[Vol . 11. No. 15. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARAIDH 23, 1903. No. 15.
Mu Bhruadair.
THUS’ a tha eòlach air gach ni, innis domh, ma ’s e do thoil e, ciod is ciall do bhruadair, no aislingean na h-oidhche? Tha iad a’ cur iongantais mhòir orm, agus cha ’n ’eil mi idir ga ’n tuigsinn. Ma dh’ fhaoidte nach ’eil duine sam bith a’ bruadar mar tha mise. Cha ’n ’eil dùil agam gu ’n d’ thàinig cadal riamh air mo spiorad. ’N uair tha mo cholainn a gabhail tàmh na h-oidhche, tha mo spiorad ag itealaich gu saor fuasgailte a mach air feadh an t-saoghail. Cha ghabh esan tàmh, agus cha ’n ’eil e air a chlaoidh le saothair. Air leam nach ’eil ann an aisling na h-oidhche ach fearas-chuideachd an anama, an déigh dha uallach na collainne a chur dheth. Saoilidh mi gu bheil a’ cholainn mar leanabh trom gun tùr, fo chùram agus aire an anama; agus an déigh do ’n leanabh so dol na ’chadal gu bheil a mhuime a’ dol a mach gu h-aighearach, inntinneach a dh’ fhaicinn an t-saoghail.
Is duine aosmhor mise, a tha chòmhnuidh fada bho thìr m’ eòlais, ann am fròig bhochd dhorch’ ann an aon de chaol-shràidibh a’ bhaile-mhòir. Is daor a tha mi cosnadh m’ arain, agus tha iarguin na h-aois a’ laidhe gu trom orm. B’ e miann mo chridhe bothan beag fhaotainn ann an deireadh mo làithean, ann an dùthaich nam beann, agus mo chorp, an déigh bàis, a bhi air a chàramh fo lic mo shinnsir; ach ’s e so dòchas nach fhaod mi àrach, agus cha ’n ’eil feum a bhi ’gearan. Bha là nach do shaoil mi gur ann mar so a bhitheadh. Bu mheanmnach, àrd-thogarrach mi latha ga ’n robh mi. B’ e mo thlachd a bhi fiadhach nam beann, ’s a bhi leantuinn na faoghaid, agus da-rìreadh bu mhi nàmhaid a’ choilich-dhuibh agus na liath-chirce. Cha ’n iarrainn caithe-aimsir bu taitniche na bhi ’luinneireachd air a’ chaol. Ghabhainn mo dhuanag agus dheanainn i; bha mi anabarrach déigheil air ceòl: bheireadh an fhigheal orm dannsa, ge b’ ann casruisgte ’s an dubh-chladach, agus cha b’ fhearr mi na amadan fo nuallan na pìoba. Bha mi ann an gaol o’n is cuimhne leam, ge nach do phòs mi riamh. Bha gaol mòr agam air ainnir àillidh a rugadh agus a thogadh làmh rium; boinne fala cho lurach ’s a chunnacas le sùil. Is minic a bha mi leatha ann an coille nan cnò, a’ buachailleachd nam meann, ’s a’ buain nan dearc air an tom. O, bu bhòidheach i; bu mhilis leam briagail a beoil, bu taitniche leam fiamh a gàire agus blàithead a sùl na aon ni eile a chunnaic no chi mi gu bràth; ach chuir tuaileas nam breug eadaruinn, agus cha chuala i riamh ciamar. Ach is coma cò dhiubh. Tha mis’ a nis am dhuine bochd; tha uallach trom air m’ inntinn, agus tha imcheist an t-saoghail so an impis mo chridhe a sgàineadh; mur b’ e bruadair agus aisling na h-oidhche cha ’n ’eil fhios ciod e a dheanainn. Is mòr am faochadh a ta iad so a’ toirt dhomh. Cha luaithe ’dhùineas mo shùil na tha mo spiorad a’ falbh air a chuairt do thìr m’ òige. Ann an sin tha mi cho òg, uallach, aighearach ’s a bha mi riamh; gun suim do ’n aois mhosaich, no do ’n t-saoghal bhuaireasach. Tha leth-cheud bliadhna de m’ làithean mar gu ’m biodh iad air an dubhadh a mach. Tha mi a rithist ann an taigh m’ athar, agus tha e mar bha e riamh. Tha mo bhràithrean agus mo pheathraichean mar a b’ àbhaist daibh. Tha mi an dara cuid, a ’camanachd air a’ bhlàr, a’ sealgaireachd air a’ bheinn, no a’ luinneireachd air a’ chaol, a’ deanamh falach-chuain air gach bàt’ a thig am charamh. Tha mi gu tric ann an aisling na h-oidhche ri mànran milis le m’ chaileig ghaolaich, a’ siubhal ri taobh nam fuaran, ise cho àillidh òg ’s a bha i air an là air an dubhairt mi nach robh air an t-saoghal uile na chuirinn ann an coimeas rithe, agus mise cho aotrom, sunndach. Ann an aon fhacal, cha ’n ’eil ni a thug riamh sòlas do m’ chridhe ’s mi òg, air nach ’eil m’ inntinn a’ ruith ann am bruadar na h-oidhche. Ach a thuilleadh air so, tha mi am chadal far nach robh mi riamh am fhaireachadh. Tha mi gu tric ann an saoghal ùr, le buaidhibh agus le cumhachdaibh ùr nach d’ fhiosraich m’ inntinn riamh ’s mi ’m dhùsgadh. Tha mi ’n cuideachda righrean agus fhlaithean domhain. Bheir mi sgrìob do ’n Fhraing, agus gu grad theid mi as a sin do na h-Innsibh. Dìridh mi, ann am prioba na sùl, do ’n ghealaich, agus tearnaidh mi cho grad do uamhaibh dorcha an talmhainn. Marcaichidh mi an cearban air a’ chuan, no am fiadh air a’ bheinn. Bidh mi ’n dara uair a gabhail dhuanag leis a’ mhaighdinn-mhara fo’n fhairge ghuirm, no a’ dannsa leis na sìthichean air an tulaichibh uaine. Saoilidh mi gu bheil comas agam air uairibh siubhal gun chas a ghluasad, ach ag iathadh gu h-aotrom, uallach, gun fhios agam ciamar, mar ian beadarrach, o chnoc gu cnoc, no a’ snàmh gu h-aithiseach mar mhoch cheò an t-samhraidh. Mo bheannachd aig bruadar na h-oidhche: is iomadh aotromachadh thug iad riamh dhomh; ach ’s éiginn domh aideachadh gu bheil air uairibh aislingean mi-thaitneach agam. Ma thuiteas dhomh bhi sealgaireachd ’s a’ bheinn, tha mo ghunn’ a’ diùltadh agus am fiadh ag amharc orm an clàr an aodainn. Ma ’s ann a’ luinneireachd a bhitheas mi, tha ’n stiùir air m’ fhàgail, tha ’n crann-toisich a mach air a’ chliathaich, agus taoim gu tobhtaichean. Ma theid mi do ’n choille-chnò tha leannan mo ghràidh a’ sleamhnachadh bhuam leis an eas, agus chi mi a cuailean donn, ’s a làmh fhada gheal ’s a’ chuairteig dhorcha dhomhain a tha gu h-iosal fodham. Ma theid mi chreach nead na h-iolaire, tha mi ’tuiteam o sgòrr na creige, ’s an crochadh ri preas beag a tha ’n cunnart géilleadh leam. Air uairibh, ’s mi ’m chadal, saoilidh mi gu bheil mo cholainn air at gu tomalt anabarrach, a h-uile cas agam mar shac mine, ’s a h-uile miar cho garbh ri buideal. Tha mi air uairibh a’ bruadar gu ’n do thuit mi bharr an eich, ’s gu bheil e an dara cuid na ’laidhe air mo mhuin, no ga m’ shlaodadh as a dhéigh. Bha mi o cheann oidhche no dha crochte le fuiltein mo chinn ris a’ ghealaich, agus i ’falbh le luaths mor ’san iarmailt. Bha ’n cuan mòr gu h-iosal fodham, cha bu mhò Breatunn na eilein Mhuile, no an luingeas mòr na na frìdean. Bha eagal mo chridh’ orm gu ’m bristeadh an ròinnein, ’s gu ’n tuitinn ’s an àibheis oillteil a bha fodham. Mu dheireadh mhothaich sgiobair na gealaiche do rionnaig-earballaich a’ dlùthachadh air, na ’caoiribh dearga, agus ghlaodh e mach, “Gearraibh an ròinnein; leigibh as e; tha e cur maille oirnn.” An uair a chunnaic mi chorc a’ dol air, thug mi sgriach oillteil asam a dhùisg as mo shuain mi.
A nise nach iongantach an gnothach so uile, agus nach do-thuigsinn buaidhean inntinn mhic an duine. Is tric a chuala mi mo mhuime, Seònaid nion Eoghainn, ag innseadh mu chladh na dùthcha anns an d’ rugadh mi, gu ’m b’ àbhaist do spiorad nam marbh éiridh air mheadhon-oidhche a shiubhal an t-saoghail, agus aig gairm nan coileach tilleadh a rithist a dh’ ionnsuidh an taighean caola còmhnuidh. ’S ann mar so, ann am bharail-sa, a tha inntinn an duine, co luath ’s a tha cholainn na ’suain tha ’n t-aoidhe so a’ dol a mach a shiubhal an domhain, agus tillidh e a rithist ’n uair a dhùisgeas i.
Thugaibh dhuinn fiosrachadh air a chùis so. Ge h-aineolach mise seach sibhse, tha mi tarruing a’ cho-dhùnaidh so uaithe, gu bheil an inntinn á eisimeil na colainne, gu bheil buaidhean aig an spiorad nach urrainn cadal a mhilleadh; tha mi tuigsinn o so gu bheil a’ cholainn na ’nasgadh no na ’h-uallaich air an spiorad, agus an uair a chuireas an t-anam dheth an corp truaillidh so gu ’n éirich e gu àirde agus foirfeachd nach urrainn duinn a nis a thuigsinn. Caidlidh a’ cholainn car seal ’san uaigh, ach bithidh an spiorad sìor-bheò; a nis tha e air a chumail fodha le uallach na feòla, agus do ’n uallach sin is tric a tha e sgìth, ach an uair a shaoras cadal a’ bhàis e o ’n uallach so, éiridh e gu coi’ -liontachd neo-chriochnaich. —An Teachdaire.
Gainne a’ Ghuail.
CHUIR an t-strith a bh’ anns na mèinnean guail am Pennsylvania fad an t-samhraidh ’s da mhios dhe ’n fhoghar an uiridh call nach gabh meas air muiuntir nan Staidean. Tha an call a rinneadh fhathast ri ’fhaireachadh ann an iomadh cearn dhe ’n dùthaich sin, agus eadhon ann an Canada; agus tha nithean a thaobh na gainne so nach eil soirbh a thuigsinn. Tha bailtean faisg air na mèinnean guail anns am bheil an sluagh a’ fulang agus cuid eadhon a bàsachadh le fuachd; tha an t-airgiod deiseil aca, ach cha ghabh gual faotainn air a shon. Bha aig aon de na h-uaislean a tha air a’ chomhairle tha réiteachadh chùisean eadar na mèinneadairean ’s na sealbhadairean ris an obair sin fhàgail o chionn ghoirid, ’s greasad dhachaidh feuch an rachadh aig’ air gual fhaotainn dha theaghlach féin. Ann an àiteachan eile tha na rathaidean-iaruinn cho gann dhe ’s gu bheil iad a’
[Vol . 11. No. 15. p. 2]
cumail pàirt de ’n ghual a thatar a’ cur leotha o aon àite gu àit’ eile. Rinneadh so leis anIntercolonialagainn fein eadar so is Montreal. Ann an Toledo, bha moran guail air a ghoid leis an t-sluagh bhochd, agus bha a’ ghainne cho mor na ’m measg ’s nuair chaidh cuid dhiu chur an greim air-son na meirle gu ’n do dhiùlt an luchd-ceartais am peanasachadh. Air an laimh eile, tha prìs a’ ghuail iosal. Tha na cuideachdan ga ’chumail mar sin, ach tha e cho gann air tàille nastrike ’s nach eil ann na riaraicheas na tha ’g iarraidh a cheannach. Tha pàrlamaid nan Stàidean an deigh a’ chìs a thoirt bhar a ghuail, an dòchas gu ’n toir sin air moran dhe tighinn a stigh á Canada ’s á dùthchannan eile.
Newfoundland ’s na Staidean.
MAR a dh’ aithriseadh cheana, bha còrdadh air a dheanamh eadar riaghladh nan Staidean is riaghladh Newfoundland a thaobh malairt. A réir a’ chòrdaidh sin bha iasg Newfoundland ri leigeil a stigh do na Stàidean saor o chìs, ni a bhiodh na bhuannachd mhor do Newfoundland, oir mheudaicheadh e a margadh. Ach cha d’ aontaich pàrlamaid nan Stàidean ris a’ chòrdadh sin fhathast, agus chunnacas nithean a b’ iongantaiche na ged nach aontaicheadh. Tha luchd nan soithichean-iasgaich an Gloucester ’s am Boston gu mor an aghaidh a chòrdaidh, agus cha ’n eil fhios nach dean iad gnothaichean obrachadh air dhòigh ’s gu ’m bi e air a bhristeadh. Ach ’s olc an cleas nach cluich dithis. Ma theid an còrdadh a bhristeadh faodaidh Newfoundland bacaidhean a chur air na h-iasgairean Geancach a bheir probhaid an iasgaich gu neoni. Faodaidh an riaghlaidh an cumail o bhi ceannach bidh is deighe an Newfoundland, nithean nach eil na ’n comas fhaotainn na ’n dùthaich féin, agus nach urrainn daibh deanamh as aonais. Ma nithear mar sin ris na Geancaich, faodaidh e bhith gu ’n tuig iad gur mò a chailleas na bhuinigeas iad le bhi tuilleadh is sanntach.
Naidheachdan.
CALL MULADACH—Di-sathairne, an deicheamh latha dhe’n mhios, bha dithis chloinne, mu dheich bliadhna dh’ aois, air am meileachadh gu bàs faisg air Port Felix, an Ghuysboro.
BAIS OBANN AN SIDNI—Bha ann an Sidni air a’ bhliadhna ’n uiridh leth-cheud is cóig bàs obann air am b’ fheudar cùirtcoronera chumail. Dhe ’n àireamh sin bha sia deug air fhichead air am marbhadh le sgiorraidhean; bha seachdnar air am bàthadh; chuir dithis làmh na ’m beatha fein; chaochail sianar le tinneas-cridhe; a dithis le meileachadh; agus bha dithis air an tilgeadh.
COMHAIRLE NA SIORRACHD—Tha Comhairle na Siorrachd cruinn anns a’ bhaile so o thoiseach na seachdain s’a chaidh. Air a bhò- ’n-uiridh chuireadh suas tigh-cùrtach a tha na thogalach gle chreideasach do ’n t-siorrachd. Am bliadhna thatar an dùil tigh-caothaich a thogail, tigh air am bheilear feumach, oir tha ’n tigh a th’ aca ’n dràsda tuilleadh is beag, agus air mir ro bheag de dh’ fhearann.
TILGEADH AIG ANRESERVE—Bha fear Dick Power a mhuinntir anReserveair a thilgeadh le Fred Ritter aig an aite sin oidhche Di-sathairne s’a chaidh. Bha Ritter na fhear-coimheid ’san t-seòmar-fheitheamh aig anjunction ,agus bha Power is triùir no ceithrir eile a’ cur dragh air. Dh’ fheuch e ri ’n cur air falbh, ach thionndaidh iad air, ’s anns an t-sabaid tharruing esan daga ’s loisg e air Power. Chaidh am peileir na ’chom, ga ’leònadh gu dona, ach tha na dotairean dhe’n bharail gu’m faigh e thairis air. Tha Ritter ri bhi air fheuchainn aig a’ chùirt mhoir, ach o’n rinn e ’n tilgeadh ga ’dhion fein, ’s e ’s dòcha nach cuirear peanas sam bith air.
SUIDHE NA PARLAMAID—Bidh an àrd-phàrlamaid a’ fosgladh ann an Ottawa air an naodhamh latha deug dhe ’n ath mhios. Tha dùil gu’m bi an suidhe so dhe ’n phàrlamaid na ’suidhe iomraiteach. Tha gnothaichean cudthromach ri bhi air an toirt fa ’comhair a dhùisgeas moran cònsachaidh, agus cha’n eil mor dhùil gu’n sgaoil i an taobh stigh de shia miosan.
MU “CHOGAR-ADHAIR” —Cha d’ fhuair sinn gu ruige so leasachadh sam bith air an ainm so ach a mhain ‘d’ a chur an àite ‘t’ ’san leth mu dheireadh dheth. Thatar a’ deanamh sin air son am facal a chumail eadar-dhealaichte o’n fhacal ‘athair’ —father— ’s bhiodh sin feumail, oir tha fhios againn gu bheilear air uairean ga mhi-thuigsinn ’san dòigh sin—a’ gabhail aon an àite ’n aoin eile.
DUINE AIR CHALL—Tha fear Uilleam Robertson air chall á Whitney Pier o chionn còrr is mios, ’s cha’n eil gu ruige so fhios gu dé dh’ eirich dha. Dh’ fhàg e roinn dhe ’thuarasdal gun tarruing far an robh e ’g obair, agus dh’ fhàg e ciste làn aodach ’san tigh ’san robh e ’bòrdadh. Bu Shasunnach e, a chuir roinn dhe ’bheatha seachad ’san arm. Bha e da fhichead is coig bliadhna dh’ aois.
AIR A SHAORADH—Air an naodhamh latha dhe’n mhios, chuireadh crioch air a chùirt aig an robhtar a’ feuchainn Bhrooks, an duine dubh a bha air a chur an greim air-son fear Scott a mharbhadh aig bàl dannsa ’snaCoke Ovens.A reir sgeul nam fianuisean, thilg Brooks am fear eile ga ’dhion fhein: bha am britheamh ’s anjurydhe ’n bharail sin, agus chaidh an duine shaoradh.
CUISEAN-RIAGHLAIDH ONTARIO—Bha Riaghladh Ontario, o chionn àireamh mhios air ais, air clach-an-turramain: cha robh fhios co ’n taobh a dh’ fhaodadh a bhi air an stiùir. Bha da fhear pàrlamaid a bharaachd aig taobh an Rosaich, naLiberals ,ach aig taghaidhean a bh’ ann an tri siorrachdan air an t-seachdamh latha dhe ’n mhios so, choisinn iad a tri eile, air chor ’s gu bheil iad a nise coignear ni ’s làidire na ’n taobh eile. Ach tha da shiorrachd eile fosgailte fhathast, agus ma theid iad sin na ’n aghaidh, bidh cùisean a’ dol gu h-olc leotha rithist. Air an laimh eile, ma theid iad leotha bidh e na neartachadh mor dhaibh.
SLAINTE SIR WILFRID—Tha caochladh sgeòil aig na paipeirean naidheachd mu shlàinte Sir Wilfrid Laurier. Cha’n eil teagamh sam bith nach robh e gu math tinn a’ tilleadh á Breatunn toiseach an fhoghair s’a chaidh, agus b’ ann airson a shlàinte a thug e cuairt do na Stàidean. A nis, an deigh dha tilleadh, tha cuid de na paipeirean ag radh gu bheil e ga ’fhaotainn fhein gu math, agus tha cuid eile ’g radh nach eil. Bhiodh e na bhuille ghoirt do ’n phàirtidh a tha air stiùir an riaghlaidh na ’n tigeadh air Sir Wilfrid a dhreuchd a leigeadh uaithe. Tha obair chruaidh an co-cheangal ris an dreuchd sam bheil e, agus cha b’ ioghnadh idir ged bhiodh a neart a fàilneachadh.
GEAMHRADH SEANN-FHASANTA—Tha an geamhradh a th’ againn am bliadhna ni’s fuaire na aon a thainig o chionn àireamh bhliadhnachan. Tha sneachd air an làr roinn mhath dhe ’n ùine o’n thainig e, ’s aig an àm so tha deagh rathad sleighe ann. B’ ann Di-luain s’a chaidh a dh’ fhàs deigh acarsaid Shidni cho làidir ’s gu ’n do chuir i stad air na batachan-aiseig, ach bha deigh mhath air na lochan ’s air na h-aibhnichean o chionn treis a dh’ ùine. Cha mhisde sinn idir an geamhradh a bhi fuar reòta, coltach ris na geamhraidhean mora b’ àbhaist a bhi againn ’san dùthaich so o chionn fhada. ’S e ’n reothadh moran a’s fallaine aig an àm so dhe’n bhliadhna na ’n t-sìde bhog fhliuch a bha againn cho tric o chionn àireamh bhliadhnachan.
BAS AIR AN RATHAD MHOR—Maduinn Di-dòmhnaich an aonamh latha deug dhe’n mhios, fhuaireadh fear Alasdair Mac-a- Mhaighstir marbh air an rathad mhor aig Abhainn Inhabitants. Bha e ann am Port Hawkesbury feasgar Di-Sathuirne, agus bha ’n oidhche anabarrach reòta. Thatar a’ deanamh mach gu ’n d’ thainig e bhar na sleighe air-son blàths a chur air fein a’ coiseachd, ach gu robh e air a mheileachadh cho mor ’s nach b’ urrainn da sin a dheanamh ’s gu’n do chaochail e mu’n d’ thainig an latha. Bha e gu math faisg air a dhachaidh fein, agus bha an t-each ’s an t-sleighe astar beag o’n àite ’san d’ fhuaireadh e. Bha e na dhuine stuama, deanadach, air an robh deagh mheas anns a’ choimhearsnachd. Bha e da fhichead bliadhna dh’ aois; ’s dh’ fhàg e bantrach is triùir de chloinn bhig.
AIRGIOD AIR-SON DOCHAINN—Bha fear Pendergast a mhuinntir a’ Bhras d’Oir Bhig air a ghoirteachadh ’san fhoghar s’a chaidh le carbad a ruith thairis air. Chuir e ’n dithis dhaoine bha ’sa charbad ’san lagh, agus fhnair e o chionn ghoirid breth na ’n aghaidh a thug orra $275 .00 a phàigheadh dha air-son a ghoirteachaidh. —Aig an àm cheudna fhuair fear Seumas Day $850 .00 bho chuideachd an iaruinn air-son goirteachadh a fhuair e aig Abhainn Sheorais ag obair am mèinn-chloiche do’n chuideachd. Bheir beagan chàsan dhe’n t-seòrsa so air muinntir a bhi ni’s faicilliche do thaobh muinntir eile, co-dhiu bhios iad rompa air an rathad-mhor no ag obair dhaibh.
Sgith de Chogadh.
Tha sinn a’ dol a steach do chùirtean na Bliadhn’ Uir le sìth nach robh againn an uiridh. Ach cha’n ’eil sinn uile saor o oibreachan cogaidh. Thàinig sìth gu raointean farsuinn ann an Africa mu dheas; ach ann an Africa mu’n ear-thuath tha trioblaid a’ rìgheachadh eadar na nàistnich agus sinn féin. ’Se obair bhrònach thruagh a tha an so, nach sgìthich slòigh a’ chruinne-ché de a bhi a’ marbhadh agus a’ mort càch a chéile. O cheann beagan bhliadhnachan bha dùil choitcheann am measg mòran ’san t-saoghal gu ’n tigeadh cogaidhean uile ann an ùine gheàrr gu crìch. Cha robh an so ach dùil mheallaidh. Tha e nis soilleir nach robh spiorad na còmhstri, an fharmaid, agus an t-sannt riamh ni ’s làidire na tha e an diugh. Gheibhear an spiorad so ag oibreachadh gu sònruichte ann a bhi deanamh greim air an fhearann anns gach ceàrn de ’n t-saoghal, agus ann an cùisean malairt. A réir coslais cha’n ’eil teagasg nan eaglaisean ach car fann a thaobh an spioraid so. Ach bidh an dochas a ghnàth ag éiridh anns a’ chridhe nach ’eil aoisean na fior shìth fad ás; gu’n tig an t-àm anns am bi bràithreachas mar a sheinn eadhon Burns féin a’ buadhachadh am measg a’ chinne-dhaonna. —Oban Times.
Garbh Mac Stairn agus Dual.
Dh’ imich Garbh mac Stairn agus Dual a dh’ fhaicinn Fhinn agus a threun fheara colgach, iomraiteach ann an gniomharaibh arm. Bha Fionn ’s an àm sin ’n a thigheadas samhraidh am Buchannti. ’N an turus d’a ionnsuidh, ghabh iad beachd air gach gleann agus faoin mhonadh, air gach allt agus caol choirean. Ghabh iad sgeul de gach coisiche agus gach fear a thachair ’n an còir. Ann an gleann nan cuach agus nan lon, chunnaic bùth taobh sruthain; chaidh a steach, dh’ iarr deoch; dh’ eirich ribhinn a b’ àluinne snuadh a dh’ fhàilteachadh an turuis le sìth. Thug i biadh dhaibh r’a itheadh, dibhe ri h-òl; dh’ iarr sgeul le cainnt thlà. Bhuail gaol o a sùil an Garbh borb, agus dh’ innis cia as daibh. “Thainig sinn o thìr nan crann, far an lionmhor sonn—mac righ Lochlann mise—m’ ainm Garbh na ’m b’ aill leat—esan Dual, o thìr nam beann, a thuinich an Albainn o thuath—a ghabhail cairdeis gun sgàth agus aoidheachd o ’n àrd righ Fionn, sid fàth ar turuis, a chiabh na maise—ciod am bealach am buail sinn? seol ar cas gu teach Fhinn, bi dhuinn mar iùl, is gabh duais.”
“Duais cha do ghabh mi riamh,” ars an nighean bu bhlàithe suil ’s bu deirge gruaidh; “cha b’ e sid abhaist Theadhaich nam beann éilde, ’g am bu lionmhor dàimheach ’na thalla, ’g am bu tric tathaich o thuath—ni mise dhuibh iùl.” Gu gleann-sìth tharladh na fir; gleann an tric guth feidh is loin; gleann nan glas charn is nan scor; gleann nan sruth ri uisg is gaoith. Thachair orra buaghar bho, is rinn dhaibh iùl; thug daibh sgeul air dùthaich nan creag, air fir agus air mnaibh, air fàs shliabh agus chàrn, air neart feachd, air rian nan arm, air miann slòigh, agus craobh-thuinidh nam Fiann.
[Vol . 11. No. 15. p. 3]
LITIR A ALBA.
FHIR MO CHRIDHE, —Tha ’n t-àm agam a nis làmh a thoirt air a’ pheann agus sgrìobag no dhà a chur g’ ad ionnsuidh. Ach is gann gu ’m bheil fhios agam gu ro mhath ciod a their mi, no cia mar a thòisicheas mi. Tha mi dìreach mar is minic a bha mi an uair a rachainn do ’n ghàradh toiseach an earraich ann an dùil ri teannadh ri obair. An uair a chithinn gu ’n robh fichead rud feumach air làmh a thoirt air, sheasainn agus mo dhà laimh air mo chulaobh, agus is gann gu ’n dùiriginn làmh a chur ann an car. Ach an uair a smaoinichinn uair no dhà air a liuthad car a bha ri dheanamh, thoisichinn air an obair a shaoilinn a b’ fheumaiche bhith air a deanamh an toiseach.
Chaidh a’ ghàradaireachd gu mòr ’nam aghaidh air a’ bhliadhna so; agus a dh’ innseadh na firinn dhutsa, cha robh sunnd orm gu sgrìobhadh ugad fhein no gu neach sam bith eile. Leis cho mi-fhàbharrach ’s a bha ’n t-sìde air son obair gàraidh, cha robh mi ’faighinn air aghart leis an obair a leith cho math ’s bu mhiann leam. Tha fhios aig gach aon a tha suas ri obair ann an gàradh nach ’eil e math a bhith ’cladhach anns a’ ghàradh ri sìde fliuch. Tha ’n talamh a’ laidhe air a chéile leis an uisge, agus, ann an ùine ghoirid, a’ fàs a’ cheart cho cruaidh agus cho teann ri tràigh. Agus mu dheidhinn a bhith ’cur fhrasan meanbha, laga ann an gàradh ri sìde fliuch, fuar, cha bhiodh ann ach, mar a thuirt am facal, “saothair an dagha.”
O ’n a bha ’n t-sìde cho mi-fhàbharrach, bha mi car fada gun na frasan a chur, agus o ’n a bha ’n t-sìde a’ fuireach glé fhuar, bha iad fada gun tighinn troimh ’n talamh.
Ged a bha ’n t-earrach fuar, cha b’ e an samhradh mòran bu bhlàithe. Ach gun a bhith ’g ràdh mòran tuilleadh mu ’n t-sìde, faodaidh mi ràdh nach robh an gàradh agam riamh fhathast cho fad’ air ais ’s a bha e am bliadhna, ged a bha mi ’g obair na bu trainge na bha mi bliadhna riamh roimhe. Agus tuigidh tu fhéin glé mhath nach urrainn sunnd a bhith air duine gu sgrìobhadh an uair a bhios e air a shàrachadh ag obair a h-uile latha, agus an obair a’ sior-dhol ’na aghaidh. Ach gus an fhìrinn ghlan innseadh dhut, cha tugadh e mòran ùine dhiomsa no de dh’ fhear eile, litir ghoirid a sgrìobhadh ugad. Agus ni na litrichean goirid, ma ruigeas iad thu gu math tric, a’ cheart uiread a dh’ fheum dhut air a’ cheann mu dheireadh ’s a ni na litrichean fada mur ruig iad thu ach ainneamh.
O nach ’eil na ’s fhearr agam ri innseadh dhut an diugh, innsidh mi dhut naigheachd bheag a leugh mi o chionn ghoirid mu dheidhinn gàradaireachd.
Bha fear ann an Sasunn aon uair aig an robh gàradh math anns an robh gach seòrsa de chraoibh mheasan a’ fàs, a dh’ fhàsadh anns an àite. Bha e pòsda, ach cha robh teaghlach idir aige. Ri ùine thòisich na craobhan ri dhol air an ais, agus bha ’n toradh a bha e ’faotainn uapa a’ dol na bu lugha o bhliadhna gu bliadhna. Mu dheireadh bha e air thuar a bhith gun dad leis an cumadh e e-fhéin agus a bhean suas. Bha e air fàs sean, agus nan rachadh an gàradh buileach glan ’na aghaidh, bha eagal air gu ’m biodh e-fhein agus a bhean anns a’ bhochdainn ann an deireadh an làithean, o nach robh e suas ri obair sam bith eile ach gàradaireachd. Bha so iomadh uair ’g a chur o chadal na h-oidhche.
Air oidhch’ àraidh, mu dheireadh an fhoghair, chunnaic e aisling: ar leis gu ’n robh e ag obair anns a’ ghàradh, agus gu ’n d’ thainig seann duine liath far an robh e. “Seadh, Iain,” ars’ esan, “tha thu ’g obair gu trang. Tha mi ’faicinn gu ’m bheil na craobhan a’ dol air an ais gu mòr o bhliadhna gu bliadhna. Ach ma chladhaicheas tu fo bhonn na craoibhe ud thall (agus e ’comharrachadh am mach té dhe na craobhan dha le ’laimh) gheibh thu crogan òir foidhpe, agus cumaidh na th’ ann thu-fhein ’s do bhean o ’n bhochdainn fhad ’s a bhios sibh beò.”
Ghrad dhùisg Iain, agus bha ’n aisling cho ùr ’na inntinn ’s ged a chitheadh e an seann duine as a dhùsgadh. Dh’ innis e an aisling do ’n mhnaoi; ach cha do ghabh i suim sam bith dhi.
Dh’ éirich Iain cho luath ’s a thàinig an latha gus a dhol a chladhach aig bonn na craoibhe; ach gu mi-fhortanach cha b’ urrainn e a chuimhneachadh, an uair a chaidh e do ’n ghàradh, cò a’ cheart chraobh a chomharraich an seann duine am mach dha. Ach thuirt e ris fhein gu ’m feumadh gu ’n robh an t-òr fo bhonn té dhe na craobhan co dhiubh; agus mar sin thòisich e gu dichiollach ri cladhach, ged a bha a bhean a’ trod ris a chionn nach do chum e ’na chuimhne a’ chraobh cheart.
Bha teanga na mnà aig Iain cho fada ’s nach b’ urrainn di gu ’n innseadh do na bana-choimhearsnaich gu ’m fac’ e an aisling; agus mar sin fhuair an dùthaich fios m’a dheidhinn. Bha h-uile duine ’smaointean nach robh ann an Iain ach dearg amadan an uair a bheireadh e géill sam bith do dh’ aisling fhaoin na h-oidhche; agus gu math tric thigeadh cuid dhe ’n t-sluagh a bha faisge dha thun a’ ghàraidh far an robh e ’cladhach gu trang, agus ’fhallus ’g a dhalladh, agus bheireadh iad greis air magadh air. Cha robh de dh’ aobhar-bruidhne agus de cheòl-spòrs anns an àite ach Iain agus an obair a bh’ aige; ach bha Iain ’g a dheanamh fhein cho cinnteach gu ’n robh an t-òr fo thé air choireiginn dhe na craobhan ’s gu ’n do chuir e roimhe gu ’n cladhaicheadh e fo bhonn a h-uile té dhiubh, ged a bha mòran de mhuinntir an àite ’tighinn a h-uile feasgar thun a’ ghàraidh a mhagadh air.
Ach an déigh dha corr is mios a thoirt air cladhach fo bhonn nan craobhan, agus timchioll orra, cha d’ fhuair e an crogan òir. Agus, mar a dh’ fhaodar a chreidsinn, bha tàmailt nach bu bheag air, araon a chionn gu ’n do chosg e uiread dhe ’ùine a’ cladhach mu na craobhan, agus mar an ceudna, a chionn gu ’n robh muinntir an àite a’ magadh air, agus a’ deanamh ceòl-spòrs dheth.
Coma co dhiubh, cha robh leasachadh air a’ chùis; agus, mar a thuirt e-fhein uair is uair, cha deanadh an saoghal feum mur biodh iomadh amadan ann. Cha robh daoine a’ tuigsinn ciod a bha e ’ciallachadh an uair a thuirt e so. Ach thuirt e riutha: “Tha gliocas is amaideas mu choinneamh a chéile mar a tha solus is dorchadas, teas is fuachd, geal is dubh. Cha b’ urrainn duinn a ràdh gu ’n robh duine glic ann mur biodh amadan idir ann. Agus is ann air na h-amadain a tha mòran dhe na daoine glice a’ tighinn beò. Am fear nach ’eil ’na amadan uair is uair, tha e do ghnàth ’na amadan.”
Ri ùine chaidh guth-thairis air Iain ’s air an obair a bh’ aige anns a’ ghàradh. Bha ’n talamh a dhùisg e o bhonn nan craobh ’na thorran ann an sid; agus o nach robh cabhag sam bith air Iain gus an talamh a chur na àite fhein, thainig an reothadh ’s an sneachda, agus cha robh aige ach leigeadh leis na craobhan a bhith mar a bha iad.
An uair a thainig greis dhe ’n earrach a steach, smaoinich e gu ’m b’ fhearr dha an talamh a shocrachadh mu bhonn nan craobh, a chum nach biodh an gàradh ’na chùis-mhagaidh agus ’na chùis-bhruidhne aig luchd-falbh an rathaid. Bha e ’ga dheanamh fhein cinnteach gu ’n robh na craobhan o fheum co dhiubh an déigh na bhrist e dhe na freumhan aca, agus an déigh dhaibh a bhith cho fada fo ’n reothadh ’s fo ’n t-sneachda.
Coma co dhiubh, an uair a thainig an t-àm thòisich na craobhan ri tighinn fo dhuilleach gu briagha; ach cha do chuir so annas sam bith air Iain. Bu ghnàth leotha a bhith fo dhuilleach gu leòr fad bhliadhnachan roimhe sid, ged nach robh iad a’ toirt am mach a’ bheag de thoradh. Ach an déigh an duillich thàinig iad fo bhlàth na bu bhriagha agus na bu ghealltanaiche na chunnaic e iad fad iomadh bliadhna roimhe sid. Chuir so car de dh’ ioghnadh air; ach air a shon sin cha do smaoinich e gu ’m biodh toradh sam bith orra. An uair a thainig àm an toraidh, bha gach craobh cho trom le toradh ’s gu ’m b’ fheudar dha maidean a chur ri taic cuid dhe na meanglain a chum an cumail o thuiteam air an talamh.
Sin an uair a thuig e gu ’n do choisinn e mòran a bharrachd air làn crogain a dh’ òr an uair a chladhaich e mu ’n cuairt air na craobhan. Thuig e gu ’m b’ e an rud a chum na craobhan o bhith ’toirt toraidh am mach fad àireamh bhliadhnachan roimhe sid, gu ’n robh an talamh air fàs tuilleadh is teann mu na freumhan aca.
Tha ’n sgeul fìrinneach so a’ teagasg dhuinn gur fheairrd na gàraidhean againn a bhi ’g an cladhach gu math tric, agus gu math domhain.
Tha so fìor cha ’n ann a mhàin gu h-aimsireil ach mar an ceudna gu spioradail. Cha mhisde a h-aon dhinn na briathran so a labhair an t-Ard-mhaighstir ris a’ ghàradair a thoirt fa near le cùram: “Bha aig duinne àraidh crann-fìge suidhichte ’na ghàradh-fiona: agus thàinig e ag iarraidh toraidh air, agus cha d’ fhuair e. An sin thuirt e ris a’ ghàradair, Feuch, tha mi ré thri bliadhna a’ teachd a dh’ iarraidh toraidh air a’ chrann-fhìge so, agus cha ’n ’eil mi faighinn a’ bheag: gearr sìos e, c’ar son a tha e ’fàsachadh na talmhainn? Agus fhreagair esan, agus thubhairt e ris: A Thighearna, leig leis air a’ bhliadhna so mar an ceudna, gus an cladhaich mi m’a thimchioll, agus gu ’n cuir mi aolach m’a bhun: agus ma ghiùlaineas e toradh, is math sin: ach mur giùlain, ’na dhéigh sin gearraidh tu sios e.” —Lucas xiii. 6—9.
Bidh a’ bhliadhna so seachad mu ’n teid an litir so tarsuinn a’ Chuain-an-Iar, agus bidh seachdain no dhà seachad dhe ’n ath-bhliadhna mu ’n ruig i do luchd-leughaidh.
Bheir thu beannachdan uamsa g’ an ionnsuidh uile. Tha mi ’g aideachadh gu ’m bheil meas a’ bharrachd agam air luchd-leughaidh a’ MHIC-TALLA na th’ agam air na Gaidheil eile. Gu ma fada beò iad ’s ceò as an taigh. Bliadhna mhath ùr dhaibh, agus moran dhiubh.
Is mi do charaid an là a chi ’s nach fhaic.
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Taobh-an-Locha, Oidhche Nollag, 1902.
Chuir òganach còir, àbhachdach, a’ cheist roimhe so ri seann mhaighdinn uasail, a bha air an taobh thall de leth-cheud, agus thubhairt e rithe, “Ciod i do bharail-sa a nis, a bhean-uasal, urramach, mu thimchioll pòsaidh?” “Mu thimchioll pòsaidh,” ars’ ise, “tha e ceart cosmhuil ri euslainte sam bith eile, an uair a tha beatha ann, tha dòchas.”
Tha moran air am mealladh a thaobh saoibhreis. Tha dùil aig na daoinibh saoghalta, amaideach, farmadach nach ’eil sonas r’a fhaotuinn air uachdar an talmhainn, ach ann an airgiod agus òr. Ach tha mealltaireachd na barail so aithnichte dhoibhsan uile aig am bheil cinn gu smuaineachadh, agus cridheachan gu mothuchadh.
Tha tuigse an duine a tha da rireadh glic mar ghloine. Leigidh i stigh solus nèimh agus a ris leigidh i air ais e.
[Vol . 11. No. 15. p. 4]
AN CEANNAICHE EADAILTEACH.
Bha an sgeul so air a h-innse air tùs le Uilleam Shakespeare, agus chuireadh ann an rosg i le Tearlach Lamb, ùghdar cliùiteach a rinn an ni ceudna ris an àireamh a’s motha de na dàin-cluich a bhàird ainmeil ud. Chaidh eadar-theangachadh gu Gàilig le Iain Mac-Illebhàin, an Ionarnis.
BHA Iudhach d’ am b’ ainm Shylock a chòmhnuidh ann am baile-mor Venice, anns an Eadailt; bha e ’n a dhuine ro shanntach, agus le bhi a’ cur a chuid airgid a mach air riadh àrd am measg nan ceannaichean Criosdail chuir e beairteas mor cruinn. Bha Shylock ’n a dhuine cruaidh-chridheach agus fuathasach teann ann an tagar air ais ’airgiod-iasaid; bha, uime sin, fuath nach bu bheag aig a’ h uile duine ceart, cothromach dha, agus gu sònraichte aig Antonio, ceannaiche òg a bha anns a’ bhaile; agus bha neo-ar-thaing uiread fhuath aig Shylock dhàsan, oir bha e ’n a chleachdadh aige airgiod a thoirt do dhaoine air choingheall agus cha ’n iarradh ’s cha ghabhadh e riadh bho dhuine; bha, leis a so, gamhlas nach robh faoin eadar an t-Iudhach sanntach so agus an ceannaiche iochdmhor Antonio. Cha robh uair a thachradh Antonio air an Iudhach aig a’ mhargadh nach biodh e ’g a thàmailteachadh le bhi ’tilgeil air a chuid réidh agus a chleachdainnean spìocach, cruaidh; rud ris an éisdeadh an t-Iudhach gu ciùin, macanta, na ’m b’ fhior, am feadh ’s a bha e aig a’ cheart àm a’ cur roimhe gu ’m biodh dioghaltas aige.
Cha robh air an t-saoghal duine a bu choibhneile agus a bu ghloine na Antonio, no fear a bu chùirteile ’n a ghluasad; a dh-aon fhacal, cha robh ’san Eadailt gu leir duine anns am faicteadh tuilleadh de mhòralachd nan seann Ròmanach. Bha e fo mhor ghràdh aig muinntir a’ bhaile; ach b’ e Bassanio, flath òg Eadailteach, caraid a bu dlùithe d’ a chridhe. Bha aig Bassanio oighreachd bheag, ach mar is minig a thachras do dhaoine òga aig a bheil inbh àrd ’s gun ach sporan beag, chaidh e roimh ’chuid maoin le caithe-beatha cosdail os cionn a chomais. An uair a bhiodh Bassanio gann de dh-airgiod, chuidicheadh Antonio e; bha iad mar nach biodh ach aon chridhe agus aon sporan eatorra.
Thainig Bassanio aon latha gu Antonio agus dh’ innis e dha gu ’n robh a rùn air a chor a leasachadh le mnaoi-uasail air an robh e an gaol a phòsadh; gu ’n robh a h-athair marbh, agus gu ’n d’ fhàg e oighreachd mhor aice; gu ’m b’ àbhaist da am feadh ’s a bha a h-athair beò a bhi a’ taghal a tighe, agus gu ’n d’ thug e an aire gu ’n robh i ag amharc air le sùilean gaoil a bha mar gu ’m b’ eadh le teachdaireachd bhalbh ag radh ris gu ’m b’ e ’bheatha tighinn; ach air dha bhi gun airgiod g’a chur fhein ann an uidheam fhreagarraich do dh’ fhear a bha an geall air mnaoi-uasail cho beairteach, ghuidh e air Antonio cur ris gach fàbhar a bhuilich e air roimhe so le tri mìle bonn òir a thoirt da air choingheall. Cha robh an t-airgiod tioram deas aig Antonio a bheireadh e dha aig an àm, ach bha sùil aige ri luingeis làn bathair a bhi dhachaidh gun dàil, agus thuirt e gu ’n ruigeadh e Shylock, an ceannaiche Iudhach, agus gu ’m faigheadh e iasad an airgid uaithe air creideas nan long a bha a’ tighinn gu caladh.
Chaidh Antonio agus Bassanio còmhladh a dh-ionnsaidh Shylock, agus dh’ iarr Antonio iasad thrì mìle bonn òir air an Iudhach, aig riadh sam bith a thoilicheadh e, ri bhi air a phàidheadh á luach a’ bhathair a bha ’n a chuid luingeis air a’ chuan. Air a chluinntinn so do ’n Iudhach thuirt e ris fhéin: “Ma gheibh mise cothrom air aon uair mur sàsaich mise an gamhlas a tha agam dha! Tha fuath aige d’ ar cinneach Iudhach; tha e a’ toirt airgid-iasaid a nasgaidh; agus am measg nan ceannaichean anns a’ mhargadh cha ’n ’eil de thlachd aige ach a bhi ga m’ smàdadh a chionn bhi a’ tagar réidh air-son mo chuid iasad. Mallaichte gu ’n robh mo chinneadh mur crean e air!” An uair a mhothaich Antonio gu ’n robh e mar so a’ meòrachadh ris fhein gun fhacal freagairt a’ tighinn uaith, agus esan an cabhaig air-son an airgid, thuirt e, “Shylock, an cluinn thu mi? an toir thu dhomh an t-airgiod a dh’ ainmich mi?” Fhreagair an t-Iudhach, “Antonio uasail, air a’ mhargadh is tric agus cha b’ ainneamh a rinn thu tàir orm air-son mo chuid airgid, agus mo riadh dligheach, agus chuir mi suas leis gu foighidneach, oir is e fulangas suaicheantas ar cinnidh gu léir; agus theireadh tu nach robh annam ach ana-creideach, madadh gràineil, agus thilgeadh tu smugaid thàireil air mo thrusgan Iudhach, agus bhreabadh tu uait mi mar nach biodh agad annam ach cù. Ach a nis, a réir coltais, tha thu am feum mo chuideachaidh; agus thigidh tu am ionnsaidh agus their thu, Shylock, thoir dhomh airgiod. Am bi airgiod aig cù? An urrainn do mhadadh iasad thri mile bonn òir a thoirt do dhuine? An sleuchd mise, nis, gu h-umhal agus an abair mi, A dhuine mhaith, thilg thu smugaid orm Di-ciadain so ’chaidh, aig àm eile thuirt thu madadh rium, agus an éirig do mhodh agus do choibhneis tha mi ’dol a thoirt airgid duit.” Fhreagair Antonio, “Tha e gle choltach gu ’n goir mi an t-ainm ceudna riut a rithist, gu ’n tilg mi smugaid ort, agus gu ’n breab mi uam a rithist thu. Ma ni thu de chomhstath an t-airgiod a thoirt domh, na toir seachad e dhòmhsa mar do d’ charaid, ach mar gu ’n tugadh tu air iasad dhomh e mar do d’ nàmhaid, a los, ma bhristeas mise, gur urrainn duit le aghaidh is fhearr a thagar air ais le costas agus le ùnlagh.” “Faic a nis,” arsa Shylock, “mar tha thu ga d’ chur fhein an corruich. Bhithinnsa càirdeil riut agus bu mhiann leam thu bhi càirdeil rium. Leigidh mi air dhiochuimhne gach tàir a rinn thu orm. Ni mi cobhair air d’ uireasbhuidh, agus cha ’n iarr mi peighinn de riadh air-son mo chuid airgid.” Ghabh Antonio ioghnadh mor ris an tairgse fhialaidh so; agus thuirt Shylock, agus e fathast a’ gabhail air a bhi toileach coibhneas a nochdadh agus gu ’n robh e ga ’dheanamh gu léir air-son gaol Antonio a chosnadh, gu ’n tugadh e dha an tri mile bonn òir agus nach iarradh e peighinn réidh; ach a mhàin so, gu ’n rachadh Antonio leis a dh-ionnsuidh fir-lagha, agus air son àbhachd gu ’n cuireadh e ainm ri gealladh, mur pàigheadh e air ais an t-airgiod air a leithid so a latha gu ’n dioladh e punnd d’ a fheòil, ri bhi air a ghearradh á aite sam bith d’ a chorp a thoilicheadh an t-Iudhach.
“Tha mi toileach,” ars’ Antonio; “cuiridh mi m’ ainm ris a’ ghealladh, agus aidichidh mi gu ’m bheil bàighealachd anns an Iudhach an deigh a’ h-uile rud a th’ ann.” Thuirt Bassanio nach leigeadh e le Antonio ainm a chur ri leithid sin de ghealladh air a shon-san; ach coma, chuir Antonio roimhe gu ’n deanadh e e, oir bha e làn chinnteach mu ’n tigeadh latha pàidheadh a gheallaidh gu ’m biodh a luingeis air an ais luchdaichte le luach an airgid thairis a’s thairis.
A’ cluinntinn a’ chonnsachaidh a bha eadar an dithis, ghlaodh an t-Iudhach, “O Abrahaim, m’ athair, nach amharusach na daoine na Criosdaidhean sin fhein! tha iad cho cleachdte ri buntainn gu cruaidh ’s gu bheil iad am beachd gu bheil muinntir eile cho dona riutha fein. Guidheam ort, a Bhassanio, innis so dhomh; mur seasadh e a latha, ciod a’ bhuannachd a bhiodh anns a’ gheall domhsa? Punnd de fheoil duine air a ghearradh bharr a choluinn, cha ’n ’eil e cho luachmhor no cho buannachdar ri muilt-fheoil no ri mairt-fheoil. A chosnadh a dheadh-ghean tha mi a’ tairgseadh a’ chàirdeis so: ma ghabhas e e is math; mur gabh, slàn leat.”
Mu dheireadh, an aghaidh comhairle Bhassanio, a bha amharusach mu ’n Iudhach, a dh-aindeoin na thuirt e mu ’dheadh-rùn anns a chùis, agus nach robh idir toileach gu ’n cuireadh a charaid e fein fo chunnart a leithid de pheanas gràineil as a leth-san, chuir Antonio ’ainm ris a’ ghealladh, a’ smuaineachadh nach robh e, mar thuirt an t-Iudhach, ach air-son àbhachd.
Bha a’ bhan-oighre bheairteach a bha Bassanio a’ cur roimhe a phosadh a chòmhnuidh dlùth do bhaile-mor Venice, aig àite d’ an goirear Belmont: b’ e a h-ainm Portia, agus ann am buaidhean agus maisealachd inntinn agus pearsa cha robh a coimeas ri fhaotainn. An uair a fhuair Bassanio an t-airgiod air-son an do chuir a charaid Antonio e féin fo leithid de chuing, thog e air á Belmont le mor ghreadhnachas, a’ toirt leis mar ghille-cuim lasgaire òg d’ am b’ ainm Gratiano. Shoirbhich gu math le Bassanio anns an t-suiridh, agus gheall Portia ann an ùine ghoirid a ghabhail mar a fear-pòsda.
Dh’ aidich Bassanio do Phortia nach robh saibhreas aige agus nach robh aige gu uaill a dheanamh as ach fuil uasal agus sinnsireachd chliùiteach; b’ iad a bhuaidhean fiughantach a ghluais a gaol-se, agus bha beairteas gu leoir aice mar bha gun sùil ri saibhreas le a fear-pòsda, uime sin fhreagair i le màldachd ghrinn, mar bu mhath a b’ aithne dhi, gu ’m b’ fhearr leatha gu ’n robh i mìle uair na bu mhaisiche na bha i, chum ’s gu ’m biodh i airidh air; agus an sin thòisich Portia eireachdail air cur sios oirre fhein, ag radh nach robh innte ach caileag gun fhoghlum, gun sgoil, gun sgil, ach nach robh i fhathast cho sean ’s nach b’ urrainn di ionnsachadh, agus gu ’n cuireadh i i-fein fo ’chùram-san gu bhi air a seòladh agus air a riaghladh leis anns gach ni; agus ars’ ise, “Mi fhein agus na bhuineas domh is leatsa. An dé, a Bhassanio, bha mi am bhaintighearna air an lùchairt àillidh so, am uachdaran orm fhein, agus am bhana-mhaighstir air na seirbheisich sin; ach a nis mo thighearna, is leatsa an tigh so, na seirbheisich sin, agus mi fhein; tha mi ga ’m buileachadh ort leis an fhàinne so;” agus shìn i am fàinne do Bhassanio. Bha Bassanio air a lionadh le taingealachd agus le ioghnadh ri faicinn cho grinn ’s a ghabh Portia uasal, bheairteach ri duine mar bha esan nach robh an seilbh air saibhreas no inbh; cha b’ urrainn e a thoil-inntinn agus a ghràdh do ’n mhnaoi-uasail a chuir a leithid a dh-urram air a chur an ceill ach ann am briathran bristeach gaoil agus buidheachais; a’ cur an fhàinne air a mheur gheall e nach dealaicheadh e ris gu latha a bhàis.
Bha Gratiano agus Nerissa, bean-choimhideachd Phortia a’ feitheamh air an triath òg agus air a’ mhnaoi-uasail an uair a thug Portia a gealladh cho suilbhear gu ’m biodh i ’n a céile ghaoil aig Bassanio; agus ghuidh Gratiano gach sonas agus àgh do ’n chàraid ghrinn, aig a’ cheart àm ag iarraidh cead a bhi air a phòsadh e fein air an aon latha riuthasan. “Le m’ uile chridhe, a Ghratiano,” arsa Bassanio, “ma dh’ amaiseas tu air leannan.”
Thuirt Gratiano ris gu ’n robh e an gaol air Nerissa, bean-choimhideachd na mnaoi-uaisle Portia, agus gu ’n do gheall i gu ’m pòsadh ise esan na ’n gabhadh Portia Bassanio. Dh’ fheòraich Portia de Nerissa an robh so fior. Fhreagair Nerissa, “Ma ’s e ur toil e, tha e fior, cha ’n ’eil d’ ar dìth ach ur cead fein.” Dh’ aontaich Portia gu toileach, agus thuirt Bassanio gu cridheil,
[Vol . 11. No. 15. p. 5]
“A Ghratiano, cuiridh do bhanais am barrachd urraim air a’ chuirm-bhainnse againne; mo bheannachd oirbh.”
Bha sonas nan càraidean grinne air a bhristeadh gu dòlasach ann am meadhan na h-iomairt so, le teachdaire a thainig orra a’ giulan litreach bho Antonio a’ cur an ceill naidheachd ro bhrònach. An uair a leugh Bassanio litir Antonio mhùth e neul, air alt ’s gu ’n do shaoil Portia gu ’n d’ fhuair e fios mu bhàs caraid ghaoil air chor-eigin; agus mar dh’ fheòraich i ciod an sgeul a chuir a’ leithid a mhulad air, fhreagair e, “A Phortia mo ghaoil, so agad briathran is mi-thaitniche a thainig riamh o bharr pinn. A bhean-uasal mo rùin, an uair a dh’ aidich mi mo ghaol duit an toiseach dh’ innis mi gu saor gu ’n robh na bh’ agam de bheairteas a’ ruith ann am chuisle; ach bu choir dhomh ’s an àm innseadh a thuilleadh air sin gu ’n robh mi na bu bhochda na ged nach biodh dad idir agam, gu ’n robh mi ann an ainbheach.” Chuir Bassanio an sin an ceill do Phortia gach ni a tha air aithris an so, mar fhuair e airgid coinghill bho Antonio; mar fhuair Antonio bho Shylock an t-Iudhach e; mu ’n ghealladh ris an do chuir Antonio ’ainm, gu ’n tugadh e punnd d’ a fheòil fein do ’n Iudhach mur paidheadh e an t-airgiod air an latha a chaidh a shocrachadh, agus an sin leugh Bassanio litir Antonio, mar a leanas: “A Bhassanio, a dhuine mo ghaoil, tha mo luingeis uile air an call, feumaidh mi an t-unlagh iocadh do ’n Iudhach; agus a thaobh gur aocomasach e mi bhi beo an deigh sin a dheanamh, bu mhath leam d’ fhaicinn an am mo bhais. Ach dean an rud a chi thu freagarrach; mur toir do ghradh dhomhsa ort tighinn, na tugadh mo litir ort.” “M’ fheudail de na feara,” arsa Portia, “cuir gach gnothach troimh do lamhan gun dail agus tog ort; bheir mi dhuit de dh-òr na phaidheas an t-ùnlagh ged bhiodh e fhichead uiread ’s a tha e, mu ’m fuiling mi gu ’n cailleadh an caraid caomh so fuiltean d’ a cheann air-son mo Bhassanio; agus a chionn gu ’m bi mi air prìs cho mor a phaidheadh air do shon, bidh an tuilleadh gaoil agam ort.” Thuirt Portia an sin gu ’m pòsadh i Bassanio mu ’m falbhadh e, a los gu ’m biodh còir dhligheach aige air an airgiod; agus an latha sin fein chaidh am pòsadh. Chaidh Gratiano aig a’ cheart àm a phòsadh ri Nerissa; agus thog Bassanio agus Gratiano orra ann an cabhaig do bhaile Venice far an d’ fhuair Bassanio Antonio bochd ann am prìosan. Bha an latha air an robh aige ris an airgiod a phàidheadh air dol seachad, agus dhiult an t-Iudhach an-iochdmhor an t-airgiod an uair a thairg Bassanio dha e; cha ghabhadh e ni sam bith ach punnd de fheòil Antonio. Chaidh latha a shuidheachadh air-son na cùise a thoirt air a h-aghaidh aig mòd an làthair Dhiùc Venice, agus bha Bassanio a’ feitheamh latha na cùirte fo chùram agus fo iomacheist mhóir.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
ALADIN.
CAIB. XIV.
AN uair a sheall Aladin gu curamach air feadh a h-uile seomar a bh’ anns an luchairt, agus gu h-araidh air an t-seomar air an robh na ceithir uinneagan fichead, agus a chunnaic e gu ’n robh a h-uile rud ann an ordugh cho coimhlionta ’s a b’ urrainn a bhith, thuirt e ris an fhathach: Fhathaich, cha ’n urrainn duine ’bhith na ’s riaraichte na tha mise leis a h-uile rud a rinn thu; agus gu dearbh is ann gun naire a bhithinn nam faighinn coire do na rinn thu. Cha ’n ’eil gun deanamh ach aon rud air an d’ rinn mi-fhin dichuimhn; agus is e sin, lar-bhrat de bhelbhet ghrinn a chur o dhorus luchairt an righ gu dorus an t-seomair anns am bi nighean an righ a’ fuireach, a chum gu ’n coisich i air.”
Chaidh am fathach as an t-sealladh anns a’ mhionaid, agus gun dail bha ’n lar-bhrat air a sgaoileadh mar bu mhiann le Aladin. Agus an sin thug am fathach dhachaidh e mu ’n d’ fhosgladh geatachan luchairt an righ.
Anns an àm thainig dorsairean an righ a dh’ fhosgladh geatachan na luchairt, agus cha robh fhios aca ciod a theireadh iad an uair a thug iad an aire gu ’n robh lar-bhrat air a leagadh o ’n dorus a dh’ ionnsuidh na luchairt a bha iad a’ faicinn astar beag air falbh; agus cha b’ urrainn daibh idir a thuigsinn cia mar a bha e comasach gu ’m biodh a leithid de dh’ aitreibh air a togail re na h-oidhche. Bha fhios is cinnt aca nach robh an luchairt no ’n lar-bhrat ann an latha roimhe sid. Sgaoil an naigheachd iongantach so air feadh na luchairt ann an tiotadh.
An uair a thainig an t-ard-chomhairleach do ’n luchairt beagan uine an deigh na geatachan fhosgladh, cha b’ e fhein dad bu lugha ioghnadh. Chaidh e anns a’ mhionaid far an robh an righ, agus dh’ fheuch e ri thoirt air a chreidsinn nach robh ann gu leir ach draoidheachd.
“Ach ard-chomhairlich,” ars’ an righ, “c’ar son a tha thu ’g radh gur e draoidheachd a th’ ann? Tha fhios agad cho math ’s a th’ agamsa gur e ’th’ ann luchairt a thog Aladin. Thug mise dha cead a togail, a chum gu ’m biodh mo nighean a’ fuireach innte. An deigh nan dearbhaidhean a fhuair sinn roimhe so gu ’m bheil e anabarrach saoibhir, an cuir e ioghnadh oirnn ged a chaidh aig’ air an luchairt a thogail ann an uine cho goirid? Tha toil aige ioghnadh a chur oirnn, agus a leigeadh fhaicinn dhuinn gu ’n teid aig daoine air moran de nithean annasach a dheanamh le airgiod ullamh a h-uile latha. Aidich dhomhsa gu saor gur e an t-eud agus am farmad a tha ’toirt ort a bhith ’g radh gur e draoidheachd a th’ ann.” Bha ’n tuilleadh comhraidh air a bhith eatorra mur b’ e gu ’n robh an t-am aca dhol do ’n chomhairle.
An uair a thug am fathach Aladin dhachaidh, bha ’mhathair an deigh eirigh, agus a’ cur uimpe aon dhe na trusgain riomhach a thugadh g’ a h-ionnsuidh. Mu ’n am anns an robh a’ chomhairle ’sgaoileadh bha i deiseil gus a dhol do ’n luchairt agus na searbhantan maille rithe. Dh’ iarr Aladin oirre a radh ris an righ, nam faiceadh i e, gu ’n d’ thainig i a chum gu ’m biodh a dh’ urram aice gu ’m falbhadh i do ’n luchairt ann an cuideachd na bana-phrionnsa an uair a thigeadh an oidhche.
Dh’ fhalbh i fhein agus na searbhantan an uair a bha iad deiseil; agus ged a bha iad ann an eideadh anabarrach riomhach, gidheadh cha robh moran ioghnaidh aig an t-sluagh a bh’ air na sraidean dhiubh, oir bha srol air aghaidh gach te dhiubh, agus bha aodaichean-uachdair orra a bha ’falach nan trusgan riomhach a bh’ umpa.
Chuir Aladin cul ris an taigh anns an d’ rugadh ’s an do thogadh e, agus mharcaich e air falbh, agus a chuid sheirbhiseach maille ris mar a rinn e an latha roimhe sid, agus rainig e luchairt an righ. Ach cha d’ rinn e dichuimhn air a’ chruisgean a bha cho feumail dha, agus a thog suas e a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh aird anns an robh e.
Cho luath ’s a chunnaic dorsairean an righ mathair Aladin, chaidh iad g’ a innseadh do ’n righ. Ghrad thug an righ ordugh do ’n luchd-ciuil toiseachadh ri seinn, agus bha fuaim a’ chiuil air a chluinntinn fada ’s farsuinn. Agus bha aoibhneas anns a’ bhaile gu leir.
Thoisich sluagh a’ bhaile ri cur maise air an cuid thaighean mar urram do nighean an righ. Chaidh aireamh mhor dhiubh a dh’ amharc na luchairt a thogadh an oidhche roimhe sid. Bha ioghnadh gu leor orra, cha b’ ann a mhain a chionn gu ’n robh i moran na bu mho, agus na bu mhaisiche anns gach doigh na luchairt an righ, ach gu h-araidh a chionn gu ’n do thogadh i ann an aon oidhche, ged nach robh clach air an lathrach, no eadhoin an steidhe air a glanadh an latha roimhe sid.
Ghabhadh ri mathair Aladin le mor-urram ann an luchairt an righ, agus thugadh i do ’n t-seomar aig nighean an righ. Chuir nighean an righ failte chridheil oirre cho luath ’s a chunnaic i i, agus thug i oirre suidhe air an t-sofa air am biodh i-fhein a’ suidhe; agus am feadh ’s a bha na mnathan-coimhideachd ’g a cur ’na h-eideadh feasgair, agus ’g a deanamh maiseach leis na seudan a thug Aladin dhi, chuireadh biadh math air a’ bhord dhaibh.
Aig a’ cheart am thainig an righ, agus toil aige ’bhith cho tric ’s a b’ urrainn e ann an cuideachd a nighinn mu ’m falbhadh i uaithe, a steach do ’n t-seomar, agus chuir e failte air mathair Aladin le urram. Ged a bha i gu tric a labhairt ris, cha ’n fhac’ e a h-aghaidh riamh, oir bhiodh srol air a h-aghaidh an uair a bhiodh i ’bruidhinn ris. Ach ann an seomar a nighinn chunnaic e a h-aghaidh gun srol, agus ged a bha i air fas sean, bha choltas oirre gu ’n robh i maiseach an uair a bha i og. Cha b’ abhaist dha a faicinn ann an aodach math, ach an lath’ ud bha trusgan anabarrach riomhach uimpe. Thug so air a chreidsinn gu ’n robh Aladin gle ghlic anns a’ h-uile rud a ghabh e as laimh.
An uair a thainig an oidhche ghabh nighean an righ a cead dhe ’h-athair, agus i ’falbh d’ a luchairt fhein. Bha i fhein ’s a h-athair gle thursach, deurach a’ dealachadh ri ’cheile. Mu dheireadh dh’ fhalbh a’ bhana-phrionnsa do ’n luchairt aig Aladin, agus a mhathair air a laimh chli, agus ceud searbhanta, ann an eideadh anabarrach riomhach, a’ falbh ’na deigh. Bha ’n luchd-ciuil a’ seinn gu caithreamach. Bha na ceudan le ’n lochrainn laiste a’ coiseachd air gach taobh dhiubh; agus eadar an solus a bha na lochrainn a’ deanamh, agus na soluis a bha á luchairt an righ, agus á luchairt Aladin, bha ’n oidhche cho soilleir ris an latha.
Anns an ordugh so choisich nighean an righ o dhorus luchairt a h-athar air an lar-bhrat bhelbhet gus an d’ rainig i an luchairt aig Aladin. Bha ’n luchd-ciuil a’ coiseachd air thoiseach oirre, agus, comhladh ris an luchd-ciuil a bh’ aig luchairt Aladin, bha co-sheirm chiuil aca ’g a dheanamh a chluinnteadh air feadh a’ bhaile gu leir. Mu dheireadh rainig iad an luchairt ur. Ruith Aladin, agus e lan aoibhneis, ’na coinneamh aig an dorus troimh an robh aice ri dhol a steach. Chomharraich a mhathair am mach dhi e a measg nan oifigeach a bha m’ a thimchioll, agus chord e rithe anabarrach math cho luath ’s a chunnaic i e.
“A bhana-phrionnsa ro oirdhearc,” ars’ Aladin ’s e ’cur failte chridheil oirre, “ma tha mi cho mi-fhortanach ’s gu ’n d’ thug mi mi-thoileachadh dhut le bhith cho dana ’s gu ’n do mhiannaich mi boirionnach cho briagha riut, agus nighean mo righ iarraidh ri ’posadh, feumaidh mi innseadh dhut gur ann air do shuilean boidheach, meallach fhein, agus air a’ h-uile maise agus tlachd a tha co-fhas riut is coir dhut a’ choire chur, agus nach ann ormsa.”
Fhreagair a’ bhana-phrionnsa anns a’ mhionaid, agus thuirt i ris: “A phrionnsa, mar a dh’
[Vol . 11. No. 15. p. 6]
fhaodas mi nis a radh riut, tha mis’ umhail do thoil m’ athar; agus foghnaidh dhomh a radh, gu ’n robh mi toilichte gu leor an uair a chunnaic mi a’ cheud shealladh dhiot.”
Chord an fhreagairt so anabarrach math ri Aladin, agus air eagal a cumail na b’ fhaide ’na seasamh, agus i an deigh barrachd astair a choiseachd air na b’ abhaist dhi, rug e air laimh oirre, agus threoraich e steach i do ’n talla mhor tharsuinn anns an robh aireamh mhor de choinnlean ceireach laiste, agus far an d’ thug am fathach fa near cuirm shoghmhor a dheasachadh.
Bha na soithichean gu leir air an deanamh dhe ’n or fhiorglan, agus air an deanamh maiseach le ealain agus le innleachd nach robh orcheard air an talamh comasach air a dheanamh.
Cha robh fhios aig nighean an righ ach gann ciod a theireadh i an uair a chunnaic i na bha de shaoibhreas air a chruinneachaidh ann an aon aite, agus thuirt i ri Aladin: Bha mi ’n duil nach robh luchairt air an t-saoghal cho briagha ri luchairt m’ athar; ach tha sealladh dhe ’n talla so a’ leigeadh ris dhomh gu ’n robh mi air mo mhealladh.”
Threoraich Aladin a’ bhana-phrionnsa dh’ ionnan aite-shuidhe a chuireadh air leith dhi aig a’ bhord. Anns an am thoisich luchd-ciuil agus luchd-seinn ri deanamh toirm chiuil nach cualas riamh air thalamh na bu bhriagha, agus lean so gus an deachaidh crioch air a’ chuirm. Chord an ceol cho math ri nighean an righ ’s gu ’n dubhairt i ri Aladin nach cualas a leithid riamh ann an luchairt a h-athar. Ach cha robh fhios aice gu ’m b’ e sithichean a bh’ anns an luchd-ciuil.
An uair a chuireadh crioch air an t-suipear, agus a thugadh na buird air falbh, thainig na dannsairean a steach, agus rinn iad dannsa dhe gach seorsa a bha cleachdaidh anns an duthaich air a leithid de dhoigh ’s gu ’n do thaitinn iad ris a h-uile a bh’ anns an talla.
Mu mheadhain-oidhche, a reir cleachdadh na duthchadh, dh’ eirich Aladin, agus thug e leis nighean an righ a dhannsadh, a chum crioch a chur air greadhnachas na h-oidhche. Thug iad greis mhath air dannsa, agus chord iad gu math ris a’ chuideachd gu leir.
An uair a sguir iad de dhannsa, thug Aladin leis nighean an righ air laimh do ’n t-seomar chadail a bha air ulluchadh air an son. Chuir na mnathan-coimhideachd a h-aodach bhar nighean an righ, agus chuir iad do ’n leabaidh i. Rinn na oifigich a bha ’frithealadh do dh’ Aladin an ni ceudna, agus an sin dh’ fhag iad an seomar aca fhein le cheile. Mar so chuireadh crioch air posadh Aladin ri nighean an righ.
(Ri leantuinn.)
AN T-EILEAN SGIATHANACH.
LEIS AN URRAMACH ALASDAIR MAC GRIOGAIR, NACH MAIREANN.
AM measg nan eilean lionmhor a ta air an sgapadh air taobh an iar na h-Alba, cha’n ’eil a h-aon a choimheasar ris an Eilean Sgiathanach. Is iomadh treun-laoch a rugadh agus a dh’ aruicheadh ann, agus is iomadh gniomh euchdach agus allail a rinneadh anns gach cearnadh dhe’n t-saoghail le sliochd cruadalach agus gaisgeil “Eilein a’ cheo.” —Ach cha’n ann air treubhantas agus cruadal nan Sgiathanach a leuduichear aig an am ach air an Eilean fein, a thaobh lionmhorachd nan sealladh iongantach a chithear anns gach cearnadh dheth, —seallana, a bheireadh air neach smuaineachadh air amannaibh, nach deachaidh an locair-min a chur air dealbh-choslas gach sluic, beinn’, agus creige, chum an deanamh iomlan. Tha na seallana a chithear ceithir-thimchioll an Eilein gu tur eugsamhla, agus air chaochladh cumhachd agus deilbh anns gach aite agus oisinn deth fa leth. C’ait am faicear beannta a shamlaichear ris a ’Chuilfhionn, no ri Beilig, Blath-bheinn, Scor-nan-gillean, Marsco, Glamaig, agus na ficheadan eile? Is e Alasdair Mac Challuim fein a mholadh mar bu choir iad an uair a thubhairt e:—
“An toigh leat ’na beanntan mor,
Cruachan ’s na neoil gu h-ard?
Coireachan, frithean, dachaidh an fhir-eoin,
’S an cluinnear na h-easan a’ gair?
An toigh leat na glacagan grianach,
Innisean sgiamhach nam bo?
Is uamhan ’bheir fonn ri guth nan tonn?
Siubhail gu “Innis a’ Cheo.”
Am measg nan loch iongantach tha’n toiseach aig “Coir-Uisge” —am measg nan uamh tha’n t-urram aig “Sloc-Altramain,” —ach cha’n fheumar dearmad a dheanamh air “Uamh-a’ -choinnleir,” — “Uamh-an-oir,” — “Uamh-I- drigil,” agus na h-uiread eile. Am measg nan ard-stuc a ta lionmhor ’s an Eilean chithear le h-iongantas “Nic-Cleosgair-mhor,” agus a cuid nighean ’n an seasamh gu h-uaibhreach, ard, daingean,
“Measg gairich ghairbh nan stuadh.”
Ach de gach sealladh neonach ’s an Eilean, cha ’n ’eil a h-aon a bheir barr air “Cuithfhraing,” agus an “storr” ’s an airde tuath, mu thimchioll an dubhairt am Bard foghluimte ceudna Alasdair Mac Challuim:
“Is chi thu ard-ioghnadh Chuithfhraing,
Le ’bhadailean aibhseiseach mor,
’S an Storr cho cas le bhinneinean glas,
Eadar do shealladh ’s na neoil.”
Cha’n fhurasda gun teagamh, cunntas a thoirt air “Cuithfhraing,” a bheir beachd ceart, soilleir, air uile mhaise agus bhoichead an aite mhiorbhuilich sin. ’S e ’m filidh deas-bhriathrach a dh’ainmich mi a cheana, a mholadh gu dligheach e. Ochan! is ionmhuinn, foghluimte, teo-chridheach, duthchasail, an t-og-uasal e.
Air da a bhi air a dheachdadh le deagh run-cridhe do na Sgiathanaich gu leir, tha eadhon aile agus aimsir, cuisean agus cleachdannan an Eilein sin, gun ghuth a thoirt air a luchd-aiteachaidh, gu leir ionmholta ’n a shealladh. Is og a chunnaic e solus na grein’ ann an Eilean a ghraidh, agus gu deireadh a laithean, —agus is e durachd a luchd-eolais gu’n robh iad buan, —cha di-chuimhnich e an tir thaitneach sin anns an d’ rugadh, agus anns an d’ aruicheadh a shinnsearan bho linntibh cein. Ochan! ma ta, nach e a bheireadh minchùnntas ann an Gailig, air oirdheirceas Chuithfhraing! Anns an aite iongantach sin, tha mir comhnard fearainn air a dhealachadh agus air a chleith ann an uchd ard-chreige corruich, a bheireadh ni’s leoir do’n chat a direadh. Tha ’bheinn anns am bheil an comhnardan sin air a dhruideadh suas, mar mhile troidh air airde. Air an taobh tuath tha aghaidh na beinne so garbh, rocach, carraigeach, le stucaibh arda agus colmhuinnibh biorrch, geur, glasa, ag eiridh suas. Chithear an sud agus an so sgoltan caol, dubh-ghagan dorcha, agus sgriochan riobhagach, tana, a’ gearradh agus a breacadh gnuis na carraige, agus ’g a fagail mar gu’m biodh i air a snaigheadh sios le gilbibh geur nan Ciclops, no le famhairibh alluidh, fiadhaich, le acfhuinnibh grabhadaireachd aca ’n an lamhaibh treun! Ann an aghaidh na craige moire sin, ma ta, tha comhnardan aillidh Chuithfhraing air fholuchadh, agus air a chuairteachadh le dion bhallachaibh corrach a ta ’g eiridh suas ’n an colbhaibh arda chum nan neul. Tha fosgladh mor, cas ann, trid am faigh am fear-turais le strith a stigh dh’ ionnsuidh an reidhlein thaitnich, uaine sin a ta roimhe; ach air faotuinn dha a steach, tha’n inntinn aige air a lionadh le h-iongantas a thaobh an t-seallaidh air an tuit a shuilean. Cha chreid e a leirsinn fein, agus bithidh e ann an teagamh am bheil no nach ’eil a shuilean ’g a mhealladh. Na ’m biodh Coinneach Ciobair ann an sin, bheireadh e a bhòid gur iad na sithichean a dh’ ullaich an t-aite neonach so mar thuineachas dhoibh fein, oir tha e cosmhuil ri ionad-comhnuidh nan leannan-sithe. Chithear barr-mhullach nan stuc ceithir thimchioll, a casadh gu greannach suas, ach tha gach stuc air a bhonn fein, a’ seasamh mar fhreiceadan air ceann ard na slighe. Cha’n ’eil neach sam bith nach saoileadh gur iad ionadan-comhnuidh chreutair neo-thalmhaidh a ta air an sgaoileadh a mach fa chomhair nan sul. An uair a dh’ amhairceas neach gu geur air gach sturraig agus binnean, a ta air an suidheachadh air gach taobh, tha’n inntinn a’ dealbhadh riochd-chreutairean do gach cumadh gun aireamh mar gu’m biodh iad air an gearradh a mach le laimh theoma fir-ealaidh, air aghaidh nan creag. Chithear, mar anns na h-eibhlibh ’s a ghrìosaich, coin, eich, feidh, carbadan, caistealan, laochraidh, agus riochdan de gach gne, gu friotalach, frionasach a’ casadh an aghaidh a cheile. Dealbhaidh an inntinn mar sin, aogas bhithean araidh agus eugsamhla, mar gum b’ ann a’ ruith air feadh a’ cheile. Cha sgithich neach sam bith aig am bheil tlachd ann an oibribh miorbhuileach a’ chruthachaidh, ann a bhi ’g amharc air garbh-ghnuisibh nan turaidean agus nan geur-spiricean a ta ’cuairteachadh an ionaid neonaich sin. Is leoir an sealladh chum spiorad an duine e lionadh, cha’n e mhain le h-iongantas do-chur an ceill, ach mar ann ceudna le h-uamhas agus le h-eagal diadhaidh. An uair a bhitheas an la soilleir, grianach, chithear solus na greine a’ dearrsadh gu lannaireach, drilleanach troimh gach fosgladh agus cos a ta dealachadh nan colbh stucach air gach taobh! Ach, air an laimh eile, an uair a bhios trom-cheo mar bhrat duibhre air a sgaoileadh thairis air na h-ionadaibh aillidh sin, chithear gach ni gu tiamhaidh, oillteil, uamhasach, mar gu’m biodh an t-aite gu tur fo chumhachd spiorad an dorchadais agus air fhiosrachadh le lathaireachd eagallaich nan deamhan mi-shuaimhneach! Is laidir an ceann, agus is daingeann an eanchainn nach cuirear troimh a’ cheile air amannaibh le h-uamharrachd an t-seallaidh so! Is neo-shuimeil, dall, agus aindiadhaidh an neach sin a thilgeas a shuilean air na h-oibridh miorbhuileach sin, gun ghloir a thoirt do’n Ti a’s Airde, a dhealbh iad le focal a chumhachd! Is oibre iad a tha ’togail fianuis air cumhachd agus gliocas a’ Chruitheir, gu sonraichte (mar a thubhairt am bard ionmhuinn agus foghluimte a dh’ ainmicheadh a’ cheana) an uair a chithear iad,
“ ’S an fheasgar ’n uair thearnas a’ ghrian
Gu rioghail ’s an Iar gu tamh,
Air mullach nam beann mar mhile lann,
Bidh boillsgeadh nan gathan aigh;
’S gach dubh-sgor a’ dearrsadh gu cas,
Fo lannair nan lasraichean oir,
Gu h-ard ’s an speur eadar talamh is neamh,
Sealladh na maise ’s na gloir.”
Na dean gaire ri leanabh ged a chuireadh e ceist, ’n ad bheachd-sa, amaideach. Cha’n ’eil sin amaideach do ’n leanabh, agus ma nithear gàire ris, bithidh e an cunnart a mhisneach a thoirt air falbh. Ge b’e cho iongantach, faoin, agus diomhain ’s a dh’ fheudas ceistean na cloinne a bhith, tha iad airidh air freagradh cairdeil agus deas fhaotuinn.
Gus an deachaidh sinn troimh ’n àmhainn theintich, cha robh fios againn air méud na truaillidheachd a thugadh air falbh uainn.
[Vol . 11. No. 15. p. 7]
Laoidh.
LE GILLEASBUIG DOMHNULLACH.
O, thusa ’Thighearna d’ an léir
Gach smuain am chré, ged ’s uaigneach iad,
’S Tu shocraich m’ uilt an taic a chéil’,
’S gach cnàimh is féith mu ’n cuairt orra,
A chum gu ’m biodh iad ann an ordugh
’Ghlorachadh do bhuadhan-sa;
Is chuir Thu craicionn agus feoil,
Mar chomhdach air an uachdar sin.
Nach miorbhuileach mo dhealbh gu léir!
Tha oibre Dhé mu ’n cuairt orm,
Le m’ shùilibh chi mi ’n cruinne-cé,
’S gu eisdeachd tha mo chluas agam;
Tha fàile ’s anail ann am shroin,
A’ ruith troimh m’ phoraibh luasganach;
’S mo chasan, ’s deas iad sud ga ’m chomhnadh
Anns an ròd ’nuair ghluaiseas mi.
Le m’ làmhaibh glacaidh ’s ni mi gréim,
’S mo bheul, ’n am fheum, cia luachmhor e!
Mo theanga ’n taobh a stigh de m’ dheud,
’S aic’ air mo cheudfaith uachdranachd,
Ach ’s tric a ruith i leis a bhreug,
Gu siubhlach, beumach, tuaileasach,
’S a dhiochuimhnich i moladh Dhé,
Am feum air-son an d’ fhuair mi i.
Mu m’ thimchioll ’s glormhor oibre Dhé,
Ged chleachd mi fein ri truaillidheachd iad,
Le m’ ana-mianna brùideil, breun,
’G am thoirt gu léirsgrios uamhasach;
’S ged bhiodh mo choguis tric ’g am chràdh,
’S a’ bagradh bàis air uaireannan,
Na ’m pillinn ’s gun mo mhiannan sàsuicht’,
Theideadh sàtan uaill annam.
O! m’ anam, beachdaich air a’ ghràdh
A thug an Slànuighear uasal dhut;
Ma bha e bochd, ’s ann air do sgàth,
’S i d’ fhàillinn-sa ’rinn gluasad air;
Cha robh e saibhir ’nuair bha ’chàin
’Ga pàidheadh, ged bu shuarach i:
Ged rinn e miorbhuilean do chach,
’S e iasg an t-sàile ’dh’ fhuasgail air.
O! m’ anam, beachdaich air do chùisean,
Is theirig dlùth gu smuainteachadh;
Ma ’s e ’s gu bheil thu ’d chreutair ùr,
Thoir cliù do ’n Ti ’dh’ ath-nuadhaich thu;
’S mur ’eil, dean cabhag ’s lùb do ghlùn,
’S na dearmaid ùirnigh uaigneach ris;
Dean d’ ath-chuinge ri Righ nan dùl,
’S cha diùlt e ’Spiorad uasal dhut.
A charaid, gabh ri tairgs’ na slàint’,
Tha cuireadh àigh ’s an uair agad,
Air eagal gu ’m fannaich do chàil
’S gu ’n tig am bàs mar chuairt-ghaoith ort;
Ach eirich ’s imich gu Bet-léhem,
’S gabh an deigh nam buachaillean,
Is gheibh thu Ios’ ann am brat-spéilidh,
’S sealbhan spréidh ’ga chuairteachadh.
B’ e ’n t-aobhar iongantais an Ti
’Rinn muir is tir ’s na ghluaiseas annt’
A bhi ’na naoidhean fann gun chlìth,
’Na chìocharan neo-uaibhreachail;
Cha d’ rugadh e an inbhe àird,
’S ann anns an stàbull ’fhuaradh e,
A’ phrasach ’s i bu leaba dha,
’S bu ghann nach sràbh ’bu chluasag dha.
Na smuainich gur e sgeula faoin
A dh’ fhaodadh bhi gun bhuannachd dhut,
Gu ’n d’ islich Dia Aon Mhac a ghaoil,
’Na mhaotharan neo-bhruailleanach:
Mu ’n gann a thainig e ’s an fheoil,
O thir a chòrach ruagadh e,
’S bu lionmhor trioblaid agus bron
’Bha ’n tir nam beo ’ga chuairteachadh.
Na deisciobuil a bh’ aige fein,
’Nuair dh’ fhalbh an eud, ’sa dh’ fhuaraich e,
Rinn fear dhiubh bhrath a chum a cheusaidh,
’S threig iad uile ’n uair sin e;
Oir sgapadh iad gach aon o chéil’,
Mar chithear treud gun bhuachaille,
Ach riaraich esan ceartas Dhé,
’S tha ’fhuil mar sheula buan againn.
Is ged a chuireadh e gu bàs,
Am beagan làithean bhuadhaich e,
Le cumhachd ’Athar chaidh e ’n àird
Gu pàrras, ’s ann bu dual dha ’bhi;
Is sagart e o linn gu linn,
’S e fein an ìobairt bhuannachdail;
Le ’chumhachd riaghlaidh e mar Righ,
’S an Sion thog e ’shuaicheantas.
Nach coir dhut rannsachadh ’na thràth
An d’ rinn do thàlann buannachd dhut,
No ’m bheil i taisgt’ agad ’san làr,
Gun stà, is meirg mu ’n cuairt oirre?
Ma tha, nach eagallach do bhinn
’Nuair thig an Ti o ’n d’ fhuair thu i?
Bidh dhut mar chuibhrionn peanas siorruidh,
Gul is giosgan uamhasach.
Ma ’s duine thu anns am bheil riasan,
Tuigseach, ciallach, tuaireamach,
Na dearmaid caoimhneas glormhor Dhia,
’S na biodh a bhriathran suarach leat;
Is feuch nach peacaich thu gu dàn,
Mu ’n seall an t-Ard-Righ gruamach ort,
’S gu ’m fuadaich e thu as a làthair,
’S tir Chanàain nach buanaich thu.
Oir ged a fhuair thu ainm bhi coir,
Is iomadh dò-bheart fuathach leat,
Ged robh thu seachantach air pòit,
Is geòcaireachd ’na h-uamhas duit,
Ged robh thu ’d eisimpleir ’san sgireachd,
Anns gach ni mar ghluaiseas tu,
Mur d’ fhuair thu ’n éifeachd tha ’m fuil Chriosd,
Cha’n fhaic thu’rioghachd mar dhuais agad.
Ach cleachd gach meadhon gràis le dichioll;
Leugh am Biobull— ’s luachmhor e,
Is cog fo bhratach Righ nan righ,
’S e bheir fo chis gach uachdranachd;
Thoir leat na h-airm ’tha Pol ag inns’,
Biodh brogan sith ’n àm gluasad ort,
’S mur bi thu ’d ghealtair anns an stri,
Gu cinnteach bidh a bhuaidh agad.
Rinneadh an laoidh bhriagha so le Gilleasbuig Domhnullach, (am Baisteach) a bha ’n I-Chalum-Chille. Thàinig e gu ruige Canada o chionn tri fichead bliadhna air ais. Bha e ’na mhinisteir ann an eaglais Baisteach beagan bhliadhnaichean. B’ ann an I a fhuair e an t-ainm “am Baisteach.” Chaochail e o chionn àireamh bhliadhnaichean. Thàinig an laoidh am mach anns anOban Timesan uiridh. Tha mi ’n dochas gu ’m faigh sibh àite dhith anns a’ MHAC-TALLA an ùine gun a bhi fada.
DOMHULL MAC NEILL.
Ceist.
FHIR-DEASACHAIDH, —Cha ’n ’eil fhios an urrainn gin d’ ur leughadairean fiosrachadh sam bith a thoirt dhomh mu dheidhinn fear Iain Mac-a- Phearsain a dh’ fhalbh a Albainn Ur o chionn ceud bliadhna?
A réir an sgeul phos Lieut. Iain Mac-a- Phearsain ’sa bhliadhna 1813 no 1814 té a mhuinntir Curacoa, Bhenesuela. Bha e aig an àm ud anns na Innsean an Iar. Bha e air taobh nan ceannairceach an aghaidh nan Spàintich, agus fhuair e bhith ’na àrd-cheannard. Choisinn e dha fhein an tiodal “Fear-saoraidh Bhenesuela.” Na theisteanas posaidh thathas a leughadh, a bharrachd air ainm, “A native of Nova Scotia. ”GAIDHEAL.
Ceartachadh.
Ann an oran a “Phainter Mhóir” ’san àireamh mu dheireadh, bu choir an dara sreath a bhi mar so:
“ ’San uair air m’ aire-sa.”
Bha ’n lide “sa” air fhàgail bhar an fhacail mu dheireadh, a’ deanamh na sreatha ro ghoirid. Bu choir dhuinn a ràdh, cuideachd, gu bheil an t-oran ri sheinn air fonn “Mairi bhàn og.”
MARBHRANN DO GHOBHAINN.
Chaill na builg an anail,
’S chaill na h-ùird an spionnadh;
Fhir mo ghaoil ’s mo chomuinn,
Fhuair thu bas a dh-aindeoin.
Iadsan a Phaigh.
Domhnull Rothach, Reynoldston , N. Z.
Ailean Domhnullach, Hastings , B. C.
Aonghas Fearghasdan, Haney ,
Ceit Nic-Citheagain, Boston , Mass.
Ceit M. Nic-Leoid, Boston , Mass.
D. A. Siosal, Saranac Lake, N. Y.
Niall Mac-a- Phi, Nelson , Mich.
An t-Easbuig Donullach, Alexandria , Ont
Iain Mac Artair, Ivan , Ont
Donnachadh Domhnullach, Montreal , Ont
An t-Urr. I. I. Siosal, Pictou , N.S.
An t-Urr. Seumas Friseal, St . Andrew’s, N.S.
Iain Mac-Isaic, St . Andrew’s, N.S.
Lachuinn Camaran, Antigonish , N.S.
D. Mac-Griogair, Abhainn-a- Deas, N.S.
A. D. Mac Leoid, Baile-Shearlot, E. P. I.
A. B. Domhnullach, Double Hill, E. P. I.
Iain M. Mac Neill, Sidni Tuath
Donnachadh Domhnullach, Sidni
Iain Mac-Fhionghain, Sidni
A. D. Steele, Sidni
Calum A. Mac-Leoid, Sidni
Seumas Mac-Aoidh, Beinn a’ Mharmoir
Calum Mac Ille-mhaoil, Aiseag Mhira
Lachuinn Mac-Gilleain, Orangedale
Tormad Mac-a- Phearsain, Louisbourg
Domhnull Domhnullach, Abhainn Dhennis
Ruairidh Moireasdan, Cox Heath
Tormad Mac Gille mhìcheil, Glace Bay
L. Mac-Cuaradh, Abhainn Mheadhonach
R. I. Mac Neacail, Barrachois Harbor
An t-Urr A Mac-Coinnich, Meinn Victoria
Coinneach C. Mac Leoid, Fourchu
D. B. Mac-a- Mhaighstir, Creignish
Aonghas Mac Risdnidh, Baile nan Gall
Alasdair Caimbeal, Srath-Lathuirn
Iain Moireasdan, Framboise
Bean C. Mhic-an-Toisich, Malagawatch
H. C. Mac Aoidh, Malagawatch
Iain I. Mac Fhrainc, Inbhirnis.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 15. p. 8]
Oran do na Fogarraich.
LE IAIN MAC ODRUM.
Togaibh misneach is solas,
Bithibh inntinneach, ceolmhor,
Is cuiribh ’ur dochas
Ann an comhnadh an Ard-Righ,
Bho ’n is eiginn duibh seoladh,
’S nach ann do ’ur deoin e,
Do ’n rioghachd nach eol duibh,
Mar a thoisich ’ur càirdean.
Bho nach fuiling iad beo sibh,
Ann an criochaibh ’ur n-eolais,
’S fhearr dhuibh falbh de ’ur deoin as,
Na bhi fòdha mar thràillean;
’S iad na h-uachdarain ghorach,
A chuir fuaradh fo ’r sronaibh,
’S a bhrist muineal righ Deorsa,
’Nuair a dh’ fhogradh na Gaidheil.
Ma thig cogadh is creachadh,
Mar is minic a thachair,
’S a bhios sibh ’n ’ur stairsich,
Fo chasaibh bhur nàmhaid;
Tha sibh soirbh ri bhur casgairt,
Gun neach ann gus a’ bhacail,
Tha bhur guaillean gun tacsa,
’S na gaisgich ’g ar fàgail.
Righ! gur sgiolta r’ am faicinn,
’N an seasamh air faiche,
Le ’n aodaichean gasda
De bhreacanan càrnaid,
’Na dh’ fhalbh uaibh an ceart-uair
De dh’ oganaich dhreachmhor,
Gun truailleadh, gun ghaiseadh,
Gun taise, gun tàire.
Thug sud sgrios air Mac Dhomhnuill,
Thug e spùineadh air moran,
Thug e lomadh air Cnoideart,
Agus leon air Clann Rànaill;
Falbh nam fear mora,
Falbh nam fear og’,
Agus falbh nam fear crodha,
’N àm torachd a phàidheadh.
Bi Cinn-chinnidh ’n an onar,
Bi an slinnean gun chomhdach,
Gun treise, gun chomhnadh,
’Nuair thig foirneart an làthair
Bi ’ur naimhdean gu sporsail,
’G ar stampadh fo ’m brogan,
Luchd foirneart gu treorach’,
Gun neach beo gus an àicheadh.
’S bochd an gnothuch r’ a smaointinn
Gu bheil am fearann ’ga dhaoradh,
’Na dh’ fhalbh dhe ’n cuid dhaoine
Thàinig caoraich ’nan àite.
’S lag an sluagh ’s gur a faoin iad,
Dol an carraid no ’n caonnaig,
Lan de bhracsaidh ’s de chaoile,
’S iad fo dhraoigh ’Ille Mhàrtainn.
Cha dean smiùradh ’ur saoradh
’N lathair batail air raontaibh,
No fead ciobair an aonaich,
Gur e caochladh ’ur n-ànraidh;
’S ged a chruinnicheadh sibh caogad
’Mholt is reithichean maola,
’S beag a thogadh a h-aon diubh
Claidheamh faobharrach stàilinn.
Ciod e ’m fàth dhomh bhi ’g innse
Gu ’n d’ fhas sibh cho mìothar,
’S gu ’n feannadh sibh frìde,
Far an direadh i fàirdein!
Dh’ fhalbh na ceannardan mìleant’,
’G an robh sannt air an fhìrinn,
Agus geall air an dìlsean,
Agus cuing air a’ nàmhaid.
Air an tuath bha iad cuimhneach,
’S cha b’ ann gus an sgriobadh,
Gu ’m biodh bantraichean ’s dilleachdain
Dìolta gu saoibhir;
Bhiodh gach truaghan gun dith air
Mu ’n cuairt air na suinn ud,
Cha sealladh iad iosal,
Bha ’n inntinn ro stàtail.
Dia ’stiùireadh ’ur gnothuich,
Air gach taobh agus romhaibh,
A null air chuan domhain
Is coimhiche gàire;
Thugaibh eolas is earail
Do ’n ghaoith a bhi tairis,
Gus an giulan i thairis
’Ur mnathan ’s ’ur pàisdean.
Biodh an fhairge le mothar
’Toirt an spìd as an reothart,
Biodh Neptune ’g a clobhadh,
Gun tomhas ro àrd oirr’,
Gus an ruig sibh am fearann,
Gun eagal a ghabhail,
’Dol air tir mar is math leibh
Ann an calaichean sàbhailt’.
O! triallaibh nis, fheara,
Gu dùthaich gun ghainne,
Cuiribh cùl ris an fhearann,
’Chaidh thairis am màl oirbh,
Gu dùthaich na meala,
Gu dùthaich a’ bhainne,
Gu dùthaich an ceannaich sibh
Fearann gur n-àilghios.
Gu dùthaich gun ghainne,
Gun chrionadh, gun stannart,
Far an cnuasaich sibh barrachd
’S a mhaireas ’ur laithean;
’S e saighdear glic, fearail,
’N uair chitheadh e ’m barrachd,
A theicheadh le ’anam,
’S nach fanadh ’s a’ làraich.
Seallaibh mu ’n cuairt duibh,
Is faicibh na h-uaislean,
Gun iochd annt’ ri truaghain,
Gun suairceas ri dàimhich;
’S ann a tha iad am barail
Nach buin iad do ’n talamh,
’S ged dh’ fhag iad sibh falamh,
Cha ’n fhaic iad mar chall e.
Chaill iad an sealladh
Air gach reachd agus gealladh
Bha eadar na fearaibh
Thug am fearann bho nàmhaid;
Ach innseadh iad dhomhsa,
’N uair theid sibh air fogradh,
Mur caill iad an coir air,
Gun doigh air a thearnadh.
Cronan-cadail Leanabh Bean a’ Chiobair.
LE EOGHAN MAC-COLLA.
FONN—
“Siùd ó, siùd ì, siùd uallachan,
Cha chiùrr mi thu, ’s cha bhuail mi thu.”
O bà, O bà, mo cheallan beag!
Gu ’m bheil mi air mo phianadh leat!
O bà, O bà, mo nianag bheag,
Cha ’n fhaigh mi fear am bliadhna dhut!
O caidil clis, mo chiocharan,—
Ged ’s faoin dhomh bhi ga ’innseadh dhut!
’S olc thig do chéile ciobaire
A cuibhioll a bhi diomhanach.
Ma thig an latha phosas tu,
Bidh feum air plaidean cloimh agad;
Is gheibh thu sin, ma ’s beo mise,
Le deise bhreacain comhla ris.
Cha taghainn-sa mar chéile dhut
Fear-malairt carach, béul-bhreugach;
’S e b’ annsa leam ri d’ thaobh geal-sa,
Fear-baile is crodh-laoigh aige.
Am fear a gheibh mo leanabh-sa,
Bidh tochradh aige ’dh-fhanas leis,
’Na dreach ’s ’na doighean banalta,—
B’ e dual a dream bhi ceanalta.
Uist! uist! a ghràidh ghil, uaineinich,—
Cha b’ àill le d’ mhà’ir bhi gruamach riut,
’S a bhlàth na d’ chruth ’s na d’ ghruaidhean rùin,
Gur h-ann o Nèamh a fhuair mi thu.
Nis! nis! gun taing do m’ rùnan-sa
Tha do dha shùil bheag dùinte nis!
’Nuair thig, a ghràidh, tìm dùsgadh dhut,
Bidh broilleach làn ga ’rùsgadh dhut!
Is math a’ modh a bhi samhach.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH’
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 15 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 15. %p |
parent text | Volume 11 |