[81]

[Vol . 11. No. 11. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 28, 1902. No. 11.


AChomhstri mu Chrioch Alasca.

BHUINEADH Alasca, ri linn ceud eachdraidh na dùthcha so, do Ruisia, agus gus an dfhàs e soilleir gun robh Roinnean Chanada ri bhi air an tàthadh ri chéile, ni a thachairsa bhliadhna 1867, cha robh moran coltais gum buineadh i do dhùthaich sam bith eile. Ach nuair chunnaic na Geancaich an dùthaich òg so afàs suas ghabh iad eagal is cùram gum faodadh i tighinn gu bhi tuilleadh is cumhachdach, agus smaoinich iad gu robhn t-àm aca feuchainn ri tilleadh a thoirt dam bana-choimhearsnach. Cha robh feum saoghaltacair Alasca; ach air-son a cumail bho Chanada, chaidh a ceannach bho Ruisia, agus riamh on uair sin tha aimhreit eadar iad féin is Canada mun chrìch. Tha stiall chaol de Alasca a ruith an oir achladaich eadar Canadas an cuan mor, aguss ann mun stiall sin a than aimhreit. Tha Canada acur na crìche eadar an da dhùthaich faisg air achladach, atoirt dhi féin cothrom air an fhairge ruigheachd, ach tha na Stàidean gacur am mullach nam beann, adùnadh Chanada air falbh on fhairge gu buileach. Tha iomadh bliadhna on thairg Breatunn a chùis a leigeil air beulaobh Ard-chomhairle a bheireadh breith cheart eadar an da dhùthaich, ach an tairgse sin cha ghabhadh na Stàidean. Tha e ri fhaicinn gu soilleir carson. Nam biodh na Stàidean cinnteach gur ann aice tha chòir, bhiodh i gle dheònach achùis a chur fa chomhair Ard-chomhairle. Agus nuair nach eil i deònach sin a dheanamh, tha e ri thuigsinn gu bheil i fiosrach nach ann aice thachòir, ach gu bheil icur roimpe na tha ig agairt a chumail le làmhachas-làidir. Is tric a chluinnear na Geancaich ri uaill as an tapadh féin mar luchd-gnothuich, agus aidichidh sinn gu bheil aobhar uaill aca. Ach ann an déiligeadh ri dùthchannan eile, feumar aideachadh gu bheil iad gu tric anochdadh nan ceart chuilbheartan a nochd righ Ahab o shean nuair a shanntaich e, ’s a chuir e roimhe gun sealbhaicheadh e, fion-lios Naboit.


Deagh Riaghladh.

CLUINNEAR gu tric a bhigearan air an dòigh sam bheil an dùthaich, na roinnean, na siorrachdan, ’s na bailtean, air an riaghladh. Tha moran de dhaoine firinneach, onarach, deagh-bheusach abuileachadh an tàlantan air-son math an dùthcha an aon dòigh non dòigh eile timchioll an riaghlaidh, agus than duais aca ann am meass an deagh-ghean an t-sluaigh. Ach, gu mi-shealbhach, tha moran eilefaotainn lamhsan riaghladh bho àm gu àm aig nach eil math dùthcha no ni eile nam beachd ach am math féin. Tha so air fàs cho cumantas gu bheil àireamh nach beag de dhaoine matha an impis duslach cùisean-riaghlaidh a chrathadh dhen casan agus cùl a chur riutha. Tha iad am barail nach gabh cùisean leasachadh agus air an aobhar sin ameas gur fhearr dhaibh an seachnadh gu buileach.

Tha daoine a smaoinicheas gur urrainn daibh an dleasnas a chur dhiù air an dòigh sin adeanamh mearachd mhor. Anns an dùthaich so chan e righ no uaislean a tha riaghladh, ach an sluagh, agus tha dleasnas-riaghlaidh air a leagail air gach duine nach comasach dha a sheachnadh. Am fear an ni dearmad air bhòtadh gach uair a tha taghadh ann, tha edeanamh tàir air aon de na sochairean as motha tha lagh na dùthchabuileachadh air. Agus am fear a bheir bhòt seachad air taobh ni no neach nach eil e dearbh-chinnteach a bhi ceart, tha e meas na sochair sin, a tha ro-phrìseil, air bheag luach.

Ma tha riaghladh dùthcha, siorrachd no baile, math no olc, is ann le aontas le deanadas an t-sluaigh fein. Ma tha mhor chuid dhiù toigheach air deagh riaghladh, ’s astiùradh an oidhirpean le gliocas, gheibh iad deagh riaghladh. Ach ma bhios earann mhor dhiù caoin-shuarach mun ghnothuch, mas roghnaiche leis gach aon a chùisean pearsanta féin na math is leas coitcheann a dhùthcha, gheibh luchd nan cuilbheart an làmh an uachdar, agus bidh achòirs an ceartas air an cur a thaobh. Chan eil dòigh eile ann air cùisean-riaghlaidh a chumail mar bu chòir dhaibh a bhith ach gach aon den t-sluagh a bhi cumail sùil fhurachail orra-san ris an drinn iad an earbsa. Ma ni iad gu math, biodh iad air an duaiseachadh, ’s mur dean, biodh an àiteachan air an lionadh le muinntir as fhearr. Anns an obair so tha sinn uile co-ionann, ged nach bitheamaid mar sin ann an ni sam bith eile. Cùnntar bhòt an duine bhochd cho math ri bhòt an duine bheartaich; chan aithnichear an dara on eile.


Facal gu Leughadairean Mhic-Talla.

BHA mi an roimhe a rùrach am measg sheann leabhraichean, agus ciod a biongantaiche leam na tighinn tarsuinn air seann àireamh deChuairtear nan Gleann.” Am measg gach naidheachd a bhann, cha do chòrd aon dhiubh cho math rium ri litir bhlasda, phongail; agus cha robh facal innte ach an tul-fhìrinn. Le cead an fhir-dheasachaidh, bheir mi seachad earrann dhith anns aMHAC-TALLA. Freagraidh an litir a cheart cho math, tha mi smaointean, air àireamh de leughadairean MHIC-TALLAsa fhreagair i air leughadairean a’ “Chuairtear.”

Nach nàr e ri innseadh gum bheil an earrann is lionmhoire am measg nan Gàidheal caoin-shuarach cia aca ruigeas sibh iad no nach ruig. Chan altaich iad bhur beatha. Cha toir iad cuireadh dhuibh a steach dan taighean; agus air dhaibh a bhi dall dan leas féin, leigidh iad leibh gabhail seachad. Na biodh achùis mar so nis fhaide. Tha cosdas mor nar lorgcosdas nach tuig a h-uile fear; ach an déigh sin uile, bu bheag agus beutrom e air gach aon fa leth dur luchd-dùthcha, nan roinneadh iadnam measg féin e. Cha sòradh an Gàidheal sgillinn Shasunnach a chur am mach nan còmhlaicheadh e caraid aig taigh-òsda; agus cha bu mhor da sgillinn bhochd ruadhsan t-seachdain a chumail as an tombaca, chum an earrann aige de chosdas aphaipear ìocadh. Tha na Goill acumail suas na ficheadan de na paipeirean luideagach, leibideach, Gallda aca féin; agus is duilich, agus is truagh an ni e, mur cum na Gàidheil gu léir suas aon phaipeir cuimir, ceanalta, agus eireachdail, chum eòlas a chraobh-sgaoileadh air am feadh, ann an cainnt bhrìghmhor an dùthcha féin. Is math leam féin nach tuig na Goill aGhàilig, air eagal gum biodh fios aca gum bheil sliochd nan garbh chrioch caoin-shuarach mur timchioll.”

Tha abhliadhna so a nis a teannadh gu crìch. Agus nach biodh e na ni gasda do gach leughadair a thair deireadh ann am pàigheadh aMHAC-TALLAnan cuireadh iad uige a h-uile sgillinn ruadh a thaigorra. Bhiodh am fear-deasachaidh taingeil, toilichte aig toiseach na bliadhnùir, agus cha chluinneadh na leughadairean aon ghearain uaithe gu ceann bliadhna eile.

Tha mi glé chinnteach gum bheil an t-àm air ruith seachad, mu am bheil am bàrd ag ràdh:—

Bha na Gaidheil ro aineolach, dall,
Bha ionnsachadh gann nam measg:
Bhan eolas cho tanas cho mall
S nach baithne dhaibhn call a mheas.”

Nach bu chòir, mata, do na h-uile a thair deireadh ann am paigheadh aMHAC-TALLA a dhlighe fhéin a chur uige, gus gum bi e mu dheireadh cho làidir, dreachars nach bi de dhànadas aig mac màthar facal a ràdhna aghaidh. Criochnaichidh mi an litir so le ceathramh no dha eile de bhàrdachd Sheumais Mhic Griogair:—

Ach theid aineolas nis as an tìr,
S gach cleachdadh neo-dhìreach, crom,
Is meallaidh sinn sonas is sìth,
Gun fharmad no strin ar fonn.
Theid sgoileanchur suas anns gach cearn,
Bidh leabhraichean Gàilìg pailt,
Bidh eolas is diadhachd a fàs,
Thig gach duine gu stàs gu rath.

Nistogaidh na Gaidheil an ceann,
S cha bhi iad am fang nis ’:
Bidh aca àrd-fhoghlum nan Gall.
Is tuigse neo-mhallna chòir;
Theid innleachdans oibrean air bonn,
Chuireas saibhreasn àr fonn gu pailt,
Bidhn diblidh cho laidir ri sonn,
S am bochd cha bhi lom le h-airc.”

an àigh! Aguidhe soirbheachadh math agus saoghal fada don MHAC-TALLA.

Is mi bhur dearbh charaid,
DOMHULL MAC NEILL.

[Tha sinn an dòchas gun gabh ar leughadairean comhairleDhòmhuill.” Tha moran dhiù air deireadh ann am pàidheadh. Gun teagamh chan ann an rùn gun a phàidheadh idir a tha iad; tha iad direach acur dàilsa ghnothuch. Ach far am bi dàil bidh dearmad, agus than dearmad gu tric adeanamh barrachd crons a dheanadh fior naimhdeas. Tha sinn an dòchas gun cluinnear uapuile romh BhliadhnUr. ]



[82]

[Vol . 11. No. 11. p. 2]

Bha da urra rioghail air chéilidh air Righ Iomhar o chionn ghoiridImpire na Gearmailt agus Righ Phortugal. Is dithis iad a tha gle eu-coltach ri chéile. Than t-Impire na dhuine mor, cumhachdach, —nabharail fhéin chan eil a leithid eilann— ’s arìgheachadh thairis air an dùthaich as fhaisge thig air Breatunn ann an neart de dhùthchannan na Roinn-Eòrpa. Tha Righ Phortugal, air an laimh eile, air ceann aon de na dùthchannan as lugha. Chan eil a chumhachd ach beags chan eil a mhaoin mór. Ach tha e na dhuine ciùin, sìtheil, a than deagh chàirdeas rishluagh, ’s a tha gabhail gach toileachas-inntinn a gheibh e áinbhe, ’s aseachnadh mar is urrainn dha gach uallach is iomaguin a thig nalorg.

Chan fhadan ùine on chaidh ionnsuidh a thoirt air beatha Prionnsa Wales (Righ Iomhar) turus a bha e air chuairt ann am Belgium. Chaidh an duine thug an ionnsuidh air a chur an greim ach bha na Belgich aig an àm cho fad an aghaidh Bhreatuinns nach do chuireadh peanas sam bith air. An la roimhe thugadh an ionnsuidh cheudna air an righ aca fhein le Eadailteach. Bidh am fear sin gun teagamh air a pheanasachadh gu cruaidh. Chan en ceartas a thug iad don phrionnsa Bhreatunnach a bheir iad dan rìgh fein idir. Mas e, tha eagal oirnn nach bi a shaoghal buan. Chan eil ni as bheir misneach do luchd an uilc na dìth peanais.

Tha an t-Ollamh Goldwin Smith an deigheanachainn a thiomnadh do Oil-thigh Chornell, ’sna Stàidean, nuair nach bi e-fein acur an còrr feum oirre. Anns an òil-thigh sin thatar adeanamh cruinneachadh de chaochladh eanachainneaneanachainnean dhaoine glices eanachainnean dhaoine aimideachmar ioghnadh do luchd-amhaircs mar chuspairean-fiosrachaidh do luchd-foghluim.


Naigheachdan.

EASLAINTEAN AN SIDNI TUATHTha an triuthach gu donas gu pailt ann an Sidni Tuath. Air an t-seachduin sa chaidh chaochail triùir de chloinn òga leatha. Tha an fiabhras dearg mar an ceudna measg na cloinnesa bhaile sin, agus chaochail dithis leis an taobh a stigh de sheachduin.

ABHREAC A RITHISTAir an t-seachduin sa chaidh bha dithis air am faotainn tinn leis a bhric ann an Louisburg. Ann am Port Hawkesbury, bha dithis no triùir tinn leatha, agus chaochail aon duine. Thòisich i anns abhaile sin air bòrd da shoitheach a bhasan acarsaid. Thatar adeanamh mach gun deach an tinneas a ghiùlain ann an seann aodach a cheannaich aon de na seòladairean ann am Boston.

TELEGRAPH MHARCONITha Marconi a nis cinnteach gu bheil achùis gu soirbheachadh leis. Bha efaotainn fhiosan á Cornwall air bòrd an t-soithich-chogaidh air a thurus thar cuain, agus fhuaireadh fios no dha eadhon an deigh acair a thilgeadh mu choinneamh Shidni. On thainig e tha eg obair gu trang air na h-innealan a chur air ghleussna tùir an Glace Bay, agus cho luaths a bhios sin criochnaichte, tha en dòchas gum bi a shoirbheachadh aithnichte don t-saoghal.

LAGH CHON IS CHAORACHAnn an Newfoundland, tha lagh aca leis am faodar call nan caorach a theid a mharbhadh le coin a dheanamh suas le cìs a leagail air gach san sgìreachd. Bha cùirt air son riarachadh an lagha so nasuidhe ann an Harbor Grace o chionn ghoirid, agus an deigh gach call a mheas a rinneadh air na tuath anaich an sin le coin a bhi marbhadh chaorach, chaidh cìs thri tasdain a leagail air gach beag is mor a bhasan sgìreachd. Tha moran bhliadhnachan on chaidh an lagh so air an leabhar, agus thatar ga fhaotainn feumail fhathast. Ciamar a fhreagradh a leithid de lagh ann an cearnan de Cheap Breatunn?

AN AMHACH-GHOIRT AN CATALONETha an amhach-ghoirt air bristeadh mach ann an Catalone. Air an t-seachduin sa chaidh bha i ann an ceithir teaghlaichean. Di-màirt air an t-seachduin so chaochail nighean do Niall Mac Amhlaidh (Niall Mac Thorcuill) aois cheithir bliadhndeug. Rinn an easlaint so bristeadhsan teaghlach cheudna roimhe; aona bliadhndeug air ais thugadh air falbh am mac bu shine aig Mac-Amhlaidh.

COLTAS AGHEAMHRAIDHTha coltas agheamhraidh atighinn air an t-sìde. Tha fuachd is beagan reothaidh ann gu tric, agus frasan sneachd a sileadh an dràsdas a rithist. Bhan talamh air a chòmhdach le sneachda an so uair no dha cheana, ach cha do mhair e fada. Ach an ceann tuath an eilein, an siorrachdan Inbhirnis is Victoria, thuit dlùth air troigh air an t-seachduin sa chaidh, agus thachuid mhor dheth gun leaghadh fhathast.

MCNUTT AIR A DHITEADHAnn an Truro, bha fear Morton McNutt air fheuchainn aig an t-suidhe mu dheireadh dhen chùirt Mhoir air-son ionnsuidh a thoirt air a bheans a mhàthair-cheile a mharbhadh. Chaidh a dhearbhadh gu soilleir air gu robh nabheachd a bhean a mhort, ged nach deachaidh leis. Fhuaireadh ciontach e agus thug am breitheamh dha fichead bliadhnasan tigh-obrach. Bha McNutt na dhuinòg, ach dhfhàs e trom air an òl, agus chuir sin e dhimeachd air slighean an uilc.

FEIN-MHORTSA MHEINN A TUATHThachair ni muladach ann an Centreville, sa mhèinn a Tuath, seachduin gus an raoir. Chuir Seumas Beuton, aon de na seann daoine bu mheasailesa choimhearsnachd, crioch air a bheatha le e-fein a chrochadh ri sail anns an t-seileir. Bha e na dhuine a fhuair moran trioblaidsan t-saoghal. Bha coignear chloinne aige, agus thug a chaitheamh air falbh ceathrar dhiù. Chaochail a bhean leis an easlaint cheudna, agus an dearbh fheasgar a chuir e crioch air fein chaochail nighean bràthar dhasan aon tigh ris. Thatar adeanamh gun do chuir so uileinntinn air aimhreit, agus gum bannsan t-suidheachadh sin a bha e nuair chuir e làmh nabheatha. Bha e tri fichead is deich biadhna dhaois.

CUISEAN STUAMACHDTha cùisean stuamachd ann an Sidni agluasad gu mall, ach, mas math ar barail, gu cinnteach. Tha àireamh dhaoine a bhair an cur air leth an deigh na coinneamh moire a bhaig sluagh a bhailesan Rink, ag ullachadh air-son barrachd neart a chur air cùl an lagha, agus tha dòchas gum bi leasachadh mor air cùisean an ùine ghearr. Tha muinntir Shidni Tuath agluasadsan dòigh cheudna. Bha coinneamh acan raoir aig an do rùnaich iad ionnsaidh làidir a thoirt air cur as do mhalairt an òilsa bhaile sin. Tha e gle choltach gu bheil an sluagh anns an da bhaile aontachail mun ghnothuch, agus ma leanas iad mar sin gun sgìtheachadh, soirbhichidh leotha. Tha e mar dhleasnas air gach aon aig am bheil math a bhailes a dhùthcha na bheachd gach cuideachadh as urrainn dha a thoirtsan aobhar so. —Tha e nani creideasach do Shidni Tuath gu bheilear acur cruaidh riuthasan a thair am faotainn ciontach de chreic stuth làidir ri Innseanaich. O chionn ghoirid chaidh càin ceud dolair am fear a chur air dithis air-son na cionta sin.


Impire na Gearmailt.

Tha an t-Impire Mòr ainmeil so anns an dùthaich an dràsd, agus tha ioghnadh air ioma fear mu na h-aobharan a thug e do na h-eileanan so aig an àm so. Tha e air a thuigsinn ann an ceàrnan sònraichte gum bheil e an déigh co-chòrdadh a dheanamh ri luchd-riaghlaidh Bhreatuinn mu chùiseans an àird-an-ear agus mu chòirichean eile ann an taobh deas Africa. Bidh e a ghnàthna ùrnuigh leis na Gáidheal gum biodh soirbheachadh aleantuinn ceuman nan Gearmailteach. Tha dàimhean eadar an dùthaich so agus aGhearmailtsa h-Impire comasach a tha luachmhor air son math achinne-dhaonna. Uime sin tha fàilte chridheil anns na h-eileannan so a ghnàth afeitheamh air teachd an Impire ghreadhnaich so do thìr ainmeil a sheanamhair far an do thòisich gaoil eadar a mhàthair ghrinn agusathair a bhana dhuine ionmholta am measg mhòran. —Oban Times.


LITIR AS AN EILEAN SGITHEANACH.

FHIR MO CHRIDHE, —Tha ùine mhor a nis on a chuir mi an litir mu dheireadh ugad. Agus gus an fhìrinn ghlan innseadh dhut, tha car de nàire orm a chionn mi bhith cho fada gun sgrìobhadh gad ionnsuidh. Ach faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi gun robh mi smaointean ort tric gu leor, agus gur e mo dhùrachd gun soirbheachadh gu math leat. “Ach,” arsthusa, “cha dean deadh dhùrachd agus a bhithsmaointean orm gu tric dad nas de dhfheum dhomhsa na rinn na taingeannan do choileach aghobha. Ge be a tha air son a dhùrachd agus a dheadh rùn a chur an ceill dhomhsa, cuireadh edhollair ugam gu riaghailteach a h-uile bliadhna, agus sgrìobhadh e ugam gu math tric.”

A nis, a charaid, ged a theireadh tu a h-uile facal dhe so chan abradh tu ach an fhìrinn. Tha misecreidsinn gum faodadh an caraid as dìsle a tha agad barrachd a dheanamh air do shon na tha edeanamh.

Mun àm so dhen bhliadhna tha aire dhaoine, mar is trice, air a togail le bhithbruidhinn air gnothaichean a bhuineas do bhàrr na bliadhna. Air abhliadhna so tham fogharadh mòran nas fhadalaiche na bha e o chionn àireamh mhòr bhliadhnachan. Bhan t-earrach cho fliuchs cho fuar, agus bha leithid de reothaidhean anns nach robh e sàbhailte do dhaoine an siol a chur anns an talamh. Bha acheud mhios dhen t-samhradh gu math fuar mar an ceudna; agus cha robh coltas gum biodh aon chuid feur no arbhar math ann an àite sam bith air feadh na Gàidhealtachd. Ach ged a dhfhàs am feurs an t-arbhar anabarrach math anns amhios mheadhanach dhen t-samhradh, bha e soilleir gu leor gum biodh am fogharadh gle fhadalach nas lugha na bhiodh aimsir gle mhath ann fad an fhoghair.

Chaidh mios meadhanach an fhoghair seachad mun drinn daoine car air abhuain; oir bha earrann mhor dhen arbhar cho gorm ris achreamh. Fhuair daoine am feur a chur fo dhion gun domail sam bith. Ach is gann gun do chuireadh abheag dhen arbhar fo dhion fhathast. Agus tha achaidhean gun bhuain rim faicinn ann an iomadh àite air feadh na dùthchadh.

Tha pailteas de bhàrr air an talamh ma gheibhear a chur fo dhion; ach cha dean e min idir. Ni e siol cura ged nacheil e abaich. Feumaidh sinn uile bhith air ar beathachadh le min America; agus tha ena aobhar-toileachadh dhuinn a bhithcluinntinn gum bheil barr math am bliadhna araon anns na Staidean agus ann an Canada.

Ged nacheil dùil aig daoine ribheag de mhin a dheanamh air an cuid barra fhein am bliadhna, tha e gu mòrnam fabhar gum bheil am buntàta gu math pailt. Cha chualas ach gann iomradh air aghaiseadh am bliadhna. Mars trice tham buntàta lionar agus garbh agus tioram. Ach than t-iasg anabarrach gann. Chaneil duine beò aig am bheil cuimhne air an iasg a bhith cho gann. Chaneil daoinetuigsinn ciod is aobhar dha so. Tha cuid asmaointean gum bheil iasgairean nan lion-sgriobaidh(trawlers)an deigh an t-iasg, araon beag is mòr, a sgriobadh leotha bhar nan oitrichean. Than lagh an aghaidh dhaibh a dhol nas fhaisge na trì mile air tìr. Ach tha iad abristeadh an lagha gu tric, ged tha bàtaichean-cogaidh an righ air aiss air aghart timchioll nan eilean gus an glacadh. Chaidh dhe na bàtaichean-iasgaich so a ghlacadh ag iasgach an taobh a staigh dhe na criochan



[83]

[Vol . 11. No. 11. p. 3]

faisge air Steornabhagh air an t-seachdain sochaidh, agus chuireadh ceud punnd Sasunnach (no coig ceud dollair mar a their sibhse) de chàin air. Ged a tha na h-uiread dhiubh air an glacadh a h-uile bliadhna, agus càin throm air a leagadh orra, chaneil iad toileach sgur de bhristeadh an lagha.

Shoirbhich iasgach an sgadain anabarrach math le daoine ann an Steornabhagh, ann an Gallaobh, agus anns an aird an ear air an t-samhradh a chaidh seachad. Ach chaidh achuid bu mhò dhen iasg so gu ruige Rusia, agus aGhearmailt, agus gu ruige àiteachan eile air Tìr-mor na Roinn-Eòrpa. Tha e air innseadh dhomh gum bheil teaghlaichean anns an Eilean so a choisinn dlùth air ceud punnd Sasunnach am bliadhna aig iasgach an sgadain.

Tha prisean matha air crodhs air eichs air caoraich am bliadhna. Thog an cogadh a bhann an Africa prìs nan each gu mòr. Agus thachùis coltach gum bi prìs mhath air eich fad iomadh bliadhnana dheigh so.

Ghabh daoine eagal o chionn ghoirid gun éireadh prìs aghuail ro àrd an uair a chualiad an aimhreit a dhéirich eadar na gualadairean agus na maighstirean anns na Staidean. Dhéirich aphrìs ann an Sasunn ann an latha no dhà; oir dhordaich cuid de mhuinntir nan Staidean cunntas mhòr mhìltean tunna guail a chur gan ionnsuidh á Sasunn. Ach ged a dhordaich iad cuid mhath de ghual a chur uca á Alba, sheas aphrìs mar a bha i roimhe. Tha sinn a nis toilichte gun do chòrd na gualadairean agus na maighstirean mun tuarasdal, agus nach bi feum tuilleadh air gual a thoirt á Breatunn.

Is docha gun saoil na tha beò fhathast dhe na Gàidheil a dhfhalbh as an dùthaich so nach ruig sinne a leas suim sam bith a ghabhail mu dheidhinn co dhiubh a bhios prìs aghuail àrd no iosal; ach thainig atharrach mor air an dùthaich, agus air sluagh na dùthchadh on a dhfhalbh iadsan. Tha na bogaichean mònadh asior ruith am mach faisge air na rathaidean mòra; agus on a tha mòran dhe na daoinòga afalbh aig toiseach an t-samhraidh gu cosnadh sam bith a fhreagras orra anns aGhalldachd, chan urrainn do na seann daoine mòran a dheanamh air buain, air togail, agus air cruachadh mhònadh. Agus cha bhiodh ann ach gòraich do theaghlaichean fuireach aig na taighean gus amhòine chruachadh an uair a choisneadh iad ann an aon seachdain aig obair anns aGhalldachd barrachd air na dheanadh iad a dhfheum aig na taighean fad mhios. A bharrachd air aso, tha daoinòga an lathan diugh asmaointean nach bu chòir am faicinn ann am poll mònadh gun ghlùin mar a bha na daoine on dthainig iad. An uair a chi thu spalpaire de ghille òg an sid le ad ma cheann, lechollair geal air, le uaireadair air a chliathaich, lebhriogais ghoirid, le stocainnean ballach de dhiomadh dath air a chalpannan cuimir, agus le bhrògan grinne as am faiceadh tu dfhailleas, cha smaoinicheadh tu gu bràth air iarraidh air a dhol gudhà ghlùin do pholl mònadh. Agus mu dheidhinn gun iarradh tu air nighinn òig, ghrinn, ghlain, le a falt air a phasgadh gu h-òrdail anns an fhasan as ùire air mullach a cinn, le crios dearg ma meadhain air a dhùnadh le bucall airgid, leblousegrinn geal ma com, le collairlacema h-amhaich, leskirtdelustrea chosg leth-chrùn an t-slat, agus le botunnan a tha ruighinn meall achalpa dhi, a dhol a chur mhònadh bhar nam poll air a muin, cha bhiodh ann ach gnothach gun tùr dhut smaoineachadh air a leithid. Bu mhath an rud nan tugadh i steach ultach mònadh as achruaich, no cnap guail, gus an teine chumail beò. Tha gillean agus nigheanan òga an diugh, mar is trice, adeanamh barrachd cuideachaidh le am pàrantan aig cosnadh math na dheanadh iad le fuireach aig obair thruim, shalaich aig na taighean. Tha iad afaotainn deadh thuarasdal anns na taighean cosnaidh, agus theid aca, ma bhios iad glic, deanadach, agus cùrmach mun tuarasdal, air iad fhein a chumail gu grinn, glan, comhfhurtail, agus cuideachadh a dheanamh le am pàrantan.

Ged a thug mi iomradh mar tha air mar a bham bàrr cho fad air ais leis cho mi-fhàbharrachs a bha aimsir na bliadhna, feumaidh mi tuilleadh a radh. Tha na daoine as sinne, agus as fhearr cuimhne a tha beò ag radh nach cuimhne leotha bliadhneile fhaicinn coltach ris abhliadhna so. Eadar toiseach na bliadhna agus toiseach an t-samhraidh thainig asia noseachd de shneachdanan troma; ach cha do mhair a h-aon diubh fada. Bu ghann a mhair a h-aon diubh na bfhaide na seachdain. Bhan t-sìde, on a thainig abhliadhna anabarrach caochlaideach. Anns an iuchar, an uair nach bu ghnath le daoine teine fhaicinn ach am beagan a dhfheumteadh gu deasachadh béidh, dhfheumadh teine a bhith anns gach seòmar anns am biodh daoine suidhe. Agus chunnaic mi uair is uair teine air a chur anns na seomraichean-cadail ann am meadhain an iuchair! Thigeadh beagan laithean de shìde cho blàths a dhiarradh duine, agus an sin thigeadh sìde fuar, fliuch. As aso dheirich iomadh droch cnatan am measg dhaoine.

Ged a than litir so fada gu leor, tha aon naigheachd agam ri innseadh air nach bu choir dichuimhn a dheanamh, agus is e sin gun do chuir an righ agus abhanrigh urram mhor oirnn an uair a thainig iad do Loch-sniodhasart, agus a chuir iad seachad an oidhche aig acaire ann am Bagh Uige. Beagan ùine an deigh do na luingeas tighinn gu àitacairebha ceithir ann dhiubh, yachtan righ, agus trì luingeas-chogaidh a bha falbhna chuideachdchaidh an righs abhanrigh gu tir, agus choisich iad suas mu leith-mhile o cheann na laimhrig. Rinn muinntir Uige fodhail mhor riutha. An uair a dhorochnaich an oidhche chuireadh tein-aidhir suas ann an ùine ghoirid air cnoc àrd faisge air achladach, agus dhòladh deoch-slàinte an righ agus na banrigh uair is uair aig an tein-aidhir mun robh e uair dheugs an oidhche. Tha airgiod air a chur cruinn mar tha gus cuimhneachan air choireiginn a bhith ann an Uige air an latha chaidh an righs abhanrigh air tìrfeasgar acheud latha de Sheptember. Bha amhrus aig daoine gun taghladh an righ ann an aiteiginnsan Eilean Sgitheanach, agus bha dùil aig muinntir Phortrigh gur ann orra fhein a chuireadh e an urram; agus air an aobhar sin bha iad car mi-thoilichte nach do thaghail e orra. Is mi do charaid,

IAIN.
Latha Samhna, 1902.


LITIR A SIDNI-A- TUATH.

GED nach do sgrìobh mi ga dionnsuidh air a mhios sa chaidh, feumaidh mi radh gur h-e a baobhar dha sin, mar thuirt Ruairidh Friseal, ’s neach eigin air ceist a chur air mu ni-eigin air nach freagair dhomh tighn thairis, “A chabhaig! a chabhaig!” Ach, cabhagachs mar tha mi, leig mi seachad mobair re ùine air an fheasgar an diugh a chum còmhradh a bhi agam ri aon de na daoine as sinethasa bhaile so, ’s e air tighinn gar faicinn. ’S ainm dha Somhairle Mac-a- Phì, a rugadhs a dhàraicheadh an Cillemhoiresan Eilean Sgitheanach. Ged tha e gle aosda, agus gun chomas siubhal ach gu mall le comhnadh abhata, tha cuimhne mhath aige air iomadh ni a thachair an làithean òigesan t-seann dùthaich. Air don òranAn gleannsan robh mi òga bhi air a ghabhail dha, agus beagan de eachdraidhGhilleasbuig aotruimair a leughadh áClàrsach an Doire,” tharruing sin e gu beagan air an robh e féin fiosrach mu thimchioll Ghilleasbuig innse dhuinn.

Tha cuimhne mhath aige air àms na theab e féin tràghadh le sròn-shileadh; agus air dha a bhi cho anmhunn an deigh sins gun robh e ùine ghoirid air an leabaidh, co a thigeadh a dhionnsuidh an taighe air àraidh, ’s gun a stigh ach amhàthairs e féin, ach Gilleasbuig agus sùgan air a shuaineadh muchois chli bhobonn gus os ceann na glùine, ni a bha nochdadh gu soilleir, a dhaindeoin gleusdachd Ghilleasbuig, gun robh mòran gadhìth. ’Nuair a chunnaic e Somhairle air an leabaidh, dhfhaighnich e dheth bha cur ris. Fhreagair esan nach robh fhios aige gu ro mhath, ach gur beag nach deug e le sròn-shileadh. “Ud,” arsa Gilleasbuig, “chan eagal duit! Tha mise dol a mach gun dàil, agus chaneil cailleach mun cuairt air nach toir mi cearc agus uibhean a chur ugad.” Ma rinn e mar gheall e chaneil fios agam.

Mun àm sin féin chaidh Gilleasbuig, agus sgonn math batana dhòrn, gu taigh duinesa choimhearsnachd dom bainm Domhnull Ros. Thachair gun robh Domhnull agus a mhac a machsan fhearann, agus nach robh a stigh roimh Ghilleasbuig ach bean Dhomhnuill agus beagan de mhnathan eile a thachair a bhi maille rithe. Dhiarr Gilleasbuig air bean an taighe an soitheachsan robh i a gleidheadh an uachdair a thoirt uige gun dàil. Cha robh math teannadh ri diùltadh, ’s rinn i mar a dhiarr e. Thuirt en sin ris na mnathan gach aon diubh a bhi nall agus iad féin a riarachadh as an uachdar. ’Nuair a bha iad air an sàsachadh, thuirt e riutha iad a bhi air am bonnan, agus tòiseachadh air dannsa. Bfheudar deanamh mar sin, agus smùid aig Gilleasbuig féin air gabhail phort daibh, gus an robh iadsan gu toirt suas. ’Nuair bha Domhnull Ros agus a mhac a toirt dùil nach rachadh an gairm gu dinneir idir an latha sin, thug iad an dachaidh orra, far am faca iad mar bhaGilleasbuig a portaireachd, agus na mnathan truagha, ’s am fallus gan dalladh, gu tuiteam bhar an casan. Fhuair iad fuasgladh, ’s bha feum air, nuair thuirt Domhnull, “Than ruidhle air a bhi fada gu leor cheana, a Ghilleasbuig.”

Nach bfhìrinn dhomh a radh gun robh mi cabhagachnuair tha co’ -la-deug air dol seachad on sgriobh mi na tha air thoiseach. Ach mar thuirt an gille Eirionnach, “Ma bhios mi beò gus am faigh mi bàs, bidh suil agam gum bi gnothuichean nis usa dhomh.”

Bha mi air sràid ìosal a bhaile air an fheasgar so, agus on tha moran luchd-obrach air am fasdadh aig cuideachd antramway ,than obair a dol air adhart gu foghainteach. Tha na reilichean air an leagadh air cuid mhath dhen t-sràid sin, agus ma bhuanaicheas an aimsir fàbharrach, gheibh iad air adhart gu math.

Air dhomh a bhi aig laimhrig Mhoore uine ghoirid, agus am bàt’ -aiseag direach air tighinn á Sidni, thachair ach gun do thuit misgeir truagh thar an taobh don uisge. An deigh dha tighinn an uachdar chaidh ròp a shìneadh uige on bhàta, ach o nach burrainn e greimeachadh ris cho teanns gun gabhadh e togail air bòrd, chaidh a shlaodadh cho fada as an uisges gun dfhuaras a chur nashuidhe aig deireadh bàta beag a ghreas da ionnsuidh. Ach, mo laochain! ged bhachasan fhathast anns an uisge, as a sid cha robh e air son tighinn, achs ann a dhfheuch e a dheud air an ròp a bha gu theasair



[84]

[Vol . 11. No. 11. p. 4]

ginsan dòchas amaideach gun rachadh aige air a ghearradh, ged bha e mu òirleach gu leth an gairbhead. Thuirt barrachd is aon duine ris gun robh e nis air deadhchold bathfhaotainn; ach nam biodh esan agus mòran da leithid cho glics gun gleidheadh iad an goilean bhohot bathluchd-deanamh mhisgeirean, sheachnadh iad moran dhe na truaighean a tha ghnath an lorg an stuth mhallaichte.

M. D.
Nov. 21, 1902.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

ALADIN.

CAIB. XI.

GED a bhan t-ard-chomhairleach amiannachadh gu mor a bhith ann an cleamhnas ris an righ, chunnaic e gun robh a mhac suidhichte gun rachadh sgaoileadh a chur anns aphosadh. Chaidh e gun dail far an robh an righ, agus an uair a dhinnis e dha mun staid anns an robh a mhac fad an da oidhche roimhe sid, ghuidh e air sgaoileadh a chur anns aphosadh, agus cead a thoirt dha mhac falbh as an luchairt. Thuirt e nach robh e ceart abhan-phrionnsog fhagail na bfhaide anns achunnart eagalach anns an robh i.

Dhaontaich an righ anns amhionaid gun deanteadh mar a bhan t-ard-chomhairleach ag iarraidh, agus thug e ordugh gun dail stad a chur air an fhodhails air aghreadhnachas a bhadol air aghart anns an luchairt, agus anns abhaile; agus chuireadh fios do gach cearn dhen rioghachd stad a chur air aghreadnachas a bhameasg an t-sluaigh. Ann an uine ghoirid sguir an gairdeachas a bhan sluagh adeanamh.

Chuir so an sluagh anns gach aite gu moran bruidhne, agus gu bhithfeuchainn ri fios an aobhair fhaotainn am mach; ach cha robh fios ri fhaighinn ach gun dfhalbh an t-ard-chomhairleach agus a mhac as an luchairt, agus iad gle throm-inntinneach. Cha robh fios an aobhair aig neach sam bith ach aig Aladin. Rinn e gairdeachas na chridhe air son cho maths a shoirbhich leis le cuideachadh achruisgein. Bham posadh air a chur mar sgaoil, agus bham fear ris an do phosadh abhana-phrionnsa an deigh falbh as an luchairt. Ach cha robh cuimhne sam bith aig an righ no aig an ard-chomhairleach air Aladin, agus idir cha robh smaointean aca gun robh lamh sam bith aig Aladin anns an draoidheachd leis an do chuireadh am posadh mar sgaoil.

Ach air a shon sin, cha do chuir Aladin dragh air an righ gus an deachaidh na tri miosan seachad, mar a dhainmich an righ dha mhathair. Air an latha an deigh don uine so a dhol seachad chuir emhathair don luchairt a chum a ghealladh a chur ann an cuimhne don righ.

Chaidh mathair Aladin don luchairt mar a dhiarr a mac oirre, agus sheas i ann an seomar na comhairle mu choinneamh an righ mar a babhaist dhi. Cha bu luaithethug an righ an aire dhi na dhaithnich e i; agus ghrad chuimhnich e air aobhar a gnothaich, agus an uine on a chunnaic e roimhe i. Air an aobhar sin, an uair a bhan t-ard-chomhairleach adol a leughadh an orduigh anns an robh gnothaichean an latha gu bhith air an deanamh, chuir an righ stad air, agus thuirt e: “Ard-chomhairlich, tha mifaicinn na deadh mhna a thug dhomh tiodhlac o chionn tri miosan; stad gus an cluinn mi ciod a thaice ri radh.”

Sheall an t-ard-chomhairleach an rathad a bha i, agus thug e ordugh do ard-oifigich a toirt gu beulaobh an righ.

Thainig i gu bonn na righ-chathrach, agus leig i i-fheinna sineadh mar a babhaist dhi; agus an uair a dheirich ina seasamh, dhfheoraich an righ dhith ciod a bha ig iarraidh.

Mo thighearna,” arsise, “thainig mi, ann an ainm mo mhic, Aladin, a churnur cuimhne gun deachaidh na tri miosan seachad, tha miguidhe oirbh gun cuimhnich sibh air bhur gealladh.”

An uair a gheall an righ gun tugadh enighean do dhAladin ri posadh, cha robh esmaointean gun cluinneadh e guth gu brath tuilleadh mu dheidhinn aghnothaich. Bha fhios aige nach biodh a nighean deonach Aladin a phosadh on a bha coltas na bochdainn air a mhathar araonna cruth agusna h-eideadh; oir bha e soilleir gu leor dha nach robh innte ach boirionnach cumanta. Ach bha e fo dhragh gu leor an uair a chunnaic e itighinn a dhiarraidh air seasamh righealladh. Cha dthug e freagairt dhi gus an do chuir e an toiseach a chomhairle ris an ard-chomhairleach, don do leig e ris nach robh toil aige a nighean a thoirt do choigreach aig nach robh, a reir choltais, abheag de mhaoin an t-saoghail so.

Dhinnis an t-ard-chomhairleach gu saor don righ a bheachd air achuis, agus thuirt e ris: “A reir mo bharail-sa, mo thighearna, tha doigh ro mhath ann gu stad a chur air aphosadh mhi-choltach so, eadhoin gun aobhar gearain a thoirt do Aladin, ged a bhiodh bhur morachd nas eolaiche air na tha sibh; agus is e sin, gun iarr sibh air tiodhlac a thoirt dhuibh nach bi e comasach air a thoirt seachad. Is e so an aon doigh leis an toir sibh air sgur a bhithg iarraidh oirbh bhur nighean a thoirt dha; agus is cinnteach nach do smaoinich e riamh air aso.”

Chord achomhairle so ris an righ, agus an uair a chaidh e fosmaointean car tiotaidh, thuirt e ri mathair Aladin: “A bhean mhath, tha e fior gur coir do righrean cumail ris na geallaidhean a bheir iad seachad, agus tha mise deas gu cumail ris aghealladh a thug mi fhin, le mo nighean a thoirt do dmhac-sa riposadh. Ach o nach urrainn domh a toirt dha gus an toir e dhomh an toiseach tiodhlacan luachmhor mar dhearbhadh gum bheil e lan-airidh air mo nighean fhaotainn, abair ris gum faigh e i an uair a chuireas e gam ionnsuidh da fhichead mias oir, luma lan dhen t-seorsa sheudan a chuir eg am ionnsuidh roimhe, da fhichead seirbhiseach dubh aghiulan an da fhichead mias, agus da fhichead maighdionn og mhaiseach ann an trusgain riomhach. Air na cumhnantan so bheir mi dha mo nighean riposadh; air an aobhar sin, a dheadh bhean, bi falbh agus innis so do dmhac, agus feithidh mise gus an tig thu le fios freagairt.”

An uair a leig mathair Aladin i fheinna sineadh an dara uair air beulaobh an righ, dhfhalbh i dhachaidh. Air an rathad dhachaidh, bha i gaireachdaichna h-inntinn fhein a chionn cho amaideachs a bha na beachdan a bhaig a mac. Arsise rithe fhein: “Caitam faigh en aireamh ud de mhiasan moroir, agus glaine dhathte gu leor gus an lionadh? Am feum e dhol a rithist do na taighean fo thalamh, agus an toirt bhar nan craobh? Ach caite am faigh e an aireamh sheirbhiseach a than righ ag iarraidh? Tha barrachd air iarraidh air na theid aige air a thoirt seachad, agus tha micreidsinn nach bi e gle thoilichte leis an teachdaireachd a thagam dha.”

An uair a rainig i dhachaidh, agus na smaointean so air a h-inntinn, thuirt i ri Aladin: “A mhic, is e mo chomhairle dhut gun a bhith smaointean tuilleadh air nighean an righ a phosadh. Bhan righ gle chaoimhneil rium, agus tha micreidsinn gum bheil meas aigort sa; ach mur do mheall mo bharail mi, thug an t-ard-chomhairleach air inntinn atharrachadh, mar a dhfhaodas tu fhein a thuigsinn o na thagamsa ri innseadh dhut. An deigh dhomh a churna chuimhne gun deachaidh na tri miosan seachad, ghuidh mi air cumail righealladh; ach thug min aire gun do chuir an t-ard-chomhairleach cagarna chluais mun dthug e freagairt dhomh.”

An sin dhinnis i dha facal air an fhacal mar a thuirt an righ rithe, agus na cumhnantan air an robh e toileach a nighean a thoirt dha riposadh. Na dheigh sin thuirt i ris: “Than righ ag iarraidh fios-freagairt anns amhionaid; ach tha misecreidsinn gum faod e bhithg a fheitheamh fada gu leor.”

Cha bhi e cho fadag a fheitheamhs a tha sibh asmaointean, a mhathair,” arsAladin. “Than righ ann am mearachd ma tha e smaointean gun cum an tiodhlac mor a tha eg iarraidh a nighean uamsa. Ach tha mi gle thoilichte; is suarach na dhiarr e seach na rachadh agamsa air a thoirt dha. Am feadhs a bhios misesmaointean air ciod is coir dhomh a dheanamh a chum an righ a riarachadh, theid sibhse a dheasachadh na dinnearach.”

Cha bu luaithe chaidh a mhathair don mhargadh a cheannach nithean a bha dhith oirre na thug Aladin lamh air achruisgean. Agus an uair a thug e suathadh air, thainig am fathach, agus thairg e obair sam bith a dheanamh dha.

Than righ atoirt a nighinn dhomh riposadh,” arsAladin; “ach tha eg iarraidh orm an toiseach da fhichead mias oir a thoirt dha, luma lan dhe na measan a thanns agharadh as an dthug min cruisgean; agus tha eg iarraidh gum biodh na miasan air an toirt ga ionnsuidh le da fhichead seirbhiseach dubh, agus gum biodh da fhichead searbhantog, mhaiseach ann an trusgain riomhach ag imeachd rompa. Bi grad falbh, agus thoir na tiodhlacan so gam ionnsuidh-sa, a chum gun cuir mi gaionnsuidh iad mun sgaoil achomhairle.”

Cha bu luaithe fhuair am fathach an t-ordugh so na chaidh e as an t-sealladh. Agus ann an uine ghoirid thill e le da fhichead seirbhiseach agus mias oir air ceann gach fir dhiubh, lan dhe na seudan bu luachmhoire bhanns an t-saoghal. Bha aodach airgid air oibreachadh le snath oir acomhdach gach meise. Bha da fhichead searbhantog mhaiseach aige mar an ceudna, agus iad ann an trusgain anabarrach riomhach. Bhan taigh, agus achuirt a bhair a bheulaobh, agus an garadh a bhair a chulaobh, air an lionadh leotha. An uair a thuirt Aladin ris an fhathach nach robh tuilleadh feumaig air an lathud, dhfhalbh e.

An uair a thainig mathair Aladin dhachaidh chuir na bha de shluagh agus de dhionmhas aig an taigh ioghnadh gu leor oirre. An uair a chuir i am biadh a thug i dhachaidh as a laimh, bha i dol a chur dhith an t-sroil a bhair a h-aghaidh; ach cha leigeadh Aladin leatha.

A mhathair,” arsesan, “na biomaid acur seachad na h-uine gun fheum. Bu mhath leam gun rachadh sibh don luchairt leis an tiodhlac so mun sgaoil achomhairle, a chum gum faic an righ cho deas agus cho toileachs a tha mi gus tochradh math a thoirt dha air son a nighinn.”

Gun fheitheamh gus an tugadh a mhathair freagairt dha, dhfhosgail Aladin an dorus, agus leig e leis na searbhantan a dhol am mach. Bha iad afalbh an deigh a cheile anns an ordugh so: Bha searbhanta gheal air thoiseach, agus seirbhiseach dubh afalbhna deigh agus mias oir lan sheudan air a cheann. An uair a dhfhalbh iad uile anns an ordugh so, agus a mhathair acois



[85]

[Vol . 11. No. 11. p. 5]

eachdnan deigh, dhuin Aladin an dorus, agus chaidh e da sheomar fhein, agus dochas laidir aige gun tugadh an righ dha a nighean ri posadh mar a gheall e.

Cha bu luaithechaidh acheud te dhe na searbhantan am mach as an taigh na ghabh an sluagh a bhair an t-sraid beachd oirre, agus sheas iad far an robh iad; agus mun deachaidh iad uilemach as an taigh bha aireamh mhor shluaigh air cruinneachadh air an t-sraid, oir bhan sealladh maiseach agus neo-chumanta. Bha na trusgain a bhumpa gu leir anabarrach riomhach. Bhan t-aodach riomhach, agus bha moran sheudan orra. Bha na h-or-cheardan ameas gum bfhiach na bha de sheudan orra gu leir millein bonn oir. A bharrachd air a so, bha iadnan cruths nan dreachsnan gluasad gun choimeas anns an t-saoghal. Bha iad acoiseachd anns an aon astar o cheile le ceum stolda; agus bhan lainnir a bha as na sheudan leis an robh na criosan oir a bhumpa air an deanamh maiseach, na clachan luachmhor a bhanns na ceannaodaich a bha orra, agus gach ni eile a bha ri fhaicinn mun timchioll, acordadh ris an t-sluaigh cho fior mhaths nach burrrainn daibh gun a bhith sior amharc orra. Bha na sraidean troimhn robh aca ri dhol cho dumhails nach robh en comas ach gann do dhuine gluasad as an aites an robh e. Mar a bha iad adol air an aghart troimhn bhaile bhan sluagh afaotainn cothrom air deadh shealladh a ghabhail dhiubh gus mu dheireadh an drainig iad an luchairt.

(Ri leantuinn.)


COMHRADH

EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH.

CUAIRTEAR. —An ann a rithist, Eachainn? Cha chreid mi nacheil leannan agads abhaile-mhor; chan urrainnear do chumail as.

EACHANN. —Chaneil, cha robh, agus cha bhi! Chaidh laithean mo leannanachd fhein seachad, ’s ged bhithinn ogs air toir mnatha, da-rireadh chan ann am measg ghuanagan abhaile-mhoir a rachainn a shuiridhe; ’s olc a fhreagradh iad do mleithidach suidhidh mi ler cead air achathairtha mo cheanns an tuainealaich.

C. —Ciod sodheirich do dcheann, Eachainn?

E. —Thig e uaithe ri uine, tha dochas agam, ach cha seasadh ceann iaruinn, gun ghuth air eanchainn chumanta an t-aiten robh mise an diugh.

C. —Caitan robh thu Eachainn?

E. —An robh mi! Ma ta, ler cead, chan ann gu droch fhreagairt a thoirt duibh— ’s coma caitan robh mibithidh lathas bliadhna mum bi mises an aite cheudnarithist. Nach robh mi ann am Paisley air carbad na smùide; ach carson a bhithinn agearan; ’s ann agam than t-aobhaa taingealachd gum bheil mi beo, ’s nach do sheideadh a suas mi am bhloighdean anns na speuraibh. O, be bhibuaireadh an Fhreasdail, do dhuine sam bithn a bheachd, cuid a chunnairt a ghabhail da leithid a dh-aite, fhads a tha comas nan cas aige, no dhfhaodas e suidhe an cairt shocraich, chiallaich, air boitein connlaich.

C. —An ann mar sin a tha thulabhairt mun aon doigh shiubhail as innleachdaichefhuaras riamh am mach le mac an duine?

E. —Chaneil ceist nacheil i innleachdach; chan ann an sin than fhailinn, ach an cluinn sibh mibfhearr leam lathaghabhail ga choiseachd no dol an dàil na h-upraid cheudna rithist. Cha robh mi tiota air falbh innten uair a bheirinn na chunnaic mi riamh gun robh mi aon uair eile air bonn mo choise air fonn, no ged a bann suas gu mamhaich am mach air amhuir. Fhearas a ghaoil! be sin an carbad siubhlach; tha mi am barail nan gabhadh e airaghart uair an uaireadair na bfhaide gun robh meanchainn mar bhrochan an claigeann mo chinn.

C. —Seadh, Eachainn, innis domh mar thachair.

E. —Tha mac agam, mar tha fhios agaibh, ’s an aite so, —gille deanadach, glic, grunndail. Tha mideanamh dheth gum bheil suil aige ri mnaoi fhaotainn ann am Paisley, ’s chan fhoghnadh leis gun misedhol a mach ga h-amharc. Cha robh mi deidheil air carbad na smuide, ach bha Niall( ’s e sin ainm mo mhic), agus buirdeasach og eile, sgaomairemhuinntir an Obain a bha maille ris, deidheil air feala dhabhi aca air mo thàilleadh. A stigh do charbad na smuide chairich iad mi; ag radh rium gum bithinn cho socrach, shamhach, fhoisneachs ged a bhithinn ann an cathair-mhoir taobh an teine. Ghabh mi beachd air acharbadchunnaic mi fear na stiurach agabhailaite, le ailm iaruinnn a laimh, agus fear eiles an toiseach mar gum biodh fear-innsidh nan uisgeachan ann, ag amharc a mach. Bha smuid as an t-simileirs na h-uile ni samhach, socrach nas leoir. Chaidh mistigh, agus shuidh mi dluth don uinneig chum sealladh a bhi agam air an duthaich. Tiota beagn a dheigh sin chuala mi beuc morran tuchanach ard, agus an sin fead oillteil. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall; rinn esans an Latharnach gaire. “Sud agaibh, athairarsa Niall, “sitirich an eich iaruinn, ’s etogairt falbh.” “Sitirich na h-oillt!” arsa miseleig a mach mi.” Ach bhan dorus air a dhruideadh. Thug an t-each iaruinn stadagbhuail an carbad anns an robh mise am fear a bha roimhe, agus bhuail am fear a bhan a dheigh am fear anns an robh sinne, ’s cha mhor nach do phronnadh mfhiaclan an aghaidh a cheile. Thug e ràn eile, agus fead; agus an sin leig iad siubhal a chas da— ’s thàr e as. Thoisich an stairrichs aghleadhraich. “An i so achathair-mhor, a Néill?” arsa mise. Bha edol a nisn a shiubhal, ’s cha be siubhal an eich, no luas an fheidh; cha tugadh ceithir chasan riamh do bheo-chreutair air an talamh a bhos, no sgiathan do dh-euns na speuraibh shuas a chumadh ris. Cha dthubhairt mi fhein diogrinn mi greim bàis, gun fhios carson, air an aite-shuidhe. Dhuin mi mo bheulchas mi mfhiaclan, mun cuirinn troimtheangaidh iaddhfhorc mi mo chasan gu daingeann, ’s bhithinn ceart shuarach ged robh mo chlaisteachds achiste ruaidh ann an Tirithes mi fhein cho bodhar ri Iain Balbhan. Chuir Niall a bheul ri mchluais— “Athairarsesanam bheil sibhn ur cadal?” “Uist!” arsa misebi samhach.” Chuir an t-Obanach og a cheann ri mchluais. “Eachainn,” arsesannach en t-each iaruinn fhein an gille? “Uist!” arsa mise. Bha minis a thighinn gu seorsa de thur, ghabh mi misneach, ach bha seorsa de nairorm; oir bha bean mhor, shìodach, reamhar, ’s acharbad, agus ge bard gleadhraich an eich iaruinn, bha a guth cho ard, agus a teanga neo-ar-thainig cho luath. Bhan uinneag fosgailte; dhamhairc mimach a ghabhail seallaidh air an t-saoghal, ach ghrad spion iad air mais mi. “Thoir an aire dhuit fhein,” arsiadsan, “cum a, stigh do cheann air neo theagamh gum fag thu miled dheigh e mun ionndrainn thu o dghuaillibh e.” Ghrad tharruing mi air mais, ’s bu mhaith gun dtharruing, oir chuala mi geumnaich agus ranaich oilltell adluthachadh oirnn. Cha robh amhuc-mhara sin riamh air cuan a dheanadh seidrich coltach ris. Thainig seorsa de bhreislich ormach ghrad chaidh steud-each iaruinn eile seachad oirnn— ’n a ruiths na dheann-ruith, aseidrichs afeadalaich le boilethug orm criothnachadh le h-oillt. Bha na ficheadan carbadn a dheigh ach cha deachaidh peileir riamh o bheul aghunna-mhoir le luas a bu mho na chaidh iad seachad oirnn. Cha robh duil agam gun robh leud na ludaig eadar an da charbads nam biodh iad air a cheilebhualadh, caitan sin an robh Eachann? Tharruing mi manail. “Than sud aon rudha fodhainn,” arsa mise rium fhein. Dhfheuch minis beachdachadh air an duthaich mun cuairt, ach cha robh so comasach; cha robh abheag air am burrainn an t-suil socrachadh ach a h-uile achadh, as craobh, as cnoc, as tigh, aruith mun cuairt an deigh a cheile; tighean moratighinns an t-sealladh, ach ge bfhada bhuainn iad cha fhadagan ruigheachdann am prioba na sula bha sinn seachad orra. Chunnaic mi achadh air an robh moran mhulan as rucan feoir. Bha iad aruith mun cuairt, a h-uile h-aon air a bhonn fhein mar ghille-mirein, ’s an iomlan mar gum biodh iad adannsadh ceithir-chuir-fhichead Ruidhle-thulachain. Dhfheuch mi an aireamh ach mun do chunnt mi leth-dusan diubh bha iad as an t-sealladh. Bha minis ga mfhaireachduinn fhein rudeigin socrach, agus an t-eagal ga mfhagail, ’n uair a thainig an dubh-dhorchadas oirnn! Cha robh grian no leus soluis ann, creag mhor dhubh ri cliathach acharbaid agus an aon fhuaim fhasail, eagalach, air chor agus eadar ranaich an eich iaruinn, gleadhraich na h-acfhuinn agus co-fhreagradh mhic-tallas an uaimh dhuirche tren robh sinn adol, gun robh mi uile gu leir fo eagal na bu mho na bha mi fhathastair mo bhodhradh, air mo dhalladh, ’s mo cheanns an tuainealaich. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall. “AnTunnel , ”arsesan. “Ben donnnal e gu dearbh,” arsa mise, “an donnalaich as graindechuala mi;” ach am prioba na sula bha sinn a mach taobh eilechnoictharruing mi manail agus thog mo chridhe. Chaidh sinn a nis troimh dhuthaich aillidhbha eich, as crodh, as caoraich ag ionaltradhach cha robh a h-aon diubh, no beo-chreutair, nach do theich o thaobh an rathaid mar a dhluthaich sinn orra, an cinns an earbaill ri h-athar, ’s cha biongantach sin, ben t-annas e do na bruidean bochda. Bhanis, mar a shaoil leam, an anail an uchd an eich iaruinnthug e ràn. “Fhalbh,” arsa mise, “chan iongantach leam pathadh a bhi ort.” Chuala mi beucas feadbhan siubhal afas na bu mhoille. “Chan urrainn sud seasamh,” arsa mise ri Niall. Stad an carbad. “Leig a mach mi,” arsa mise; oir smaointich mi gun deachaidh mionach an eich iaruinn air aimhreit, ’s gun sgaineadh an coire mor anns an robhn t-uisge goileach. “Leig am mach mi,” arsa mise. “Air ur socair, ’athair,” arsa Niall. Dhfhosgail duine modhail, agus cuairt òir muaid, an doras. “Thigibh a mach, a dhaoin’ -uaisle,” ars esan. “ ’N e gum bheil sinn aig ceann an rathaid?” arsa mise, “ochd mile ann an ochd-mionaide-deug!” Chaidh sinn a mach, achs gann a burrainn domh seasamh leis an tuainealaich a bha am cheann. Ciod a thagaibh air, ach gum faca mi leannan Neill, ’s air mfhocal, caile eireachdail! An uair bha e fheins an t-Obanach og ag innseadh mun eagal a bha orm, sheas i mi gu gasda, agus chain i an carbad iaruinn gu foghainteach. Sin agaibh mar thachair domh.

C. —Mo mhile taing, Eachainn! ach cia mar a thainig thu air dais?

E. —Thill mis an doigh cheudna; cha dealaicheadh iad rium, cha robh feum a bhicurn an aghaidh. Chaidh mi stigh, sheachainn min uinneag, dhuin mi mo shuilean, dhfhorc mi mo chasan. “Chuir an leann a dhol mi,” arsa mise,



[86]

[Vol . 11. No. 11. p. 6]

cadal orm, leigibh leam.” Dhfhalbh sinn; thoisich mi air Laoidh Mhic-Cealair agus gach laoidh eile bha agam air mo theangaidh aithris; ach mun dfhuair mi leth rompa bha sinn aig ceann ar turuis, agus a rithist tearuinte air sraidibh Ghlaschu. Sin agaibh, a Chuairteir runaich, eachdraidh mo thuruis do Phaisley.

C. —Agus a nis, Eachainn, nach aidich thu gur mor an t-sochair na h-innleachdan sin? Is eiginn gum bi daoinesiubhal o aite gu h-aitetha de ghnothuichean a nis eadar aitagus aite, eadar duinagus duine; de mhalairts de dh-iomairt de gach seorsa, ’s gur anabarrach an t-sochair tha daoinefaotainn uapa. Chan urrainnear Lunnuinn agus Glaschutharruing nas dluithe da cheile na tha iadLunnuinn a shlaodadh a nuas, no Glaschu a sparradh a suas; chaneil e comasach an t-astar a dheanamh nas giorra na tha e; ach ma gheibhear an t-astar a dheanamh anns acheathramh cuid den uinebabhaist daghabhail, nach e sin an t-aon nis ged a bhiodh iad air an dluthachadh ra cheile? Tha leth-cheud milenis mar bha deich mile ri linn moige. Siubhlaidh daoinenis ann an ceithir-uaire-fichead astar a ghabhadh seachduin o cheann fhichead bliadhna, agus cha chost en deicheamh cuid a dhairgiod; agus nach mor an t-sochair sin?

E. —Cha leir dhomh fhein gum bheil achuis mar a tha sibh ag radh. Ma tha cothrom aig daoinenis air dol o aite gu h-aite nach robh aca, ciod e sin? Am bheil iad nas lugha cost aig deireadh na bliadhna? An aite sin tha iad acost a dheich uireads a bha na daoine bhon dthainig iadtha iad a dheich tricead on tigh. Mur biodh cothrom aig ceatharnaich air dol gu Galldachd ach air bonn an coise, no aig na h-uaislean ach air muin eich levalise ,no maileid leathraich air cul na diolaid, mar a babhaist, cha bhiodh uiread de dh-ors de dh-airgiod dhaoineg a chost a ruith o aite gu h-aites bhiodh iad acheart cho math dheth aig ceann na bliadhna.

C. —Faodaidh tu a radh gun robh an duthaich cho maith dhethn uair nach robh drochaid, no rathad-mor an righ, no cairtean, no baracha-rothas an tir; am ministeir fhein amarcachd don Eaglais, ’s a bhean air pillein air a chul, ’s a da laimh ma theis-meadhoin; agus an tuath air chul srathrach, le taod connlaich.

E. —Ma ta chaneil fhios agam nach robh, agus moran na bfhearr. Ged labhradh sibh fad bliadhna cha toir sibh orm a chreidsinn nacheil bochdainn, agus fuachd, agus dith cairdeis atighinn a stigh do dhuthaich mar tha na cleachdainnean ura, Gallda sin atighinn oirnn. Nach taitneach an ni marcachd air muin eich, no gu socrach, ciallach, athaiseach, air cairt, agus mar a thubhairt mi, boitein connlaich fo dhuine, agus sealladh a bhi aige den t-saoghal aillidh mun cuairt da, gun sgath no imcheist, seach a bhi air a ghlasadh a stighn aleithid a dh-aites an robh mise; bruach ard air gach taobh dheth, agus an ait eile aruith mar nathair fon talamh; agus cridhe duinebualadhn a uchd, mar gum bu mhaigheach bhochd, ghealtach es am miolchu as a deigh. Coma leam iad!

C. —Am bheil truas idir agad ris na h-eich bhochda? Nach deistinneach an nibhi air do tharruinn air carbad cheithir each, agus mothachadh mar tha iad air an liodairtair an claoidhair an sarachadhair am murtcuid diubh atuiteam, mar a chunnaic mi, gun phlosg air an rathad-mhor fo sgiursadh eagalach, neo-iochdmhor nam beistean a thag an iomain. Tha sòlas orm gun dfhuaradh am mach doigh anns am bi na h-eich ghasda air an caomhnadh. An ceann uine ghoirid bithidh malairt na duthcha air a giulan air na slighean iaruinn. A bharrachd air so tha iad ag isleachadh luach gach seorsa teachd an-tir, agus iomadh ni eile dhuinne. Faic thusa na carbadan iaruinn a tha air toiseachadh an diugh fhein eadar Glaschus Ionar-Air; nach anabarrach am fosgladh tha edeanamh? Thig iasg as uibhean, as im, as meas, a nuas a nis o gach aite eadar sinne agus Ionar-Air; bruchdaidh gach baile mach na thaca ra sheachnadh; thig iad a nuass amhaduinn leis gach goireas a shaoileas iad a ghabhas reic, agus pillidh iad dachaidhs an fheasgar lefhiachn an sporan! Am bheil sochair an sin?

E. —Cha leir dhomh gum bheil. Gun teagamh is sochair e do Glaschu; thah-uile cearn adortadh a stigh na tha aca ra sheachnadh, a reamhrachadh abhaile-mhoir so, agus thabhuil: tha efass afastighean uraoibrichean urasraidean uragus nacheil fhios caitan stad iadsoithichean smuido gach eilean, o gach cearn an Eirinns an Sasunnatoirt luchd air muin luchd a bheathachadh sluaigh mhoir an aite so; agus a nis, carbadan iaruinn aslaodadh a stigh gach ni. Tha sinn a shochair mhor, gun teagamh, do Ghlaschu, ach be sinCalum beag a chur a dhith chum Murchadh mor a reamhrachadh.” Ciod an t-sochair do mhuinntir Ionar-Air agus Irvine, agus nan aiteachan sin, anns nach urrainn doibh a nis cudainn, no bodach-ruadh, no ubh, no im a cheannach, gun uiread a dhiol air a shons a tha muinntir Ghlaschu adeanamh. ’S mor an t-sochair dhomhsa, da-rireadh, nach toir mo bhean ubh dhomh air latha Caisg, achg an gleidheadh air son Ghlaschu. Tha miseg radh ribh, nam biodh Glaschu, agus a leithid am mach air amhuir, gun robh pailteass an tir. ’S iad na bailtean-mora thag itheadh na duthcha. Nacheil a nis lan chinnteach ceud mhile fear agiulan bidh a lionadh bronna muinntir Ghlaschu. Tha ecur am chuimhne-sa muc mhor a bha mo bhean aon uair areamhrachadh. Cha robh cal no buntata, no fuigheall eorna no coirce, no mionach eisg, no ni air an gramaicheadh fiacail nach robh i aslaodadh a dh-ionnsaidh na beiste. Chluinneadh tu na cearcan agogails asgriobadh an dunain leis an acrasan coileach Frangach, cha drinn e guguil fad miosam mada breac, an t-aon chu-uisges fhearr an Tirithe, ’earball eadar a chasan, ’s a chnamhan atighinn troichraicionnna tunnagansfàg fàga ghearan uapa bho mhoch gu h-anmoch, agus so uile chum an torc breac a reamhrachadh. Cho luaths a mharbhadh e, be sin lathan aigh do gach chreutair mun dorus; chluinneadh tu na geoidh asgeigil gu farumach, na cearcan agogail le sòlasupraid air gach aon diubhan coileach Frangachs a sprogan cho dearg ris an sgarlaid aguguil gu creidheil— ’s am madacoir atathunn gu togarrachna tunnagan asnamh air linn tron geadh agus amireag gu subhach: agus carson? Mharbhadh amhuc mhor; bha na chaith abheist air a roinn eadar gach creutair eile.

C. —Tha sin gle mhaith, Eachainn, ach caitan deachan t-airgiod a fhuair do bhean air son
na muice?

E. —Ma ta chuir sibh ceist orm; sin nitha duilich a fhreagairt; cheannaicheadh sud agus sogùn urcurrac ur—umbrellaursoithichean ura creadhas na ficheadan ni eile nach dionndraich sinn gus an dthug am fasan a stigh iad; —tha mi am mearachdthug i dhomh apheiteag so tha orm.

C. —Ach carson nach do reic thu fhein amhuc, ’s nach do phaigh thu do mhal leis an airgiod?

E. —Fhir mo chridhe, thug mi mhucn uair a bha in a h-uircean, do mmhnaoi. “So,” arsa mise, latha bha ig iarraidh ni-eigin uam,— “so,” arsa mise, “uircean; reamhraich es reic e, agus ceannaich na tha dhith ort.” “Mo bheannachd ort, Eachainn!” arsise. Chuireadh ann an cro e, thòisich an reamhrachadh; ma bham meog goirt, “thoir don mhuic e;” —na dallagan a babhaist duinn fhagail air achladach beigin an toirt dhachaidh don mhuic. Ann an aon fhocal, bhah-uile ni air a shlaodadh do chro na muiceach chuireadh achorc innte mu dheireadh. “Mo mhuc fhein,” arsa mo bhean; bha i cho bosdail as na bha de shaill oirres ged robh i aice air a cìch. Cha dubhairt mi diog. ’S aithne dhuibh na mnathan, a Chuairteir, chaneil maithbhicurn an aghaidh— ’s mor an t-sochair sith. Achs eiginn domh falbh. Slan leibh! fhir mo chridhema chaomhnar mi bithidh mi air mais an uine ghoirid le luchd de bhuanaichean, agus chi mi sibh. Slan leibh!

C. —Slan leat, Eachainn. ’S em baile-mor mionach na duthcha, agus is olc a thig do na lamhans do na casan a bhigearann a aghaidh. —Ach slan leat!

E. —Aon fhocal; tha miguidhe oirbh gun iomradh thoirt anns aChuairtear mun mhuic, air neo cha ruig miseleas tilleadh. Slan leibh! fhir mo chridhe.


Cailleach Beinn aBhric.

BI Cailleach Beinn-a’ -Bhric bean-shìth a bhiodh na sealgairean air uairibh afaicinn acuallach agus ableoghann nam fiadhs a luinneag fhein aice am Beinn-a’ -Bhric. An uair a thigeadh dùdlachd agheamhraidh bhìteadh gafaicinn gan iomain romh Ghleann-Nibheis thun na traghad, agus bhiodh mnathan an t sratha a cur oirre gum biodh i a cromadh air an duileasgs air an cuid càil; ach, a réir a h-uile cunntais bu chreutair ro neo-chiontach i, ’s tha i fhéin ga saoradh fhéin, mar a c[ ? ]itear ’san òran. CleasMhic-an-riochd,” sealgar sam bith a chitheadh achailleach, dhfhaodadh e bhi cinnteach an latha sin nach éireadh an t-sealg leis. Bliadhna bhan sid, ris agharbh-fhrasaich fhoghair, chualas gum facas i stigh an gleann mar a bàbhaist; aguss e bhann gun do smaoinich sealgair tapaidh bhan sin abheinn-sheilg a thoirt air. Thog e air, ach ged a bha e o mhoch gu dubhair lorg an fhéidh,” cha déirich an t-sealg leis. An ciaradh nan tràth ghabh e mu thàmh am bothan-seilge air Ruighe mor Feith-Chiarain, ’s thòisich e air fadadh teine; agus, (le doimheadas) air facail-òrain a dheanamh air a fonn fhéin. Cha dfhuair e ach ceithreamh no dha dheanamh an uair a chuale tighinn is luinneag aice gaghabhail mar a bàbhaist. Rinn i seasamh muchoinneamh aig an uinneigs chuir i fàilte air. “Chuala mi gun dfhuair tu allaban mór an diugh le seachran-seilge,” arsise, “ ’s thainig mi á Lagan-na-Féithe gu Ruighe mor Feith-Chiarain bhon a bhuail thu an ciad bheum teine, a thoirt buaidh na seilge dhut. Bidh mise am màireach ableoghann nam fiadh mar is àbhaist. Am fear nach seas rium, buailidh mi cnaigein na buarach air. Beachdaich thusa gu math air an fhear sindean cuimse mhath agus bidh buaidh ort. Rinn e mar a dhiarr i, ’s bha buaidh na seilge air bhon latha sin.

Ged nach robh aChailleach na còmhalaiche math do na sealgairean bha i na deagh bhan-charaid do na ceatharnaich-choilleis minig a fhuair iad bhuaipe sanas mun tòir. Tha innse-sgeoil againn air i dheanamh sin aig ceann Loch Ciarain agus an Uisge-Labhair; ach fóghnaidh dhomh innse gum bann an riochd boirionnaich mhóirs i glanadh mionaich éisg a bàbhaist di i fhéin a nochdadh dhaibhsan.



[87]

[Vol . 11. No. 11. p. 7]

Bha miadachd mhors achaillichtheirteadh gum buaileadh a glùn an t-àrd-dorus. Bhiodh bréid breac, ballach muceann, ’s ciabhagan fada, glas a sios a ghuallainn: uair a chiteadh osain oirre, agus uair mogain; ach chan fhacas riamh i gun sumaig de phlaide bhuidhe uimpe. An uair a chitear aodach buidhe, pleurann theirears aBhràighe gus an lathan diugh, gum bheil echo buidhe ri plaide Cailleach Beinn-a’ -Bhric.”

Bann de fhrìdh Loch-Tréig a bha Beinn-a’ -Bhric; agus their feadhainn gum bann do Dhomhnull mac Fhionnlaidh nan dàn a thug aChailleach abhuaidh-sheilge; ach, co dhiubh, chan eileas an teagamh nach e fear de shealgairean Mhic- ’ic-Raonuill a fhuair i.

SEALGAIR.

Cailleach mhor nan ciabhag glas,
Nan ciabhag glas, nan ciabhag glas;
Cailleach mhor nan ciabhag glas,
S acfhuinneach i shiubhal charn.

Cailleach Beinn-a’ -Bhric, ho-,
Bhric ho-, bhric ho-;
Cailleach Beinn-a’ -Bhric, ho-,
Cailleach mhor an fhuarain àird.

Cailleach mhor nam mogan liath,
Nam mogan liath, nam mogan liath;
Cailleach mhor nam mogan liath,
Chan fhaca sinneleithid riamh.

Cailleach mhor nan osan fad’,
Nan osan fad’, nan osan fad’;
Cailleach mhor nan osan fad’,
S astarrach in talamh garbh.

a thug thun diugh don bheinn,
N diugh don bheinn, ’n diugh don bheinn?
a thug thun digh don bheinn?
Chum thu mi gun bhéin, gun sealg.

Bha thu fhéins do bhuidheann fhiadh,
Do bhuidheann fhiadh, do bhuidheann fhiadh;
Bha thu fhéins do bhuidheann fhiadh
Air an tràigh ud shios an .

ACHAILLEACH.

Cha leiginn mo bhuidheann fhiadh,
Mo bhuidheann fhiadh, mo bhuidheann fhiadh;
Cha leiginn mo bhuidhinn fhiadh
Dhimlich shligean dubh an tràigh.

Ochan! is in dòirionn mhor,
An dòirionn mhor, an dòirionn mhor;
Ochan! is in dòirionn mhor,
A chuir misan choill ud thall.

Cha do ghoid mi cliabhan duilisg,
Cliabhan duilisg, cliabhan duilisg;
Cha do ghoid mi cliabhan duilisg,
S cha mho ghoid mi ribeag chàil.

S mor gum bannsa bhiolair uain’,
Abhiolair uain’, abhiolair uain’;
S mor gum bannsa bhiolair uain
Bhios air bruaich an fhuarain àird.

Chan ioghnadh mi bhi dubh, ho-,
Dubh, ho-, dubh, ho-;
Chan ioghnadh mi bhi dubh, ho-,
H-uile a muigh, o h-ì.

Chan ioghnadh mi bhi fliuch, fuar,
Fliuch, fuar, fliuch, fuar;
Chan ioghnadh mi bhi fliuch, fuar,
H-uile h-uair a muigh gu bràth.

S ann an sid tha bhuidheann fhiadh,
Bhuidheann fhiadh, bhuidheann fhiadh;
S ann ann sid tha bhuidheann fhiadh,
Seachad an sliabh dubh ud thall.


Oran

A rinneadh don t-Seanalair Eachunn Domhnullach. Fhuair sinn an t-oran bho Iain Mac-Gilleain anns na Forks. Chuireadh uige-san e le caraid anns an t-seann dùthaich.

FONNO -ri-, tha e tighinn,
O -ri-, ’m fear tha bhuainn:
Eachunn Domhnullach, an Gàidheal
Chuireas air an nàmhaid ruaig.

Cheart cho cinnteachsa thig Eachunn
Chi agus cluinnidh an sluagh;
Nuair gheibh an Gàidheal an t-òrdan,
Gum bim Bòer na chulaidh-thruais.

Ma chluinneas Crugar g’ ’eil thu tighinn
Caillidh ewhiskers ’sa ghruag,
S éiridh an ad bhar a chlaiginn,
S chi sibh sgall-phaitse gun bhuaidh.

Thainig thu le ceum a ghaisgich,
S dhearbh thu sid bhon ranca suas;
S lionmhor fear a rinn thu fhàgail
Anns an àraich marbhs nach gluais.

Sealladh bu bhoidhchair an talamh,
Eachunn le bhrigade Di-luain:
Nuair a ghluais iad air an rathad,
Piob is bratach gan cur suas.

Nuair a nochd sinn ris an nàmhaid,
S iad gu h-ard air bharr gach bruaich,
Labhair Eachunn anns aGhàilig,
“ ’Chlann nan Gàidheal, bithibh cruaidh!”

S e Pardesburg a bainm don àite
Farn do chuir sinn blàr bha cruaidh,
Chuir sinn air ratreut an nàmhaid,
S ceud no dhà dhiubhchur nan suain.

Aig Koordesburg bhan nàmhaid guineach
Losgadh luaithe ghlais nar déigh;
Ach ghluais Eachunn leis na gillean
Nach tilleadh roimh ni fon ghréin.

Air gach allt chaidh sinne seachad,
Anns gach glaic bha sinn nar leum,
Direadh ri mullach nan àrd-bheann,
S fuil na nàmhaid air gach geug.

Ged a chaidh am batal leinne,
Dhfhàg sinn ficheadan nar deigh;
S leonadh Eachunn, com a ghaisgeach!
Och! mo chreach! be sud am beud.

S bochd an naigheachd sin le dchàirdean,
S bochd an nàbaidh i don t-sluagh,
S bochd e leis gach aon a dhfhag thu
Anns an Eilean Dubh mu thuath.

O, luchd na h-Alba, togaibh misneach,
Sinn air fios fhaotainnsan àm:
Bidh Eachunn fhathast slàn gun chnead air,
S air a ghillean cha bhi gruaim.


An Cairdeas Ceart.

LE DOMHNULL MAC LEOID.

N am burrainn mise sgeanan or
Le seoltachd dhuibh a dhealbh,
Ghrad dheanainn air an innean ceol
Le clobhas ord is geilb.

Ach than t-or dhomh fuasach gann,
Geds teann mi as a dhéigh,
Tha mi gach la theid air mo cheann
San àiten robh min .

Tha cuid den bheachd gur h-e an t-or
An ti as àirde thann;
Ach chaneil sibhse dhe an t-seors
Do mhamon chromas ceann.

Tha cairdeas anns chan fhiach leam fhìn
An t-ainm sin a radh ris,
Oir teichidh enuair chi e sinn
An sàssna preasan dris.

Ma bhios an t-or dhuinn pailt gu leor
Nin seorsud brosgul ruinn,
Mur bi ach airgead ruadh nar dorn
Chan eol daibh idir sinn.

Mar charraig dhaingeann ann an sruth,
Bhan cairdeas ceart bho thùs:
Mar bha en uair sin tha en diugh,
Le aois cha chaill elùths.

Geds seasmhach e mar chreig an sruth,
Mar chreig chaneil e fuar,
Ach teth mar eibhlean mòine dhubh,
As fearr na teine guail.

S an àm am bi na speuran paisgt
Mar rol an leabhar suas,
An uair sin, latha garbh ar n-airc,
Ar cairdeas-ne cha ghluais.


Iadsan a Phaigh.

Eoghan Domhnullach, Gabarus
Tormad Mac Ascuill, Framboise
Gilleasbuig Domhnullach, Salmon River
Raonall R. Mac-Fhionghain, Salmon River
An t-Urr. D. Domhnullach, Srathlathuirn
An t-Urr. R. Mac-Coinnich, Iona
Mairi Nic Neill, Iona
Seumas Domhnullach, Sidni
Cailean Caimbeul, Abhainn Mheadhonach
Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath
Domhnull I. Moireasdan, Sidni.
Iain Mac-a- Phearsain, Glace Bay.
Seumas Mac Gilleain, J . P., Clarks Road
Tormad Moireasdan, Baddeck .
Gilleasbuig Siosal, Glassburn , N. S.
Aonghas Sutharlan, Elmfield , N. S.
Bean Iain D. Mhic Gillebhràth, Allt aBhàillidh.
Domhnull Mac-a- Ghobha, Duntroon , Ont.
Deorsa Sutharlan, Gravenhurst , Ont.
D. I. Domhnullach, Kingston , Ont.
Domhnull Mac Neacail, Ladysmith , B. C.
Fionnladh Dònullach, Earlswood , N. W. T.
Martuinn Mac-a- Phearsain, Cleona , Cala.
I. S. Ros, Cleona , Cala.
Eoghan G. Caimbeul, Sycamore , Ill.
D. Mac Eacharan, Minneapolis , Minn.
Rob Turnbull, Bourke, Australia.
Theodore Napier,Dunéideann, Alba
Alasdair Beuton, Iar Alligin, Alba
Iain MacRath, Fear-lagha, Inbhir-pheotharain, Alba.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
OifisAn Togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidhAirUnion St., san tigh a bha roimhe seo aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.

ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.



[88]

[Vol . 11. No. 11. p. 8]

Dan air Fogradh nan Gaidheal.

LE SEUMAS MUNRO.

A Mhic-talla na Gàidhltachd,
Ciod is fàth so don ghàir thasa Ghleann?
Cluinneam ciùcharan phàisdean,
Agus ochanaich mhàthraichean ann;
Reachdraich dhaoine fo àmhghar,
Caoidhrean ògans àilleagan fann;—
Leam is tiamhaidhcho-ghàirich
Tha ataomadh a dàrossan àm!

Tha thud choigreachs na Gleanntaibh,
Fhirthaceasnachadh Sean-ghuth nan càrn,
No cha bfhàth dhutbhi feoraich
Ciod is aobhar do mchò-ghair-san tràths’;
Tha Luchd-dùthchais na Tire
S iadg am fògairt a innsibh an gràidh!
N diugh than Gleann soga sgaoileadh,—
Agus sin is ceann-aobhair don ghàir!

S ebhig aithris gach comhraidh
Thig am charabh is dògh dhomh o thùs,
Ach tha maigne fo dhòlas
A bhig aithris air bron mo luchd-dùthch’;
Rànaich naoidheanan oga,
Tùrsa sheann mhnathan breoite gun sùrd,
Cnead nan sean fhear fo dhòruinn,
Agus ospail achròilein gun lùs!

Gun robh math-sgal neo-aobhaidh
N àmbhig aithris na gaoirebha Tuath,
Agus aitreibhg an sgaoileadh
Is an lasairna caoiribh mun stuaidh!
Tailmrich shaighdeir is mhaora,
Braghail chabar as thaobhan am chluais,
Donnal chon mar ri caoineadh
Nam panal falt-sgaoilte gun tuar!

O! cha bionanns na fuaimean
Sin a béibhinn le mchluais ann o chéin,
Biad ceol-maidne nan gruagach,
Mar ri ceilearadh bhuachaill mun spréidh;
Sgal an t-seannsair gam ghluasad,
Agus farum na Tuathdol gu feum,
Moch, is ceo mu na cruachaibh,
Is an dealt air na bruachaibh fo ghréin.

Nuair a dhùisgeadh an t-Sàbaid,
Dhéisdinn cliù as gach fàrdaichdol suas
Atoirt molaidh don Ard-righ,—
Agus dhaithrisinn tlàth air an fhuaim,
S air na h-ùrnaighibh diomhair
Dheant’, gu h-ùmhlaidh, air iochdar nam bruach,
No fo sgaile nan craobha
Bhiodh ag aomadh ri taobh nan sruth buan.

S nam biodh càs a cur campair
Air an dùthaich, nom Frangach ri strith,
Dhéireadh sluagh as na Gleanntaibh
Anns an àm ud, a champach mun Rìgh,
S sin air iarrtas nan uachdran
Tha a nise gam fuadach an glinn,
Chionn le Gionach na Buannachd,
Gur h-annsa na sluagh leotha !

Sid dol roinn de na Triathaibh
A rinn liansgradh on t-siol a bha ann,
Meas na Tuathmar shliochd diolain,
Is gam fuadach gu h-iargalt on rann;
Chaneil dìdionn no fialachd,
Tlus is ceanal nan riaghlar ach gann;
Righ! cha bionann o chian so,
Nuair bhaThuath aig gach Triath mar a chlann.

Anaghaol stigh agus mearchais,
Mar ri mor-chùis is aintheas is prois,
Chuir na fearainn an ainfhiach,
Agus bfheudar an cearbadh air or;
N luchd-lagh’ ’chaidh gan teanchdadh,
Mar bu nòs, chuir an anacheart am mòid.
Gus am béiginnna sealbhan
Uile mhalairt air airgead na ròic!

So rinn fàsaichean faoine,
Lom, àiteach gun daoine, ’san fhonn
San robh dilseachd is daondachd
Ann an comhnuidhibh faoilidh nan sonn;—
S far an buainteadh na raointean,
S cianail mèilich nan caorach ceann-lom
N ionad dhuanagan gaolach
Nan gruagach a baobhaiche fonn.

So rinn comhnard is garbhlach,
Le ain-dlighe, a thoirmeasg do chloinn
Sin nan sàr-churaidh garga
Chum Triatha nan Garbh-chrioch nan greim,
Le treun-chalmachd an gàirdean,
Is nach dàraich aon àm orra foill!—
S truagh leam an diugh gun dfhàgadh
An iarmad air fàrsan gun sgoinn.

Ach nan tòirleamadh Baoghal
Nuas a bhagradh nam fraoch-bheanns nam frith,
Bhiodh na maithean ud faondrach,
Is an cabraichs an caoraich gun bhrigh,
Ach gu lon do na naimhdean,
A ghrad-chìosnadh, gun taing dhaibh, an tir,
S luchd a sheasamh na h-àraich,
S dom bu ghnathach buaidh-larach, dan dìth.

Tha mo chlann-sa mun cuairt domh,
S tha mifaotainn sgeoil uapa, mar tha
Cùisean laimh-riu agluasad
Anns na glinn anns an dual dhaibhbhi tàmh;
Tha mor-chliù air Triath Chluainidh,
Chionn eghleidheadh an dualchais mar bha,
S nach do chuir e air fuadach
Aon teaghlach den t-sluagh tha fo sgàth.

S ion bhig iomradh mar chomhla
Air cliù Mhic-an-Toisich aBhràigh,
S Mhicic Eoghain nam mor-chruach
Nach do fhògair an sloigh as an ait;
Cliù Mhic-Shimi na h-airde,
Agus cliù Mhicic Phadruig tha sàr;
S bidh am bratach-san làidir
An uair a bhios fàilinn air càch.

S ionbhi luaidh, mar an ceudna,—
Is bu diùbhail mur éightesan uair
Gum bi Comunn na Féile
Comhla, cruinn an Dunéideann gu luath,
Chumail ciùil agus éididh
Agus cainnte nan sléibhtean a suas;—
Gun robh cliù agus éibhneas,
A mhaireas gach , dhaibh mar dhuais!”


A h-Uile La Chis Nach Fhaic.

LE IAIN MAC LEOID, L. L. D.

AIR FONN—“Auld Lang Syne. ”

O, ’s iomadh ceum a shiubhail sinn,
O bha sinn og le chéile,
O bha sinng iomain air an tràigh,
Gun thrusgan oirnn ach féile.

SEISDA h-uile latha chis nach fhaic,
A h-uile latha chi sinn,
Deoch-slàintmo charaid ni mi ol,
A h-uile latha chi sinn.

Bha sinn shios is bha sinn shuas,
An Lunnainns an Dunéideann;
Ach bannsa leam bhin tir nam beann,
S a siubhal ghleann le chéile.

S iomadh maduinn shamhraidh chiùin
A dhùisg sinn leis na smeoraich,
Nuair bhiodh na sobhragan cho cùbhr’,
S an dealt air barr nan neoinean.

S iomadh latha sheol sinn long
Air Loch-na-cula-fraochaidh,
S bu bhoidheach i air bhàrr nan tonn
Dol seachad Sgeir na Faoileag.

S cha robh brog no bonaid oirnn,
S ann againn nach robh feum orr’,
Ach ruith is leum is deanadh spors,
Is comunn càch a chéile.

O, na balaich bha sinn ann,
Gun bhonaidean, gun bhrogan!
Bu shonan saoghal a bhiodh ann,
Nam maireadh sin an comhnuidh.


Bean a tigh-mor is a baile, cha fhreagair an duine bochd.

Bfhearr a bhi sàmhach na droch dhàn a ghabhail.

Bha dorus Fhinn don ànrach fial.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 11
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla XI No. 11. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page