[Vol . 11. No. 10. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 14, 1902. No. 10.
An Comunn Gaidhealach.
BHA Mòd bliadhnail a’ chomuinn so air a chumail an Dundee air a’ chóigeamh la fichead de September. Bha Diùc Earraghàidheal air ceann a’ Mhòid, agus bha àireamh mhath cruinn á caochladh chearnan de ’n Ghàidhealtachd. Tha na paipeirean a’ toirt iomradh taitneach air a’ Mhòd so, agus ag ràdh gu ’n dug e bàrr air moran de na deich Mòid a bh’ ann roimhe. Bha cùnntas mor dhuaisean air an toirt seachad air-son seinn agus air-son sgriobhaidhean Gàilig, agus cha robh duais ann nach robh grunnan ga ’sireadh. Tha so na ’aobhar misnich, agus neartaichidh e ’n dòchas a th’ againn uile gu ’m bi an Comunn Gàidhealach ’s am Mòd na ’mheadhon air gràdh a’ Ghàidheil do chànain ’s do cheòl a dhùthcha a neartachadh, gus nach bi aon seach aon air an dearmad cho maslach ’s a bha iad roimhe so, ’s a tha iad eadhon gu ruige ’n t-àm so.
Faodaidh e bhith gu bheil sinn tuilleadh is fad air falbh, agus nach eil na gloineachan troimh ’m bheil sinn ag amharc cho math fradharc ’s a b’ fheairde sinn, ach tha sinn gu mor dhe ’n bharail nach eil iadsan a tha air ceann a’ Chomuinn Ghàidhealaich cho eudmhor do thaobh na Gàilig ’s bu chòir dhaibh a bhith, no ma tha, nach eil an eud air a dheagh stiùradh; na ’m bitheadh, shaoileamaid gu ’n gabhadh an sluagh gu h-iomlan barrachd pàirt anns na Mòid. Am measg nam feadhnach a choisinn duaisean am bliadhna bha àireamh a choisinn na duaisean ceudna o bhliadhna gu bliadhna o’n chaidh an ceud Mhòd a chumail, agus ma ’s beò dhaibh bidh iad ’san t-suidheachadh cheudna air an ath bhliadhna. Bha fichead duais air an toirt seachad am bliadhna air-son bàrdachd is ròsg Gàilig, agus thug deichnear leotha an t-iomlan. Saoilidh sinn gu bheil so a nochdadh nach eil na Gàidheil mar shluagh a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd. Ni eile tha nochdadh sin mar an ceudna, gu bheil moran dhiùsan a tha ’cosnadh dhuaisean air-son seinn nach eil comasach air bruidhinn ann an Gàilig, ach a tha ’g ionnsachadh nan òran mar phioghaidean, gun mhoran tuigs’ ac’ air ciod tha iad a’ seinn. Air tàille sin tha na h-aon òrain—iad sin a’s usa ’n ionnsachadh—air an seinn cho tric ’s gu bheil muinntir nach eil eòlach air ceòl na Gàidhealtachd an impis a bhi creidsinn nach eil de dh’ òrain Ghàilig ann a’s fhiach an seinn ach “Ho ro, mo nigh’n donn bhòidheach,” “Fear a’ bhàta,” agus aon no dha eile.
Bu chòir do na Gàidheil leasan a ghabhail bho na h-Eirionnaich mu ’n dòigh ’sam bheil iad a’ dol mu ath-bheothachadh an cainnt fein. Aig a Mhòd so chomhairlich an t-Ollamh Boyd, teachdaire bho ’n Chomunn Eirionnach, do na Gàidheil “gun iad a bhi ’cur an ìre dhaibh fein gu bheil an dleasnas coilionta nuair chuireas iad suas Deise Ghàidhealach, ach iad a thasgadh na Gàilig na ’n cridheachan, ’s i bhi daonnan air bhàrr na teang’ aca.” Tha muinntir na h-Eirinn a’ cur chomuinn air chois anns gach cearna dhe ’n dùthaich, mar sin a’ ruigheachd an t-sluaigh gu h-iomlan ’s a’ faotainn cothroim air am brosnachadh gu barrachd meas a ghabhail air an cainnt ’s gu meadhonan iomchuidh a chleachdadh a chum a cumail beò ’s a neartachadh. Tha iad a’ toirt fa-near, ma tha ’n t-seana chainnt ri ’cumail beò idir, gur iad an sluagh cumanta chumas beò i, agus ma theid i bàs na ’m measg-san gu ’m faigh i bàs gu tur. Ach air Gàidhealtachd na h-Alba, am feadh a tha moran gu dìleas agus gu dleasnach a’ saoithreachadh as leth cainnt an sinnsir, tha eagal oirnn gu bheil moran eile tha ’g altrum tuilleadh ’s a chòir de ’n spaglainn, muinntir a sgeadaicheas iad féin ann am féile-beag ’s am breacan ’s a theid gu bàl Gàidhealach no gu coinneamh aig am bi òraidean fileanta mu ’n Ghàilig air an labhairt ann am Beurla, agus an deigh sin a dheanamh a bhios làn chinnteach gur iad fein na gillean, ’s gu ’m bi ’Ghàilig suas am bruthach cho luath ’s a thig an ainmean a mach ’s na paipeirean-naigheachd.
Aon ni dh’ fhaodadh an Comunn Gàidhealach a dheanamh gach bliadhna, na sgriobhaidhean ròsg is bàrdachd a choisinn duaisean aig a’ Mhòd a chur an clò ’s a chraobh-sgaoileadh. Anns an dòigh sin bhiodh an comunn air a dhlùthachadh ris an t-sluagh aig nach bi cothrom am Mòd a fhrithealadh, agus choisneadh iad an deagh-rùn, ni bu mhath a b’ fhiach an t-saothair ’s am beagan cosdais a bhiodh na lorg a dheanamh.
Tha sinn an dòchas nach saoil neach sam bith gu bheil MAC-TALLA ’nochdadh naimhdeis do ’n Chomunn Ghàidhealach no a’ deanamh tàir air. Cha ’n eil idir. Tha aoibhneas oirnn a leithid de chomunn a bhi ann, ’s gu bheil tomhas math de shoirbheachadh leis; ach tha sinn a’ faicinn nach eil an soirbheachadh cho mor ’s a dh’ fhaodte dheanamh—gu ’n gabhadh e leasachadh ann an dòigh no dha—agus cha bu ghniomh càirdeil dhuinne sin fhaicinn is fuireach na ’r tosd. Mar tha ’n seanfhacal ag radh, “Is math an sgàthan sùil caraid.”
Na Doukhobors.
THA an sluagh so an dràsd a’ tarruing aire na dùthcha. Chaidh an toirt a nall á Ruisia o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, agus thugadh fearainn dhaibh ’san Iar-Thuath. Ann an Ruisia bha iad air an cumail fodha ’s air an geur-leanmhuinn gu h-an-iochdmhor, air chor ’s nach iongantach ged nach biodh iad ro-ullamh gu dòighean na dùthcha so ionnsachadh ’s a chur an cleachdadh, oir bha moran de na sochairean a bh’ air am buileachadh orra an so air an àicheadh dhaibh ’san dùthaich a dh’ fhàg iad. Tha iad na ’n daoine sìtheil, beusach, ’s na ’n deagh thuathanaich, agus cha robh coire sam bith ri fhaotainn dhaibh anns an Iar-Thuath fhad ’s a dh’ fhuirich iad ag àiteachadh nam fearann. Ach tha barailean neònach a’ faotainn àite na ’n cinn, agus o chionn ghoirid fhuair na barailean sin lamh-an-uachdar air cuid dhiù, agus tha iad aig an àm so a’ cur dragh nach beag air an Riaghladh. Dh’ fhalbh iad so na ’m buidhinn o’n dachaidhean, an deigh gach ainmhidh a bh’ aca leigeadh ma sgaoil, agus chuir iad an aghaidh air an àirde deas. Cha robh fhios aca càite ’n robh iad a’ dol, ach bha iad a’ creidsinn gu robh iad air an gluasad le spiorad o nèamh, agus gu robh obair mhor aca ri dheanamh an àit-eigin. Anns a’ cheud dol a mach cha do chuireadh na ’n aghaidh idir; chaidh maoir a chur na ’n cois do ’m bu dhleasnas fhaicinn nach fuilingeadh iad dìth no anastachd air tàille an amaideachd. Ach nuair thòisich reothadh is stoirmeannan a’ gheamhraidh, b’ fheudar atharrachadh dòigh a ghabhail dhaibh, agus d’ an ceart aindeoin an tilleadh dhachaidh. Aig àm sgrìobhaidh, cha ’n eil fhios dé tha na ’m beachd a dheanamh, fuireach aig an dachaidhean no falbh air turus eile. ’S e coibhneas is foighidinn a chleachdadh riutha an aon ni a’s fhearr agus a’s luaithe bheir orra suidheachadh. Cha deanadh a bhi cruaidh orra ach am brosnachadh gu tuilleadh oidhirpean dhe ’n t-seòrsa cheudna, agus o nach eil iad a’ deanamh cron no call air muinntir eile, ’s glice leigeil leis an ùbraid so dh’ éirich na ’m measg sìoladh as leatha féin.
Turus nam Boerach.
BHA mearachd bheag anns an iomradh ghoirid a thugadh ’san àireamh mu dheireadh air turus nam Boerach do thìr-mór na Roinn-Eòrpa. Cha d’ fhuair iad air tàille an turuis ach beagan a bharrachd air leth na suime a dh’ ainmicheadh. Fhuair iad gu léir mu choig ceud mìle dolair, ach bha còrr is leth sin air a chur cruinn am feadh a bha ’n cogadh a’ dol air adhart, air chor ’s nach robh aca air-son saothair an turuis so ach beagan a bharrachd air da cheud mìle dolair; ithidh cosdas an siubhail is nan coinneamhan a chum iad a chuid a’s motha dhe sin, agus cha bhi aca ri ’roinn air na Boerich an Africa mu dheas ach gann coig mile dolair! Tha so a’ toirt gu ’r cuimhne coinneamhan a bh’ aig Eirionnaich New York as leth nam Boerach an geamhradh an deigh do ’n chogadh tòiseachadh. Bha ’m pailteas airgid air a chur cruinn, ach bha cosdas nan coinneamhan ’s nan òraidichean cho fior mhor ’s nach robh ach beagan dholair air fhàgail air-son nam Boerach, agus cha chuala sinn riamh gu ’n deachaidh am beagan sin fhein a chur ga ’n ionnsuidh.
Bha na Boerich mi-riaraichte leis an ullachadh a rinn Breatunn air an son aig àm deanamh na sìthe. Chaidh tri muillion punnd Sasunnach a chur air leth air-son an cuideachadh a’ stocachadh nam fearann. Tha mu dheich mile fichead teaghlach dhiù am feum cuideachaidh, agus bheireadh an t-suim so ceud punnd (mu chóig ceud dolair) do gach teaghlach. A réir seanachais an t-Seanalair DeWet, cha robh dhìth air a’ Bhoerach gu
[Vol . 11. No. 10. p. 2]
chur air a chasan a rithist ach feun is paidhir dhamh, agus shaoileamaid gu ’n deanadh ceud punnd Sasunnach sin a cheannach dha agus còrr cuibheasach fhàgail aige air-son ghoireasan eile. Ach bha na seanalairean eile de dh’ atharrachadh barail; bha iadsan ag radh nach deanadh eadhon mìle punnd mu choinneamh gach teaghlaich suas an call, agus gu ’m bu shuarach an gnothuch do Bhreatuinn a bhi tairgse ceud dhaibh. Air an aobhar sin chaidh iad g’ an gearain féin ris na dùthchannan a bha ’gabhail orra bhi càirdeil riutha an dùil gu ’m faigheadh iad uapa mar dhéirc na bha Breatunn a’ diùltadh mar chòir dhaibh. Agus an deigh dhaibh cosdas an turuis a phàidheadh, tha aca air tàille an saoithreach na bheir do na dh’ fhàg iad na ’n deigh cóig sentichean deug an teaghlach!
Ionnsaichidh turus na baigeireachd so do na Boerich leasan air an robh iad feumach. Tuigidh iad co na càirdean a’s fhearr, sluagh a chogas riutha ’s nach lasaich gus an toir iad fo chìs iad, ach an deigh sin a dhéiligeas gu coibhneil, tròcaireach riutha, na iadsan a bhios ga ’n spreòdadh gu ceannairc ’s gu h-àrd-labhrach ga ’m moladh, ach nach tog lamh ga ’n cuideachadh, ’s nach builich de ’m pailteas fein orra na cheannaicheas tràth bidh dhaibh. Bidh fhios aig na Boerich na dheigh so, mur robh fhios aca roimhe, gur iadsan nach fosgail an sporan a’s mò a dh’ fhosglas am beul.
CUISEAN NA CLEIRE—Tha coithional Aiseag Mhira an deigh gairm aontachail a chur dh’ ionnsuidh an Urr. Iain B. Mac-Fhionghain, an Dalhousie Mills, Ontario. Buinidh Mr. Mac-Fhionghain do Shrath-Lathuirn, C. B. Tha deagh dhòchas aig muinntir Mhira gu ’n gabh e ’n gairm. —Tha coithional na Mèinne Tuatha ’cur mu dheidhinn ministeir eil’ fhaotainn, gu bhi ’saoithreachadh mar cho-oibriche còmhladh ri Mr. Mac Gille-mhaoil. —Tha an t-Urr. Calum Caimbeul (C. C.) ri bhi ann am Port Hawkesbury fad a’ gheamhraidh, air do Mhr. Mac-Gilleain an coithional sin fhàgail. —Tha Strathalba, an coithional a dh’ fhàg Mr. Caimbeul, an deigh gairm a chur dh’ ionnsuidh Mhr. Mhic-Gilleain, a bha ’n Cnoc-na-h- Eaglais, an siorrachd Ghlinn-Garaidh, Ontario. Ghabh e an gairm, agus tha e ri bhi air a shuidheachadh an ùine ghoirid. —Tha an t-Urr. Calum N. Mac-Leòid, a bha ann am Baile nan Gall o chionn àireamh bhliadhnaichean, an deigh an coithional sin a leigeil uaithe. Tha sinn toilichte bhi faicinn na h-uiread de mhinisteirean òga Cheap Breatuinn a bhi faotainn ’s a’ gabhail ghairmean do ’n eilein ’san d’ fhuair iad an àrach.
CIONTAICH AIR AN SAORADH—Ann an New York, seachduin gus an diugh, bha fear Molineaux, a bha ’sa phriosan o chionn cheithir bliadhna air-son mort, air a shaoradh leis anjury .An deigh a chur an greim an toiseach, chaidh ’fheuchainn, fhaotainn ciontach ’s binn bàis a thoirt a mach air, ach chuireadh a bhreth sin a thaobh, ’s a nise ’n ceann cheithir bliadhna tha e air a shaoradh. Ann an Lunnuinn, Ontario, bha fear Sifton, a bha ’n greim air-son ’athair fhéin a mhurt, air a shaoradh ’san dòigh cheudna, aig an dara cùirt an deigh bhi air fhaotainn ciontach aig a’ cheud té. Cha bhiodh e ceart a radh gu bheil na daoine so ciontach, ach faodar a radh le fìrinn na ’m bu daoine bochd’ iad gu ’n robh iad air an cur gu bàs an deigh an dìteadh aig a’ cheud chùirt. Ach bha ’m pailteas airgid aca; ’s tha e glé choltach gu bheil ’sna h-amannan so aon seòrsa ceartais ann do ’n duine bheairteach agus seors’ eile do ’n duine bhochd.
Naigheachdan.
SGEULA MULADACH—Di-sathuirne s’a chaidh, thainig fear Deòrsa Cunningham, a mhuinntir Bhoylston, an siorrachd Ghuysboro, dhachaidh á New Glasgow, ’s e dol a phòsadh maduinn Di-ciadain. Air a thurus ghabh e fuachd, ’s re na h-oidhche dh’ fhàs e tinn. Di-dòmhnaich bha e ni bu mhiosa, agus mu dheich uairean Di-luain chaochail e. Bha e air a thiodhlacadh madainn Di ciadain aig an uair a bha air a cur air leth airson a phòsaidh.
CEARTAS AN DUINE DHUIBH—Ann an Carolina Tuath tha ceithir fichead is deich mile de dhaoine dubha aig am bheil còir bhòtaidh. Ach ’s ann tha ’chòir mar a chumar i. Tha an Stàid a’ cur chumhachan cruaidhe orra air chor ’s nach bi thairis air còig mile dhiubh do ’n urrainn bhòtadh. Air an dòigh so tha na daoine geala ’cumail srian an riaghlaidh na’n làmhan fein—anns an dùthaich ’sam bheil na h-uile dhaoine, a reir creud an àrd-riaghlaidh, “saor agus co-ionann.”
Anns an dreuchd a leig Tarte dheth o chionn ghoirid chuireadh an t-Onorach Seumas Sutharlan, agus na ’aite-san, a bha roimhe so na Mhinisteir Mara ’s Iasgaich, chuireadh Raymond Prefontaine. Tha ’n Sutharlanach á Ontario agus Prefontaine á Montreal. Tha moran de na h-oibrichean a bha fo laimh Tharte air a chur a nis fo laimh Phrefontaine. Tha sin air a dheanamh a chum riarachadh a thoirt do mhuinntir Chuebec, nach robh toileach Ministeir nan Oibre Coitchionn a thaghadh á roinn sam bith eile. B’ ann aìg daoine á Cuebec a bha an dreuchd sin riamh o’n rinneadh an t-aonadh gu ruige so fhein.
BREITH-LA AN RIGH—B’ e Di-dòmhnaich s’a chaidh Breith-là Righ Iomhair, ach cha robh e air a chumail idir, no Di-luain ni bu mhò. Tha an latha ri bhi air a chumail air a’ choigeamh la fichead dhe ’n Mhàigh. Tha da aobhar air-son sin. A’ cheud aobhar, gur h-e ’n ceathramh la fichead de ’n Mhàigh breith-la Banrigh Victoria, ’s bha daoin’ air fàs cho cleachdte ri ’chumail ’s nach biodh iad a nis toileach a leigeadh seachad. An dara aobhar, nach eil an t-sìde am mios Nobhember gu bitheanta briagha, agus nach biodh e na àm ro-fhreagarrach air-son latha saor. Tha aobhar eile againn ann an Canada, gu bheil Latha Taingealachd air a chumail mu’n àm so, agus nach biodh e freagarrach an da latha bhi cho faisg air a chéile.
DUILGHEADASAN AN RATHAD LAGHA—Is lionmhor na duilgheadasan, a tha ’san rathad air an lagh air-son stad a chur air creic stuth làidir. An uiridh chaidh fear-cumail taigh-òil an Glace Bay a chur do ’n tigh-obrach air-son mionnan-eithich. Ann an Sidni Tuath, tha fear dhe ’n cheaird cheudna air a chur do ’n Chùirt Mhoir air-son ionnsuidh a thoirt air fear de mhaoir a’ bhaile bhrìbeadh. Agus ann an Dominion, bha Iain Domhnullach, fear-ceartais a bha ’feuchainn chàsan Scott Act, air a leth-mharbhadh faisg air a dhachaidh fhein ’s air fhàgail air an làr a mach gus an do thachair do chuid-eigin a bha ’gabhail an rathaid fhaotainn. Chaidh na bha dh’ airgiod air a shiubhal, seachd dolair, a thoirt uaithe. Cha’n eil fhios co rinn an gniomh, ach tha amharus làidir gu robh lamh aig luchd nan tighean-òil ann.
MUIRT UAMHASACH—Chaidh àireamh de mhuirt a chur an gniomh ann an Cambridge, Mass., re an t-samhraidh ’s an fhoghair so ’chaidh, agus gu ruige so cha d’ fhuaireadh mach có tha ciontach. O chionn beagan is mios bha nighean á Sidni Tuath, Agnes Nic-a- Phi, air a faotainn marbh, agus air a cheud latha dhe ’n mhios so, chaidh Clara Mhorton, a Halifacs, a leònadh cho dona ’s gu ’n do chaochail i feasgar an ath latha. Is ise an t-ochdamh pearsa chaidh a chur a dhìth mar so, agus bha iad uile air an leònadh ’san aon dòigh, le buille ’sa cheann, air chor ’s gu bheileas a’ deanamh cinnteach gu’m b’ e ’n aon duine bha riutha. Bha fear Uilleam Mason air a ghlacadh o chionn ghoirid air amharus, ach cha robh fianuis làidir na aghaidh, agus leigeadh ma sgaoil e. Thatar a’ deanamh mach gu robh e as a chéill; bha e ann an tigh caothaich da thurus, agus b’ ann air a’ bhonn sin a bhatar a’ feuchainn ri dhìteadh. Tha a nis duine dubh anns a’ phriosan aca; leagadh amharus airsan a thaobh e chreic uaireadair a bhuineadh do aon de ’n fheadhain a chaidh a mhurt.
BAS AN DARA BRATHAIR—Chaidh Iomhar Fox a mharbhadh ann am Port Hastings seachduin gus an Di-màirt s’a chaidh. Thuit e bhar ceidhe ’ghuail, air an robh e ’g obair, agus bha e air a ghrad mharbhadh. Bha e leth-cheud is tri bliadhna dh’ aois, agus gun bhi pòsda. Bha a bhràthair, Domhnull Fox, air a bhàthadh faisg air an àite cheudna air an t-siathamh la deug de October, agus b’ e so a cheud latha chaidh esan a dh’ obair an deigh a bhàis.
TEINE ANN AN ST. PIERRE—Oidhche Di-sathuirne, a’ cheud latha dhe ’n mhios, bha teine mor ann am baile St. Pierre. Bha a chuid bu mhotha ’s a b’ fhearr dhe ’n bhaile air a losgadh gu tur. Bha tigh-còmhnuidh an riaghladair ’s tighean an Riaghlaidh, tigh na cùrtach, an Eaglais Chaitliceach, na tighean-sgoile agus àireamh de thogalaichean eile air an losgadh. Tha an call air a mheas aig da cheud mile dolair. Cha d’ rinneadh call beatha sam bith. Thòisich an teine anns an eaglais, agus bha e air fhadadh le duine daoraich.
TEINE AM MALAGAWATCH—Chaidh an sabhal aig an Urr. Iain Ròs, ministeir a’ pharraiste so, a losgadh gu làr oidhche Di-haoine s’a chaidh. Bha each, tri mairt, carbad, sleighe, ’s acuinn, agus feur a gheamhraidh air an losgadh, a bharrachd air moran de nithean beaga. Thatar a’ deanamh dheth gu ’n d’ aobharaicheadh an teine le cloinn bhig a bhi ’laimhseachadh mhaidsichean. Bha e air faighinn cho fad air adhart nuair thugadh fa-near dha ’s nach robh comas air a chur as, no air ni dhe na bh’ anns an t-sabhal a shàbhaladh.
TIGHEAN-SGOILE FAS—Thatar ag radh gu bheil ann an cearn àraidh de shiorrachd Inbhirnis an cuairt ochd mile, deich tighean-sgoile anns nach eil sgoil air a’ gheamhradh so, agus tha e ri chreidsinn gu bheil àiteachan eile air feadh an eilein mu ’m bheil an sgeul ceudna fior. Tha e na ghnothuch muladach na tighean-sgoile bhi dùinte, ach faodar a’ choire gu h-iomlan a ceur air lughad an tuarasdail a thatar a’ pàigheadh do luchd-teagaisg. Cha ’n eil ach neach amneamh dol a chosd ’ùine cumail sgoile nuair gheibh e tuarasdal ni ’s fhearr aig ceird sam bith eile.
SGIORRADH AN NEW YORK—Oidhche ’n taghaidh, am feadh a bha moran sluaigh cruinn an New York a’ deanamh gàirdeachais, spraidh obair-theine leis an robh iad a soillseachadh an adhair, agus bha deichnear air an grad mharbhadh ’s moran eile air an leònadh. Chaidh an sluaigh air bhoil, agus a’ feuchainn ri teicheadh, chaidh moran eile ghoirteachadh. Thatar a’ meas gu bheil àireamh na muinntir a chaidh a ghoirteachadh uile gu leir cho àrd ri ceud. Tha iadsan a bha ris an obair-theine air an cur an greim, agus ma gheibh an lagh cùrsa reidh, theid am peanasachadh gu cruaidh, oir bha iad gun teagamh ciontach ann a bhi cho mi-fhaicilleach mu na nithean cunnartach a bha iad a laimhseachadh.
Naigheachdan Gaidhealach.
(Oban Times) .
COINNEACHADH NA PARLAMAID.
Bidh an seisein goirid so ainmeil ann an eachdraidh ar dùthaich. A thaobh teagasg na h-òige ann an Sasunn dh’ éirich boile anabarrach an aghaidh a’ “Bhill” a tha an t-Ard-Riaghladh ag iarraidh a bhi air a dheanadh ’na Achd Pàrlamaid. Ma thig so gu crìch bidh strì mhòr feadh nan Sasunnach a chionn nach ceadaich an coguisean dhoibh a bhi pàidheadh air son teagasgan àraidh a tha ’nam breithneachadhsan an aghaidh nan Sgriobtur. Ciod air bith na beachdan a bhios aig muinntir mu’n chùis so, tha e soilleir nach bi a’ choguis Shasunnach air a h-éigneachadh gun a bhi toirt trioblaid ’an lorg a’ cheum. ’Se gné an achd so gu’m biodh na cìsean a’ pàidheadh air son nan sgoilean a tha fo riaghladh na h-Eaglais Shasunnaich ás eugmhais uachdranachd nam feadhainn a tha a’ faotainn an airgid. Cha ’n ’eil sinn a’ dol a steach anns a’ chonnspoid so ni ’s mò na a ràdh agus a bhi ’g ìnnseadh do shluagh na Gàidhealtachd gu’m bheil dleasdanas f’ an comhairsan mar tha fa chomhair muinntir Shasuinn. Ciod air bith a thachras cha chrìoch-
[Vol . 11. No. 10. p. 3]
naich an strì no an trioblaid ann an latha no dhà; agus tha so duilich, a chionn nach ’eil e ciallach no gràdhach do dhaoine cneasda a bhi an aghaidh a chéile mu chùisean creidimh. Bidh gu leòir aig a’ Phàrlamaid r’a dheanamh ’nuair a choinnicheas i gu goirid.
IASGACH AN SASUNN.
Air taobh sear Shasuinn tha iasgach math air a dheanamh ’sna làithibh so, agus prìsean math air am faotainn. Tha sinn ag iomradh air a so a chionn gu’n deachaidh ceudan de bhàtan a Albainn do Shasunn a ghiùlan air aghaidh iasgach an sgadain. Bha soirbheachadh math le cuid diubh. Bha aon bhàta á Banff air an t-seachdain a dh’ fhalbh a thug a stigh aon mhadainn luach còrr ceud agus fichead punnd Sasunnach. ’S ann o cheann ghoirid a thòisich na h-Albannaich air dol gu taobh sear Shasuinn air son an iasgaich: agus tha e ’na thlachd leinn a bhi toirt fainear gu ’m bheil iad mar so a’ nochdadh tuigse is misneachd a tha ro ionmholta. C’ar son nach rachadh iad do gach ceàrn anns am faigheadh iad beòshlaint? Tha na puirt ud gus an deachaidh iad ainmeil ann an Sasunn, Grimsby agus Yarmouth, as am bheil mòran de iasgairean tapaidh o’n dara ceann gus a’ cheann eile de’n bhliadhna a’ dol a mach do’n chuan tuath an déigh an éisg. ’S ann o na h-iasgairean so a tha tomhas mòr de’n bhiadh so a’ dol do Lunnuinn far am faighear iasg às gach ceàrn aig aon àm no àm eile de’n bhliadhna. An déigh nan iasgairean chaidh àireamh mhòr de chaileagan Albannach do Shasunn. Bidh an càirdean toilichte a bhi cluinntinn gu’m bheil cùram mòr air a ghabhail às an déighsan le mnathan agus daoine diadhaidh.
SPREIDH NA DUTHCHA.
Tha na paipeirean naigheachd a’ toirt cùnntas dhuinn air na bheil de spréidh anns an dùthaich aig an àm so de’n bhliadhna. Tha an àireamh de chrodh mòran na’s lugha na bha againn an uiridh. Tha dà cheud mìle na’s lugha ann an Sasunn; barrachd is fichead mìle na’s lugha ann an Wales, agus còrr is seachd mìle ni’s lugha ann an Albainn. A thaobh nan caorach tha an àireamh leth muillein ni ’s lugha na bh’ ann air a’ bhliadhna a dh’ fhalbh. Ann an Albainn tha àireamh nan caorach aon cheud agus dha dheug air fhichead de mhìltean ni’s lugha. Gheibhear an Earaghàidheal féin dà mhìle air fhichead ni’s lugha, an Ionar-nis aon mhìle air fhichead, agus an siorrachd Rois seachd air fhichead de mhìltean. Tha còrr is seachd muillein caora ann an Albainn an diugh, agus mu dhà uiread so ann an Sasunn. Tha ach beag muillein ann an Earaghàidheal féin, seachd ceud mìle am Peairt, agus còrr is leth muillein ann an Ionar-Nis. Tha e glé shoilleir o so gu’m feudadh biadh a bhi air fhaotainn air son an duine far am bheil biadh gu leòir airson an àireamh mhòr so de chaoraich. Anns na làithean a dh’ fhalbh ’se a’ chaora a sgiùrrs mòran de ar càirdean ás an dùthaich féin fo bhuaidh laghan eucorach; ach tha dòchas gu’n do stad an obair ud a bha an aghaidh laghan nàduir agus an Tighearna. Ach thigeadh do na Gàidheil a nis feum math a dheanamh de na cothroman a tha aca a thaobh a bhi ’g àiteachadh gu gleusda an fhearainn a tha nis cho saor fo am buinn.
Facal a L’Ardoise.
A DHEAGH CHARAID, —Tha mi toilichte gu bheil na “seann eòlaich” a fliucheadh na h-ite aon uair eile, ’s a cur sgrìobagan gasda gu MAC-TALLA. Their mi, sùil mu ’n t-sròin, ri “Ceann Liath,” gur ann bu chòir dha nàir a bhi air air-son cho dearmadach ’sa tha e air a bhi sgrìobhadh ’sa Ghàilig. B’ fhearr leamsa gu ’n laimhsichinn peann Gàilig cho math ris, is cha bhithinn cho leisg gu litir a sgriobhadh ’sa tha esan. Ach ’s fhearr a bhi anmoch na gun tighinn idir.
Buaidh is piseach air laimh ùghdair “Iain Mór nan Ord!” Gun tàir a thoirt do ’n sgeulachd eile, ’s i ’b’ fhearr a chòrd rium a chunnaic mi ’sa MHAC-TALLA fhathast. ’S truagh nach robh beagan eile de leithidean “Iain Mhóir” ann, agus leithid Seumas N. Mac Fhionghain gus an eachdraidh a chur sios.
’S duilich leam nach ’eil guth aig MAC-TALLA air taghal oirnn a h-uile seachduin mar bu nòs. Ach cleas an eich ghlais an dorus an stabuill, bidh sinn a feitheamh ’s ag éisdeachd. Tha mi ’feitheamh gun pris a phaipear a chur ugad an earbsa gu ’m faigh mi fear no dha a chuireas dolar air adhart cuide rium. Na ’m fiachadh a h-uile fear-gabhail ’tha aig MAC-TALLA ri gabhaltach ùr fhaighinn shaoilinn gu ’m bitheadh e suas am bruthach, agus a mach na h-uile seachdain. Le cunntais nam paipeirean-naigheachd tha Gaidheil na h-Eirinn fada air thoiseach air Gaidheil na h-Alba ann an dilseachd do ’n canain.
’S mi do charaide,
COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.
Lower L’Ardoise, Oct.28, 1902.
Litir a Ontario.
Cha chuimhne leam c’uin a sgriobh mi mu dheireadh. Ach coma co dhiubh cha ’n ’eil feum anns na leisgeulan; oir cha ’n ’eil ann ach a bhi deanamh breug air-son té eile a mhùchadh. Agus a nis, air-son ainm “Baile-na-prìs” a chumail suas, tha mi cur romham an litir so a chriochnachadh ged a bhiodh e aon uair ’sa mhaduinn mu ’m biodh i deas.
Dh’ fhalbh an samhradh ’s am foghar, agus tha nis fuaim na gaoithe tuath ’g innse dhuinn nach ’eil an geamhradh fad air falbh. Tha ’n duilleach air tuiteam far nan craobh, agus tha ’n àilleachd anns an robh a choille air a comhdachadh ré na miosan a chaidh seachad air seargadh as, agus tha sin a leigeil ris duinn gu bheil sinn mar na craobhan. Nuair tha duine òg tha e mar chraobh uaine a leigeas fhaicinn a maise nuair tha i air a còmhdachadh le duilleach gorm ’san t-samhradh bhlàth. Ach nuair tha foghar fuar na h-aois a tigh’n air, tha e mar an duilleach a seargadh as, gus mu dheireadh an tuit e chum a bhi air a chur as an t-sealladh.
Bha ’m foghar agus an samhradh gle fhliuch againn ’san àite so, agus cha robh e soirbh am bàrr fhaotainn a stigh tioram, ach fhuair sinn a chur cruinn gle mhath agus an deagh òrdugh. Bha am bàrr trom air a bhliadhna so, agus tha e gle dhuilich muileann-bualaidh fhaotainn gun fheitheamh ùine mhor. Tha ’n gràn car aotrom seach mar bha e ’n uiridh; agus tha pris bheag mar an ceudna air coirce—cha ’n ’eil e ach 26c. agus 27c. am buiseal; cruithneachd, 65c. am buiseal; agus peasair 65c. am buiseal. Tha ’m feur a creic air coig is sia dolair an tunna. Tha ’n grodadh ’sa bhuntàta gu dona, ach cha ’n ’eil aobhar gearain againn—tha leth dheth gu saibhir, math. Tha prìsean gle mhath air crodh ’s air caoraich agus mucan. Tha gu leor de gach seòrsa againn ’san àite so, agus ri sheachnadh.
Cha do ràinig“strike”a ghual sinn, ged tha ’n connadh na ’s daoire na bha e ’n uiridh.
Tha ’n obair mhor“cement”ann am baile Durham gus a bhi deiseil. Chosd i corr agus muillion dolair cheana. Tha e air a radh nach ’eil obair da leithid cho mor ’san dùthaich uile gu léir.
Tha Ghàilig air a cumail beò ’san àite so gle mhath. Tha barrachd a tighinn ga h-éisdeachd air Di-dòmhnaich ’san eaglais ’s a b’ àbhaist. Bha ’n comanachadh air a fhrithealadh san eaglais Chléireach fo cheann seachduin, agus shuidh còrr agus da fhichead aig a bhòrd Ghàilig. Tha ’m ministeir, Mr. Mathanach, a tighinn air adhart gu math ’sa chànain sin.
Bha moran tinneas agus bàis anns an àite so air an t-samhradh so. Bha Mr. Mathanach, ré na ceithir bliadhna tha e an so, aig ceithir fichead agus cóig de thòrraidhean—moran diubh sin nan daoine agus nam mnathan gun bhi robh shean.
Bha ’n fhéill bhliadhnail againn anns a bhaile so o chionn beagan làithean, agus bha i air a cumail gu math. Bha duine a tha na ’chleasaiche aig a choncert san oidhche, agus bha gu leor ann a bu bhòidhche na e, oir tha e air a bheul a chur á cumadh le bhi ’g ailis air gach seòrsa dhaoine. Bha Pàdruig Mac Artair ann le pìob mhor nan dos àrda, agus thug e ceòl binn seachad. Cha ’n ’eil ach mu bhliadhna o’n a thòisich e air seinn na pioba, agus cha mhor phiobairean is fhearr na e cheana.
Feumaidh nach ’eil Bodachan a’ Ghàraidh beò, o nach ’eil sinn a cluinntinn uaithe na ’s trice.
Tha mi smaointean gur e ’n ceartas dhomh a nis stad, air eagal nach bi àite ’sa MHAC-TALLA do m’ litir uile àig aon àm. Thuirt mi an àiteigin o’n a thòisich mi gun criochnaichinn an litir so mu ’n deighinn a chadal, agus leis a sin feumaidh mi bhi sgur, oir tha ’n t-àm aig gach neach a bhi na ’n suain roimh so. Slàn leis gach leughadair, agus gu sònruichte fear deasachaidh MHIC-TALLA. Is mi ’ur caraid,
IAIN MAC ’ILLEASBUIG.
Priceville , Oct.22, 1902.
Leabhraichean Ura.
DAIN AGUS ORAIN LE ALASDAIR MAC-FHIONGHAIN. —Tha an leabhar beag so air a dheanamh deas leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Gheibhear ann na tha air faotainn de shaothair a’ bhàird, agus gach rann is sreath air an ceartachadh, mar is math is aithne dhàsan a bha ris a dheanamh. Bha Alasdair Mac-Fhionghain ainmeil mar bhàrd cogaidh; ann am barail Mhr. Sinclair, cha toirear bàrr air le bàrd Breatunnach sam bith, an Gàilig no ’m Beurla, ann an toirt iomradh làn, mionaideach air stri nan lann, agus tha na h-òrain a rinn e mu bhlàir fad os cionn nan òran a rinn e mu nithean eile. Tha sinn toilichte an leabhar so fhaicinn an clò, agus taingeil gu robh aon de luchd-cinnidh a bhàird ’san t-seann dùthaich cho dleasnach ’s gu ’n do phàidh e cosdas a’ chlòbhualaidh. Is e so an dara leabhar deug a chuireadh a mach le Mr. Sinclair. Tha leabhar eile deas aige air-son a chur an clò, agus b’ ionmholta ’n gnothuch do bheagan de Ghàidheil bheartach Chanada an cinn a chur cuideachd ’s an cosdas a sheasamh. Mur deanar sin, tha eagal oirnn nach tig an leabhar a mach, oir tha Mr. Sinclair air moran airgeid a chosd cheana ’cur a mach leabhraichean Gàilig, ’s cha n eil na chomas an còrr a dheanamh. Cha ’n eil e na ’theisteas ro-mhath air dìlseachd nan Gàidheal d’ an cainnt ’s d’ an litreachas fein nach deachaidh moran leabhraichean Gàilig a chur a mach riamh gun chall do na h-ùghdair. Gheibhear leabhar Mhic-Fhionghain bho Mr. Sinclair féin á Belfast, P. E. I., air 35c., saor leis a’ phosta.
GRAMAR GAILIG MHIC-ILLE-RUAIDH. —Bha an gràmar so air a chur a mach an toiseach ’sa bhliadhna 1895. Chaidh an t-iomlan de ’n chlò-bhualadh sin a chreic, agus a nis tha ’n leabhar air a chur a mach as ùr. Tha Mac-Ille-Ruaidh o chionn àireamh bhliadhnaichean na ’fhear-teagaisg Gàilig an Ard-Sgoil Ghlascho, agus tha ’n gràmar so air a sgriobhadh air an t-seòl air an robh e ’teagasg re na h-ùine sin. Tha ’n reic a fhuair an leabhar a’ sealltuinn gu ’n do thaitinn e ri luchd-foghluim na Gàilig, ’s gu bheilear ga ’fhaotainn feumail ann am meudachadh eòlas is tuigse cheart air a’ chainnt sin. Gheibhear an leabhar air 1s. 6d. bho Archibald Sinclair, 47 Waterloo Street, Glasgow, Scotland.
[Vol . 11. No. 10. p. 4]
FASACH ARABIA.
CHA ’n urrainn sinn eachdraidh gach dosguinn agus cruaidh-chàs a ta luchd-turuis a’ coinneachadh ann am fàsach tartmhor Arabia a leughadh gun na smuaintean is tiamhaidh a mhosgladh anns a’ chridhe is cruaidhe. Tha, ma dh’ fhaoidteadh, iomadh neach aig nach ’eil fiosrachadh air na cunnartan lionmhor, agus bàs fadalach, cràiteach a dh’ fhuiling iomadh d’ ar co-chreutairean ann an siubhal troimh mhachraichean teinnteach na dùthcha sin. Tha luchd-àiteachaidh na dùthcha so air an cleachdadh ri tomhas cuimseach de fhuachd agus de theas, far a’ bheil an t-sùil air a riarachadh le bhi faicinn gach glaic agus gleann air an còmhdachadh le luibhean agus craobhan a’ fàs suas gu dosrach, àrd, agus na machraichean air an éideadh le lionmhorachd de bhlàithean bòidheach, a’ sgaoileadh àilleachd air gach làimh, agus aibhnichean a’ siubhal gu ciùin, sèimh troimh chomhnardan farsuing, réidh, agus gur gann is urrainn doibh ruigheachd air beachdan iomchuidh air na dùthchannan sin a tha fo ghréin loisgeach na h-àird-an-ear.
Tha fàsach Bheersheba, air eirthir na Fairge Ruaidhe, san ear-thuath, a réir cùnntais luchd-turuis, ’na chòmhnard farsuing, fàs, far nach ’eil luchd-àiteachaidh r’ an coinneachadh o cheann gu ceann deth. Cha ’n urrainnear a choiseachd trid an rathaid is aithghiorra ann an ùine ’s lugha na da fhichead latha; agus tha na cearnan so cho garbh ’s cho neo-àitichte agus gur h-ann a tha iad mar gu ’n robh an tìr fhàsail so air a toirt thairis gu neo-thoraichead shìorruidh. Roimh fad agus leud an dìthreabh fharsuing so gu h-iomlan, cha ’n ’eil duilleag de fheur uaine r’a fhaicinn, cha ’n ’eil guth beò-chreutair r’a chluinntinn; agus mur h-ann air son cuid de luibhean cruadalach a tha r’ am faicinn an sud ’s an so, mar tha ’n tamarind agus acasia, a’ daingneachadh am freumhan ann an sgoltaibh nan creag, agus air an uisgeachadh le driùchd na h-oidhche, ’s ann a cho-dhùineamaid gur h-i th’ annan so dùthaich far a’ bheil Nàdur fo ghlais an éig. Is faoin do ’n fhear-thuruis airsneulach dùil a bhi aige gu ’m foisich a shùil air ionad àillidh sam bith far am faod e ruigheachd air sgàil agus dìdeann o ghathan loisgeach na gréine ’nuair tha i an àirde nan speur. Tha e a’ dlùth-leantuinn air aghart o latha gu latha, o mhaduinn gu feasgar, air an astar bhuan aonaranach so, gun ni r’a fhaicinn ach aon dìthreabh fharsuing neo-àitichte; cas-chreagan corrach àrd ag éiridh a suas air gach làimh; a’ ghainmheach dhealrach air a teasachadh mar ghrìosaich le gathan loisgeach na gréine ’nuair tha i a’ dealrachadh ’na làn neart. Tha e gu bitheanta ro-chunnartach siubhal troimh ’n fhàsach oillteil so, o ainniseachd gach ni tha feumail chum cumail suas beatha agus neart luchd-turuis; agus ged tha gach ullmhachadh freagarrach air a dheanamh, agus ged tha ’n cleachdadh a bhi ’gabhail an astair so ’nam buidhnean lionmhor, a’ toirt cothrom air a chéile a chuideachadh, ’s ainmic tha ’n turus air a chriochnachadh a dh-easbhuidh air mor challdachd agus dosguinn fhulang.
De gach tuiteamas d’a bheil luchd-turuis buailteach ’s na tìribh loisgeach so, cha ’n ’eil sgiorradh no cunnart an coimeas ri easbhuidh an uisge; agus de gach ni tha feumail do luchd-turuis a’ siubhal troimh nan criochan so, cha ’n ’eil ni cho neo-sheachanta do ’n fhear-thuruis an àm siubhal troimh ’n fhàsach so. Tha ’n t-uisge air a ghiùlan ann an searragaibh leathraich, agus a chionn gu bheil e ’na ni cudthromach fiosrachadh a dheanamh mu na cearna ’sa bheil na tobraichean uisge, a tha gu bitheanta fior ghann, tha ’n luchd-turuis a’ deanamh air na tobraichean so chum an searragan a lionadh o àm gu h-àm. Ach ’s iomadh dosguinn agus cunnart a dh’ fheumas am fear-turuis a choinneachadh mu ’n ruig e ’n tobar: agus a thaobh àireamh nan tobraichean so, tha luchd-turuis a shiubhail na cearna-sa ag innseadh nach d’ fhiosraich iad ach ceithir dhiubh so ann an astar cheithir, shia agus eadhon ochd làithean o chéile; agus a bhàrr air a’ chunnart tha ’g éiridh o sheacharan uapa so, ni a tha gu minic a’ tachairt ann an dìthreabhan fàsail, far an ainmic an coinnich sinn slighe no frith-rathad; agus tha e gu minic a’ tachairt do luchd-turuis an déigh an dìchill agus an t-saothair bu mhò chum amas air aon de na tobraichean so, gu ’n d’ fhuair iad iad air an tachdadh suas le gaineimh, no gu bheil iad làn uisge air blas an t-saluinn o na leapannan pronnuisg, no de shalunn, air uachdar a’ bheil iad so a’ ruith, ni a tha a’ meudachadh, an àite tart an fhir-thuruis a lughdachadh; agus an sin faodar an sealladh is oillteile agus is cràitiche fhaicinn, ìotmhorachd an fhir-thuruis a’ teachd gu àirde do-ghiùlainte. Tha ’n tartmhorachd do-chasgaidh so ag éiridh o dhian theas na h-iarmailt, agus o’n ghaineimh loisgich a th’ air gach laimh. Tha nis dian-chrithneachadh air seilbh fhaotainn anns gach ball de ’n chorp; tha piantan do-fhulang air fhaireachadh ’sa chraicionn—tha na sùilean a’ fàs mar bhuill de fhuil chlodach thiugh. Tha duilgheadas faicinn agus cluinntinn air tòiseachadh—tha call comas labhairt, agus piantan neo-chumanta san sgòrnan, a’ sior dhol am meud gach uair. Tha na fulangasan so uile a’ nochdadh gu bheil an corp gu h-iomlan as òrdugh, agus a’ toirt air aghaidh laigsinn agus cion mothuchaidh; agus fadheòidh a’ toirt air an fhear-thuruis thruagh, an déigh iomadh oidhirp fhaoin, luidhe sios air a’ ghaineimh theinntich a tha mar ghrìosaich theth fo ’chasaibh. Ann an leithid so de chruaidh-chàs tha e air aithris gu ’n robh coig ceud dolar air an toirt air son làn-beòil de ’n uisge fhuar, chum fionnarachadh na teanga. Ann an leithid so de chàs muladach, truagh, cha ’n ’eil eadar-dhealachadh eadar am maighstir agus an tràill; agus a chionn gu bheil féin-dhìonadh ann an àm cunnairt a’ dol os ceann gach gnè sam bith tha ’nar nàdur ’nuair tha neach a’ luidhe sìos a dh’ fhulang a’ bhàis is uamhasaiche, tha a chompanaich, ciod air bith an co-thruas a dh’ fhaodas a bhi aca ris, air an éigneachadh gu dol air an aghaidh, agus fhàgail gus am bàs is pianaile agus is fadalaiche fhulang.
Cia cianail os ceann cainnte neach a bhi mar so air fhàgail le ’cho-luchd-turuis gu dol bàs ann am fàsach cian farsuing, gun neach aig laimh g’a chuideachadh, gun charaid dlùth dha gu sanas a’ cho-mhothuchaidh a chagar ’na chluais, no eadhon gu aon bhoinne de ’n uisge fhuar a thaomadh air a bhilean a tha ’losgadh le tart. Cha ’n ’eil mac-talla a’ freagradh d’a ghlaodh. Tha e nis ’na luidhe sios an sin ’na allabanach truagh—tha ceò a’ bhàis a’ tighinn air a shealladh—tuainealaich agus breisleach mu ’cheann—a’ bruadar a bhi ’cluinntinn torman nan eas, a’ smuainteachadh gu bheil e a’ siubhal an cois bruachan na h-aibhne far a’ bheil na luibhean agus blàthan is àillidh a’ togail an ceann, agus e féin a’ cromadh sìos gu làn a bheòil fhaotainn do ’n uisge a chasgadh ’ìota. Ach feuch a nis e a’ dùsgadh le criothnachadh oillteil anns gach ball d’a chorp, gu fiosrachadh fhaotainn air cunnart agus truaighe a staid—fear-fògairt truagh air a thréigsinn, a’ dol bàs le tart ann am meadhon fàsaich ghaineimh thartmhor, theth. Faodaidh an sgeula gearr a leanas am barrachd fiosrachaidh a thoirt dhuinn mu chor muladach a leithid so de neach.
Bha cóignear cheannaichean aon uair a’ gabhail an rathaid o Bherber do ’n Eiphit, le mu thimchioll deich-ar-fhichead de thràillean, agus àireamh lionmhor do chàmhalan; agus air dhaibh fiosrachadh fhaotainn gu robh feall-fhalach gu bhi air an cionn le buidhinn lionmhor de luchd-reubainn, aig aon àraidh de na tobraichean uisge air an t-slighe bha iad gu gabhail, rùnaich iad gu ’n atharraicheadh iad an cùrsa na b’ fhaide chum na h-àirde ’n ear a dh’ ionnsuidh tobar eile bha cho measail aig luchd-turuis ris an aon a sheachain iad. Chuir iad iad-fhéin fo sheòladh fir-iùil ro dhìleas agus eòlach; ach a chionn nach robh an rathad a ghabh iad ach ainmic air a thaghal, chaidh iad an ùine ghearr air seacharan o’n t-slighe cheart, agus ré chóig làithibh cha b’ urrainn daibh fhiosrachadh c’àite ’n robh iad. Bha nis tomhas de ’n uisge bh’ aca air caitheamh, ach mar a bha ’n uireasbhuidhean a’ dol am meud chuir iad romhpa gu ’n stiùradh iad an cùrsa gu àird dol fodha na gréine, ann an dòchas gu ’n ruigeadh iad fadheòidh an abhuinn Nile. An déigh dhaibh goin is pian a’ phathaidh fhulang tre àireamh de làithean, bhàsaich cóig-fir-dheug de na tràillean, agus dithis de na ceannaichean. Air do aon de shealbhadairean nan càmhal a smuainteachadh gu ’m faodadh na h-ainmhidhean le ’n gliocas agus an t-seòltachd nàdurra tha aca, bhi na bu shealbhaiche na ’m maighstirean ann am faotainn a mach an àite san robh an tobar, dh’ iarr e air aon d’a chompanaich a cheangal gu cruaidh ri diollaid an aoin bu làidire de na càmhalan, agus an sin leig e leis an ainmhidh a ghiùlan ge b’ e àird a b’ àill leis; ach cha chualas riamh an déigh sin sgeula mu ’n chàmhal no mu ’maighstir. Air dhaibh a bhi nis air teachd gu bhi ’nam buidhinn bhig, thàinig iad an sealladh beanntaibh Shigne, a dh’ aithnich iad, agus far an robh fios aca gu ’m biodh iad cinnteach uisge fhaotainn; ach bha iad a nis air fàs cho lag le sgìos agus uireasbhuidh, ’s nach robh e an comas daoine no ainmhidhean dol na b’ fhaide. Air dhaibh iad fhéin a leigeil sios aig bonn creig mhóir far am faodadh iad ruigheachd air sgàil agus dìon o’n teas agus gach dosguinn fo ’n robh iad a’ fulang, chuir iad dithis sheirbhiseach uatha le dithis de na càmhalan bu treise bha nis air am fàgail aca, a dh’ iarraidh uisge; gidheadh cha b’ fhada chaidh na teachdairean air an aghart ’nuair a thuit fear dhiubh sios air an talamh le dearbh laigsinn, agus neo-chomasach air labhairt; ach smèid e air a chompanach le ’làimh e g’a fhàgail agus teachd air ais d’a ionnsuidh le uisge cho luath ’s a dh’ fhaodadh e; ach mheudaich a laigse agus ’anacomas cho mor leis an tart agus gu ’n d’ thàinig a nis doilleireachd air a fhradharc, agus chaill e ’n rathad, ged a bha e ro-eòlach mu ’n àite san robh an tobar. Air dha nis a bhi fada dol air seacharan dh’ amais e air craoibh, agus luidh e sios fuidh a sgàil, agus cheangail e ’n càmhal ri aon do na geugan; ach air do ’n ainmhidh mhi-fhoighidneach àile an uisge a mhothuchadh bhrist e ’n t-aghastar, agus sgìth mar a bha e, ruith e as le luathas an fhéidh rathad an tobair, a bha mu thimchioll astar leth-uair an uaireadair uaithe. Thuig an seirbhiseach gu ro-mhath cia ionnsuidh a bha ’n càmhal a’ triall, agus chaidh e ’na déigh, ach an déigh dha dol air aghart mu cheud slat, thuit e sios air an làr, fann, sgìth, agus luidh e ’n sin ré ùine fhada, gun sùil ri ni sam bith ach am bàs, ’nuair a sheòl am Freasdal neach o choimhearsnachd an àite sin a chrath beagan uisge air aodann an duine thruaigh a bha nis mu thimchioll toirt suas an deò, ach cha b’ fhada gus an d’ ath-bheothaich e. Chaidh iad an sin le chéile dh’ ionnsuidh an tobair, agus an déigh dhaibh uiread de na searragan leathraich
[Vol . 11. No. 10. p. 5]
a lìonadh de ’n uisge ’s a dh’ fhaodadh iad a ghiùlan, phill e dh’ ionnsuidh chàich a dh’ fhàg e as a dhéigh, agus bha e ’na mhór-aobhar ghàirdeachais gu ’n d’ fhuair e iad uile beò. —Cuairtear nan Gleann.
SEONAID OG AGUS A MAIGHSTIR.
EADAR. LE LACHAINN MAC GILLEAIN.
THA cuimhn’ agam-sa air bean-tighe ’bhi aig Fear Bhaile-nan-Sop, bho chionn fhada ’n t-saoghail, ris an abairteadh Seònaid Og. Bha ’n tuathanach fhéin ’n a sheann duine, a’ dlùthachadh gu math air trì-fichead bliadhna; ach cha robh e riamh cho fortanach agus tachairt air boirionnach air an d’ thugadh e sòil, no a bheireadh sùil air. Coltach ri ioma fear eile d’ a sheòrsa, cha ’n fhaigheadh e an fheadhainn a ghabhadh e, ’s cha ghabhadh e an fheadhainn a gheobhadh e. Bha mar so riaghladh an tighe uile a’ tuiteam air Seònaid, nighean òg, —tha mi ’creidsinn gur h-i ’b’ òige de na seirbhisich uile. Bha i cho fortanach agus gu ’n robh a dol aice air na seirbhisich eile ’chumail air a làimh, bha spéis ac’ uile dhì, —agus, aig a’ cheart àm, air tlachd agus meas a maighstir a chosnadh. Bha earbsa mhòr aig’ aisde, agus gu minig chuireadh e a chomhairle rithe mu dheighinn a ghnothaichean. Bha Seònaid greis mhòr mar so ann an seirbhis an tuathanaich ’n uair a thòisich boirionnach a bh’ anns a’ choimhearsnachd air droch fhathunn a thogail oirre féin ’s air a maighstir. ’S e ’thug air a’ bhoirionnach so an seanachas a thogail, gu ’n do chuir i féin a sùil anns an tuathanach, agus bha a h-uile fiughair aice gu ’m pòsadh e i; agus ’n uair a chunnaic i gu ’n deachaidh a’ chùis n’ a h-aghaidh cha b’ urrainn dì dad a dheanamh ach droch ainm a sgaoileadh eadar e féin ’s a bhean-tighe. Thàinig na gnothaichean so mu dheireadh gu cluasan an tuathanaich fhéin—ach faodaidh sibh a bhi cinnteach gu ’n robh, cha ’n e ’mhàin suim mhòr aige da ’chliù féin, ach mar an ceudna do chliù Seònaid, smaointich e nach b’ urrainn da na b’ fheàrr a dheanamh ’na chur mu choinnimh Seònaid, e féin a phòsadh. Bha iad eòlach air a chéile agus bha fios aige gu ’n deanadh i an deagh bhean da. ’N uair a thàinig am beag sgeul gus am mòr sgeul, cha chluinnteadh facal fad na dùthcha ach mu phòsadh an tuathanaich agus Seònaid—Nach i bha fada ’s a’ cheann ’n uair a rinn i ’n gnothach air! Nach b’ i mo ghalad i ’n uair a mheall i ’n seann-duine! Cha robh i clì ’n uair a chaidh aice air a ribeadh! Dh’ iarr bana-choimhearsnach oirre, aon latha, ìnnseadh dhi ciamar a thàinig an gnothach mu ’n cuairt, agus so agaibh an cunntas a thug i seachad air, facal air fhacal.
“So, so!” ars’ a bana-choimhearsnach, “trothad agus innis dhomh, ’nis, ciamar a thachair an rud a th’ ann—dé fios nach faod tuiteamas a bhi orm fhéin latha air chor-eigin. Cha ’n ’eil fios againn idir ’dé ’tha romhainn, ’s cha mhisde sinn an rathad ìnnseadh dhuinn, ’n uair nach aithne dhuinn fhéin ceart gach lùb ’us fiaradh a th’ air.”
“Gu dearbh,” arsa Seònaid, “ ’s beag a tha ri ’ìnnseadh uile gu léir. Bha mo mhaighstir air falbh aig an fhaidhir, aon latha, a’ reic nan uan, agus bha e car glé anamoch mu ’n d’ thàinig e dhachaidh. Cha b’ àbhaist da fuireach air falbh ana-moch uair ’s am bith, chionn tha e ’n a dhuine cho faicilleach ’s a dh’ iomain spréidh. ’Nis tha thu faicinn, ’n uair a thàinig e, bha e na bu chridheala na chunna mi e bho chionn fhada; bu choltach gu ’n d’ fhuair e margadh math do na h-uain, agus ’n uair a bhios sin mar sin ’s còir leithsgeul duine ’ghabhail. A dh’ ìnnseadh na fìrinn duit, dh’ aithnich mi air a shùil gu ’n robh deur beag air. B’ àbhaist dòmhsa riamh ’n uair a bhiodh e air falbh, fuireach air mo chois gus an d’ thigeadh e dhachaidh; agus ’n uair a thàinig e ’n oidhche so, bha a shuipeir deas, glan agam roimhe. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan, —agus shaoileadh tu gu ’n do bhruidhinn e car na bu—seadh na bu chàirdeala na b’ àbhaist da. ‘Dé b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan, ‘ciamar a bha cùisean a’ dol air aghart bho ’n a dh’ fhalbh mi. Tha ’h-uile rud air dòigh tha mi ’n dòchas.’ ‘Tha, a h-uile rud, le ’r cead,’ arsa mise. ‘Tha sin gasda, tha sin gasda,’ ars’ esan, air a shocair fhéin. Chnìotaich e mi air mo ghuala, agus thuirt e rium gur ’h-e caileag mhath a bh’ annam. ’N uair a dh’ innis mi da a h-uile rud a thachair ré an latha, mar a’ b’ àbhaist domh a dheanamh a h-uile h-oidhche ’n uair a thigeadh e dhachaidh, chnìotach e ’rithist mo ghuala ’s thuirt e gu ’n robh e fortanach mo leithid a bhi aige timchioll an tighe. Cha chuala mi e ’g ràdhainn an urrad so rium fhéin riamh, ged is tric a theireadh e air mo chùl e. Shaoil mi, gu dearbh, nach robh e buileach ’n a thùr fhéin. ’N uair a chuir e crìoch air a shuipeir thòisich e air feala-dhà, ’s e ’g ràdhainn gu ’n robh mi ’n dà chuid ’n am chaileig mhaith agus bhòidhich. Bha fios agam nach ’eil daoine ’m bitheantas mar iad féin ’n uair a thilleas iad ’bhàrr féille, agus gu ’n abair iad rud no dhà nach abradh iad aig amannan eile. Mar sin dh’ fhàg mi oidhche mhath aige ’s dh’ fhalbh mi.— ’Dé! Och, och! ’dé ’tha thu ’g ràdhainn? Cha d’ fheuch mo mhaighstir ri pòg fhaotainn bhuam idir; bha e na bu mhodhala na sin.”
“Latha no dhà an déigh so thàinig mo mhaighstir far an robh mi. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘ ’Dé b’ àill leibh?’ arsa mise. ‘Thig a stigh an so,’ ars’ esan, ‘tha toil agam bruidhinn riut.’ ‘Théid an ceart-uair,’ arsa mise. Ghabh mi ’stigh far an robh e ’s mi ’smaointeachadh, fad na h-ùine, gu ’n robh e ’dol a dh’ ìnnseadh dhomh rud-eigin mu dhéighinn biadhadh nam muc, no mu dhéighinn na caora a bha sinn ’dol a mharbhadh, no rud-eigin mar sin.’ Ach ’n uair a dh’ iarr e orm suidhe, dh’ aithnich mi gu ’n robh rudeigin sònruichte air aire; ’chionn cha d’ iarr e orm suidhe riamh roimhe ach aon uair, agus b’e sin ’n uair a bha e ’dol gu faidhir na h-Eaglaise-brice. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan, ‘tha thu nise ùine mhath agam ’n a d’ sheirbhiseach,— ’n ad dheagh sheirbhiseach, agus ’n ad sheirbhiseach dìleas. Bho ’n a bha thu ’n ad sheirbhiseach cho math, ’s tric a bha mi ’smaointeachadh gu ’m biodh tu ’n ad bhean na b’ fheàrr uile. ’Bheil dad agad an aghaidh pòsaidh, a Sheònaid?’ ‘Cha ’n ’eil fios agam, le ’r cead,’ arsa mise; ‘cha ’n urrainn do dhuine ’ràdh ciamar a chòrdas gnothach ris gus am faic e ’dé a tha e ’dol a dh’ fhaighinn,’ ‘Ma tà, a Sheònaid,’ ars’ esan, ‘tha thu glé cheart an sin a rithist. Bha thu agam-sa ’n ad sheirbhiseach bho chionn, a nis cóig-bliadhn’ -deug, ’s cha ’n fhiosrach mi gu ’m b’ urrainn domh riamh a bheag de choire fhaotainn duit. Bha thu cùramach, deanadach, onorach, agus— .’ ‘O, le ’r cead,’ arsa mise, ‘bha mi air mo phàigheadh air a shon, agus cha robh ann ach an rud bu chòir dhomh a dheanamh.’ ‘Tha sin fior,’ ars’ esan, ‘ach tha toil agam casg a chur air an droch ainm a thog Mòr-nigh’n- Uilleim orm fhéin ’s ort fhéin, agus a tha ’nis am beul a h-uile duine; leis a sin, air son beul an t-sluaigh a dhùnadh, ’s e ’nì mise ’s thusa—pòsaidh sinn.’ ‘Dìreach sin, arsa mise’— ’dé b’ urrainn domh ’ràdhainn?”
“Thàinig mo mhaighstir a stigh far an robh mi làth’ eile, cas ’n a dhéigh so, ’s thuirt e rium fhéin— ‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘ ’Dé ’b’ àill leibh?’ arsa mise. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan, ‘tha mi ’dol a’ chur a stigh nan gairmeannan an diugh, air son na Sàbaide so ’tighinn.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise.”
“Mu sheachduin an déigh so thuirt mo mhaighstir rium— ‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘Dé ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘Tha mi ’smaointeachadh,’ ars’ esan, ‘gu ’n cuir sinn seachad am pòsadh air Di-haoine so ’tighinn, mur ’h- ’eil dad agad ’n a aghaidh.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise. ‘Agus,’ ars’ esan, ‘théid thu ’stigh do ’n bhaile Di-luain, a cheannach gnothaichean na bainnse. Bha mi fhéin a’ bruidhinn ris a’ Mharsanta Mhòr, ’s bheir e dhuit nì ’s am bith a dh’ iarras tu. Cha ’n fhaigh mi dol a stigh leat air an latha sin, ach thoir fhéin leat a h-uile rud mar a thogras tu.’ “Chaidh mi ’stigh do ’n bhaile Di-luain, ’us cheannaich mi a h-uile rud beag a bha ’dhith orm; ach bha gu leòir de dh’ aodach agam roimhe, agus cha robh toil agam a bhi struidheasach. Thug mi mo ghnothaichean a dh’ ionnsuidh na ban-fhualaiche, agus fhuair mi dhachaidh iad air Dir-daoin.”
“Air oidhche Dir-daoin thuirt mo mhaighstir,— ‘A Sheònaid’ ars’ esan. ‘ ’Dé ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ’S e ’m màireach latha na bainnse,’ ars’ esan, ‘agus thoir an aire gu ’m bi a h-uile dad deas air son na suipearach, ’chionn tha fiughair agam ri cuideachd, agus bu mhath leam a h-uile rud a bhi ’n deagh òrdugh. Faic fhéin a h-uile rud ceart.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise.”
“Cha do ghabh mi dad de shuim de ’n ghnothach gus a so; ach, a nise, smaointich mi gu ’m feumainn feuchainn ri deanamh cho math ’s a dh’ fhaotainn, air son gu ’n toilichinn mo mhaighstir agus a chuideachd. Mar sin fhuair mi a h-uile nì deas, agus glan, grinn. Shaoilinn nach biodh dad ceart mur biodh mo dhà làimh fhéin mu ’n cuairt air.”
“Air maduinn Di-haoine thuirt mo mhaighstir— ‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘ ’Dé ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘Falbh,’ ars’ esan, ‘ ’s glan thu fhéin, ’s bi ’faighinn an òrdugh. Bithidh a chuideachd an so ’n ceart-uair, ’s feumaidh tu ’bhi speisealta. Fanaidh tu anns an t-seòmar bheag,’ ars’ esan, ‘gus an téid fios a chur ort.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise. Ach bha de ghnothaichean ri dheanamh, ’s nach b’ urrainn domh faighinn air falbh, agus bha a’ chuideachd uil’ air tighinn mu ’n d’ fhuair mi m’ aodach a chur orm.”
“Thàinig mo mhaighstir a stigh a rithist ’s thuirt e rium mi ’bhi ’falbh gun tuille dàlach, ’s mi fhéin fhaighinn air dòigh, ’chionn bha ’m ministeir a’ teurnadh ’nuas ’dh’ ionnsuidh an tighe. Mar sin b’ fheudar dhomh a h-uile rud fhàgail aig na seirbhisich eile, agus dol a chur orm m’ aodach-caomhanta.”
“ ’N uair a’ bha feum ormsa, thàinig fear Lagan-Uinnsinn agus thug e mi ’stigh do ’n t-seòmar far an robh a’ chuideachd uile, agus am ministeir. Cha mhòr nach deachaidh mi ’n laigsinn, ’chionn cha ’n fhaca mi an urrad de chuideachd cruinn bho ’n a thàinig mi ’stigh do ’n t-saoghal, agus cha robh fios agam c’àite ’n seallainn. Mu dheireadh rug mo mhaighstir air làimh orm, ’s dh’ fhairich mi mi-fhein a’ fàs na bu làidire. Thuirt am ministeir fuathas, fuathas ruinn, ach cha ’n eil cuimhn’ agam-s’ air a dhara leth; ’s rinn e ’n sin ùrnuigh. An déigh so shaoil mi gu ’n rachainn air bàinidh leis na thòisich air mo phògadh. ’S iomadh aon a chrath mo làmh gu càirdeil, ag guidhe sonais dhomh, nach fhaca mi riamh roimhe.
“An déigh do na gnothaichean so a bhi seachad, thug mise car-mu-luib asam a nuas am measg nan seirbhiseach eile, a dh’ fhaicinn an robh an t-suipeir air dòigh cheart. Ach an ceann tiota
[Vol . 11. No. 10. p. 6]
co ’bha ’nuas ach mo mhaighstir. ‘A Sheònaid,’ ars’ esan. ‘Dé ’b’ àill leibh,’ arsa mise. ‘A Sheònaid ars’ esan, ’feumaidh tu ’nis a thuigsinn nach ’eil thu na ’s fhàide ’n ad sheirbhiseach dhòmhsa ach ’n ad mhnaoi;’ ars’ esan, ‘agus leis a sin feumadh tu tighinn a nios agus suidhe còmhla ris a’ chuideachd.’ ‘Dìreach sin,’ arsa mise. ‘Dé, ma tà, a dh’ fhaotainn a dheanamh ach falbh a sìos ’us suidhe ’measg na cuideachd. Agus, a nis, a Mhàiri, sin agad a h-uile car timchioll na suiridhe agus a phòsaidh agam-sa.”
AN TIGH-CEILIDH.
LE AONGHAS MAC FHIONGHAIN.
ANN an iomadh ceàrn de’n Ghàidhealtachd bho cheann dà fhichead bliadhna air ais, agus gu h-àraidh ’s an àite ’s an d’ rugadh mise, cha robh moran de choigrich ri fhaicinn ach glé ainmig. Is ann aon uair ’s an t-seachduin a gheibheadh duine litir; agus cha’n fhaictear bàta-na-smùide ach aon uair ’s a’ mhìos, agus bu mhòr an toileachadh a dheanadh an sluagh ri a tighinn, air son na mine, còrcach air son ròpan, ’s air son acfhuinn iasgaich. Cha bhiodh beag no mòr nach bitheadh a’ feitheamh nam bàtaichean air a chladach, agus am fear aig nach biodh poca air a mhuin, bhiodh poca aige fo ’achlais uiread ri màl pìoba; na balaich bheaga le’m pòcannan làn de ùbhlan no de dh’ “oraindseirean.”
Cha bhiodh maor-lagha air a chuairt ach h-uile trì mìosan; lighiche, ceithir uairean ’s a’ bhliadhna, mur cuireadh h-aon fios orra. Cha robh mòran feum air an lighiche an tràth ud, bha’n sluagh cho fallain. Cha robh lighiche riamh aig tigh m’ athar ged a bha e-fhéin agus cuid de ’theaghlach ’s an àite gu latha am bàis. Bhiodh fear-siubhail-malairt dà uair ’s a’ bhliadhna; fear-malairt cruidh agus eich, a dhà no trì uairean ’s a’ bhliadhna. Cha bhiodh ach dà fhéill ’s an àite ’s a’ bhliadhna. Fhad ’s a tha cuimhne agamsa bha tighinn de choigrich ’s an àm ud cunbhalach, ’s thigeadh aon eòlach no caraid no bana-charaid a choimhead h-aoin de na coimhearsnaich an dràsd ’s a rithist. ’Nuair a chluinneadh ’s an àite gu’n d’ thàinig coigreach a choimhead air aon de na coimhearsnaich, gu h-àraidh na’m b’e nighean òg a bhiodh ann, dh’ fheumadh fios a bhi aca cò i no cò ás a thàinig i. “An cuala tu,” ars’ Alasdair ri Dòmhnull Mac Sheumais, “cò ’n nighean òg a thàinig gu tigh Iain ’ic Fhionlaidh anamoch an raoir?”
“ ’N e ban-choigreach a bh’ ann?” arsa Dòmhnull Mac Sheumais.
“Tha mi ’m barail gur h-è, ” ars’ Alasdair.
“Ciod e bu choltas d’i? ” arsa Dòmhnull.
“Té chruinn dhubh, is gruaidhean dearga,” ars’ Alasdair.
“Cha ’n ’eil mi ’g ad thuigsinn;” arsa Domhnull, “ach cha’n fhada gus am bi fios againn cò i no cò ás a thàinig i.” ’S mar a thubhairt, b’ fhìor; mu’n robh e ochd uairean an oidhche sin féin bha gach gille òg ’s a’ bhaile air a sgeadachadh leis an deise a b’ fheàrr a bh’ aige. ’S mu ’n gann a ghabh iad an tràth-feasgair bha tigh Iain Mhic Fhionnlaidh cho làn thun an doruis le gillean òga air chor ’s nach robh fuirm no cathraichean ann air an suidheadh iad. Cha robh fios aig a’ chaileig bhochd ciod a theireadh no a dheanadh i: cha d’ fhuair i mòran tìm no fois cho fad ’s a bha i ’an tigh Iain ’ic Fhionnlaidh. Bu mhor ás fhéin am fear a gheibheadh a h-aire agus a còmhradh; ’s ann mar so a fhuair iomadh fear a chéile-phòsda, ’s cha bu bhitheanta a bha aobhar aithreachais air air a shon.
Bha iomadh tigh-céilidh ’s an àite; tigh an tàilleir agus a’ cheàrdach; ach bha aon tigh àraid ann far am biodh a’ chuid mhòr de na gillean òga a’ cruinneachadh; bhiodh an tigh làn bho ochd uairean, àm fheasgair, gus am bitheadh fada air aghart ’s an oidhche, a réir ’s mar a bha cùisean a’ còrdadh riu. Bhiodh ceòl, òrain agus sgeulachdan a’ dol timchioll air a’ chòmhlan. Am fear nach b’ urrainn pìob no tromb a chluich, dh’ fheumadh e oran a ghabhail no sgeulachd innseadh, air chor ’s nach biodh aon ’s an tigh nach b’ urrainn a h-aon dhiubh sin a dheanamh. ’S dòcha gu ’m biodh naoi no deich a tarruing na pìob thombaca còmhla. Bhiodh ceò an tombaca cho dùmhail ’s gur gann a chìtheadh tu solus a’ chrùisgein no aodann a chéile. ’S ann mar sud a dh’ ionnsaich mise a’ phìob-thombaca ’n toiseach, a’ lasadh am pìoban do chàch. Tha cuimhne agam air oidhche shonraichte a tharruing mi fichead oiteag de thombaca laidir á seann phìob dhubh chreàdha, air son seann tromba: b’e sin misg a bu mhò a bh’ ormsa riamh. Balaich òga coma ach a bhi coltach ri feadhainn eile ri tombaca, a’ gleachd, a’ tuasaid agus iomain. Is iomadh ni gòrach a rinn balaich òga a bha ’n a mheadhon air an deanamh cruadalach ’n an cùrsa beatha troimh ’n t-saoghal an déigh-làimh ged nach biodh e taitneach dhaibh ’s an am.
Bho thoiseach a’ gheamhraidh gu deireadh an earraich bhiodh a’ chuid a bu mhò de na h-òigridh aig an dachaidh gus am biodh an t-àiteach seachad, ’nuair a agaoileadh iad do gach ceàrn de ’n rìoghachd. Bhiodh ’s an tigh-céilidh saighdear no dhà, agus iasgair a bhiodh ag iasgach an sgadain ’s an àird-an-ear, seòladair a bhiodh a seòladh thairis, fear a bhiodh ag obair ’s a’ bhaile mhòr, fear eile a bhiodh air an luing-fhòghluim “Hogg” ann an Grianaig. Bhiodh an ceòl agus na h-òrain an toiseach, agus an sin na sgeulachdan; bhiodh fear-an-tighe a’ snìomhadh fraoch-siomain; a’ bhean ’s na h-ingheanan a’ càrdadh ’s a snìomhadh: cha robh iad a’ call mòran dhe ’n tìm ag éisdeachd nan sgeulachdan, bha iad cho cleachdta riu.
IASGAIR AN SGADAIN.
Thòisich iasgair an sgadain a bha ’s an àird-an-ear an toiseach, ag innseadh mu’n chruadal a bhiodh aca ri sheasamh a mach ’s a’ chuan, a’ tarruing na lìn mhòra, làn sgadain, ri stoirm agus uisge; ’s cho acrach fuar agus fliuch a bhiodh iad a’ tighinn dachaidh; ’s cho math a sheòladh agus a’ stiùradh iad bàta; ’s na h-aimhreitean agus caonnagan anns am bitheadh iad-féin agus muinntir an àite; ’s na’n creideadh tu iad-féin, bhiodh an còmhnuidh a chuid a b’ fheàrr aca-féin dhe ’n tuasaid.
FEAR A’ BHAILE MHOIR.
An déigh sin dh’ innseadh am fear a bha ’g obair ’s a’ bhaile-mhòr mu ioghnaidhean a’ bhaile; ùbraid luchd-malairt; an stoirm a bhiodh aig “tramaichean,” eich, cùirn agus carbadan air sràidean; gleadhraich agus òrdaireachd fhùirneisean, agus saothair luchd-obair iaruinn; misg agus tuasaidean thall ’s a bhos.
FEAR AN “HOGG.”
’Nuair a bha fear a’ bhaile réidh, thòisich am fear a bha air an luing-fhoghlum “Hogg,” ag ràdh gu’m biodh aca ri leum thall ’s a bhos o thaobh gu taobh dhe’n luing, a’ nigheadh agus a’ sgrìobadh clàir ùrlair agus uachdar na luinge, cas-ruisgte gun bhròig ’s gun stocain, ’s a’ tarruing ghunnaichean mòra mach ’s a stigh air na cliathaichean, a’ tarruing ròpaichean ’s a togail shiùil, le Beurla bhrais troimh thrombaidean fada pràise, air ais ’s air aghart le ’m bàtaichean beaga eadar long is tìr, agus uair ’s an t-seachduin ag ionnsachadh snàmhadh dlùth air an luing.
AN SAIGHDEAR.
Cha luaithe a bha fear na luing-fhòghluim deas dhe ’naigheachd na’ thòisich an saighdear air na bhiodh e faicinn de ioghnaidhean anns na rioghachdan thairis; na batail anns am bitheadh e, ’s gach seòrsa de dhaoine a bhiodh a’ tachairt air, dubh, geal, agus air dath a’ chopair; cho math ’s a dheanadh iad caonnag ris na naimhdean, ’s na bhiodh a’ tuiteam air gach taobh, marbh agus leòinte; ’s mar a bha iad a’ toirt buaidh air na naimhdean, a’ leum thar bhallaichean cloiche agus chlaisean domhain, a’ streapadh ri creagan ’s a’ coiseachd troimh aibhnichean as an déigh. ’Nuair a bhiodh am batail seachad, ’s a bha na mairbh air an adhlacadh, bha na h-oifigich a’ toirt cuirm mhòr do na daoine, pailteas dhe gach seòrsa, ceòl agus dannsadh. Bha mòran saoibhreas air a ghlacadh o na naimhdean, inneal-chogaidh dhe gach seòrsa, agus brataichean a tha r’ am faicinn thun an latha ’n diugh ann an dìon-chaisteil na rìoghachd mar chuimhneachan air neart agus treubhantas do’n àl a ta ri teachd.
AN SEOLADAIR.
An uair a chrìochnaich an saighdear, cha robh fios aig an t-seòladair a bhiodh ’seòladh thairis, ciod a theireadh e. Thug naigheachd an t-saighdeir ’anail bhuaith, ach dh’ fheumadh e rud-eigin a ràdh. Dh’ innis e mu na luingis mhòra air am bitheadh e seòladh air gach cuan, agus na bhiodh iad a faicinn de ioghnaidhean anns na bailtean-puirte anns am bitheadh iad a’ taoghal. Uairean a’ ruith roimh ’n stoirm le croinn rùisgte, ’s a’ bualadh air creagan agus mill ghainmheach, a’ teicheadh le’m beatha ann am bàta beag, ’s a’ call a h-uile ni a bhiodh aca ris an t-saoghal, ach na bha mu ’n druim; ach an uair a gheibheadh gu cala sàbhailte ’s a thachaireadh luchd-eòlais ri chéile, bha iad a’ dì-chuimhneachadh an àmhghair agus am fulangas.
Rachadh an ùine seachad cho luath leis na naigheachdan ’s nach biodh fios ciod e an t-àm dh’ oidhche a bhitheadh e, a cheart cho dòcha gu’m biodh e aon uair no dà uair ’sa mhadainn, mu ’n sgaoileadh iad. Cha robh na h-uaireadairean pailt ’s an àm, ’s cha robh mòran feum orra. Na balaich bheaga a bha ’n an suidhe ré na h-oidhche ag éisdeachd ris na naigheachdan, ’s am beul fosgailte leis a’ bhuaidh a bh’ ag na naigheachdan orra, cho luath ’s a gheibheadh iad a mach air a’ bhlàr bhiodh iad deas air son a bhi ’n sàs anns a’ cheud aon a thachaireadh riu, le maide, clach no dòrn.
’Nuair a rachainn fhein a laidhe ’s a chaidilinn, bhithinn a’ bruadar a bhi ann an luing mhòir a’ dol suas ’s na croinn; uair eile, ann am batail a’ stràcadh nan naimhdean le m’ uile neart, le gunna no bata, no a’ gleachd ri h-aon aineolach: uair eile, ann am baile mór a’ faicinn gach ioghnaidh. Bhiodh m’ inntinn air a lìonadh suas le cuantan, rìoghachdan is bailtean nach fhaca mi riamh ’s nach fhaic mi am feasd. Cha b’ iad daoine gun bhrìgh a bhiodh a’ cur dragh orm, ach a h-uile fear riamh a’ feuchainn ciamar a gheibheadh e air falbh as an dùthaich gu bhi ’n a shaighdear no ’n a sheòladair. Cha ’n ’eil mor ioghnadh ’s am bith orm ged bha ’chuid a bu mhotha de ’n òigridh a’ dol do’n arm, agus a sheòladh chuantan, agus ga ’n dearbhadh féin ’nan saighdearan agus ’n an seòladairean matha anns a h-uile ceàrn dhe ’n t-saoghal anns an robh iad, dìleas d’an dùthaich agus d’an ainm, a dh’ fhag mar chuimhneachan aig an ginealach, treubhantas, onoir agus fìrinn a thòisich anns an Tigh-Chéilidh.
Duine còir an rathaid mhóir ’s béisd mhór a’s tigh.
[Vol . 11. No. 10. p. 7]
Oran Imrich.
LE CALLUM BAN MAC MHANAINN.
An àm togail dhuinn fhin
’Mach o chala Phortrigh,
’S iomadh aon a bh’ air tir ’s iad brònach;
Iad ag amharc gu dlùth
Null ’s an sùil air an Luing,
’S ise ’gabhail a null gu Rònaidh.
Thuirt Mac Fàid as an Dìg,
’S e ag eigheach rium fhìn,
’S ann a laigheas i sios gu Tròdaidh,
’S biodh am fearr is fearr tùr
Nis na shuidh air an stiùir,
Gus an teid i os cionn an t-Sòain.
Eilean oil’ ann da réir,
Agus Sgeir na Ruinn Géir,
’S bidh muir air a bhéisd an còmhnuidh;
Tha cnap eil’ ann no dha,
’S ann dhiubh sin Clach nan Ràmh,
’S Bogha Ruadh, ’tha fo àird ’Ic Thòrlain;
Leachd-na-Buinne so shuas,
’S Rugha ’n Aiseig ri ’cluais,
Mol-a- Mhaide ’s e cruaidh le dòirneig.
Thoir an aire gu dlùth
Cumail àrd os an cionn;
Seachain sruth Rudha Hùnais, ’s mor e.
Dh’ eirich soirbheas o’n tuath
Dhuinn os cionn Fladaidh-chuain,
’S ann a ghabhadh i ’n uair sin oran;
I a’ siubhal gu luath,
’S i a’ gearradh ma ’cluais,
’Dol a ghabhail a chuain ’s i eolach.
Thug mi sùil as mo dhéigh,
’Null air Rugha-Chùirn-léith,
Is cha ’n fhaca mi féin ach ceo air.
Sin ’nuair labhair Mac Phàil,
’S e ag amharc gu h-àrd,
“ ’S mor mo bheachd gur e bàrr a’ Stòir e.”
Moire! ’s minig a bha
Mise treis air a sgàth
Ann an Rig, ’s gum b’ e ’n t-àite bho e,
’Nuair a thigeadh am Màrt,
Bhiodh an crodh anns a Chàrn,
’S bhiodh na luibhean co-fhàs ri neoinean.
Bhiodh an luachair ghorm ùr,
Nios a’ fàs anns a bhùrn,
Fo na bruthaichean cùbhra, boidheach,
Bhiodh na caoirich da réir
Ann ri mire ’s ri leum,
’S iad a’ breith anns a chéit uain oga.
Thainig maighstir as ùr
Nise stigh air a’ ghrunnd,
Sin an naigheachd tha tùrsach, bronach,
Tha na daoin’ as a’ falbh,
’S ann tha ’m maoin an deigh searg’,
Cha ’n ’eil mart aca dh’ fhalbhas mointeach;
Chuireadh cuid dhiubh ’sa mhàl,
’S fhuair cuid eile dhiubh ’m bàs,
’S tearc na dh’ fhuirich a làthair beo dhiubh;
Ciod a bhuinig dhomh fhìn
’Bhi a fuireach ’san tir,
O nach coisinn mi ni air brogan.
’S ann a theid mi thar sàil,
’S ann a leanas mi càch,
Fiach a faigheamaid àite comhnuidh.
Gheibh sinn fearann as ùr,
’S e ri cheannach a grunnd,
’S cha bhi sgillinn ri chunntas oirnn dheth.
’S math dhuinn fasgadh nan craobh,
Seach na bruthaichean fraoich,
Bhiodh a muigh ann an aodann Ghròbain,
Air na leacan lom, fuar,
’N uair a thigeadh am fuachd,
Sin an t-astar bu bhuaine mointeach.
Moire! ’s fhada dhuinn fhin
Rinn sinn fuireach ’san tir,
Ged a thogamaid ni gu leor ann,
’S iomadh dosgainn is call
Thigeadh orra na ’n àm,
Chuireadh seachad feadh bheann ri ceo iad.
Ged a readhmaid gu féill,
’S ged a reiceamaid treud,
’S ged a gheibheamaid féich gu leor air,
Thig am Bàillidh mu ’n cuairt
Leis na sumanaidh chruaidh,
’S bheir e h-uile dad uainn dheth comhla.
B’ e sin fitheach gun àdh
Tha air tighinn an tràths,
’S e na Bhàillidh an aite ’n Leodaich,
Umaidh àrdanach, cruaidh,
’S e gun iochd ris an tuath,
E gun taise, gun truas, gun trocair;
’S beag an t-ioghnadh e féin
’Bhi gun chairdeas fo ’n ghréin,
Oir cha ’n aithne dhomh féin co ’s eòl dha,
Ach an Caimbeulach ruadh
O thaobh Assaint o thuath;
’S nam bu fada fear buan deth sheorsa!
Ach ma theid thu gu brath
A null thairis air sàil,
Thoir mo shoraidh gu cairdean eolach,
Thoir dhaibh cuireadh gun dail
Iad a theicheadh o ’n mhàl,
’S iad a thighinn cho trath ’s bu choir dhaibh.
Is nam faigheadh iad àm,
’S doigh air tighinn a nall,
’N sin cha bhiodh iad an taing Mhic Dhomhnuill;
’S ann a gheibheadh iad àit’
Anns an cuireadh iad bàrr
’S ro-mhath chìnneadh buntata ’s eorn’ ann.
’S e so Eilean an àigh,
Anns am bheil sinn an tràths,
’S ro-mhath chinneas dhuinn blath air pòr ann.
Bidh an coirc’ ann a’ fas,
Agus cruithneachd fo bhlath,
Agus tuirneap is càl is pònair,
Agus siùcar nan craobh
Ann ri fhaighinn gu saor,
’S bidh e againn na chaoban mora;
’S ruma daite, dearg, ùr,
Anns gach bothan is bùth,
’Cheart cho pailt ris a bhùrn ga ol ann.
Rinneadh an t-oran so le Callum Bàn Mac Mhanainn, aon dhe ’n luchd-imrich air an t-soitheach ainmeil “Polly,” a sheol a Portrigh ’san Eilean Sgiathanach toiseach an t-samhraidh, 1803, agus a leag an t-acair ann am bagh Orwell, an Eilean a’ Phrionnsa, air an 18mh latha de cheud mhios an Fhoghair ’sa bhliadhna sin, le mu thimchioll ochd ceud luchd-imrich. Tha ’n t-oran a toiseachadh le bhi ’toirt cunntas orra fagail acarsaid Phortrigh, agus an seoladh cunnartach am measg chreagan is eileinean air taobh an ear agus tuath an Eilean Sgiathanaich gus an d’ fhuair i sabhailte gu cuan mor. Tha e ri thuigsinn o’n oran gu ’n robh laimhseachadh an t-soithich air earbsa ris a chuid bu chomasaiche ’s a b’ eolaiche ’measg an luchd-imrich fhad ’sa bha feum orra. Tha e ’cur sios gu cruaidh air an-iochdmhorachd a bhaillidh, agus a’ toirt comhairl’ air daoine teicheadh o ain-tighearnas nan uachdaran. Tha e criochnachadh le bhi moladh Eilean a’ Phrionnsa do dhream aig am biodh sùil ri tigh’n a nall.
Bhatar am beachd ùine mhor gu robh an t-oran so air chall, ach ’sa bhliadhna 1883, air an 29mh la dhe ’n Mhart, fhuaìreadh e o bheul seann duine, aois ceithir fichead ’s a cóig, a dh’ ionnsaich e an laithean oige o’n ùghdar. Tha e ro choltach gu robh am fonn air a dheanamh le aon de Chloinn ’Ic Criomain. Tha ’n t-oran na shamhladh fior air a Ghailig dhùthchasaich, mar a bha i air a labhairt ’san Eilean Sgiathanach corr is ceud bliadhna air ais; oir cha b’ urrainn an t-ùghdar aon chuid sgriobhadh no leughadh.
Chaidh an t-oran a sgriobhadh le Eoghan Mac Laomuinn, ’sa chur gu MAC-TALLA ’san earrach, 1895, le “Murchadh Cam.” Tha sinn aig an am so ga ’chur an clo a rithist, air iarrtus cuid de ’r leughadairean an Eilean a’ Phrionnsa.
Iadsan a Phaigh.
Alasdair Mathanach, Malagawatch .
Domhull A. Mac-Fhearghais, Marion Bridge
Domhull D. Mac Gille-mhaoil, Gleann Moireasdan.
Iain Mac-Coinnich, Mira Gut
Somhairle C. Caimbeul, Eilean Phòil.
An t-Athair Mac-Eamuinn, Sidni.
Iain Mac Odrum, Sidni.
Iain B. Domhnullach, Lingan Road.
Domhnull Mac-Gilleain, Caledonia .
Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien.
Seumas Mac-Aonghais, Kennington Cove.
Iain D. Mac-Leoid, Framboise .
Micheal F. Mac-a- Phi, Glace Bay.
Murchadh Mathanach, Glace Bay.
An t-Urr. R. Mac Coinnich, Iona .
A. I. Mac-Eacharan, Port Hastings.
Donnachadh Mac-Fhionnlaidh, L ’ Ardoise
Aonghas Buchanan, McKay ’s Corner.
Bean Neill Mhic-Leoid, Jubilee .
P. D. Mac-an-t- Saoir, Rathad nam Frangach.
Steaphain Mac-Neill, Benacadie .
Bean Iain D. Mhic-Fhionghain, Scotsville
Iain MacGill-fhaollain, Bridgetown , E.P. I
Domhull Mac-Coinnich, Orwell Cove, E.P. I
Martuinn Martuinn, Martinvale , E.P. I
M. D. Mac Cormaic, Launching , E.P. I
R. I. Mac Gill-fhaollain, St . George’s E.P. I
M. D. Domhnullach, St . George’s E.P. I
Iain N. Mac-Leoid, Orwell , E.P. I
N. N. Mac-Gilleain, Caledonia , E.P. I
T. Mac-Fhionghain, Cnoc na Frìthe E.P. I
Dàidh Mac Gill-fhinnein, Eileanan Coille
An t-Urr I C Mac Gille-mhaoil, Cardigan
R A Domhnullach, Harbor au Bouche, N.S.
A. Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
D. Mac Gillebhrath, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
Iain Grannd, Lagan , Ont.
Iain A. Moraidh, Agnes , Cuebec
Iain Mac Gill-fhinnein, Los Angeles, Cal.
Uilleam Mac-Dhabhaidh, Pacific Grove. Cal.
Uilleam Domhnullach, Arkansas , Kansas
Eachunn Dùghallach, Exeter , N. H.
Iain Camaran, Detour , Mich.
Cairistine Chamaran, Brownfield , Maine.
A. B. Mac-Leoid, Plymouth , Mass.
N. H. Caimbeul, Waipu , New Zealand.
Coinneach L. Domhnullach, Sgiathabost .
Morair Lobhat, ’sa Mhanachainn, Alba.
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—Far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh— ’San tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmcachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.
A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr. ,Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 10. p. 8]
An Cu Beag.
Oran a rinneadh do chuilein beag a bha am mach air an raon far an robhtar a cruinneachadh chlach air latha fuar ’san earrach.
Tha ’n coinean beag maoth sin
Fo dhaorsa le feagal,
Leis cho fuar ’s a tha ghaoth,
Gu bheil a shaoghal aig deireadh.
Tha e beucail ’s a biogail,
’S tha e sgriamhail ’s a sgreadail;
’S mur deid thu dhachaidh gun dàil leis
Buailidh ’m bàs e gun teagamh,
Air no na ’s mios.
Oir tha chridhe cho iosal,
’S a shùilean crion cho neo-sgairteil;
Tha e crith leis an fhuachd,
Is tha e truagh leis an acras;
Is tha ’n t-ainmhidh a’s uaisle,
’S a ghluasad a’s taitnich’,
Dha-s’ uile mar bhòcan,
Chum a leon is a thacadh,
’S a chur a bith.
’S a choinein bhig, ghoraich,
’S e bu bhoidhch’ is bu ghlic’ dhuit,
Gun tigh’nn dh’ ionnsuigh an raoin so,
’S iad cur saoil cho ro thric ort.
Ma bhuaileas clach thu ’sa cheann
Bidh tu á àm ann an tiotadh,
’S bidh ’n cat firionn gun chompair,
’S do cheann donn-s’ air a bhrisdeadh;
’S an cluinn thu sin?
Mu ’n dig na naimhdean gu léir ort
Le luaths féidh, theirig dhachaidh,
’S na dig tuilleadh ’s am fàs thu
Na ’s àirde bho ’n talamh,
’S am bi do chràmhan na ’s cruaidhe,
’S tuilleadh luaiths ann do chasaibh,
’S tuilleadh neirt ann do dheudaich,
’S i glan gleusda gu sabaid,
Is gu rud ith.
Ars’ an coinean beag bronach,
’S e gu deonach a freagairt,
“Ged theid mi dhachaidh an trath so
Cha deid mo chàradh a leasach’;
Oir tha ’n dorus orm duinte,
’S bidh mi ciùrrte le feagal;
’S thig a mhuc no na caoirich
Gu mo chaobadh is mo bhreabadh,
Air no gu m’ ith.”
Och, a choinein neo-aoibhneach,
Bu tu ’n saighdear gun mhisnich,
Dur chuireadh caora bhochd, chaoimhneil,
No mhuc chraimneach air chrith thu.
Cuir gu smearail do dhréin ort,
’S rùisg do dheudach tha biorach,
’S cuir air theicheadh gach béisd dhiu
Feadh nan sléibhtean ’s nam fireach,
Is iad nan ruith.
“Tha na caoirich mor làidir,
’S tha mhuc ghrànnda fior sgairteil,
’S tha mo chridhe-sa anmhunn,
’S tha mo theanchair gun neart innt’;
Ach mu ’n tig ceann na bliadhna
Bidh mi fiadhaich is sgaiteach;
’S cha bhi ainmhidh air sliabh
A chuireas fiamh orm no gealtachd,
Dur bhios mi sean.”
AN CU BEAG,
An uair a bha e bliadhna de dh-aois.
Is gur h-e ’n gille coir sin
A tha anns an deagh ordagh,
Agus am bus mor aig’
Cho boidheach ’s cho sliom.
Tha car na ’fheaman ròmach,
Tha casan fada mor air,
Is broilleach geal ro-oirdheirc,
’S gun fhòtus na chrìdh’.
Tha fhiaclan cruaidh is làidir,
’S tha bheul fior-fharsuinn càilmhor;
’S math dh’ itheas e ’m buntàta,
’S gu h-àraid am mìr.
Is toil leis lit is làgan,
Deagh bhainn’ agus feoil làidir;
’S cha tionndaidh e gu tàireil
Bho chàis no bho ìm.
Nan digeadh àm a chruadail,
Is nam biodh feum air luathas,
’S eis’ am fear bhiodh buadhach
Gu h-uallach ’s gach càs.
Dur chuireadh e a dhréin air,
’S a rùisgeadh e a dheudach,
Bu dàmh’r d’a nàmhaid géilleadh
Gun bheum chur an sàs.
’S dur thoisicheadh an riabadh,
’S an t-sabaid a bhiodh fiadhaich,
’S a chluinneadh tu na sgriamhan
’Bu phiantaich’ aig càch,
B’ e sin an ceol bu bhoidhche
Le cluais a ghille mhoir ud,
Oir bhiodh e buileach deonach
An leonadh gu bàs.
Is ged a tha e gruamach,
Is crosd an àm a bhuairidh,
Tha e a cheart cho suairce
Cho luath ’s a thig sìth.
Tha e na ghnè cho càirdeil,
Cho daimheil is cho pàirteach,
’S na chuilein cho beag àrdain
’S chaidh àrach san tìr.
Ach cha ’n fheil seorsa mhucan
An taobh-sa gheata ’n Turcaich
Nach ruaigeadh e gun fhurtachd
Nan tuiteadh an stri.
Tha e na chù cho feumail
’S chaidh thogail fo na speuran;
’S a dh-inns’ na firinn réidh dhuibh,
Cha léir dhomh a phrìs.
Oir fhuair e tuigs’ a bhàrr air
A h-uile cù ’san àite,
Is do gach obair àlainn
Gach là thug e spéis.
Is cinnteach leam an tràth so
Nach faicear cù gu bràth leinn
A thuigeas a chruaidh Ghàidhlig
Na ’s fearr na e-féin.
Cha tug mi riamh de thàir dha,
’S gun labhrainn ris ’sa chànain
Mu bheil na Gaill ag ràdh
Gur h-i ’s àirde fo ’n ghréin.
Ach sguiridh mi ’san àm so
De chliu a sheinn na làthair,
Mum fàs e tuilleadh ’s stàirneil
A thàlantan geur’.
Rinneadh an da oran air a chù bheag mu ’n bhliadhna 1845. Is e Pàdruig Ros anns a Bheinn Ghuirm a b’ ùghdar dhaibh. Thug e dhomhs’ iad, air an sgriobhadh a sios leis féin, air an t-siathamh latha diag de ’n Mhàrt, 1887. Bha Padruig na eildeir aig a Bhlàrach. Bha e na dhuine fiosrach, tuigseach; agus na fhear labhairt fior mhath. Thainig athair, Uilleam Ros, a Gleann-Urchadain ’sa bhliadhna 1818.
Tha Gàidhlig aig a chù agam-sa a cheart cho math ’s a bha i aig cù Phàdruig. Cha bhith mi a bruidhinn ris ach Gàidhlig. Tha mi a cumail na Beurla air son Shasunnach is air son Ghaidheal thruagha a tha feuchainn ri bhith nan Sasunnaich.
GLEANN-A- BHAIRD.
Earbsa.
Dh’ eirich an fhairge, ’s shéid a’ ghaoth,
Is b’ aobhar-oillt an fhuaim,
Do ’n h-uile aon ’s an eathar fhaoin,
Air faondradh feadh a’ chuain.
Ach mac an sgiobair, balachan maoth,
Chual’ e, gun gheilt, an toirm;
Fiamh aiteis ard gun robh na ghnùis,
Gun smuairean air roimh ’n stoirm.
Dh’ fheoraich aon de ’n sgioba dheth,
C’arson bha e cho ciùin;
“Cha ’n eagal domhsa,” fhreagair e,
“Tha m’ athair air an stiùir.”
Mar so, ’n uair dhìobras sòlas sinn,
’S an cridh’ le dòlas lan,
Tha acair dhaingean ann nach tréig;
’S e Dia is Dia a mhain.
R’ ar n-ùrnaigh cromaidh Dia a chluas,
Is fuasgladh luath bheir dhuinn;
Ar deoir gu aiteas tionndaidh e,
Gu aoibhneas fath ar teinn.
Measg amhgharan an t-saoghail thruaigh,
Earbaibh a Dia nan Dùl,
Ag radh, an la na gaillinn chruaidh,
“Tha m’ athair air an stiùir.”
Tha ar stor ro-bheag airson na th’ againn de dh’
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
a shealltainn gu ceart. Gluaisidh sinn do ’n stor mhor a
th’ ann an
TOGALACH MHIC GUAIRE
air a cheud latha de Nobhember.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 10 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 10. %p |
parent text | Volume 11 |