[Vol . 11. No. 13. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DECEMBER 26, 1902. No. 13.
NOLLAIG CHRIDHEIL.
BIDH an Nollaig seachad mu ’n ruig an àireamh so na leughadairean, ach ged nach faic iadsan e, bidh dùrachd MHIC-TALLA air a chur an clò mu ’n tig an Nollaig, agus ma ni dùrachd math no deagh ghuidhe feum, bidh am feum deante an deagh àm do ar càirdean ’s do na Gàidheil uile. Tha sinn an dòchas gu ’m faigh an Nollaig na Gàidheil anns gach cearna dhe ’n t-saoghal ’s am bheil iad, a’ mealtuinn an slàinte, a’ faotainn air adhart gu soirbheachail, ’s ann an sìth ’s an càirdeas na ’m measg féin ’s ri muinntir eile.
Tha an aimsir so air a cumail mar chuimhneachain air an oidhche shona sin ’san deachaidh deagh sgeul a mhor-aoibhneis aithris air tùs le teachdairean nèamhaidh, gun d’ rugadh Slànuighear ann am baile Dhaibhidh. An cois an sgéil sin bha sìth air thalamh agus deagh-ghean do dhaoine air an gairm, agus ré nan naodh ceud deug bliadhna a ruith thairis o’n oidhche sin, tha rioghachd na sìthe ’s an deagh-ghean a’ fàs ’s a’ meudachadh. Agus is mithich dhuinne, ’tha ’n seilbh air gach sochair agus solus a dh’ ullaicheadh air ar son le dichioll is gliocas nan linn sin, an aimsir so a chur seachad air dhòigh a bhios cuideachail do fhàs ’s do mheudachadh gach ni a tha ceart agus deagh-bheusach. Agus ’s ann a réir ’s mar a ni sinn sin a bhios ar Nollaig “math” agus “cridheil” anns an t-seadh a’s fìrinniche ’s a’s fhearr.
Tha moran de sheana chleachdaidhean nan Gàidheal air an cur air chùl—cuid is math leinn a bhi air chùl, agus cuid a tha sinn ag ionndrainn. Ach ged nach faicear an diugh gillean òga ’dol air Challuinn, ged nach cluinnear ach ainmig iomradh air cluichean Gàidhealach, ged tha ’m breacan ’s am féile-beag air dol á fasan, is Gàidheal an Gàidheal fhathast. Cha deanar Gàidheal le boineid iteagach no le brògan bucallach; ’s e tha deanamh an fhior Ghàidheil an cridhe blàth ’s an inntinn threun a tha ga ’ghluasad gu bhi leantuinn gu dlùth ri cliù a shinnsre, ’s gu bhi dìleas mar bha iadsan. Cha tearc an àireamh, ged a tha iad sgapte: ach anns gach àite ’m bheil iad is tric a chluinnear iad mu ’n àm so a’ fàilteachadh a chéile anns na ceart bhriathran ’sam bheil MAC-TALLA an so ga m’ fàilteachadh uile:— “NOLLAIG MHATH CHRIDHEIL DHUIBH!”
Far am bi Toil bidh Gniomh.
THA Alasdair Domhnullach, Gàidheal earrasach a th’ ann an Clifton, Ohio, a’ cur roimhe gu ’n ceannaich e Abbotsford, an oighreachd a dh’ fhàg Sir Bhaltair Scott, air-son a toirt mar shaor ghibht do shluagh na h-Alba. Tha an tigh anns a cheart shuidheachadh ’san d’ fhàg Sir Bhaltair e—tha eadhon na leabhraichean ’s na dealbhan mar bha iad an là a chaochail e. Chosd an tigh ’s an àirneis air tùs cóig ceud mìle dolair. Tha an Domhnullach ri ’mholadh air-son na tha na ’bheachd a dheanamh.
Bu mhath an gnothuch do Ghàidheal air choireigin urram a chur, air aon dòigh no dòigh eile, air na bàird Ghàidhealach. Tha an àireamh a’s motha dhiu gun uiread ’s an uaighean a bhi air an comharrachadh le leac-an-cuimhne ’tha co-fhreagairt ris an àite choisinn iad dhaibh féin ann an litreachas an dùthcha. Agus ni a’s tur-mhiosa, cha deacha bàrdachd aoin dhiubh ach bàrdachd Rob Dhuinn a mhàin a chur an clò ann an uidheam a tha idir creideasach. Ann an leabhraichean òran nam bàrd a’s fhearr, tha na facail air an droch litreachadh, na sreathan air an droch phongadh, agus obair a chlòthadair gun bhi idir saor o mhearachd. Dheanadh beagan mhìltean dholair sothair nam bàrd Gàidhealach gu h-iomlan a chur a mach, air an deagh dheasachadh, ’s ann an uidheam nach biodh air deireadh air na leabhraichean a’s fhearr. Agus tha na ficheadan de Ghàidheil ann a tha làn chomasach air na dheanadh sin a sheachnadh—tha sinn a’ creidsinn gu bheil àireamh nach beag dhiu na ’n luchd-leughaidh aig MAC-TALLA. Bu toigh leinn a chluinntinn gu bheil fear no fear-eigin a’ cur roimhe an gnothuch ionmholta sin a dheanamh. Far am bi toil bidh gniomh.
Tuaireap Bhenesuela.
CHUALA sinn sgeul air Bheuesuela roimhe, agus cha b’ iongantach leinn, ma bhios sinn beò, ged chluinneamaid sgeula oirre fhathast. B’ i ’n dùthaich bheag leibideach so a theab Breatunn agus na Stàidean a chur a mach air a chéile o chionn chóig bliadhna, agus tha e cinnteach gu leòr gur e ’n dòigh anns ’n do ghabh na Stàidean a pàirt an uair sin a’s coireach i bhi cho fior ladarna aig an àm so. Chunnaic na Bhenesuelich cho èasgaidh ’s a bha na Stàidean gu ’taobh a ghabhail an aghaidh Bhreatuinn, agus smaoinich iad, o’n bha na Stàidean mar sin ga ’n gabhail fo ’sgéith, nach bu chùram dhaibh, ’s gu ’m faodadh iad gach tàire ’s dùbhlan a thogradh iad a thoirt do aon sam bith de rioghachdan na Roinn-Eòrpa.
Bha o chionn àireamh bhliadhnachan moran ainbheich aig Breatunn ’s aig a’ Ghearmailt air Bhenesuela, agus nuair shaoil iad gu robh àm pàidhidh air tighinn, dh’ fheuch iad ri pàidheadh fhaotainn. Ach cha robh sin furasda: dhiùlt Bhenesuela as is as a h-ainbheach ìocadh, agus nuair chaidh impidh a chur oirre, ’s ann chaidh gach Breatunnach is Gearmailteach a bha ’san dùthaich a ghlacadh ’s a thilgeadh am prìosan, agus gach ni a bhuineadh dhaibh a ghabhail an seilbh leis an stàid. An sin ghlac Breatunn ’s a’ Ghearmailt na bha de chabhlach-chogaidh aig Bhenesuela, agus beagan làithean an déigh sin ghlac iad a bailtean-puirt. Tha ’chùis a’ seasamh mar sin aig an àm so. Tha an da dhùthaich Eòrpach air-son seilbh a chumail air a taighean-cusbuinn gus am pàidh an teachd-a- steach an ainbheach. Tha na Bhenesuelich a nise deònach gu ’m biodh a chùis air a cur fa chomhair cùirt-réiteachaidh o’n tha iad a’ faicinn gu bheil na h-Eòrpaich a cheart da-rìreadh, agus nach eil e coltach gu ’n dean na Stàidean cur na ’n aghaidh.
Bidh so na dheagh leasan do Bhenesuela—leasan air an robh i gle fheumach. Tha an sluagh, mar shluagh, anabarrach mor asda fein, an dùil gu bheil an duthaich an sealladh an t-saoghail co-ionann ri aon sam bith de na rioghachdan mora. Agus am fear a tha aca ’riaghladh thairis orra, Castro, cha ’n eil fear-riaghlaidh eile ann a’s fearr barail air fein; anns a bhuaidh sin tha e toirt bàrr eadhon air Impire na Gearmailt. Faodaidh e bhith gu ’n toir an t-achmhasan geur so air an riaghlair ’s air an t-sluaigh iad-fein fhaicinn mar thatar ga ’m faicinn le muinntir eile, agus mar an ceudna, gu ’n toir e orra thuigsinn nach ruig iad a leas am muinghinn a chur gu h-iomlan anns na Stàidean—gu ’m feum iad, mar dhùthaich, an sìth ’s an tearuinteachd a chosnadh le bhi modhail, ceart na ’n déiligeadh ri dùthchannan eile, ’s le bhi ’g ìocadh do luchd-nam-fiach mar is dligheach dhaibh a dheanamh. Cha ’n fhaigh dùthaich, ni ’s mò na gheibh duine, cliù no àrd-ainm, gun bhi ga ’chosnadh le deagh ghiùlan.
Baile ’n Deagh Riaghlaidh.
GUN teagamh sam bith cha ’n eil baile ’san Impireachd Bhreatunnaich a’s fhearr a tha air a riaghladh na baile-mor Ghlascho. Tha nise deich bliadhna fichead o ’n thòisich muinntir Ghlascho ri ath-leasachadh an riaghlaidh, agus anns an ùine sin ghabh iad iomadh ceum air adhart nach deach a ghabhail le muinntir baile riamh roimhe. Bha na taighean dorcha, salach, anns an robh moran easlaint is bochdainn a’ faotainn àite-tàimh, air an sguabadh air falbh, ’s aitreabhan matha comhartail air an cur na ’n àite. Chaidh obair-uisge fhosgladh nach eil ni ’s fearr ann, agus rathad charbad-sràide air am bheil am faradh gle iosal, agus a tha ’n deigh sin a’ cosnadh cóig ceud mile dolair do ’n bhaile na h-uile bliadhna. Buinidh an obair-sholuis agus an telefón do ’n bhaile cuideachd, agus tha pàircean, gàraidhean, raointean-cluich, leabhragain agus iomadh ni eile, ’san t-seilbh cheudna. Agus cha ’n eil am baile idir a’ tàmh le sin. Cha ’n eil ach beagan is da mhios air dol seachad o’n dh’ aontaich an riaghladh dlùth air ceithir muillion dolair a ghabhail an iasad air-son taighean ùra ’thogail do na bochdan. Tha am baile ’deanamh so uile, agus a’ deanamh probhaid air, ’s tha ’n sluagh a’ faotainn feum nan goireasan air prìsean reusanta. Tha Glascho mar sin na ’dheagh eisimpleir do bhailtean eile, beag is mor, anns gach cearna dhe ’n t-saoghal. An ni a tha comasach do Ghlascho tha e comasach do iomadh bail’ eile. B’ fhearr do ’n t-sluagh na goireasan air am bheil iad gu coitcheann a’
[Vol . 11. No. 13. p. 2]
cur feum a chumail na ’n lamhan fein, na ’n toirt seachad, air beagan no air neoni, do chuideachdan saibhir a dh’ fhàsas reamhar air an cosd.
An Ath Aireamh.
ANNS an ath àireamh bidh sgeul àbhachdach againn o pheann Sheumais N. Mhic-Fhionghain, air am bheil ar leughadairean a cheana eòlach. Bidh dùil againn mar an ceudna ri sgriobhaidhean o phinn muinntir eile. Anns an àireamh so fein gheibhear mìr de dh’ eachdraidh Gàidhealtachd na h-Alba air a sgrìobhadh gu taitneach le “Iain” —rogha ’s tagha nam fear-sgeòil. Agus tha làn dhòchas againn gu ’m bi sinn a’ cluinntinn uaithe gu math tric ré a gheamhraidh.
Cor nan Leoghasach.
THA so ’na sgeul ainmeil an diugh feadh na Gàidhealtachd agus ann an crìochan eile. A réir cunntais tha na Leòghaisich na ’s lionmhoire na bu chòir dhaibh a bhi. Tha iad a’ giùlan a mach na h-àithne ud a thugadh do ar ceud sìnnsear air dòighean ro éifeachdach, agus mar thoradh dh’ fhàs an sluagh mòr an àireamh. Anns an eilean so gheibhear daoine làidir foghainteach, cneasda an gnè, cuimir am pearsa, agus fallain an inntinn. Gu dé a nis a tha cearr? Tha gaoir a’ tighinn o na daoine còir so; agus gu dé air am bheil iad a’ gearan? Tha mòran diubh gun fhearann. A nis tha so car iongantach, ’nuair a tha e cho soilleir do mhòran gu ’m bheil cearnan farsuinn de ’n Ghàidhealtachd anns nach fhaic thu duine o oisein gu oisein. Tha mòran de na Leòghaisich bhochda gun fhearann agus gun airgiod; agus ’nuair a dh’ éisdeas an t-Ard-riaghladh r’ an glaodh a réir coslais cha ’n fhaighear mar thoradh ach iomradh is facail anns nach ’eil brìgh, comhfhurtachd no gealladh. Tha airgiod na rìgheachd a’ dol a mach air iomadh dòigh, ach cha ’n ’eil mòran deth a’ dol rathad an duine bhochd. Tha cuid de na Leòghaisich a’ faotainn airgiod rìgheachd co-cheangailte ri saighdeireachd; ach bhiodh e na b’ fhearr dhaibh a bhi ’ga fhaotainn co-cheangailte ris an fhearann a chuideachadh am beòshlaint. —Oban Times.
Naidheachdan.
GORT ANN AM MARTINIQUE—Tha ’n sluagh a dh’ fhàg spraidheadh Mont Pelee beò air Martinique, a nis a’ fulang le gorta. Cha ’n eil ni aca air an urrainn dhaibh a bhi beò idir. Tha riaghladh na Frainge, an dùthaich d’ am buin an t-eilein, a’ cur mu dheidhinn da mhuillion dolair a chur air leth air-son cuideachadh leotha, ach thatar ag radh nach foghainn sin. Nuair theid an naidheachd a sgaoileadh, cha’n eil teagamh nach tionailear airgiod gu leòr air an son, ach faodaidh e bhith gu ’n teid moran dhiu bàs mu ’n ruig a’ cheud chuideachadh iad.
AN TRIOBLAIDEAN FEIN—Tha trioblaidean fein aig tuathanaich Mhanitoba ’s an Iar Thuath. Bha am bàrr anabarrach trom air an fhoghar s’a chaidh, ach ged fhuaireadh a chur fo dhion ’s a bhualadh gun dochann sam bith eirigh dha, tha fairtleachadh orra chur gu margadh. Cha’n eil an rathad-iaruinn (an C. P. R.) idir comasach air an siol a ghiùlan air falbh, agus tha na muillionan buiseal a feitheamh taobh an rathaid gus an tig càraichean. Tha moran dhe ’n t-siol sin gun bhi fo dhion, agus faodaidh e dhol a dholaidh mu’n toirear air falbh e. Cha dean an aon rathad-iaruinn an gnothuch do ’n Iar-Thuath. Tha cuideachd no dha a’ cur mu dheidhinn rathaidean ùra fhosgladh a bhios a’ ruith bho ’n Chuan Chiùin gus an Cuan Atlantach. Nuair bhios tri rathaidean a ruith troimh ’n dùthaich, bidh cothrom ni’s fhearr aig na tuathanaich air an cuid gràin a chur gu margadh an ealamhachd na h-uile deireadh foghair, agus bidh sin na ’bhuanachd mhor dhaibh.
CORP AIR FHAOTAINN—Maduinn Di-luain s’a chaidh fhuaireadh anns a choille faisg air Glace Bay corp Thormaid Mhic Leoid, a dh’ fhàg a dhachaidh air an 26mh la de Nobhember. Bhatar an dùil gu’n deachaidh a bhàthadh, agus bhatar ga ’shireadh ùine mhor, ach gu ruige ’n la ud cha d’ fhuaireadh sgeul air. Bha a chorp air fhaotainn le dithis ghillean a bha gabhail troimh ’n choille. Bha e na shuidhe ri taobh sruthainn. Tha e coltach gu ’m b’ e dhol air chall a rinn e ’s gu ’n d’ fhuair e bàs leis an fhuachd.
BATHADH MULADACH—Thachair sgiorradh muladach ann am Benacadie seachduin gus an dé. Bha bean Steaphain R. Mhic Neill agus a dithis mhac, gillean òga, aon fhearr ochd ’s am fear eile aona bliadhn deug a dh’ aois, air am bàthadh. Chaidh na gillean a chluich air loch a tha astar beag o ’n tigh, agus bhrist an deigh fòpa. Chunnaic am màthair iad ’s chaidh i dh’ fheuchainn ri ’n tearnadh, ach dìreach mu’n d’ rainig i iad bhrist an deigh fòipe fhein, agus bha ’n triùir air am bàthadh mu ’m b’ urrainn muinntir eile an ruigheachd. Fhuaireadh na cuirp beagan an deigh an sgiorraidh, agus greim teann aig a mhàthair air a dithis mhac. Chaidh an tiodhlacadh Di-sathuirne anns an aon uaigh an cladh Eilein Christmas. Bha sluagh mor air an tòrradh, an tòrradh bu mhuladaiche chunnacas riamh anns en sgìreachd.
AN TRIOBLAID AM MOROCCO—Tha an trioblaid a bh’ ann am Morocco a nis beul ri bhith thairis. Tha an dùthaich so air a h-àiteachadh le Mahomedanaich, aig am bheil Sultan os an ceann mar a th’ aig na Turcaich. O chionn beagan ùine air ais, chaidh Ministeir òg Sasunnach, Mr. Cooper, a mhort aig àite ris an canar Fez, agus bha chùis coltach nach sguireadh an trioblaid le sin, oir mur deante am murtair a pheanasachadh, dh’ fheumadh Breatunn a dhol a thoirt a mach tòrachd. Ach air òrdugh an t-Sultain, chaidh am murtair a ghlacadh ’s an deigh a mheàrsadh troimh ’n bhaile, chuireadh gu bas e. Chuir an Sultan mar an ceudna litir gu bantrach Chooper ag aithris a dhuilichinn, agus an cois na litreach bha gibht mile punnd Sasunnach. Tha Mrs Cooper ’s a dithis phàisdean a’ tilleadh do Shasuinn, agus bidh iad air an deagh gheard gus am fàg iad criochan Mhorocco.
TIR NAN IOMADH SLUAGH—Cha ’n eil dùthaich ’san Roinn-Eòrpa nach eil àireamh bheag de a sluagh an taobh a stigh de chriochan Mhanitoba ’s an Iar Thuath. Tha Canada ri gabhail air a fad ’s air a leud gu bhi na tir iomadh-shluaghach. Sasunnaich, Goill is Gàidheil Albannach, Eirionnaich, Frangaich, Gearmailtich, Dùitsich, Ruiseanaich, Suainich, Galicianich, Doukhoborich, Spàintich, Greugaich is Eadailtich: tha iad so uile ri ’m faotainn innte. Agus an ceann ceud no dha bliadhna, an deigh dhaibh so uile measgachadh le bhi pòsadh ’s a’ gabhail am pòsadh o chàch a chéile, bidh cothlamadh sluaigh anns an dùthaich so nach fhacas a leithid air an t-saoghal riamh roimhe. Ach cha’n eil sin ag radh nach bi an cothlamadh a bhios ann fior mhath, agus nach bi iadsan d’ an goirear Canadaich ’san dara linn fichead na ’n sluagh cho treun, cho beusach, ’s cho cliùiteach ’s a bhios air uachdar an t-saoghail.
BLAR CHAIRINNIS.
ANNS a’ bhliadhna 1601 thug Clann Domhnuill Uibhist, agus Clann ’ic Leoid na h-Earadh, là fuilteach aig feithe na fala ann an Càirinnis, an Uibhist mu Thuath. Anns an àm, mar a tha eachdraidh ag innseadh dhuinn, cha robh na fineachan Gàidhealach a’ toirt mor urram do lagh na rìoghachd ach ’s ann a bha na h-uile ceann-feadhna a’ gabhail an lagha ’na laimh fhein agus a’ dol a mach air cheann a dhaoine gu aicheamhal a thoirt dheth ’naimhdibh. Tha e coltach gur e spùilleadh ’us togail creiche an doigh chumanta ’bh’ aca air a bhi deanamh dioghaltais air cach a chéile. A h-uile fear nach b’ urrainn e fhein a dhion cha robh aig’ ach a bhi cho umhail ’s a bhiodh an luch fo spògan a’ chait; oir, mar tha ’n Seanfhacal ag ràdh,— “Bhiodh am fear bu treise ’n uachdar ’s am fear bu luaith’ air an toiseach,” “Bhiodh a’ chuid bu mhiosa aig a’ bhus bu taise.” Air son aobhair gle neonach dh’ éireadh fine an aghaidh fine. Agus is tric a bha na càirdean air an dà thaobh a’ cogadh gu cruaidh an aghaidh a cheile.
’S ann eadar Domhnullaich Shléibhte agus Leodaich Dhun-bheagain a thòisich an aimhreit a bha na mathair-aobhair air Blàr Chàirinis. Tha e air aithris gur ann mar so a thòisich an aimhreit: —Phòs Domhnull Gorm Shléibhte nighean ’Ic Leoid Dhunbheagain agus ciod air bith a bh’ aige na h-aghaidh tha e coltach nach robh e fhein ’s i fhein gle réidh, agus ’s e thainig as a’ chùis gu ’n d’ thug e litir-dhealachaidh dhi ’s gu ’n chart e dhachaidh a thigh a h-athair i. Thug so tàmailt mhòr do Shir Ruairidh Mac Leoid agus dh’ a chàirdibh gu léir, ach ’s e dhoranaich buileach iad an dòigh anns an deach’ a cur dhachaidh. Bha i fhein air leth shùil, no, càm mar a theirear, agus gus a’ chùis a dheanamh cho tàmailteach ’s a ghabhadh deanamh fhuair Domhnull Gorm seann each bàn, cam, gille cam, agus cù cam, ’s chuir e ’n gille ’s an cù ’san t-each a dh-aon sgrìob a Dhunbheagain leatha. Bha ’Bhaintighearna chàm air muin an eich chàim, gille cam a’ falbh na ’cheann, ’s cù càm a’ falbh na’n déigh! An uair a ràinig a’ chuideachd neonach so Dunbheagain ’s a chaidh am beag sgeul thun a’ mhoir sgeil cha robh Leodach ri tràigh ’s an Eilean Sgiathanach no ’s na h-Earadh nach robh ann an rùn nan tuadh do Dhomhnull Gorm ’s d’ a chàirdibh ’s gach àite. Tha aobhar a bhi ’creidsinn gu ’n do dhìoghail iomadh neach fad iomadh bliadhna air a’ ghnìomh mhaslach a bha ’n so ged nach ’eil cunntas againn mu dhéidhinn.
B’ e Domhnull Glas Mac Leoid ceann-feadhna nan Leodach ’s na h-Earadh. Bha e aon uair na ’dhuine ro threun, ach aig an àm so bha e air fas tròm, agus cha b’ urrainn da dol a mach air cheann a chuid gaisgeach treun’ a thogail creiche no ’thoirt blàir. Ach bha mhac ’na dhuin’ òg, tapaidh, gaisgeil, ann an treun a neirt agus déidheil air glòir ’us urram fhaotainn dha fhéin ’s dha chinneadh. Chuala e mu ’n tàmailt a thugadh d’ a chàirdibh an Dunbheagain ’s cha ’n fhac e dad a b’ iomchuidhe na falbh a dh’Uibhist-mu-thuath air cheann da fhichead fear treun a thogail creiche chum aicheamhal a thoirt, air aon doigh no dòigh eile, dheth na Domhnullaich. “Mur pàidh thu fhein e pàidhidh do mhàileid e.” Thog na fir orra ’s dh’ fhalbh iad, cuid ’s a’ bhìrlinn aig mac Dhomhnuill Ghlais ’s cuid eile ann am bàtaichean aisig. ’N uair a ràinig iad Uibhist dh’ acraich iad na bàtaichean an Loch nan Ceall, aig bun na faoghlach a tuath. Ghabh iad air aghaidh ’s thog iad a’ chreach, gu furasda ’n Càirinnis, agus o nach robh uine gu leor aca gu dol thun nam bàtaichean leis a’ chrodh ’s e rud a rinn iad chruinnich iad iad do theampull na Trionaid gus am biodh iad a’ falbh an la’r- na-mhàireach. Ghabh iad fhéin seilbh air tigh-a- chnuic o’n bha e ’n aite àrd, fradharcach, am braighe bhaile. Bha iad a’ cur seachad na h-ùine leis gach feala-dhà ’s toileachas inntinn a b’ urrainn daibh, a’ lan chreidsinn gu soirbhicheadh gach cùis leo mar bu mhiann leo. Ach cha robh e ’n dàn gu faigheadh iad am miann ’s a’ chùis so, oir mu ’n deach’ a’ ghrian fodha air an ath là bha “caochladh cuir air clò Challuim.”
Bha duine treun ann an Uibhist-mu-dheas ris an cainte gu cumanta Domhnull mac Iain ’ic Sheumais. Bha ’n duine so ainmeil r’a linn airson a mhòr ghràidh a dh-fhìrinn, a dh-onair, ’s a cheartas. Ma ’s fhìor an sgeul, tha e air aithris gu robh e ’n còmhnuidh a stri ri bhi ’cur as do ’n chreachadh, do ’n spùilleadh ’s do ’n lamhachas-làidir a bha ’na chleachdadh cho cumanta ’s an àm. Nuair a thàinig na Leodaich air tìr an Uibhist mu thuath thuig muinntir an àite gu
[Vol . 11. No. 13. p. 3]
maith ’d e bha fa-near dhaibh, ’us ’s e bh’ ann chuir iad fios cabhagach gu mac Iain ’ic Sheumais mar a bha chùis air thuar a bhi. Bha esan mar a bha e riamh cho ealamh ris an fhacal, ’s air falbh a bha e le dà fhear dheug de na ceatharnaich bu chalma ’s bu cholgarra a bha r’ am faotainn an Uibhist mu dheas. Air tràigh oidhche chaidh iad thar faoghail nan làrnan ’s thar faoghail ’ic-an-Aoidheir, ’s beagan roimh bheul an latha ràinig iad Càirinnis. An uair a ghabh iad beachd air cur a’ bhaile ’s a thuig iad gu robh na creachadairean fhathast gun fhalbh dh’ fhalaich iad iad fhéin ann am feithe ’m braighe bhaile. ’N uair a thòisich an là air soileireachadh mhothaich iad gu robh barrachd cuideachd aig tigh-a’ -chnuic ’s bu chòir a bhi ann ’s thuig iad cò bh’ aca. Thilg mac Iain ’ic Sheumais saighead ’s leon e fear dhiubh. Leis an ath shaigheid leag a fear eile. Ghabh iad an t-eagal ’s thubhairt fear dhiubh, “Tha mi gu mòr air mo mhealladh mur ann o laimh Dhomhnuill ’ic Iain ’ic Sheumais a thàinig na saighdean, ’s ma’s ann tha eagal mòr orm gu ’m bi là dubh againn dheth.” Cha robh iad fhathast cinnteach cò ’n àird as an robh na saighdean a’ tighinn, ach ’s e rud a rinn iad thionndaidh iad an aghaidhnean gu ceithir àrdaibh an athair, ’s ’n uair a thàinig an treas saighead thuig iad gur ann o ’n àird an ear-thuath a bha na saighdean a’ tighinn. Cho luath ’s a bh’ aca bhrùchd iad sios an cnoc. An uair a chunnaic mac Iain ’ic Sheumais iad a’ cromadh le bearradh a’ chnuic thuirt e, “Nis ’illean, ma rinn sibh riamh e deanamh an diugh e, oir tha mi ’m barail gu bheil triuir aig gach fear agaibh ri chur gu làr.” “Ma tha,” ars’ iadsan, “cha’n fhad a bhitheas.” Bha e fhéin ’s a ghillean cho ealanta air a’ bhogha ’s gu’n d’ thug iad tanachadh maith air na Leodaich mu’n do tharr iad, ach gann, cromadh le bearradh a’ chnuic. An uair a dhlùthaich iad r’a chéile ’s ann an sin a bha ’n “cath, teth, teann. ”—
“Thachair r’a chéile na suinn,
Mar bhruaillein thonn air druim a’ chuain,
Bha beuman beuchach dlù ri chéile;
Am bas a’ leum thar tréin ’s an t-sliabh,
Mar neul de chlachaibh-meallain garbh,
’S gaoth mhòr na ’cirb ag éirigh.”
Dhe’n da fhichead fear cha do tharr as ach an dithis. Thuit càch ga leìr ach an ceannard—Mac Dhomhnuill Ghlais— ’s a’ chath. Theich esan le bheatha. Thug Mac Iain ’ic Sheumais teann-ordugh gun a mharbhadh air chor sam bith, ach, na’m bu chomasach e, a ghlacadh beo. Chaidh e faisg air dà mhìle mu’n d’ thàinig fear de shaighdearan mhic Iain ’ic Sheumais suas ris air traigh faisg air a’ Bhaile-shear. Ged a bha ’n dithis aca air an trom-lot roimhe sin thug iad deannal air iomairt-chlaidheamh. Cha gheilleadh Mac Dhomhnuill Ghlais ’s e beo, ach bha e gabhail iomain-chùil gus mu dheireadh an deachaidh e mach air a’ mhuir thun na duilleig. Ged a bha toil aig an fhear eile a ghlacadh beo a reir orduigh a mhaighstir, ’n uair a thòisich an sàile ri dol ’s na lotaibh dh’ fhàs e goirid ’s an fhoighidinn ’s le aon sàthadh de ’n chlaidheamh chuir e crioch air ’s a’ bhad an robh e, ’s dh’ fhàg e marbh air an oitir e. Theirear Oitir ’ic Dhomhnuill Ghlais ris an oitir gus an la ’n diugh. Thiodhlaiceadh coluinnean nan Leodach far an do thuit iad—air Leathad-a’ -bhuailte, mar a theirear ris an àite riamh o’n thugadh am blàr ann. Chuireadh an cinn ann an uinneagaibh an teampuill far am bheil cuid diubh, ’s docha, fhathast ri ’m faicinn. Cha’n ’eil cunntas againn co lion a thuit de na Domhnullaich ’s a’ bhlàr fhuileachdach so, ach, air a shon sin, faodaidh sinn a bhi cinnteach gu ’n do thuit an àireamh bu mhò dhiubh. Fhuair Domhnull Mac Iain ’ic Sheumais, e fhéin, iomadh lot ged a chaidh an là leis. Ach thàinig e gu maith dheth na dhéigh sin. Tha e air aithris, ged nach ruig sinn a leas a chreidsinn, gu robh ’n fheithe ’ruith le fuil, agus uime sin, theirear feithe-na-fala rithe gus an là ’n diugh.
Theagamh gu ’n saoil cuid gu robh e eu-comasach do dha fhear dheug cur as do dhlùth air dà fhichead fear, ach mar a bha ’n Seanfhacal ag ràdh, “Is fearr duine na daoine.” A bharrachd air a sin ’n uair a bha na Domhnullaich ’g am falach fhein ’s an fhéithe ’s càch a’ cromadh leis a’ bhruthach bha ’n cothram ac’ orra, ’s mu ’n do tharr iad sealltuinn h-uca no uatha bha àireamh mhaith dhiu air an leonadh. Mar so chaill cuid mhòr dhiu ’m misneach gu buileach. A thaobh nan Domhnullach tha e air aithris gu robh iad anabarrach ealanta air a’ bhogha, agus, mar an ceudna, gu robh am boghachan cho làidir ’s nach b’ urrainn neach sam bith an lùbadh ach iad fhéin. Tha e furasda thuigsinn gu ’n tilgeadh iad saighdean astar gle fhada. Leis na nithibh so a bhi gu léir na’m fàbhar a bharrachd air iad a bhi nan daoine ro thréun tha e soilleir nach bu ni doirbh dhaibh an la chur.
’N uair a chuala Domhnull Gorm mu bhlàr Chàirinnis ’s mu ghaisge a charaid bha e ro thoilichte, ’s mar chomharradh air a thaingealachd airson a threubhantais thug e dha Gabhaltas na Cuidrich ’san Eilean Sgiathanach. Gu cinnteach bha e na ’làn airidh air agus corr. B’ ann d’a sliochd Caiptean Ailein Domhnullach, Chinnseborg, a bha pòsda ri Fionnghail Dhomhnullaich a bha ’n cuideachd Phrionns Tearlach ’n uair a bha e fo ’n choille ’s a’ Ghàidhealtachd. An déigh blàr Chàirinnis rinn a mhuime, Nic Còiseam, òran do Dhomhnull mac Iain ’ic Sheumais anns an do leig i ris gu soilleir gu ’m bu ghaisgeach treun e a thug, uair is uair, buaidh air a naimhdibh. Tha ’n t-òran so nuair a tha e air a sheinn gu ceart anabarrach tlachdmhor ri bhi ’ga éisdeachd. Ged a tha corr is trì cheud bliadhna o rinneadh e tha h-uile facal dheth, tha e coltach, air chuimhne fhathast.
So, mata, cunntas mu bhlàr Chàirinnis mar a tha ’n sgeul air aithris gu coitchionn an Uidhist.
IAIN.
A’ GHAIDHLIG: A H-EACHDRAIDH AGUS A LITREACHAS.
Oraid a labhair an t-Olla Urramach Alasdair Camaran, fa chomhair a’ Chlass Ghàidhlig an Oil-thigh Ghlascho, mu ’n bhliadhna 1868—fichead bliadhna mu ’n do chaochail e. Bha an t-Olla Camaran na ’sgoileir Gàidhlig cho àrd ’s a bha ’n Alba ri ’linn, agus tha ’n òraid so airidh air deagh aire uapasan aig am bheil toil an eolas air a chainnt sin a mheudachadh.
THA mi a’ rùnachadh aig an àm so labhairt ruibh mu ’n Ghàidhlig—ar cainnt dhùthchasaich, agus mu chuid do na leabhraichibh a sgrìobhadh innte.
Faodaidh sinn a bhi ag eadar-dhealachadh ann am beachd do thaobh aois na Gàidhlig, ach tha sinn uile de ’n aon bheachd do thaobh cliù agus buadhan na cainnte sin a dh’ fhoghlaim iomadh againn aig glùn ar màthar, agus a labhair sinn mu ’m b’ aithne dhuinn a bheag mu chainnt air bith eile. Dhuinne, air an aobhar sin, cha ’n ’eil cainnt ann a ta cho blasda no cho buadhach ris an t-sean Ghàidhlig, ged nach urrainn duinn a ràdh mu déighinn, mar thubhairt am bàrd—
“ ’S i ’labhair Adhamh, ann am Pàrras féin,
’S bu shiùbhlach Gàidhlig o bheul àlainn Eubh.”
Ach cha ruigear leas cron fhaotainn do ’n Ghàidheal air son a bhi a’ meas nach ’eil cainnt air bith cosmhuil ris a’ chainnt a’s faisge a thig air a chridhe féin, agus le ’n dùisgear smuaintean ann nach dùisgear le aon chainnt eile. Tha e nàdarra, uime sin, dhasan a bhi do ’n bheachd
“Gur h-i a’s crìoch àraid
Do gach cainnt fo ’n ghréin,
Gu ’r smuaintidh fhàsmhor
A phàirteachadh ri ’chéil’;
Ar n-inntinnean a rùsgadh
Agus rùn ar crìdh’,
(Le ’r gnìomh ’s le ’r giùlan)
Sùrd chur air ar dì;
’S gu laoidh ar beòil
Dh’ ìobradh do Dhia nan dùl,
’S i ’h-àrd chrìoch mhòr
Gu bhi toirt Dhàsan cliù.”
Ged bhitheas e draghail a dheanamh a mach gu ’n
“Robh a’ Ghàidhlig ullamh,
’N a glòir fìor-ghuineach cruaidh
Air feadh na cruinne
Mu ’n d’ thuilich an Tuil-ruadh,”
aontaichidh sinne, mar Ghàidheil, ri beachd a bhàird cheudna, an uair a thubhairt e:—
“Ge h-iomadh cànain
O linn Bhàbeil fhuair
Sliochd sin Adhaimh,
’S i a’ Ghàidhlig a thug buaidh
Do ’n labhradh dhàicheil
An urram àrd gun tuairms’,
Gun mheang, gun fhàillinn,
Is urrainn càch a luaidh,”
agus cha mheas sinn gu ’n robh e fada clì an uair a thubhairt e,
“ ’S i an aon chànain
Am beul nam bàrd ’s nan éisg,
’S i a’s fearr gu càineadh
O linn Bhàbeil féin,
’S i a’s fearr gu moladh,
’S is torrunnaiche gleus
Gu rann no laoidh
A tharruing gaoth troimh bheul;
’S i a’s fearr gu comhairl’
’S gu gnothuch a chur gu feum
Na aon teang’ Eòrpach
A dh’ aindheoin bòsd nan Greug;
’S i a’s fearr gu rosg
’S air chosaibh a chur duain,
’S ri cruaidh uchd cosgair
A bhrosnachadh an t-sluaigh.”
Ni mò a mheasas sinn gu ’n dubhairt Donnachadh Bàn tuilleadh ’s a’ chòir mu ’n Ghàidhlig ’n uair a labhair e na briathran snasmhor a leanas:
“ ’S i a’s fearr gu togail inntinn
Le binn-ghuth còmhraidh thlàth,
’S i a’s sgaitiche gu mi-mholadh
’S a’s mìne ’nochdas gràdh;
’N àm cruinneachadh nam mìltean
Le pìob gu iomairt lann,
’S i a dhùisgeadh colg air òigridh,
’N uair ’thogtadh sròl ri crann.”
Tha mi an dùil nach ’eil Gàidheal ’san tigh so an nochd nach aidich, an uair a bheachdaicheas e air cliù agus air buadhaibh na Gàidhlig,
“Gu ’m bu mhòr am beud gu ’m bàsaicheadh
A’ chànain a’s fearr buaidh;”
agus gur h-e dleasdanas nan Gàidheal do ’n d’ fhàg an aithrichean i mar oighreachd gach oidhirp a thabhairt a chum a cumail suas. Tha cuid, gun teagamh, leis an nàir a bhi ag aideachadh gur urrainn daibh a’ Ghàidhlig a labhairt, ged nach urrainn daibh làn am beòil de ’n Bheurla a labhairt gu cuimir, ach tha mi an dùil nach ’eil an àireamh ach tearc. Is mi-chiatach an ni bhi a’ cluinntinn duine, ann an droch Bheurla, a deanamh uaille as gu ’m bheil e air a’ Ghàidhlig a dhì-chuimhneachadh.
Is e an ceud ni mu ’m bheil mi gu labhairt ruibh aig an àm so Dàimh na Gàidhlig ri cainntibh aig am bheil càirdeas rithe, ni o ’m faod sinn ’fhaicinn ciod e a h-àite am measg chainntean eile an domahin.
[Vol . 11. No. 13. p. 4]
O na thubhairt mi cheana, tha sibh air ’fhaicinn nach ’eil mi de ’n bheachd gu ’m bi a’ Ghàilig
“An labhairt ’bha ’s a’ ghàradh
’Dh’ fhàg Adhamh aig an t-sluagh;”
ach ged nach gabh i lorgachadh air ais cho fada ’s bu mhath le cuid a bhi ’ga lorgachadh, cha ’n ’eil teagamh air bith nach ’eil i glé aosda. Tha iomadh de luchd fòghluim, a ta mion-rannsachadh na cùise so, a’ cumail a mach gu ’m bheil i, co dhiubh, cho sean ris a chànain Eabhraidhich, anns an deachaidh a chuid a’s mò de ’n t-Seann Tiomnadh a sgrìobhadh, ach nach ’eil ni ’s faide air a labhairt. Tha e air a dheanamh a mach, mar an ceudna, gu soilleir, gu ’m bheil dàimh fhaisg aig a’ Ghàidhlig ri cainntibh eile, dhe ’m bheil cuid fathast beò, agus air an labhairt le àireamh mhor do shluagh an t-saoghail.
Tha cainntean a’ chinne-dhaoine air an roinn ’n an teaghlaichibh, a réir agus mar tha na freumh-fhocail o ’m bheil iad a’ teachd a mach a’ comh-chòrdadh r’a chéile. ’Nuair a ghabhas sinn cainnt mar a ta a’ Ghàidhlig, a’ Bheurla, no an Laidinn, chi sinn gu ’m bheil na focail air an deanamh suas de dhà chuibhrinn—na freumh fhocail agus na litrichean a ta air an cur ris na freumh fhocail a chum bhi a’ nochdadh mach dàimhean sònruichte agus eadar-dhealaichte anns am feudar beachdachadh air an smuain a ta am freumh-fhocal a’ comharrachadh. Ma sheallas sinn ris an fhocal gabhaidh, airson eiseimpleir, chi sinn gu ’m bheil e air a dheanamh suas de dha earrann—gabh agus idh—gabhaidh. ’S e gabh an fhreumh, agus tha idh a’ cumail a mach an tìm a ta ri teachd mar eadar-dhealaichte araon o ’n tìm a bha ann, agus o ’n tìm a ta nis ann. Ach o ’n fhreimh cheudna tha focail eile a fàs a ta eadar-dhealaichte o chéile ann am brìgh, ach aig am bheil dlù-chàirdeas r’a chéile, mar a ta ghabh, gabhadh, gabhail, ghabhainn. A nis an uair a lomas sinn na focail sin de na litrichean a ta toirt brìgh fa leth do gach aon diubh tha sinn a’ faotainn na frèimhe o ’m bheil iad uile a’ fàs, eadhon gabh; agus ma theid sinn gu seann sgrìobhaidhibh gheibh sinn a mach gu ’m bheil gabh féin a’ teachd o fhrèimh ni ’s sine—eadhon, gab. ’N uair a rùisgeas sinn, air an dòigh cheudna, focail eile na cainnte nach ’eil iad féin ’n am freumh-fhocail, ruigidh sinn na ceud fhocail air am bheil a’ chainnt a ta sinn a’ labhairt air a stéidheachadh. Agus an uair a bhuinear air an t-seòl cheudna ri cainntibh eile, agus a nithear am freumh-fhocail a choimhmeas r’a chéile, chithear ciod iad na cainntean aig am bheil am freumhan a comh-chòrdadh ri ’chéile. Agus mar sin tha cainntean air an roinn ’nan teaghlaichibh a réir agus mar a ta am freumham a’ nochdadh gu ’n d’ thàinig iad a mach o ’n aon bhonn. Air an dòigh so tha ’n Eabhra, a’ chainnt Shirianach, agus a’ chainnt Chaldéach do ’n aon teaghlach, ris an abrar anns a’ BheurlaSemetic ,do bhrìgh gu ’n robh iad air an labhairt le sliochd Sheim; tha ’n Sanskrit, a’ Ghreigis, an Laidinn, agus cainntean eile a tha càirdeach dhaibh, do theaghlach ris an abrar an t-Indo-European, do bhrìgh gu ’n robh iad air an labhairt araon ann an Innsean na h-àirde-an-ear, agus anns an Roinn-Eorpa; agus tha cainntean eile air an roinn, air an dòigh cheudna, ’nan teaghlaichibh eile mu ’n nach ruig mi leas labhairt aig an àm.
A nis ciod an teaghlach do ’m buin a’ Ghàidhlig? Bha daoine fòghluimte a’ meas, ré ùine fhada, gu ’m buineadh a’ Ghàidhlig do ’n aon teaghlach ris an Eabhra. Agus gun teagamh air bith tha ’n da chainnt a’ comh-chòrdadh ri ’chéile ann an tuilleadh agus aon ni. Tha àireamh lìonmhor de’m freumh-fhocail glé chosmhuil r’a chéile, mar thug ar ceann-suidhe urramach fainear anns an òraid ris an d’ éisd sinn o cheann ghoirid le ’leithid de thoil-inntinn. Tha nithe eile, mar an ceudna, anns am bheil comh-chòrdadh iongantach eadar an da chainnt. Ach ged tha sin mar sin, tha e nis air a dheanamh a mach cho soilleir agus a ghabhas ni air bith deanamh a mach nach ann de ’n teaghlach do ’m buin an Eabhra a bhuineas a’ Ghàidhlig, ach do ’n teaghlach eile a dh’ ainmich mi—an t-Indo-Europeanach. Do ’n teaghlach so buinidh na cainntean a leanas: —Sanskrit, Zend no seann chainnt Phersia, Gréigis, Laidinn, na cainntean Ceilteach, na cainntean Gearmailteach (Beurla, &c . ), Lituanach, agus Slabhonach (Ruisianach, &c .)
Tha daoine fòghluimte a ta ri mion-rannsachadh air comh-chòrdadh nan cainntean Indo-Europeanach r’a chéile, ag eadar-dhealachadh ann am beachd do thaobh an àite a bhuineas do ’n Ghàidhlig anns an teaghlach. Tha cuid a’ smuaineachadh gu ’m bheil i na ’s càra do ’n Laidinn agus do ’n Ghréigis, ach gu sònruichte do ’n Laidinn, na do na cainntibh Gearmailteach, agus tha cuid eile a’ smuaineachadh gu ’m bheil i ni ’s càra do na cainntibh Gearmailteach na do ’n Laidinn agus do ’n Ghreigis. Cha ’n ’eil teagamh air bith do thaobh càirdeis na Gàidhlig do na cainntibh sin air fad, ach is e mo bheachd, cho fada ’s a tha mi air bhi comasach air a’ chùis so rannsachadh air mo shon féin, gu ’m bheil i ni ’s càra do ’n Laidinn agus do ’n Ghréigis na do chainnt air bith eile. Tuigidh sibh nach ’eil mi a’ labhairt aig an àm mu ’n Ghàidhlig Albannaich mar eadar-dhealaichte o mheuraibh eile na seann Ghàidhlig, ach gu ’m bheil mi a’ labhairt mu ’n Ghàidhlig gu coitchionn—mu ’n Ghàidhlig de nach ’eil a’ Ghàidhlig Albannach ach a mhàin ’n a meur.
A chum bhi a’ nochdadh dlù-chàirdeis na Gàidhlig ris an Laidinn agus a’ Ghreigis, ach gu sònruichte an Laidinn, bheir mi air aghaidh cha ’n e a mhàin focail anns am bheil na cainntean so a’ comh-chòrdadh r’a chéile, ach mar an ceudna, cuid de na laghannaibh no seòlaidhibh a réir am bheil na litrichean air an atharrachadh eadar na cainntean sin—an ni ris an abrar anns a’ Bheurla, “The laws of letter-changes. ”
Nan ceadaicheadh ùine dh’ fhaodainn mòran a labhairt mu na riaghailtibh a réir am bheil focail air an atharrachadh eadar an Laidinn agus a’ Ghàidhlig, ach o na thubhairt mi chithear nach ’eil cainntean a’ fàs suas o’n freumhaibh gun rian, gun riaghailt, ach gu ’m bheil iad a’ fàs a réir riaghailtean sònraichte a dh’ fhaodar fhaotainn a mach, agus a ta comh-chòrdadh, mar dh’ fhaodar leigeil ris, nan robh cothrom air sin a dheanamh, ris an dòigh anns am bheil na litrichean gu nàdarra air am fuaimneachadh.
Ach tha ’n dlù-chàirdeas a ta eadar an Laidinn agus a’ Ghàidhlig leis a’ chomh-chòrdadh shoilleir araon ann am fuaim agus ann an brìgh a ta eadar iomadh focal anns na cainntibh sin, mar a ta na focail a leanas: sin-o agus sin; cel-o agus ceil; linquoagus leig; tenuisagus tana, &c .
Ach tha na focail a ta leigeil ris dlù-chàirdeis na Laidinn agus na Gàidhlig cho lionmhor, agus gu ’n sgìthichinn sibh ’g an aithris.
Tha e soilleir, ma ta, gu ’m buin an Laidinn agus a’ Ghàidhlig do ’n aon teaghlach. Mur d’ thàinig aon diubh a mach o ’n aon eile cha ghabh e àicheadh nach d’ thàinig iad le ’chéile o ’n aon fhrèimh. Bu mhath leinn gun teagamh, mar Ghaidheil, gu ’m b’ urrainn duinn a dhearbhadh gur h-i an t-sean Ghàidhlig chòir màthair nan cainntean eile ris am bheil càirdeas aice, ach ged is mòr ar gràdh do ’r cainnt dhùthchasaich cha ’n fhaod sinn ni a ràdh mu déighinn nach seas ri aghaidh dearbhaidh; agus, air an aobhar sin, ged tha sgoilear cho fòghluimte ri Dr Newman, Fear-teagaisg Laidinn ann an aon de àrd-oil-thighibh Shasuinn, ag oidhirpeachadh bhi a’ feuchainn gu ’n d’ thàinig an Laidinn o ’n Ghàidhlig, ’s e a’s tearuinte dhuinn gu ’n dol ni ’s fhaide na ràdh gu ’m bheil na comharraidhean càirdeis a ta iad a’ giulan cho lionmhor agus cho soilleir, agus nach gabh e àicheadh gu ’m bheil an dà chainnt o ’n aon fhrèimh, agus air an aobhar sin gu ’m buin iad do ’n aon teaghlach. Is call, agus cha bhuannachd, do fhior fhòghlum a bhi a’ tarruing comh-dhùnaidhean o bhunaitibh nach seas ris an dearbhadh a’s géire a ghabhas cur orra, leis a’ mhuinntir a ta a’ mion-sgrùdadh na dàimhe a ta eadar na cainntean sin.
Ach mar faod sinn a bhi a’ comh-dhùnadh gur leoir focail a bhi ni-éigin cosmhuil r’a chéile ann am fuaim gu bhi a’ dearbhadh gu ’m bheil iad o na h-aon fhreumhaibh, cha ’n fhaod sinn, air an laimh eile, a bhi a’ comh-dhùnadh nach faod focail a ta gu tur neo-chosmhuil r’a chéile ann am fuaim a bhi ann an dlù-chàirdeas d’a chéile. Ma ghabhas sinn na focailevequeagusbishop ,cha ’n fhaigh sinn anns an aon fhocal aon litir a ta ’san fhocal eile, ach ged nach faigh, tha ’n da fhocal, mar tha Morair Neaves a’ feuchainn duinn a’ teachd o ’n fhocal Ghréigisepiscopos .Cha ’n ’eil na focail eun, ite, pen , feather, cosmhuil r’a chéile aon chuid ’n an litreachadh no ’n am fuaimibh, gidheadh tha iad a’ teachd, mar tha Ebel a’ nochdadh, o ’n aon fhrèimh, ach o fhrèimh nach ’eil cosmhuil ri aon do na focail a dh’ ainmich mi. ’S i an fhreumh o ’m bheil iad uile teachd pet. Tha i againn slàn anns an fhocal Ghréigispetomai ,itealaich. Tha pen a’ teachd o ’n fhocal Laidinnpenna ,a ta a ciallachadh ite no iteag, agus thapennao fhocal Laidinn a ta ni ’s sine, petna .Thafeathera’ teachd o ’n fhocalfeder ,agus chithear gu soilleir an dàimh a ta eadar am focal sin agus an fhreumh pet. Chithear a rìs an dàimh a ta eadar eun agus am focal Breatannachedn ,aig am bheil an aon bhrìgh, agus a rìs eadarednagusethn ,agus eadarethnagus pet, petna .
Dh’ fhaodainn mar an ceudna, fheuchainn duibh gu ’m bheil na focail, gnìomh, gin, gineal, kin , kind, genus, gentile,agus focail eile, nach ’eil glé chosmhuil ri ’chéil ann am fuaim, a’ teachd gu léir a mach o ’n aon fhrèimh gen, a ta againn anns an fhocal Ghréigisegenomen .Chithear gu soilleir le còmhnadh na seann Ghàidhlig, a ta gu mòr eadar-dhealaichte o ’n Ghàidhlig a ta sinn a nis a’ labhairt, gu ’m bheil an dà fhocal gniomh agus gin o ’n aon fhrèimh.
Ged thubhairt am bàrd:—
“Cha ’n fheum i iasad
’S cha mò a dh’ iarras uath’;
O an t-sean mhàthair chiatach,
Làn de chiadaibh buaidh!”
tha e fìor gu ’m bheil àireamh mòr de fhocalaibh iasaid anns a’ Ghàidhlig. Cha ’n ’eil mi a’ labhairt aig an àm mu na focail Bheurla leis am bheil a’ Ghàidhlig air a measgachadh agus air a truailleadh anns na cearnaibh a tha criochadh ris a’ Ghalldachd, ach mu na focalaibh a bhuineas do chainntibh eile a ta air faotainn àite anns a’ chainnt, air chor a’s gu ’m bheil iad a’ deanamh suas cuibhrinn de ’n chainnt a ta sinne a nise a’ labhairt. Tha mòran de na focalaibh iasaid so air an toirt o ’n Laidinn agus o ’n Ghréigis troimh an Laidinn. Bha iomadh dhiubh, mar ta eaglais, sagart, creud, air an toirt a stigh do ’n chainnt leis a’ Chreidimh Chriosdaidh. A nis is fheudar na focail sin, agus mòran eile, mar ta scriobh oscribo ;leugh olego ;creud o ’n fhocalcredo ;aoradh( ’san t-sean Ghàidhlig adrad) oadoratio ;ceist o ’n fhocalquestio ;serbhis oservo ;agus
[Vol . 11. No. 13. p. 5]
teisteas o ’n fhocaltestis ,a bhi air an cur a thaobh an uair a tathar a’ rannsachadh a mach dàimhe na Laidinn agus na Gàidhlig r’a chéile. Ach an deigh sin a dheanamh, bithidh focail ni ’s leoir air am fagail mu nach gabh teagamh a bhi nach fior fhocail Ghaidhealach iad, gu bhi a’ dearbhadh gu soilleir gu ’m buin an da chainnt so do ’n aon teaghlach. Agus eadhon do thaobh nam focal iasaid féin gheibhear freumhan iomadh dhiubh anns a’ Ghàidhlig an uair a ni sinn an lorgachadh suas troimh an Laidinn gu ’m fior fhreumhaibh. Tha ’m focal sgriobh, gun teagamh, a’ teachd o ’n fhocal Laidinnscribo .Tha ’m focal Laidinngravisagus am focal Gàidhlig garbh dlù-chàirdeach d’ a chéile, ged nach freagair e a ràdh mu dhuine mu ’n can sinn: “He is a grave man, ”gu ’m bheil e ’n a dhuine garbh. Agus tha so a’ toirt a rìs fo ’m chomhair gu ’m bheil am focal, garbh, ni ’s faisge air an t-seann Sanskrit, garu ,na ’m focalgravis ,agus gu ’m faod an ni ceudna bhi air ràdh mu iomadh focal eile a’ ta càirdeach r’a chéile anns an Laidinn agus anns a’ Ghàidhlig, ni a dh’ fheumar a thoirt fainear ann bhi a’ coimhmeas nan cainntean so ri ’chéile a chum bhi a’ deanamh a mach co aca a’s sine.
Cha cheadaich ùine dhomh mòran a labhairt mu dhàimh na Gaidhlig ris a’ Ghréigis, no dòighibh anns am bheil na litrichean air an atharrachadh eadar an da chainnt, agus air an aobhar sin cha dean mi ach àireamh de fhocalaibh a chur fo ’r comhair a ta leigeil ris gu ’m bheil dlù-dhàimh eadar an da chainnt.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
ALADIN.
CAIB. XIII.
CHAIDH Aladin gun dail air muin an eich, agus dh’ fhalbh e do luchairt an righ anns an ordugh a dh’ ainmicheadh mar tha. Agus ged nach robh e riamh roimhe air muin eich, shaoileadh duine sam bith gu ’n robh e eolach gu leor air marcachd.
Bha moran sluaigh a’ cruinneachadh air na sraidean troimh ’n robh e ’marcachd, agus bha iad a’ deanamh iolach aoibhneis, gu h-araidh a h-uile uair a thilgeadh gach fear dhe na sia seirbhisich lan a dhuirn dhe na buinn oir air an t-sraid air gach taobh dhiubh. Cha b’ e mhain gu ’n robh na daoine bha ’togail an oir bhar na sraide a’ deanamh iolaich, ach bha daoine beairteach a’ bhaile ’deanamh iolaich mar an ceudna, a chionn gu ’n robh Aladin cho fialaidh ris an t-sluagh.
Cha ’n aithnicheadh a h-aon dhe ’n fheadhainn a b’ abhaist a bhith cluich maille ris air an t-sraid e; agus is gann a dh’ aithnicheadh an fheadhainn a chunnaic beagan uine roimhe sid e. Bha leithid de bhuaidh aig a’ chruisgean air gach neach aig an robh e ’s gu’ n robh iad a’ fas ann am buadhan inntinn a reir mar a bha iad a’ fas ann an saoibhreas agus ann an urram, an uair a bha iad a’ deanamh feum ceart dheth.
Bha aire an t-sluaigh air a tarruinn gu Aladin moran na bu mho na thun na h-aireamh sheirbhiseach a bha ’na cuideachd ged a bha iad uile ann an eideadh anabarrach riomhach; oir chunnaic iad an latha roimhe sid na seirbhisich a chaidh leis an tiodhlac thun an righ.
Bha ’n t-each air an robh Aladin a’ marcachd a’ cur ioghnaidh air na daoine a b’ eolaiche air eich a bh’ anns a bhaile; agus cha b’ urrainn daibh a smaointean c’aite an d’ fhuaradh e. Cha b’ e an acfhuinn riomhach a bh’ air an each bu lugha ’bha ’cur a dh’ ioghnadh orra. Agus an uair a chaidh an sgeul am mach gu’n robh an righ gus a nighean a thoirt dha ri ’posadh, cha d’ thug neach sam bith fa near gur ann o dhaoine bochda thainig e, agus cha mho a bha farmad aca ris, oir bha meas mor ac’ air.
An uair a rainig e an luchairt, bha h-uile ulluchadh air a dheanamh air a choinneamh. Agus an uair a thainig e dh’ ionnsuidh an dara geata, bha e air son tighinn air lar mar bu chleachdach le ard-mhaithean na rioghachd a dheanamh. Ach cha leigeadh an t-ard-oifigeach a chuir an righ a fhrithealadh dha leis tighinn air lar gus an ruigeadh e talla na comhairle, far an do chuidich e e gu tighinn air lar, ged nach robh Aladin toileach leigeadh leis so a dheanamh.
Aig dorus an talla chuir na h-oifigich iad fhein ann an ordugh ’nan da shreith. Agus an uair a chuir an t-ard-oifigeach Aladin air a laimh dheis, choisich iad a steach do ’n talla eadar an da shreith oifigeach, gus an d’ rainig iad bonn na righ-chathrach.
Cho luath ’s a chunnaic an righ Aladin, ghabh e ioghnadh gu leor; oir cha b’ ann a mhain a chionn gu ’n robh e ann an eideadh na bu riomhaiche na bha e fhein riamh ’na bheatha, ach a chionn gu ’n robh e mar an ceudna ’na dhuine dreachar, agus gu ’n robh coltas grinneis is uailse air a bha gle dhealaichte o ’n choltas a bh’ air a mhathair.
Bha Aladin, mar a bha dligheach dha ’dheanamh, air son e fhein a shleuchdadh do ’n righ aig bonn na righ-chathrach. Ach mu ’n d’ fhuair e uine air so a dheanamh, thainig an righ a nuas le cabhaig bhar na cathrach, agus rug e air Aladin ’na ghairdeanan le toil agus le cridhealas mor. ’Na dheigh so bha Aladin toileach a rithist e fhein a shleuchdadh aig casan an righ; ach cha leigeadh an righ leis, agus thug e air suidhe eadar e fhein agus an t-ard-chomhairleach.
An sin labhair Aladin ris an righ, agus thubhairt e: “Mo thighearna, tha mi ’gabhail na h-urram a tha bhur morachd le deadh run toileach a bhuileachadh orm; ach thugaibh dhomh cead a radh ribh, nach do dhichuimhnich mi gur mi bhur seirbhiseach; gu ’m bheil fhios agam gu ’m bheil cumhachd mor agaibh, agus gu ’m bheil lan fhios agam nach ’eil duine cho iosal inbhe riumsa airidh ann an doigh sam bith air an t-suidheachadh ard agus urramach anns am bheil mi air mo chur. Ma tha mi ann an doigh sam bith airidh air gu ’n gabhadh sibh rium cho fabharach, tha mi ’g aideachadh gur ann a chionn gu ’n do thachair dhomh a bhith cho dana ’s cho misneachail ’s gu ’n do chuir mi romham gu ’n iarrainn bhur nighean ri ’posadh. Tha mi ’g iarraidh mathanais air bhur morachd a chionn mi bhith cho ann-dana; ach cha ’n urrainn mi ’chleith oirbh gu ’m faighinn am bas leis a’ bhristeadh cridhe mur faighinn i ri ’posadh.”
“A mhic,” ars’ an righ, agus e ’breith air Aladin an dara uair ’na ghairdeanan, “Cha bhiodh e ceart dhut gun earbsa ’chur ’nam fhacal-sa: tha do bheatha ro luachmhor ’nam shealladh-sa, agus mar sin bheir mi dhut gach ni a chumas suas agus a neartaicheas do bheatha. Is fhearr leam a bhith ’g ad fhaicinn ’s g’ ad chluinntinn na na tha de dh’ ionmhas agam fhin ’s agad fhein.”
An deigh do ’n righ so a radh, thug e ordugh do ’n luchd-ciuil toiseachadh ri seinn, agus ann an tiotadh bha fuaim a’ chiuil ri chluinntinn air feadh na luchairt gu leir.
Aig a’ cheart am thug an righ leis Aladin do thalla mor maiseach anns an robh cuirm shoghmhor air a deasachadh. Shuidh iad nan dithis comhladh aig a’ chuirm, agus bha ’n t-ard-chomhairleach agus maithean urramach na rioghachd, a reir an urram agus an inbhe, a’ frithealadh dhaibh fad na h-uine a bha iad aig a’ chuirm.
Thug iad greis mhath air comhradh mu thimchioll iomadh rud; agus fad na h-uine is gann gu ’n do thog an righ a shuil dheth. Fad na h-uine bha iad a’ comhradh, leig Aladin ris gu soilleir gu ’n robh e ’na dhuine tuigseach turail; agus bha barail anabarrach math aig an righ air.
An deigh do ’n chuirm a bhith seachad, chuir an righ fios air ard-bhreitheamh a’ bhaile, agus dh’ ordaich e dha cumhnantan a’ phosadh eadar Aladin agus a bhana-phrionnsa a sgriobhadh gun dail. Aig a’ cheart am bha ’n righ agus Aladin a’ comhradh mu chaochladh nithean ann an lathair an ard-chomhairlich agus mhaithean na cuirte. Chord a chomhradh riutha anabarrach math; oir bha e ’na smaointeanan glic agus tuigseach, agus bha iad air an cur ann an altaibh a cheile gu h-ordail reidh ann am briathran a bha araon taitneach agus geurchuiseach.
An uair a chuir am breitheamh crioch air sgriobhadh cumhnantan a’ phosadh, dh’ fheoraich an righ de dh’ Aladin an robh e deonach fuireach anns an luchairt, agus am posadh a dheanamh an lath’ ud fhein.
Fhreagair Aladin, agus thubhairt e: “Mo thighearna, ged a tha fadachd gu leor orm gus an deanar am posadh, gidheadh tha mi ’guidh’ oirbh gu ’n ceadaich sibh dhomh dail a chur ann gus an tog mi luchairt a bhios freagarrach gus bhur nighean a ghabhail comhnuidh innte. Air an aobhar sin bu mhiann leam gu ’n tugadh sibh dhomh aite freagarrach faisge air laimh anns an tog mi i, a chum gu ’m bi e na ’s fhasa dhomh tighinn gu math tric g’ ar n-amharc. Bheir mi ’n aire gu ’n togar an luchairt ann an uine ghoirid.”
“A mhic,” ars’ an righ, “tog an luchairt ann an aite sam bith a chi thu iomchuidh. Tha fearann gu leor faisg’ air an luchairt; ach thoir fa ’n ear, gu ’m faod sin dail ro fhada chur anns a’ phosadh, agus tha mise gabhail fadachd gus an deanar e.”
An deigh do ’n righ na briathran so a radh, rug e air Aladin a rithist na ghairdeanan. Ghabh Aladin a chead dheth a cheart cho modhail ’s cho iomchuidh ’s ged a bhiodh e air a bhreith ’s air ’arach anns an luchairt.
Chaidh Aladin a rithist air muin an eich, agus mharcaich e dhachaidh anns a’ cheart ordugh anns an deachaidh e do ’n luchairt; agus bha ’n sluagh a bha ’g a choinneachadh a’ deanamh iolach aoibhneis, agus a’ guidhe gu ’m biodh sonas is soirbheachadh aige.
Cha bu luaithe thainig e air lar na chaidh e d’ a sheomar fhein. Thug e lamh air a’ chruisgean, agus an uair a thug e suathadh air bha ’m fathach ’na sheasamh air a bheulaobh.
“Fhathaich,” ars’ Aladin, “tha h-uile aobhar agam air a bhith riaraichte leis gach obair a rinn thu dhomh, agus leis cho deas ’s a bha thu gus umhlachd a thoirt dhomh. Ach a nis, ma tha bheag do mheas agad air a’ chruisgean, feumaidh tu, ma ’s comasach e, barrachd eud agus dichill a nochdadh na ’nochd thu riamh roimhe. Bu mhath leam gu ’n tugadh tu dhomh, cho luath ’s is urrainn dut, luchairt mhaiseach mu choinneamh luchairt an righ, ann an aite freagarrach, ach astar riaghailteach o luchairt an righ, a chum gu ’n gabh mi fhin ’s nighean an righ comhnuidh innte an uair a phosas sinn. Leigidh mi leat fhein na nithean leis an tog thu an luchairt a roghnachadh.
“Ach tha mi ’g iarraidh gu ’m bi an seomar mullaich air a dheanamh de dh’ or ’s de dh’ airgiod, agus gu ’m bi mullach cruinn air. Feumaidh e bhith ceithir-chearnach, agus biodh sia uinneagan air a h-uile taobh dheth. Agus biodh gach aon dhe na ceisean aig na ceithir uinneagan fichead so air an criochnachadh gu coimhlionta
[Vol . 11. No. 13. p. 6]
ach an aon te. Biodh an seomar anns gach doigh na ’s briagha na aon seomar a chunnacas riamh anns an t-saoghal. Bu mhath leam gu ’m biodh da chuirt air beulaobh na luchairt—te dhiubh dluth air an dorus, agus an te eile an taobh am muigh dhi; agus garadh anabarrach maiseach. Ach os cionn gach ni, thoir an aire gu ’m bi airgiod is or gu leor air an tasgaidh ann far am faigh mise iad. A bharrachd air an luchairt, biodh a h-uile seorsa thaighean air am bi feum aig daoine air an togail ann an aite freagarrach, mar a tha taighean-storr, taighean-gnothaich, stabuill, agus mar sin sios.
“Feumaidh na stabuill a bhith lan dhe na h-eich a’s fhearr, agus daoine gu leor a bhith ann gus a bhith frithealadh dhaibh. Feumaidh taighean do luchd-muinntir agus do luchd-dreuchd dhe gach seorsa a bhith ann mar an ceudna. Tha thu ’tuigsinn ciod a tha mi ciallachadh. Bi falbh, ma ta, agus dean mar a tha mise ’g iarraidh, agus an uair a bhios a h-uile dad deiseil agad thig g’ a innseadh dhomhsa.”
Bha ’ghrian a’ dol fodha mu ’n am ’s an d’ thug Aladin ordugh do ’n fhathach. Aig soilleireachadh an latha, an uair a dh’ eirich Aladin, thainig am fathach far an robh e, agus thuirt e ris: “Mo thighearna, tha ’n luchairt deiseil; thigibh agus faicibh cia mar a chordas i ribh.”
Cha bu luaithe ’dheonaich Aladin falbh na thug am fathach e ann am priobadh na sul thun na luchairt. Agus bha i moran na bu bhriagha na bha e ’smaointean a bhitheadh i, agus cha b’ urrainn da gun a bhith ’g a sior mholadh. Thug am fathach e do na h-uile seomar, agus cha robh dad ri fhaicinn ach rud a b’ ordaile na cheile. Cha robh rud sam bith a b’ urrainn a bhith ann an luchairt nach robh innte. Bha seirbhisich is searbhantan, agus luchd-frithealaidh eile dhe gach seorsa anns an luchairt, agus iad uile ann an eideadh riomhach agus obair fhein aig gach aon dhiubh.
Leig am fathach an taigh-ionmhais fhaicinn dha, agus an uair a dh’ fhosgail am fear-ionmhais an dorus, chunnaic Aladin torran cho ard ri mullach an taighe de sporrain dhe gach meudachd air an cur gu h-ordail air an urlar. Thug am fathach dearbhadh dha gu ’n robh am fear-ionmhais onorach gu leor.
’Na dheigh sin thug am fathach do ’n stabull e far an robh eich cho math ’s a bh’ air an t-saoghal, agus bha na gillean-stabuill gu trang ’g an cireadh ’s ’g an glanadh. Agus as a sin chaidh iad do na taighean-stoir far an robh am pailteas dhe na h-uile seorsa rud a bhiodh feumail do na h-eich agus do’n luchd-frithealaidh.
(Ri leantuinn.)
A’ BHANAIS GHAIDHEALACH.
LE AONGHAS MAC FHIONGHAIN.
BHEIL fhios agad cò tha dol a phòsadh air a gheamhradh so?” arsa Mairi nic Sheumais ri aon de na coimhearsnaich, Caitrìona Mhòr.
“Cha ’n ’eil,” arsa Caitrìona Mhór.
“Tha,” arsa Màiri, “Fionnaghal, nighean Dhòmhnuill Mhòir.
“Cò ’s i-fhéin?” arsa Caitriona.
“Tha Dòmhnull òg, mac Iain ’ic Dhòmhnuill.” “Ma tà,” arsa Caitrìona, “bha mi smuaineachadh iomadh latha gu ’n tigeadh e thun a sin lath’ -éigineach, oir o ’n a bha iad ’n an cloinn bhig cha ’n ’eil àite anns am bitheadh an darna h-aon anns nach bitheadh an aon eile, a’ dol gnothaichean do ’n mhonadh no leis a’ chrodh; no ’n uair a bhiodh iad anns an sgoil, bhiodh iad air an aon bhlàr-chloich; agus an uair a thàinig iad gu aois, bhiodh iad mar an ceudna gu tric còmhla anns an eaglais Di-Dómhnuich, ged nach robh iad a’ suidhe ’s an aon àite-suidhe. Cha b’ e searmon a’ mhinisteir air an robh an aire, ach ag amharc an dràsda ’s a rithist air a chéile le oisinn an sùl.”
Bha Fionnaghal ’n a’ caileig dhreachmhor, agus na ’m biodh deise no boineid ùr oirre, bha sud a’ cur còrr seallaidh oirre. Bha a falt buidhe-bhan, gruaidhean ruiteach, suilean fallain gorm, air chor ’s nach robh sealladh a bheireadh i air Dòmhnuill nach robh a’ dol thun a chridhe. Bu mhòr eagal Dhòmhnuill gu ’m biodh fear ’s am bith eile ag amharc as a déigh; ach cha leigeadh e leas, cha robh fear ’s am bith ’s an àite a b’ urrainn cur eadar i-fhéin agus Dòmhnull oir thug iad an cridhe òg d’ a chéile; mar sin cha robh math ’s am bith do fhear eile tighinn air son Fionnaghal. Aig an luadhadh, mur bitheadh Dòmhnull ann cha b’ urrainn Fionnaghal fonn nan oran a thogail, ach cho luath ’s a nochdadh Dòmhnull ’s an tigh-luadhaidh, cha robh guth aig a’ chleath-luadhaidh cho binn ri guth Fionnaghail. Bha ’n cridheachan air an lìonadh le gràdh dha chéile; ’s an uair a bhiodh an luadhadh seachad chìtheadh tu Fionnaghal agus earasaid m’ a ceann, Dòmhnull ’s a ghairdean timchioll oirre gu cùramach ’g a cumail dlùth ris gus am fàgadh e i aig stairsneach tigh a h-athar.
’Nuair a bhiodh Dòmhnull air falbh aig an iasgach, bhiodh Fionnaghal a’ faighinn litir a h-uile seachduin, a bha gu cùramach aice ’g a ghleidheadh gus a bhi ’g an leughadh an drasda ’s a rithist; is mar an ceudna ’gabhail a h-uile cothrom a gheibheadh i a bhi figheadh stocainnean, gartanan, agus bréid-amhaich, air son an toirt do Dhòmhnull an uair a thigeadh e dhachaidh o’n iasgach.
Cho fad ’s a bhiodh e aig an tigh, bhiodh iad còmhla cho tric ’s a’ b’ urrainn daibh; ach mu dheireadh cha b’ urrainn an cùmhnant dìomhair so a bhi air a chleith na b’ fhaide. Ghlac Dòmhnull misneach; chaidh e-fhéin agus beagan dhe ’chàirdean, le searrag no dhà a dh’ uisge-beatha aca ’n am pòcan air son an còrr misneich a thoirt dhaibh; oir ’s an àm ud dh’ fheumadh oidhche chridheil a bhi aca air oidhche a’ chòrdaidh.
’Nuair ràinig iad tigh Dhòmhnuill Bhàin, chuir e fàilte chridheil orra, oir bha fios aige gu math air aobhar an turuis. ’Nuair a rinn iad suidhe ’s a ghabh iad dram no dhà, agus smùid no dhà dheanamh dhe ’phiob-thombaca, agus greis air còmhradh, bha ’n tìm a’ dol seachad. Bha Dòmhnull òg a’ fàs an-fhoisneach, agus dh’ fheumadh a’ chùis a bhi air a’ cur an dara taobh; ’s an uair a ghabh iad dram eile, fhuair Dòmhnull òg misneach, agus chuir e a’ cheisd ri athair Fionnaghail. Fhreagair a h-athair, “A nis, a Dhòmhnuill mo ghille math, ma bhitheas sibh-féin còrdta cha chuir mise bacadh oirbh.”
Thug Fionnaghal agus Dòmhnull òg sùil air a’ chéile, agus anns a’ cheart àm ghlac iad lamhan a’ chéile; agus tha mi creidsinn nach robh dithis ’s an sgìreachd a bu thoilichte air a dhol còmhla na Dòmhnull òg agus Fionnaghal. Thubhairt a h-athair, “A nis, tha thu ’n déigh còrdadh ris an fhear a roghnaich thu féin, agus cha chreid mi gu ’n gabh thu aithreachas; cho fad ’s mo bharail-sa, tha Dòmhnull òg ’n a ghille stuama, modhail, agus ’n a chosnach math. Cho fad ’s mo chuimhne-sa cha ’n ’eil ni mi-bheusach no mi-chliùiteach ri ràdh mu na daoine o ’n d’ thàinig e, taobh air thaobh.”
An uair a fhuair Fionnaghal agus Dòmhnull òg an còrdadh le toil an athair agus am màthair seachad, agus a h-uile ni mar bu mhiann leo, thòisich iad ri bhi deanamh deas air son na bainnse. Cheannaich athair Fionnaghal trusgan a b’ fheàrr a bha ’s a’ bhùth agus ann am fasan an àite. An uair a bha e dlùth air latha na bainnse, chaidh cuireadh a thoirt do na coimhearsnaich agus luchd-eòlais. Thòisich iad ri tighinn gu tigh Dhòmhnuill le tiodhlaicean-bainnse. Cha robh mòran de obair òir no airgid a’ dol ’s an àm ud; ach bha iomadh rud a bha cho feumail ri obair òir no airgid, mar a bha brait agus plangaidean agus stocainnean, ’s cuid a bheireadh caora no mult; cuid, ìm, cearcan, càise, iasg air a thiormachadh. Cha robh seòrsa a dh’ fheumadh neach de iasg, feòil, sithionn, ’s mar sin air aghart, nach robh air an toìrt g’ an ionnsuidh.
Mu dheireadh thàinig an latha sòlasach a bha so do Dhòmhnull òg agus Fionnaghal. Chruinnich iad aig tigh Dhòmhnuill Bhàin gu math tràth dhe ’n latha, cuideachd mhòr. Tha cuimhne agam gu math air am faicinn a’ dol seachad an rathad, dlùth do thigh m’ athair, ’s iad a’ dol a choiseachd ochd mìle gu tigh a’ mhinisteir air son a’ phòsaidh, ach ’s beag a chuireadh an t-astar ud air an cridheachan òga fallain air latha-bainnse. Bha Fionnaghal agus a fleasgach-bainnse air thoiseach, Dòmhnull òg agus a mhaighdean-bhainnse ’n an déigh, agus Somhairle Mòr le ’ghunna a’ lasadh urchair an dràsda ’s a rithist. Fionnaghal le còta grinn Gallda, boineid chònlaich le itean geala ’s dà ribean shìoda ’g a ceangal fo a smigeid, agus earasaid mhòr thartain air a cumail ri chéile air a brollach le bràisd mhòr airgid:
“Gur math a thig a trusgan duit
Is brogan dubha bucallach,
’S do chìochan mine gucagach
Air t’ uchd cho geal ri neòinean.”
Dòmhnull òg le brigis dhubh “philot,” le dà shreath de phutanan mòra ’g a dùnadh gu ’h-iochdar, neapaicin shìoda m’ a amhaich, boineid ghorm o Ghleann-garadh le leth-shlat de ribeanan sìoda ’snàmh anns a ghaoith.
Ràinig iad mu dheireadh tigh a’ mhinisteir, ’s an uair a chaidh iad fo bhòidean cudthromach a’ phòsaidh, phill iad dachaidh air a’ cheart doigh, ach gu ’n robh Fionnaghal air gàirdean Dhòmhnuill òig, a’ tilleadh. ’Nuair a ràinig iad an tigh-bainnse bha ’n sabhal làn a dh’ uaislean; dà bhòrd bho cheann gu ceann dhe ’n t-sabhal, làn de gach seòrsa de bhiadh agus deoch, pige mor lan de mhac-na-bracha, oir dh’ fheumadh esan a bhi ann. ’Nuair a shuidh iad sìos aig na bùird, fear agus bean na bainnse ’n an suidhe aig ceann fearr dhiu, ’s an uair a chaidh a’ chuach a chur timchioll uair no dhà, thòisich h-aon no dithis ri bruidhinn mu chliù fear agus bean na bainnse. Chaidh iad an sin ’an gréim ris an dìnneir, agus ’nuair a bha gach neach sàsaichte, chaidh na pocannan de mhìlsean a thoirt ’am follais, ’g an sradadh feadh an tighe agus air a’ chàraid òig: ’s ann aig na balaich òga a bhiodh an fhéisd orra; bha iadsan fo na bùird a’ cruinneachadh na bha tuiteam. ’Nuair a rachadh na frasan siùcair seachad, bha na bùird ’g an cur ri thaobh, agus an t-ùrlar air a sguabadh air son an dannsadh.
Bha Niall Dubh, am pìobair, ’g a thoirt air aghart, an déigh dha ’n latha a chosg le botul“treacle”a’ deanamh bog a mhàla a bha cho cruaidh ri uachdar a bhrògan, agus na dois cho dubh ri cabair sùitheach, oir cha do chluich e i bho ’n a bha e aig a bhanais a bha ’n tigh Phàruig Bheatain; ach an uair a bha i ’n ordugh ’s a thòisich Niall Dubh agus na dannsairean, theab nach sguireadh iad. Bha iad ann an sin gu madainn, a’ gabhail òran ’s a’ dannsadh. Cha robh mòran sunnd-dannsaibh orra air an là-màireach.
Cha robh càraid ’s an àite cho toilichte le ’n crannchur ri Fionnaghal agus Dòmhnull òg. Bha teaghlach mòr aca, agus thug iad foghlum cho math ’s a rachadh ac’ air a thoirt dhaibh; agus rinn cuid dhiubh feum math dhe ’n fhòghlum a fhuair iad. Tha iad sgapta do gach ceàrn de ’n t-saoghal, cuid dhiubh ’n an onoir d’ am pàrantan agus d’ an dùthaich.
[Vol . 11. No. 13. p. 7]
Buain na Feamann.
Oran Luaidh a rinneadh an Grianaig,
LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN.
Air Fonn:— “Cleoc Iain Mhorro.”
Ged tha sinn ann an Grianaig,
B’e ar miann bhith aig a’ bhaile,
’N àm an earraich, hì ri ó;
Hì ri ó, sinn bhiodh fallain,
Buain na feamann, hì ri ó.
Sinn bhiodh fallain leis an fhàile,
’S tric a rinn an sàil ar glanadh,
Cleas nan tunnag.
’N uair a thiormaicheadh an tràigh,
Gum falbhamaid a mhàn le corran,
Bhuain na feamann.
H-uile bean o Roinn-na-h- Airde,
’S Mairghread bhàn, nion Iain- ’ic-Calum,
Bho na choille.
’N uair a dheanamaid an ràth,
Gum fanadh pàirt againn ga fhaireadh,
’G itheadh bhonnach.
’S ’nuair a dh’ eireadh am muir làn,
Gun rachadh bàtaichean ga tharraing
Dh’ ionnsuidh fearainn.
’S ’nuair a roinnteadh cuid gach nàbaidh
Rachadh a chàramh air an talamh—
Cleibh ga tharraing.
’S ’n àm bhith cur an t-sìl ’san làr,
Gum biodh gach aon ’sa làmh an tarraing,
Blàth le fallus.
’S ’nuair a chriochnaicheadh an t-àiteach,
Dh’ fhalbhamaid gun dàil an mhonadh,
Bhuain a chonnaidh.
Buain an fhraoich ’s a’ tarraing mòna,
’S cha b’e ’m bròn bhiodh air ar n-aire,
Falbh a’ mhonaidh.
’N uair a dheanamaid na cruachan,
Bhiodh deir-bhuana ’n ceann gach baile,
’S piob ga srannadh.
’S ’nuair a thigeadh a’ bhliadhn’ ùr oirnn,
Bhiodhmaid mùirneach, sùnndach, fallain
Falbh air Challainn.
Litir a Lag an t-Slocain.
A’ CHARAID, —Bho nach ’eil naidheachdan ùr no annasach agam, agus a chionn gur e na seann rudan a chuala mi o chionn fad’ an t-saoghail is dlùithe tha leantuinn ri m’ inntinn, bheir mi dhut té no dha dhiubh, sin ri radh ma bheir thu cearb a d’ breacan dhaibh.
An làithean m’ oige ’s iomadh cleachdadh neo-chiontach a bhiodh ’n ar measg mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna. Cha robh ni a cordadh ri gillean oga na dùthcha cho math ri dol air challaig. Bhiodh na gillean a’ cruinneachadh le ’n cuid phocannan, ’s iad gu cridheil, sunndach, toilichte. Mu ’n leigeadh na coimhearsnaich a stigh iad dh’ fheumadh iad duan a ghabhail. Mur b’ urrainn dhaibh duan a dheanamh ghabhadh iad duan a chual’ iad roimhe. So agad duan, no bloigh duain, a bhiodh aca ga ’ghabhail:—
“Mise nochd a dol air challaig,
A dh’ innse ’mhnathan a bhaile
Gur e ’màireach Latha Nollaig,
’S gillean bochd a dol a dholaidh,
Gun ìm, gun chàise, gun aran,
Ach droch chnapan bhuntàta,
Is duilleag chàil an déis a phrannadh;
Is coir am measgan a ghearradh,
Is coir am measgan a ghearradh,
Is mur a gearrar e gun chomhstri,
Theid an ordag ’chur air sgornan caillich.
Mise ’s dorus; fosgail so!”
Ach dh’ fhalbh na làithean ud, ’s cha till iad gu bràth. Agus cha ’n ’eil fhios agam am bheil daoine dad na ’s glice no na ’s fhearr.
Chuala mi a bhi ’g innse uair mu Ghall ’s mu Ghàidheal a bha ’connsachadh mu ’n Ghàilig, ’s iad a seasamh air clar-uachdair soithich a bha ’seoladh am mach a acarsaid ann an cearn’ àraidh. Bha ’n Gall ag radh nach robh innte ach cainnt gun diù; nach cuala esan òraid riamh ann an Gàilig, ’s nach robh feum innte. Am burraidh! “Nach cuala, gu dearbh!” ars’ an Gàidheal. “Seas ann an sin, mata, agus éisd riumsa treiseag bheag,” ars’ esan, ’s e ’cur a dhruim ris a chrann. Thoisich e ’n uair sin ri gabhail “Biorachan beag is Biorachan mor” cho luath ’sa bha na ’chomas. An uair a bha ’n Gàidheal ullamh ga ghabhail, thuirt an Gall, a bha ’g éisdeachd le ’bheul fosgailte, a sluigeachdainn a h-uile facal, nach cuala e a leithid de speecha o rugadh e. “Cha robh dùil agam,” ars’ esan, “gu ’m b’ urrainnear a leithid a dheanamh ’sa Ghàilig.” Chòrd an òraid cho math ris ’s gu ’m b’ fheudar do ’n Ghàidheal a ghabhail a dha no tri thursan dha. Agus a bharrachd air a sin, chuir e barailte de sgadan briagha a dh’ ionnsuidh a Ghàidheil.
Bha fear uair ann an cearn’ àraidh de ’n Ghàidhealtachd a bha ainmeil air son deanamh phort. Chaidh duin’ -uasal a bh’ anns an àite air chall air feadh na mòintich, agus cha ’n fhaca mo laochan ni a b’ iomchuidhe na oran a dheanamh dha. So na tha agam air chuimhne dheth:—
“Latha dhomh ’sa mhòintich
Air toir maighstir Seumas,
Thachair rium am bòcan,
Ròg-chailleach Staoghlaidh:
Thubhairt i ob-oban,
Ob-òb, thoir thu fhéin as!
Ach bhual mi mo dhòrn
Mu ’n t-sròin air a bhéisd ud!
FONN—Em bo, ogaidh o,
Cailleach mhor Staoghlaidh;
Em bo, ni mi spors
Ann an doigh éibhinn.
Em bo, ogaidh o,
Cailleach mhor Staoghlaidh.
Sid far robh ’n t-sabaid,
’S an sadadh air dhòrnaibh,
Bhogan, chnagan, feadh na mòintich,
Rachadh le ionnsuidh
Fodha dh’ ionnsuidh na t—e;
Cha ’n fhaca tu le d’ shùil
’Leithid a dh’ ùpraid ’s a dh’ ònaich.
Em bo, ogaidh o,
Cailleach mhor Staoghlaidh;
Em bo, ni mi spors
Ann an doigh éibhinn.
Em bo, ogaidh o,
Cailleach mhor Staoghlaidh.
Cha ’n ’eil facal firinn anns an oran. Cha robh cailleach mhor Staoghlaidh ann riamh.
Tha cuimhn’ agam air duine beag ruadh, fior charran, a bhiodh a taghal ’san taigh againn gu math tric. Air latha àraidh, beagan roimh àm na dinnearach, thachair dha tigh’nn a stigh. An uair a shuidh sinn aig a bhòrd, thug m’ athair cuireadh do dh’ Aonghas—oir b’ e so ainm—suidhe ’stigh agus an t-altachadh a dheanamh, ged a dh’ fhaodadh e bhi cinnteach nach d’ rinn Aonghas truagh altachadh riamh.
“Bu choma leam riamh,” ars esan, “an t-altachadh fadalach, ’nuair a dh’ fhàsadh an tì na ’sgudal anns a’ chupa. Mar a thuirt Donnachadh dearg, amadan a bh’ ann an Uidhist, ’fhad ’sa bha ’m buntàta gu math, ’s gach ni a soirbheachadh leam, bhithinn a deanamh altachaidh; ach o’n a dh’ eug mo bhean tha ’n saoghal ag àr na m’ aghaidh, is stad mi dheth.’ Nach robh an fhìrinn aige!”
Ged a bha Aonghas a taghal gu math tric an deigh sid, cha d’ iarradh riamh tuilleadh air altachadh a dheanamh.
Ach tha eagal orm gu ’n sgìthich mi sibh le m’ rabhtaireachd. Criochnaichidh mi an litir so,
A’ guidhe Nollaig cridheil
Is Bliadhna Mhath Ur
Do na phaipear Ghàilig,
’S an Gàidheal gu ’chùl,
A tha gach co’ -la-deug
A toirt sgeulachdan dhùinn,
Naidheachdan is orain,
Is stoiridhean ùr’.
Is mi bhur bana-charaid,
PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slòcain.
Iadsan a Phaigh.
Iain Mac-an-t- Saoir, Stratford , Ont.
Iomhar Mac Cuithein, Stayner , Ont.
Iain Mac Callum, Walker ’s, Ont.
Domhnull Mac Fhionghain, Riga , N. W. T.
Raonull Mac Eacharan, St . Andrew’s, N. W. T.
Gilleasbuig Camaran, Victoria , B. C.
Ceit F. Nic Leoid, Peveril , Que.
Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba.
Iain Mac Gillfhinnein, Hakataramea , N. Z.
Iain N. Beutan, Palo Alto, Cala.
Iain Mac Thorcuill, Iron , Minn.
Uisdean Mac Leoid, Six Mile Brook, N. S.
An t-Urr. D. Siosal, Heatherton , N. S.
Ailean Mac Gilleain, Halifacs, N. S.
Dr Murchadh Siosal, Halifacs, N. S.
R. S. Mac Leoid, Baile nan Gall.
Iain F. Domhnullach, Seana Bhridgeport
Niall Mac Gilleain, Fourchu
Gilleasbuig Mac-a- Bhiocair, Catalone .
Domhnull Mac-Phàrlain, Cox Heath
Eobhan Mac-a- Bhiocair, an Gleann Mor
Bean A. I. Dhomhnullaich, an Gleann Mor
Domhnull I. Mac Leoid, Abhainn Dhennis
Iain Mac Gillfhinnein, Abhainn Dhennis
Ailean N. Domhnullach, Bridgeport
Alasdair D. Mac Suain, Glascho
Iain Mac Leoid, Sidni Tuath
Bean Thormaid Mhic-an-t- Saoir, Loch Lomond
Iain E. Mac Leoid, Ingonish
Domhnull M. Mac Mhuirich, Sidni.
D. I. Mac Fhraing, Mèinnean Mhabou
Gilleasbuig Mac Neill, Ceap Dauphin
Domhnull Mac Gill-fhinnein, Port Hood
Ceit Nic Gillesheathaich, Grand River
Iain Camaran, Grand River
Alasdair Caimbeul, Brook Village
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An Togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St. ,san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.
SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 13. p. 8]
Duan Callainn.
LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN.
Thainig mise ’n so air Challainn,
Gu dorus a’ ghille ruaidh,
’S o’n is e fasan a’ bhaile
Nach fhaigh duine stigh gun duan—
Fasan a bh’ ann ri tìm ar n-oige,
’S coir dhuinn bhith ga ’chumail suas;
Gillean-Callainn anns gach dorus,
’Beannachadh ’s a’ gabhail dhuan.
Theid sinn gu tigh Dhomhnuill chùirteil,
Fear cho coir ’sa tha ’san dùthaich,
Gheibh sinn an t-aran gun chaomhnadh,
’S an t-ìm gasda, blasda, cùbhraidh,
Tì thoirt dhuinn ann am bùla,
Agus siùcar ann an cuaich;
Fiathachadh farsaing g’ a ionnsaidh,
Tha mi ’n dùil gu ’n teid mi suas—
An e mo bheatha?
Caismeachd Chloinn Chamarain.
(March of the Cameron Men. )
Cha ’n ’eil oganach treun de Chloinn Chamarain gu leir
Nach teid deonach fo Bhrataich Lochial,
Gu buaidh no gu bàs, ’s bidh iad dileas ’s gach càs,
Oir géill cha d’ thug Camaranach riamh.
Nach cluinn sibh fuaim na pioba tighinn,
Gu h-àrd thar monadh is gleann,
Agus cas-cheuman aotrom a’ saltairt an fhraoich!
’S i caismeachd Chloinn Chamarain a th’ ann!
O, ’s uallach an ceum, ged tha fios aig gach treun
Gu ’m faod e bhi ’màireach ’san ùir.
Ach gach armunn gun sgàth theid le cheannard do ’n bhlàr
Far ’m bu dualach dhaibh buaidh agus cliù.
Tha ’ghealach air éiridh ’s tha gathan air ceuman
Nan oigear tha treun agus fior;
’S àrd dochas an cléibh, ’s thuirt an ceannard e féin
Gur laoich iad nach géill anns an strith.
Nach cluinn sibh, &c .
A’ Bhan-righ Nach Maireann.
Rinneadh an t-oran so leis an Urramach Domhnull Mac-Callum, ministeir sgire nan Loch, an Leodhas. Choisinn e duais aig a’ Mhòd—duais a chaidh a thairgse air-son an orain-molaidh a b’ fhearr a dheante do Bhànrigh Victoria.
A’ Bhan-righ nach maireann,
Victoria chòir,
Tha nis anns na Flaithean
A mealtuinn a glòir,
Cho fad ’sa bhios talamh
Gu torach toirt feoir,
Bidh cuimhn’ air a mhaitheas
A nochd i na lò.
A’ Bhan-righ nach maireann,
Dhuinn’ molaidh na bàird
Gu binn anns na rannan
Bheir soileas gu bràth
’S na dùthchannan farsuinn
Gu cosnadh dhuinn stàid
’S an eachdraidh bidh aithris
Air obair a’ làmh.
A’ Bhan-righ nach maireann,
Mar Shola bho Neamh,
Fhuair gliocas is aithne
Gun tomhas gach ceum,
A dh’ ìocadh dhuinn ceartas
’S thoirt cogadh gu réit,
’S gu sior bheir sinn beannachd
Air solus a gréin.
A’ Bhan-righ nach maireann,
B’ i boirionnach ciùin,
Mar rionnaig na maidne,
Ri ’n togar gach sùil,
Gu ’n d’ éirich leat latha
Bha soileir g’a chùl
’S chuir ruaig air an fhaileas
’S an domhan bha dùmh’l.
A’ Bhan-righ nach maireann,
Rinn sgoilearan mòr,
A dh’ fhosgail gu farsuinn
An dorus gu eòl,
Chuir cumhachd ’n ar lamhan
Gu togail ar slòigh,
Gu àird air nach d’ amais
Gin romhainn ri ’m beo.
A’ Bhan-righ nach maireann,
Bha t-onair mar òr,
Thig glan as an lasair
’S nach dochann teas mòr;
Cha d’ iarr thusa beartas,
Bhi solar fo d’ sgòid,
Do shòlas b’ e labhairt
Do bhochdan gun treòir.
A’ Bhan-righ nach maireann,
Victoria chòir,
Bhi luaidh ort gur math leam
’Nuair thogas mi ceòl;
Do bhuaidhean thug barrachd
Gur soluis iad dhomhs’,
Ga m’ chumail ’san rathad
Gu cothromach stòld’.
Duanag do Cheap Breatunn.
LE ALASDAIR DOMHNULLACH, AMPAINTERMOR.
AIR FONN— “Fhir a bhata, ’s na ho ro eile.”
An tir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile,
An tir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile,
’S na fir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile,
Mo shoraidh slàn leibh gach là dhuibh éiridh.
Thoir soraidh bhuamsa thar chuain gu m’ chàirdean
’San eilean uaine ’san d’ fhuair mi m’ àrach,
A thog na h-uaislean bha stuam’ nan nàdar,
’S bha làn do luaidheachd nach d’ fhuair am pràbar;
’Bha seasmhach, direach ’s gach ni bu choir dhaibh,
’S a lean an fhirinn le sith gun dò-bheart:
B’ e sud an dileab ’fhuair sibh mar storas,
Nach treig gu dìlinn is sìlein beo dhibh.
Clann nan seoid nach robh crion na’n nàdar,
O ’m faight’ an fhialachd ’s am biadh gun phàidheadh;
Cha diult na siantan feur is bàrr dhuibh,
Na saibhlean lionta gu riarach’ chàich leis.
Clann nan saighdeir, gun fhoill, gun fhàillinn,
Ri uchd nan naimhdean nach d’ fhaighnich fàbhar;
’S ann mar an daoimein le bhoillsgeadh àluinn,
A bhitheadh soillse nan sonn ’sna blàraibh.
’S e soillse grein air a shliabh ’n trà-nòine,
’S na h-uillt ’s an iarmailt a riaghladh ceo dheth;
A mhaighdean bhriagha gun ghiomh na gò innt’,
A lughdaich d’ iargain ’s a mhiadaich d’ shòlas.
Na gleannan tiorail tha biadh is ceol annt’;
Tha gloir do ’n Trianaid am beul na h-oigh ann;
’S an t-eoinean briathrach ’cuir meud no oran,
’Sa mhaduinn fhiathail mu’n iath an ceo as.
Na tig gu dìlinn ach sìth is sòlas
’San àit’ am bi sibh, no linn dhe ’r seòrsa;
’S e bhi na ’r righrean am pris ’s am mòrachd,
Mo dhùrachd fhin dhuibh is mi air fògradh.
Antigonish , N. S.
Tha beatha an duine air a roinn ’na tri earrannaibh, agus is iad sin, an earrann a bha, an earrann a ta, agus an earrann a bhitheas. Bu choir dhuinn a bhi air ar teagasg leis an àm a chaidh seachad, buannachd fhaotainn o’n àm a ta làthair, agus gu bhi ’gar giùlan fein ni ’s fearr air son an ama ri teachd.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH’
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 13 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 13. %p |
parent text | Volume 11 |