[89]

[Vol . 11. No. 12. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DECEMBER 12, 1902. No. 12.


Gort anns an t-Suain.

THA sgeula bochd air tighinn as an t-Suain. Ann an ceann a tuath na dùthcha sin tha tri fichead is deich mìle sluaigh an impis bàsachadh le acras. Chaidh am bàrr gu tur nan aghaidh air abhliadhna so, agus o nach eil an dùthaich ro-thorach aig àm sam bith, chan eil en comas an t-sluaigh cur ma seach aon bhliadhna fa chomhair bliadhneile. Air-son biadh gach bliadhna tha aca ri bhin earbsa bàrr na bliadhna sin fhein. Tha na Suainich nan sluagh tapaidh, deanadach, stuama, ach ged tha chan urrainn iad toradh a thoirt á talamh fuar gun bhrìgh. Tha moran dhiu air an aobhar sin afàgail an dùthcha, ’s atighinn air imrich do America. Tha beagan dhiu air suidheachadh an Canada, ’s tha iad nan luchd-àiteachaidh cho maths gu bheilear an dòchas gun tig tuilleadh dhiu. Anns an Iar-Thuath gheibh iad fearann gun toil, agus fearann math, beairteach, gle ao-coltach ris an fhearann air am bheil iad afeuchainn rim beòshlaint a chosnadh nan dùthaich fein.


Cuisean na h-Eirinn.

THA Eirinn o chionn iomadh bliadhnas linn nadùthaich thruagh. Re nan seachd ceud bliadhna chaidh seachad on thugadh fo chìs le Sasuinn i, is iomadh ceannairc a rinn an sluagh an aghaidh nàmhaid an dùthcha, is iomadh murt is marbhadh a rinneadh, agus is iomadh reachd cruaidh a chaidh a dheanamh nan aghaidh, le rùn an toirt gu bhi striochte len staid agus sìtheil. Ach bha gach lagh is reachd dhen t-seòrsa sin gun stà; tha Eirinn gus an lathan diugh gun chiùineachadh, agus tha spiorad na ceannairc fhathast air feadh na tìre.

Tha aobhar no dha aig cùisean air bhi mar tha iad. ’Sa cheud àite tham fearann air a chumail on t-sluagh mar tham fearann air a chumail bhon t-sluagh air Gàidhealtachd na h-Alba. Bliadhnachan roimhe bha moran den t-sluagh air am fògradh bhon dachaidhean, ’s chaidh iad air imrich do na Stàidean, far am bheil iad feins an clann ag altrum fuath is gamhlais do na h-uachdarain a rinn eucoir orra, ’s do na laghannan a cheadaich dhaibh an eucoir a dheanamh.

Anns an dòighsan deachaidh buntainn riutha leis na h-uachdarains le laghannan na rioghachd, tha an Gàidheal Albannachs an t-Eirionnach co-ionann. Ach an sin thacho-ionannachd astad. Tha an Gàidheal nadhuine sìtheil, agus naiochdaran dìleas don Chrùn Bhreatunnach aig an tigh agus thairis. Ach than t-Eirionnach nadhuine tha daonnan ri buaireas nadhùthaich fein, agus chan eil nàmhaid aig Breatunn an taobh a stigh de chriochan nan Stàidean as guiniche nah-aghaidh no as uilce dùrachd dhi. ’S e aobhar dha sin ann an tomhas mor gu bheil àireamh dhaoine nam measg dom bheil e probhaideach an cumail air bhoils air bhuaireas fad na h-ùine, ’s dom biodh e nachall mor sìth is sàmhchair a bhi riaghladhsan dùthaich. Is ceaird dhaibh sin a bhi deanamh trioblaid, agus tha iad afaotainn air aghart gu math leatha, —acumail na dùthcha o bhliadhna gu bliadhna anns an aon iorghuil, ’s acur an riaghlaidh nan aghaidh air chors nach eil iad afaighinn na gheibheadh iad nan robh iad ni bu reusanta. Tha an obair sin air a deagh phàidheadh le tionalan airgid a thatar adeanamh anns na Stàidean, agus chan eil teagamh nach eil cuid de luchd-brosnachaidh an t-sluaigh aig am bheil barrachd spéis do na tionalan sin na tha aca do mhath na dùthcha.

Tha comharran ann co-dhiu gu bheil cùisean gu atharrachadh. Tha sluagh na h-Eirinn air sgìtheachadh dhen bhuaireas, ’s tha na h-uachdarain agus an riaghladh air an laimh eile o chionn fada seachd searbh dheth. Than da thaobh aig an àm so ateannadh ri cheiles coltas orra gu bheil iad toileach còrdadh. Ann an ùine ghearr thatar an dòchas gum bi lagh air a dheanamh leis am bi en comas an tuathanaich bhig am fearann a tha eg àiteachadh a bhi aige dha fein saor á grùnnd. Bidh sin na adhartas mor don dùthaich, agus bheir e ciùineachadh air an t-sluagh nach tig orram feasd’, a réir coltais, fhads a bhios iad a pàidheadh màil. An deigh cùisean a shocrachadh mun fhearann, bidh iad ag iarraidh féin-riaghladhpàrlamaid dhaibh fein anns am bi cothrom acair an laghannan féin a dheanamh. Chan eil teagamh nach faigh iad sin cuideachd, ri tìm, agus aig an àm cheudna bidh pàrlamaidean dhen aon seòrsa air an toirt do Shasunns do Alba. Bidh Breatunn an uair sin anns acheart suidheachadh sam bheil Canadapàrlamaid aig gach aon de na tri rioghachdan dhaibh fein, mar a tha aig Roinnean Chanada, agus àrd-phàrlamaid os an ceann a ni reachdan a thaobh nithean a bhuineas dhaibh gu coitcheann, agus aig am bi stiùradh chùisean na h-Impireachd anns gach cearna dhen t-saoghal.


NaDoukhoborsaig Fois.

BHATAR acur air mhanadh do na Doukhobors, nuair chaidh an tilleadh gun dachaidhean, nach bfhada dhfhuiricheadh iad. Ach chan ann mar sin a tha. Tha iad a réir coltais ag ullachadh air-son suidheachadh sios mar thuathanaich dheanadach aon uair eile. Tha iad aceannach cruidh, ’s gan còmhdach fein le aodaichean blàtha mar bha iad roimhe, da ni a bha air am bacadh leis achreud a ghluais iad air an turus iomraiteach air an dfhalbh iad. Tha Peadar Bherigin, a bha na cheannard dhaibh ann an Ruisia, ’s a bha o chionn iomadh bliadhna air fògradh ann an Siberia, a nis air a leigeadh ma sgaoil, agus tha e tighinn do Chanada. Tha esan nadhuine tuigseach, agus ni a thighinn nam measg feum mor da cho-luchd-dùthcha. Gabhaidh iad a chomhairle-san os ceann gach duineile, oir is cnamh den cnaimh is feòil dem feòil fhein e.


Ceartas fo Riaghladh Ruisia.

BHA àireamh de thuathanaich bheaga air an toirt gu cùirt ann an Ruisia o chionn ghoirid air-son coire eigin. Bha iad air an dìteadh gun dàil, gun uiread is sgàile ceartais a thoirt dhaibh. Bha fir-lagha aig na tuathanaich a tagradh an cùise, agus air dhaibh-san fhaicinn nach leigeadh iad a leas sealltainn air-son ceartais, dhfhàg iad achùirt ag ràdh ris na breitheamhna nach feitheadh iad ni bfhaide; gu robhbhinn air a suidheachadh mun deach an càs fheuchainn. Gu grad chaidh na fir-lagha ghlacadhs a chur don phriosan, far am bheil aca ri bliadhna chur seachad le aran is uisge mar bhiadh làitheil. Mar so tha ceartas air a roinn ann an Ruisia; bidh duinair a pheanasachadh gu cruaidh air-son de dhànadas a bhi aige gun iarr e ceartas.


Stuamachd an Ontario.

MAR is fios do ar leughadairean cheana, rinn pàrlamaid Ontario, air an earrach sa chaidh, achd air-son cur as do dheanamh is do reic dibhe làidir. Cha robh an t-achd so ri bhi na laghsan roinn gus am biodh e air a chur fa chomhair an t-sluaigh, ’s am bhòtadh iad air. Chaidh cumha chur na chois gum feumadh, air a chuid bu lugha, 212,723 bhòt a bhi air-son an achd mun deante lagh dhe. Be Dior-daoin, seachduin gus an , lathan bhòtaidh. Chan eil an àireamh bhòtaichean a chaidh a thabhairt fhathast aithnichte, ach tha deagh fhios nach robh gu leòr ann, ged bha cunntas mor mhìltean air-son an achd a bharrachd air na bha na aghaidh. Mur teid bacadh iomlan a chur air malairt an òil an Ontario, chan ann chionn gur treasa luchd an òil na luchd na Stuaime, ach a chionn gu bheil àireamh mhor den t-sluagh cho caoin-shuarach mun dleasnas dan dùthaichs nach deach iad a mach a bhòtadh. Is miosan duine leisg, coma-co-dhiù, nam fear a dhoibricheas gu follaiseach an aobhar an uilc. Tha dòchas aig càirdean stuaime, ged nach deach an latha leotha gu h-iomlan, gun drinn iad uireads a cho-éignicheas an riaghladh gus deanamh is reic an òil a lughdachadh gu mor, ’s achuartachadh le riaghailtean nis cruaidhe na bha timchioll air riamh roimhe.


Turus Chamberlain do Africa.

BIDH na Gàidheil an taobh deas Africa atoirt fainear le aire shònruichte gum bheil am fear stàiteil ainmeil, Mr Chamberlain, atoirt sgrìob troimh na còirichean farsuinn ud a dhfhaotainn a mach air a shon féin agus air son na h-àrd h-uachdranachd gu na nithean a tha a dhìth air son cor an t-sluaigh a chur ann an suidheachaidhean a bhiodh cuideachail araon dhaibhsan agus dhuinne. Ann an àm trioblaideach, duilich, thionndaidh an duine comasach so an aghaidh cuid do mhuinntir na h-Eirinn, agus bha mòrannar measg a bhana aghaidh; ach mun turus so tha sinn buileach leis; agus tha sinn



[90]

[Vol . 11. No. 12. p. 2]

acreidsinn gum bi a bhriathran, a làithreachd agus a dheanadais a réir iarrtuis cneasda nam feadhainn ud aig am bheil smuaintean tuigseach agus rùintean reusanta. Tha na Gàidheil thairis cho tuigseach co-dhiù agus a tha am bràithrean aig an tigh; uime sin bidh ena thlachd leinn a bhi cluinntinn nach robh na Gàidheil air deireadh air càch ann bhi toirt fàilte don fhear-stàta ainmeil ud, Mr Ioseph Chamberlain. Gun robh buaidh is piseach leis; agus gum fada beò e agus ceò as an smùideach ùr a thaga ghiùlan thairis. —Oban Times.


An Call as Mo.

THAINIG gille gu dorus taighe, agus dhfhoighnich e dhen mhnaoi, a fhreagair an gnog, an ceannaicheadh i suidheagan. Bha e mach fad an latha gam buain.

Ceannaichidh gu dearbh,” ars ise. Ghabh ibhascaid as a laimh, ’s chaidh i stigh. Dhfhuirich an gille muigh aig an dorus afeadaireachd ri da chanary a bha ann an eunadan an crochadh ri taobh an tighe.

Car-son nach eil thu tighnn a stigh a dhfhaicinn am bheil mi deanamh tomhas ceart air na suidheagan?” ars abhean. “Bhiodh e furasda gu leòr dhomh do mhealladh.”

Chan eil sin acur cùraim sam bith orm,” ars an gille. “ ’S ann oirbh féin a bhiodh an call bu mhò.”

An call bu mhò ormsa!” ars abhean. “Ciamar a bhiodh an call ormsa?”

Bhitheadh mar so,” arsan gille. “Chaillinnsa na suidheagan, agus bhiodh sibhse nar bana-mheirleach. Chailleadh sibhseur cliù, agus nach be sin call bu mhò na mo challsa.”

Bhan gille gle cheart anns na thubhairt e. Esan a ghoideas no a ni gnothuch cearr, mi-onorach air-son buannachd bheag no mhor, tha e gauallachadh fein le cionta a dhfhàgas na bhuinig e air bheag luach. Cumamaid so air chuimhne: Esan a ni eucoir air neach eile, ’s e fein as call.


Naigheachdan.

BAS AITHGHEARRThainig bàs aithghearr air fear Rob Buyman ann an Glace Bay, oidhche Dior-daoin, an 27mh latha de Nobhember. Bha e nashuidhe ann an séithir borbair, ’s am borbair gabhearradh nuair a chaochail e gun chràdh no trioblaid sam bith. Bham fear eile bruidhinn ris gu ùine gle ghoirid romh dhan anail a thilgeadh.

EASLAINT CRUIDHSNA STAIDEANTha easlaint air bristeadh a mach am measg achruidh ann am Massachusetts, ’s chan fhaodar a nis gin dhiu a chur air falbh as an stàid sin do dhùthaich eile. Than Riaghladh Breatunnach adiùltadh crodh á Massachusetts no na Stàidean timchioll oirre a leigeil air tir ann am Breatunn. Bàbhaist a bhi cur moran de chrodh Chanada air falbh á puirtsna Stàidean, ach feumaidh sin atharrachadh air agheamhradh so; bidh iad air an cur air falbh á puirt Chanada fhein.

AN GEAMHRADH DA-RIREADHTha fior choltas agheamhraidh air an t-sìde. Leig stoirm na seachduin sa chaidh agus sneachd is reothadh na seachduin so ris dhuinn nach eil na geamhraidhean fuara doirbhe, air dol á cleachdadh idir. Shil tomhas math sneachda Di-luain agus thainig reothadh na chois. Bha Di-màirt pailt cho fuar ri aon latha thainig an uiridh am meadhon an fhaoilltich. Tha deagh rathad sleighann, ’s cluinnear fuaim nan clag air feadh na tìre. Chan eil duilichinn sam bith air daoine an geamhradh a thighinn cho tràth. Tha sìde bhlàth gle thaitneach, ach chan eil i nàdarra don dùthaich so mun àm so dhen bhliadhna, ’s chan eil i idir, idir fallain.

SGIORRADH UAMHASACHThachair sgiorradh uamhasach air an rathad-iaruinn aig Belmont, faisg air Truro, Di-sathuirne sa chaidh. Chaidh trèin bhar an rathaid, ruith i don chlais, agus bha na càraichean air an spealgadh. Bha sianar dhen luchd-turuis agus aon de sgioba na trèine air am marbhadh. ’S e dhaobharaich an sgiorradh gun do bhristpilotna h-inneil, atuiteam air an rathads a togail na trèines gacur bhar nanrails .

OBAIRSNA MEINNEANTha na mèinnean guail ri bhi air an cumail air obair fad agheamhraidh so. Tha margadh math air aghual, agus gheibhear àite do gach tunna theid a chur a mach. Bha dùil roimhe so gum biodh cur-a- mach nam mèinnean air a lughdachadh, oir bha còrdadh a bheadar cuideachd aghuail agus cuideachd deanamhgasiscokeann an Everett, Massachusetts, air a bhristeadh. Ach chaidh còrdadh ùr a dheanamh, agus thatar acur guail dhionnsuidh na cuideachd sin mar a bàbhaist. Tha iad aceannach tomhas mor guail na h-uile bliadhna.

URRAM DO MHORAIR ROBERTSThainig sgeul thar cuain o chionn ghoirid gu robh Morair Roberts ri bhi air a dheanamh na Ridire aGhartain, ach nuair thainig an t-àm, nach gabhadh e e, a chionn gu robh oifigich na Cùirte ag agairt dhuaisean nach robh nachomas a phàigheadh. Ma tha an sgeul so fior, cha mhisde Roberts idir e. Deanadh oifigich na cùirte as aonais nan duaisean. Tha cliù Mhorair Roberts a cheana mor: bidhainm air chuimhne nuair bhios luchd iarraidh nan duaisean cho tur air diochuimhns ged nach biodh iad riamh ann. Chan eilBobsan taing aGhartain no suaicheantais sam bith eile.

ACOSG MORAN FUDAIROn thainig an Carlo Alberto, soitheach Mharconi, don acarsaid so, chosg i moran fùdair alosgadh fhàilteachan. Be cheud aobhar a fhuaireadh air fàilte losgadh, breith-la righ Iomhair: air Di-luain, an ath latha, chaidh gunnair fhichead a losgadh. La no dha an deigh sin, bha breith-la righ na h-Eadailte fein ann, agus rinneadh an fhàilte cheudna chur air. Chaidh tuilleadh fùdair a chosg nuair a fhuaireadh fios gu robh urra bheag air ùr thighinn do theaghlach Bhictor Emanuel— ’s nam bu ghille bhiodh ann bhiodh an gàirdeachas ni bu mhò, oir gu ruige so cha dfhuair an righ sin oighre-mic. An deigh sin thainig breith-la na banrigh Eadailteach, agus chan fhòghnadh leo ach an dùrachds an dòchas gum biodh i fada beò, slàn, a chur an céill air a mhodh cheudna.

IONMHAS AIG CRUGARNuair dhfhàg Crugar Africa mu dheas thug e leis ionmhas mor a bhuineadh do riaghladh an Transbhaal, as an robh e feins an Dotair Leyds apàidheadh de chosdas achogaidh na chitheadh iad iomchuidh. Thatar ag aithris gu bheil mu dha mhuillion gu leth dolair dhen ionmhas sin air an làmhan fhathast, agus on striochd riaghladh an Transbhnal do Bhreatuinn, buinidh e, maille ris gach ni eile bu leis an riaghladh sin, don chrùn Bhreatunnach. Tha na Seanalairean Boerich eile ag iarraidh air Crugars air Leyds an t-airgiod a thoirt seachad a chuideachadh nam Boerach a chaill an cuid den t-saoghal anns a chogadh, ach than da churaidh sin air-son a chumails ùisinneachadh aig am eile gus an Transbhaal a chur air ais air abhonn air an robh e romhn chogadh, àm a tha a reir gach coltais gle fhad air falbh.

BAIS LE SGIORRAIDHEANAir Dior-daoin, an 27mh latha de Nobhember, bha Tomas Sweeney, a mhuinntir Newfoundland, air a mharbhadh aig an obair-iaruinn. Di-haoine bha Domhnull Domhnullach air a mharbhadh air an rathad-iaruinn aig Baoghasdal. Bha e na bhrakesman air an trein, agus air dhi bhi dol air taobh-rathad leum e dhi ro-luaths chaidh a ghlacadh fo na cuibhlicheans a ghrad mharbhadh. Feasgar Di-sathuirne bha Domhnull OHandley air a mharbhadhsan doigh cheudna aig an obair-iaruinn. Bhuineadh e do Bhaoghasdals cha robh e ach naodh bliadhndeug a dhaois. Bha e-feins an Domhnullach a chaidh a mharbhadh aig an àite sin nan dlùth chompanaich. Bha Fearchar Domhnullach, a mhuinntir Shiudaig, air a mharbhadh aig Beinn a Mharmoir air an dara latha dhen mhios so. Bha eg obairs a mhèinn-chloiches thuit meall mor de chreig air a mhuin, ga phrannadh gu bàs.


LITIR A BAILE-NAN-SEOBHAG.

A CHARAID, —Tha misgriobhadh ga dionnsuidh an diugh á ionad as nach cuala tu uam riamh roimheá Baile-nan-Seobhag (Hawkesbury) —baile bòidheach air taobh sear Caolas Chanso, far am bheil dùil agam an geamhradh a chur seachad le mtheaghlach. Tha da rathad iaruinn againn an so len cuid each-iaruinn a srannraichs a réiceil air aiss air aghart, cha mhor, anns gach uair de na ceithir-uaire-fichead. Than ùpraid a tòiseachadh mun gann a bhuaileas e da uair dheug oidhche na Sàbaid, ’s tha e cumail air aghart gun mhoran clos gu meadhon oidhche Di-sathairne, agus air uairean, tha eagal orm, nas fhaide na sin den oidhche ud. Ach their mi so, cho fads is aithne dhomhsa, chaneil moran de bhristeadh Sàbaid ri fhaicinn aig an àmn ar measg.

Chaneil ni gun a thrioblaid fhéinna chois. “Tha smùdan fhein á ceann gach fòid.” Tha soirbheachadh mor air tighinn gu Ceap Breatunn. Ach leis an t-soirbheachadh sin tha moran sluaigh de gach seorsa a taomadh a stigh oirnn. Tha iad ann an so as gach cearna den t-saoghal ach beag, agus tha iad a toirt an cleachdannan féin agus, iomadh dhiubh, an droch stiùrannan fhéin leotha don tir so, agus mar sin aingidheachd a faotainn neartn ar measg.

Tha, mar an ceudna, Ceap Breatunn an diugh ann an cunnart bho thinneasan gabhaltach de gach seorsa, seach mar a bha e ann an latha na nithean beaga. Tha sinnsan àm fo thomhas de chùram gum faod a bhreac sgaoileadh anns a bhaile bheag so. Fhuaireadh i air bòrd da shoitheach anns an acarsaid bho cheann ghoirid. Chaidh gach faicill a ghnàthachadh, agus mur dfhuair i greim mun robh fios gun robh isan àite tha dùil nach téid i nas faide.

Dhfhàg mi Eilean PrionnsIomhar aig toiseach Nobhember— “an t-eilean biadhchar mun iadh an sàile” —agus dom buin an cliùGàradh aGheodha.” Tha em bliadhna làn de thoradh trom. Tha coirce, cruinneachd agus buntàta pailt ann, agus tha prìs chuimseach air gach ni a thaig an tuathanach risheachnadh. Pris a choirce, 32c; a bhuntàta, 25c; an ime, 20c. Tha flùr dùthcha a reic air $2 .00 an ceud punnd; feur, air a cheangal, $10 .00 an tunna, &c . Cha chòir gearain air na prìsean sin; ach than gearain dualach dhuinn uile.

Tha thu fhéin a toirt iomradh o àm gu àm air bàs nan Gàidheal agus nam bana-Ghàidheal caomh a tha air an toirt uainn thalls a bhos. Tha e fàgail an t-saoghail so nas falaimhe dhuinn gum bheil ar companaich agus luchd-eòlais ar n-òige gach bliadhna dol an ainneamhachd. ’S còir, mar an ceudna, gum biodh e a cumail fa chomhair ar n-inntinn nacheil againn ann an so baile a mhaireasgur luchd-cuairt sinne mar chàch anns an t-saoghal so.

Nuair bha mi air mo chuairt shamhraidh am bliadhna, thaghail mi air bana-charaid chaomh, bantrach Chaluim Mhic Amhlaidh, taobh deas Abhainn Dennis, C. B., air an tric a thaghail fear de msheòrsa. Bha i aig an àm sin a mealtuinn tomhas de shlàinte. Bha i, mar a bàbhaist, aoidheil, geanail. Cha do shaoil mi gur em bàs an ath sgeul a chluinninn ma timchioll. Bha a companachna fhìor charaid do gach aobhar math, agus bha ise dhana còmhnadh da réir féinuile làithean a bheatha; agus an déigh a bhàis chum i air a h-aghaidh a cuideachadh le aobhar an Tighearna le mor fhialachd agus le dùrachd cridhe. Bha a dachaidh a ghnàth fosgailte do mhinistearan an t-soisgeul. Coltach ri aon eile air am bheil iomradh againn, bha seòmar



[91]

[Vol . 11. No. 12. p. 3]

aicena tigh anns an robh leabaidh agus bòrd agus cathair agus coinnleir, a chum agus an uair a thigeadh òglach an Tighearna da h-ionnsuidh gun tionndadh e stigh an sin. Tha a bàsna bhuille ghoirt da teaghlach agus da càirdean gu léir, agus tha e a deanamh bearna nach beag anns an eaglais dam buineadh i.

Nuair a phill mi air ais on chuairt a dhainmich mi, bha mo dheadh choimhearsnach, “nàbaidh bun na h-ursainn,” Murchadh Mac Laomuinn, air dol as an t-sealladh. ’Nan robh mo thuineadh na bfhaide anns an àitud, bhiodh e na baonranaiche dhomh le esan a bhi as. Bu tric a thigeadh e a chur seachad uair no dha na mchuideachd. Fhuair mi ena dhuine tuigseach, geur-chuiseach, agus aig an robh tomhas air leth de dheòlas a réir a chothrom a fhuair ena òige. Chuir luchd-leughaidh MHIC-TALLA eòlas air troimh na litrichean taitneach a bhiodh esgriobhadh fon ainmMurchadh càm.” So mar a fhuair en t-ainm dha fhein an toiseach: Bha e fhéin agus tàilleir anns a choimhearsnachd gu math mor aig a chéile. Rinn iad a sud suas latha eatorra fhéin gun sgriobhadh iad litir am fear gu MAC-TALLA. ’S ann mar sin a bha; agus a thaobh gum be Murchadh an sgoileir Gàilig a bfhearr, thug an tàilleir a litir fhéin dha air son a ceartachadhs a cur an clò. Bha dhe na sùilean aig Murchadh gun fhradharc ro mhath, agus bhan tàilleir crùbach. ’Nuair thàinig na litrichean am mach, ’s e na h-ainmean a bha riutha, “Murchadh càmagusAn tàilleir crùbach.” Ghabh an tàilleir anns an t-sròin e, air son a bhi tilgeadh na crùbaichair, ’s chan fhacas litir tuilleadh uaithe anns aMHAC-TALLA; ach lean Murchadh ris an ainm. ’S ann mar sin a fhuair do luchd-leughaidh eòlas air mo charaide còir nach maireann. Ach feumaidh mi stad. Slàn leat an diugh.

C. C.


SEARMON AIRSON NA H-OIGRIDH.

Do bhrigh gu bheil e beo gu siorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son. —Eabh. Caib. 7-25.

THA gach ùrnuigh a tha sinn adeanamh air a togail a suas ann an ainm Chriosd, agus tha gach ni a tha sinn ag aslachadh air Dia air iarraidh air sgàth Chriosd. Dhfhaodadh seann saighdear dol gu dorus an rìgh agus cuideachadh iarraidh air a shon féin agus air son a theaghlaich, ach dhfhaodadh ebhi nach burrainn dabheag no mhòr fhaotainngun diultadh iad e. Achnan tachradh dha paipear no litir a bhi aige na phòcan laimh sgrìobhaidh an rìgh, ’g iarraidh air a dhol a dhionnsuidh an doruis agus gum faodadh e déirce is coimhneas iarraidh, ’sa gealltainn gum faigheadh e iad, an sin bhiodh barantas aigedhol a dhionnsuidh an doruis agus iarraidh, agus dhéisdeadh iad ris agus bheireadh iad dha cuideachadh agus coimhneas air sgàth an rìgh. Dhiarradh e ann an ainm an rìgh, agus le earbsanns a chead a fhuair edireach mar a tha sinneg iarraidh ann an ùrnuigh air sgàth agus ann an ainm Chriosd. Freagarar iarradas an t-seann saighdear air sgàth an rìgh, agus freagarar ùrnuigh a chriosduidhsan dòigh cheudna air sgàth Chriosd.

Chaneil e comasach do neach air bith a bhi sona as eugmhais caraid a bhi aige, agus thah-uile duine glic a feuchainn mar is fearr a dhfhaodas e caraid a bhi aige anns am faod e earbsa. Ged a robh e na dhuine gòrach, peacach, aimideach air dhòighnean eile, feuchaidh e caraid a bhi aige. Chaneil e comasach do neach a bhi sona gun charaid a bhi aigechum a bhi subhach leis na shonas agus duilich leis na bhròn: mur bi caraid a thaobh-eigin aige is eigin da a bhi mi-shona. Faic leanabh beagcaileagan is balaichean ògani iad companach de dhuan, de chù, de chalamanlabhraidh iad riutha, suidhidh iad leo, is ni iad companas riutha. Comata so? Tha do bhrìgh gu bheil e a réir an nàdair a thug Dia dhuinn, càirdean iarraidh is càirdean a bhi againnfeadhainn ris an dean sinn companas, ris an labhair sinn, aig am bheil gràdh oirnne, a bhitheas subhach no dubhach mar a bhios sinne. Nis, innsidh mi dhuibh na tha am bheachd leis a so: —Bha Innseanach còir an America mu thuath o cheann beagan bhliadhnaichean, a fhuair baile math fearainn o na daoine gealana Sasunnaichsaor dha féin is da shliochd gu bràth, mar dhuais air son a dheadh ghiùlains a chàirdeas seasmhach. Thog e a thigh air an fhearann, agus an sin bha e féinsa theaghlach atàmh. Bha moran Shasunnachdaoine gealadlùth dha. Bha iad suarach mu dheidhinn do bhrìgh gum bInnseanach a bhann. Cha robh déidh acair, is cha mhò a nochd iad càirdeas air bith ris— ’s e sin cha robh iad mar chàirdean da. Cha robh aige ach an t-aon leanabh, is dhfhàs am mac so tinn agus chaochail e. Cha deach a h-aon de na daoine gealaga choimhead, no gu labhairt ris an àm a bhròinni a chaidh iad a chuideachadh leis corp a mhic a chur fon ùir. Latha no dha an déigh so thàinig e a dhionnsuidh nan daoine geala agus thubhairt e riutha, “ ’Nuair a chaochail mac no nighean an duine ghil bha an t-Innseanach brònachshil e a dheòir, chuidich e leibh an uaigh a chladhach, agus an fhòid a chuir thairis orra. Ach chaochail mac an Innseanaich thruaigh, ’s cha dthainig aon duine gealna chòir. Cha robh mulad air a h-aon agaibhrinn mi uaigh mo mhic leam féin. Chan urrainn mi fuireachsan àite so nis faidechaneil caraid agam annaon duinaig am bheil gràdh orm. Tha sibh suarach mum thaobhfàgaidh mi an t-àite.”

Thog an t-Innseanach bochd air as an fhearann shaor a fhuair e. Thog e corp a mhic air mheadhoin oidhche, agus ghiùlain e féinsa bhean corp an leinibh da cheud mìle, troimh choilles troimh fhàsach, gus an do ràinig e àite am measg a luchd-dùthcha féin far am faodadh e caraid a bhi aige. Nach bu mhòr a ghràdh da leanabhnach bu mhor an gràdh a bhaige air caraid? Cha burrainn dabhi beò as eugmhais.

Mar sin tha feum againne air caraid a h-uile lathaaon a bhios dlùth agus aig am bheil spéis duinn. Ach an uair a tha sinn lag, tinn, uirbheasach, bochd, tha mothachadh mor againn air an fheum a tha againn air caraid dìleas. An àm bàis, tha mothachadh làidir an sin againn air ar laigse féin, agus air an fheum a tha againn air caraidair aon a bhi dlùth, is aig am bheil an toil agus an comas cuideachadh leinn. Nise, ’s e Iosa Criosd a cheart charaid sin. Bha esan aon uairna dhuine doilgheasach is eòlach air bròn. Chaneil deuchainn a tha buailteach dhuinne nach dfhiosraich esansan fheòil, ged a bha e as eugmhais peacaidhagus mar so tha comas aige cuideachadh leinn an àm ar deuchainn. Bha esan aon uair am péin a bhàis, agus dhfhiosraich e cia mar is urrainn da cuideachadh is furtachd a thoirt duinnsan àm dheuchainneach sin. ’Bheil a h-aon agaibh bochd; bha esan bochd. ’Bheil a h-aon agaibh òg is lag; bha esan òg agus lag. Tha air uairibh deuchainnean is trioblaidean atachairt oirbh, is iomadh ni nach tuig an saoghal agus air am bheil an saoghal aineolach, agus ann an lorg so tha ar cridhe lag, agus ar n-anam trom. Ach is fiosrach esan air gach ni den t-seòrsa so, agus tha e do ghnàth dlùth is eòlach, toileach agus comasach air cuideachadh leibh ma dhiarras sibh e, agus mar is tricethig sibh da ionnsuidhs ann is fearr.

Ach ged a tha caraid dlùth anns gach àmgach latha fhads is beò sinntha air mhodh àraid feum againn air an àm bàis.

Innsidh mi dhuibh carson: —Bhan sud aon uair duine araid is bha trì chàirdean aigebha e iomadh bliadhna atàmh dlùth dhaibh, agus càirdeas mor eatorra. Ach rinneadh casaid an aghaidh an duine so ris an rìgh, agus dhìt an rìgh gu bàs e. Chualan duine bochd so, is bha e fo eagal is fo bhròn mor. Bha dùil aige gun robh, gun teagamh, am bàs ri tachairt da an ùine ghoirid, ’s gum fàgadh e a bheansa chlann ann am bochduinn. An déigh iomadh lathas oidhche bhrònach chuir e roimhe gun rachadh e an làthair an rìghgum faigheadh e fear-eigin a rachadh leis, agus a labhradh as a leth. Chaidh e a dhionnsuidh a thrì chàirdean. Anns a cheud dol a mach labhair e ris an t-aon don dthug e am barrachd spéis, agus ghuidh e air-san dol maille ris a chum an righ; ach cha rachadh ceumdhiùlt se e gu turcha ghluaiseadh e fad a choise air a shon. Chaidh e an sin a dhionnsuidh an dara caraid; cho-aontaich esan, ach cha bann gu toileach. Dhfhalbh iad le chéile, ach an uair a ràinig iad dorus tigh an rìgh, sheas a charaid is cha rachadh estigh air an dorus. Phill e a dhionnsuidh an treas fhir don dthug e an tomhas bu lugha de ghràdh, agus ghuidh e airsan dol leis. Ghrad chaidh e maille ris. Bha eolas aig an rìgh air an fhear so, agus mòr spéis aig an rìgh dha. Ghlac e a charaid air laimh is thug e leis e an làthair an rìgh agus rinn e eadar-ghuidhe air a shon. Dhaslaich e an rìgh as a leth, agus thug an rìgh mathanas don duine. Ged a bha e air a dhìteadh, gidheadh air sgàth an duine so thug an rìgh mathanas da.

Nis, faicibh ciod is ciall da so. Tha tri nithean ann air am bheil daoine asmuainteachadh gu mor, agus air am bheil moran spéis aca, agus a tha nam beachdnan càirdean daibh. ’S iad sin an Saoghalnithean an t-saoghailairgiod agus òrmaoin is cothromspréidhis gach nithaig an t-saoghal so rithoirt seachad. ’San dara àite an càirdean féin. ’San treas àite Iosa Criosd. Tha moran gràidh againn air a cheud ni— ’s e sin an saoghal. Tha e am bitheantas nis gràdhaiche leinn na ar càirdean, agus gu tric than tomhas is lugha de ghràdh againn do ar Slànuighear. An na teinn agus a chruadail tha sinn ag amharc don ionnsuidh so air son co-fhurtachd, agus aguidhe orra cuideachadh leinnagus h-araid an àm bàis, ’n uair is éigin duinn dol an làthair an Rìgh mhoir. Ach an saoghal agus nithean an t-saoghail, chan urrainn daibh dol ceum leinn. An uair a tha sinn air leaba bàis, chaneil iad comasach air furtachd air bith a thoirt duinn, nobhi nan cullaidh dhìon air dòigh sam bith an am bàis. Sleamhnuichidh an saoghal is gach cuil taic talamhaidh gu bràth air falbh uainn. Theid sinn an sin a dhionnsuidh ar cairdean, ag aslachadh orra-san dol maille ruinn, ach céum nis faide na dorus pàluinn an Rìgh mhòir chan eil nan comas dol. Gu dorus a bhaìs thig iad, ach céum nis faide chan eil nan comas trialan sin gabhaidh iad an cead, agus is eigin dealachadh. Ach Iosa Criosd, an caraid air nach eil idir uiread de spéis againnsa tha againn air an t-saoghal agus air caìrdean eile, faodaidh esanthan comas aigedol maille ruinn gu dorus lùchairt an Rìgh mhòir, agus faodaidh esan guidhe agus aslachadh as air letheadar-ghuidhe a dheanamh air ar son, agus mar so ar saoradh o dhìteadh siorruidh. Tha cuid de dhearbhainean am focal Dhe is miann leam sibh a leughaidh. Fosgalaibh am Biobull aig I. Eoin ii.



[92]

[Vol . 11. No. 12. p. 4]

1. “Mo chlann bheag, na nithe so tha mi asgrìobhadh dour n-ionnsuidh, chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosd am fìrean.” A rìs aig Litir Phòil a chum nan Romanach, Caib. viii. 34. “Co a dhìteas? Is e Criosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dhéirich a rìs, agus a ta air deas làimh Dhe, neach a ta mar an ceudna adeanamh eadar-ghuidhe air as son-ne.”

Tha sin ag aideachadh nach eil e furasda dhuinn beachd ceart a bhi againn air an doigh anns a bheil Criosd adeanamh eadar-ghuidhe air neamh as leth a phobuill air son na bhàsaich e. Ach chomhairleachamaid duibh an seachdaibh Caibideil deug den t-Soisgeul a reir Eoin a leughadh air ar sochdair, agus ann an sin tha e air a leigeil ris fhadsa tha e comasach dhuinn beachd a ghabhail air no thuigsinn. Dhfhuiling Criosd as leth a phobuill, agus tha e co-sheasamh ri ceartas Dhe maithneas a thoirt do pheacaich air sgàth an àird agus naomh a rinn iobairt réite a thoirt seachad agus a dhfhuiling as an letha bhàsaicham fìreanan àite neo-fhìrean. Tha an dòigh anns an urrain dasan guidhe as leth a phobuill féin air iomadh dòigh dealluichte on dòigh anns am faod aon duine guidhe air son duineile. Faodaidh esan guidhe air ar son do ghnàth, agus cuideachadh leinn do ghnàth. ’S urrain dàsan so dheanamh; chan urrainn sinne. Than comas aigese; chan eil e againne. Faiceamaid ciamar a tha so atachairt. O cheann bheagan bhliadhnaichean bha cuid a dhaoine, ann an rioghachd àraidh, nach géileadh do lagh na rioghachd, is nach tugadh ùmhlachd don uachdaran fo na chàradh iad. Bha so na cheannairc is na àr-a- mach an aghaidh an Rìgh agus laghannan na rìoghachd. ’Measg nan feadhnach a rinn so bha aon duine ann a bha gu h-àraidh ciontach os ceann chaìch. Chuireadh air a dheuchainn eshuidh a chùirtthugadh air an aghaidh na fianuiseanfhuaireas ciontach e, as bha e air a dhìteadh gu bàsbàs na croiche fhulang. Bhan Rìgh an déigh a làmh a chuir ri barantas a bhàis, agus bhan latha air a shochdrachadh. Ach mun dthainig an latha chaidh duine mòr measail, a bha anabarrach gràdhach leis an Rìgh agus aon de chùirtearan, agus thubhairt e ris gun robh boireannach àraid aig an robh toil labhairt ris, agus gun do gheall esan labhairt ris an Righ air a sonagus ghuidh e air an Rìgh a faicinn agus eisdeachd na bha aice riràdh. Gheall an Rìgh a faicinnshuidhich e latha agus uair, agus chaidh an t-àrd uasal leithe. Chuireadh a stigh do sheomair i, as chaidh an Rìgh a stigh far an robh i. Bha ise an sin air a ghlùn, agus deichnear phàisdeanmic as nigheannanmaille rithe, air an glùnaibh mar an céudna. Co bhan sin ach bean as clann an duine a bha air a dhìteadh gu bàs, as iad ag aslachadh air an Rìgh tròcair a dheanamh air an athair agus a bheatha a chaomhnadh. Thainig na deòir mhòr a nuas air gruaidhean an Rìghthainig reachd na mhuinealcha burrainn da facal a labhairt. Chaidh emach, agusan ùine ghearr phill e air ais as paipear na laimh, atoirt maitheanais don duine a bha air a dhìteadh gu bàsmaitheanas saorsàr làn mhaitheaneas don duine. Thug e so don mhhaoiphill i dhachaidh le gaìrdeachasdhfhosgladh dorus a phrìosanagus fhuair i a companach, is rinn ise is esans an teaghlach gaìrdeachas.

Nis, so agaibh eadar ghuidhe air son duinean làthair duine, ach tha Criosd adeanamh eadar-ghuidhean làthair Dhe. Bha so na eadar-ghuidhe air son aon duine, ach tha Criosd adeanamh eadar-ghuidhe air son a h-uile h-aon de mhuinntir féin. Bha so na eadar-ghuidhe air son aon bheatha aithghearr, ach tha Criosd adeanamh eadar-ghuidhe air son beatha shiorruidh. Bha so na ghuidhe air son aon pheacadh, ach tha Criosd aguidhe air son ar n-uile pheacanna. Bha so air son caraid, ach tha Criosd adeanamh eadar-ghuidhe air son nam feadhnach a bha nan nàimhdean . Thearuinn an air an robh sin alabhairt o dhìteadh lagh saoghalta, ach tha eadar-ghuidhe Chriosd atearnadh o mholachd lagh Dhe. Nam bitheadh a h-aon agaibhse, mo chàirdean oga, air ar glasadh a stigh ann am prìosan fo bhinn bàis, agus a mhiann oirbh iarradas a chuir a suas a dhionnsuidh an Rìgh, a ghuidhe air son maitheanais, co ris a dhearbsa sibh air n-iarradas agus air guidhe? Co a chuireadh sibh a dhionnsuidh an Rìgh leis? Nach cuireadh sibh an t-aon bu mheasaile a burrainn duibh fhaotuinnsan tìran caraid as an robh am barrachd earbsa agaibh, agus bu mheasaile agus a buramaicheam beachd an Rìgh? Agus nach e Iosa Criosd an sin is measailesan t-saoghal uile? Nach e an is gràdhaiche leis an àrd Rìgh? Co e ris am bu chòir dhuibh air cùis earbsa a raoghainn airsan? ’Nam bitheadh sibh dol a dhearbsa athchuinge no iarradas as leth ar beatha don Rìgh, co ris a dhearbsa sibh e? An ann ri coigreach, no ri caraid blath-chridheach aig an robh gaol oirbh, a dhearbh a ghaol, ’sa bha mar an ceudna gràdhach leis an Rìgh, agus àrd na bheachd? Nach ann ris a charaid ghràdhach gu deimhinn? Nach canadh sibh so esan a dheisdeas an Rìgh. So esan a tha àrd uramachsa chùirt. So esan a tha osceann gach h-aon eileso mo charaid dileas dearbhtaagus so esan a chuimhnicheas ormsa. Tha Dia do ghnàth làn thoilichte lemhac féinmac a ghràidhagus tha e toileach deonach eisdeachd an uair an ni e eadar-ghuidhe air ar son. Agus nach eil fios agaibh gu bheil e air a ràdh gu bheil Criosd comasach iadsan a thearnadh a chum a chuid is faide, a thig a dhionnsuidh Dhe na ainm sando bhrigh gu bheil e do ghnàth beo gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son.

Tha e air innseadh dhuinn ann an eachdraidh mu dheidhinn duine a bha air a dhìteadh gu bàs air son peacadh a thaobh-eigin anns an robh e cionntach. Bha brathair aige a chaill a làmh, agus a bha air a leonadh gu goirt air iomadh dòigh, acogadh air son a Rìghsa dhùthcha, is chaidh esan a stighan làthair an Rìghs na cùirte, is ghuidh e as leth a bhràthair. Thog e suas na bha aige den laimh is ghuidh e orra maitheanas a thoirt da bhrathair air sgàth na dhfhuiling esan air son a dhùthcha. Chaidh a chùis leisthug iad maitheanas da bhràthair air sgath na rinn esan air son a dhùthcha. Mar so tha Criosd air a leigeil ris duinn mar uan a bha air iobradh, agus a tha deanamh eadar-ghuidhe air ar son. Nis, mo chàirdean oga, thugaibh so leibh agus cuimhnichibh e. Tha ceithir nithibh ann a thaobh Chriosd a tha ga dheanamh na eadar-mheadhonair, dìreach air gach doìgh fregarach air ar son, agus innsibh mi dhuibh ciod iad na ceithir nithe sin. Air tus THA E NA AIRIDHTha e air gach doìgh fiachail toillteanach agus gu h-uile òidheirc. ’Nuair a ghuidheas esan as air leth, faodaidh e toillteanas fhala féin, toillteanas a bhàis féin, agus fhìrinnteachd is ùmhlachd iomlan agairt as air leth. Tha esan na airidhna airidh ann féin, oir is e Mac Dhe; agus tha e na airidh air son na rinn e, oir thoill agus choisinn e natha e aguidhe. O, cia tearuinte clann Dhedeiscubuill Chriosd! Than t-Athair doghàth aig eisdeasachd a Mhic. Chan eil e comasach gum faìlneachadh an t-eadar-ghuidhetha esan adeanamh. Chan fhaìlnich aon ni a ghabh esan as laimh. Chan eagal dhoibhsan a thag earbsa asair an cuartachadh mar a ta iad le deich mìle cunnartbuailteach do ghamhlas as mi-rùn an naimhdeando chul-sleamhnachadh agus do bhuaireanain do-àireamh. Gidheadh chan eagal dhoibhsan air son abheil esan aguidhe-thoillteanach, neo-airidh, mar a ta iadsantha esan na airidh agus eisdidh athair e do ghnàth.

A rìs, ’san dara àite. Is fiosrach Criosd air natha dhìth oirbh, air ar n-urasaibh. Bha e féin aon uair na leanabh mar a ta sibhse. Is aithne dha gach is urrainn cur oirbhis urrainn dragh, no doruinn, no trioblaid a chur oirbh. Is aithne dhàsan ar cridheachan, ar smuainteanchan eil sam bith air fhalachuaithe-san. Tha e eolach air ar n-iarradais, air ar tograinean, air n-eagail, air gach uile a bhuinneas duibh. Chan urrainn duibh air bith a chleithuaithe; agus mar so, ’n uair a tha e adeanamh eadar-ghuidhe air ar son, is fiosrach e air gach ni a bfhearrd sibh, agus a tha féumail duibh. Tha e mìle uair nis eolaiche no air mathaireachain no sibh féinagus mar a tha eolas tha ghliocas agus a ghràdh.

San treas àite. Tha Criosd beo do ghnàth gu eadar-ghuidhe a dheanamh air ur son. Tha pàrantan math, athair agus mathair, gach h-aon agaibh aguidhe air ur son; agus tha càirdean cràbhach, as ministear diadhaidhach chan fhad is urrainn doibh so a dheanamh. Is eigin gum faigh gach h-aon duibh so bàsfeumaidh iad an saoghal so fhàgail, agus an ùine ghearr cha bhi h-aon duibh ri fhaicinn air aghaidh an t-saoghail mhòir. Ach Criosd, tha e beo an diugh, bithidh e beo amaireachbithidh Esan beon uair a thig sibhse gu bàs, agus a ruigeas ar-n- anaman an saoghal siorruidh. Agus an uair a dhfhosglar gach uaighsa theid a ghrian fodha as nach éirich i tuille no gu bràth, agus nach bi gealach no réult air mhairrean, bithibh Esanan sin beo gu eadar-ghuidhe a dheanamh air son a shluaigh. Sguabaidh am bàs gach h-aon againn air falbhach tha Esan o bhibhuantachd gu bithbhuantachd, ’s co-ionnan da an duigh amaireach agus gu siorruidh.

San aite ma dheireadh. Tha Criosd neo-chaochlaideach. Chan atharraich Esan gu dìlinn no gu bràth, agus ciod an t-aon eile nach atharraich? Atharraichidh na siantantha craobhan as blàithean ag atharrachadh, agus gach ni air am faod sùil dearcadh. Tha càirdean ag atharrachadhcuid diubh an diugh dileas gradhach, gaolachamaireach fuar, suarach, cealgach, -chuimhneach. Seadh faodaidh sinn uile caochladh agus atharrachadha bhin drasda subhach sona, a rìs dubhach brònacha nis gu slàn fallain, amaireach gu bochd breòite tinna nis, gach cuisles a chridhe abualadh gu réith laidir, agusam prioba na sùl gun phlosg, fuar, marbh. Ach Criosd chan atharraich Esan a chaoidh no gu siorruidhcha treig Esan a shluagh féin gu bràthcha dìbir e iadcha di-chuimhnich e iad. ’S eigin gum bàsaich sinne— ’s eigin gun tuit ar cuirpsan ùir, gun caidil iadsan uaigh. Duisgidh sinn a ris air latha na h-aiseiridh. Ach ged a thachras so, chan atharraich Esantha Esan beo do ghnàth gu eadar-ghuidhe a dheanamh air son a dheiscubuill. Do nèamh nan nèimh chaidh e dhuidheamachadh àiteachan taimh agus fois air son a shluaigh, agus a chum an ghabhail da ionnsuidh féinsan t-saoghal ghlormhoir sin. Ameasg gach ailleachd leis abheil e air a chuartachadh chan eil e car mionaid a di-chuimhneachadh nan truaghan iosail air son na bhàsaich eair son na dhoirt e fuil chraobhach a chridhe. Tha e gu siorruidh beo gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son. Tha a ghràdh o shiorruidheachd



[93]

[Vol . 11. No. 12. p. 5]

gu siorruidheachdgràdh gun tomhasgradh nach urrainnear a thuigsinn aig fheothas agus aig a mheud. O, cia glormhor Esan a tha tagradh cùis a shluaigh air nèimh! Iosa bheannaichte! is beannaichte gu bràth iadsan a dhearbas ann a t-ainm! —Tormad Mac Leoid, D. D.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

ALADIN.

CAIB. XII.

CHO luaths a rainig acheud sheirbhiseach geata na luchairt, shaoil le luchd-gleidhidh agheata gur e righ a bhann leis cho maiseachs a bhan trusgan a bhuime, agus bha iad adol a thoirt poige do dhiomall a thrusgain; ach bhan seirbhiseach air a theagasg leis an fhathach, agus thuirt e: “Chaneil annainne ach seirbhisich; thig ar maighstir aig an am iomchuidh.”

An sin chaidh na seirbhisichs na searbhantan gu leir a steach don dara cuirt. Bha a chuirt so gle fharsuinn, agus bha aite-comhnuidh an righ agus uile luchd-muinntir an teaghlaich rioghail mor-thimchioll na cuirte so.

Ged a bha oifigich an righ ann an eideadh maiseach, cha robh iad am faisge cho maiseach ann an eideadh ris na seirbhisich a chuir Aladin leis an tiodhlac don luchairt. Chan fhacas an leithidean riamh roimhe anns an luchairt. Cha robh eadhoin ard-mhaithean na cuirte no ard-uaislean na rioghachd ri bhith air an coimeas riutha ann an cruth non eideadh.

Bha fios aig an righ gun robh iad atighinn, agus thug e ordugh an leigeadh a steach do sheomar na comhairle. Chaidh iad a steach gu h-ordail ciuin, agus sheas buidheann dhiubh air an laimh dheis, agus buidheann eile air an lamh chli den righ-chathair.

An deigh dhaibh a dhol a steach agus seasamh anns an ordugh so, chuir na seirbhisich na miasan a bha iad agiulan air an lar-bhrat air beul-robh na righ-chathrach, agus leig iad iad-fheinnan sineadh air beulaobh an righ, acur clar an aodainn air an lar-bhrat. Rinn na searbhantan a leithid cheudna.

An uair a dheirich iad uilenan seasamh, thug na seirbhisich an comhdach bhar nam miasan, agus sheas iad mu choinneamh an righ agus an lamhan paisgte air an uchd.

Anns acheart am chaidh mathair Aladin gu bonn na righ-chathrach, agus an uair a thug i urram dligheach don righ, thuirt i ris: “Mo thighearna, tha fhios aig mo mhac, Aladin, a chuir an tiodhlac so dor n-ionnsuidh, gum bheil bhur nighean moran nas fiachaile na aon tiodhlac a burrainn duine sam bith a thoirt seachad; ach tha dochas aige, air a shon sin, gun gabh bhur morachd an tiodhlac so, agus gun cord e ri bhur nighinn, agus thadhochas nas treise do bhrigh gun dfheuch e le cabhaig ri dheanamh mar a dhaithn sibh dha.”

Cha robh an righ comasach air cluas no aire thoirt do na labhair mathair Aladin ris. An uair a dhamhairc e air an da fhichead meis luma lan de sheudan cho maiseach, cho lainnireach, agus cho luachmhors a chunnacas riamh, an da fhichead searbhanta, a bha araon maiseachnan cruth agus air an eideadh ann an trusgain anabarrach riomhach, bha e cho lan de dhioghnadhs de thoileachadhs nach robh fhios aige gle mhath ciod a theireadh no dheanadh e. Ach mu dheireadh an aite freagairt a thoirt do mhathair Aladin, thuirt e ris an ard-chomhairleach, agus e fhein gle mhor fo ioghnadh mar an ceudna: “Seadh, ma ta, ard-chomhairlich, co tha thu smaointean a chuir an tiodhlac anabarrach luachmhor so gam ionnsuidh? Nach iongantach nacheil fhios aig fear seach fear dhinn co e? Am bheil thusmaointean gum bheil e airidh air mo nighinn?” Ged a bha eud air an ard-chomhairleach a chionn gun robh nighean an righ gus a bhith aig fear eile an aite bhith aig a mhac fhein mar a bha en duil, cha bu dana leis a bheachd a chumail an cleith air an righ. Bha e soilleir gu leor dha gun robh an tiodhlac a thug Aladin seachad a nochdadh gun robh e airidh air a bhith ann an cleamhnas ris an righ; air an aobhar sin, fhreagair e mar so: “Mo thighearna, is fhad uam a radh nacheil am fear a thug dhuibh an tiodhlac maiseach, luachmhor so airidh air bhur nighinn; an aite sin is ann a theirinn gum bairidh e air na bfhearr, mur be gum bheil mi lan-chinnteach nach ceannaicheadh ionmhas an t-saoghail bhur nighean.”

An uair a chuala na morofhearan a bhanns achomhairle na briathran so, bhuail iad am basan le aoibhneas. Cha do chuir an righ dail na bfhaide anns achuis. Dhaontaich e a nighean a thoirt do Aladin, ach cha do smaoinich e air rannsachadh sam bith a dheanamh mu dheidhinn co dhiubh a bha no nach robh Aladin freagarrach anns gach doigh air son a bhith posda rinighinn. Bha e gu nadarrasmaointean gun robh fear sam bith a bha comasach air an tiodhlac ro luachmhor ud a thoirt seachad ann an uine cho goirid gun dragh sam bith a chur air fhein, freagarrach, anns gach doigh air an iarrteadh e, gus a nighean a phosadh. Air an aobhar sin, a chum mathair Aladin a chur air ais le teachdaireachd aoibhnich thun a mic, thuirt e rithe: “A bhean mhath, bi falbh agus innis do dmhac gum bheil misefeitheamh gus failte chridheil a chur air; agus mar is luaithe thig e gus mo nighean a phosadh, gur ann is mo a bheir e de thoileachadh dhomh.” Dhfhalbh mathair Aladin dhachaidh, agus, mar a bha nadarra gu leor dhi, bha aoibhneas mor oirre a chionn gun robh a mac gus a bhith ann an suidheachadh na bairde na burrainn i roimhe sid a chreidsinn.

Aig acheart am chuir an righ achomhairle mar sgaoil, agus dhordaich e na miasan oir anns an robh na seudan a thoirt don t-seomar anns an robh a nighean, a chum gum faiceadh i cho luachmhor agus cho maiseachs a bha iad.

Thug an righ na seirbhisichs na searbhantan don luchairt; agus an ceann beagan uine thugadh orra seasamh mu choinneamh uinneag an t-seomair anns an robh nighean an righ a chum gum faiceadh i iad troimhn uinneig, agus gun tuigeadh i nach robh e deanamh tuilleadhs achoir de mholadh orra.

Anns a cheart am rainig mathair Aladin dhachaidh, agus bhan sunnd agus an aoidh a bhoirre anochdadh gun robh naigheachd mhath aice. “A mhic,” arsise, “tha h-uile aobhar agad air a bhith toilichte. Rud ris nach robh duil sam bith agamsa, tha thu nis air tighinn a dhionnsuidh na h-inbhaird ris an robh thug amharc. Gun do chumail ann an iomacheist nas fhaide, than righ, le aonta nan comhairleach gu leir, ag aideachadh gu follaiseach gum bheil thu airidh air gun tugadh e dhut a nighean riposadh, agus tha efeitheamh gus an cuir e failte chridheil ort, agusna dheigh sin, nithear am posadh. Air an aobhar sin, feumaidh tu smaointean air ulluchadh a dheanamh gu comhdhail a chumail ris an righ, a chum gun gleidh thu am meas mor a thaig an righ ort. Agus an deigh nan nithean iongantach a chunnaic mi thudeanamh, tha micreidsinn nach bi rud sam bith a dhith ort. Ach chan fhaod mi dearmad a dheanamh air innseadh dhut, gum bi an righ agabhail fadachd gus an ruig thu; air an aobhar sin, bi falbh gun dail sam bith.”

Bha aoibhneas mor air Aladin an uair a chuale an naigheachd a thug a mhathair ga ionnsuidh, ach cha dubhairt e moran rimhathair mu dheidhinn ciod a bhana bheachd a dheanamh. Chaidh e da sheomar fhein, agus an uair a thug e suathadh air achruisgean, ghrad thainig am fathach mar bu ghnath leis.

Fhathaich,” arsAladin, “feumaidh mi mi-fhin fharagadh anns amhionaid; agus feumaidh tu deise fhaotainn dhomh cho maiseach agus cho riomhachs a bha aig righ riamh anns an t-saoghal.”

Cha bu luaithe labhair Aladin na briathran so na thug am fathach leis e; agus cha robh neach sam bith comasach air am faicinn. Thug am fathach e do thaigh-faragaidh cho briaghas a chunnaic duine riamh. Ged nach robh efaicinn neach sam bith, thugadh dheth a chuid aodaich, agus chaidh fharagadh ann an uisge blath, agus le uisgeachan as an robh faileadh cubhraidh. An deigh a h-uile faragadh a rinneadh air, bha a chraicionn cho mins cho glans cho geals a burrainn a bhith. Agus chuireadh deise uime a bha anabarrach uile fhein maiseach agus riomhach. An uair a bha ena lan eideadh, thug am fathach air ais e da sheomar fhein, agus thuirt e ris: “Am bheil àithne sam bith eile agad ri thoirt dhomh?”

Tha,” arsAladin; “bheir thu gun dail gam ionnsuidh each as fhearr agus as briagha na h-aon a thann an stabull an righ, agus biodh an diollaid, an t-srian, agus a chuid eile dhen acfhuinn cho luachmhors gur fhiach iad millein bonn oir. Feumaidh mi mar an ceudna fichead seirbhiseach air am bi eideadh cho riomhachs a bhair an fheadhainn a chaidh leis an tiodhlac thun an righ, a chum gum bi iad acoiseachd ri mo thaobh agusnam dheigh, agus fichead eile a bhios acoiseachd romham. A bharrachd air a so, bheir thu sia searbhantan thun mo mhathar gus a bhith frithealadh dhi, agus biodh iad ann an eideadh cho riomhach agus cho eireachdail ris na searbhantan a thafrithealadh do nighean an righ. Tha mi mar an ceudna ag iarraidh deich mile bonn oir ann an deich sporrain. Bi falbh, agus greas ort.”

Cha bu luaithe thug Aladin an t-ordugh so don fhathach na chaidh e as an t-sealladh. Ann an uine ghoirid thill e agus an t-each aige, agus an da fhichead seirbhiseach, agus sporran am fear anns an robh mile bonn oir aig deichnear dhiubh, agus na sia searbhantan, agus trusgan riomhach aig gach te dhiubh air son a mhathar.

Thug Aladin ceithir dhe na sporrain dha mhathair gus gach deisealachd a bhiodh a dhith oirre a cheannach; ach dhfhag e na sia eile aig na seirbhisich aig an robh iad, agus dhordaich e dhaibh lan an duirn dhen or a thilgeadh an sids an so mar a bhiodh iad ag imeachd air an aghart troimh na sraidean gus an ruigeadh iad luchairt an righ. Rinn na sia seirbhisich mar a dhordaicheadh dhaibh, agus iad ag imeachd air thoiseach air, triuir air a laimh dheis, agus triuir air a laimh chli.

Thug e na sia searbhantan dha mhathair, agus thuirt e riutha gun robh aca ri bhithfrithealadh dhi, agus gum bann air a son a bha na sia trusgain a bha iad agiulan air an cinn.

An uair a fhuair Aladin gach gnothach air doigh cho maths bu mhiann leis, thuirt e ris an fhathach gum faodadh e bhith falbh, agus gun chireadh e fios air an uair a bhiodh feum aigair; agus ann am priobadh na sul chaidh am fathach as an t-sealladh.

Cha robh ni acur curam air Aladin ach



[94]

[Vol . 11. No. 12. p. 6]

greasad air a dhol far an robh an righ mar a dhiarradh air. Chuir e fear dhen da fhichead seirbhiseach don luchairt a chum gum feoraicheadh e dhen ard-oifigeach cuin a dhfhaodadh e tighinn gus e fhein a shleuchdadh fa chomhair an righ. Rinn an seirbhiseach mar a dhaithneadh dha, agus thill e air ais gun dail le fios gun robh an righ agabhail fadachd gus an ruigeadh e.

(Ri leantuinn.)


Driod-fhortain Eobhain Spiocaich.

CHAn aithrisear an soainm noshloinneadh noàite-còmhnaidh; chan eilear toileach a mhasladh lechur am beul an t-saoghail. Bha e air a dheagh dhòigh, ach bha e nadhuine cho spiocachs a ghabhadh faotainn. Nuair thainig MAC-TALLAmach an toiseach, chuir e stigh air a shon, ach leig e le bliadhnan deigh bliadhna ruith seachad gun a phàidheadh, gus mu dheireadh am bfheudar am paipeir a stad air. Cha do chuir sin gluasad sam bith air cogais Eóbhain. Leig e leis an ainbheach seasamh naaghaidh, agus thòisich e ri gabhail aphaipeir an iasad o nàbaidhduine ciùin, còir, nach diùltadh comain a chur air neach sam bith, ’s nach do dhiùlt an t-iasad do Eóbhan ged bha chogais gadhìteadhs ged thug thug e bòid uair is uair nach toireadh e dha tuilleadh e.

Aon latha toiseach an fhoghair chuir Eóbhan brogach mic dha air falbh gu taigh a nàbaidh a dhiarraidh aphaipeir mar a bàbhaist. Bhan gille nachabhaigbu toigh leis fhein naSgeulachdan Arabianach” —agus ghabh e rathad goirid a bha dol troimh thom coille. Aig beul an tuim bhuail e thairis air nead choinnspeach. Thug na coinnspeich as a dheigh, ’s mun robh fhios aige thachair, bha e cho breac deargs ged bhiodh e air éirigh as aghriùraich. ChualEobhan, ’s esgioblachadh mu dhorus an t-sabhail, an gilleg eibheachs agearain, ’s shìn e mach a dhfheuchainn bha cearr air. Chaidh e leum feansa na buaile, ’s ghreimich miar na chuid aodaich, gasthròiceadh gu dona, agus mun dfhuair e cuibhteas an fheansa bhrist da chliath dhi fodha, ’s dhfhàg e chuid a bfhearr dhen triubhais, a chosd ceithir dolair. Nuair fhuair an crodh am bealach, thug iad a stigh dhan phàirc arbhair, agus dhith iad uiread dhen bhàrr ghorms gu robhm bàs air dhiùs an tòchd air a dha eile mun do thuit an oidhche. Thug Peigidh, bean Eóbhain, fa-near dhaibhsan arbhar, ’s chaidh i gan tilleadh. Eadar an teines an dorus bhuail isa chrannachan, gachur air a chliathaich ann am bascaid làn clòimhe anns an robh cóig piseagan. Chan eil fhios co-dhiù rinneadh am marbhadh nom bàthadh, ach cha drinn na piseagan bochda miag tuilleadh. Bham pàisde air fhàgail gun bhanaltrums thuit e as a chreathaill. An deigh bhi treis amàgaransan uachdar, dhiomain e e-fhein do cheann-shios an taighe, farn do mhill e brat-ùrlair ùr a bfhiach cóig dolair fhichead. Nuair a bha Peigidh a saodachadh a chruidh as an arbhar thuit i, ’s chaidh i á caol an dùirn, ’s chaill i miaran airgids fàinnòir a chuir Seumas a bràthair gah-ionnsuidh á Clondaic. Thòisich i an sin ri stuigeadh achoinsa chrodh, achs ann a thug esan as deigh nan cearc, ’s mharbh e da chearc-ghurs thug en stiùir as achoileach. Thug e roid eile as deigh nan laogh. Theich iadsan a stigh don chidsinn; dhòl iad na bhair fhàgail dhen uachdar, ’s chagainn iad a dha no tri de na leintean-geala bha Peigidh air ùr-iarnachadh. Agabhail cothrom air gach ùpraid a bhann, theich an aon nighean a bhair tighinn gu ìre leis an sgallaig, ’s ben ath sgeul a fhuaireadh orra gun robh iad pòsda, ged nach bfhiach esan bonn-a- sia.

Bu trom-inntinneach, éisleanach achuideachd a shuidh mu chlach-an-teintein an oidhche sin, ’s chaidh iomadh latha seachad mun robh iad ann an saod ceart a rithist. Chosd leigheas aodann abhrogaichs caol-dùirn Peigidh da thurus dhionnsuidh an dotairs da dholair dheug air-son cùngaidhean, agus bfheudar dhaibh searbhanta fhasdadh air ochd dolairsa mhios a dheanadh obair na h-ighinn a theich leis an sgallaig. Ach rinn na driod-fhortain anabarrach so a dhaobharaich a chuid spìocaireachd fhein drùghadh mor air Eóbhan, agas tha e air a dhòighean atharrachadh. Chualas eg radh o chionn ghoirid gu robh làn dhùil aige ainbheach MHIC-TALLA phàidheadh, ’s cur gaiarraidh dha fein a rithist aig toiseach na Bliadhnùire.


IAIN BAN AGUS BORD NA SGOIL.

LE AONGHAS MAC EANRUIG.

BHA Iain Bàn Choire-chaorain, na dhuine còir, socrach, ciallach, agus fo dheagh mheas anns an sgìreachd. Ged nach bu toil leis aideachadh, bha e fhichead bliadhna dhaois ma bha e lathaagus riamh cha do phòs e. Bha àite-suidhe aige ann am Bòrd na Sgoil bho chionn choig-bliadhn’ -deug; ach, a nis, bhacholtas air nach sealbhaicheadh e an t-urram sin mòran na bfhaide. Bha bòrd ùr gubhi air a thaghadh, agus bha fear no dha ag iarruidh astigh a bharrachd air an fheadhainn a bha anns an t-seann bhòrd. Chunnaic Iain gun robh e ann an geàrr chunnart, ’s gum feumadh e a bhoghas a bhalg a chur air, agus teannadh amach air feadh an t-sluaighg am brosnachadh gu cuideachadh leis.

Maduinn shoilleir, ghrianach, bial ri seachduinn roilathan taghaidh spàrr e an diollaid air an each dhonn agus thog e air. Cha robh duine sean no òg, mòr no beag, a bha pàigheadh cho àrd ri ceithir puinnd Shasunnach mhàil air nach do thaghail e. Bha inntinn glé aotrom a falbh bho dhorus gu dorus, agus bho bhaile gu baile. Bha e a faotainn tuillidh gheallaidhneans a bha fiughair aige, ’s bha e ann am fonn anabarrach. Mu dheireadh ruith e air a h-uile tigh a bhann ach a h-aon. Be sin tigh Seonaid nin Dòmhnuilltigh beag, bòidheach, stuadhach a bha fìor thaobh an rathaid.

Seonaid nin Dòmhnuill! Ged a bha a ghrian air dol fodha bho chionn fada, leig Iain leis an each dhonn falbh air a mhìn-shocair, ’us thòisich e air smaointeachadhs air meòrachadh. ’S math a bha cuimhne aige nuair a bha en aDhonnachadh òg,” ’s a bha e féins Seonaid gle eòlach air a chéile. ’S an àm ud bha eam beachd nach robh coimeas dhi air ùr uachdar an t-saoghail, ’us nach burrainn dhabhi beo a bheags am bith a dhuine ás a h-eugais. Agus gun teagamh bha isecheart cho fada air a shon-sans a bha esan air a son-se. Ach, mar as minic a thachair, bha connsachadh aca ma dhéighinn rud faoin air choir-eiginn, agus chaidh iad a mach air a chéile. Bha Iainna ghille àrdanach, neo-air-thaingeil anns an àm ud, agus cha ghéilleadh es an deò ann.

Cho fhads a bha na seann chuimhneachain so a ruith roi’ ’n inntinn aige ràinig e muchoinneamh an tighe. Leum e ás an diollaid, ’us cheangail e an t-each donn ri cachlaith e ghàraidh-chàil. Bhuail e an dorus agus chaidh fhàilteachadh a stigh do sheòmar snasail. Sheol Seònaid àite-suidhe dha, agus shuidh i fhéin air taobh eile a bhùird.

Bha làn fhios aig Iain gun robh e feumail Seonaid a chumail air a dòigh gu math, mas es gun robh fiughair aige cuideachadh fhaotainn bhuaipe air lathan taghaidh. Leis a sin, thòisich e air labhairt air gnothaichean anns an saoileadh e am biodh tlachd aice, agus uidh air n-uidh, chaidh an seanachas air ais chum nan seann làithean agus nan seann luchd-eòlais.

Am measg a h-uile rud a bhann, chaidh iomradh a thoirt air mac-bràthar-athair dhise a dhfhalbh a dhAustralia bho chionn mòran bhliadhnachan. Thuirt i nach bfhada bhon a fhuair i fios bhuaithe, agus a dhealbh. Dhéirich i do sheotal na ciste, ’us thug i mach pasgan math do dhealbhan. ’N uair a bha i a taghadh a cheart fhir a bhadhìth orra thuit fear eile air an làr. Chrom Iaing a thogail, agus a biongantaiche leis no a dhealbh fhéin fhaotainnn a làimhdealbh a chaidh a tharruing ann an cuideachd Seonaid bho chionn dlùth air fichead bliadhna. ’N uair a chunnaic ise a bhaige, thàinig rughadh na gruaidh agus thionndaidh i a cùl-thaobh car tiotain.

Chaidh na dealbhan a chur seachad agus shuidh i fhéins e fhéin mar a bha iad roimhe. Smaointich esan gun robh an t-àm aige fàth a thuruis a churan céill.

A Sheonaid,” thuirt e, “tha mi cinnteach gum bheil thutuigsinn a thugg a damharc mi anochd.”

Cha robh Seonaid buileach cinnteach, ach bha deagh amharus aice. Cha robh ise, am boireannach laghach, a gabhail mòran suim de Bhòrd na Sgoil no de bhòrd eile den t-seòrsa. Cha robh forbhaissam bith aice gun robh bòrd ùr rithaghadh, agus mar sin cha do bhuail e riamhna h-inntinn gur e bhòtaichean air an robh Iain Bàn asealg. ’S ann a shaoil leatha-se gurh-ann air gnothach eilebha egnothach tur eadar-dhealaichte bho bhùird no bho sgoiltean. Eadarainn fhéin, cha robh a chaochladh beachd aice ach gur h-ann a bha ean déigh tighinn, mudheireadh, gu rud-eiginn de mhuthachadh, agus gurh-ann ga h-iarruidh mar mnaoi a bha e.

Tha comhstath beag agam richur ma dchoinneamh,” arsIain, “agus tha min dòchas nach diùlt thu. Anns aghnothach so a thair thoiseach air daoine tha mig earbsa riut gun thug a mthréigsinn.”

Gun mig a dthréigsinn,” fhreagair Seonaid; “gun mig a dthréigsinn! Mata, ’s mi nach tréig. Cha ruigeadh tuleas sin iarraidh orm.”

Tha mi ro fhadan a dchomaine,” arsesan.

“ ’N a mchomaine,” arsise; “O, Iain, ’Iain, na bibruidhinns an dòigh sin.”

Co dhiubh,” thuirt esan, “chaneil fear ann as dìsle bhios na mise anns gach ni a dhfhaodas éiridhsuas no tighinn far comhair.”

Tha fhios agam gu math air sin,” fhreagair ise; “bha thu riamh addhuine cùramach, faicilleach. Be latha na dunach an latha chuir teangannan breugach luchd-tuaileas eadarainn.”

Ach, a Sheònaid, stad! Tha thu rithuigsinn gurh-ann a dhiarruidh— .”

Cha do leig Seonaid leis dol na bfhaide.

Tha mituigsinn gu math. Thàinig thug a miarruidh air làimh. Sin agad mo làmh agus mo chridhe leatha, thuirt i, ’s ig a tilgeadh fhéin beo, slàn air broilleach Iain. “O, Iain, a ghràidh,” ghlaoidh i, “cha deachaidh tu á mchridhe riamh, agus a nochd tha mi nas sona nan righ a thair achrùn.”

a burrainn Iain Bàn bochd a dheanadhNuair a sheall e ann an sùilean Seonaid, anns an robh gràdh agus caomhalachd adearrsadh, cha burrainn e inntinn no misneach fhaighinn guràdhuinn rithe gun robh i air a mealladh, ’us fada ann amearachd. Cha do chuir e riamh á barail i. ’An ceann beagan sheachdainnean, ’nuair a bha ùpraid Bòrd na Sgoil seachad, chaidh na gairmeannan a chuir a stigh,

“ ’S gun dail chaidh banaischur air bonn,
S bha fonn air sean is og.”



[95]

[Vol . 11. No. 12. p. 7]

APhiob-mhor.

Oran, le Niall Ros, a choisinn duais aig a Mhòd Ghaidhealach.

AIR FONN— “An Dubh-ghleannach.”

Buan gu robh conaltradh ciatach
Air acheol is uaisle diarras;
Brosnuchadh blasda nam briathran
Dùisgeadh fonn gu seinn mar dhiarrta
Siùnnsair nam pong fuaimneach, fialaidh,
Ceol nam beann nach caill a bhriaghad,
S iphiob-chogaidh a bhann,
Ho ro ghealladh na cochuireadh i,
Trom orraseinn!

Chluinnte cuis-aoibhneis nan àrmunn,
Morchuis nan ùrlaran stàtail,
Suaicheantas buaireasach Ghàidheal
Dol le faoilt gu raontan bàsmhor,
Fuaim nan sgiath is toirm na h-àr-fhaich,
S loinnir nan lann liomhta stàilinn.
S iphiob-chogaidh a bhann, &c .

Bannsa leam inntleachd is deasachadh
Ealdhain nam meur lùghmhor, spreigearra,
Laimhseachadh nan ùrlar leadarra,
Sa pronnadh nan siubhlaichean greasanta;
Baluinn surd a chrùnluaitheis eireachdail
Mar eunlaith nan crann le fonn a ceilearadh.

Inneal cheannsalach na morchuis
Sgeadaichte fo shioda srolach;
Greadhnachas nam bréid a seoladh
Torman dhos air ghleusadh ordail
Nuallan binn a seirm an comhail
Canntaireachd an t-siùnnsair cheolmhoir.

Bfhonnmhor beadradh binn do sheanchais
Anns na caisteil thriathach ainmeil,
Lùchairtean ri taobh na fairge,
Liath le aois nach caochail aimsir;
Failte nam ceann-feadhna foirmeil
Air gach mùr fo neoil an anamoich.

Rogha-ciùil nan cuiridh crodha,
Culaidh-ùigh nan aosmhor breoite;
Dhùisgeadh i le gean a solais
Subhachas an cliabh na h-oigridh:
Mosglair aignidhean an dolais,
Le caismeachd nan cumhachan bronach.

Cianail muladach an tùirse
Leis an tog do phoncan drùiteach,
Tuireadh broin le dream na h-iùnndrain
Airson bàs an cairdean mùirneach;
Caoidh nam marbh a dhùin an sùilean
Troms a chadal bhuan gun dùsgadh.

S minic a dhùraich t-ùrlar dochas
Dhiobarach ro-sgith air fogradh,
Fulang fuadain cuain, is doruinn
Choilltean fiadhaich cian gun solas
Eilthirich bho ghlinn an oige
Chuimhnicheadh air Tir nam mor-bheann.

S tric a chualas nuallan allamhor’,
Sgal nam buadh ri uair a gharbh-chath,
Uamhasach an gleachd nan armailt,
Diarras nan laoch lùthmhor, meanmnach:
Chluinnte do ghuth fuaimneach farbhais
Brosnuchadh gaisge na h-Albainn.

Ghluaiseadh t-aighear fhonnmhor, chaithreamach
Beothalachd nan dannsair ealanta,
Nuair a chruinnicheadh oigridh cheanalta,
Cuirm, is ceol, is comhradh carthannach;
Snuadh nam milidh, grinn mar leannain leo
Cosnadh cridhnan ribhinn meal-shuileach.

Buaidh air aluchd-ealadhain chùirteil,
Piobairean cinneadail, dùthchail,
Aig an cluinnear eagnuidh, mùirneach,
Eolas achiuil-mhoir gun mhùthadh,
Sealbh nam buadh, is dileab ùrail
Sinnsearachd nan triaths nam fiùran.


Posadh aig LArdoise.

ADHEAGH CHARAID, —Tha naigheachd agam dhut. Bha mi air banais on a sgriobh mi ugad roimhe, agus tha mi smaointean nach biodh e as an rathad cunntas aithghearr a chur gu MAC-TALLA mun ghnothuch. ’S ann air Dior-daoin, an seachdamh latha fichead dhen mhios a chaidh seachad a bham posadh air a dheanamh. Becharaid og, Uilleam A. Mac Leoid on Bhaghn Iar, (West Bay Points) ,agus Mairi A. Nic Leoid a mhuinntir an àite so. Chaidh an t-snaim a cheangal gu diongmhalta leis an Urr. Uilleam Grannd, aig seann dachaidh bean na bainnse. An deigh a phosaidh bha bord air a chur mu choinneamh nan aoidhean air a lionadh leis a h-uile ni a bfhearr na chéile, chum an duine on leith a stigh a thoileachadh. Air don chuirm a bhi seachad dhfhalbh a chàraid le deagh ghuidhe na bha lathair gu an dachaidhsa Bhaghn Iar. Lean beagan dhen dlùth chairdean iad agus bha oidhche chridheil air a chur seachad le ceol agus dannsa gu uairean beaga na madne. Tha sinn aguidhe saoghal fadan deagh bheatha don charaid og.

Tha sinn an dochas gun gluais gnothaichean dhen t-seorsa so muinntir eile gu deanadh mar an ceudna, agus nach bi na bainnsean cho ainneamhn ar measg a so suassa bha iad roimhe so. Tha e gle bhochd a bhi faicinn a bhi toirt air falbh na h-igheannan bho ar dorsan; ach dhfhaodadh gum bi na fleasgaich againne suas ri fleasgaich bhailtean eile, le mnathan a thoirt o na dorsan acasan. ’S fheudar sgur mas leig min cat as a phoca. Ma thachras ni sam bith cuiridh mi fios ugad.

Is mi do charaid,
COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.
LArdoise, Dec. 3, 1902.


Eilean I.

Rinneadh an t-oran so le Aonghas Mac-Eacharan, an Glascho. Choisinn e duais aig a Mhòdduais a thugadh seachad le Comunn de mhuinntir Mhuiles Eilean I.

Tha maigne trom gun sunnd
Bhon rinn min tir nan Dùbh-Ghall tàmh,
S mi fad on eilean ghuanach ud
Tha maiseach uaineghnàth;
Chan fhaic mighriann àm direadh dhi,
Le dubhradh stiopull àrd’,
S mo chlaistneachd air a bodhradh orm
Le glagraich ord is thàl.

Gum bfhearrbhin I nan gruagaichean
Lem maisthug buaidh air càch:
Gur cungaidh-euslaintfhuar-uisge
Le biolair uainem bàrr;
Le torman ciùin gun ghruaim orra
Thig tuinn achuain ga thràigh,
Is Muile frìdheach fuar-bheannach
Ri cur bhon fhuachd air sgàil.

Nuair nichuid bhlàithean ùrachadh
Fo anail chùbhraidh Mhàigh,
Bidh smeorachs ceol air thùs aice,
S an dubh-lon dùisgidh càch;
Bidh cuthag is gug-gùg aice
Air lics an Dùn gu h-àrd,
S gun gàrnaich im fear lunndach
Nach bi greim fochùlaig tràth.

Mun nochd aghriansan ùr-mhaduinn
A gnuis bho chul nam màm,
Gur moch a dhéireas riabhag ann
Cur air a chiad-ghath failt;
Bho chridhe taingeil brùchdaidh i
Gu binn don Chruithear dàn,
S bidh raon nam flùr len iobairt thùis
Ri nochdadh ùmhlachd Dha.

Gur maiseach, diasach, ditheineach
A dhailtean sith ri fàs,
S an neoinein bhan-bhuidhs liath-ghucag
Cur air gach lianaig blàth;
An seillein ruadh-bhreac dichiollach
Toirt cual ga chir bhom barr,
S e cuimhneach air àm ganntachd,
Oir than Geamhradh cranndaidhn dàn.

Gum faigh an t-ànrach acrach biadh ann,
S coigreach cianail baigh;
Tha suaimhneass sith ann don fhear sgith,
S an dilleachdan gheibh blaths;
Gur fàsach, flùrach, feurach e;
S aghrian dol siar ni dail
Mu Staoirneig fhraochach, liath-chreagach,
Mun ciar i anns an t-sàil’.

An am don fheasgar ciaradh air,
Nuair shileas liath-dhealt sèimh,
Gun cluinnear luinneag buachaille
Lechuileincuallach àil;
Bidh iorram aotrom aig na laoich
Cur sgoithean caolgu traigh,
Le ianlaithchuain mun timchioll,
S cuartag-shionnachain bhon cuid ramh.

Ma choimhlionar gu firinneach
Mar dhinnsear an roimh-radh
A dhaisigeadh ler sinnsear dhuinn
Mar dhileab troimh gach àl,
Theid guth nam Manach éisdeachd ann
Gum fograr geum nam ba.
S mun dean an saoghal criochnachadh
Bidh Eilean I mar bha.


Iadsan a Phaigh.

Iain Beutan, Mabou Coal Mines.
Donnachadh Moireasdan, New Harris.
Domhnull OHandley, Bridgeport .
Aonghas Mac Cuthais, Old Bridgeport.
Uilleam Fortune, Old Bridgeport.
Steaphain Graham, Campbell ’s P. O.
Iain M. Fearghasdan, Port Morien.
An t-Urr A Mac-a- Phearsain, Bay St Lawrence
Iain S. Gillios, Loch Ainslie.
E. D. Nic Amhlaidh, Abhainn Dhennis.
Domhnull Domhnullach, Big Harbor.
Mor Nic Cuthaig, St . Urban, Que.
Domhull Mac-Gillemhaoil, Priceville , Ont.
Dughall Mac Gilleain, Priceville , Ont.
Aonghas N. Moraidh, Graniteville , Vt.
A. Mac Coinnich, San Francisco, Cala.
Eachunn Mac Gilleain, Glascho, Alba.
Ruairidh Mac Cuain, Glascho, Alba.
I. G. Mac Aoidh, Lunnainn, Sasunn.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
OifisAn togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidhAirUnion St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C. B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gacn gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.



[96]

[Vol . 11. No. 12. p. 8]

Oran don Ghailig.

FONN.
gur toigh leam, gur toigh leam,
gur toigh leam fhin a Ghàilig:
S mor an toileachadh gu cinnteach
A bhi cluinntinn cainnt mo mhàthar.

Nuair thàinig MAC-TALLa mionnsuidh,
S e cho fonnar ann an Gàilig,
Thug e toileachadh do minntinn,
S O, gu cinnteach chuir mi fàiltair.

Chainntsan dfhuair mi toiseach meolais,
Agus treorachadh mo mhàthar,
S ged a tha mi nis air liathadh,
Cha do ghabh mi riamh dhith nàire.

Cainnt tha binn am beul gach coisir,
Gu seinn orain, shailm is dhànaibh;
Snuair a chluichear i le fidhleir,
Teichidh gach mi-ghean mar sgàile.

S lionmhor urramach is uasal
A thug buaidh an iomadh càs leath’,
Ged tha iomadh burraidh suarach
Deanamh luaidh oirre le tàire.

Cluinnidh tu iad sud ri stialladh,
Is ri riasladh, gun smid gràmar,
Cainnt eile, ged tha i ciatach,
Te nach cualiad riamh omàthair.

S ni tha duilich leam ri chunntas,
S a cur diumbadh air mo nàdar,
Gu bheil cuid an diugh a mdhùthaich
Leis nach diù mar chainnt a Ghàilig.

Tha e aimideach is neonach,
S cha bu choir e bhi ri ràdha,
Gum biodh clann nan Gaidheal coire
Len cuid prois a deanamh tàir oirr’.

Ma theid cuid diu null gan cosnadh
Measg nan Geancach beagan ràidhean,
Nuair a philleas iad don tir so
Chaill na mi-shealaich an Gàilig!

Chainnt a thasa bhitheas snasmhor
An tir ghasda nam ban àlainn:
Tir nam beann, nam gleanns nan gaisgeach,
Far an dfhuair mi tacan màrach.

Ach nach misan duine gorach,
A bhi comhradh mar a tha mi,
Mun a chainnt than diugh cho uasal
San la chualas i aig Adhamh.

Ged a shiubhladh neach na cuantan
Deas is tuath air feadh gach cearna,
Caitan cluinn e cainnt is uaisle
Na chluinnear aig sluagh Shaint Anns?

Tha i nise gacraobh-sgaoileadh
Feadh an t-saoghail anns gach àite:
Tha i pailt an Carolina,
S tha im bliadhnacan Chicago. *

Thig mi nise gu co-dhùnadh
Mun coisinn mi diùmbadh pàirt dhibh;
Ach thaGhàilig leamsa cùbhraidh
Chuir mi ùigh innte nam phàisde.

Mile beannachd gu MAC-TALLA!
Gu ma fada fallain, slàn e:
Gun robh bhliadhnaichean air thalamh
Mar a ghaineamh nach gabh àireamh.

Fhuair mi an t-oran gasda so bho mo charaidGille-coma-leat-dhetho cheann ghoirid, agus ged a beolach air mi o cheann iomadh bliadhna cha robh fios agam gus a so gun robh grìd na bàrdachd ann. Tha e diumbach den mhuinntir a tha deanamh tàir air a Ghàilig, agus tha e an so a toirt ruith den teangaidh dhaibh; ’s mo thogair aca. Chaneil anntach na blaomasdairean. “ ’S trom an eire an t-aineolas.” Tham bàrdna dhuine dàimheil, cinneadail, càirdeil, ach nochdaidh na rannan a leanas, nan gabhadh ena cheann e, gum bheil e làn chomasach air iad fhein innse don t-seorsa ud. Agus ged is ann eadar feala-dhas a rireadh a than t-ùghdar, chaneil drannadh ann ach an tul-fhirinn. Tha mi cur an orain a dionnsuidh. Tha fios agam gun toir thu àite dha anns aMHAC-TALLA.

CAS-AN-T- SIUBHAIL.

*Aig Feill an t-saoghailsa bhliadhna 1895.


Rann

Leis an do cho-dhùin am Bàrd Mac-Gilleain an litir mu dheireadh a sgriobh e gu Domhnall a bhrathair.

An nis tha toiseach toiseachaidh,
Tha maduinn reota gheamhraidh ann,
Tha beagan sneachd air lar againn,
S cha dig am blaths gu bealltainn oirnn.
Bidh moguisean is meatagan
Mar chleachdadh an déidh shamhnagainn,
S gach neach is neul an fhuachd orra
S air chrith cho luaths gun dannsadh iad.


Diomoladh na Piob’ -Thombaca.

LE ALASDAIR DOMHNULLACH.

AIR FONN
Hithill iuthill ho hill o,
An Dotair Leodachs biodag air.

Hithill iuthill ho hill o,
Chaneil foghnadh idir dhuit,
S truagh nach robh thu le dphiob cham
Greis thall ann am Virginia.

Gheibheadh tu sgaptair na blàir
S na h-àiteachan sin iomfhuasgladh,
Far am bheil tombacafàs
Mar chàl acair na h-imirean.

Ach, ’Ghilleasbuig oig, a rùin,
S ann tha smùid dhe dshimilear,
S cha tig diocladh air an tràths
Is crùn agad ri iomlaid.

Cha bhi gean orts ig ad dhith,
S mi-thlachdmhor e gur frithear thu,
Mar bhodachan achinn léithe
S gun deud aige len itheadh e.

Cha robh thu ach balach og
Nuair thoisich thu ri dinneadh innt’;
N diugh ged bhiodh Mac Criomain beo
S e ceo nacheol bu ghrinne leat.

Tha Aindrea, do bhràthair og,
Ro-ghorach mu na cruinneagan;
Chan iarr thusa bean ri dbheo,
No pog ach ceo na duilleige.

Nan creideadh tu naigheachd fhior
Ma réir, is olc an luibh dhut i,
Dhfhàg i daghaidh tana, geur,
Is tfhiaclan mar am buidheagan.

S mor gum bfhearr dhut bainne blàth,
Fion, no càl a shluigeadh tu,
Dheanadh barrachd feum dha tfheoil
Na dheanadh ceo is smugaidean.


FHREAGAIR GILLEASBUIG, GAMOLADH.

Tha mid chomain, a dhuinoig,
A dhordaich miVirginia!
Tha tombac agam gu leoir,
Sn am phocaid orna ghinidhean.

S i mo leannan-saphiob chrom
Nach iarr ma com na ribeanan;
Tha i torach gun bhi trom,
Mo nighean donn gu sgiobalta.

Gur a ciatach, caoimhneil, blàth,
Fialaidh, pàirteach, milis i;
Bidh i comhla riums gach àit’,
Is mfhàillinnean chan innis i.

Nam biodh tusa, ’s do shron fuar,
Air achuan ag iomaramh,
Cha bhiodh tu idir cho luath
Le ddhuanagan gadhiomoladh.

Nam biodh tu caithris na h-oidhch’,
Gun choinnlean no gun teinagad,
Theireadh tu mar thuirt min raoir,
S ann oirrtha loinnsan t-eireachdas.

Faodaidh Aindrea posadh tràth
Mairi bhàn no Iseabal;
Ni aphiob mo chumail-sblàth,
S cha chluinn mi ràn nan iseanan.

Theirig thusa don tigh-osd’,
S dean do leoir a shlugadh ann,
Cuiridh mise suas mo cheo,
Cos fhaide beoan tuig thu mi?

S iomadh feumtha air aphiob,
Ach chan innsmi uile iad;
Cuimhnichidh mi air an uaigh,
Nuair chi mi luath na duilleige.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 12
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla XI No. 12. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page