[Vol . 11. No. 14. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 9, 1903. No. 14.
BLIADHNA MHATH UR.
MAR bu nòs do na Gàidheil o shean, ’s mar is nòs daibh gus an latha ’n diugh a bhi cur fàilte na Bliadhn’ ùire air a chéile a’ cheud uair a choinnicheas iad an déigh dhi tighinn, mar sin tha MAC-TALLA, a’ cheud uair so a ruigeas e a chàirdean air a bhliadhna 1903, a’ guidhe dhaibh le làn dhùrachd a’ chridhe BLIADHNA MHATH UR. Is e ghuidhe ’s a dhòchas gu ’m bi a’ bhliadhn’ ùr so na bliadhna shoirbheachail, shona dhaibh.
A’ BHLIADHN’ UR.
O SHEAN bu ghnàth leis na Gàidheil a bhi cur an céill an càirdeis ’s an deagh rùn do chàch a chéile aig an àm so de ’n bhliadhna. “Bliadhna mhath ùr dhuibh”: b’ e sid an fhàilte ’s thigeadh i o ’n chridhe. Cha bhiodh am freagradh dad na b’ fhuaire: “Mar sin dhuibhse agus moran dhiubh.” Cluinnear na briathran fhathast air bilean an t-sluaigh, ach their cuid gu ’m bheil na facail fuar agus gun mhoran brìgh seach mar a bha iad ri linn ar n-athraichean. Ma tha sin fior cha bu chòir e bhi mar sin. ’S olc an comharradh air neach no air sluagh a bhi leigeil leis an t-saoghal greim cho làidir a dheanamh orra ’s nach ’eil suim aca, ma bhios iad féin gu math dheth, gu dé mar bhios a chùis, math no olc, a thaobh muinntir eile. Cha bu dual do na Gàidheil a bhi dhe ’n inntinn sin. Tha aignidhean blàtha agus furasda ghluasad aca mar dhìleab o’n fheadhainn o’n d’ thàinig iad; agus cha ’n ’eil mise de ’n bheachd nach ’eil roinn mhath de ’n spiorad choibhneil, bhàigheil sin ann ar measg fathast. Gu ma fada bhios e mar sin.
Tha e nàdarra gu ’m biodh foghail aig an òigridh ris an Nollaig agus ris a’ Bhliadhn’ Uir. Tha faireachduinn na h-òige agus na h-aoise eadar-dhealaichte o chéile air iomadh dòigh. Is dual do ’n òige an cridhe bhi mireag riutha, agus o shean bha e na àbhaist fealla-dhà agus fearas-chuideachd a bhi na ’m measg aig an àm so dhe ’n bhliadhna. Cha mheasainnsa gu ’m biodh e chum buannachd air dòigh sam bith croma-cheann a bhi orra. Cha ’n ’eil diadhachd a co-sheasamh ann a mi-chumadh a chuirp. Biodh an òigridh neo-lochdach an gniomh ’s an còmhradh, agus biodh iad geanail, inntinneach, mar tha e nàdarrach dhaibh a bhi, fhad ’s a dh’ fhaodas iad. Mar bhios ùine dol seachad fàsaidh iad stòlda mar chàch, ’s cuiridh iad cùl le ’n toil féin ri iomadh ni a bha aon uair cho taitneach leò. ’Nuair chi sean mhuinntir òigridh subhach, sòlasach, tha e toirt togail inntinn dhaibh fein, agus ma tha iad glic, cha mhath leò toil-inntinn neo-chiontach na h-òige a mhilleadh orra gun aobhar.
Tha a shochairean agus a thoil-inntinn fein co-cheangailte ris gach tràth de ’n bhliadhna. Tha ceithir tràthan anns a’ bhliadhna, agus thugadh dhuinn buadhan inntinn leis am faod sinn toileachas agus taitneas fhaotainn bho na caochlaidhean fa-leth a tha na tràthan a toirt mu ’n cuairt. Tha Samhradh is Geamhradh, Foghar is Earrach againn, agus ged is eu-coslach ri chéile an aimsir agus cruth an t-saoghail anns na tràthan fa-leth sin, tha thaitneas féin an cois gach aon diubh. Bha so air a thuigsinn agus air fhaicinn gu sàr mhath leis an t-sluagh o ’n d’ thàinig sinn. Bha sùil aig na sean Ghàidheil gu maise nàdair fhaicinn, agus bu taitneach a sheinn na bàird mu bhlàths a chéitein agus mu ogluidheachd na gaillinn; mu àilleachd an fheasgair shamhraidh, agus mu dhoineann nan speur ann an dùbhlachd a gheamhraidh. Chuir na sean Ghàidheil an smaointean ann am bàrdachd, agus bha fonn freagarrach aca air-son gach ni ris an cuireadh iad an làmh. Ma ’s ann aig àiteach an fhuinn, no ag cuallach na spréidhe, air machair no air mòintich, bha fonn aca m’a choinneamh. Bhiodh an luinneag thàlaidh aig a bhanaltrum. Bhiodh “Gaol-an-t- aghan” aig a bhanachaig anns an eadradh. Aig a bhradhain, no a cur aird air calanas, bhiodh a crònan fein aig gach mnaoi. A dol air astar mara bhiodh an “Iorram” ann, agus air astar tire an “Spaisdearachd.” An àm dol ri uchd nàmh bhiodh am “Brosnachadh Catha” ann. An uair bu bhàs do ’n triath bhiodh an “Cumha” tiamhaidh ga ’chur suas. Agus, mar gach àm, air oidhche Challainn bhiodh rann ri chluinntinn aig na gillean-Callainn, agus b’ e mo thruaighe an té nach biodh còir, geanail, an uair a rachadh an caisean-Callainn a thomhadh rithe.
Anns an dùthaich so tha Bhliadhn’ Ur againn am measg reòtachd is fuar-shneachd a gheamhraidh. Tha gruaim air aghaidh nàdair, agus gorm mhaise na machrach ’s nan craobh air searg as. Tha ’n latha aig a ghiorrad, agus an oidhche fada, fuar, ach do neach an ni feum dheth, tha so uile na thaitneas agus na bhuannachd. Tha ’n talamh a nise còmhdaichte na thrusgan geamhraidh. Tha cluig nan each ri ’n clninntinn gu siubhlach air na rathaidean mora, agus co nach aidich nach ’eil dòigh siubhail eile ann cho taitneach ri suidhe ann an sleighe chlùthmhor, le béin umad agus mu ’n cuairt ort, agus each sunndach, luth-chasach a cur na slighe le bras-astar as a dhéigh. Tha nise an oidhche fada ’s mar sin cothrom aig an dichiollach anail a leigeil. Tha toradh na sean bhliadhna anns an taigh-thasgaidh, ’s cabhag cur is buana seachad. Faodaidh càirdean agus coimhearsnaich dol a dh’ fhaicinn aon a chéile uair is uair—seadh, beagan de ’n t-sean chéilidh a bhi ann. Ach tha ’n t-àm so de ’n bhliadhna ro-thaitneach le bhi toirt cothrom do ’n teaghlach cruinneachadh a stigh agus suidhe sios gu blàth, seasgair mu ’n aon ghealban; a chlann-nighean ’s am màthair ri figheadh no ri fuaghail; na fir a cur aird air ni eiginn dhaibh fein, agus fear no té ma seach a leughadh a mach á paipeir no á leabhar taitneach ann an éisdeachd chàich. Anns a chleachdadh sin cha ’n fhairichear uairean na h-oidhche gheamhraidh a dol seachad; ’s ann is luath leis an teaghlach a thig àm ghabhail mu thàmh.
Bliadhna eile. Tha gach bliadhna ’deanamh atharrachadh oirnn. Cha do dh’ fhàg a bhliadhna dh’ fhalbh sinn mar a fhuair i sinn, ’s cha mhò dh’ fhàgas i so. Dh’ fhàg an t-sean bhliadhna sinn mar nach d’ fhuair i sinn. Dh’ fhàs no shearg sinn. Thàinig sinn air aghart ann an eòlas no chaidh sinn na bu doimhne ann an clàbar an aineolais; tha sinn na ’s ullaichte no na ’s neo-ullaichte air son an saoghal fhàgail.
Tha ’Bhliadhna Ur air tighinn d’ ar n-ionnsuidh le tiodhlacan ùra. Tha i a giùlan ugainn, ann am pasgan dùinte agus air a sheulachadh, cuibhrionn air leth do gach neach. Cha bhi am pasgan air fhosgladh idir a dh’ aon bheum; ach mar a bhios na miosan a dol seachad bidh ni ùr air a thoirt am follais is air a bhàraigeadh oirnn—gach neach a faotainn as a phasgan a tha air a chur air leth dha fein. Sid mar a bha an uiridh agus anns gach bliadhna thainig air ar ceann o’n tharraing sinn a cheud anail, agus sid mar a bhitheas gus an tarraing sinn an anail mu dheireadh anns an t-saoghal. Mar bhios nithean ùra air an toirt am follais ’s air an toirt dhuinn bidh iad a deanamh caochladh drughaidh air ar n-inntinn—cuid dhiubh a toirt sòlais, agus cuid, ma ’s feumail e, a toirt doilghios agus ag aobharachadh tùrsa. Cha ’n e an t-aon bhuaidh a tha aig gach tiodhlac oirnn, gidheadh tha iad uile tighinn as an aon phasgan agus air am bàraigeadh oirnn leis an aon laimh, agus tha gliocas agus gràdh air cùl na laimhe tha air a sìneadh d’ ar n-ionnsuidh le cuibhrionn gach latha. Agus ma ghabhas sinn math as an laimh ud nach còir dhuinn mar an ceudna olc a ghabhail; seadh, ni a dh’ fhaodadh sinne, a thaobh ar n-aineolais, a mheas mar olc. Tha sinn mar leanabanan gun eòlas, a their olc ris gach ni tha seirbh agus math ris gach ni tha milis do ’n càil. Gidheadh cha ’n ’eil na h-uile ni searbh olc, no na h-uile ni milis math. ’S e nithean milis nithean taitneach a tha sinn a miannachadh, agus tha sinn a criothnachadh ro ni searbh. Ach air son sin tha nithean searbha gu math na ’n àite féin. Am bheil nithean cruaidhe am pasgan na bliadhna dhuinn? Cha ’n ’eil fios againn, agus is math nach ’eil. Tha e moran na ’s fearr sinn a bhi aineolach air na tha gu tighinn oirnn gus an tig e. Ach mar luchd-foghlum ann an sgàil na beatha so, biodh gach neach a giùlain smachdachaidh mar phàirt de ’n chùrsa-foghluim troimh bheil aige ri dhol. Cha ’n ’eil smachdachadh air bith am feadh a ta e làthair sòlasach, ach doilgheasach, gidheadh na dhéigh sin bheir e mor thoradh dhaibhsan a tha gu dligheach air an cleachdadh ris.
’S e ar dùrachd do ’n fhear-dheasachaidh agus do uile luchd-leughaidh a MHAC-TALLA, gu ’m bi iomadh ni taitneach ann am pasgan na Bliadhn’ Uire so, a bhios a cur gean air an gnùis agus aoibhneas na ’n cridhe.
C. C.
[Vol . 11. No. 14. p. 2]
A’ Bhliadhna ’n Uiridh.
THA ar beatha neo-chinnteach; ach air fhad ’s gu ’m faod neach sam bith a làithean a shìneadh, cha bhi e gu bràth tuilleadh cho faisg air a bhliadhna ’n uiridh ’s a tha e aig an àm so. Tha i gach latha dol ceum ni ’s fhaide uainn, oir air turus na beatha tha sinn a sior dhol air adhart, agus cha ’n eil e an comas duine bheò tionndadh mu ’n cuairt no dhol air ais. Am feadh ’s a tha sinn fhathast faisg air a bhliadhna dh’ fhalbh, ma-ta, gabhamaid sealladh oirre.
Thòisich a’ bhliadhna 1902 agus an iarmailt air a dorchnachadh le neòil dhubha a chogaidh. Bha na Breatunnaich ’s na Boerich a strith mu uachdaranachd Africa mu Dheas, ’s ged bha ’n t-strith air mairsinn còrr is da bhliadhna cha robh moran coltais gu ’n robh i gu bhi ’n ùine ghearr air a toirt gu crìch. Ach an ceann beagan mhios sguabadh na neòil dhubha air falbh, thainig coltas aoidh agus sith air aghaidh nan speur, fhuair am Breatunnach buaidh, ’s fhuair am Boerach ceartas, agus tha iad a nise gabhail còmhnuidh taobh ri taobh, ’s fior choltas orra gu ’n leigear naimhdeas agus strith an àm a chaidh seachad air diochuimhn.
Do ’n Iompaireachd Bhreatunnaich b’ e ’n ath ni bu chudthromaiche a thachair air a’ bhliadhna ’n uiridh crùnadh an righ. Bha tri fichead is ceithir bliadhna air a dhol seachad o ’n bha crùnadh ann am Breatunn roimhe, agus o ’n bha ’n sluagh uile air mhire le gàirdeachas an deigh gairm na sìthe, bhatar a’ faicinn iomchuidh crùnadh Righ Iomhair a bhi air a dheanamh le anabarr greadhnachais. Rinneadh gach ullachadh, agus bha gach ni deiseil, ’s an saoghal mor a feitheamh gu ioghnadh a ghabhail de neart ’s de mhòrachd Bhreatuinn, nuair thàinig sgeul an sgaraidh, gu ’n robh an righ air a bhualadh le tinneas agus na laidhe aig dorsan a bhàis. Thionndaidh sin an gàirdeachas gu bròn, ’s a’ mhòrchuis gu irisleachd, agus nuair chaidh an righ am feobhas, ’s a rinneadh a chrùnadh, sia seachduinean an déigh an àm a shònraicheadh an toiseach, cha b’ e othail uailleil a bha measg an t-sluaigh a bha ga ’fheitheamh, ach spiorad taingealachd do’n Fhreasdal a chaomhain beatha ’n righ ’s a rinn aiseag gu slàinte. Bha iad air fhiosrachadh as ùr nach b’ ann an làmhan dhaoine bha beatha righrean no neart rioghachdan, ach gu ’n robh iad uile fo riaghladh agus fo chumhachd Righ nan righ.
Air a bhliadhna dh’ fhalbh bidh cuimhne air-son an sgrios uamhasaich a rinneadh air eilean Mhartinique, ’s na h-Innsean an Iar, nuair a spraidh beinn Phelee, ’s a mharbhadh cóig no deich mile fichead sluaigh leis na sruthan teinnteach ’s leis an deathach phuinnseanta a spùt a mach aisde. Bha earrann mhor de ’n eilean thorach so air a dheanamh na ’fhàsach luathach, agus baile iomlan air a thionndadh gu bhi na ’ghràinealachd léir-sgrios, làn de chlosaichean dhaoine marbha. Tha aobhar taingealachd againne tha deanamh ar còmhnuidh anns na dùthchannan tuathach so aig nach eil eòlas sam bith air crithean talmhainn no air beanntan teine.
Beagan làithean mu ’n do chriochnaich a bhliadhna fhuair an saoghal fios air an ni bu chudthromaiche thachair ré a cuairt—ni airson am bi i ainmeil nuair bhios cogadh nam Boerach, crùnadh an Righ, agus sgrios Mhartinique a’ dol air diochuimhne. B’ e ’n sgeul sin gu ’n do shoirbhich le Marconi leis an innleachd a dhealbh e air-son fiosan a chur troimh ’n adhar thar fearainn is cuain air astar beag no mor. Gun teagamh b’ e so an ceum adhartais bu mhotha rinneadh le luchd-ealain an t-saoghail o chionn iomadh bliadhna—ceum a bhios a chum buannachd do shluagh gach dùthcha, ma ’s buannachd dhaibh a bhi comasach air fiosan a chur air ais ’s air adhart gun moran cosdais. An ceann beagan bhliadhnachan bidh e na ni cho cumanta do dhuine bhi faotainn “cogar-athair” á taobh thall an t-saoghail ’s a tha e ’n dràsda bhi faotainn litrichean.
Dh’ fhaodte iomradh a thoirt air iomadh ni eile a thachair, ach b’ iad so bu mhotha thug aire dhaoine ré na bliadhna, agus ’s iad a’s dòcha bhi air an sgriobhadh gu domhain ann an leabhar-cuimhne na h-eachdraidh.
Thug Tearlach Kingsley an seòladh a leanas do mhuinntir a tha deònach iad-fein a dheanamh mi-shona:— “Smaoinich ort fein, air na tha dhìth ort, air an urram bu chòir do dhaoine thoirt dhut, ’s air a bharail a th’ ac’ ort. A dh’ aon fhacal, suidhich do smaointean gu h-iomlan ort fein, agus an ùine ghearr bidh tu cho mi-shona ri aon neach a tha beò.”
Naidheachdan.
SIR WILFRID LAURIER—Tha Sir Wilfrid Laurier o chionn còrr is da mhios anns na Staidean air-son a shlàinte. Bha e ’n toiseach aig tobraichean teithe ann an Virginia, agus aig an àm so tha e ann am Florida. Bidh e tilleadh do Ottawa mu mheadhon a mhios.
INNEAL ITEALAICH. —Thatar ag radh gu bheil an t-Olla Bell o chionn treis de dh’ ùine air ais a’ feuchainn ri inneal-itealaich a dheanamh. Tha e-fein ag aideachadh gu bheil sin fior, agus mar an ceudna gu robh tomhas math de shoirbheachadh leis. Cha’n eil luchd-ealain mar tha ’n t-Olla Bell fein idir gun dòchas gu ’n gabh innealan dealbh leis am faod daoine siubhal troimh ’n àile cho luath ’s cho tearuinte ’s a ni na h-eòin.
A’ SIREADH FACAIL—Tha sgoilearan Beurla a’ feuchainn ri facal ùr a dhealbh a fhreagras air innleachd Mharconi. Tha cuid toileach Marconigram a dheanamh dheth, agus cuid eile ethergram. Anns a’ Ghàilig cha’n aithne dhuinn facal a b’ fhearr a dheanadh an gnothuch na “cogar-athair,” —a’ ciallachadh cogar a tha tighinn troimh ’n athar. Faodaidh e bhith gu ’m faighear facal a’s fhearr, ach gus am faigh, bidh “cogar athair” air ùisinneachadh le MAC-TALLA.
CUISEAN BHENESUELA—Tha greim aig Breatunn ’s aig a’ Ghearmailt air puirt Bhenesuela fhathast. Thatar a’ bruidhinn air a chùis a chur fa chomhair cùirt réiteachaidh, ach ma nithear sin, feumaidh na Stàidean a dhol an urras air Bhenesuela, gu ’m pàidh i na chuirear mar fhiachaibh oirre leis a chùirt sin, ’s gu’n cum i an t-sìth. Tha “Creud an Rothaich” an impis fàs draghail do na Geancaich. Mur biodh Cleveland air a dhol cho fad air adhart leatha, cha bhiodh na Bhenesuelich cho dalma, ’s cha robh an aimhreit a th’ ann an diugh air eirigh idir.
ONTARIO AN AGHAIDH AN OIL—Ged nach deach an latha leotha cho fior mhath ’s a bha iad ag iarraidh, tha luchd na stuaime an Ontario a’ meas gu’n d’ thug iad buaidh mhor air luchd an òil. Cha’n eilear fhathast cinnteach á dearbh àireamh nan bhòtaichean a chaidh a thoirt seachad air gach taobh, oir tha cuid de na h-àiteachan-bhòtaidh as nach d’ fhuaireadh fios dreuchdail. Ach a reir gach fios a fhuaireadh gu deireadh na seachduin s’a chaidh, bha 194,700 bhòt air-son cur as do mhalairt an óil, agus 101,234 na ’aghaidh. Nuair bheirear fa-near gu’n do chleachd luchd-reic an òil gach innleachd a bha na ’n comas air an taobh fein a neartachadh ’s an taobh eile lagachadh, tha na h-àireamhan so a’ nochdadh gu bheil a’ mhor chuid de shluagh Ontario air-son tur bhacadh a chur air deanamh is reic dibhe làidir.
BRITHEAMH UR—Tha an t-Onorach Aonghas Mac-Gille-Bhràth air a dheanamh na Bhritheamh Siorrachd an Antigonish, an àite a’ Bhritheamh Mhic-Isaic, nach maireann. Tha Mr. Mac-Gille-bhràth o chionn àireamh bhliadhnachan na bhall de phàrlamaid Nobha Scotia.
SGIORRADH MULADACH. —Thachair sgiorradh muladach aig Abhainn Inhabitants air an Di-luain mu dheireadh dhe ’n bhliadhna. Bha drochaid a bh’ air a togail le cuideachd an rathaid-iarainn ùir air a cur beagan bhar na stéidh leis an deigh ré na h-oidhche, agus a’ cheud inneal a dh’ fheuchadh ri thoirt thairis ’sa mhadainn, bhrist i fodha, ’s chaidh i do ghrunnd na h-aibhne. Fhuair na bha air bòrd as le ’m beatha ach aon duine, fear Carter, a mhuinnntir Oxford, N. S., a bha air a bhàthadh.
CUNNARTAN A “GHAS” —Bha fear Alasdar Mac-Aoidh, a mhuinntir Cheap Mabou, air a mhùchadh le gas ann am Boston latha Nollaig. Bha e ’n tigh a mhic, air an robh e ’g amharc, agus nuair bha e dol a chadal, chuir e as an solus gun an gas a thionndadh dheth, agus bha e air a phuinnseanachadh leis re na h-oidhche. —Thainig am bàs air an dòigh cheudna air ministeir Methodach a mhuinntir Ghuysboro, an t-Urr. I. R. Sellers, ’s e ann am Philadelphia a’ coimhead a bhràthar.
SGIORRADH UAMHASACH—Di-haoine, an 26mh latha de Desember, thachair sgiorradh uamhasach air an rathad-iaruinn aig Sarnia, Ontario. Bhuail da threin na ’cheile ’s iad a falbh aig an luaths, ’s bha iad air am bristeadh na ’n spealgan. Bha ochd air fhichead de ’n luchd-turuis air am marbhadh ’s còrr is da fhichead air an leònadh. Bha stoirm shneachd ann aig an àm ’s bha ’n iarmailt cho dorcha ’s nach bu léir do fhear na h-inneil ach astar gle bheag roimhe. Feumaidh e bhith gu ’n d’ rinn oifigeach air chor-eigin mearachd nuair chaidh da thréin a leigeadh an coinneamh a chéile air an dòigh ud.
A’ MEUDACHADH A CHRIOCHAN—Tha Andra Carnegie an deigh oighreachd ùr a cheannach an Alba—earann de Phittencrief, anns am bheil Gleann Dhunfermlin. ’S anns a ghleann so a tha Tùr Dhunfermlin, an caisteal anns an do phòs Calum Ceann-mor a’ bhan-Phrionnsa Mairearad an deigh dhi tighinn air fògradh á Sasunn. Tha Carnegie ag radh gur masladh do dhuine bhi saibhir aig àm a bhàis, ach tha eagal oirnn, mur dean e cabhag, gu bheil am masladh sin a’ feitheamh air féin. Cha’n eil na tha e cosd ann an togail leabhragain ’s an ceannach òrgain, ged is mor e, a’ deanamh lughdachadh mor sam bith air a’ chuid earrais.
DEICH BLIADHNA FICHEAD NA ’THOSD—Tha fear Jerry Miller a’ fuireach leis fein an cearn aonranach de Stàid Ohio nach do labhair ach gann facal o chionn deich bliadhna fichead. Nuair bha e na ’bhalachan òg ghabh ’athair air gu dona aon latha air-son coire eigin a bha esan ag radh nach d’ rinn e idir. Cha chreideadh ’athair e ’s thug e dha beagan a chòrr air-son e bhi, mar a shaoil leis-san, ag innse bréige. Ghabh Jerry a’ chùis cho dona ’s nach d’ fhuair ’athair no neach eile facal bruidhne as riamh tuilleadh. Tha deich bliadhna fichead air dhol seachad o’n uair sin, agus cha’n eil duine beò a chual e labhairt dusan facal ré na h-ùine sin.
AFRICA MU DHEAS—Tha ’n t-Onarach Ioseph Chamberlain an deigh Africa mu Dheas a ruigheachd, agus tha e ’gabhail seallaidh air an duthaich ’s a’ feuchainn ri cùisean a shocrachadh eadar na Breatunnaich ’s na Boerich. Cha’n eil Morair Milner, duine fhuair a chàineadh gu guineach leis na Boerich, ri bhi air a charachadh as a dhreuchd: tha e na sheirbhiseach dileas do ’n chrùn, agus nochd e gliocas a tha toillteannach air deagh dhuais. Tha e gle choltach gu ’m bi na Boerich, a lion beagan is beagan, a’ fàs riaraichte le ’n crannchur fo riaghladh Bhreatuinn. Tha cuid dhiu air sin a nochdadh mar tha. Tha àireamh dhiu an deigh iad fein a thairgse mar shaighdearan gu dhol a chogadh air taobh Bhreatuinn ann an Somaliland, far am bheil ceann-feadhna Arabaianach a deanamh ceannairc na ’h-aghaidh. Ghabh Breatunn an tairgse gu toileach, oir ni na Boerich deagh luchd-cogaidh, mar a fhuair i mach nuair bha iad an ar-a- mach na ’h-aghaidh.
[Vol . 11. No. 14. p. 3]
POSADH DHOMHUILL AN FHIDHLEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
O CHIONN àireamh mhor bhliadhnachan bha duine còir a còmhnuidh ri taobh Loch an Tuirc, an cearn àraidh dhe ’n Ghàidhealtachd, do ’m b’ ainm Coinneach fìdhleir. Bha e na ’dhuine glic, deanadach, ’s bha mar sin an saoghal a dol leis glé mhath, a réir mar a bha sin air a chùnntais na ’latha ’s na ’linn. Bha stiall mhath fearainn aige, ’s crodh agus caoraich air uachdar, ach cha robh aige de theaghlach ach aon mhac, air an dug e fhéin ’sa bhean, an déigh moran seanachais agus barrachd smaointean, Maol-dònaich mar ainm. An uair a thàinig Maol-dònaich gu aois reusain bha e soilleir ri fhaicinn nach fhàgadh e lorg gu bràth an gaineamh na tìme troimh thùr no tuigse, oir thaisbean e, mo thruaighe, gu math òg, nach robh air thuar a bhith aige ach sradag gu math faoin dhe na buadhan sin. Bha e fuathasach diochuimhneach, oir bha e na ’fhacal ’san àite fad iomadh latha, na ’n tachradh do dh’ aon mearachd sam bith a dheanamh a thaobh diochuimhn, “tha thu cho dona ri Domhull an fhìdhleir.” Cha ruigeadh a phàrantan a leas cadal sam bith a chall a taghadh ainme dha nach biodh cumanta, oir an uair a dh’ fhàs Maol-dònaich mor gu leor agus làidir gus ainm fhein a ghiùlan, cha deach e fada air slighe cheòthmhor a bheatha ’n uair a chaill e gu buileach e, oir cha bhiodh cuimhn’ aige tiotadh air an ainm iongantach sin.
Bha ’phàrantan a gabhail fadachd gu leòr gus am biodh e cho sean ’s gu ’m faodte chur do ’n sgoil, feuch an rachadh aig an t-seann mhaighstir-sgoile, Murachadh saighdear, air beagan ùirneis a chur na ’sheòmraichean uachdrach, a dh’ fhàg nàdar cho falamh. Thàinig an latha mor mu dheireadh, ’s chaidh fhaighinn deiseil gu math moch. “A nis, a luaidh,” arsa Catriona mhór, a mhàthair, ’s an dealachadh, “ma dh’ fhaighnicheas seann Mhurachadh saighdear dhiot dé d’ ainm abair gu bheil Maol-dònaich, ainm do sheanar, duine bha gu math na b’ fhearr na esan, ’s iad ag ràdh gu ’m bi e ceasnachadh nan sgoilearan, a feòrach mu gach ni a bhitheas a dol air aghart na ’n dachaidhean air son innse do bhantrach ruadh an tàillear, ’s i ’n impis a dhol as a rian m’a dhéidhinn seann—chas-mhaide gun bhuaidh, ’s gun an tàillear fuar fhathast an cìll a chlachain!”
Am mach a ghabh Maol-dònaich gu h-umhail, ’sa h-uile facal dhe so aige na rann ga ’ghabhail roimhe, ach suas gu dorus an taigh-sgoile bhuail òrdag ann an cloich ’s thuit e, ’s an uair a dh’ éirich e cha robh bìdeag dhe ainm fhéin aige, ged a bha h-uile facal eile aige. (B’ ann ’sa mhionaid sin a thug e Domhull air fhéin, ainm a lean ris fhad ’s bu bheò e.) An uair a ràinig e ’m maighstir-sgoile, co bha còmhla ris ach bantrach an tàillear, ’s e sgrìobhadh litreach dhi. Ghabh Domhull an fhìdhleir suas gun nàire, gun athadh, agus sheas e eatorra.
“Seadh, a bhalaich ghlogaich!” arsa Murachadh, “co leis thusa, agus dé d’ ainm?”
“Thuirt mo mhàthair rium innse dhut gu bheil Domhull, ainm mo sheanar, duine bha gu math na b’ fhearr na thusa, ’s iad ag ràdh gu ’m bi thu ceasnachadh nan sgoilearan, a feòrach mu gach ni a bhios a dol air adhart na ’n dachaidhean, gus innse do bhantrach ruadh an tàillear, ’s i ’n impis a dhol as a rian mu sheann chas-mhaide gun bhuaidh, ’s gun an tàillear fuar an cìll a chlachain fhathast!”
Cha do chum Domhull uiread so còmhla air chuimhne riamh roimhe no na dhéigh, ’s leis an ioghnadh cha duirt duine guth gus an robh e réidh. Dh’ éirich an sin am maighstir-sgoile ’s chaidh e gu bragadaich, ach bha sin caoin-shuarach le Domhull, oir aig an àm ciod a chunnaic e ach am miaran dearrsach buidhe ’bh’ air cas-mhaide Mhurachaidh, agus le iollach thoilichte thug e tàrradh air son an rud briagha fhaighinn, ionnsuidh a chuir am maighstir-sgoile bochd air a dhruim-dìreach mu choinneamh na bantraich ’s nan sgoileirean.
Mar a bha e fàs suas b’ ann a’ sior fhàs diochuimhneach a bha e. Air aon latha chur athair e do ’n bheinn a dh’ iarraidh na caora Nollaig, ach an uair a ràinig e cha robh cuimhne aige dé bha bhuaithe, ach o’n a bha taod aige smaointich e gur e eallach fraoich a bha dhìth air, rud leis ’n do ràinig e dhachaidh, ’s a’ mheòirean air an gearradh, ’san anamoch.
Cha robh car air thalamh a b’ fhearr le Domhull an fhìdhleir a bhi deanamh na bhi ’ruith choineineach, creutairean a bha gu math pailt ’san àite. Agus ged nach cualas gu ’n do rug e air aon riamh, chìteadh e gach feasgar, le ’fhalt fada bàn m’a ghuaillean ’s iolach ait na ’bheul, ga ’n ruagadh mu chuairt nan creag. Ach cha mhaireadh so gu bràth. Thàinig an t-àm an do thuit cùram an taighe air Domhull; oir aig aois chóig bliadhna fichead chaill e ’athair, ’s dh’ fhàgadh e fhéin ’s a mhàthair, boirionnach còir, socharach, na ’n aonar.
Bha iad aon oidhche ’stigh aig a ghealbhan mar bu ghnàth, mu mhios roimh Bhliadhn’ Uir—Domhull air a thiodhlacadh ann an sliseagan, far an robh e feuchainn ri fearsaid a dheanamh dha ’mhàthair, ach bhiodh a h-uile té ro mhor no ro bheag, ’s mu ’m faigheadh e iad ’sa chumadh bu mhiann leis theirigeadh iad. Bha ’mhàthair ’s an càrdadh na ’thàmh air a glùin, rud a bha nochdadh mar-ris an t-suil a bheireadh i ’n dràsda ’sa rithist air a mac gu ’n robh ni àraidh a nochd air a h-inntinn.
“A Dhomhuill, a luaidh,” ars’ ise, “tha ’n t-àm agad pòsadh. Cha bhi mise fad’ agad. Ach ma bhios tu fhéin sgiobalta bidh bean agad fhathast mu ’n teid a Bhliadhn’ Ur seachad. Tha Màiri Nèill bhàin na ’caileig mhodhail; agus dh’ innis a màthair dhomh an diùrais, a tighinn as a chlachan an là roimhe, gu ’m faigh i ’bhó ghlas ’s a laogh mar thochradh an uair a phòsas i.”
“Ceart gu leòr, a mhàthair,” arsa Domhull, ’s e cur pios maide ri ’shùil; “an teid mi ga ’h-iarraidh a nochd?”
“Theid thu ann feasgar am màireach. Agus o’n a gheall mi-fhìn an coileach dubh, fear dhe ’n phòr ùr, dh’ a màthair, bheir thu leat e, ’s ni thu mar sin an da ghnothuch.”
“Ach, a mhàthair,” arsa Domhull, ’s e tachas a chinn, “cha do phòs mise riamh, ’s cha ’n ’eil fios agam ciamar a dh’ iarras mi Màiri.”
“Tut, a chladhaire!” ars’ a mhàthair, “cha do dh’ irrr d’ athair mise riamh, cho fad ’s is cuimhneach leam. Shuidh e dìreach ri m’ thaobh, ’s chuir e ’làmh mu chuairt orm, ’s bha sin a nochdadh gu ’n robh ni bhuaithe na b’ fhearr na briathran sam bith.”
Mar sin air an ath fheasgar ghabh Domhull an fhìdhleir an t-slighe le ceum sunndach a dh’ iarraidh Màiri Nèill bhàin, ’s an coileach aige gu clùthmhor fo ’chòta na achlais, àite fhuair an t-ian cho còsail ’s gu ’n do chaidil e, ’s mu ’n robh e leitheach slighe cha robh cuimhn’ aig Domhull gu ’n robh leithid idir air a shiubhal. An uair a chaidh e stigh do thigh Nèill bhàin bha ’n crùisgein gun lasadh, ’s cha bu léir dha duine no ni, ach ar leis gu ’m fac’ e troimh ’n duibhre nighean a ghaoil air ceann na beinge. Ghabh e suas gu sàmhach ’sa suidhe ri ’taobh, chuir e ’làmh m’a meadhain agus thug e ’m fàsgadh ud oirre, ach gu mi-fhortanach bha ’n coileach eatorra, ’s an uair a fhuair e ’bheatha ga ’fhàsgadh as, leig e sgriach uamhalta, mhi-nàdarra, a thug air a chaileig a ghlac Domhull sgriach eile ’leigeil am mach nach robh dad na bu taitniche, agus thug i ’n dorus oirre. A nis, co bha so ach té bhiodh a deanamh a beòlaind air siubhal nan taighean, a bha aig an àm a rug Domhull oirre a tuiteam na cadal, ’s tha iad ag ràdh nach fhacas i ’n taobh ud gu bràth tuilleadh.
Co dhiu chaidh Màiri a ghealltainn do Dhomhull an fhìdhleir le ’h-athair ’s le ’màthair, gun i fhéin fhoighneachd, mar a bhathar a deanamh gu tric ’san àm, oir bha crodh agus caoirich aig Domhull, a dheanadh suas, bha iad a smaointean, air son na bha ga ’dhìth de thùr. A nis, bha leannan eile aig Màiri do ’m b’ ainm Callum bàn, aig nach robh spréidh cho pailt, ’s mar sin cha robh math dha e fhéin a nochdadh aig dorus Nèill, oir cha robh air a thaobh ach Màiri fhéin agus Iain beag a bràthair. B’ ann mar sin gu tùrsach a leig Callum bàn a rùin ri Iain beag, an uair a chaidh an naidheachd m’a sgaoil gu ’n robh e dol a chall Màiri, ’s gu ’n robh amadan air thuar a bheatadh.
“Fàg thusa ’n gnothuch na ’m lamhansa,” ars’ Iain beag, “agus ma tha thu air son Màiri a bhi agad bi air chùl na creige móire ri taobh na h-eaglais latha ’phòsaidh.”
Gle thoilichte dh’ fhàg Callum gach ni na ’lamhan, oir bha earbsa mhor aig’ as, agus chaidh e dhachaidh.
B’ e cheud char a rinn Iain beag a dhol far an robh Anna nan cearc, nighean a bha fuireach na ’h-aonar o’n a dh’ eug a màthair, ’s nach robh idir cho òg ’sa bha i aon uair. Bha diùrais fhada dhiomhair eatorra, air nach ruig sinn a leas tighinn thairis, ach b’ e na briathran a thuirt Iain beag ’san dealachadh, “Cuimhnich a nis, Anna, gu ’m bi do shùil am mach far na dh’ iarr mi ort, oir tha Domhull an fhìdhleir air mionnachadh gu ’m bi bean aige latha na Bliadhn’ Uire, ’s ma ni thu mar a dh’ iarr mi ort bidh cruit Loch an Tuirc agad fhathast ’s na bheil air uachdar. Mar tha fios agad fhéin tha Maighstir Tormad air fàs leith-bhodhar agus ’s fhad o bha e leith-dhall.”
“Air m’ fhacal, Iain, bu tu fhéin an gille! Na biodh cùram ort nach dean mise mo dhichioll, oir tha mi sgìth dhe ’n toll so,” ars’ Anna, ’s i toirt sùil air a bhothan os a cionn.
Air an latha mu dheireadh dhe ’n bhliadhna bha còmhlan beag, agus pàirt diubh aighearach, cruinn ’san eaglais, far an robh Domhull an fhìdhleir agus Màiri Nèill bhàin a dol a thionndadh o bhith na ’n dithis gu bhith na ’n aon. Dh’ fhàgadh gach ni an lamhan Iain bhig, agus ’s e bu choireach am pòsadh a bhith ’n eaglais a chlachain. An oidhche roimhe sin bha e ùine mhor an cuideachd Dhomhuill an fhìdhleir, ’s fad na h-ùine cha do rinn e car ach a bruidhinn mu choineinan, gus mu dheireadh ’nuair a dh’ fhàg e cha robh sian an ceann Dhomhuill ach na creutairean stubach sin, ’s bha e tairgse do dh’ Iain beag rud sam bith air son nan tri peatachan a bh’ aige fhéin. An uair a thainig àm a phòsaidh cha robh sealladh air Iain beag, oir bha e falach ri taobh dorus na h-eaglais ’s na peataichean aige ann am poca. Bha sgioba a phòsaidh ’san aghaidhean air an dorus fhosgailte, ’s ceann Dhomhuill an fhìdhleir os an cionn. An uair a bha ’n gnothuch a tòiseachadh leig Iain air falbh coinean seachad dorus na h-eaglais, ’s chunnaic e Domhull a toirt goradh, as ach cha do ghluais e. Leig e air falbh na dha eile, ’s am mach a leum Domhull an fhìdhleir ag éigheach, “Coinnich iad! coinnich iad!” ’s chaidh e á sealladh, mu ’n robh fios aig càch dé thachair, oir cha ’n fhac’ iad ni. Am
[Vol . 11. No. 14. p. 4]
mach a ghabh iad air tòir fear na bainnse, a fàgail an t-seann phears’ -eaglais agus Màiri na ’n aonar. Ann an tiotadh bha Callum bàn agus Iain beag a stigh, ’s an ceann dheich mionaidean bha na leannain air am pòsadh cho daingeann ri dithis. Aig a cheart àm, air toirt thairis, ’s na cheò na bu mhotha na bha e riamh, bha Domhull an fhìdhleir na sheasamh ’s gun sealladh aige air na coineinaich. Sùil do ’n dug e co chunnaic e nuas uige ach Anna nan cearc. An àm dhith bhi dol seachad thàinig droch thuainealaich na ’ceann, ’s mur biodh Domhull air breith oirre bha i air tuiteam aig a chasan. Bha e mar so, ’s greim aig’ oirre gu teann, cruaidh, ’n uair a thàinig a chuideachd a bha ga ’shireadh, agus na ’m measg bha Niall bàn fhéin.
“Tut, a Dhomhuill,” ars’ Anna, an uair a bha iad gu bhi aca, air chor ’s gu ’n cluinneadh iad i, ’s i nis gu làidir, “na bi ga m’ fhàsgadh cho làidir; pòsaidh mis’ thu gun teagamh, ma gheibh mi le m’ bheatha as do lamhan!”
“An creid mi mo shùilean ’s mo chluasan!” arsa Niall bàn gu crosda; “an e gu ’n do dh’ iarr thu air Anna do phòsadh ’s mo nigheansa fhàgail ’san eaglais?”
“Tha mi coingeis!” arsa Domhull, ’s e sealltainn mu ’n cuairt, mar gu ’m biodh e air dùsgadh. “Ach am faca sibh sealladh air na coineinaich?” Cha robh ’n còrr ri ràdh. Fhuair Anna nan cearc do ’n eaglais e, ’s an dorus a dhùnadh, ’s mu ’n do dh’ fhosgladh e bha snaim eile air a cheangal nach fuasgladh fiacail. Mar so bha bean aig Domhull an fhìdhleir air latha na Bliadhn’ Uire an déis a h-uile rud.
LITIR A FRAMBOISE.
BLIADHNA mhath ùr dhut, a charaid, ’s do uile luchd-leughaidh MHIC-TALLA! agus ma ’s math a tha sibh gu ma seachd fearr a bhitheas!
Is fhada bho nach fhaca sinn mios deireannach bliadhna cho stoirmeil, fuar ris a mhios so ’dh’ fhalbh; ach ’s ann acasan a bha air cuan a bha faireachadh air cho ro stoirmeil ’sa bha i. Saoilidh mi fhéin, fhad ’s a bhios mo chas air tir, nach còir dhomh a bhi ri gearain, ged a bheireadh an reothadh dathadh air bharraibh mo chluasan ’s ged a chuireadh e rughadh am bàrr mo shròine eadar an sabhal ’s an taigh. Ach
“ ’S beag a shaoileas fear aig baile,
Ga ’gharadh ri éibhlean,
Gu ’m bheil seoladair na mara
’Toirt a bheatha ’n éiginn.”
Bha rathaidean sleighe againn cho math ’sa dh’ iarramaid fad da sheachduin, agus gu dearbh ’s iomadh duine a ghabh an cothrom orra; ach thug aiteamh na seachduin s’a chaidh air falbh an sneachda gu buileach, ’s tha ’n làr a nise cho lom ’sa bha e riamh. Is mor an tanachadh a tha ri fhaicinn air na siantan anns a chearna so seach mar a bha ri ’r ceud chuimhne. Aig an àm a bha ’n sin bhiodh cunntas throidhean de shneachda air làr mu Nollaig agus mhaireadh e mar bu trice gus a cheud mhios dhe ’n t-samhradh. Ach o chionn chùnntas bhliadhnaichean ged a thuiteas beagan sneachda tha ’n aiteamh na ’lorg ’s cha mhair e ach ùine ghoirid. Cha ’n ’eil teagamh nach biodh e na b’ fhearr do ’n talamh còmhdach math sneachda bhi air fad dùbhlachd a gheamhraidh, a chumadh blàths is dion bho ’n reothadh air. Ach ’s cinnteach gur còir dhuinn a bhi umhail do gach dòigh is atharrachadh sìde a dh’ fhaodas am Freasdal a chur oirnn; agus gu ’n tugadhmaid fainear a chumhachd ’s a ghliocais anns na siantan cho math ri dòighean eile anns am faod e bhi ga ’fhoillseachadh fein.
Bha soitheach a stigh ann am Fourchie air an t-seachduin s’a chaidh le luchd barra á Eilean a’ Phrionnsa. Bha i reic coirce aig 45c. am buiseal; buntàta aig 38c.; tuirneip aig 25c.; currain is beets aig 25c. Cha d’ fhuair sinn moran uaipe, a chionn bha bàrr math feadh na dùthcha air an fhoghar, ’s mar sin bha aig an roinn bu mhotha am fóghnachdainn iad féin. Ach air a shon sin faodaidh gaiseadh tighinn oirnn a rithist, ’s bu mhath leinn soithichean dhe ’n t-seorsa ud a bhi taghal oirnn.
“Ach am bheil thu cluinntinn guth air anrailroad ? ” “Cha ’n ’eil gabadh.” ’S e sid toiseach gach còmhraidh aig gach bodach na ’r measg. Agus gu dearbh bha mi fhein an dùil mu ’n àm so ’n uiridh gu ’m biodh e ga ’thogail seachad sios gu Sidni no Louisburg. Ach o’n a tha e air a thogail cho fad ri St. Peter’s cha ’n ’eil teagamh gu ’n criochnaich e ’n sin. ’S e barail choitchionn am measg dhaoine gu ’m bi cùisean mu thimchioll air an cur air dòigh aig cruinneachadh na pàrlamaid, ’s mar sin gu ’m bi e air a chur troimhe air an t-samhradh s’a tighinn.
Tha ’n t-àrd luchd-riaghlaidh againn an drasda a togailtelegraph line—cha ’n aithne dhomh Gàidhlig a chur dhuibh air an fhacal ud—eadar St. Peter’s agus Louisburg. Tha iad a leantuinn rathad a chladaich leatha. Tha iad an dùil i bhi deiseil aca air an t-samhradh s’a tighinn. Bha iad an dùil gu ’m faigheadh iad na puist ri cheannach troimh ’n dùthaich, ach cha robh iad a tairgse air an son na bha sinn a smaoineachadh a phàigheadh sinn an cur air an làraich dhaibh, ’s cha ’n ’eil teagamh nach toir iad á àiteachan eile le soithichean na bhios a dhìth oirre dhiubh.
Tha ’ntelegraphfhéin na ni tha glé iongantach, ach is e ’nwireless telegraphyan ni is fior iongantaiche air fad. Bha mi an oidhche roimhe a leughadh mu Mharconi ’s mu ’innleachd, nuair a dh’ fhoighneachd Seònaid mo bhean dhiom— “Seadh,” ars’ ise, “am bheil dad ùr ’sa phaipear an nochd?”
“Mata, a bhean,” arsa mise, “tha mi faicinn aon rud a tha cur mor ioghnadh orm, agus ’s e sin gu ’m bheil duin’ òg a mhuinntir na h-Eadailt an dràsda an Ceap Breatunn, agus theid aige air bruidhinn ri duine anns an t-seann dùthaich, agus cha ’n e sin a mhàin, ach gun aona chuid dewireno de shreang aige eadar an da àite na chrochadh an crùisgein dhut ri faradh nan cearc no ’phoit bheag ris a chromaig.”
Ach, a bhobag, leig i as a chuigeal, is sheall i eadar an da shùil orm, mar gu ’m biodh i an teagamh an robh no nach robh mi da-rireadh.
“Am bheil thu fhein a creidsinn a leithid sin?” ars’ ise.
“Tha mi ann an tomhas mor ga ’chreidsinn,” arsa mi fhein, “a chionn tha mi tuigsinn gu ’m bheil an dearbh ni anns a’ phaipeir aig Seumas. Agus mur do mheall mo bharail mi, bha MAC-TALLA fhéin ag ràdh gu ’n robh a leithid a dhuin’ ann; ’s tha thu fhein a cumail am mach nach do dh’ innis MAC-TALLA breug riamh.”
“Tha thu fhein is MAC-TALLA ’s a h-uile mac màthar agaibh,” ars’ ise, “coltach ri ’cheile. An rud a thàrmaicheas na ’r ceann cha chuir an saoghal fhein as e. Am bheil thu fhein an dùil gu ’n creid mise gu ’n seas fear air cnoc ann an Ceap Breatunn, ’s ged a chuireadh e pluic air fhein uiread ris a bhucaid uaine, gu ’n cluinn Marsaili bhàin ann an Steòrnabhaigh, no Domhnull òg mo bhràthair ann am Pabaidh e? Nonsans ort! cha chluinn. Mo mhearachd, a sheòid, gu ’n toir e làn mo sgamhain dhomh gu ’n cluinn thu fhéin mi ’g éigheach ort dhachaidh á pàirce nead a chlamhain, ’s tha mi smaoineachadh gu ’m bheil mo ghuth fhathast a cheart cho sgallanta ri guth aona mhac bodaich Eadailteach a ghabhas faotainn.”
“ ’S ann agam tha brath air mo chosg,” arsa mise rium fhein. Ach cha dubhairt mi an corr mu Mharconi ri Seònaid, agus bha sin cho math.
CEANN LIATH.
Latha na Bliadhn’ Uire, 1903.
A’ GHAIDHLIG: A H-EACHDRAIDH AGUS A LITREACHAS.
(Air a leantuinn).
THA ’m focal Greigis chortòs a ciallachadh àite air a dhùnadh(enclosed place) .Comh-chordadh ris an fhocal so tha againn anns an Laidinnhortus (lios), agus anns a’ Ghaidhlig gort no gart, focal ris an coinnich sinn gu tric ann an ainmibh àiteachan, agus a ta againn mar an ceudna anns an fhocal gortan, achadh beag, Tha na focailgardenagusyardanns a’ Bheurla càirdeach do ’n fhocal so. Tha ’m focalcheimaa’ ciallachadh anns a’ Greigis geamhradh, reodhadh, fuachd. Comhchordadh ris na focail sin tha ’m focail Laidinnhiems ,agus an seann-focal Gaidhlig geamh o ’m bheil geamhradh a’ teachd, mar a ta samhradh o ’n t-seann-focal sàmh. Thachairoa’ ciallachadh bhi deanamh aoibhneas, agus comh-chordadh ris tha ’m focal gairdeachas. Chomh-chordadh rigignomaio ’n fhreimh gen, thagignoanns an Laidinn agus gin anns a’ Ghaidhlig, agus faodar a thabhairt fainear gu ’m bheil gin ni ’s faisge air an t-seann fhreimh na aon chuìdgignomainogigno .Tha ’n t-seann fhreimh againn anegenomenanns a’ Ghréigis agus ann an rogensam, anns an t-seann Ghaidhlig. Comh-chordadh ris an fhocal Ghreigistegos ,mar an ceudnastegos (còmhdach air son tighe), thatectumo ’n fhocaltegoanns an Laidinn, agus tigh agus teach anns a’ Ghaidhlig. Comh-chordadh ri dakru anns a’ Ghreigis thalacrymaanns an Laidinn (l air a cur air son d cosmhuil rilinguaagusdingua ,teangadh) agus deur anns a’ Ghaidhlig, comh-chordadh ridakruanns a’ Ghréigis. Comh-Chordadh rikuriosanns a’ Ghreigis tha curaidh anns a Ghaidhlig. Comh-chordadh rikritesanns a Ghreigis tha ceart anns a’ Ghaidhlig. Comh-chordadh riolenaanns a’ Ghreigis, thaulnaanns an Laidinn, agus uileann anns a’ Ghaidhlig. Comh-chordadh riklinoanns a’ Ghreigis thaclinoanns an Laidinn agus claon anns a’ Ghaidhlig. Comh-chordadh rikuon , kunos,thacanaisanns an Laidinn, agus cu, con, anns a Ghaidhlig. O na focail sin, agus o iomadh focal eile a dh’ fhaodainn a chur fo ’r comhair, chithear gu ’m bheil dàimh dhlù eadar a’ Ghaidhlig agus a’ Ghréigis agus an Laidinn, o ’m bheil e soilleir gu ’m buin iad do ’n aon teaghlach.
Nan ceadaicheadh ùine dh’ fhaodainn dol air aghaidh a nis gu bhi a’ nochdadh a’ chàirdeis a ta eadar a’ Ghaidhlig agus cuid eile de na cainntibh a bhuineas do ’n teaghlach Indo-Europeanach, mar a ta na cainntibh Gearmailteach(the Germanic) ;ach do bhrìgh agus nach ceadaich an ùine sin domh, is ann a labhras mi beagain—ni ’s lugha gu mòr na bha mi aon uair a’ rùnachadh a bhi labhairt—a nis anns an dara àite, mu na meuraibh anns am bheil an t-seann chainnt Ghaidhealach air a roinn.
Tha sèa càinntean air teachd a mach o fhreimh na seann Ghàidhlig, agus faodar iad sin a roinn ’n an dà theaghlach a tha gu mòr ag eadar-dhealachadh o chéile, ged tha e soilleir gu ’m bheil iad o ’n aon stoc. Do aon de na teaghlaichibh sin buinidh a’ chainnt Bhreatanach, no a’ chainnt a ta air a labhairt ann an Wales; an Armoric a ta air a labhairt le aireamh mhòr anns an earann sin
[Vol . 11. No. 14. p. 5]
de ’n Fhraing ris an abrar Brittany, agus a’ chainnt a bha aon uair air a labhairt ann an Cornwall, ach a ta nise r’ a faighinn a mhàin ann an leabhraichibh, agus cha ’n ’eil iad sin lionmhor. Do ’n teaghlach eile buinidh a’ Ghaidhlig Albannach, a’ Ghaidhlig Eireannach, agus a’ Ghaidhlig Mhanainneach. Cha ’n e a mhain gu ’m bheil na càinntean a’ comh-chordadh r’ a chéile ann am mòran de ’n cuid fhocal, ach tha iad a’ comh-chordadh anns an dòigh no rian anns am bheil am focail a’ leantainn a chéile, agus a’ riaghladh no ’g atharrachadh a chéile, an uair a ta iad air an cur cuideachd ann an sgrìobhadh, no ann an labhairt; agus ged a tha iad ag eadar-dhealachadh o chéile ann an dòigh fuaimneachadh nam focal, gidheadh, eadhon anns an ni sin féin tha mòran comh-chordaidh eatorra. ’Nuair a chluinneas tu a’ chainnt Bhreatannach air a labhairt no air a leughadh, is gann gu ’n tuig thu focal di, ach an uair a rannsaicheas tu na focail, agus an dòigh anns am bheil iad air an cur an alltaibh a cheil, agus anns am bheil na litrichean air an atharrachadh an uair a ta na focail air an cur an taic a chéile ann an sgriobhadh no ann an labhairt, chi thu gu soilleir an dlù-dhàimh a ta eadar a’ chàinnt sin agus do chàinnt féin.
Chi sinn cho faisg agus tha focail na cainnt Bhreatannaich air focail na cainnt againn féin, agus aig an àm cheudna an t-eadar-dhealachadh a ta eatorra, an uair a choimhmeasas sinn r’ a chéile na focail a leanas: Barddagus bard; blyneddagus bliadhna; bonagus bun; bywydagus beatha; bydagus bith; bychanagus beagan; caer (cadar)agus cathair; cadagus cath; cammagus cam; cam agus ceum; ciagus cu; claddagus cladh; clochagus clog; cogailagus cuigeal; collagus call; chwaeragus piuthar, no siuar; chwerwagus searbh; chwantagus sannt (chw airson s); dall agus dall; duagus dubh; dwrnagus dorn; dwfnagus domhain; dantagus deud (n air a gleidheadh—cant—ceud); gwr , gwyr,agus fear, fir; gwylagus feill; gwyragus fiar; gwiragus fìor; gwinagus fion; halenagus salainn (h agus s); hanesagus sanas; hespagus seasg; hunagus suain; llafaragus labhar(loud) ;llainagus lann; llamagus leum; llawagus làmh; llawnagus làn; lléuagus leugh; lloagus laogh; Mab , map,agus mac (c agus p); penagus ceann; plantagus clann; prenagus crann; pedwaragus ceathair; pimpagus cuig; rhannagus rann; rhinagus rùn; rhynagus ruinn; syllwagus sealladh; tantagus teud; oenagus uan; ydlanagus iodhlan; ymmylagus iomal; ynysagus inis; ystretagus streath; mawragus mòr; dyn , dynwn,agus duine, daoine.
O chuid de na focail a dh’ ainmich mi faodar ’fhaicinn gu’m bheil a’ chainnt Bhreatannach ann an iomadh de ’focail, mar thadant , cant, tant,ni ’s faisge air an Laidinn na a’ Ghaidhlig Albannach.
Ach ’s e a’ Ghaidhlig Eireannach agus a Ghaidhlig Mhanainneach a’s faisge gu mòr do ’n Ghaidhlig Albannaich; agus tha iad sin cho faisg di ’s gu ’m faodar a ràdh nach ’eil annta, da rìreadh, ach an aon chàinnt, ged nach ’eil e furasd do ’n Albannach an t-Eirannach a thuigsinn a’ labhairt na Gaidhlig. Tha nithe, gun teagamh, anns am bheil a chainnt Albannach agus a chainnt Eireannach ag eadar dhealachadh. Tha a’ chainnt Eireannach a cur an ceill ni a tathar a’ deanamh anns an àm a ta làthair le aon fhocal, ach tha a’ Ghaidhlig Albannach agus a Ghaidhlig Bhreatannach, co-ionnan ris an Eabhra, gu ’n chomas sin a dheanamh. Anns na cainntibh sin tha am focal a ta nochdadh an ama a ta ri teachd(the future tense)gu tric a’ seasamh àite an fhocail a ta nochdadh an ama a ta lathair(present tense). ( Illustration—An ti a chreideas). Agus tha na nithe sin, agus nithe eile anns am bheil a’ Ghaidhlig agus a’ Ghaidhlig Bhreatannach a’ comh-chordadh ris an Eabhra nach ’eil do ’n aon teaghlach riu, a’ dol ceum a chum bhi a’ dearbhadh na fìrinn a ta air a foillseachadh ann am focal Dé, gu’n d’ rinn Dia do aon fhuil uile chinnich dhaoine,” agus is taitneach gu cinnteach ’n uair a ta na comh-dhùnaidhean gus am bheil daoine foghluimte, mar a ta Max Muller, troimh bhi a’ coimhmeas ri chéile chainnte a’ chinneadh-dhaoine, agus teisteas focail Dé, a’ comh-chordadh ri ’chéile.
Ach ged tha a’ Ghàidhlig Albannach agus a’ Ghaidhlig Eireannach ag eadar-dhealachadh, mar thug mi fainear, ann an cuid do nithibh, tha iad, da rìreadh, cho faisg air a chéile ’n am focail agus ’n an rianaibh gramaireal, ’s gu ’m faod neach air bith a leughas agus a thuigeas an aon cháinnt, a’ chainnt eile a leughadh agus a thuigsinn mar an ceudna, ged, theagamh, nach téid aige air na focail fhuaimneachadh gu cothromach anns a’ chainnt nach do chleachd e bhi labhairt. Leughaidh mi nise dhuibh beagan do’n Ghaidhlig Eireannach, air tùs, cho faisg agus a’s urrainn domh air an dòigh anns an bheil i air a leughadh le na Eireannaich féin, agus a rìs anns ann an dòigh anns an léigh sinn ar cainnt féin, a chum agus gu ’m faic sibh cho faisg agus a ta iad air a chéile, agus, aig an àm cheudna, mar a ta iad ag eadar-dhealachadh ’n am fuaimibh.
Cha d’ fhàg mi domh féin mòran ùine a chum bhi a’ labhairt, a nis anns an treas àite mu chuid do na leabhraichibh a chaidh sgrìobhadh ann ar cainnt féìn, ach feumaidh mi mu ’n co-dhùn mi beagan a labhairt mu ’n déighinn.
Cluinnear muinntir gu tric ag ràdh nach deachaidh mòran a sgrìobhadh anns a’ Ghaidhlig, agus ma ta iad a’ ciallachadh nach deachaidh ach beag a sgrìobhadh anns a’ Ghaidhlig ann an coimhmeas ris na chaidh sgrìobhadh anns a Bheurla, agus ann an iomadh càinnt eile, aidichidh sinn gu ’m bheil iad ceart; ach their sinn aig an àm cheudna, gu ’m bheil sgrìobhaidhean anns a’ Ghaidhlig nach leigear air dhì-chuimhne am feadh ’s a mhaireas an saoghal, agus tha iad ni ’s lionmhoire na tha iomadh am barail, ged nach urrainn domh labhairt aig an àm ann am farsuingeachd mu ’n déighinn.
Is e an ceud leabhar a bha riamh air a chur a mach anns a’ Ghaidhlig “Foirmna Nurrnuidheadh,” no“Knox’s Liturgy, ”dh’ eadar-theangaichteadh leis an Easbuig Carsuel. Bha ’n leabhar so air a chur an clò ’s a’ bliadhna 1567, dà cheud bliadhna mu ’n deachaidh an Tiomnadh Nuadh a chur a mach ’s a’ Ghaidhlig Albannaich. Tha ’n leabhar so a nis ro-ainneamh r’ a fhaotainn. Tha aon diu ann an leabhar-lann Diuc Earraghaidheil, agus cha ’n ’eil cunntas air aon eile dhiubh air nach ’eil easbhuidh.
B’ e Leabhar Cheist Chalbhin, a reir coslais, an dara leabhar a chuireadh a mach ’s a’ Ghaidhlig. Tha ’n leabhar, mar an ceudna, ro-ainneamh. Bha e air a chlò-bhualadh ’s a’ bhliadhna 1631. Anns an leabhar so, maille ri Leabhar-Cheist Chalbhin, tha cuig sean laoidhean: Faosaid Iain Steuairt, Tighearn na h-Apainn, agus feadhainn eile.
B’ e ’n treas leabhar a chuireadh a mach anns a Ghaidhlig, cho fada a’s fiosrach sinn, “An ceud Chaogad do Shalmaibh Dhaibhaidh” air an tarruing as an Eabhra, “Am meadar Dhana Gaidhlig, le Seanadh Earraghaidheil.” Chuireadh an Leabhar so an clò ’s a’ bhliadhna 1659. Tha e nis fìor ainneamh, ni air am bheil deadh fhios aig cuid de na Leabhar-reiceadairean.
B’e ’n ceathramh leabhar, a réir coslais, “Salma Dhaibhidh a nmeadrochd, le Mr. Raibeard Kirke, Minisdir Soisgeil Chriosd aig Balbhuidir (Balquhidder) .” Chlo-bhualadh an leabhar so ’s a’ bhliadhna 1684, agus tha e mar an ceudna ainneamh r’a fhaotainn, ged is aithne dhomh mu leth-dusan diubh. Tha na Sailm gu leir air an cur am meadrachd anns an leabhar so le Mr Kirke, duine ’bha ro fheumail ’na latha do Ghaidheil na h-Alba leis na leabhraichean a chuir e mach ’n am measg.
Anns a bhliadhna 1688 bha leabhar beag cheist air a chur a mach, a réir mo bharail le Mr Kirke, agus is cosmhuil gu ’m b’e sin an cuigeamh leabhar a chlò-bhualadh ’s a’ Ghaidhlig.
Anns a’ bhliadhna 1689, bha ’n Seann Tiomnadh agus an Tiomnadh Nuadh air an cur a mach anns an litir Ròmanaich a chum leas nan Gaidheal Albannach le Mr Kirke. Bha dà mhìle anns a’ chló-bhualadh, agus b’ e sin a’ cheud uair a bha am Biobull, faodaidh mi a ràdh, air a chraobh-sgaoileadh am measg Ghaidheal na h-Alba; ach bha e dlù air ceud bliadhna an déigh sin mu ’n robh earrann air bith dheth air a chur a mach ’n an càinnt féin, oir cha d’ rinn Mr Kirke ach am Biobull Eireannach, a bha roimh air a chur a mach an Eirinn anns an litir Eireannaich, a chur anns an Ròmanaich.
Bha ’n Tiomnadh Nuadh air a chur a mach air tùs anns a’ chainnt Eireannaich ’s a’ bhliadhna 1603. Bha e air ’eadar-theangachadh leis an Easbuig O’Donnell, agus b’ e sin an ceud uair bha cuibhrionn air bith do na Sgriobtuiribh air a chur a mach ann an aon air bith do na cainntibh Gaidhealach. Cha robh an Seann Tiomnadh air a chur a mach gus a’ bhliadhna 1685. Bha e air ’eadar-theangachadh leis an Easbuig Beddell; agus chaidh dà cheud de na Biobuill so chur gu Alba airson feum nan Gaidheal. Bha ’n Tiomnadh Nuadh air ’ath-chlò-bhualadh ’s a’ bhliadhna 1681 agus bha ’n Seann Tiomnadh agus an Tiomnadh Nuadh air an cur a mach le Mr Kirke, mar thug mi a cheana fainear, ’s an litir Ròmanaich, ’s a’ bhliadhna 1690.
Bha Tiomnadh Nuadh Mr Kirke air ’ath-chlò-bhualadh ’s a’ bhliadhna 1725, agus cha d’ thugadh oidhirp tuilleadh air focal an Tighearna chraobh-sgaoileadh am measg nan Gaidheal gus an robh an Tiomnadh Nuadh air ’eadar-theangachadh a chum na Gaidhlig Albannaich, agus air a chur a mach ’s a’ bhliadhna 1767, agus cha robh an leabhar a ta teagasg eòlais na slaìnte r’ a fhaotainn gu h-iomlan ann ar càinnt dhuthchasaich gu ruig a’ bhliadhna 1801, agus tha ministeir ’s an Eaglais Shaoir an diugh a rugadh mu ’n robh cuibhrionn idir do ’n t-Seann Tiomnadh r’ a fhaotainn anns a’ Ghaidhlig Albannaich. Nach iongantach gu ’m bheil ar luchd-duthcha cho fiosrach a ’s a ta iad mu theagasgaibh na slainte, oir cha ghabh e ràdh gu ’n d’ fhuair iad mòr chothrom air fòghlum a thogail anns na linnibh a chaidh seach.
Is fheudar ’aideachadh gur iad na leabhraichean a ta air an eadar-theangachadh o ’n Bheurla a ’s lionmhoire ann an àireamh na na leabhraichean a bha air tùs air an sgriobhadh anns a’ Ghaidhlig féin, agus tha a’ chuid a ’s mò dhiubh ro-fheumail a chum fiosrachadh a thoirt do ’n t-sluagh. B’ e “Gairm an Dé Mhoir do ’n t-sluaigh neo-iompaichte” aon do na ceud leabhraichibh, cho math ri aon de na leabhraichibh a ’s feumaile, a chuireadh a mach anns a’ Ghaidhlig Albannaich. Bha ’n leabhar so air ’eadar-theangachadh le Mr Alasdair Mac Farlain, Ministeir Chil-Mhelpeird, duine a shaothraich gu mòr ’n a latha a chum leas nan Gaidheil. Bha “Turus a’ Chriosdaidh” air a chur a mach air tùs ’s a’ bhliadhna 1812. Bha e air ’eadar-theangachadh
[Vol . 11. No. 14. p. 6]
le duine a chuir na Gaidheal fo chomanaibh mòra agus lionmhoir—Patric Mac Farlain. Bha iomadh leabhar feumail air ’eadar-theangachadh leis an duine so.
Am measg nan leabhraichean a dh’ eadar-theangaicheadh gu Gailig buinidh àite àrd do leabhraichibh Bhostoin agus Uillison; ach is fheudar dhomh gabhail seachad orra, agus air iomadh leabhar feumail eile a dh’ fheudas an Gaidheal a nis a leughadh ’n a chainnt féin, agus théid mi air aghaidh gu beagan a labhairt mu na leabhraichibh a chuireadh a mach air tùs anns a’ Ghaidhlig féin.
Cha ’n ’eil na h-ughdairean Gaidhealach a sgriobh ann an rosg ach ro-thearc ann an àireamh, agus cha ruig mi a leas luaidh a dheanamh aig an àm ach air aon diubh a bha comharraichte do thaobh a’ chumhachd agus na buaidhe leis an do sgriobh e a’ Ghaidhlig. Is lìonmhor Gaidheal a chuimhnicheas le taitneas air an Teachdaire Ghaidhealach agus air Tormod Og. Feudar a radh gu ’m bu bhàrdachd rosg an Olla Leòduich. Ach is ann tromh bàrdachd a mhaireas a Ghaidhlig, agus a leughar i, an uair, mo thruaighe, nach bi i ni ’s faide air a labhairt air Gaidhealtachd no am measg Eileanan na h-Alba. Agus tha a’ bhardachd sin ni ’s pailte, agus ni ’s buadhaiche na tha iomad do nach aithne a’ Ghaidhlig am barail. Gu ’n labhairt mu Oisean, c’àite am faighear òrain anns am mò am bheil do ’n fhìor bhardachd no ann am “Màiri Bhàn òg,” agus “Cead deireannach nam beann,” le Duncha Bàn; ann am “Madainn chiùin chéitein” le Uilleam Ros; ann an “Oran Allt an t-sùgair,” agus òran an t-Samhraidh le mac Mhaighstir Alastair, ann am “Miann a’ Bhaird Aosda” agus iomadh òran buadhach eile a dh’ fhaodainn ainmeachadh. Tha uiread do bhlas agus do shnas na fìor bhàrdachd air na briathran a leanas agus a ta air roinn air bith a gheibhear anns a’ Bheurla, no ann an cainnt air bith eile:
O càraibh mi, &c .,
agus air a’ cheathramh a leanas le Duncha Ban:
Chaidh mi do ’n choill, &c .
No ma théid sinn gu bàrdachd dhiadhaidh, am faighear ann an cainnt air bith laoidh a’s òirdheirc na Laoidh “La a’ Bhreitheanais” le Dughall Buchanan, agus ann on Laoidhibh Bean Torra Dhamh, Am Bàideanach, agus ann an iomadh laoidh eile a thig gu deas gu ’r cuimhne gheibhear araon milseachd an t-soisgeil agus fiòr shnas na bàrdachd. Cha ’n aithne dhomh laoidhean a’s milse na laoidhean Bean Torra Dhamh, mar chi sibh o na rainn a leanas:
“Tha gach la dhomh mar bhliadhna,” &c .
Ann an laoidh eile a ta air a cur sios ann an Co-chruinneachadh an Olla Leòidich mar air a dheanamh leis an duine ainmeil sin, an t-Olla Iain Gobh, tha i ag ràdh:
“Nuair bhios fiaradh ann ad chrannchoir.”
Agus tha teagasgan an t-soisgeil air an cur sios ann am briathraibh snasmhor le Seumas Mac Griogair agus le Parra Grannd. Tha Seumas Mac Griogair ag ràdh mu ’n t-soisgeil:
“B’ e sgeul an àigh e, air beatha ’s slainte,” &c .
Agus tha Parra Grannd ag ràdh mu ghlòir an Uain:
“Tha Sion a’ seinn cho binn a ’s urrainn,” &c .
Nach ’eil an fhiòr bhardachd ann am briathran an Ollaimh Dhomhnullaich a bha ’s an Tòisidheachd?
A nis, an uair a dh’ ainmicheas mi gu ’n deachaidh, eadar òrain agus laoidhean, còrr mòr agus cuig fichead leabhar a chur a mach anns a’ Ghaidhlig, agus iomadh dhiubh sin ’n an co-chruinnichean mòr agus eireachdail mar ta Leabhar Oisein, Leabhraichean Alastair Mac Mhr. Alasdair, Dhuncha Bhain, agus Rob Dhuinn, co-chruinneachadh nan Stiubhardach, agus co-chruinneachadh Mhic Coinnich, chithear nach ’eil ar càinnt gu ’n fhoghlum-sgrìobhta innte, air sgàth am bheil i fiughail air bhi air a fòghlum agus air a cumal suas. Ach ged dh’ fhaodadh e bhi feumail fiosrachadh ni ’s farsuinge a thoirt mu na sgriobhaidhean anns am bheil bardachd na Gaidhlig air a cur sios cha cheadaich uine dhuinn.
SIR FALBH-O- CORN.
UAIR ’s gu ’n robh bha là anabarrach fiadhaich anns a’ Ghaidhealtachd, ann an àite nach ainmichear, ’s a h-uile gin a bha ’tighinn a stigh air chéilidh do thigh ’s an robh cailleach mhòr aig oir an teine, ag ràdh gu ’m b’ e so an latha fiadhaich, ’us theireadh i ris a h-uile aon a thigeadh a stigh, “Is beag sin aig an fhear bhuidhe aig ceann Drochaid-nan-teud a nochd,” ’us mu dheireadh thainig Sir Falbh-o- Còrn a stigh agus thuirt e gu ’m b’ i so oidhche ’n fhamhair. Thuirt a’ chailleach ris mar a b’ àbhuist, “Is beag sin aig an fhear bhuidhe aig ceann Drochaid-nan-teud.” An sin thuirt Sir Falbh-o- Còrn, “Tha mise ’cur mar chroisean ’s mar gheasan orm fhein mar naoi mnathan-sìth siubhal sith seachranaich, nach ith ’s nach òl mi nì gus am faic mi am fear buidhe aig ceann Drochaid-nan-teud.”
An sin thuirt a’ chailleach ris, “Tog dhiot do gheasan,” ’us thuirt Sir Falbh-o- Còrn nach togadh.
An sin chaidh Sir Falbh-o- Còrn na ’chulaidh-chath ’s na ’chruaidh-chòmhraig. ’s e bu chulaidhh-chatha ’s bu chruaidh-chòmhraig dhà, sgiath bhucaideach, bhacaideach mhin-dhearg air a thaobh cli, air am bu lionmhor dealbh leomhain, agus dealbh liopaird. Ghearradh i naoi naoinear a null, us naoi naoinear a nall ’s ghlacadh e fhein ’s an làimh chiadna i rithist. An sin ràinig an gaisgeach an cuan, ’us chuir e a lamh dheas ann an toiseach na bìrlinn, ’us tharrainn e mach air an fhairge i. An sin thog e na siùil bhreac bhaidealach ri aghaidh nan crann fada, fiodhanta, feargach; cha robh crann ga ’lubadh, seòl ga ’reubadh, ag caitheamh na fairge fulcanaich, falcanaich, leothar dhearga, leothar ghuirme Lochlannaich; tri troidhean ’s a’ ghrunnd, trì troidhean eadar-dha-lionn, trì troidhean dh’ iasg na tuinne, a tomhas os cionn a beòil, a’ bhiasd bu mhutha ag itheadh na béisde bu lugha, ’s a’ bhiasd bu lugha ’dianamh mar a dh’ fhaodadh i. An sin bha rìgheachd na doimhne mòire ’dol as an t-sealladh, is Eirionn a’ tighinn a’s t-sealladh. Mu dheireadh ràinig an gaisgeach tìr, ’us chuir e a làmh dheas an toiseach na bìrlinn ’us tharrainn e a seachd fad fhein air talamh tioram i. An sin chaidh an gaisgeach a rithist na ’chulaidh-chatha ’s na ’chruaidh-chòmhraig, ’s dh’ fhalbh e leis na ceumannan moiteil, toirteil, làidir, ’s cha bu lugha am meal teine a chuireadh e bho bhun gach lòdaig, no bhàrr gach òrdaig na maol-chnoc sléibh, ’s gu ’m b’ fhearr nàmhaid a sheachnadh na tachairt ris ’s a’ cheart àm. A’ triall da mar sin faicear a’ tighinn ag gearradh shùrdag am fùdarlach sleomhain buidhe ud agus ’s an tachairt chuir na laoich fàilt air a’ cheile gu fitheach, fothach, feargach, gu fuilteach, nimheil, borbach.
Tri dhitheachan chuireadh iad diubh dheth ’m fionnadh, dheth ’m falt ’s dheth ’m feòil, an t-àrd athar ’s an iarmailt. An sin dhianadh iad a bhogain, a bhogain, a chreagain, a chreagain, a thobraichean fior-uisge an aodunn gach creagain. An uair a b’ fhaide rachadh iad fotha, ruigeadh iad na sùilean, ’s an uair bu lugha, ruigeadh iad na glùinean.
An sin chuimhnich Sir Falbh-o- Còrn gu ’n robh e fada bho ’chàirdean ’s an uchd a naimhdean, ’s thug e togail shunntach shuigeartach do ’n bhodach ’s bhrist e a ghàirdean fotha ’us aisne os a chionn, ’s an sin thuirt e, “Do bhàs air do mhuin, a bhodaich, ciod è d’ éiric?” “Is mor sin ’s cha bheag e,” os am bodach— “Ciste òir ’s ciste airgid am falach fo ’n ursainn.” “Is leam fhein sin,” osa Sir Falbh-o- Còrn,” ’s e ’sgudadh a chinn de ’n bhodach. Thug iad dòmhsa deoch á copan tioram ’s mìr de ’n aran nach robh ann, ’us dh’ fhàg mi an sid iad. —Sgeulachd.
GACH NI NA ’THRATH.
NA abair gu bràth gu ’n dean thu ann an uine ghoirid an ni sin bu chòir duit a dheanamh eadhon a nis. Cha d’ rinn duine riamh gu glic, agus gu maith air a shon fein, a chuir dàil ’na ghnothuichibh fein. Tha dàil cunnartach. Seàll air Nàdar, agus cha dean i dàil. Seall air Uine, agus cha dean i dàil. Cha chuir cumhachd talmhaidh sam bith stad air. Cha ’n ’eil oibre Nàdair mu ’n cuairt duit a’ deanamh dàil. An uair a thig an t-àm do na blàthaibh briseadh a mach, brisidh iad a mach; agus do ’n duilleach tuiteam, tuitidh e. Seall suas air na speuraibh agus bi air do theagasg leis na reultaibh. Cha chuir na cruinn-mheallan soillseach dàil ’nan laidhe no ’nan éiridh. Tha gach réult, agus dùbhradh-gréine agus gealaich gu h-eagnuidh seasmhach ris a’ cheart mhionaid, agus cha diobair a h-aon diubh ’na asdar siùbhlach. Cha ’n ’eil moille idir ann an gluasadaibh a’ chruinne-ché, a shonruicheadh le gliocas agus cumhachd neochriochnuich an Ti Uile-bheannuichte a dhealbh e. Na’n deanadh na rionnagan dàil ’nan cuairtibh bheireadh iad sgrios gu h-obunn air a chruitheachd, agus thuiteadh gach ni ann an àimhreite. Na ’n cuireadh Nàdar dàil ’na h-oibridh air an talamh, thigeadh gortaidh, agus plàighean, agus truaighean a’ chuireadh as do gach duine, agus ainmhidh, agus créutair beo air uachdar an t-saoghail. Nach fior agus fallain an teagasg so do ’n chinne-daoine na’n gabhadh iad gu cridhe e? Thugadh comas do’n duine, ma’s i a thoil fein e, dàil a chur ’na dhleasnasaibh, agus tha e ’deanamh sin gu minic, ach gu minic tha e ’ga dheanamh chum a challdach fein. Tha ’n Tighearna ’na fhocal agus ’na oibribh fein, a’ teagasg do’n duine, gur e “anis” an t-àm freagarrach, agus an t-àm a shònraicheadh le ’fhreasdal fein chum leas aimsireil agus spioradail an duine sin a chur air aghaidh. Uime sin, na abair gu’n dean thu ath-leasachadh ann an ùine ghoirid, oir air an ùine sin cha’n ’eil gealltanus idir agad. Cuimhnich, ma ta, an fhìrinn so ata air a sprrradh ort le eachdraidh an t-saoghail, le righribh agus le’n iochdaranaibh, agus leis na h-uile nithibh, agus na cuir seachad gus an là màireach, an dleas’nas a’s còir duit a dheanamh air an là ’n diugh.
GAINNEAD A’ GHUAIL—Ged tha ’n aimhreit a bha ’sna mèinnean-guail am Pennsylvania thairis, agus na mèinnean air an obrachadh gach latha, tha an gual fhathast gann, agus bithidh gus am bi a’ mhor chuid dhe ’n gheamhradh seachad. Bha na mèinnean na ’n tàmh fad choig miosan, agus mu’n do thòisich iad air obair, bha ’n stoc guail air fàs cho gann anns gach cearna ’s nach cumadh an cur a mach an deigh sin suas ri cosg no feum na dùthcha. Ann an àiteachan tha na sgoilean ’s na h-eaglaisean air an dùnadh o’n thainig an geamhradh, ’s tha moran theaghlaichean gun a bhi ’g ùisinneachadh ach dha no tri sheòmraichean dhe ’n tighean. Tha gluasad anns na Stàidean aig an àm so air-son gual Chanada a leigeadh a stigh do ’n dùthaich saor o chisean cuspainn.
[Vol . 11. No. 14. p. 7]
Gaol Duthcha.
AIR EADAR-THEANGACHADH O BHEURLA SIR WALTER SCOTT, LE G. SINCLAIR.
’Bheil neach air bith, ’s an deo na chré,
Cho fuar ’s nach duirt e riamh ris féin,
“Mo dhùthaich chaomh do ’n tug mi gaol!”
Aon nach do las a chridh’ na chom,
Dhachaidh ’n uair ghluais le ceum neo-throm,
Bho anradh cianail feadh an t-saogh’l;
Ma tha rach ’s beachdaich air gu dlùth,
Ri laoidh no ceol cha tog e shùil:
Ged bhiodh e àrd an ainm ’s an inbh’,
’S a mhaoin cho mor ’sa dh’ iarradh miann;
A dh’ aindeoin ’airgid, ’ainm a’s oir,
’S e ’n t-umaidh truagh bhios ann r’a bheo,
Cha ’n fhaigh e meas, no miagh, no cliù,
’S ’nuair thig am bàs theid sios do ’n ùir,
Gun chuimhn’ no iomradh air am feasd,
’S cha chaoidhear air a shon gun cheisd.
O! Albainn chaomh, nan stuc, ’s nan càrn!
A mhuime dh’ àraicheas na bàird!
A thir a’ bharraich is an fhraoich,
A thir nam beann, nan tuil, ’s nan craobh,
Tir mo shinnsear! tir nan sàr,
Co dh’ fhuasglas an ceangal gràidh,
Ri d’ thràigh a dh’ aonas mi gu bràth!
An Cairdeas Ceart.
LE DOMHNULL MAC LEOID.
’N am b’ urrainn mise sgeanan or
Le seoltachd dhuibh a dhealbh,
Ghrad dheanainn air an innean ceol
Le clobha ’s ord is sgeilb.
Ach tha ’n t-or dhomh fuasach gann,
Ged ’s teann mi as a dhéigh,
Tha mi gach la theid air mo cheann
’San àite ’n robh mi ’n dé.
Tha cuid de ’n bheachd gur h-e an t-or
An ti a’s àirde th’ ann;
Ach cha ’n ’eil mise dhe an t-seors’
Do Mhamon chromas ceann.
Nach cuala sibh ma bheir neach sgian
Mar ghibht do charaid gràidh,
Gu ’n gearr i, mar a ghearrar iall,
Gach càirdeas agus bàigh.
Ged bhiodh gach sgian ’s a’ chruinne-ché
Air aon chas fhada mhor,
Cha ghearradh sid mo chàirdeas féin
Do shliochd a Ghobha Mhoir.
Cha ’n ’eil aon fhaobhar fuidh an ghréin
Ni beud d’ ar comunn grinn:
Seadh, eadhon claidheamh Ghideoin fhéin
Cha sgar bho chéile sinn.
Tha càirdeas ann ’s cha ’n fhiach leam fhìn
An t-ainm sin a radh ris,
Oir teichidh e ’nuair chi e sinn
An sàs ’sna preasan dris.
Ma bhios an t-or dhuinn pailt gu leor
Ni ’n seors’ ud brosgul ruinn,
Mur bi ach airgead ruadh na ’r dorn
Cha ’n eol daibh idir sinn.
Mar charraig dhaingeann ann an sruth,
Bha ’n cairdeas ceart bho thùs:
Mar bha e ’n uair sin tha e ’n diugh,
Le aois cha chaill e ’lùths.
Ged ’s seasmhach e mar chreig an sruth,
Mar chreig cha ’n ’eil e fuar,
Ach teth mar éibhlean mòine dhubh,
A’s fearr na teine guail.
’S an àm am bi na speuran paisgt’
Mar rol an leabhar suas,
An uair sin, latha garbh ar n-airc,
Ar cairdeas-ne cha ghluais.
Bha an t-oran so air a chlo-bhualadh anns an àireamh a thàinig a mach air an 28mh latha de Nobhember s’a chaidh, ach bha tri rannan air am fàgail as. Cha ’n eil fhios againn có rinn am mearachd, an t-ùghdar a’ cur an orain ugainn, no sinne ga ’chur an clò, ach rinneadh i, agus tha sinn anns an àireamh so ga ceartachadh.
Litir o Chalum Beag.
Gheall mi gu ’n sgriobhainn a rithist ’nuair gheibhinn cothrom, agus a nis o ’n thàinig oidhche a chothrom cha ’n ’eil mi dol ga ’leigeadh seachad, air eagal gu ’n gabhar brath orm ma dh’ aontaicheas mi tuilleadh dàil a chur anns a ghnothuch.
Tha mo litir gu h-àraidh a chum a leigeadh fhaicinn do m’ chàirdean beag an Ceap Nor ciamar a tha cùisean a dol a’ m’ thaobh ’s a bhaile so. Faodaidh iadsan a bhi cinnteach gu ’n robh tomhas mor eagail agamsa roimh luchd-misge fad ùine an deigh mo theachd, agus co dhiubh bha deadh aobhar agam air no nach robh, cha robh mi fada gun sin a nochdadh ’san dachaidh ùr so, ann an doigh a thug gàire cridheil am mach uair is uair.
Air feasgar Sàbaid àraidh, agus m’ athair air dol do ’n eaglais, ’s gun a stigh ach mi fhein agus a chuid eile de ’n teaghlach, chunnaic sinn coigreach a deanamh direach air an taigh. Cho-dhùin sinn gu grad gu ’m bu mhisgeir e, agus leum pàirt de chàch a chrannadh an doruis, ach an àite mise dhol a dheanamh comhnadh leo, ’s ann a bhuail e na m’ cheann nach robh ni a bu fhreagarraiche dhomh a dheanamh na laidhe air mo bheul-fodha fo bhord a bhidh. Ged bha ’n fheadhainn a bha gleidheadh an doruis air chrith leis an eagal cho mor ’s a bha mise, bha an dial aca ri dheanamh cumail o ghaireachdaich ris an t-suidheachadh ’san robh mi. Cha ’n urrainn mi fios a bhi agam dé ’n ùine dh’ fhan iadsan aig an dorus agus mise fo ’n bhord, ach tha mi làn chreidsinn gu ’m faodadh an duine a bhi le beagan cabhaig an ceann eile a bhaile mu ’n do dhùraig sinn gluasad. ’Nuair thainig m’ athair dhachaidh mu naoi uairean, ’s beag nach do cho-éignich sinn e gu boideachadh nach rachadh e do shearmon oidhche ach sid agus sinne fhàgail a stigh leinn fhéin. Ma theannas aon de m’ cho-aoisean ri meas nach ’eil annam ach an gealtaire bochd, cha ’n abair mi nach ann ri sin a bha sid coltach, ach their mi ris an ni a bu choir do na big agus a mhuinntir mhor a bhi ghnàth na ’r n-aire— “An ti a shaoileas a bhi na ’sheasamh thugadh e aire nach tuit e.”
Tha mi nise air faighinn thairis gu math air m’ eagal roimh mhisgeirean. Tha mi ’faicinn gur ainmic a tha iad a taghal thaighean anns nach ’eil eolas aca; agus gu ma fada bhios gach aon diubh gun eolas ’san taigh so.
Tha mi fhein a cur romham, ’s tha mi ’n dochas gu ’n cùm mi ris, nach blais mi air deoch-làidir gu bràth, agus is i mo chomhairle do gach aon de m’ chàirdean beaga gu ’n dean iad fein an ni ceudna. An neach nach gabh a cheud ghlaine cha ’n fhàs e gu bràth na ’mhisgeir, ach cha ’n urrainnear a radh le cinnt a thaobh aon sam bith a bhlaiseas air a cheud te, nach ’eil e le sin ga ’chur fein air an rathad gu bhi na ’mhisgeir cho truagh ’s a tha ri fhaotainn air uachdar na cruinne.
Sidni-a- Tuath. CALUM BEAG.
Séideadh na gaothan agus eireadh tonnan an àmhghair mu ’n cuairt duit mar a dh’ fhaodas iad, ach na cuireadh iad bruaillean ort. Rach air t-aghaidh air slighe na firinn agus a’ cheartais, agus bithidh tu daingean mar chreig. Suidhich thu fein air treibhdhireas, agus cuir gach ànradh agus aimhleas gu ’n dùlan. Ma dh’ éireas mu’n cuairt duit luchd-tuaileas le ’n teangaidh nimhnich, agus ma ni iad an dichioll chum smal a thoirt air do dheagh chliù, na toir feairt orra. Amhairc air gach aon diubh gu dian an clàr an aodainn, agus na fosgail do bheul. Giulain thu fein gu direach, biodh do ghiulan glic agus ionraic, —agus thugadh ciùineas do ghnùis, agus macantas do bheatha a’ bhreug dhaibhsan maraon, leis am bu mhiann do chlaoidh, do shàrachadh, agus do smàladh as.
Na toir breth a réir coltais. Faodaidh cridhe math bhi fo chota coiste.
Iadsan a Phaigh.
Peadar Mac-Neill, Cobh a’ Phiobaire. C.B.
A. W. Beuton, Loch Lomond
Seumas I. Mac-an-t- Saoir, Sidni
Màiri Mhathanach, Sidni
D. Mac-a- Ghobha, Sidni
D. McD. Caimbeal, Sidni
Iain Mac-Coinnich, New Harris
Domhnull Moireasdan, Ceap Nor
F. Mac-Gillinnein, Victoria Line
D. I. Domhnullach, Loch Ghabarus
Domhull Beutan, Gleann nan Sgitheanach
Aonghas Mac Cuithein, Framboise
An t-Urr. L. I. Mac-a- Phearsain, Baddeck
Bantrach L. Mhic-Illemhaoil, L . Ainslie
Calum I. Cuimeanach, Ashfield
Coinneach A. Fearghasdan, L ’ Ardoise
A. N. Mac Phaidein, Malagawatch
Iseabail Dhomhnullach, Thorburn , N. S.
An t-Olla Mac-a- Phearsain, Antigonish
Alasdair Màrtainn, Valleyfield , E. .P. I.
Iain I. Mac Leoid, Beinn ’Ic Mhanainn E. P. I.
Tormad P. Mac Leoid, Steornabhagh, Que.
Domhnull Dùghlach, Verna , Assa.
Bean Ghilleasbuig Bhell, Wiarton , Ont.
Iain Mac Cuithein, Boothville , Ont.
Iain Dùghlach, Sowerby , Ont.
Màiri Nic Calamain, Lucknow , Ont.
Tormad Mac Rath, Alexandria , Ont.
A. M. Caimbeal, West Lorne, Ont.
Tigh nan Cumantach, Ottawa , Ont.
D. I. Friseil, Vankleek Hill, Ont.
Bean A. Mhic-a- Bhiocair, Teeswater , Ont.
A. M. Domhnullach, Vancouver , B. C.
Iain W. Caimbeal, Phoenix , B. C.
Tormad Fearghasdan, Brookline , Mass.
D. I. Mac-Gillinnein, Quincy , Mass.
D. Mac-Fhionghain, Quincy , Mass.
Iain G. Mac Eachainn, Woburn , Mass.
Uisdean Mac Aonghais, Boston , Mass.
Cailean Dùghlach, South Oil City, Pa.
Am Bràthair Ananias, San Francisco.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 14. p. 8]
Laoidh.
EADAR. O ’N BHEURLA, LE “K. W. G.”
Air oidhche àlainn thùirling e,
An t-oran glormhor àigh,
Bho ainglean àrd’ a’ dlùthachadh
Le ’n clàraibh-ciùil mu ’n mhàgh;
“Mor-ghloir do Dhia, air thalamh sith,
’S deagh-ghean do dhaoin’ gach linn,”
Gu tosdach dh’ éisd an cruinne-cé
Ri ainglean Dhé a’ seinn.
Feuch iad a’ tearnadh troimh na neoil,
Air sgiathan caomh na sith;
Chum armailt nèimh gun sgur ri ceol,
Os cionn an t-saoghail sgith;
Tha iad a’ cromadh dlùth le bàigh,
Thar tir a’ bhroin ’s na teinn;
Is thairis air a’ bhuaireas àrd,
Tha ainglean Dhé a’ seinn.
Da mhile bliadhna ruith an cuairt
Fo cho-sheirm bhinn nan laoidh,
Gidheadh le euceart agus fuath
Tha ’n saoghal air a chlaoidh;
Tha daoin’ a’ cath an aghaidh dhaoin’,
’S le naimhdeas air an roinn;
Cha ’n éisd iad ris an oran ghaoil
’Tha ainglean Dhé a’ seinn.
O sibhs’ tha dol, le ceuman fann,
Fo uallach trom a’ bhroin,
Air rathad dorcha, doirbh, troi ’n ghleann,
’S a fhuair gu tric ur leon,
Biobh ait, tha ’n t-àm a’ tarraing dlùth
A dh’ fhuasglas sibh o phéin;
O éisdibh, ’n uair a tha sibh sgith,
Ri ainglean Dhé a’ seinn.
Feuch là an aoibhneis dlùth do làimh,
Mu ’n d’ rinn na fàidhean sgéul!
Tha bliadhn’ na saorsa cinnteach dhuinn,
Mar ghealladh le am béul;
Bheir nèamh is talamh nuadh an géill
Do Rìgh na sìth r’ a linn,
Is éiridh fonn o ’n chruinne-ché,
Mar ainglean Dhé a’ seinn.
Oran.
LE ALASDAIR DOMHNULLACH, AMPAINTERMOR.
Tha fàileadh a ghuail
’S an uair air m’ aire,
Fhuair mi ’n diugh anBroad Cove,
’S sealladh a chuain
Mu thuath an fhearainn
Mar luach ri uiread de dh’ or;
Ged bhios e car fuar
An uair na gailleann,
Cha ’n fhuachd a chrannas am beo;
Cha chluinneadh mo chluasan
Fuaim bu mhath leam
Na nuallan mara na cheo.
Chunnaic mi ’n uair
’S bu luath sinn, Ailein,
Air ghluasad far am biodh ceol,
Cha chuireadh oirnn smuairean
Uair a chaithris
Air luadh no banais na ’r n-oig’,
Bu chridheil ar duan
An nair na Callainn,
’S mo luaidh na fir nach ’eil beo,
A bheireadh dhuinn duais
Bho fhuaim nan caman
Gu luath ’s a ghloin’ air a bhord.
Bha ’n cruithneachd a fàs
Cho àrd ’s cho fallain,
Bha làn de dh’ aran ’s an dlò;
Bha ciall agus nàire
A ghnàth ’s gach caileag,
’S bu bhàigheil caithream am beoil,
’S na gillean cho àlainn,
Làn de charranachd,
Làidir, amaiseach, beo;
Mo chreach! gu bheil pàirt diubh
’Cnàmh ’san talamh,
’Chuir iadsan dh’ fhan ann am bron.
Tha obair ’sa mheinn
’Bheir min is aran
Dh’ ar linn, ma mhaireas an gual;
’S mar faighear air tir
Gach ni mar is math leinn,
Tha sìthein laigh’ ris a chuan,
Far a bheil iasg is briagha lainnir
’S an lion ga ’tharruinn gu bruaich,
’S na gillean glan, ciatach,
Fialaidh, fallain,
A lionadh bharaillean suas.
Tha ’n gual amBroad Cove
Na ’loid ga ’tharruinn
Gu bord na luingeas thar chuan;
’S an gearran dubh iarainn,
’S sgiamh na anail,
A riasladh fearainn bho luach,
A toirt leis gach sian
Tha shios bho ’n talamh
A’s fhiach gu goil thoirt dh’ ar ti,
No fear a bhios liath,
’S a chiabh air tanadh,
A dh’ iarradh garadh le spid.
’S e Mactalla tha truagh,
Cha d’ fhuair e cadal
Bho ’n ghluais na spaidean ’s na càrs,
Dh’ fhàs e cho fuar
Le fuachd a chasan
Na ’shuain ’s cho fada na ’thàmh;
Ach thàinig an uair,
Bheir fuaim na maidne
Na ’chluasan cagar no dhà,
Gu ’m freagair an t-sluasaid
Fhuar ’s na glaicaibh
Air chuan ’s an dachaidh na tràigh.
Litir a Quincy.
A’ CHARAID CHOIR, —Bliadhna mhath ùr dhut! Tha mi ’sgriobhadh na litir so le dùrachd taing a thoirt dhuibh air son nan orain bhlasda, na sgeulachdan gasda, agus na litrichean taitneach a tha sibh a’ cur ’sa MHAC-TALLA an comhnuidh.
Mo bheannachd aig Peigidh Phabach; ’s i fhein a thogadh fonn air na puirt. ’S iomadh port a chuala mi fhein ann an Eilein a’ Phrionnsa aig na seana Ghaidheil. Tha cuimhn’ agam air facal an sid ’s an so de mhoran dhiubh. Tha mi ’n dochas gu ’n cuir Peigidh so ceart ’sa MHAC-TALLA:—
Seall am bheil mi dannsa direach,
Seall am bheil mi ruidhle coir;
Seall am bheil mi dannsa direach,
Cur am prine na mo sgod;
Cur am prine, cur am prine,
Cur am prine na mo sgod.
Agus so:—
Seann Iain mac Ruairidh,
Seanu Iain mac Dhomhnuill,
Seann Iain mac Ruairidh dhuibh,
Rugadh anns an uamh thu.
Bha duine coir anns an nàbachd an d’ rugadh mi—Ruairidh mór Mac Leoid—a rinn iomadh oran gasda. Chuala mi aon dhiubh aig Murchadh Mac Mhanainn, am Beinn ’Ic Mhanainn, E. P. I. ’S coir do Mhurchadh a chur anns a’ MHAC-TALLA dhuinn. Sheinn Ruairidh:—
Na ’m faighinn air m’ ordugh
Soitheach dhiomolt’ a sheoladh,
Rachainn fhathast air m’ eolas,
’S ruiginn Troternis chaomh.
Rinn Callum bàn Mac Mhanainn marbhrann do dhithis nighean eireachdail a thuit le tinneas a bhrist am mach am measg an luchd-imrich a thainig air an soitheach Polly. So sreath dheth:—
Chur mi iad an cìll nam Frangach,
’S cha chuir fuachd a gheamhradh as iad.
Tha mi cinnteach gu ’m bheil an t-oran so aig Murchadh. Bidh mi nis a sgur.
Do charaid,
Quincy, Mass. M. MAC LAOMUINN.
Cha bu choir do dhuine gu bràth nàire bhi air airson aideachadh gun deachaidh e mearachd. Tha ’n duine dh’ aidicheas a mhearachdan a’ nochdadh gu bheil e ’n diugh na ’s glice na bha e ’n dé.
Tha caraid aimideach moran na ’s trioblaidiche na nàmhaid a tha glic.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH’
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 14 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 14. %p |
parent text | Volume 11 |