[1]

[Vol . 11. No. 1. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 11, 1902. No. 1.


Suiridhe aMhadaidh-ruaidh;

NOSIN ONOIR A BHEIR BUAIDH.

SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH.

(Air a leantuinn.)

FAICEAMAID a nis ciod a rinn abheithir-sgiathach; cha do leig i air di-chuimhn seirbhis mhath achoin, agus smaointich i nach bu mhisd e cuideachadh an aghaidh caran an t-sionnaich. Sgaoil i a sgiathans a thiota bha i aig abhaile san robhn t-suiridhe dol air a h-aghaidh, agus ghabh i còmhnuidh ann an uaimh a bha mu choinneamh tigh achait. ’S iad na beathraichean-sgiathach na beathaichean as seòltas as beartaiche sam bith, agus mar so tha mór mheas aig na beathaichean eile orra, ged tha iad cho grànnda.

Rinn tighinn na beithir-sgiathaich, ma ta, fuaim mhór air feadh abhaile. ’S gann a bha i gu math air suidhe natigh ùdlaidh dorchanuair bha pioghaid luath na gleadhraich aig an dorus, a dhfheuchainn ciod a chluinneadh i.

Ciod an naigheachd tha agad dhomh?” arsa bheithir-sgiathach.

Chaneil a bheag do naigheachd san àite so, ler cead,” thuirt ise, “ach mu dheidhinn na ban-oighre riomhach so, an cat, a thationndadh ceann na h-uile fir, ach tha i dol a phòsadh an t-sionnaich mun tig ceann seachduin.”

Ise naban-oighre!” thuirt abheithir; “nam biodh fios agad air na bheil de dh-òr aig mo nighinn-sa, chan abradh tu gun robh aon beairteach ach i féin.”

“ ’Bheil teaghlach agaibh ma ta?” dhfheòraich aphioghaid.

Chaneil agam ach aon nighean, agus tha do stòras air fhàgail aice le bràthair dhi a bhasna h-Innsean, gun tighinn air na thagam féin, nacheil fhios aice ciod a ni i ris, agus tha i gam shàrachadh le leannain agus suiridhichean a thatighinn gah-iarraidh.”

Ma phòsas i gunur ceadsa am faigh i an t-airgìod?” thuirt aphioghaid.

Gheibh a h-uile sgillinn,” thuirt a bheithir-sgiathach, “ ’s ann aice féin a dhfhàgadh e; ach feuch nach bi thusag innseadh so air feadh abhaile, oir chaneil toil agam dragh a bhi gachur orm.”

“ ’N e mise?” arsa phioghaid, “chan ann diubh sin mi! cha chan mi facal gu bràth ma dheidhinn.”

Moch air an -màireach ràinig aphioghaid tigh achait, agus dhinnis i na h-uile diog mun bheithir-sgiathaichs a nighean bheairteach. Chualan sionnach, ’s ged nach do ghabh e a bheag air, chuir e roimhe, nam faodadh e, gun deanadh e greim air an tochar mhór a bhan so, ’s gun leigeadh e leis achat a bhi sealltainn airson leannan eile. Nuair thainig am feasgar chuir e roimhe dol a chur eòlais air nighean na beithir-sgiathaich; ach ciamar a gheibheadh e dah-ionnsuidh? Bhan air an rathad, agus bha fios aige nach ben sùgradh dol nadhàil. thagad air, cha robh sionnach riamh gun char, agus so an dòigh a ghabh e chum an chur as an rathad.

Bha peasan beag de choinean a stigh, a bha ro chuideil mór as féin, agus thuirt an sionnach ris gun robh an trusdar coin gachàineadhs afochaid air, ’s gum bu chòir dha dol as gabhail air.

“ ’N e mise?” thuirt an coinean, “mharbhadh e mi.”

Na biodh eagal air bith ort,” thuirt an sionnach, “chaneil ann ach an gealtaire mór, teichidh e air acheud ionnsuidh a bheir thu air, agus cuidichidh mi féin leat mas éiginn. Abair thusa ris do choinneachadhsa choillidh ud shuas fo cheann uair, ’s gun toir thu dhà e airson a dhroch theangaidh. Bidh mi féin dlùth do làimh, agus chan fhaic mi beud ort.”

Dhfhalbh an garrach leibideachs thug e dùlan, sùil mun t-sròin, don chù. Ghabh an ioghnadh nach bu bheag, ach thuirt e on bha uiread fheum aig achreutair air modh a theagasg dha, gun coinnicheadh e e mar a dhiarr e, ’s gun tugadh e fàsgadh dha a chuireadh beagan don chuidealas agus don pheasanachd as a choluinn leibidich. Chaidh an thun an àite mar a gheall, achnuair a chunnaic an coinean bochd nach dthàinig an sionnach air aghaidh, ghrad dhfhàilnich a chridhe, ’s theich e stigh do tholl far nach ruigeadh no gadhar air. Cha robh aig achù ach tilleadh air ais gu h-aimhealach, cianail, abòideachadh an tuilleadh dioghaltais an aghaidh an t-sionnaich, oir thuig e gu math gum biad a chuireidean-san a bha air am feuchainn ris a rithist.

Cha luaithe bha an as an rathad na thog an sionnach air a dhfhaicinn na beithir-sgiathaich. Nuair chaidh e stigh don uaimh bha leth-cheud do thòrran òir agus airgid air gach taobh, agus chan fhac e riamh a leithid. Chuir e mìle fàiltes furan air abhan-oighre, a bha ann an àit iomallach don uaimh, far nach burrainn e faighinn dlùth dhi, agus mhol e i mar nach biodh a leithid air an t-saoghal.

O! nam burrainn duit mfhuasgladh as an àite so, mo thoirt air falbh on bhodach mathair a tha cho dona dhomh, ’s mi bhiodh ann ad chomain, ’s bu leat mi féins na bheil an sin do stòras,” thuirt ise.

“ ’S mi bhiodh toileach, a rìbhinn mo chridhe!” thuirt an sionnach, “ach ciamar is urrainn domh a dheanamh?”

Chaneil ach aon dòigh air,” thuirt ise, “ ’s e sin mathair a chur nachadal trom, ’snuair bhios e nashuain teicheadh; ’s chaneil ni a chuireas nachadal ceart e ach eanaraich air a deanamh do fheòil cait òig reamhair; feuch thusam faigh thu sin, agus leig achùis leamsa nadhéigh sin.”

An dean cat an tigh ud thall an gnothuch?” thuirt esan.

Chan iarrainn na bfhearr,” arsise.

Ro mhath, ma ta. Mu fheasgar am màireach cuiridh mise dar n-ionnsuidh i, ’s feuch an toir sibh làn meadair mhaith don bhodach a bheir air srann a tharruing,” arsesan.

Na biodh cùram ort,” arsise, “na fàilnich thusa air do thaobh féin.”

An latha chìs nach fhaic!” arsan sionnach, “slàn leibh, a mhaighdeann àluinn! ’s bliadhna leam gus am faic mi a rithist sibh.”

Chaidh an cealgair so do thigh achait ro-thoilichte lethapachd féin, ’s asmaointeachadh nach biodh sionnach san dùthaich cho beairteach ris féin, agus dhinnis e sgleò mor don chat, ag ràdh nach robh nighean idir aice, ach gun robh i féin cho caoimhneil, fhialaidh, shuairce; gun robh i ri cuirm mhór, rìomheach, aighearach, ghreadhnach a thoirt seachad an ath-oidhche, ’s gun robh ise ri bhi air tùs agus air toiseach nan aoidhean. “An teid thu ann, a rùin?” arsesan.

“ ’S mi théid,” thuirt ise, “ ’s chan anns mi féin garàdhainn, chaneil min dùil gum bi aona chàraid ann as sgiolta, ’s as eireachdala na thu féins mi fhéin, a laoigh mo chridhe!”

Thàinig am feasgar; bhan cat gun amhrus air bith air na bhafeitheamh oirre; agus ged nach robh coguis an t-sionnaich ro-shàmhach, cha do ghabh e a bheag air; bha e asmaointeachadh gum bfhiach beairteas nighean na beathrach-sgiathaich aon dad a burrainn da a dheanamh air a son. Bhan dithis a brath falbh cuideachad a dhionnsuidh na cuirme ma bfhior, achnuair chunnaic an sionnach an san t-sean àite, ghabh e a leisgeul, ag ràdhainn nach robh toil aige caonnag no aimhreit a dheanamh nalàthair-sa, ach ise dhfhalbh air thoiseachs ann an ùine ghoirid gun tugadh esan a dheagh ghiullachd don bhéisd choin, ’s an sin gun leanadh e i.

Thoir an aire ort féin, a ghràidh,” arsise.

Och, na biodh cùram ort, eudails a ghràidh,” arsesan, “chan fhada sheasas e riumsa.”

Dhfhalbh an cat ma ta, ach an àite faighinn a stigh don uaimh air dorus ìosal, ’s ann a bha i air a togail suas ann an croidhleig bhig gu uinneig a bha gu h-àrd ann an aodann na craigeach cha do chan i guth na aghaidh, agus ann an sin fàgaidh sinn in dràsd.

(Ri leantuinn.)


Tha atharrachadh mor eadar an da bheannachd aimsireil sin, Slàinte agus Saibhreas. Is e Saibhreas is air am bheil muinntir an tòir, ach is lugha shealbhaichear leò. Is minic a shealbhaichear Slàinte, ged is beag am meas a tha aig moran oirre. Tha e soilleir gum bheil Slàinte atoirt barrachd air Saibhreas, an uair a smuainichear nach dealaicheadh an duine is bochda tha idir ann ra shlàinte fein air son airgid, ach gun dealaicheadh an duine saibhir riairgiod féin air son slàinte.

Is duilich an nàirethoirt as an àitanns nach i.



[2]

[Vol . 11. No. 1. p. 2]

Iain Mor nan Ord.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. VIII.

MAR IS DUAL DO THACHARAN A BHITH NAGHAISGEACH NASHUILEAN FHEINDOIGH GHAIDHEALACH AIR EACH A THOIRT A BOGADH.

CHAIDH am fàilteachadh ann an cainnt chruaidh nan Deasach. “Ann an ainm an àigh,” arsan ìomhaidh a dhéirich as an fhraoch, “an innis sibh dhomh, fhearaibh, càita bheil mi? ’S mor mioghnadh gu bheil mi idir beò, ’s nach do dhith mi ach mu phunnd bidh o fheasgar an , ’s tha mo theanga air tiormachadh leis a phathadh!”

Ma ta, a dhuine chòir,” arsIain Mór, “ ’s deacair dhutsa pathadh a bhith ort, is uisge fallain, cùbhraidh a tàmhsa gluasad air gach taobh dhiot, agus ma dhith thusa punnd bidh o fheasgar an chaneil moran truais agamsa riut, oirs iomadh teaghlach truagh air feadh nam beann so nach do dhith uiread o chionn seachdain.”

Ach, a dhuine, ’dhuine,” arsan Sasunnach, “ciamar a dhòlainn-sa, ’s gun ghlaine, gun chupagam, na ni sam bith a thogadh uisge? ”—

Cha robh,” arsIain, “na seirbhiseach a shìneadh dhut e! Tha mi duilich, duilich air do shon, a dhuin’ -uasail, achn do smaointich thu riamh air do dha chròig, no air an aide sin mu dcheann, air son uisgethogail. ’S iomadh fear a chaisg ìotadh le seòrsa bu mhiosa.”

Mun robh Iain ullamh dhe na briathran, leum an Sasunnach thun an uisges thog e làn na h-aides chuir e air a cheann e, ’s Eachunn an impis tachdadh a gàireachdaich, ’s chuale Iain ag ràdh rudeiginn mu chù is marag maamhaich.

Tha mi,” arsan Sasunnach, “ga mearbsa fhìn ribh, fhearaibh, ’s ma chuireas sibh mi air an rathad cheart gu caisteal Shrath Ghlinn bidh mi fada nar comain.”

Bhan Sasunnach nashealladh aitsan àm, oir air feadh nan driss nam preass an fhraoch, cha robh do thrusgan uime, faodaidh mi a ràdh, ach an adis fhiach ainmeachadh, agus a thaobhs gun do thaghail e iomadh poll bog monadh, cha robh e furasda dheanamh a mach n dath a bhair a chuid rìomhaidhn uair a chuir e suas e. “ ’S mise,” arsan dealbh so, “Coirneal Eanruicno co dhiubh bidh mi na mchoirneal air an ath sheachdain.” Thainig gleann an druim a choirneal agus beinn air uchd le prois, air dha so a ràdh. “Fhuair mi,” arsesan, “brath an latha roimhe gun robh an reubalach ainmeil Iain Mòr nan Ord anns an nàbachd, agus le buidheann thaghta ghluais mi on ghearasdan airson a ghlacadh an . Suas gu feasgar chunnaic mi-fhìns mi air deireadh na cuideachd coltas duine mhoir eadar mis faire. Rinn mi suas minntinn gur e Iain Mòr a bhann, agus smaointich mi gun coisninn cliù mor dhomh fhìn nan deanainn prìosanach dheth na maonar le mdheas laimhs le mchlaidheamh sgaiteach fhein, agus a bhàrr air sin bha each luath agam. Fhuair mi air falbh o chàch gun fhios, is liùg mi gu fàillidh suas feadh stuchd is bhearraidhean uamhasach, ’s an deigh mo shaoithreach cha dfhuair mi ach boc-gaibhre air creig an àit Iain Mhòir. Thainig mi bhar muin an each gus manail a leigeil, ’s gu amharc mun cuairt. Cha do ghluais am boc, ’s an uair a fhuair a bhrùid mo chulaobh ris thàinig e ugam le roid, ’s chaidh mi sios car mu char ris a bhearradh, ’s tha mi on uair sin air ceud bearradh a dhìreadh ag iarraidh am bearradh air na dhfhag mi an t-each, ’s cha do dhamais mi fhathast airs an duthaich uamhasach.”

Chuala mi,” arsIain, ’s e caogadh ri Eachunn, “gun gabhadh e fior cheatharnach air son prìosanach a dheanamh air Iain Mòr nan Ord. Feumaidh gu bheil sibhse nas treine na shaoileadh neach air a cheud shealladh.”

Tha thu ceart,” arsan Sasunnach, “ma gheibh mo laimh-sa aon uair greim air colair Iain Mhòir, bidh leaba chumhang aige mun dealaich mi ris!”

Thainig fiamh gàire air Iain Mòrs e air beachd a ghabhail air lamh chaol, sporach an t-Sasunnaich, ach cha dubhairt e guth. On a dhearb an Deasach e-fhein riutha, bha e sàbhailte gus am faigheadh iad bhar an lamhan e. Cha robh fios aca aig an àm gur ann aige bha Màili, no gum biad a chuid dhaoineghlac i; cha robh fios acasan ach gum bu Shasunnaich agus naimhdean a chuideachd a ghlac i. Mar bu dlùithe bhan Coirneal a tighinn ris a ghearasdans ann a bàirde bha mhisneach ag éiridh. Cha robh pian nach robh e dol a chur Iain Mhòr troimhe nuair a ghlacadh e e. Dhinnis Iain dha gum buineadh e-fheinsa chompanach do chuideachd Earraghàidheal, agus gur ann ag amharc airson Iain Mhòir nan Ord a bha iad fhéin. “Tha thu fhein fuasach mor,” arsan Caiptean, ’s e toirt sùil amhrusach air Iain.

Tut,” arsIain, “an t-eileinsan drugadh mise cha robh duinann cho beag rium; ’se sin a chur as mi, a bhith na mfheannaig chorr ann. Is neònach leam nach cualthu mu Eilean-nam-fear-mòra!”

Bha iad a smaointean gur em fortan fhein a chuir an Sasunnach nan rathad, air son forofhais a dheanamh mun chuspair a laimh, agus bann mar sin le toileachadh mòr a chualiad an Caiptean ag radhsan dealachadh: “Tha dùil agam cluich agus spors gu leòr a bhith againne aig Caisteal an Tuilm Uaine Diordaoinsa tighinn. Tha mo charaid, an Seanalair Fits-Eòin, gu bhith làthair, aguss ann air a shòn a bhios gach ni. Tha fior dhéigh aige air gach seorsa cluich, is euchdan neart fhaicinn. Tha e-fhéin ainmeil air gach seorsa, ged a tha e an inbhe àrd, ’s gu h-àraid tha e ainmeil air caitheamh an ùird-mhòir. Mar sin, ma thogras sibh, ruigibh aig an àm, tha mise a toirt làn chuireadh dhuibh, mar dhuais airson na seirbhis a rinn sibh dhomh. Agus,” arsan Caiptean, “ ’s e gatharuinn fhein suas, air chors gun robh barrachd ri fhaicinn dhethphearsa na bha en dùil, “theid mi fhin an urras gum faic sibh euchdan Sasunnach a chuireas ioghnadh oirbh. Tha dùil agam fhéin,” arsan gaisgeach ann an cagarse tarruinn dlùth, “feuchainn air a chruith-leum an ud, agus theid mi an urras gum fosgail mo chàirdean an sùilean; oir, eadrainn fhein, tha mi o chionn cho’ -la-deug a toirt greis a h-uile oidhche air leum na msheòmar diomhair; agus,” ars esan, ’s e uile lasadh le aoibhneas, “chaidh agam air còig troidhean is còig òirlich is ochdamh a leum, agus mun dig an latha mor tha dùil agam leth òirleach eilechur ris! Ach,” arsesan, ’s e cur a laimhe air a chùlaobh, ’s neul dubh a brùchdadh tromh na bha pholl air a ghnùis, “tha eagal orm gun do chur a ghabhar o fheum mi!”

Thug na fir taing dha, is thuirt iad gum biodh iad gle thoilichtebhi làthair aig na cluichean. “Agus,” arsEachunn, “ma dhfhaodte gum feuch mi-fhìn a chruith-leum cuideachd, ged nach do chleachd mi i o chionn greis mhath, mur a digeadh poll monadh na féithe na mrathad. Agus a thaobh mo charaid an so, is dòcha gum feuch e-fhéin a laimh air caitheamh an uirdmhóir.”

Bha na fir a bruidhinn mar so nan seasamh am fradharc Caisteal Shrath Ghlinn, ’s iad a nis a dol a dhealachadh, on a fhuaireadh Caiptean Eanruic an àitam faodadh stiùir a chur nalaimh air son a cheann-uidhethoirt a mach. Ach an uair a bha iad a tionndadh air falbh chualas plubraich dlùth dhaibh, agus osna throm gatarruinn. Ruith iad gu cùl a chnoic, ’s an Caiptean air chrith nan déigh, a dhfhaicinn bhann, ’s fhuair iad ann an sin am bogadh ann am féithe air a chuartachadh le feur milis, gorm, each rìomhach diollaid.

O, mo Bhari bochd, mo Bhari bochd!” arsan Caiptean an uair a thainig e dlùth, “tha eagal orm gun téid e á sealladh buileach glan, mum faigh mi daoine is eich is buill gus a shàbhaladh. Bheirinn gu toilichte deich gini seachad ach e bhith agam sàbhailte air an réidhlein. Ma chailleas mise Bari cha ruig mi leas smaointean air Iain Mòr nan Ord a ghlacadh.”

Ma ta,” arsIain, “bu mhor am beud sin a thachairt. Tha làn àm breith air Iain Mòr, agus ni mise nas urrainn mi gus do chuideachadh. Le so a ràdh chaith Iain Mòr nan Ord cirban a bhreacan thar a ghuaillean, agus fhuair e da lic mhor a bha dlùths chuir e iad taobh ri taobh lamh ris an each. Sin seachad leum Iain thun na leacan, is thòisich e ri leum orra gan daingneachadh, gus an dfhuair e iad a réir a mhiann. Bhan Caipteansa bheul fosgailte mar-ri shùilean ag amharc air na bha an Gàidheal a deanamh. Ach theab iad leum as a cheann buileach glan air dha Iain fhaicinn a cromadhsa breith air an diollaid, agus thug e tarruinn mhath oirre uair no dha a chur deuchainn air a neart. Chruinnich en sin e-fhéins a cur a neart uamhasach an géill chaith en t-each Sasunnach air an raon air beulaobh a mhaighstir. “Tha cudrom laghach ann,” arsIains e suathadh a lamh le dornan feòir, “ach cha chreid mi nach seall e càitan teid e dhionaltradh na dheigh so. —Cha ghabh, cha ghabh, cùm na dphòc e”— ’s an Caiptean gu leith eigionnach air a sporan o thoirt ameasg nan luideag air son na deich gini a phaigheadh,— “cha ghabh,” arsIain, “rinn mise sid airson an eich bhochd fheins cha bann airson duais sam bith.”

Sid,” arsEachunn, “mar a bhios iad an Eilean-na-fear-mòra a breith air na muca-maras gan caitheamh gu tìr.”

Ghleidh an Caiptean a sporan gu toilichte, ach bhashùil gun bhriobadh ag amharc le car de dhfhiamh air a Ghàidheal. “Tha eagal orm,” arsesan mu dheireadh, “nach bi mise gu bràth cho làidir riut; ach chaneil mi ach óg fhathastnaoi-deug-air-fhichead is aona-mios-deug, sin maois gun air na dheth!”

Nis,” arsEachunn, “on than t-each agaibh gu sabhàilte, nach fhearr dhuibh sibh fhéin a nigheadh, gus gum bi sibh nas comhfhurtaile gamharcachd agus nas coltaiche ri saighdear a ruighinn a chaisteal. Rinn Caiptean Eanruic sin. Nigh eaodann a toirt ris athailtean na lotan a rinn Màili gu soilleir.

Cha chreid mi-fhéin,” arsIain Mòr, “nach dfhuair thu do chioramachadh gu goirt an àr fuilteach o chionn ghoirid.”

O, na sgrobagan so air maodann!” arsan Caiptean, “cha bann air achadh onarach a thachair dhomhm faighinn idir, ach o chat-fiadhaich Gaidhealach a ghlac mi; ach tha na h-ìnnean aice fo ghlais a niss air an deagh bhearradh.” Bha neul dorcha air mala an t-Sasunnaich ag ràdh so, agus leum e, ’san fhearg fo shàiltean, cho beo, làidir air muin an eichs gun deach e seachad air an taobh eile, ’s dhan fhéithe chaidh en comhair a chinn. Ach fhuair e air falbh mu dheireadh, ’s ged a bha e feuchainn ri amharc duineil, spaideil, neo-ar-thaingeil,



[3]

[Vol . 11. No. 1. p. 3]

cha robh buaidh leis, ’s cha bfhearr esan àm na bodach-fheanng air dùnan.

Is cinnteach mi,” arsIain Mórs eg amharc nadhéigh, “nach ann a thaobh modh a fhuair e na cuimhnachan ud air a ghnùis. Ach saoil thu, Eachainn, ciod a bha eciallachadh mun chat-fhiadhaich Ghaidhealach? An trùilleach, tha mi-fhéin a smaointeachadh nach e cat ceithir-chasach a bha eciallachadh.”

Tha thu ceart, Iain; cha be. An dug thun aire dha aodann glassan àm a fàs cho dearg ri giomach bruich. Ach, Iain, gheibh sinn a mach rudeiginn, ma chumas sinn ar sùileans ar cluasan fosgailte, aig cluichean Caisteal an Tuilm Uaine Diordaoinsa tighinn.”

Bha fios aig na Gaidheil gun robh iad gan cur fhéin ann an cunnart mor ledhol am measg naimhdean. Aig àm eile dhfhaodadh iad iad-fhein a chur as aithne, agus a dhol nam measg gun mhòran cunnairt, ach a nis cha ghabhadh sin deanamh a thaobhs gum faca Caiptean Eanruic iad nan cruth nàdurra, ’s ged a dhinnis iad dha gum buineadh iad do chuideachd Earraghàidheal, dhfhaodadh iomadh nàmhaid ghuineach a bhith lathair aig na cluichean a dhaithnicheadh Iain Mòr; ach cha robh so acur cùram orra. Na aghaidh sins ann a bhan gàbhadh a bha cho faisg gam fàgail na bu deònaichedhol nachoinneamh gu buaidh. ’S mar sin bha agus bithidh. Com fìor Ghaidheal a chuir riamh cùl ri gàbhadh a thainig eadar esa mhiann, nochuireas fhadsa bhios cainnt mhilis Oisein air a theangaidh? Mar a dhéirich dhan da laoch air an turus so cha ghabh innseadh aig earaball a chaibideal so, ’s mar sin feumaidh sinn ceann ùr a dheanamh dha, agus birneileshniomh an uair a chuireas sinn olla ris a chuibheal.

(Ri leantuinn.)


Sgeulachdan Arabianach.

ALADIN.

CAIB. III.

MU dheireadh thall rainig iad bealach cumhann a bheadar da bheinn. Be so an t-aite dhionnsuidh an robh toil aig an draoidh Aladin a thoirt a chum gun cuireadh en gniomh an obair air son an dthainig e dhaon ghnothuch a Africa gu ruige Shina. “Rainig sinn a nis ar ceann-uidhe,” arsesan. “Chi thu sealladh nach fhaca tu riamh a leithidsealladh nach fhaca mac mathar riamh roimhe. Bidh tu gle thaingeil dhomhsa air son a leigeil fhaicinn dhuit. Falbh agus cruinnich a h-uile bioran a gheibh thu, agus beothaichidh sinn teine an so an ceart uair.”

Ann an tiotadh fhuair Aladin biorain gu leor. Ghrad chuir an draoidh goinnein riutha, agus las iad suas ann am mionaid. An uair a bhan lasairna h-airde thilg an draoidh tuis anns an teine, agus ann am briobadh na sul cha bu leir dhaibh a cheile leis amheall cheo a dheirich as an teine. Labhair an draoidh beagan fhacal nach do thuig Aladin. Dhfhairich en talamh adol air chrith fochasan, agus an uair a sheall e air an aite anns an robh an teine chunnnaic e leac cheithir-oisinneach, mu shlait air gach rathad, agus failbheag umha innte air son a togail. Bha e air chrith leis an eagal roimh na chunnaics na dhfhairich e, agus nan robh fios aige ciod an rathad a ghabhadh e, bha e air a chasan a thoirt as. Ach rug an sin an draoidh air ghulainn air, agus thug e crathadh garbh air. Chain e e thun a bhrogan, agus bhuail e dhorn air ann an toll na cluaise a leagna sgleog air an talamh e. Cha mhor nach do chuir e h-uile fiacaill a bhannna shlugaid. Cha robh fhios aig Aladin truagh ciod a baobhar gun dfhuair eghiullachd air an doigh so. Dheirich e on talamhs ecaoineadhs thuirt e, “Ciod en cron a rinn mi, ’bhrathair mathar, an uair a rinn sibh a leithid de dhroch dhioll orm?” “Cha bann gun aobhar a rinn mi na rinn mi ort,” arsan draoidh; “is mise a dhfheumas gniomh athar a dheanamh riut, agus cha choir duitse math no olc a radh riumsa ciod sam bith ni a ni mi ort. Ach a chaomhain,” arsesans etaiseachadh, “na biodh eagal sam bith ort. Chaneil mi ag iarraidh ort ach mo chomhairleghabhail anns gach ni a chuireas mi mar fhiachaibh ort a dheanamh, agus ma ghabhas tu mo chomhairle theid min urras nach caill thu air.” An uair a chuala Aladin so dhfhas e na bu toilichte, ’s na bu lugha eagal. Ged a bha lan a chinn de mhi-chiataibh aige den draoidh air son mar a rinn e airs e neo-chiontach, smaoinich e gum bfhearr dhabhith umhail.

Chunnaic tu,” arsan draoidh, “mar rinn mi leis an tuis a thilg mis an teine, agus leis na facail a labhair mi. Fon chloioh sin, ma ta, tha moran ionmhais airfhalach air do shonsa, agus bithidh tu nas beairtiche nan righ as beairtiche a thair an t-saoghal. Chaneil duine air an t-saoghal a dhfhaodas a lamh a chur air achloich so, no a togail as a h-aite, ach thu fhein. Chaneil e ceadaichte dhomhsa mo lamh a chur oirre, no dhol sios do na seomraichean anns am bheil an t-ionmhas. Mar sin, feumaidh tusa gun dail sam bith achlach a thogail, agus gach ni a dhiarras mise ort, a dheanamh.”

An uair a chuala Aladin mun ionmhas neo-chriochnach a bhanns na seomraichean fon talamh, agus gur ann air a shon fhein a bha e air a thasgadh, dhi-chuimhnich e gach olc a rinneadh air, agus thuirt e: “Tha mise lan-dheas, a bhrathair mathar, air son ni sam bith a dhiarras sibh orm a dheanamh.” “Tha mi ro thoilichte sin a chluinntinn, a chaomhain,” arsan draoidh, ’s e breithna dha laimh airs ga theannachadh riuchd. “Thig an so, ma ta, agus beir air an fhailbheig, agus tog achlach.” “Chaneil mi laidir gu leor gus a togail,” arsAladin, “feumaidh sibh fhein cuideachadh a thoirt dhomh. “Chaneil feum agad air cuideachadh sam bith uamsa,” arsan draoidh, “ma theannas mise ri do chuideachadh theid achuisn ar n-aghaidh gu buileach; feumaidh tu a togail leat fhein. Beir air an fhailbheig, agus abair ainm dathar agus do sheanar, an sin tog achlach, agus chi thu gun teid agad air a togail furasda gu leor.” Rinn Aladin mar a dhiarraidh air, agus thog echlach gun dragh sam bith.

An uair a thogadh achlach bha slochd foidhpe mu thri no ceithir de throidhean air doimhneachd. Aig bonn an t-sluichd bha dorus, agus an uair a dhfhosgail Aladin e bha ceuman staidhreach adol sios do na seomraichean a bha fon talamh. Ach mun deachaidh e sios thuirt an draoidh ris: “Gabh beachd math, a mhic, air na bheil mi dol a dhinnseadh dhuit. An uair a theid thu sios agus a ruigeas tu bonn na staidhreach, gheibh thu dorus fosgailte, agus theid thu steach air. Tachraidh tri seomraichean mora riut. Anns gach seomar dhiubh so tha ceithir soithichean morumha air gach taobh, luma-lan oir is airgid; ach thoir do cheart aire nach teid thunan coir. Mun teid thu steach don cheud sheomar bi cinnteach gu sgioblaich thu daodach gu math, air eagal gu suath thu ann an ni sam bith. Os cionn gach ni, thoir do cheart aire nach suath daodach ri balla seach balla; oir ma shuathas cha bhi tuilleadh saoghail agad. An uair a ruigeas tu an treas seomar chi thu dorus air acheann as fhaide uat dheth, fosglaidh tu e, agus theid thu steach don gharadh. Anns agharadh tha craobhan de gach seorsa, agus tha iad cho lan de mheasans a ghiulaineas iad. Gabh direach tarsuinn agharaidh, agus lean romhad gus an tig thu gu bonn staidhreach anns am bheil coig ceumannan air airde. An uair a dhireas tu na ceumannan, chi thu cuil bheag anns abhalla mu dchoinneamh anns am bheil cruisgein laiste. Tog leat e, agus cuir as e. Tilg uat an t-siobhag, agus doirt as an olla, agus cuir ann adbhroilleach e agus thoir amionnsuidh-sa e. Na biodh eagal ort gu mill an olla daodach, cho luaths a dhfhalamhaicheas tun cruisgein bidh e tioram gu leor. Ma bhios toil agad rud de na measan a chi thu anns agharadh a thoirt leat, tha cead agad air nas urrainn duit a thoirt leat.”

An deigh don draoidh so a radh, thug e fainne bhar amheoir fhein, agus chuir e air meur Aladin e; agus thuirt e ris gun gleidheadh am fainne o gach olc e, fhads a bhiodh e air toir achruisgein. Anns an dealachadh thuirt e ris: “Gabh sios, a mhic, agus na biodh fiamh, no eagal ort, agus bidh sinn le cheile saoibhir fad uile laithean ar beatha.”

Sios a ghabh Aladin gu sunndach don uaimhe. Fhuair e na tri seomraichean mar a thuirt an draoidh. Choisich e trompa cho faicilleachs a burrainn da; ghabh e tarsuinn agharaidh gun stad; thog e leis an cruisgein, agus thilg e as na bhana bhroinn eadar shiobhaig is olla, agus chuir ena bhroilleach e. Ach an uair a bha e tilleadh smaoinich e gum bu choir dha rud de na measan briagha a bhair na craobhan a thoirt leis. Chan fhaca e measan riamh den leithid. Cha robh dath air an smaoinicheadh duine, no dath air nach smaoinicheadh e, nach robh orra. Ged a bha duil aig Aladin gur e measan a bhannta do bhrigh gu robh iad mar gum biodh iad afas air na craobhans e bhannta neamhnaidean agus clachan luachmhor. Bfhearr le Aladin gu mor lan a phocaidean de na figeans de na fion-dhearcan na lan a phocaidean diubh; ach on a bha dathan cho briaghas cho annasach orra, agus on a bha iad cho mor thug e leis na burrainn da dhiubh. An uair a lion e a phocaidean, theannaich en crios a bha mu mheadhon, agus chuir e na burrainn da dhiubh eadar es a chuid aodaich. Ged a bha eallach a dhroma air dhen ni as luachmhoire a thair an t-saoghal cha robh fios aige fhein gum bfhiach na bhaige a bheag sam bith. Ghreas e air cho maths a burrainn da, agus an uair a rainig e beul an t-sluichd far an robhn draoidh ga fheitheanhs e air thuar fhoighidin a chall, thuirt e: “Sinibh dhomhur lamh, a bhrathair mathar, feuch am faigh mi suas a so.”

Thoir dhomh an cruisgean an toiseach,” arsan craoidh, “tha eagal orm gu bheil e draghail duit.”

Gu dearbh chan urrainn domh an drasta, chaneil ecur dragh sam bith orm; ach cho luaths n gheibh mi a so bheir mi dhuibh e,” arsAladin. Bhan draoidh cho rags nach tugadh elamh a dhAladin gus am faigheadh e greim air achruisgein. Bha Aladin cearta coma dhen chruisgein; ach cha burrainn da an cruisgean a thoirt seachad gun na measan a bhana bhroilleach a chall, agus sid rud nach deanadh e a muigh na mach. ’S e thainig as achuis gun do ghabh an draoidh corruich anabarrach ri Aladin. Thilg e rud den tuis anns an teine a bha laimh ris, agus labhair e dha no tri de na facail dhraoidheachd, agus ann am briobadh na sul bha chlach anns an robh an fhailbheag air a cur air beul an t-sluichd.

(Air a leantuinn air taobh 6.)



[4]

[Vol . 11. No. 1. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, IULAIDH 11, 1902.

Righ Iomhar Tinn.

CHAIDH tilleadhsa chrùnadh ris nach robh mor dhùil. Air feadh na h-Impireachd Bhreatunnaich air fad, bhatar ag ullachadh air son aimsir greadhnachais agus aoibhneis air an t-siathamhs an seachdamh latha fichead dhen òg-mhios. Ach mun dàinig an latha sin bhan greadhnachass an t-aoibhneas air tionndadh gu dubhachass gu bròn. Thainig fios gu robh an righ air a leagadh sios le tinneas, agus gu robh a bheathan cunnart. Agus ma bha cridheachan a chuid iochdaran anns gach cearna dhen domhan air an gluasad ga ionnsuidh an àm an aoibhneis, bha iad air an gluasad ga ionnsuidh ann an tomhas na bu làines air mhodh a bu dùrachdaiche an àm a bhròin. Agus a nise on tha e air a dhol am feabhas, agus coltas air a bhi air aiseag gu slàinte tha iad air an ceangal ris le bannan dìlseachd agus gràidh mar nach robh iad riamh roimhe. Ma theid gach ni gu ceart, bidh an crùnadh air a dheanamh mu mheadhon an ath mhios, ach cha bhi an greadhnachas cho mors a bha e gu bhith air a mhios a dhfhalbh. Tha an righ fein, cho math ris an t-sluagh, a gabhail an tillidh a fhuair iad mar theachdaireachd o Righ nan righrean gu robh iad acur luach ro-mhor air glòir talmhaidh agus an cunnart Ughdar gach cumhachd agus glòir a bhair am buileachadh orra a leigeadh air dichumhn. Tha sinn uile taingeil gu bheil an righ air a chaomhnadh dhuinn, agus an dòchas gun ruith iomadh bliadhna seachad mun aithrisear sgeul a bhàis.


Airc Noah.

Thainig fios dhionnsuidh nam paipearan an la roimhe ag innse gu robh àirc Noah air a faotainn. Cha bann air Beinn Ararait a fhuaireadh i, ach ann an cearn iomallach de Alasca, air mullach beinnes fiodh ghopher den robh i air a deanamh air tionndadh gu cloich. ’S ann bho na h-Innseanaich a thainig an sgeul. Tha daoinem barail nach eil ann ach creag mhor air an dfhàg làmh nadair a bheag no mhor de chumadh a thug air na h-Innseanaich a chreidsinn gum be bhann an long mhor cheithir chearnach, gun chrann, gun stiùir, a ghiùlain Noahs a theaghlachs a chuid feudail gu sàbhailte troimhn dìle. Tha sinn an dòchas gu bheil abharail sinn ceart. Bhiodh e naghnothuch mi-fhortanach gum faighte an àirc air fonn nan Geancach. Tha iad mor gu leòr as an dùthaich mar a tha, ach nan saoileadh iad aon uair gum bann nan dùthaich fein a bha beinn Ararait, agus gu robh an àirc fhathast gun ghrodadh oirre, cha burrainn do mhuinntir dhùthchannan eile bhi beo leò.


Laoidh na Rioghachd.

EAD. LE K. W. G.

FAILT’, mìle fàilt don Rìgh!
Slàinte, deagh-shlàint don Rìgh!
Gràs Dhé don Rìgh!
Crùn thuseDhé, le glòir,
Crùn e le gràdh a shlòigh,
Guidhe ar crìdh’ ’s ar beòil,
Deadh-shlàintdon Rìgh!

Eirich a Thriath nam feart;
Eirich a Dhia ar neart,
Don Rìgh thoir sìth:
Tog Thusa suas do Làmh,
Buadhaich thar neart gach nàmh,
Deònaich don Rioghachd tàmh
làithan Rìgh.

Tiodhlaca maith do stòir
Gu fialaidh saoibhir dòirt
Air ceann an Rìgh:
Gun dìon en laghs gach teinn,
Rath fìor gum bi ra linn,
A shlòigh gu sìor gun seinn
Deadh-shlàintdon Rìgh!

Ar Bàn-righ àluinn, shèimh,
An sìths an sòlas glèidh;
Don Bhàn-righ slàint’!
Ard-iolach gaoil a sluaigh
Eireadh o chuan gu cuan;
Deadh-gheanga dìon mun cuairt;
Don Bhàn-righ slàint’!


A Call an Cliu.

Bha na Geancaich, riamh o thoiseach an saoghail fein, ainmeil mar cheannaichean. Bha cliù aca bhi nan daoine gleusda, geura, a gheibheadh aig gach iomlaid a dheanadh iad barrachds a bheireadh iad seachad. Mhill iad an cliù sin gu mor anns na h-Eileanan Filipeach. Phàigh iad don Spàin air son nan eileanan sin fichead millein dolair, agus chosg iad faisg air naodh fichead millein eile afeuchainn rin toirt bho na nàisinnich. A dhaindeoin sin chan eil na h-eileanan aca saor á grunnd fhathast, agus faodaidh lathas bliadhna dhol seachad mum bi. Ach faodaidh e bhi gun éirich cleas fir na moch-éirigh dhaibhaon uairs gun dfhuair en t-ainm dhfhaodadh e laidhe anmoch. Ma bha cliù aca mar dheagh luchd-gnothuich, nach toir gnothuch leibideach nan Eileanan Filipeach uape.


Toiseach BliadhnEile.

Leis a àireamh so tha MAC-TALLA atoiseachadh air bliadhneile; tha e nisedols na h-aon deug. Re nan deich bliadhna a chuir e seachad, thachair iomadh ceap-tuislidh air: cha robhn rathad a shiubhail e cho reidh no cho còmhnards bu mhiann leis, ach fhuair e thairis air. An fhad so ràinig e. Aig na Gàidheil a tha ri radh cia fhads a ruigeas e. O chionn naodh miosan air ais, chan eil e tighinn a mach uairsan t-seachduin mar bha e roimhe; than luchd-gabhail cho ganns nach gabh sin deanamh as eugmhais nan sanas. Am bheil e gu leantuinn mar so? no an dean iadsan aig am bheil suim don Ghailigs a tha gabhail tlachdsa phaipeir dichioll air àireamh an luchd-gabhail a dheanamh cho mors gun gabh e cur a mach cho trics a bàbhaist? A reir ar comais, tha sinnedeanamh cho mathsa dhfhaodas sinn. Gun a bhi ciontach de fhein-mholadh, faodadh sinn a radh gu bheil MAC-TALLA, mar a tha e, na dheagh luach air son na prise, gu bheil barrachd de dheòlass de dhfhior litreachas ann ruith na bliadhnas a gheibhear ann an iomadh paipear is leabhar a thogas an cheann gu math àrd. Agus le ceartas a thoirt dha gabhaidh e deanamh moran nas fhearr. ’S ann on luchd-gabhail a than ceartas sin ri tighinn. Saoil sibh fein an tig e? Le fior bheagan saoithreach theid ac an ùine gle ghoirid air MAC-TALLA chur air bonn cho daingeanns nach dàna leis talach. An gabh iad an t-saothair sin? aca fein a tha fios, agus aca fhein a mhàin.


Dhia Gleidh an Righ.

BIDH an t-seirm so air a cluinntinn anns na làithean so am measg mhòran aig an tigh agus thairis. Agus tha i airidh air a bhi toirt cluas di. Air an aobhar so gum bheil an ceòl a tha nagnè làn do sheadh gràsmhor agus cuideachail do na slòigh lìonmhor a tha ag aideachadh riaghladh ar Rìgh. Tha tomhas do neart spioradail ann an seann fhacail; agus mar sin tha na facail so mun Rìgh làn de bhrìgh do mhóran a bhiosgan seinn feadh ar n-iompaireachd farsuinn. Bidh na rannan a leanas air an seinn le mìltean do Ghàidheil anns gach cearn air thalamh:—

Dhia, gléidh an Rìgh le dghràs
An rìgheachd as gach càs:
Dhia, gléidh an Rìgh!
Biodh e a ghnàth fo dlàimh
Le buaidh os ceann gach nàimh,
N ad ghràdhsa faotainn sàimh,
Dhia, gléidh an Rìgh!

Air-sannad mhaitheas mòr
Taom pailteas as gach stòr
Fo shròl na sìth;
Dìonadh ar laghan dhuinn;
S togar leinn iolach binn,
Le crì is guth aseinn,
Dhia, gléidh an Rìgh!


SGIORRAIDHEAN BAISDi-sathairne, an t-ochdamh latha fichead dhen mhios a chaidh seachad, bha fear Richard Parrs, a mhuinntir Newfoundland, air a mharbhadh ann an aon de mheinnean Ghlace Bay. Chaill eghreim air a chrò a bha gathoirt gu uachdar, agus thuit en comhair a chinn don toll, naodh ceuds tri fichead troigh. Bha e marbh gu grad, agus bha a chorp air a mhilleadh gu mor. Di-haoine sa chaidh, bha òganach dann bainm Domhnall OHandley, air a mharbhadh am mèinn anReserve .Bha eg obair mu na tubaichean, agus chaidh a bhualadh le dhiù a bha air fuasgladh on t-slabhruidh. Bha e air a ghrad mharbhadh. Cha robh e ach seachd bliadhndeug a dhaois. Bhuineadh e do Ghleann-dàil an siorrachd Inbhirnis.

AM FEAR-DEASACHAIDH TINNTha am fear-deasachaidh na laidhe tinn o chionn còrr is ceithir seachduinean. ’S e sin is coireach an àireamh so dhen phaipeir a bhi seachduin air deireadh. Nuair nach bi stiùireadair gnothuich aigobair bidh iomadh maille ann, agus cha ghabh cùisean cumail air adhart mar bu chòir. Anns an da bhliadhna gu leth a chaidh seachad, dhfhuiling am fear-deasachaidh moran tinneas, agus cha robh MAC-TALLA, air an aobhar sin, cho riaghailteach na thighinn a machs bu mhiann leinn. Ach tha fhios againn nach bi an luchd-gabhail gar n-agairt air-son ni nach gabh seachnadh.

ATIGHINN DO SHIDNITha an t-Urr. Clarence Mac-Fhionghain atighinn do Shidni. Aig coinneamh Cléire ann a Halifacs, Di-luain sa chaidh, ghabh e an gairm a chuireadh uige le coithional St. Andrews, agus bidh e air a shuidheachadhsan eaglais sin toiseach an ath mhios. Bha dlùth air seachd ceud gu leth ainm ris a ghairm. Bainmean luchd-comanachaidh corr is tri cheud gu leth dhiubh sin.



[5]

[Vol . 11. No. 1. p. 5]

An Dilleachdan Bochd.

(Air a leantuinn o thaobh 6.)

adh agus ath-leasachadh. Bha am fear-ealaidh sin a chòmhnuidh ann am baile a bha beagan mhiltean air falbh, gidheadh chaidh an dilleachdan agus an fhidheall gun dàil da ionnsuidh. Air don fhear-ealaidh an fhidheall a thoirt as achéile, sheall e air an óganach, agus dhfheòraich e dheth, an robh dùil aige ris an fhidheall sin a reiceadh air son deagh luach? Air don oganach a bhi an duil gun robh i anabarrach daor air fein, cha dubhairt e diog. Bha duin’ -uasal a làthair aig an àm a thog clàran na fidhlen a làimh, a sheall gu géur orra fa leth, agus a thubhairt gun robh an t-inneal sin da rìreadh luachmhor. “Thà gun teagamh,” deir am fear-ealaidh; “is fhiach an fhidheall sin eadar ceithir agus cuig fichead pùnnd Sasunnach. Is i so te de na fidhlean as fearr a rinneadh ann an Cremóna, àireamh chéudan bliadhna air ais.” Cheartaicheadh gu curamach i, agus chunncas nach robh a leithid ach ainneamh ra fhaotuinn a thaobh gléusaidh agus fuinn. Rùnaich an dilleachdan an fhidheall a ghleidheadh air gach uile chor, agus bha a luchd-eòlais làn toilinntinn a thaobh na dòigh air an dfhuair e gréim oirre. Cha bfhad gus an do ruig an naigheachd mu luach na fidhle cluasan an duine ghràineil sin aig an robh i an toiseach. Bha e làn feirge agus farrainn air son mar a dhéirich dha, ach cha robh comus aige a bheul fhosgladh, a cheann gun do reic e i gu riaghailteach, ach air bheag cliù dha fein. Mar bha bliadhnaichean aruith thairis, bhan dilleachdan ag ath-leasachadh achuids achuid nadhréuchd. Mu dheireadh, ceart mar a bhan fhidheall aige gun choimeas air son feabhais, mar fear-ciùil. Bha e cliuiteach, measail, agus macanta. Dhfhàs e glé shaibhear, ach bha e truacanta, teo-chridheach, agus fialaidh le chuid don fhéumach. Cha bfhad gus an dfhàs an droch-dhuine sin a shàruich e naòige agus nabhochduinn, nachuspair truagh an éu-dochas. Bha e gun mheas aig a luchd-duthcha, agusna chùis-ghràine do gach inbh agus aois. Thuit a theaghlach sìos gu bochduinn agus truaighe, —agus is minic a dhiarr, agus a fhuair a shliochd luideagach deirce aig dorus fialaidh an dilleachdan mun daithriseadh an sgéul so.

SGIATHANACH.


Litir a Lag an t-Slocain.

FHIR-DEASACHAIDH, —Ma chì sibh iomchuidh an litir so a chur anns a MHAC-TALLAsin ri ràdh mas fhiach i àitfhaighinn nar pàipear gasdafeuchaidh mi ri facal no dha a chur ugaibh an dràsdas a rithist, ma bhios mi beò agus air a chothrom.

Anns a cheud dol a mach faodaidh mi a ràdh gu bheil MAC-TALLA a còrdadh rium anabarrach math, leis gach sgeulachd is òran gasda a tha sibh a cur ann gach darnacha seachdain. Cha chreid mi fhìn gu bheil en comas do neach sam bith coire fhaotainn dha, o thoiseach gu deireadh na bliadhna. Tha naSgeulachdan Arabianachair an sgriobhadh ann an rogha is tagha na Gàilig; agus chaneilIain Mór nan Ord” —an diùlannach treun, is besan sin! —dad air deireadh. ’S ann aigGleann-a- Bhàirdfhéin a tha an gnothuch ris na h-òrain. Tha mi glé chinnteach gur iomadh òran Gàilig a bhiodh air a chall gu buileach mur be saothair an duine ghasda so.

Tha MAC-TALLA a nisedol naaona-bliadhna-deug, agus chan fhaca mi litir ann anns an ùine sin bhon àite so. Air an aobhar sin smaoinich mi nach biodh e as an rathad dhomhsa facal no dha a chur uige. Bhithinn air litir a sgriobhadh o chionn fada mur be gun robh mi gafhàgail aig sgriobhadairean eile, a tha moran nas comasaiche na tha mise air Gàilig a sgriobhadh. Agus a rithist, ’nuair a tha an aois, leis gach trioblaid a tha nalorg, a tighinn air mnaoi bhochd mar a tha mise, cha chuir e ioghnadh sam bith oirbh cho fadasa bha mi gun sgriobhadh ugaibh. Is fìrinneach briathran a bhàird:

Cha ghluais mi ach mall,
Agus cuaill ann a mlaimh,
Dol mun cuairt air gach allt is féithe.”

Is iomadh atharrachadh a thàinig air MAC-TALLA on lathadhfhosgail eshùilean ann an tìr nam beò. Nach mor an t-atharrachadh a thainig air anns na deich bliadhna a chaidh seachad? Aguss e mo ghuidhe fhìn agus guidhe gach bana-Ghàidheil, gu bheil iomadh bliadhna sona, soirbheachail air thoiseach air. Anns a bhaile far an drugadh MAC-TALLA tha iomadh atharrachadh air tighinn. Tha obair-iaruinn ann nacheil a leithid ach ainneamh ri fhaicinn ann an cearna sam bith dhen t-saoghalni a tha air moran sluaigh a thoirt don àite sin. Tha mi an dòchas gu bheil iomadh Gàidheal nam measg a bhios nan cuideachadh mor don phaipear Ghàiliglen cinn, lem pinns len sporan.”

Tha mi ag ionndrainn nacheil mi a faicinn litrichean anns aMHAC-TALLA nas trice as a Ghàidhealtachd. Chaneil sinn a cluinntinn guth no iomradh bhoBhodachan aGhàraidhagus bhoIainagus sgriobhadairean eile a bhiodh a cur litrichean pongail gaionnsuidh. Tha mi an dòchas, on a thàinig crìoch air a chogadh, gum faic sinn litrichean nas trice as aGhàidhealtachd.

Tha mise gle eòlach air bana-charaid dhomh a tha cho làn de sgeulachdan aits de dhàin aighearachsa tha an t-ubh dhan bhiadh. Feumaidh mi taghal oirre feuch am faigh mi fear no dha bhuaipe, sin ri ràdh ma bhios saod math oirre. Tha e a cur ioghnadh gun chiall oirre nacheilMac Uisdeana cur tuilleadh de phuirt-a- beul ugaibh. Agus on a thainig mi seachad air na puirt-a- beul faodaidh mi a ràdh gun cuala mi fhìn port no dha aice gan gabhail a fhreagradh glé mhath air do leughadairean.

Tha an litir so fada gu leòr. Tha mi an dòchas gum faigh sibh oisinn dhith anns a MHAC-TALLA. Is mi bhur caraid dìleas,

PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slòcain.


Naigheachdan.

AN CORP AIR FHAOTAINNFhuaireadh air an t-seachduin sa chaidh, corp na mnatha aosda a dhfhàg a dachaidh am Margaree, mu dha mhios air ais. Bha i taobh anns nach robhas an toiseach ag amharc air a son idir, air falbh on rathad-mhor suas a bheinn. Tha a bás muladach a cur mulaid air muinntir na sgìreachd air fad, oir bha i namnaoi gle mheasail.

STRITH CHOSDAILTha strith mhor adol air adhart anns na Staidean o chionn còrr is da mhios, eadar sealbhadairean nam mèinnean-guail agus an luchd-obrach. Than luchd-obrach ag iarraidh leasachadh tuarasdail, agus nuair nach dthugadh dhaibh e, sheas iad a mach o obair. Tha iad mar sin o chionn naodh seachduinean, agus tha gach taobh cho rags gu bheil iad fhathast mar a bha iad atòiseachadh. Tha na sealbhadairean acur rompa buaidh a thoirt air an luchd-obrach, agus cha striochd iadsan gus an fheudar dhaibh leis an acras. Chuir an t-strìth so a cheana call mor orrasan a tha innte agus air muinntir na dùthcha, —call a tha daoine breathnachail ameas aig coig millein fichead dolair. Aig an ruith sin, ’s ann mar is luaithe thig crioch oirre is fhearr. Chan eil na mèinneadairean afaotainn ach tuarasdail gle bheag air son an cosnaidh tuarasdail a bhiodh air am meas gle shuarach ann an meinnean Ceap Breatunn.

CUISEAN AN ONTARIOTha riaghladh an Rosaich, an Ontario, air clach-au-turamain. Chan eil aige nise aca aon a bharrachd air naConservatives ,agus aon àite-suidhe falamh a bhios gun teagamh air a lionadh leLiberal .Cha urrainn dha gnothuch riaghlaidh a dheanamh le àireamh cho beag sin, aguss i chùis as coltaiche gu feum taghadh eile bhi ann romh dheireadh na bliadhna. Tha an Rosach fhéin aig an àm so thall ann an Sasuinn far an deach e gu bhi làthair aig crùnadh an righ.

BAS MULADACH PAISDEDi-dòmhnaich sa chaidh chaochail pàisde nighinn, aois choig bliadhna, le Donnachadh Friseil air Victoria Road, le losgadh a fhuair i mu dheich latha roimhe sin. Bha i cluich air cùl an taighe, far an robh teine beag air fhadadh air son sliseagan is maidean a bhatar acruinneachadh a losgadh. Rinn an teine greim air a h-aodach, agus nuair a ruith i staigh gumàthair bha i air a cuartachadh le lasraichean. Chaochail i an deigh cràdh uamhasach fhulang fad dheich latha.

SAMHRADH FIONNAR, FUARTha an samhradh gu ruige so neo-chumanta fuar. Cha dainig fhathast ach dha no tri làithean anns an robh a bheag de theas, agus thabhuil sin air gach ni a tha fàs; tha iad fad air deireadh air mar a bàbhaist. Tha daoine beachdail am barail nach bi moran teas againn anns an dùthaich so am bliadhna; gu bheil teas an t-samhraidh daonnan aco-fhreagairt ri fuachd agheamhraidh, agus abhliadhna nach bi an geamhradh fuar nach bi an samhradh teth. Ma thabharail sin ceart, cha mhor teas a thig air an t-samhradh so, oir bfhior bheagan fuachd a thainigsa gheamhradh.

FEUMACH AIR DROCHAIDTha Caolas Chanso gle fheumach air an drochaid a thatar acur mu dheidhinn a chur thairis air. Tha na bàtaichean-aiseig ris am bheil an rathad-iaruinns luchd-siubhail, gle mhi-chinnteach. Tha an Scotia, am bàtùr a chosg leth millein dolair, na laidhe aig Mulgrave gun choltas feuma sam bith oirre. Agus chan ainneamh leis an t-seann bhàta dhol air grunnd no a dhol cearr an dòigh eile air chors gum bi fadal is maille mhor air a chur air luchd-turuis. Chan eil ni as fhearr nan drochaid nan rachadh a togails gun gabhadh i deanamh làidir, cinnteach. Bhiodh i air aon de na drochaidean bu mhotha bhiodh air an t-saoghal. Chosgadh i mu choig millein dolair.

ACHUIRT MHORTha chùirt mhor nasuidhe anns abhaile o chionn tri seachduinean. Bha àireamh mhor de phriosanaich rim feuchainn, agus cha dfhuaireadh dhionnsuidh nan càsan siobhalta gu toiseach na seachduin so. Fhuair Iain Brown fichead latha priosain. Bha a pheanas air aotromachadh a chionn e bhi tinn, agus a reir coltais abàsachadh. Fhuair fear Iain Mac Neill, air son losgadh air duine, ceithir miosan priosain; Donnachadh Steele, air son meairle, tri bliadhnasan taigh-obrach; agus Iain Mac Gillfhaollain, air son maidecheangail ris an rathad-iarunn, coig bliadhna. Chaidh Adam Bayley, a bha air fheuchainn air son moirt, a shaoradh leis anJuryach tha e ri bhi air fheuchainn air son ciont eile aig cùirt October.

SGEULA MULADACH A MABOUMaduinn Di-màirt sa chaidh bha Iain MacKeen, am Mabou, air a chur gu bàs air dòigh uamhasachair a tholladh le tarbhs air a ghrad mharbhadh air fhearann fein. Bha am beathach roimhe sin ciallach gu leor, gun chrosdachd sam bith a nochdadh riamh, agus chan eil fhios ciod a ghluais e aig an àm ud. Bha an corp air a reubadhs air a bhruthadh gu dona. Bha Mr MacKeen leth-cheud is naodh bliadhna dhaois, agus dhfhàg e bantrach is dithis chloinne. Tha a mhac, a bhan Africa mu dheas mar shaighdear, aig an àm so air a thurus dhachaidh. Bu bhràthair Mr MacKeen don t-Senator ann aHalifacs, agus don Dotair an Glace Bay; tha bràthair eile dha, Lewis, ann am Mabou. Bha eòlas farsuinn air, agus bha meas air far an robh eòlas air. Bidh ionndrainn mhor air an siorrachd Inbhirnis.


Posadh.

Aig Mulgrave, Iun an 26mh latha, leis an Urr. Iain Mac-an-Tòisich, Domhnull Mac-an-Tòisich agus Seònaid I. Nic-Griogair, le chéilemhuinntir Malagawatch.



[6]

[Vol . 11. No. 1. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 3.)

Dhearbh so nach robh cairdeas sam bith aig an draoidh ri Aladin, ach gur e bhann am fior mhealltair. Tha moran de mhuinntir Africa a cleachdadh draoidheachd. Bhan duine so o oige ris an droch obair so, agus air dha tighinn gu aird anabarrach anns gach eolas a bhuineadh do dhraoidheachd fhuair e mach gun robh cruisgean iongantach anns an t-saoghal a bheireadh dha, nam faigheadh e greim air, barrachd cumhachd agus saoibhreis air na bhaig an righ bu chumhachdaiche a bha riamh air an t-saoghal. Fhuair e mach mar an ceudna leis a cheart innleachd gur ann am meadhon Shina a bhan cruisgean, agus gach ni mu na seomraichean fon talamh air an dthugadh iomradh mar tha. Be so a thug air a dhol air an astar mhor air an deachaidh e. Ged a bha fios aige air a cheart aite anns an robhn cruisgean, cha robh e ceadaichte dha fhein aon chuid a dhol sios don uaimhe, non cruisgean a thoirt leis. Dhfheumadh efhaotainn a laimh duine eile. Bann a chum greim fhaotainn air achruisgein da fhein a chuir e eolas air Aladin. Thug en aire nach robh ann an Aladin ach balach gun smachd nach deanadh moran math gu brath, agus shuidhich e gun tugadh air a dhol don uaimhe air thoir achruisgein, agus cho luaths a gheibheadh ena laimh e bha e suidhichte air Aladin a thiodhlacadh beo a chum nach innseadh e do neach fon ghrein ni sam bith mun doigh anns an dfhuair e an cruisgean.

(Ri leantuinn).


An Dilleachdan Bochd.

(Leabhar na Ceilidh.)

AN uair a bha miam ghiullan beag, aruiths aleumadh mun cuairt, ris gach mireadh agus cluich, agus saor o gach cùram, is iomadh deagh chomhairle a thugadh dhomh o mo sheanair fein, a bhan a duine ionraic agus glic, air an robh eagal an Tighearna. Cha do chaill e aon chothrom gun a bhisparradh air minntinn oirdheirceas oibre Dhé, agus mìorbhuileachd an fhreasdail sin a tariaghlaidh os ar ceann. Bha edeanamh gach strithn a chomas chum beachd cheart agus freagarrach a thoirt domh air caoimhneas agus cùram an Ti bheannaichte sin a tastiùradh na cruitheachd le cumhachd agus le gliocas neo-chriochnaichte; agus thug e dhomh iomadh samhladh agus eiseimpleir am measg chùisean an t-saoghail, chum minntinn fein a lionadh le h-ùmhlachd da thaobh-san a thabuileachadh shochairean gun aireamh air na h uile. An sin, dhaithris e dhomh gu sonraichte aon sgéul beag nach di-chuimhnich mi gu bràth. Bhan sgéul sin mu dhilleachdan òg a bha comharraichte a thaobh na h-aoise aige, air son an eólais a fhuair e air ceòl. Bha tuathanach àraidhs achoimhearsnachd aig an robh dithis mhac, air an do bhuilich e deagh fhòghlum, le bhig an cumail gu riaghailteachsan sgoil. An déigh aireimh bhliadhnaichean a dhol seachad chaochail an athair, agus shuidhicheadh am mac a bòiges an tuathanachas an àite athar fein, agus thug am mac bu shine na h-Innsean air a dhiarraidh an fhortain. Air fearann an tuathanaich so bha duine bochd a chòmhnuidh ann am bothan beag, suarach, maille ra mhnaoi, dan robh mòr-spéis aige, agus aon bhallachan mic, a bha mar dheò-greine aig a pharantaibh fein. Cha robh e cuig bliadhna a dhaois an uair a sguabadh air falbhathair agus a mhathair ann an aon , le droch fhiabhrus a bhas an àite. Uime sin dhfhàgadh am brogachan bochdn a dhilleachdan truagh, aonaranach, gun charaid agus gun chuideachadhs an t-saoghal! Air da, mar so, a bhi gu tur gun chàirdean agus gun luchd-dàimh anns an t-saoghal, gheall an tuathanach duais shonraichte do sheann mhnaois achoimhearsnachd, air chùmhnant gun ghbhadh i cùram dheth le thoirt gu bhi maille rithe fein. Ann am beagan bhliadhnaichean an deigh sin, chaidh an seann bhoirionnach so, air an robh an giullan ag amharc mar mhàthair, air slighe nan uile bheò, agus thilgeadh a rìs air an t-saoghal en a óganach a bha meuranta agus dìblidhn a phearsa. An sin, ghabh tuathanachs achoimhearsnachd truas ris, agus ghabh e a stigh da theaghlach e, chum cuideachadh a dheanamh riss abhuachailleachd. Nochd an t-òganach gun robh spéis gun choimeas aige don cheòl, agus is minic a sheas iadsan a bhagabhail na slighe a dhéisdeachd ris acluicheachd air fidhill gle mhi-shnasmhor a rinneadh leis fein. Bu tearc iad rim faotuinn a bheireadh barrachd air ann an cluicheadh achiùil sin a chleachdadhs an dùthaich. Air àraidh thàinig an tuathanach sin an rathad, aig an robh aghabhail-fhearainn air an dfhuair pàrantan an òganaich am bàs, agus bha iongantas mòr air an uair a chual e feabhas achluich aige. Stad e re tamuill ag éisdeachd ris, agus bha toilinntinn nach bu bheag air an ám dha bhig éisdeachd ris. Thug e an sin cuireadh càirdeil dha dol dhionnsuidh a thighe, agus gheall e gun dthugadh e dha fidheall, a bhiodh na bfhéarr nan gharbh sin a rinn e leis an sgithinn aige fein. Cha be ruith ach leum leis an òganach, gus an drainig e tigh an tuathanaich. An sin chaidh an tuathanach gun dàil dhionnsuidh àmraidh ann an cùil dhuirchs an fhàrdaich aige, far an robh treallaich agus greadhchail dhe gach gnè air an druideadh suas air feadh achéile, agus rinn e gréim air seann chobhan anns an robh fidheall air a comhdachadh le dus agus smùir a thionail i nam bliadhnaichean a laidh i gun charachadhs achobhan sin. Thug e mach an fhidheall, ach bha i gun drochaid, gun téud, gun iuchar, agus atuiteam as achéile a dheasbhuidh glaoidh. Bhuineadh i an toiseach do bhràthair an tuathanaich a chaidh do na h-Innsibh. Bha saor anns abhaile a cheangal an fhidheall le deagh ghlaodh. An sin, fhuaireadh teudan, drochaid, cnagan, agus gach ni eile a bhadhith air an fhidhill. An uair a rinneadh mar so deas i thugadh i don dilleachdan aoibhneach, agus ghrad-thug e an t-slighe dhachaidh air le mòr ghairdeachas. Ceithir no cuig de bhliadhnaichean an deigh sin, dhéirich aimhreit eadar bràthair an tuathanaich agus a mhàighstirean anns na h-Innsibh; agus thàinig e nall thar chuan gu dùthaich abhreith. Bha en a dhuine aig an robh droch ghiùlan, agus droch chridhe. Chan e mhàin gun robh e misgeach agus ana-measarran a chaithe-beatha, ach bha e mar an céudna, ro àrdanach, uaibhreach, agus struidheiln a nàdur, agus chaill e deagh-ghean a bhràthar, agus gach neach eilesan àite, a bhiodh ealamh air càirdeas a nochdadh dha, mar urram da athar fein, dan robh mòr-spéis aig a luchd-éolais uiles an àite. Bha e stéidhichte air réiteachadh a dheanamh a thaobh codach athar fein, agus thug e a bhràthair air aghaidh gu cùnntas a thoirt seachad air gach ni a dhfhàgadh le athair, adeanamh mach, do bhrìgh gum besan fein am bràthair bu shine gum buineadh gach eairneis, agus gach ni eile da fein. Bhuin e ra bhràthair cho mi-nadurra, cruaidh-chridheach, agus ain-ìochdmhor, ’s gun déirich a luchd-eolais mar aon duinen a aghaidh. Ann an ùine ghèarr dhullaich e tigh dha fein, agus phòs e òinseach mhisgeach bhoirionnach cosmhuil ris fein. Chuir e a bhràthair gu lagh air son airgid, àirneis, agus nithe gun àireamh eile, air an robh etagradh còir mar oighre dligheachathar fein. Am measg gach treallaich eile dhainmich e an t-seann fhidheall, agus dhiarr e a faotainn. Thubhairt a bhràthair ris, air don fhidhill a bhin a cungaidh gun fheums an tigh, gun dthug e seachad i do dhilleachdan bochd chum gun ionnsuicheadh e a cluicheadh. Las e ann an dian chorruich an aghaidh a bhràthar, ghrad-chuir e fios air an dilleachdan, agus labhair e ris anns achainnt bu mhiosa a burrainn a theangadh a chur an céill, a cheann gun do ghabh e an fhidheall obhràthair. Air don dilleachdan thruagh a bhi air chrith leis an eagal, labhair e ris gu sìobhalta, ciùin, modhail, agus thubhairt e, “A dhuin-uasail, tha mig iarraidh mathanais, ach chaneil enam chomas ath-dhioladhs am bith a dheanamh ach an fhidheall a thoirt air a h-ais a ris na dionnsuidh.” “An fhidheall a thoirt air a h-ais a ris! an e a thubhairt thu?” fhreagair am fiadh-dhuine le corruich alasadh naghnùis,— “a thoirt air a h-ais a ris! A chrochaire bhig, am bheil dùil agad gun truaillinn-sa mo mheòir le inneal a laimhseachadh a bha cho fada asuathadh ri dluideagaibh salach, breun-sa? Cha truaill ri mbheò. Gleidh an fhidheall, a bhulgain shuaraich, ach ioc dhòmhsa cuig puinnd Shasunnach an taobh a stigh de thri làithean mar luach na fidhle, agus mur dean thu sin, bheir mi òrdugh seachad do thilgeadhsa phriosan.” Chuir an dilleachdan bochd an céill le sùilibh deurach nach robh cuig sgillinn Shasunnach dhen t-saoghal aige, agus uime sin, nach robh e nachomas sin a dheanamh. Ach bhan duine cruaidh-chridheach do-lùbaidh nabhagradh, agus sgiùrs e le feirg am ballachan air falbh, ag éigheach nadhéigh mur aontaicheadh e ris achùmhnant a thug e seachad, gum biodh na maoir gun dàilna lorg. Dhfhalbh an t-òganach gu tùirseach, brònach, agus agal gu frasach air an t-slighe. An uair a bha edlùthachadh ra dhachaidh, chomhlaich e bean-uasal a dhfheòraich dheth gu caoimhneil, ciod a bhacur air? Cha bfhad gus an dchuir e an céill a sgeul cianail fein o thùs gu céis. Dhéisd a bhantighearna cheanalta ris, le cridhe làn truais agus deagh-ghean, agus thubhairt i ris; “Glac misneach, a bhallachain bhochd, glac misneach, agus taghail ormsa am màireach, aig meadhon-, agus bheir mi luach na fidhle dhuit. An sin, bithidh i leat fein, mar do chuid dhligheach fein tuilleadh an déigh so.” Ghrad-thionndaidheadh dubh-bhròn an òganach gu ceòl agus aoibhneas, —chaidh e mar a dhiarradh air, —fhuair e na cuig puinnd Shasunnach, —chaidh e nadheann-ruith dhionnsuidh an duine fhiadhaich sin a shàruich cho searbh e, agus thilg e an t-airgiod air a bheulaobh. “A nis, ’òganaich gun nàire gun mhodh, teagaisgidh sin do dhleasanas dhuit an déigh so. Is leamsa, a nis, an t-airgiod, is leatsa an fhidheall, ’us thoir do chasan as gu luath, as mo shealladh.” Bhan dilleachdan a rìs na bhrogach sona. Chuala gach àrd agus iosals an dùthaich mar a bhuineadh ris, agus dhùisg a chàramh co’ -fhulangas nan uile da thaobh. Ghabh aon duin’ -uasal araidh tlachd cho mòr dheth, ’s gun do chuir e e dhionnsuidh fir-chiùil ainmeils abhaile-mhòr chum gum faigheadh e fòghlum uaith anns acheòl. Thainig e air aghart cho bras ann an eòlas achiùil, ’s gun do chuir e iongantas airsan a bha gatheagasg. Ach an déigh beagan ùine, chunncas freagarrach an fhidheall dhaor aige a ghlanadh, agus a chur ceart, agus chum na criche sin, thugadh achomhairle air an òganach dol leatha dhionnsuidh fir-ealaidh a bha ainmeil air son innealan-ciùil a cheartach-

(Air a leantuinn air taobh 5.)



[7]

[Vol . 11. No. 1. p. 7]

Thogainn Fonn air Lorg an Fheidh

LUINNEAG.
Bheir mi air mora ,
Ithill ó air mora ;
Bheir mi air mora ,
Thogainn fonn air lorg an fhéidh.

S miann le breac a bhithn sruth cas,
S miann le boc bhithn doire dlùth,
S miann le eilid bhithm beinn àird,
S miann le sealgair falbh le chù.

Cha mhiann bodaich mo mhiann fein,
Cha mhiann leis éirigh ach mall;
Cha lùb gruagach og nasgéith,
Tàirnidh e leis fein an t-srann.

Nithean sin dan dug mi spéis,
Is bu mhiann leam féin bhithm choir,
Gunna glaice air dheagh ghleus
Dhol don bheinn, agus bean og.

Be mo mhiann bhith siubhal bheann,
Osan teann a bhith mu mchois,
Brogan iall is gunna cruaidh,
Eilid ruadh is mudos.

Be mo mhiann ri latha fuar,
Dìreadh suas ri aonach cas,
Nuair a chithinn mac an fhéidh,
Coin air éills gan leigeil as.

Nithean sin dan dug mi fuath:—
Do mhnaoi luaiths do chù bhiodh mall,
Do shean daoine nach biodh glic,
S do mhnaoi bhig nach beireadh clann.

Caora chaoile nach tog uan,
Gobhar chruaidh aig nach bi meann,
Is sean mhart gun laogh, gun bhliochd,
Bfhearr leam bhuam iad sud na leam.

Ged fhaighinn bean a chinn bhàin,
Air mo làimh bu bheag mo spéis;
S mor gum bfhearr leam a bhean donn
Bheireadh trom ghaol dhomh le céill.

Nighean Uilleim anns a ghleann
Bean a bannsa leam fon ghréin;
S nam biodh Uilleam ann am Blàr
Gheibhinn-sa mo ghràdh dhomh féin.

Mo cheist air bean a chinn duinn,
S docha leam in diugh nan ;
Mheuds a chuala mi decainnt,
Gur h-i bannsa leam fon ghréin.


Tha cuid ag radh gur h-e Para Mor Caimbeul a rinn an t-oran so, agus gun teagamh sam bith tha e coltach riobair. Bha Para Mor nabhàrd math, mar a chithear o fhear dechuid oran a tha ann am Mactalla nan Tur. Fhuair mi an seathamh ceathramh bho sheana mhnaoi sa bhliadhna 1876, agus tha e làn chinnteach gun dionnsaich ise e cho trath ris a bhliadhna 1812. Mur a freagair na facailnach beireadh clannann an làthair nan uaislean modhail, firinneach, onarach, neo-fhéineil a tha ann an diugh faodar an atharrach gu aig nach biodh clann. Ann an ceàrnachaibhsa bheil e cleachdte a bhithg altrum cloinne air an t-slios faodar an t-sreath mu dheireadhfhàgail mar so, Is do shlios nach altruim clann. So mar a gheibhear an ceathramh uile ann an leabhraichean:—

S nithean sin don dug mi fuath,
Bean luath is mall,
Oighre fearainn gun bhith glic,
Agus slios nach altruim clann.

Than darna sreath tuilleadh is goirid. Air son na tha de dh-fhios agamsa faodaidh na sreathan eile a bhith mar a chaidh an deanamh. SEAMRAG.


Slan le Gleanndaruail.

Rinneadh an t-oran so anns a bhliadhna 1837 do dhoganach a mhuinntir aGhlinne a bha dol do dh-Australia, le Iain Mac-na-Ceardadh. Dheug Mac-na-Ceardadh ann an Eilean aPhrionnsa.

Slàn le beanntan an fhraoich
Dhosach, ghucagach, chaoin,—
Badan suaicheantais dheadh Chloinn-Domhuill,—
Le shugh meala is céir,
Is gan sàsachdheth fein le sogh;
S a toirt fasgaidh ri fuachd
Do chaoraichs do dh-uain,
S do na cearcagan ruadh an lon.

S le Gleanndaruail mo chridh’,
Rìgh gach gleann thasan tir!
Far an dàraicheadh mi bho moig
Gleann nan coillteans nan raon,
Gleann nan glacags nan craobh,
Gleann nan aighean, nan laoigh, ’s nam bo;
Gleann nam bradan, ’s nan grìs,
Gleann nan cama-lùba mìn,
Gleann is pailtesan cinn gach por!

Far am binne na h-eoin,
Far an grinne na h-oighn,
S iad gu ceileireach, ceolmhor, coir;
Modhail, beusach, gun ghruaim,
Teisteil, cùirteil, grinn, suairc’,
Tuigseach, foghluimte, stuaim, gun phrois;
Dreachail, meachair, gun mheang,
Ann am pearsasan cainnt,
S iad deas, rosail, gun sgraing, gun sgleo.

As na fleasgaich is àill’,
Foinnidh, fearail, làn bàigh,
Uasal, smiorail, air sràids aig mod;
S iad àrd-inntinneach, dian;
S anns an tir am mor miadh
S iad a sheasamh gun fhiamh achoir!
Rachadh foirmeil gu strith,
Bheireadh naimhdean fo chis,
Is nach géilleadh gu siorruidh beo.

Mun cuir gleanntan man cuairt
Dhiubh cranndachd an fhuachd,
Bidh Gleanndaruail nam buadh naghloir;
Bidh chraobh-ubhal fo bhlàth,
Bidh an duilleach aigfhàs,
S ceileir cuthaig an sgàth nam frog;
S Mac-Gilleain lephiob,
N àm na gréin bhidol sìos,
Atoirt fuaim as an tìr lecheòl.

Achaidh-teangain an àigh,
Soraidh slan leat gu bràth!
S leis gach neach a thatàmh air dfhoid;
Slàn le cuideachd mo ghràidh,
Slàn le mathairs le mmhàthir,
Slàn le mpheathraichean bàigheil, òg;
Slàn le mbhràithrean gu léir,
Slàn le mchàirdeans luchd-spéis,
Slàn le uiseag nan speurs a ceòl!

S eiginn dòmh-sa nis triall,
Dh-fhàgail dùthaich nan triath,
Nam filidh nan cliars nan seòid;
Na h-earba, ’s an fhéidh,
Agus iolair nan speur,
Na h-eala, nam peuc, is nan còrr;
Nan sìthean, ’s nan cruach,
Is nan dùn, is nam bruach,
Nan doire, nan cluan, is nan cos.

Ged than dùthch so lan bhuadh,
S iomadh diombtha rithfuaight’ ,—
Cha chum ceileir na cuaich rium lon,—
Tha na fearainn ro dhaor,
Is na tuarasdail saor,
S chaneil farraid air saothair dhaoinog;
Ach tha siùil ris an long
Tha gu maiseag thar thonn,
Gu Australia, fonn an fheoir.


Sud mar Chaidh an Cal a Dholaidh

Sud mar chaidh an càl a dholaidh,
Laidh amhin air màs achoire;
Sud mar chaidh an càl a dholaidh,
Air na bodaich Ghallda.

Air dhuinn greis air gabhail oran,
S tacan eilair sgeulan gorach,
Chuir Rob Cam a phiob an ordugh,
S thoisich cuid ri dannsadh.

Stigh oirnn thainig bean-an-taighe
Leis gach a bha aig baile,
Nighean og is seana chaillich,
S iad atogradh dannsadh.

Rug MacRaing air bhig chlannaich,
Ghabh mi féin rium bean-an-tighe,
S am prioba sùl bha an achlais
H-uile fear a bhann dinn.

S ann an sin bhan scraighlich shunndach
Cur nan car dhinn air an ùrlar,
Feadan piob aspreigeadh sùrd oirnn
S dosan mora dranndan.

Nuair bhan ùpraid dolna déinead,
S caiteang éirigh air na déilean,
Rainig fear-an-taighe fhéin
Le buidhinn bhodaich Ghallda.

Leithid a dhothail shios an staidhir,
Iadsan direach bhar an fhaidhir,
Gairm gu crosda air na mnathan,
S buamhasach an greann orra.

Air an claoidh le sgios is acras,
Fad an latha gun dad aca,
Bolc an ni air tighinn dhachaidh
N càl a bhi air chall daibh.

Throd am fear rimhnaoi gu sgraingeil,
Fhreagair ise cheart cho searbh ris,
“ ’Bhodaich mhùgaich cum do theanga
S caisg air ball do dhranndan.

“ ’S beag orm thu, a bhodaich ghrànnda,
Seach bhi cleasachd measg nan Gàidheal,
Ceol na pioba, cainnt na Gàidhlig!
Siod iad riamh a bannsleam!”

Sud mar chaidh an càl a dholaidh,
So mar chaidh an càl a dholaidh,
Laidh amhin air màs achoire
S bean-an-taighedannsadh.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duinainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.

A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.

A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.

A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.



[8]

[Vol . 11. No. 1. p. 8]

Oran

A rinneadh air Iain Mac-Colasa bhliadhna 1828, leis an Dotair Mac-Lachainn an Ra-thuaidhe.

Is ann than cridhe spiocach
Nad chliabh a steach, ho raithill ó.
A chòtain duibh, o hao-ill-ein,
S a thriùsair ghlas, ho raithill ó.

Tha taodann mar am miaran,
A bhlianach bhreac, ho raithill ó.

S en t-or a bhasan laoicinn
Chuir daoine as, ho raithill ó.

S e or na seiche ruaidhe
Bha bhuait mar mhath, ho raithill ó.

Nan cailleadh tu chlach-bhuadhach
Bhiodh tuain gle thearc, ho raithill ó.

Nam faighteadh air an tràigh thu
An àite staimh, ho raithill ó,

Gum bitheadh fear no dha ann
A ghàireadhmach, ho raithill ó.

Mo mhallachd fein thar chàcha
Ri d bhith leat, ho raithill ó.

An uair a thig an t-eug ort
S leam féin gur math, ho raithill ó.

N sin cuiridh sinn air déilthu
Le dléine bhric, ho raithill o.

Is togaidh sinn air comhlthu,
Is comhlan leat, ho raithill o.

Bheir sinn dhuit togail uallach
Air guaillibh fhear, ho raithill o.

Bheir sinn thuChille-Chòmhain
An comhr do chas, ho raithill o,

Is cuiridh sinnsan uaigh thu
Schlach-bhuadhach leat, ho raithill o.

Cha bhith ann gal nam pàisdean
No gàirich bhan, ho raithill o.

Cha bhith ann bantraichs truaghain
A bualadh bhas, ho raithill o.

An uair théid spaid den ùir ort
Bidhn dùthaich glan, ho raithill o.

Cha déid dad eilair tuachdar
Ach buarach mairt, ho raithill o.

A chaoidh cha chinn an neoinein
Nom feoirnein ort, ho raithill o.

S cha mho a bhios an t-sobhrach
A choir do lic, ho raithill o.

Cha chinn ach foghnains deanntag
Bho dchnaimhnic ghlais, ho raithill o.


Bhiodh an t-oran so uamhasach nan robh Mac-Cola marbh, ach bha e beo, agus bha Mac-Lachainn ag iarraidh a thoirt gu aithreachas. Ma bham bàrd a dol a chur buachar mairt air an uaigh aiges coir dhuinn a chumail nar cuimhne gur h-ann air togail is a creic mhart a rinn Mac-Cola a chuid airgid, agus gun do chuir e daoine, mnathan is clann an cuid chroitean gu crodh is caoirich a chur nan àite.

Rugadh Iain Mac-Cola ann an Aird-nam-murchannsa bhliadhna 1774. Fhuair e air adhart gu math anns an t-saoghal. Bha baile Mhioghairidh aige air mhàl, agus a bharrachd air a bhith nathuathanach cothromach bha e na dhrobhair soirbheasach. Bha e nadhuine onarach, agus bha moran meas aig sluagh air. Bhiodh e daonnan air a sgeadachadh gu math. Gle thric bhiodh cota dubh air, triùsair ghlas, agus ad bheabhair. ’S e Mac-Cola Liath an t-ainm bu trice a gheibheadh e bho shluagh. ’S es docha mar sin gun dfhàs e liath car tràth.

Bhuineadh Aird-nam-murchann, no co dhiu cuid den dùthaich, do Shir Alasdair Moraidh an Stanhope. ’Sa bhliadhna 1828 bhagair an t-uachdaran sin na croiteirean a bha am bailtean Sginid, Choire-Mhuilinn, Bhuarbhlaig, agus Thòrna mòna a chur air falbh. Bhiodh mu shia teaghlaichean fichead ann uile, agus bha iad beagan air dheireadh ann am pàigheadh a mhàil. Bha coinneamh air a cumail eadar iad fhein agus baillidh Shir Alasdair ann an Cille-Chòmhain. Bha fear Mhioghairidh, no Mac-Cola Liath aig a choinnimh. Thubhairt e ris na croitearan nach ruigeadh iad a leas eagal sam bith a bhith orra gun rachadh an cur air falbh. Gheall e dhaibh cuideachd gum bruidhneadh e-fhein ris a bhaillidh as an leith, agus gun deanadh e na burrainn e air an son. Bha coinneamh dhiomhair air a cumail eadar e-fheins am baillidh. Nuair a bha crioch air a choinnimh thainig am bàillidh am mach far an robh na croiteirean agus thubhairt e riutha gun dug e na ceithir bailtean air an robh iad a fuireach do Mhac-Cola air mhàl re naoidh bliadhna deug. Ged a bha meas aig na daoine air Mac-Cola roimhe so, thainig e an nis gu bhith na dhuine cho suarach ann an sealladh sluaighs a bhasan dùthaich. ’S olc an rud an sannt.

Cho luath is a fhuair Mac-Cola fearann nan coiteirean fo a laimh sgiurs e an sluagh air falbh. Bha bantrach bhochd ann am bothan suarach leatha fhein, agus dhfhairtlich air a cur am mach. Dhùin e a suas an dorus agus an uinneag le clachan, agus thubhairt e ris na daoine a bha comhla ris gum faodadh i an nis fuireach anns an taigh cho fad is a thogradh i. Air an ath latha chaidh e a dh-ionnsaigh an taighe, ann an dochas làidir gum biodh i ullamh gu tighinn am mach, agus gu falbh as an àite. Bha bhantrach beo, ach bha i as a ceann, agus dhfhuirich i mar sin gu latha a bàis. Fhuair Mac-Cola air falbh i, agus bha gach cùis an nis mar bu mhiann leis. Chaochail e air maduinn an naoidheamh latha de Novembersa bhliadhna 1843. Thiodhlaiceadh e an cladh Chille-Chòmhain.

Tha e air a ràdh nach dfhàs ni riamh air uaigh Mhic-Chola ach aon deanntag bhochd agus aon chluaran fann; ach cha dfhuirich aon den dithisd oirre ach ùine gle ghoirid; tha i natalamh dearg an diugh; co dhiu bha i mar sin bho chionn beagan bhliadhnachan. Thainig fàidheadaireachd an Dotair Mhic-Lachainn gu crìch.

Thug mise seachad eachdraidh Iain Mhic-Chola mar a fhuair mi i. Chan urrainn mi a dhearbhadh gu bheil gach facal di fior, agus chan fheil mi ag ràdh gu bheil; ach gus am faigh mi fiosrachadh nach h-fheil agam feumaidh mi leanachd ris a bheachd gun do thachair gach ni a dhainmich mi.

Rinn Iain Mac-Cola droch obair, ach bha iomadh duine eile anns a Ghaidhealtachd a rinn obair a cheart cho dona ris, agus bha cuid ann a rinn obair na bu mhiosa. Nach muladach an gnothach gum biodh daoine fo uachdarain. Cinnteach than t-àm aig Breatann air an fhearann a ghabhail na laimh fhein agus air a roinn am measg sluaigh a ni feum dheth. Chan fheil na h-uachdarain nan neart don dùthaich. Ge math féidh is crodh is caoirich is airgiod, is e saighdearan sgairteil, duineil moran as fhearr. Ach ciamar a theid saighdearan a thogail ann an dùthaich mur faigh sluagh fearann gu còmhnuidh a ghabhail air, agus fearann nach bi fo uachdarain. Tha saighdearan math againn an Canada, ach ma tha chan ann an cùiltibh, an toit, ’s an salchar nam bailtean móra a chaidh an àrach. Thogadh iad air fearann a bhuineadh dom pàrantan, agus air an robh uisge glan ag éirigh no a ruith agus gaoth fhallain a séideadh. Chan fheil cogaidhnean Bhreatainn seachad fhathasd. Chan fheil i cho laidir air a casans nach faod i tuiteam. Ma tha i glic roinneadh i a cuid fearainn air sluagh a ni feum dheth is a thogas suas clann a bhios modhail, measarra, foghainteach tùrail. Dona is mar a bha Mac-Cola cha robh e ach mar a cheadaich luchd-riaghlaidh Bhreatainn a bhith. SEAMRAG.


Is ann againne a gheibh thu na
Gloineachan Sula
as fhearr a fhreagras air do shuilean.

Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis anOPHTHALMOMETERa nasgaidh.

K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHN AR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 1
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla XI No. 1. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page