ann an Cape Nome, air fearann nan Staidean, cha robh riaghailt còir sam bith air a chumail air an t-sluagh a chruinnich ann, agus mar bu trice cha robh beatha dhaoine sàbhailt ann. Cha’n fhada ’n ùine gus am bi an t-òr a’ fàs gu math gann anns an Yukon; tha na h-àiteachan a’s fhearr air ruith a mach cheana, agus cha’n eil a nise gun obrachadh ach na h-àiteachan air nach robh luach sam bith air a chur an toiseach.
Stor Ur! - Bathar Ur!
Tha sinn air gluasad as a stor ’s an robh sinn roimhe, an togalach MHIC-TALLA, do thogalach ur air Sraid Shearlot, ri taobh stor an Dotair Mhic-Gillebhrath. Tha an stor so cho farsuinn ’s cho deiseil ’sa gheibhear air an eilean; agus tha sinn a dol a chumail stoc mor de Leabhraichean, de Phaipeirean sgriobhaidh, ’s de Bhathar Grinn dhe gach seorsa. Tha cothrom againn air ar bathar a cheannach anns na margaidhean a’s fhearr, agus mar sin bidh ar prisean iseal, agus bidh ar bathar an comhnuidh ur. Tha sinn a toirt cuireadh fialuidh do gach aon taghal oirnn.
Pattillo.
Stor Leabhraichean us Bathair Grinn.
Ma tha thu air son
Carbad Fasanta
bhi agad, ceannaich bho
F . FALCONER & SON
Tha sinn a’ fosgladh luchd car de charbadan dhe gach seorsa an ceann a h-uile dha no tri sheachdainean. Tha sinn a toirt barr air cach a thaobh
FASAIN, DEANAMH, BUAINEAD us PRISEAN
nan carbadan a tha sinn a creic. Agus tha sin a cheart cho fior mu ’n acuinn, mu ’n bhathar each, mu na truncaichean ’s mu na maileidean a tha sinn a creic.
F . Falconer & Son.
Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
THE Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, - - - Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
AMHERST BOOT & SHOE Mfg. Co.,
Amherst, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, a Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Kelly & Dodge,
Dealbhadairean.
Seomar Dhealbh os cionn Stor Aonghais Mhic Guaire.
OBAIR MHATH AIR A DEANAMH AN EALAMHACHD ’S AIR PRIS REUSANTA
Faic ar n-Obair. = = Cordaidh i Riut.
[Vol . 10. No. 9. p. 6]
Iain Ban Taillear agus “Bun-Lochabar.”
LE EIONN.
NUAIR a bha “Bun-Lochabar” na “Dhonnacha òg,” bha e na mhinistear ’san Eaglais Ghaidhealaich ann an aon de bhailtean mora na Galldachd. Bha duineachan gleusda pongail anns a’ cho-thional d’am b’ainm Iain-bàn-Tàilleir. Bha Iain na dheagh thàilleir, ach bha ceum mor crubaiche ann. Sàbaid a bha sin bha am ministear a’ searmonachadh air an oidhche a bha Iacob a’ gleachd ris an aingeal “gu bristeadh na faire.” Chuir e’n gnothach cho riochdail mu choinneamh a cho-thionail gun robh daoine ag eisdeachd le’m beul fosgailte ris a’ mhinistear a cur an ceill mu ’n ghleachd a bh’aig Iacob agus aig an aingeal. “Bha Iacob,” ars’ am ministear, “na dhuine dan, dannara; fhuair e greim air an aingeal ’s cha leigeadh e as, gus am beannaicheadh an t-aingeal e. Tha mi creidsinn nach robh an droch-fheum aig Iacob air a bheannachadh, oir cha robh ann ach gille nan car riamh. ’Se bh’ ann gun deachaidh e fhein ’s an t-aingeal gu car-ghleachd agus lean iad air gu bristeadh na faire. An darna h-uair ’se Iacob a bhiodh an uachdar agus an uair eile bhiodh a dhruim ri lar. Mu dheireadh bha an t-aingeal a fas seachd sgith de ’n amhlaireachd so, agus ars’ esan ris fhein, ‘bheir mise achmhasan da an drasd nach di-chuimhnich e fhad ’s a’s beo e’. Dhluthaich Iacob ris an aingeal a rithisd; chas e ’fhiaclan’s dh’fheuch e ris a chas-bhacaig a chur air, ach mu’n abradh tu seachd bhean an t-aingeal do bhac-easguid Iacoib agus bha e cho crubach ri Iain-bàn-Tàillear.”
Cha robh duine anns an Eaglais nach do thuig de cho crubach ’s a bha Iacob, ach cha do chord an gnothuch idir ri Iain-bàn-Tàillear, oir thug e’n aire gu’n robh gach suil ’sa cho-thional a coimhead air aig an aon am.
An deigh do ’n t-searmoin a bhi seachad dh’ fheith Iain-bàn-Taillear air dheireadh air cach a bhruidhinn ris a’ mhinistear a chionn de dhanadas a bhi aig ’ainm-san a thoirt an diamhanas. “De tha thu ’g radh Iain?” ars’ am ministear, “ ’s ann a bu choir moit a bhi ort gu ’n robh e ’n am chomas feum a dheanamh dhiot ann a bhi mineachadh nan Sgriobtur; cha ’n ann a h-uile latha a bhios tu air d’ ainmeachadù le cuideachd cho urramach.” Chuir so saod air Iain, agus chaidh e dhachaidh lan thoilichte.
Ag Itheadh na Cruaiche fo ’Crios.
Dh’ eirich an sean fhacal so o ’n chleachdadh a bha agus a tha cumanta ’san duthaich, ’s e sin, a bhith ’toirt sguaban á taobh na cruaiche an uair a thachradh nach biodh uine arm gus a bristeadh, agus earrann dhith a chur do ’n t-sabhal. Ged a bhiodh a’ chruach na seasamh cha bhiodh tail innte idir, agus an uair a chuirteadh do ’n t-sabhal i cha seasadh i fada.
Tha na briathran mar an ceudna a’ dearbhadh dhuinn gur fhad’ o’n a chaidh am facal a radh. Cha ’n ’eil fhios am bheil a’ bheag an diugh beo do ’n aithne cruach-chriosach a dheanamh. B’ iad na cruachan-criosach na ceud chruachan air am bheil iomradh againn. Tha ceud bliadhna, no corr, o’n a sguireadh dhe’n deanamh, agus o thoisicheadh air deanamh nan cruachan-sreathach. Cha ’n fhaicear na cruachan-sreathach fhein a nis. Tha h-uile neach air sgur dhe ’n deanamh o’n a dh’ ionnsuich iad na cruachan-tubhaidh—no mar a theirteadh—na cruachan-Gallda, ’dheanamh.
Tha ’n gnath-fhocal so, ma ta, a’ comharrachadh a mach dhuinn ni a tha tuilleadh ’s a’ choir cumanta, ’s e sin a bhith ’g itheadh agus ag ol an airgid mu’n coisnear e. Tha iomadh seirbhiseach agus searbhanta ann a tha ’togail an tuarasdail mu ’n coisinn iad e; tha tuathanaich bheaga agus mhòra ann a dh’ ith roimhe so cuid dhe ’n stoc a th’ aca air an fhearann; tha marsantan ann a dh’ ith a’ bhuannachd nach d’ rinn iad fathast; tha iasgairean ann a dh’ ith an t-iasg nach do mharbh iad fhathast; agus faodar a ràdh gu bheil mòran sluaigh anns gach àite a tha ’deanamh a’ cheart ni. Tha ’n dòigh so, ma ta, a’ cur call, anabarrach mòr air daoine. Cha’n fhaigh neach sam bith air aghaidh anns an t-saoghal fad ’s a bhios e leantuinn air an obair so.
An Obair ’na h-Am.
Tha ’n duine a’s glice bha riamh air an t-saoghal ag radh gu bheil am ann air son gach ni fo’n ghrein. O’n a tha so sgriobhta anns a’ Bhiobull is ainneamh neach a ghabhas air fhein a dhanadas a radh nach eil e fior, ach tha moran ann a tha nochdadh gu soilleir le ’n caitheamh beatha, agus le’n giulan nach eil iad a toirt creideis no geill sam bith do bhriathran an duine ghlic. Is ainneamh leo car oibre a dheanamh aig an am cheart. Tha da dhoigh ann air am faod muinntir a dhol cearr anns an ni so. Faodaidh iad teannadh ris an obair roimh ’n am cheart ’s faodaidh iad gun teannadh rithe gus an teid e thar an ama. Mar is trice tha sinn a dol cearr ann a bhi leigeil leis an obair a dhol thar an ama. Uair is uair tha cion na foighidinn a’ toirt oirnn ar lamh a chur san obair tuilleadh is trath. Ma bheir sinn a chùis fa near gu ceart, chi sinn gu bheil sinn a deanamh dolaidh ro mhor, aig iomadh àm, araon dhuinn fhein ’s do mhuinntir eile le bhith deanamh obair sam bith a th’ againn ri dheanamh aig an am chearr.
Tha fhios againn am fear nach cuir san earrach nach buain e san fhoghar; agus mar an ceudna gu ’m bi a’ bhuain a reir na curachd. Their sinn uile gur e’n t earrach am na curachd mar is e ’m foghar am na buana. Cha bhiodh ann ach amaideas mhor teannadh ri sìol a chur anns an fhoghar. Cha chuala sin gu robh
MAC-TALLA
AN AON PHAIPEAR GAILIG A THA AIR AN T-SAOGHAL. A’ TIGHINN A MACH UAIR ’SAN T-SEACHDAIN. A PHRIS $1 .00 ’SA BHLIADHNA DO CHANADA ’S DO NA STAIDEAN; $1 .52 DO BHREATUNN, DONEW ZEALAND ’S DO DHUTHCHANNAN EILE.
CEUD mile furain agus failt’
Air a’ Mhac-Talla, ceann an aigh!
’S ann leam is ait gu ’m bheil e ’fas
O bhliadhn’ gu bliadhn’
An gliocas, tuigse, tur is ceill;
An eolas air gach ni fo’n ghrein;
Am meas, an cliu ’s am moran speis,
An ear ’s an iar.
Cha ’n ’eil fear eile ’n diugh fo ’n ghrein
A’s mo do ’n tug mi ’thlachd ’s a’ speis;
’S a bhuadhan co ni chur an geill
Le peann ’s le guth?
An t-armunn maiseach, uasal, grinn,
A choisinn cliu le luaths a phinn
Am measg an t-sluaigh air feadh gach tir
’S an cluinnteadh ’ghuth.
Mo mhile beannachd aig an dream
A tha ’toirt aoidheachd dha gach am,
’S a phaigh an dollair, ’s nach robh mall,
An am an fheum’:
Dhearbh iad gu ’m bheil fuil nan sar,
A choisinn cliu is buaidh ’s na blair,
A’ ruith ’nan cuislean gu bras, blath
’S gach ait’ fo ’n ghrein.
—Bodachan a’ Gharaidh.
THA NA H-UGHDAIR GHAILIG A’S FHEARR A’ SGRIOBHADH ANN: SGEULACHDAN TAITNEACH, BARDACHD GHRINN, LITRICHEAN BLASDA, AGUS NAIGHEADHDAN AN T-SAOGHAIL AIR AN INNSE GU PONGAIL NA H-UILE SEACHDAIN.
“Cho Gaidhealach ri Fad Moine.”
[Vol . 10. No. 9. p. 7]
neach riamh ann a bha cho amaideach ’s gu ’n d’ fheuch e ri leithid so de ni a dheanamh.
Chuala sinn gu math tric a bhith coimeas àm na h-oige ris an earrach. Is ’e am na h-oige an t-am a’s freagarraiche air son gach ceard fhoghlum. Cuirear a’ chlann do ’n sgoil an uair a tha iad og, agus tha fhios aig gach aon gu bheil e ro fhurasda ni sam bith fhoghlum an uair a tha muinntir òg. Mar a tha ’n sean fhacal ag radh—
“Is e ’n t-ionnsachadh òg
A ni fòghlum gun taing.”
Is ann an am na h-oige a ’s coir a bhith ’g ionnsachadh modha. “Ge b’e nach ionnsaichear ris a’ ghlun cha ’n ionnsaichear ris an uilinn.” B’ ann ainneamh a thionndaidh na beadagain bhalach a bha mi-mhodhail, luath bheulach, nan oige, gu bhith ’nan daoine coire, modhail iomchuidh, ’nan sean aois. Tha e furasda gu leor na meanglain a th’air a’ chraoibh a lubadh fhad ’s a tha iad og, maoth, ach mar a tha ’n sean fhacal ag radh, “An car ’bhios anns an t-seana mhaide is deacair a thoirt as.”
Thuig iad am Bodach.
Dh’ iarr Seumas Leagara á Cadaldan air Iain Ban Saor ùrlar-bualaidh a dheanadh dha, a toirt dha an tomhais gu ruig an òirleach, agus gu ’n cuireadh e a mhac leis a chairt ga iarraidh aig deireadh a mhios. Rinn an saor an t-ùrlar-bualaidh mar a chaidh òrdachadh, agus bha e aige deas glan na sheasamh taobh an doruis a feitheamh gus an tigeadh iad air a shon. Latha bha sin thainig Seumas òg á Cadaldan leis a chairt agus uair a chunnaic e’n t-ùrlar-bualaidh thug e suil gheur air agus chrath e’cheann. “De tha ceàrr air?” arsa Iain Ban Saor, ’se bruidhinn ri Seumas òg. “Cha’n ’eil dad ceàrr air an ùrlar-bhualaidh, ach gu bheil eagal mor orm nach teid e stigh air dorus an t-sabhuil againne.” “Ma ta,” arsa Iain Ban, “tha e a réir an tomhais a fhuair mise o d’ athair, agus tha mi cinnteach gu ’m b’ fhearr leis stuaidh an t-sabhuil a leagail na aideachadh gu ’n tug e seachd an tomhas cearr.” “A chiall,” arsa Seumas og, “nach sibh a thuig m’ athair!”
Na Seangain agus na Cuileagan.
Ann an oisinn garaidh tuathanaich bha dun sheangan. Air feadh an t-samhraidh bha iad ro-dhichiollach o mhoch gu h-anmoch, a’ tarruing bidh a dh’ ionnsuidh an dunain. Dluth dhoibh bha leabadh phlurain far am bu ghnathach le aireamh mhor de chuileagaibh bhi ri cluich agus ri mire, ’nuair a bhiodh iad ag itealaich o aon diubh gu h-aon eile. Bha mac aig an tuathanach a chleachd bhi toirt fa’ near giulan nan creutairean so. Bha iongantas air gu ’n robh dealachadh co mor eadar an doigh anns an robh na seangain agus na cuileagan a’ teachd beo; agus air dha bhi ro og agus air bheag eolais, labhair e aon la ri ’athair air an doigh so, “Am feud creutair air bith bhi cho baoth ris na seanganaibh so? Re an la tha iad ag oibreachadh gu goirt, an aite bhi ri cluich agus a’ gabhail suaimhneis dhoibh fein mar na cuileagan, a ta, a reir coslais, ni ’s sona na creutair air bith eile fo ’n ghrein.”
Ann an uine ghoirid an deigh dha so a labhairt, dh’ fhas an aimsir fuar. Is gann a bha a’ ghrian a’ dealradh air feadh an la, agus bha reodha agus fuachd an cois na h-oidhche. Air do ’n oganach cheudna bhi ’g imeachd sa gharadh cha ’n fhac e aon do na seaganaibh, ach chunnaic e na cuileagan ’nan luidhe an so agus an sud, —cuid diubh cheana marbh, agus cuid eile air ti bhi marbh. Air dha bhi teo-chridheadh ghabh e truas do na euileagaibh, agus dh’ fheoraich e ciod bu dol do na seanganaibh a chunnaic e san aite cheudna. Fhreagair ’athair e, “Tha na cuileagan marbh, do bhrigh gu ’n robh iad gun churam, agus nach do thaisg iad lon daibh fein fa chomhair an fhuachd; ach tha na seangain, a bha dichiollach air feadh an t-samhraidh, agus a thaisg suas lon doibh fein fa chomhair aire, beo agus slan, agus chi thu iad a’ ris co luath ’sa thig aiteamh agus blathas.”
Na Gillean Buidhe.
Bha Eoghan Buidhe Mac Calum ’s a bhrathair, Domhnull, a’ seoladh gàbart mor, a bha coltach ri bean an tàilleir chrùbaich, gun chumadh gun eireachdas? Bha i eadar an dithist, —leth mur leth, agus cha do shocraich iad riamh co dhiu bu sgiobair—a dh’ innseadh na fìrinn ’n uair a chuireadh na bodaich am mach air a chéile, ’s bha iad, le chéile, gu math cas ’s an nàdur— ’s tric a thog a cheart cheisd se, —co bu sgiobair—dranndan eadar an dithist. Crosda ’s mar bha na bodaich bha fios aca gu math nach biodh ann ach a ghòraich dhaibh cuir a mach air a cheile; gu ’n robh aca ri seòladh còmhla ’sa ghàbard. ’N uair thigeadh facail eadar an dithist ’s a bha e brath tighinn gu aoncheann theireadh Eoghan ri Domhnull, “Ma tha thu ’s a bheachd gur tu a’s feàrr na mise leum a stigh do ’n bhata, ’s feuchaidh sinn có a’s laidire.” Leumadh an da bhodach a stigh anns a’ bhata bheag, shuideadh iad air aon tota agus ghlacadh iad ramh an t aon ’s dh’ fheuchadh iad có chuireadh mu ’n cuairt am bata. Theagamh gun robh iad mile o thir— ’s an darna fear cho diorasach ris an fhear eile—mu ’n tigeadh iad gu tùr agus an sin theireadh an darna fear, “Nach sinn an da bhuraidh ag iomram cho fada o thir, tillidh sinn,” agus fhreagradh an fear eile, “Tha thu ceart, is fhada o’n a chaidh “sliochd an tri ficheadh burraidh” a radh ris na daoine d’am buin sin—agus so dithist dhiu co dhiu.” An sin thilleadh na bodaich cho simplidh ri cù is earball na ghobhal, is bhitheadh iad reidh gus an ath uair. Mo chreach tha iad led cheile ’n grunnd a chuain! chaidh iad fein ’s gàbart dubh fodha aig Maol chin-tire oidhche dhorcha gheamhraidh. An cuid de Pharas dhaibh! —Fionn.
Cape Breton Electric Co., Ltd.
RUITH AN AISEIG.
TIM-CHLAR.
Gus an toirear fios air atharrachadh bidh an Tim-Chlar mar a leanas:—
[Clàr - ama]
Tha na bataichean a taghal aig Point Edward air tursan 9 a. m. agus 4 p. m.; agus aigVictoria Pierair tursan 10 a. m. agus 5 p. m. Tha iad air na h-uile turus a taghal aig anInternational Pier.
TURSAN FEASGAIR.
[Clàr - ama]
The Scottish Clans and their Tartans.
IS e so is ainm do leabhar beag luachmhor a tha ’toirt eachdraidh nam Fineachan Gaidhealach, agus dealbh a’ Bhreacain a bhuineadh do gach Fine, —mar an ceudna gach “Iollach-Catha” agus “Suaicheantas” a bhiodh na Fineachan a’ cleachdadh an am catha. Gheibh thu an leabhar so leis a phosta ma chuireas tu ceithir tasdain (80 cents) gu
ALEXANDER BAIN,
Port Hawkesbury, Cape Breton.
[Dealbh]
Aon sam bith air am bi nithean grinn a dhith air son adhlacadh nam marbh, rachadh e do ’n bhuth aig
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
a tha cumail gach ni a dh’fheumas a leithid
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh—agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air an
Telephone No. 62.
A. J. BEUTAN.
Sidni, Feb. 8, ’01.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Shaw & Beairsto,
Luaidh-Cheardan, &c .
Theid againn air gach obair an co-cheangal ri cur a stigh phioban uisge agus blathachaidh thaighean a dheanamh le deagh luchd-obrach agus air prisean iseal. Cuir deuchainn oirnn agus biodh fhios agad gu bheil so fior. Gheibh an duine aig am bi beagan obrach a cheart uiread aire ris an duine aig am bi moran, agus bi gach ni a ghabhas sinn os laimh air a dheanamh an ealamachd.
SHAW & BEAIRSTO.
Sidni, C. B.
Phone 217
Feb 7 ’01—1 yr
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
SIDNI, - - - C. B.
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH.
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
SIDNI, - - - C. B.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
SIDNI, - - - C. B.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
SIDNI, - - - C. B.
J . J. ROY, M. D. ,
OIFIS: —An Togalach McVey.
A CHOMHNUIDH: —An tighC . W. Hill.
SIDNI, - - - C. B.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, - - C. B.
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
SIDNI, - - - C. B.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
SIDNI, - - - C. B.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
SIDNI, - - - C. B.
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St. ,
SIDNI. - - - C. B.
FAIGH DO DHEALBHAN air an tarruinn anns an t-Seomar Dhealbh Ur a tha ’n Togalach McVey, air sraid Shearlot. An t-àite ’s saoire tha ’sa bhaile. Bidh an obair dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
C . H. WOODILL.
F. O. PETTERSON,
Ceannaiche Taillear.
Oisean Sraidean Sheorais agus Phitt,
SIDNI, - - - C. B.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
SIDNI, - - - C. B.
[Vol . 10. No. 9. p. 8]
Latha ’Siubhal Sleibhe.
LE LACHUNN MAC FHIONGHAIN.
Marbhaisg ort, a mhulaid,
Nach do dh’ fhuirich thu nochd uam,
’S nach do leig thu cadal domh,
’S an oidhche fada, fuar,
Ma ’s ann a dh’ iarraidh cunntais orm,
A lunn thu air mo shuain,
Bheir mise greis an dràsda dhut
Air àireamh na tha bh’ uat.
Latha ’siubhal sléibhe dhomh,
’S mi falbh leam féin gu dlù,
A chuideachd anns an astar sin
Air gunna glaic a’s cù,
Gun thachair clann rium anns a’ ghleann
A’ gal gu fann chion iùil:
Air leam gur h-iad a b’ àillidh dreach
A chunnacas riamh le m’ shùil.
Gu’m b’ioghnadh leam mar thàrladh dhaibh
Am fàsach fad air chùl,
Coimeas luchd an aghaidhean
Gu ’n tagha de cheann iùil;
Air beannachadh neo-fhiata dhomh,
Gu ’n d’ fhiaraich mi— “Co sùd?”
’S fhreagair iad gu cianail mi
Am briathraibh mìne, ciùin:—
“Iochd, a’s Gradh, a’s Fiùghantas,
’Nar triùir gur h-e ar n-ainm,
Clann nan uaislean cùramach,
A choisinn cliù ’s gach ball;
’Nuair phàigh an fhéile cìs d’ an Eug,
’S a chaidh i-féin air chall,
’Na thiomnadh dh’ fhag ar n-athair sinn
Aig mathaibh Innse-Gall.
“Tormod fial an t-sùgraidh,
Nach d’ fhàs m’a chuinneadh cruaidh,
A bha gu fearail, fiùghantach,
’S a chum a dhùthchas suas;
’S ann air a bha ar taghaich,
O’n thugadh Iain bh’ uainn,
’S beag m’ fharmad ris na feumaich
O’n a bheum na cluig gu truagh!
“Bha ’n duin’ ud ro fhlathasach,
’S e mathasach le ceill,
Bha e gu fial, fiùghantach,
’S a ghiulan math ’ga reir;
Ge farsuinn eadar Arcamh,
Cathair Ghlascho ’s Baile-Bhòid,
Cha d’ fhuaras riamh oid-altrum ann,
Cho pailt ri teach Mhic-Leòid.
“Chaidh sinn do Dhun-bheagain
A’s cha d’ iarr sinn cead ’na thùr,
Fhuair sinn fàilte shuilbheara,
Le furbailt a’s le mùirn:
Gu ’n ghlac e sinn le acarachd,
Mar dhaltachan ’nar triùir,
A’s thogadh e gach neach againn
Gu macant’ air a ghlùin.
“Fhuair sinn greis ’gar n-àrach
Aig Mac-Leòid a bha ’san Dùn,
Greis eile gle shaibheir
Aig a bhrathair bha ’n Dun-Tuilm.”
Sin ’nuair labhair Fiùghantas,
Dalt ùiseil Dhomhnuill ghuirm:—
“Bu tric leat a bhi sùgradh ruinn,
’S cha b’ fhasan ùr dhuinn cuirm.
“ ’N àm eiridh dhuinn neo-airtneulach,
’S biadh maidne dhol air bòrd,
Gheibhte gach ni riaghailteach,
Bu mhiannach leat ga d’ chòir;
Cha d’ chuir thu duil am prìobairtich,
Cha b’ fhiach leat ach ni mòr;
Bu chleachdadh air do dhìtheid dhut
Glain’ fhiona mar ri ceòl.
“Am fear a bh’ air a Chomraich
Bu chall soilleir dhuinn a bhàs,
Ann an cuislibh diulanais,
Cha b’ iùdmhail e ’measg chàich;
Làmh sgapaidh òir a’s airgeid e,
Gu ’n dearmad air luchd dhàn,
A’s mhionnaicheadh na clàrsairean
Nach e bu tàire lamh.
“Thug sinn ruaig gu ’n sòradh
Gu Mac-Coinnich mor nan cuach,
B’e ’n duin’ iochdmhor, teò-chridheach,
’S bu leoghannt e air sluagh,
Bha urram uaisl’ a’s ceannais aig’
Air fearaibh an taobh Tuath;
Cha chuirt’ as geall a chailleadh e
Ge d’ fhalaich oirnn e ’n uaigh!
“O’n rinn an uaigh ’ur glasadh orm,
’S nach faic mi sibh le ’m shùil,
’S cumhach, cianail, craiteach mi,
’S neo-ardanach mo shùrd,
’S mi cuimhneachadh nam braithrean sin
A b’ àillidh dreach a’s gnùis,
Gur tric a chum sibh coinnidh rium
Aig Coinneach anns a’ Chùil.
“Ailpeanaich mhath chiar-dhuibh
’Gam bu dùthchas riabh an Srath,
D’an tigeadh airm gu sgiamhach,
Ge bu riabhach leinn do dhath,
Bu lamh a dheanamh fiadhaich thu,
Gu ’n dial bu bhiatach math,
’S a nise bho na thriall thu bh’uain,
Cha ’n iarrar sinn a staigh.
“Bu chuimir glan do chalpannan,
Fo shliasaid dhealbhaich thruim,
’S math thigeadh breacan cuachach ort,
Mu ’n cuairt an fhéile chruinn,
’S ro mhath a thigeadh claidheamh dhut,
Sgiath laghach nam ball grinn,
Cha robh cron am fradharc ort,
’Thaobh t-aghaidh ’s cùl do chinn.
“ ’N àm togail màil do dhùthchannan,
‘S ga ’n dlùthachadh riut féin,
Bhi’dhmaid air ’nar stiubhartan,
’S ’nar triuir gu ’m bi’dhmaid réidh.
Cha do thog sinn riabh bò Shamhna dhut,
No Bealltainn cha b’e ’r beus,
Cha mhò thug òich air tuathanaich,
Bu mhò do thruas ri fheum.”
Bha ’n duin’ ud na charaid dhomh,
’S cha chàr dhomh ’chliu a sheinn,
Mas can càch gur masgall e,
Leig tharais e na thìm;
Do bhàs a dh’ fhàg mi muladach,
’S ann chluinnear e ’s gach tìr,
Cha b’ ioghnadh mi ga t-ionndrainn
An àm cunntais thoirt ’s an t-suim.
’S mi smaointeach air na saoidhean sin,
’S a bhi ga ’n caoidh gu truagh,
’S amhuil gheibh mi bhuinig ann,
Bhi taghaich air luirg fhuair;
An taobh a chaidh iad tharais,
’S ann tha dachaidh uil’ an t-sluaigh:
Dh’ eug Iannraic priunnsa Shasuinn,
‘S cha dùisg e gu là-luain!
Rugadh Lachunnn Mac Fhionghain (Lachunn Mac Thearlaich Oig) anns an t-Strath, ’san Eilean Sgiathanach. Rinn e an t-òran briagha so an deigh bàs cuid dh’a chàirdean. Tha e gle choltach fhad ’sa bha iad sin beo, agus e-fhéin ann an suidheachadh math, gu robh e glé mheasail aig moran de dh’ uaislean na Gàidhealtachd; ach cho luath ’sa dh’ eug a chàirdean, agus a fhuair e e-fhéin ann an droch shuidheachadh, chunnaic e nach robh na h-uaislean sin cho bàigheil ris ’sa bha iad, mar is minic a thachair ’nuair a thig a bhochdain ’s gach mi-fhortan a tha ceangailte ris air an duine. Air aon oidhche Nollaig chaidh e air chuairt gu caisteal Dhunbheagain, far an robh uaislean na dùthcha air cruinneachadh, agus cha ’n e mhàin nach leigteadh a stigh e, ach thionndaidheadh air falbh e, as an àite, anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh, san d’ fhuair e-fhéin ’s athraichean cuireadh fialaidh. Dh’ fhàg e an t-àite ’sa mhionaid, agus thill e dhachaidh dha ’n t-Strath, Air an rathad dhachaidh choinnich e, neo shaoil leis gu ’n do choinnich e, Iochd, Gràdh, a’s Fiùghantas, fògraich mar a bha e-fhéin o chùirtean nan daoin’ -uaisle, agus iad a’ gearan gu goirt air mar a thachair dhaibh fhéin anns na h-àiteachan sam b’ àbhaist dhaibh a bhi a riaghladh. Nuair a rainig am bàrd a dhachaidh chaidh e dha ’n leabaidh, ma dh’ fhaodte gun a shuipeir, agus ann an sin rinn e an t-òran briagha so. Dh’ eug Mac Fhionghain ’na sheann duine, agus thiodhlaiceadh e maille ri athraichean anns an t-Srath.
Cho fad ’s gu ruith am madadh-ruadh, beirear air mu dheireadh. Faodaidh an t-olc a dhol gu math fad air aghaidh, ach thig e gu follais air a ’cheann mu dheireadh.
DeWitt & Mackinlay,
Luchd-creic agus obrach Innealan Electric
Obair Electric de sheorsa sam bith air a deanamh.
Stoc mor de dh’ innsridh Electric.
Air son CARADH BHICYCLES tha sin lan uidheamaichte air sonENAMELLING , BRAZINGagusVULCANIZINGa dheanamh.
Air Sraid Phitt,
faisg air Searlot, Sidni, C. B.
Telephone 223.
Ceannachd Posta.
Tha sinn faisg ort cia b’e ait am bheil thu.. .. ..
Tha sinn an deigh pris-chlar ur de dh’ Airneis, Brat-Urlair, agus Innsridh Taighe a chur a mach. Ni thu eucoir ort fhein agus oirnne mur cuir thu g’a iarraidh, a chum gu faic thu na prisean. Cuir t’ ainm ugainn air post card agus gheibh thu e.
GORDON & KEITH,
A. T. GRANT, Manager,
CLOIMH! CLOIMH!
THA sinn a paigheadh a phris a’s airde airson cloimh. Ma tha thu ag iarraidh do chloimh a reic thig dh’ an stor againne agus ni sinn iomlaid riut leis na nithean so: Bathar Tioram, Aodaichean dhe gach seorsa airson na Fir agus na Gillean, Soithichean creadha agus lampannan, Crogain im (25c) Noigein creadha, agus gach ni a bhios feumail am broinn taighe.
Mills, Mac Coinnich
&
Ross.
Air seann larach Iain A. Mac Coinnich.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh DI-LUAIN, IUN 10, 1901, ruithidh na Carbaid gach latha, ach Di-donaich, mar a leanas:
[Clàr - ama]
* A ciallachadh nach stad an carbad ach nuair a chuirear a mach comharra.
WM . COYNE, Traffic Manager.
C. P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
SIDNI, - - - C. B.
[Dealbh]
MANUFACTURERS ’ LIFE INSURANCE COMPANY.
Ard-oifis: —Toronto , Canada.
CEANN-SUIDHE:
Deorsa Gooderham, Ceann-Suidhe Banc Thoronto.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
A . G. BAILLIE, Agent, Port Hastings, C. B.
L. L. GULIVAN, Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Agent,Sidni Tuath.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 9 |
internal date | 1901.0 |
display date | 1901 |
publication date | 1901 |
level | |
reference template | Mac-Talla X No. 9. %p |
parent text | Volume 10 |