[121]

[Vol . 11. No. 16. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 6, 1903. No. 16.


Lagh an Aghaidh na Misge.

AIR acheud latha dhen bhliadhna so bha lagh ùr air a chur air obair ann an Sasuinn, lagh a tha ann an iomadh dòigh eadar-dhealaichte o gach lagh eile dhe sheòrsa. Ann an deanamh an lagha so be an ni a bhasan amharc casg a chur air misgs air ana-caitheamh an òil, agus tha e gu math cothromach, a cur a roinn fein den pheanas air fear-an-òils air fear-reic an òil. ’S ann an so a tha e eadar-dhealaichte o laghannan eile. Roimhe so bha e na chleachdadh a bhi cur apheanais cha mhor gu h-iomlan air an reiceadair. Fon lagh ùr so, ma gheibhear duine air an t-sràid no an àite follaiseach eile air an daoraich, theid a ghlacadhs a pheanasachadh, agus ma theid a ghlacadh mar sin tri uaireansan aon bhliadhna, theid ainm a chur air clàr dubh nan drongairean, agus chan fhaodar deur de stuth làidir a reic ris no thoirt dha air dòigh eile gu ceann thri bliadhna. Tha càin throm air a cur air neach a reiceas ris e, agus air fhein ma theid e eadhon a dhfheuchaiun ri cheannach. Bidhainms a dhealbh air an cur suas anns na tighean òil, a chums nach bi leisgeul sam bith aca sin ma gheibhear iad a bristeadh an lagha.

Ann am Breatunn gu h-iomlan tha an sluagh daonnan air taobh an lagha, agus nuair theid lagh ùr a dheanamh, seasaidh iad ri chùl. Agus ged than lagh so gu laidhe gle chruaidh air moranoir tha moran misge anns an dùthaichchan eilear idir afeuchainn ri chur an neo-bhrigh. Than luchd-ceartais adeanamh an dleasnais, ’s tha a thoradh ri fhaicinn cheana. Tha na h-òsdairean afàs nis faicilliche ris a reiceas iad, tha luchd na daoraich agabhail eagails acur casg orra fein, agus tha dùil gun tig atharrachadh mor air an t-sluagh tre obrachadh an lagha so.

Gun teagamh sam bith bha feum agus feum mor air lagh dhe t-seorsa so. Bhan t-òl agabhail greim air an t-sluagh a bhabagairt uilc don dùthaich. Mas fior gach sgeul a thatar ag aithris, bha Breatunn o chionn beagan bhliadhnachan air ais a call a greim air malairt an t-saoghail, agus bha moran dhen choire sin air a chur air cho troms abha a sluagh gu coitchionn air an òl. Bidh sinn an dòchas gun cuidich an lagh ùr le stuaime na dùthcha, gun deanar lagh dhen t-seòrsa cheudna do Albas do Eirinn, agus gun saorar an sluagh on dubhailc mhilltich a thatoirt sgrios agus mi-fhortan air na h-uiread dhiu. Be ar dùrachd gun sguireadh Breatunn de bhi fad air deireadh air dùthchannan eile a thaobh stuaime, agus gun tigeadh in ùine ghearr gu bhi na h-eisimpleir dhaibh anns an dòigh sin mar a tha i cheana ann an iomadh dòigh eile.

Anns an dùthaich so is tric a chluinnear o mhuinntir nach eil càirdeil ri laghannan a than aghaidh an òil, nach urrainnear daoine dheanamh stuama le achd pàrlamaid. Is àbhaist dhaibh, cuideachd, a bhi cur an céill cho measails a tha iad air an dòigh a bhatar a laimhseachadh nan cùisean ceudna ann an Breatunn, an dùthaich a bfhearr laghannan a bha air uachdar an t-saoghail. Gu thaig a mhuinntir sin ri radh a nis? An abair iad gu bheil Breatunn adol air seacharangu bheil luchd-deanamh nan laghannan matha acall an tuigse nuair a tha iad adol a dhfheuchainn ri daoine dheanamh stuama le achd pàrlamaid?


Diteadh aChoirneil Lynch.

BHA an Coirneal Lynch air a dhìteadh gu bàs ann an Lunnuinn air an treas latha fichead dhen mhios so. Bha e air fhaotainn ciontach de àrd-fhoill an aghaidh na rioghachd. Nuair thòisich cogadh nam Boerach, chaidh esan, mar chaidh iomadh aon eile dhe cho-luchd-dùthcha, don Transbhaal, agus ghabh e an arm na dùthcha sin an aghaidh Bhreatuinn. Nuair thainig crioch air a chogadh, thàinig e dhachaidh do Eirinn, agus chuir e e-fein fa chomhair an t-sluaigh air-son a thaghadh mar fhear-pàrlamaid. Bu mhor an othail a bhair feins orra-san a bha gabhail a thaobh nuair chuir iad a stigh e. Ach mun do ghabh eàite-suidhesa phàrlamaid, chaidh a ghlacadh air-son àrd-fhoill, agus mar dhainmicheadh chaidh fhaotainn ciontachs a dhìteadh gu bàs. Tha cuid agabhail orra bhi creidsinn nach bi abhinn air a toirt gu crìchgun toir an righ mathanas dha, no an àite chur gu bàs gun toirear prìosan ribheò dha. Faodaidh e bhith gu bheil abharail sin ceart; ach cha bu chòir a leigeil air diochuimhn nach eil na Breatunnaich cho déigheil air a bhitoirt mathanais do na ciontaichs a tha muinntir nan Stàidean, agus, gu mi-fhortanach, sinn fein ann an Canada. Anns an t-seann dùthaich tha an lagh air a ghabhail a cheart da-rìreadh, agus biodh an ciontach bochd no beairteach, iosal no uasal, ma gheibh an lagh greim air, cha teid e as o pheanas. Agus nuair bheirear fa-near nach eil cionta ann as an sealladh an lagha na àrd-fhoill an aghaidh na rioghachd, faodar a cho-dhùnadh nach ruig an Còirneal Lynch a leas moran dòchais a bhi aige gum faigh e mathanas.


Suidhe na Parlamaid.

CHAn eil an àrd-phàrlamaid air a gairm gu bhi cruinn gus an dara latha deug dhen Mhàrt. Tha sin faisg air mios nis anmoiche nan t-àm a dhainmicheadhsan àireamh mu dheireadh dhen phaipeir so. Tha dùil ris aphàrlamaid a bhi na suidhe fad an t-samhraidh. Tha iomadh gnothuch cudthromach ri bhi fa comhair, ach chan iad sin as a thàirneas dhen ùine idir. Tha moran de dhaoine beagasa phàrlamaid acosg tìm an taighe gach bliadhna le òraidean gun bhun, gun bhàrr, ris nach eil ach gann duine ach iad fein ag éisdeachd, ach a dhfheumas iad a labhairt a chum gum faigh iad an clo-bhualadh a nasgaidhs an sgaoileadh am measg an càirdeansna siorrachdan a tha gan taghadh. Nam faighte dòigh air glas-ghuib a chur air gach duineachan dhen t-seorsa sin, bu mhath an caomhnadh a dheante air ùines air airgiod.


Cuisean Bhenesuela.

THA cùisean Bhenesuela fhathast mar a bha iad. Tha fiosan gun àireamh ag innse gu bheil Breatunn is aGhearmailt a nis atuigsinn gun drinn iad mearachd mhor an uair a chuir iad aghlas air puirt na dùthcha bige sin. Tha cuid de na fiosan cho bàigheil ri Breatuinns gu bheil iad ag ràdh gu bheil nàire air a luchd-riaghlaidh air-son mar ghabh iad pàirt na Gearmailtesa ghnothuch, ’s gu bheil e gonadh nam Breatunnach air fad an dùthaich a bhi cho mor air chomhairle an Iompair Uilleam. Is dligheach a radh, co dhiu, gu bheil na fiosan so uiletighinn rathad New York, agus o nach eil fhios againn ciod an tomhasdeasachaidha rinneadh orra air an rathad, cha chuir sinn mar fhiachaibh air ar leughadairean a chreidsinn dhiu ach na chi iad fein iomchuidh.


Comhairle bho Charnegie.

ANN an òraid a labhair Andra Carnegie aig cruinneachadh de dhaoinòga ann am baile Phittsburg o chionn beagan bhliadhnachan, chomhairlich e iad mar a leanas:—

A dhaoine òga, seachnaibh an t-òl. Chan fhear-searmonachaidh stuaime mise idir, ach duine thag innse dhuibh na dhfhiosraich e le bheachdachadh fein re a bheatha. Agus tha mig ràdh ruibh gu bheil sibh nis buailtiche air fàilneachadh an obair ur beatha air tàille an òil na air tàille buaireadh sam bith eile a dhfhaodas tighinn oirbh. Is gann buaireadh eile anns an tuit neach air nach faod e buaidh a thobhairt agus ath-leasachadh a dheanamh, ach o ìotadh mi-shealbhach an òil cha mhor gu bheil dol as aige. ’S e àireamh gle bheag don urrainn buaidh iomlan a thoirt air, agus don mhor chuid tha e eu-comasach.


Cuimhneach air na h-Eoin.

ANNS an t-Suain, tha àm na Nollaig air a cumail le dealas air am bheil sinnsan dùthaich so tur aineolach. Chan eil crioch a tighinn air cuirmeans air cridhealas na Nollaig gus an treas latha deug dhen bhliadhnùir. Tha fear siubhail a chuir cuairt air an dùthaich mu àm na Nollaig ag innsen sgeula beag a leanas air aon de chleachdaidhean an t-sluaigh:—

Air aon fheasgar geamhraidh bha mi sceatadh air loch bòidheach mu thri mile bho Ghottenburg. Air mo rathad dhachaidh thug min aire gu robh faisg air dorus gach tighe crann fada air a chur nasheasamh agus sguab arbhair an ceangal ri bhàrr.

“ ‘Car-son a thatar a deanamh sud?’ thuirt mi ri mo chompanach.



[122]

[Vol . 11. No. 16. p. 2]

“ ‘Tha sud air a chur suas mar bhiadh do na h-eòinna h-eòin bheagfhiadhaich. Tha iadsan cho feumach air Nollaig chridheil ruinn fein. ’”

Tha muinntir na dùthcha anns am bheil an cleachdadh truacanta so air fhaotainn, air a gheamhradh so iad-fein afulang le cion bidh. Tha tri fichead is deich mile dhiu an impis bàsachadh. Air a bhliadhnan uiridh chaidh am bàrrs an t-iasgach nan aghaidh. Tha na Suainich a than America acur cuideachadh gan ionnsuidh, ach chan eil iadsan ach beag an àireamh, agus bu chòir do mhuinntir na dùthcha gu h-iomlan airgiod a chuir cruinn còmhla riutha. Bu mhor an call gun tigeadh bàs acrach air sluagh a tha iad-fein cho caoimhneils nach leig iad acras air eunlaith an adhair.


Seaghan agus an Sagart.

Is gnàth, an àiteachan den Eirinn, nuair chaochlas duine, roinn airgid a chruinneachadh aig tigh achuirp mu choinneamh an t-sagairt. Bha fear aig aon de na taighean so, ùine ghoirid air ais, agus rinn e dearmad an t-airgiod a thoirt leis. Ruith e air ais gafhaighinn. Choinnich an sagart air.

Càitem bheil thu dol, a Sheaghain?” ars an sagart.

Dearmad a rinn mi air tasdan a bha mi toirt leam,” arsa Seaghan, “agus tha mi dol gaiarraidh.

Bheir mise tasdan dhut ma bheir thu dhomh a rithist e,” ars an sagart.

O, bheir gu deimhin,” arsa Seaghan; “gu robh math agaibh, ’athairgu robh math agaibh.”

Thill an dithis air ais don tigh anns an robh an corp, agus sheas an sagart aig abhòrd aig an robhas a togail an airgid. Bha na daoine tighinn agus a cur an airgid sios. Thainig Seaghan, agus ars esan an cogar, ’s ecur an tasdain air abhòrd:—

So an tasdan, ’athair, air ais, gu robh math agaibh.”

Cha do chuimhnich an sagart air aig an àm, ach seachduin na dhéigh sin thachair Seaghan air, agus chuir e nachuimhne an tasdan a ghabh en iasad.

Nach dthug mi dhuibh an tòrraidh e, athair?” arsa Seaghan.

Cha dthug, gu deimhin,” ars an sagart.

Air manam fhein gun dthug, athair,” arsa Seaghan, “chuir mi air abhòrd mur coinneamh e, agus chan eil tasdan no bonn-a- sia agaibh orm.”

Biodh agad, a Sheaghain, a bhalaich chòir, mas ann mar sin a than sgeul air a tionndadh, chan iarr misen tasdan ort tuilleadh,” ars an sagart, ’s dhfhalbh e. —On Ghailig Eirionnaich.


TAGHAIDHEAN NAM BAILTEANDi-màirt sa chaidh bhan taghadh bliadhnail anns na bailtean. Ann an Sidni bha ceathrar asireadh taghaidh mar àrd-bhàillidhW. A. Richardson, Ios. A. Gillios, Iain A. Young agus Dr. Iain K. Mac Leòid. Bha Richardson air a thaghadh. Mar chomhairlich bha air an taghadh D. A. Hearn, Howard Caimbeul, Dr. J. S. Brookman, Uisdean Ros, A. D. Falconer agus Uilleam Fitzgerald. Ann an Sidni Tuath bha D. D. Mac Coinnich air a thaghadh mar àrd-bhàillidh; agus D. Rudderham, Uilleam Hackett, R. Musgrave is J. Shean mar chomhairlich. Ann an Glace Bay bha D. M. Burchell air a thaghadh mar àrd-bhàillidh; Uilleam Lewis ann an Louisburg; agus Iain Mac Cormaic ann an Sydney Mines.

SGIORRADH BASMHOR EILESeachduin gus an Di-luain sa chaidh, bha fear Iain Llewelyn air a mharbhadh aig an obair iaruinn. Thuit e eadar da chàr a bhatar agluasad, ’s bha cheann air a phrannadh fo na cuibhleachan. Bha e marbh gun dàil. Thàinig e don bhaile so á Alabama. Thachair an sgiorradh dhas eg obair an àite fir eile. Tha anjurya bha feuchainn na cùise an deigh a bhàis dhen bharail nach eil achuideachd cho faicilleachs bu chòir dhaibh a bhigum faodadh iad le beagan cosdais tearuinteachd an luchd-obrach a dheanamh ni bu chinntiche.


LITIR A SIDNI-A- TUATH.

THAcheud àireamh de MHAC-TALLA na bliadhna so air tighinn gu laimh, agus ged bha litir agam mu bhi deiseil gu cur air adhart, tha mimeas gur fearr dhomh a cumail agam fhéin a nis, oir tha thu fein agus aon dhe do dheagh sgriobhaichean a toirt dhuinnsan àireamh sin cùnntas mun t-seann bhliadhna agus a bhliadhnùr, a tha fad air thoiseach air na bha mise ag oidhirpeachadh air a dheanamhsan litir ud.

Ach ciod air an toir mi lamh a nis cha mhath a tha fios agam. Faodaidh mi innseadh co-dhiù gu bheil sinn a gearain air meud an fhuachd o chionn àireamh làithean. Ach chaneil teagamh agam nacheil mòran dhen ghearain sin air aobharachadh leis a ghual a bhi nis gainne anns a bhaile na bu choir dha bhi ann an cois mhèinnean a tha toirt uiread de mhìltean tunna dheth gu uachdar na talmhainn gach bliadhna. ’S ainneamh a tha chuideachd ùr a fàgail a bheag de ghual gu reic an sois beag nacheil e gu h-iomlan air a chur air falbh do chearnan eileagus am beagan a dhfhàgar air a reic air prìs nas àirde na tha iad ag iarraidh no a faotainn bho choigrich. Mur biodh gum bheil gual ri fhaotainn aig mèinn eilesa choimhearsnachd, bhiodh mòran gu tric air bheagan guail no gun ghual idir. Ach chaneil a mhèinn sin a cur a mach de ghual na riaraicheas sinn idir.

Tha cùisean gle chearrnuair tha comas aig na cuideachdan so air an cuid guail a chur air falbh cho ro bhuileachs gum biodh gainne dheth aig àm sam bith nan coimhearsnachd fein, agur mureil toil aca leasachadh dan deòin, tha e iomchuidh gum biodh iad air an co-éigneachadh gu leasachadh dan aindeoin, ’s e sin ma tha meadhainean dligheach ann gan cleachdadh a chum na crìche sin.

Thàinig naidheachd mhuladach á Ceap Nor o chionn ghoirid. Air an fhicheadamh latha dhen mhios sa chaidh chriochnaich duine dam bainm Alasdair Mac Leòid a bheatha le e fhein a chrochadh ri craoibh. Bha e air a bhi euslan thri seachduinean roimhe sin, ’s chaneil teagamh nach robh en tomhas as a riannuair rinn e mar a rinn e.

Theirear ma tha neach air-son a bhi air a mholadh le muinntir eile ebhàsachadh, agus chaneil teagamh nacheil sin ann an tomhas mor fìor. Am feadh a tha daoine a làthair maille ruinn tha eagal orm gum bheil sinn tuilleadh is ullamh gu bhi toirt am fàillinnean fa near, agus tuilleadh is mall ann a bhi toirt fa-near an deadh bhuadhan; ach is cinnteach an ni nach biodh e iomchuidh dhuinn daoine a mholadh rem beò, mar a bhiodh e freagarrach a dheanamh an déigh bàis. Mar sin, o nacheil Mac Leoid a làthair, agus gur duilich leam nacheil, their mise agus a choimhearsnachd uile ma thimchioll gum bu deadh choimhearsnach eduine neo thuaireapach, fìrinneach agus onarachfear-ceairde iomadh-gnèitheach, a bha fìor reusanta anns gach dòigh ris a mhoran aig an robh déiligeadh ris, agus air am bi ionndrainn iomadh bliadhna ri teachd.

Sidni-a- Tuath, Ian. 17, 1903. M. D.


Naidheachdan.

ABHREAC AN SIORRACHD PHICTOUTha abhreac ann an àireamh thighean timchioll Thorburn, ann an siorrachd Phictou. Chan eil i gle dhona, agus thatar an dùil gum faighear cur as dhi gu buileach an ùine ghoirid. Thugadh an easlaint do Thorburn le mèinneadair a thainig dhachaidh á Colorado.

STRIKEPHORT MORIEN SEACHADO chionn còrr is mios bha mi-chòrdadh eadar na daoine thag obair am mèinn ghuail Phort Morien agus iadsan leis an leis i. Bha na gearradairean adeanamh a mach nach robh iad afaighinn ceartais a thaobh tuarasdail, agus sguir iad dhen obair. Mu mheadhon na seachduin sa chaidh thainig an da thaobh gu còrdadh, agus chaidh na daoine dhobair a rithist.

SGIORRADH AN SIDNI TUATHBha gille bochd dam bainm Iain Guthro air a mharbhadh le sgiorradh ann an Sidni Tuath air an aonamh fichead dhen mhios. Dhfheuch e ri leum air càr guail a bhadol seachads thuit e fo na cuibhleachan. Bha e air a ghearradhs air a reubadh gu h-uamhasach, agus bha e ann an cràdh mor gusn do chaochail e maduinn an ath latha. Cha robh e ach ceithir bliadhndeug a dhaois.

GIBHT ON RIGHTha ban-Innseanach, (no sgua) dan ainm Màiri Phòl, ann an Rothesay, N. B., an deigh gibht fhaotainn o Righ Iomharpoit-thi, cupa is sàsar. Beagan romh àm a chrùnaidh, chuir i litir ga ionnsuidh, aguidhe saoghal fada, sona dha, ’s acur an ceill a dìlseachd fein dha mar bhan-iochdaran. An cois na litreach bha gibht bheagbascaid a rinn i le a da laimh fhein, ’s airn do chleachd i gach sgil is ealain a dhionnsaich i riamh. Bem fios-freagairt a fhuair i litir on righs an gibht a dhainmicheadh.

BASSA MHEINN-A- TUATHFeasgar Di-ciaduin air an t-seachduin sa chaidh bha fear Uilleam Hamilton air a mharbhadh anns a Mhèinn-a- tuath. Bha e air sgur a dhobair mu shia uaireans a coiseachd suas anslopenuair a bhrist sreang charaichean o an ceanglachadh, agus ruith iad sios nachoinneamh. Dhfheuch esan rin seachnadh, ach leis an luaths a bhaca chaidh iad bhar an rathaid, ’s bha esan air a phrannadh ris abhalla. Chaochail e mun drainig iad dhachaidh leis. Bha e na dhuine pòsda, mu chóig bliadhndeug air fhichead a dhaois, agus bhuineadh e do Ghalldachd na h-Alba.

LUCHD-IMRICH ATIGHINNO chionn beagan mhios tha àireamh nach beag de Shasunnaichs de dhAlbannaich air tighinn do Chanada, ’s tha iad a togail fearainn anns an Iar-Thuath. Tha iad atighinn nan grunnan beaga, agus tha iad uile an deagh chothrom is eòlach air tuathanachas. Tha moran dhiu air tilleadh á Africa mu dheas, far an do chuir iad eòlas air na Canadaich, on dfhuair iad acheud sgeul air mathas na dùthcha so mar àite-tuathanachais. ’S e so an dearbh sheòrsa tha dhìth air Canada mar luchd-àiteachaidh, aguss taitneach a chluinntinn gu bheil moran tuilleadh dhiu ri tighinn. Re an da mhios a tha romhainn, tha dùil ri àireamh nach beag dhiu, agus mu thoiseach April tha cuideachd atighinn a dhàireamhas da mhile pearsa.

RIAGHLADAIR NAMHURTAIRTha Tillman, riaghladair stàid Charolina deas, an diugh anns aphrìosan, a feitheamh ri bhi air fheuchainn air son murt. An la roimhe, thachair e air an t-sràid air fear Gonzales ris an robh diumb aige: tharruing e daga as a phòcas loisg e dha no tri dhuairean air, gaghrad mharbhadh. Bha Gonzales nafhear-deasachaidh paipeir, agus bha e sgriobhadh gu làidir an aghaidh dreuchd na riaghladaireachd a bhi air a toirt do Thillman, a chionn nach robh e nadhuine beusach no airidh ann an dòigh sam bith air an dreuchd. Bann air-son sin a chuir Tillman crioch air. Chaneil cinnt sam bith gun teid am murtair a chrochadh. Tha luach ro-bheag air a chur air beatha duine anns na Stàidean a deas. Thatar amurt dhaoine cha mhor gach latha dhen t-seachduin, aguss e àireamh glé bheag dhe na murtairean a tha ruigheachd na croiche. Am fear aig am bheil beairteas theid aige glé thric air a shaorsa cheannach agus an lagh a chur an suarachas.



[123]

[Vol . 11. No. 16. p. 3]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

ALADIN.

CAIB. XV.

AIR an ath mhadainn an uair a dhuisg Aladin thaing na gillean-seomair a steach gus a chuid aodaich a chur uime, agus chuir iad trusgan uime a bha moran na bu bhriagha nan trusgan a bhuime an latha roimhe sid. An sin thug e ordugh fear dhe na h-eich a bfhearr fhaotainn deas dha, agus an uair a chaidh e air a mhuin, mharcaich e, agus e air a chuartachadh le moran sheirbhiseach, gu luchairt an righ. Chuir an righ failte air le mor urram, agus thug e air suidhe ra thaobh, agus dhordaich e am biadh-maidnethoirt a steach.

Fhreagair Aladin, agus thuirt e: “Tha miguidhe air bhur morachd nach cuir sibh an urram sin orm an diugh. Thainig mi a dhiarraidh oirbh fhein agus air ard-mhaithean na cuirte a dhol do mluchairt gus biadh a ghabhail comhladh ris abhana-phrionnsa.”

Dhaontaich an righ gu toileach gum falbhadh e, agus gun dail sam bith dhfhalbh e agus Aladin air a laimh dheis agus an t-ard-chomhairleach air a laimh chli. Bha luchd-dreuchd is oifigich afalbh rompa, agus bha ard-mhaithean na cuirte afalbhnan deaghaidh.

Mar bu dluithe a bhan righ atighinn air luchairt Aladin is ann bu mho a bha maise na h-aitreibh acur de dhioghnadh air; ach bha moran a bharrachd ioghnaidh air an uair a chaidh e steach innte. Cha burrainn e gun a h-uile rud a bha efaicinn a mholadh gu mor.

An uair a chaidh an righ a steach don t-seomar air an robh na ceithir uinneagan fichead, far an robh iad gus am biadh a ghabhail, agus a chunnaic e cho maiseachs a bha gach ni air a dheanamh agus gu h-araidh na h-uinneagan a bha air an deanamh maiseach le seudan agus le clachan luachmhor, agus an uair a thuirt Aladin ris gun robh iad acheart cho maiseach an taobh am muighs a bha iad an taobh a staigh, bha leithid de dhioghnadh airs nach robh fhios aige ciod a theireadh e. An uair a bha e greisna thosd thuirt e ris an ard-chomhairleach: “Am bheil e comasach gum biodh an luchairt aluinn so cho dluth dhomh agus mi gun fhios agam air gus a nis?”

Mo thighearna,” fhreagair an t-ard-chomhairleach, “faodaidh cuimhnebhith aig bhur morachd nach robh clach air an larach so air abhon de an uair a thug sibh cead do Aladin a togail, agus bu mhise cheud duine a dhinnis dhuibhs a mhadainn an de gun robh an luchairt so air a criochnachadh.”

Tha cuimhnagam air sin; ach cha do smaoinich mi idir gun robh an luchairtna h-aon de dhioghnaidhean an t-saoghail. Caite air an t-saoghal am faighear ballachan air an togail de dhors de dhairgiod an aite chlachan? Agus caite am faicear uinneagan air an deanamh maiseach le daoimein, le rubaidhean, agus leemeralds ?Cha chualas guth air a leithid so riamh roimhe air an t-saoghal.”

Bhan righ agabhail beachd gu dluth air na h-uinneagan, agusg an cunntais, agus thug e an aire gur e tri air fhichead dhiubh a bha air an deanamh maiseach le neamhnuideans le clachan luachmhor, agus ghabh e ioghnadh gu leor a chionn gun robh aon te dhe na ceithir air fhichead air a fagail gun chriochnachadh.

Bhan t-ard-chomhairleachna chuideachd an comhnuidh, agus thuirt e ris: “Tha ecur moran ioghnaidh orm gum biodh talla cho mor agus cho maiseach so airfhagail gun chriochnachadh.”

Mo thighearna,” arsan t-ard-chomhairleach, “chaneil teagamh nach e cion uine bu choireach nach do chriochnaicheadh an uinneag so mar a chriochnaicheadh cach; oir faodar a bhith cinnteach gum bheil neamhnuidean gu leor aigAladin air a son, agus gun criochnaich e i cho luaths a gheibh e uine.”

Anns acheart am thainig Aladin far an robh iad.

A mhic,” arsan righ ris, “is e so an aon talla cho briaghas a thair an t-saoghal; ach tha aon rud a thacur ioghnaidh orm, agus is e sin, gum bheil te dhe na h-uinneagan gun chriochnachadh. An ann a chionn gun drinn an luchd-oibre dichuimhnno dearmad air an obair, no, an ann le cion uine nach do chuir iad crioch gu snasail air an obair mhaiseach so?”

Mo thighearna,” arsAladin, “cha bann air son a h-aon dhe na h-aobhair sin a dhfhagadh an uinneag gun chriochnachadh. Is mi-fhin a dhordaich don luchd-oibre gun chrioch a chur oirre. Bha toil agam gum biodh de chliu aig bhur morachd crioch a chur air an talla agus air an luchairt comhladh, agus tha min dochas gun cuir sibh bhur n-aonta ris an ni a runaich mi, a chum gum bi cuimhnagam air na fabhair a fhuair mi uaibh.”

Mas e sin a bhanad bheachd,” arsan righ, “tha mi riaraichte gu leor, agus bheir mi ordugh seachad toiseachadh ris an obair gun dail.”

Gun dail sam bith chuir an righ fios air gach seud-fhear agus or-cheard a bfhearr na cheile a bha ann an ceanna-bhaile na rioghachd.

Anns acheart am chaidh an righ agus Aladin am mach as an talla so, agus chaidh iad don talla anns an robh achuirm air latha na bainnse. Thainig nighean an righ a steach don talla ann an uine ghoirid, agus chuir i failte air a h-athair, agus dhaithnich e air aogasg a gnuise gun robh i gle thoilichte leis aphosadh a rinn i.

Shuidhicheadh da bhord anns an talla, agus bha am pailteas dhe gach seorsa bidh a bfhearr na cheile air a chur air na buird so ann an soithichean oir.

Shuidh an righ, agus a nighean, agus Aladin, agus an t-ard-chomhairleach aig fear dhe na buird, agus shuidh ard-mhaithean na cuirte aig a bhord eile. Chord gach seorsa bidh a bhair abhord anabarrach math ris an righ, agus dhaidich e nach do bhlais e air na bfhearr riamh. Mhol e am fion mar an ceudna. Ach cha robh dad air abhord bu mho a chuir a dhioghnadh air na maise nan soithichean anns an robh am fion; oir bha iad air an deanamh de dhor fiorglan, agus air an deanamh ro mhaiseach le seudan. Chord an ceol ris anabarrach math mar an ceudna.

An uair a dheirich an righ on bhord, dhinnseadh dha gun robh na seudfhearan, agus na h-or-cheardan air tighinn; agus thill e steach don talla gus an uinneag a bha gun chriochnachadh a shealltainn dhaibh. “Chuir mi fios oirbh,” arsesan, “gus an uinneag so a chriochnachadh acheart cho snasail ri cach. Gabhaibh beachd gu math orra, agus cuiribh crioch air an uinneig so cho snasail ri cach, agus cho luaths a theid agaibh air.”

An uair a ghabh iad beachd gu dluth air a h-uile te dhe na tri uinneagan fichead, agus a chuir iad an comhairle richeile fiach ciod a rachadh aig gach fear dhiubh air a dheanamh, chaidh iad far an robh an righ, agus thuirt iad ris: “Mo thighearna, tha sinne toileach air an obair a dheanamh leis gach dichioll agus innleachdnar comas; ach chaneil de sheudan againn eadrainn gu leir na chuireas crioch air an obair mhoir so.”

Tham pailteas de sheudan agamsa,” arsan righ; “thigibh do mo luchairt-sa, agus taghaibh na fhreagras oirbh dhiubh.”

Thill an righ air ais don luchairt, agus dhordaich e na seudan a thoirt an lathair. Agus thug na seud-fhearan leotha an aireamh bu mho dhiubh, gu h-araidh an fheadhainn a thug Aladin don righ. Ged a chuir iad am feum iad gu leir, gidheadh cha drinn iad aghartas mor anns an obair. Thainig iad uair is uair a dhiarraidh tuilleadh sheudan, agus ann an ceann amhios cha robh an obair leitheach aca. A dhaon fhacal, chuir iad an sas na bha de sheudan aig an righ, agus na fhuair e an iasad on ard-chomhairleach, agus gidheadh cha robh an obair leith chriochnaichte.

Bha fhios aig Aladin nach burrainn an righ crioch a chur air an obair cho maths bu choir. Chuir e fios air na seudfhearan, agus thuirt e riutha stad dhen obair; ach dhordaich e dhaibh an obair a rinn iad a thoirt as a cheile, agus na seudan a thoirt air ais a dhionnsuidh an righ agus an ard-chomhairlich. Ann am beagan uairean thug iad as a cheile an obair ris an robh iad fad shia sheachduinean, agus dhfhalbh iad. Thug Aladin lamh air achruisgean, agus an uair a thug e suathadh no dha air thainig am fathach mar a babhaist dha.

Fhathaich,” arsAladin, “dhordaich mi dhut te dhe na h-uinneagan fhagail gun chriochnachadh, agus rinn thu gu pongail mar a dhaithn mi dhut. A nis, tha mig ordachadh dhut a criochnachadh mar a chriochnaich thu cach.”

Chaidh am fathach as an t-sealladh ann an tiotadh. Chaidh Aladin am mach as an talla, agus an uair a thill e steach an uine gun bhith fada, bhan uinneag air a criochnachadh mar a bha na h-uinneagan eile.

Anns acheart am rainig na seudfhearan agus na h-or-cheardan luchairt an righ, agus an uair a thugadh an lathair an righ iad, thuirt am fear a burramaiche dhiubh, agus ecur nan seudan gu leir an lathair an righ: “Mo thighearn, tha fhios aig bhur morachd gun dthug sinn uine mhath air an obair a dhearb sibh ruinn, agus gun drinn sinn ar n-uile dhichioll air crioch a chur oirre cho maths a burrainn duinn. Bhan obair gu math air a h-aghart an uair a thainig Aladin, agus cha be mhain gun do chuir e stad air an obair, ach thug e oirnn mar an ceudna na rinn sinn dhen obair a thoirt as a cheile, agus na seudan a thoirt air ais a dhionnsuidh bhur morachd.”

Dhfheoraich an righ dhiubh an dthug Aladin aobhar sam bith dhaibh air son gun dthug e orra sgur dhen obair. Agus thuirt iad ris nach dthug. Anns amhionaid dhordaich e each a thoirt ga ionnsuidh, agus mharcaich e gu ruige luchairt Aladin ann an cuideachd aireamh bheag dhesheirbhiseach. An uair a rainig e, thainig e air lar aig bonn na staidhreach a bhadireadh gu talla nan ceithir uinneagan fichead, agus ghabh e suas direach ga ionnsuidh gun uiread is fios a thoirt do Aladin. Ach thachair gun robh Aladin anns an talla aig an am, agus choinnich e an righ aig an dorus.

(Ri leantuinn.)


LITIR A ONTARIO.

THA fuaim na seana bhliadhna air falbh as ar cluasan an uair a bha i toirt suas an deò, agus a nis thàinig bliadhna ùr a stigh on a sgriobh mi mu dheireadh litir a dhionnsuidh MHIC-TALLA.

Tha stoirmeannan agus sneachda mor againn an so, gu sonraichte o chionn da sheachduin air ais. Tha na rathaidean air an dùnadh suas ann



[124]

[Vol . 11. No. 16. p. 4]

am mòran àiteachan. Bha an t-sìde gu math fuar on thàinig an geamhradh, ach tha dòchas agam gum fàs i nis fhearr gun dàil.

Bha mi leughadh litirC. C.” mun bhliadhnùir, agus gu dearbh bha i taitneach a bhi galeughadh, oir cha do dhfhàg e nimar tha, mar bha, agus mar bhitheasgun a chur sios le maise agus ann an deagh ordugh.

Chunnaic mi litir, cuideachd, bho Chalum beag. Chaneil fhios agam co dhiubhse Calum na Gàilig a bhagainn ann am Priceville a thann no nach e. Innsidh e dhomh an ath uair a sgriobhas e. Ach tha mi toilichte bhi faicinn nam puingean math a tha aige.

Tha sinn toilichte bhi leughadh mar tha MAC-TALLA a seasamh suas air taobh na stuamachd. Tha moran àiteachan is miosa a thaobh mi-stuamachd nam baile beag so, ged tha gu leor dheth ri fhaicinn ann air amannan sonruichte dhen bhliadhna. Tha feadhainn a cumail am mach nacheil coire sam bithsan deoch-làidir, ’s leis a sin nach bu choir a bhi feuchainn a chur as. Tha iad sin a leigeadh cudthrom mor air na briathran: “Cleachd beagan fìona air-son do ghoile;” ach an àite beagan a ghabhails ann a dhòlas iad làn am broinne den stuth is làidire a bhios ri fhaotainn. ’S iomadh duine còir, gasda, òg agus sean, a tha air a thoirt a thaobh leis an deoch-làidir. Saoilidh mi gum bheil e nadhìteadh mor air pàrantan a tha togail teaghlach ghillean, a bhi labhairt an aghaidh stuamachd nan làthair; oir an uair a chi iad an athair, duine tha nam beachd cho mathsa thair an t-saoghal, a togail a ghuth an aghaidh stuamachd, their iad: “Chaneil ar n-athair a faicinn coire sam bithsan stuth-làidir, agus feumaidh gur esan tha ceart agus nach e sinne, agus leis a sin feuchaidh sinn is blas da.” Agus an uair a bhlaiseas iad aon uair air, tha iad gan cur fein ann an cunnart fàs nam misgeirean.

Tha duine an sid a dol a chur laimh nabheatha le puinnsean a ghabhail. Tha duineile na sheasamh laimh ris, agus cha dean e uiread agus feuchainn ris a phuinnsein a thoirt as a làthair. Agus their e, “Gabhadh e a leor dheth; an gnothuch a thagam ris!” Nacheil an duine sin ann an tomhas ciontach de bhàs an duine eile, oir cha tug e ionnsaidh air a phuinnsein a thoirt uaithe. ’S ann mar sin a tha mun stuth-làidir.

Bha cruinneachadh nan Gàidheal aig a Chomunn sin an so o chionn da sheachduin, agus mar bàbhaist bha moran cruinn. Bha da phìobaire ann, Eachunn Domhnullach agus Pàdruig Mac Artair, da Ghaidheal ghasda. Bha Mac Griogair mor á Toronto a seinn orain; agus Miss Walker, mar an ceudna á Toronto, anns a chuideachd. Chuir iad seachad oidhche chridheil, shunndach.

Chaneil ach àite no dha eile ann an Ontario anns am bheil Gàilig air a searmonachadh mar tha i am Priceville, ged nacheil moran suim air uairibh ga ghabhail dhith. Ach than duine còir a tha gasearmonachadh a deanamh a dhleasanais. Cha mhor de na seana Ghaidheil tha beò a nissan àite so dhen mhuinntir a dhfhuiling fuachd is acras o chionn leth-cheud bliadhna. Chaneil iad ach gann rim faotainn a nis.

Chunnaic mi ainm Iain Dhughallaich, á Sowerby, ’sa MHAC-TALLA. Tha mise chomhnuidh laimh ri Domhnull a bhràthair, duine còir, gasda, agus deagh nàbaidh. Dheug màthair Iainsan àite so o chionn mios air ais. Dhfhàg i seann chompanachna aonaran, a ruith an corr da réis mar long gun stiùir.

Chi mi gum bheil Iain Mac Cuithein, á Boothville, a gabhail MHIC-TALLA am bliadhna rithist. Tha bean Iain na sgoileir math Gàilig, agus tha Gàilig mhath aig Iain fhein mar an ceudna. Tha dòchas agam gun sgriobh e a dhionnsuidh a phaipeir Ghàilig uair no uaireigin; oirs ann air son naidheachdan a tha e air a chur am mach.

Tha e na leisgeul aig cuid nach urrainn daibh Gàilig a sgriobhadh. Chan urrainnnuair nacheil iad a feuchainn ris. Cha dfhuair mise ionnsachadh riamh ann an Gàilig. Feuchadh iadsan ri Gàilig a sgriobhadh agus theid aca ris math gu leor. “Far am bi toil bidh gniomh.”

Ach tha mi dol air adhart tuilleadh is fada agus feumaidh mi stad. Slàn leibh an nochd.
Is miur caraid,

IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville, Ian. 17, 1903.


AN CEANNAICHE EADAILTEACH.

(Air a leantuinn).

AN àm do Phortia dealachadh ra fear-posda labhair i gu misneachail ris, agus dhiarr i air a charaid a thoirt leis an uair a thilleadh e; ach bha i fo amharus gun eireadh gu h-olc do dh-Antonio, agus an uair a dhfhagadh i leatha fhein, thoisich i air meorachadh an robh aon doigh no doigh eile anns am burrainn di ruigheachd air caraid a Bassanio gaoil a shaoradh; agus ged gheall i, air son an tuilleadh urraim a chur air Bassanio, gun geilleadh i gu malda macanta da ghliocas-san mar thigeadh e do mhnaoi dhileis, air a shon so uile, a nis an uair a bha an cunnart anns an do sheas caraid caomh a fir-phosda gacur fo ghluasad, cha robh teagamh aicen a cumhachd fein, agus làn dan bheachd so gun chead gun chomhairle, chuir i roimhpe gun togadh i oirre do bhaile-mor Venice, agus gun tagradh i anns achuirt as leth Antonio. Bha aig Portia caraid a bhan a fhear-lagha (is e Bellario a bainm da); sgriobh i a dh-ionnsaidh an duin’ -uasail so, acur an ceill gach ni mar bha, agus ag iarraidh a chomhairle agus aig acheart àm gum biodh e cho maths gun cuireadh e gah-ionnsaidh an fhalluinn a babhaist da a chaitheamh an uair a bhiodh e atagradh aig amhòd. Thill an teachdaire le litrichean bho Bhellario gaseoladh mar dheanadh i, agus leis gach sìon a dhfheumadh i ga h-uidheamachadh air son na cùirt.

Sgeadaich Portia agus a bean-choimhideachd Nerissa iad fein ann an aodach-fhear, agus acur uimpe falluinn an fhir-lagha thug i leatha Nerissa mar chléirich; agus atogail orra gun dail rainig iad baile-mor Venice, direach air latha na cuirt. Bha chuis direach adol a bhi air a gairm an lathair an diuc agus comhairlich abhaile ann an talla-mor amhòid, an uair a thainig Portia a stigh agus shìn i suas litir bho Bhellario anns an dthuirt am fear-lagha ainmeil sin ris an diuc, gun robh e fein acur roimhe tighinn air aghaidh a thagar as leth Antonio, ach gun robh e air a bhacadh le tinneas, agus dhiarr e gun tugteadh cead agus cothrom don sgriobhadair og, uasal Balthasar (is e so an t-ainm a thug e do Phortia) tagarn a àite. Cheadaich an diuc so, agus ioghnadh air cho ogs a bha coltas achoigrich, agus i gu seolta grinn air a ceiltinn fo fhalluinn an fhir-lagha agus gruag fhada, bhàn air a ceann.

Thug cudthromachd aghnothaich a ghabh Portia os laimh an tuilleadh misnich don mhnaoi-uasail àillidh sin agus an taice a dleasnais ghabh i gun athadh, gun sgàth. Theann i an toiseach ri Shylock, an t-Iudhach; agus ag aideachadh gu saor, a reir laghannan na h-Eadailt, gun robh lan choir aige air an dìoladh a bha air a chur sios anns achumhnant, labhair i cho grinn mu iochd agus mu throcairs gun tugadh e maothachadh air cridhe sa bith ach cridhe cruaidh Shylock; chuir i an ceill gun robh trocair abraonadh mar fhrasan sèimh nan speur a nuas air an talamh; mar bha beannachd dùbailt aleantuinn trocair, abeannachadh an a nochd agus an a fhuair trocair; mar thigeadh trocair do rìghrean na bfhearr na an crùin, a chionn gum baon de bhuaidhean Dhe fhein trocair; gun robh cumhachd an duine a tighinn dluth do chumhachd Dhe a reirs mar bha e ataiseachadh ceartais le trocair; agus ghairm i air Shylock e a chuimhneachadh mar ghuidheamaid uile air son trocair, gun tigeadh e dhuinn trocair a nochdadh. Chan fhaigheadh i smid fhreagairt bhon Iudhach ach tagradh air son an ùnlagh a bha airainmeachadh anns a chumhnant. “Nacheil e comasach an t-airgiod a phaigheadh?” arsa Portia. Thairg Bassanio an sin don Iudhach làn phaigheadh thairis is thairis; cha be mhain tri mile bonn òir, ach de dh-òr na thoilicheadh e; rud a dhiult Shylock ag radh nach gabhadh e ni ach punnd de fheoil Antonio. Dhaslaich Bassanio air an sgriobhadair og gun claonadh e an lagh anns an tomhas a bu lugha agus gun caomhnadh e beatha Antonio. Ach fhreagair Portia gu smalanach, aon uairs gun rachadh lagh a shuidheachadh nach robh e comasachatharrachadh. An uair a chuala Shylock Portia ag radh nach gabhadh an lagh atharrachadh shaoil e gun robh i agabhail a thaobh, agus ghlaodh e mach, “Tha Daniel fhein air tighinn a thoirt breith! O mo bhreitheamh og, glic, is tu is airidh air urram! Tha thu fada nas sine na do choltas!”

Dhiarr Portia an sin air Shylock an cumhnant a leigeilfhaicinn di; agus an uair a leugh i e thuirt i, “Tha an gealladh so briste, agus a reir mar tha mise galeughadh tha coir aig an Iudhach air punnd de fheoil ri bhi air a ghearradh á uchd Antonio, lamh ris achridhe.” Thuirt i agus i ationndadh ri Shylock, “Bi trocaireach; gabh an t-airgiod, agus ceadach dhomh an gealladh so a shracadh.” Ach cha chluinneadh Shyloch an-iochdmhor iomradh air trocair; agus fhreagair eTha mi atoirt mo mhionnan air gach ard agus iosal nacheil cumhachd ann an teanga an duine a tha comasach air mo ghluasad bhon ni sin a tha mi acur romham.” “Ma tha sin mar sin,” arsa Portia ri Antonio, “feumaidh tusa do bhroilleach a dheanamh deas air son na sgine;” agus am feadh a bha Shylock gu dian ageurachadh na cuirce chum am punnd feola a ghearradh dhfheoraich Portia de dh-Antonio, “A bheil diog agad ri radh?” Fhreagair Antonio gu siochail, ciuin, nach robh abheag aige ri radh, a chionn gun robh inntinn cheana leagte ris abhàs. An sin thuirt e ri Bassanio, “Fair dhomh do laimh, a Bhassanio! Slàn leat! na bi fo dhoilgheas air son gun dthainig am mi-fhortan so ormsa air do sgàth. Thoir mo bheannachdan do dmhnaoi oig àillidh, agus innis di cho mors a bha mo ghradh dhuit!” Fhreagair Bassanio agus achridhe bronach làn, “Antonio, tha mi pòsda air mnaoi, a tha cho annsail agam ri mbheatha; ach bu bheag leam mo bheatha, mo bhean, agus an saoghal gu h-iomlan ann an coimeas ri dbheatha-sa. Chaillinn iad uile, dhiobrainn iad gu leir don abharsair so air ghaol thusa chaomhnadh.”

An uair a chuala Portia so, ged nach robh abhean-uasal chaomh idir diombach da fear-posda air son mar chuir e an ceill ann am briathran cho làidir, a ghaol agus a chomain do charaid cho dileas ri Antonio, arsise, “cha tugadh do bhean buidheachas duit, nan robh i a lathair agus do chluinntinn a tairgseadh e leithid sin.” Dheirich an sin Gratiano, agus e toileach eiseimpleir a mhaighstir a leantainn, agus e a smaointeachadh gum bu choir guth a bhi aige-san anns aghnoth-



[125]

[Vol . 11. No. 16. p. 5]

ach cho math ri cach; arsesan ann an eisdeachd Nerissa, a bhan a suidhe ann an riochd cleirich aig taobh Portia, “Tha agamsa bean agus, air mfhacal, tha gaol agam oirre; bfhearr leam gun robh i an ceart uair am flaitheanas nam burrainn di iompaidh a chur air na cumhachdan gu h-ard inntinn an Iudhaich aingidh so atharrachadh.” “Is math dhuit nacheil i ga dchluinntinn,” arsa Nerissa, “air neo cha chuirinn geall nach togadh e aimhreit ann ad thigh.” Ghlaodh Shylock a mach le boile, “Tha sinn acur seachad uine; guidheam ort thoir a mach abhinn.” Bha gach neach anns achuirt a nis fo fhiamh agus gach cridhe fo dhoilgheas air son Antonio. Dhfheoraich Portia an robh meidh deas a thoimhseadh an fheoil; agus arsise ris an Iudhach; “A Shylock feuch gum bi lighiche dluth, air eagal gum faigh e bàs le dith fala.” Cha robh a dhìth air Shylock ach gun sileadh Antonio gu bàs, uime sin thuirt e, “Chaneil sin air ainmeachadh anns aghealladh.” “Chaneil,” arsa Portia, “ach ciod air a shon sin? Bu mhath gun deanadh tu an urad sin air son iochd.” Ach facal cha tigeadh bhon Iudhach ach, “Chan amais mi air; chaneil e anns achumhnant.” “Is e do chòir, ma ta,” arsa Portia, “punnd de fheoil Antonio. Tha an lagh gacheadachadh, agus tha achuirt gabhuileachadh.” Ghlaodh Shylock a mach a rithist, “O mo bhreitheamh glic agus firinneach! Tha Daniel fein air tighinn a thoirt breith!” An sin gheuraich e a rithist an sgian fhada a bhan a laimh, agus ag amharc gu dil air Antonio, arsesanSo, dean deas!” “Socair bhoidheach, Iudhaich,” arsa Portia, “tha rud-eigin eile an so fhathast. Chaneil an gealladh so atoirt aon bhraon fala dhuit; tha na briathran ag radh gu soilleir, punnd feola; a nis, an uair a tha thu agearradh na feola, ma dhoirteas tu aon bhraon de dh’ -fhuil aChriosdaidh so, buinear bhuait gach fearann agus maoin a tha agad agus gabhar iad le uachdranachd Venice.” Bha e gu tur eu-comasach don Iudhach am punnd feola a ghearradh á uchd Antonio gun deur fala a dhortadh, uime sin, shaor Portia leis an t-seol innleachdach so beatha Antonio; rudn uair a chunnaic na bha lathair bha iad air an lionadh le h-ioghnadh ri gliocas anabarrach a chomhairlich oig a bhreithnich an doigh sheolta ghrinn, agus thog iad iolach ait bho gach oisinn dan mhòd; agus ghlaodh Gratiano, agus e ag ailis air an Iudhach, “O mo bhreitheamh glic agus firinneach! Seall a nis, a bhodaich, Daniel fein air tighinn a thoirt breith!”

An uair a mhothaich Shylock gun deachaidh a run fuilteach a thilgeadh bun os cionn, chaill e gu tur a mhisneach agus thuirt e gun gabhadh e an t-airgiod; ghlaodh Bassanio, agus a thoil-inntinn acur thairis ri faicinn na saorsainn a thainig air Antonio, “So an t-airgiod!” Ach chuir Portia stad air, ag radh, “Air dfhaicill; chaneil aobhar cabhaig ann; chan fhaigh an t-Iudhach ach an t-ùnlagh; uime sin, a Shylock, dean deas air son na feoladaireachd; ach feuch nach doirt thu deur fala; agus na gearr mòr no beag ach direach punnd; biodh e thairis air an tomhas no fodha, ged nach biodh ann ach cudthrom na faochaig, ged nach biodh ach na dhaomadh amheidh leud na ròinneig, theid do dhiteadh gu bàs le lagh na rioghachd, agus duile bheairteas a thoirt thairis don uachdranachd.” “Thugaibh dhomh mairgiod agus leigibh as mi,” arsa Shylock. “Tha e ullamh ann aso,” arsa Bassanio.

Bha Shylockdol a ghabhail an airgid an uair a bhac Portia a rithist e, ag radh, “Air dathais, Iudhaich; tha greim eile agam ort fhathast. A reir laghannan Venice tha do mhaoin gu leir an geall don uachdranachd, a chionn gun do thionnsgain thu lamh a chur ann am beatha aon de luchd-àiteachaidh abhaile agus tha do bheatha fo throcair an diuc; a sios air do ghluinean, ma , agus iarr maitheanas.” Thuirt an diuc an sin ri Shylock, “A chum gum faic thu iochdmhoireachd aChriosdaidh, tha mi atoirt dhuit maitheanais mam beil thu ga aslachadh; theid darna leth do mhaoin a thoirt do dh-Antonio agus an leth eile don uachdranachd.” Fhreagair an t-uasal suairce Antonio, gun tugadh esan suas earrann fein de mhaoin an Iudhaich, nan cuireadh an t-Iudhachainm ri boid a tiomnadh a chodach aig àm a bhais da nighinn agus da fear-posda; oir bha fhios aig Antonio gun robh aig Shylock aon- ghin nighinn a bha goirid roimhe sin air oganach Criosdaidh a phosadh dam bainm Lorenzo, caraid do dh-Antonio; gun do rinn i so fada an aghaidh toil an Iudhaich, rud a chuir miothlachd mor air, agus gun do bhuin e uaipe uime sin a coir-bhreith. Dhaontaich an t-Iudhach so a dheanamh; agus afaicinn mar bha e mar so air a ghlacadhn a chuilbheartan, agus air a chreachadh da chuid beairteis, thuirt e, “Tha mi gu tinn; leigibh dhachaidh mi; cuiribh an sgriobhadh as mo dheigh agus cuiridh mi mainm ris, asineadh thairis do mnighinn darna leth mo chuid an t-saoghal.” “Tog ort, ma ta,” thuirt an diùc, “agus feuch gun dean thu sin; agus ma thu aithreachas de ddhroch-bheart, agus a so suas gum bi thu ad Chriosdaidh, bheir an uachdranachd maitheanas duit anns an leth eile dbheairteas.”

Leig an diuc as Antonio agus sgaoil am mòd. Mhol e gu h-ard gliocas agus ealantachd achomhairlich òig agus thug e cuireadh dha a dh-ionnsaidh a thighe a dhitheadh bìdh leis. Leis gun robh a run air Portia tilleadh do Bhelmont man ruigeadh a fear posda, fhreagair i, “Tha mi atoirt mor thaing do ur morachd, ach feumaidh mi falbh gun dàil.” Thuirt an diuc gun robh e duilich nach ceadaicheadh a dheifir dha dol agus greim a ghabhail leis; agus ationndadh ri Antonio, arsesan, “Thoir duais don duin’ -uasal so; oir is i mo bharail gu bheil thu fo mhor chomain da.”

An uair a dhfhag an diuc agus an luchd-lagha achuirt thuirt Bassanio ri Portia, “Muasal caomh, tha mise agus mo charaid Antonio an diugh troimh do ghliocas-sa air ar saoradh o unlagh trom, tha mi aguidhe ort, ma ta, gun gabh thu an tri mile bonn oir a bha againn ri ìocadh don Iudhach.” “Agus a bharr air sin,” arsa Antonio, “bidh sinn fo fhiachan graidh agus umhlachd duit gu bràth.”

Dhiult Portia lamh a chur air bonn dan òr; ach air do Bhassanio iompaidh a chur oirre duais air choreigin a ghabhail, arsise’ “Thoir dhomh do lamhainnean; caithidh mi iad air do sgàth. Thug Bassanio dheth a lamhainnean agus chunnaic Portia am fainne a thug i fein da air a mheur. Is e so a bha dhìth air an aluinn sheolta, oir bha toil aicefhaighinn uaith agus gum biodh beagan àbhachd aice mun chuis an uair a thachradh iad a rithist. Arsise, “gabhaidh mi am fàinne so mar chuimhneachan ort.” Bha Bassanio air a chur thuige gu mor an uair a dhiarr am fear-lagha an t-aon sin ris nach burrainn da dealachadh, agus fhreagair e gu buaireasach, nach fhaodadh e am fàinne a thoirt da, a chionn gur ann bhomhnaoi a fhuair e e, agus gun do gheall e nach dealaicheadh e ris; ach gum foraisicheadh e mach am fàinne a bu luachmhoire ann am baile-mor Venice agus gun tugadh e dhi e. Air cluinntinn so, ghabh Portia oirre a bhi air a tàmailteachadh agus dhfhag i achuirt, ag radh, “Is ann a tha thu ga mfhreagairt mar nach robh agad annam ach an déirceach.” “A Bhassanio mo ghaoil,” arsa Antonio, “thoir dha am fàinne; agus cuir mo ghradhsa agus an gniomh do-labhairt a rinn an duin’ -uasal as mo leth, an aghaidh corruich do mhnatha.” Bha naire air Bassanio gun saoilteadh gun robh e neo-thaingeil; gheill e agus chuir e Gratiano as deigh Phortia leis an fhainne. An sin dhiarr Nerissa bhon dfhuair Gratiano fainne cuideachd an uair a phos iad, dhiarr i am fàinne air ais, agus (le toil a bhi cho fada mach ra mhaighstir) thug Gratiano dhi am fainne. Is ann aig na mnathan-uasal a bha an àbhachd air an turus asmaointeachadh mar thàirngeadh iad as na fir an uair a thilleadh iad dachaidh air son mar dhealaich iad ris na fainneachan, agus mar dhfhagadh iad orra gun dthug iad do leannain air chor-eigin iad.

An uair a thill Portia dhachaidh bha a h-inntinn anns an t-suidheachadh sholasach sin a tha asruthadh o dhearbh-bheachd a bhi aig aon gun do rinn e gniomh ceart; bha a h-inntinn gu h-aoibhneach agabhail tlachd anns gach ni a chunnaic i; chan fhacas leatha riabh aghealach adearrsadh cho oirdhearc; agus an uair a cheil aghealach a gnuis fo neul, leum a h-inntinn le aiteas aig faicinn leus soluisn a h-uinneig fein ann am Belmont, agus thuirt i ri Nerissa, “Tha an solus sin alasadh ann an talla mo theach; cho fadas a tha achoinneal bheag sin atilgeadh a gathan, is co fhada a dhealraicheas deadh ghniomh ann an saoghal uile;” agus acluinntinn fuaim ciuil ateachd bhon tigh arsise, “Thar leam gu bheil an ceol sin moran nas binne na bhiodh es an latha.” Chaidh Portia agus Nerissa a stigh; chuir iad orra an aodaichean fein agus dhfhuirich iad afeitheamh am fir-phosda. Cha bfhada gus an dthainig iad agus Antonion an cuideachd. Thug Bassanio a charaid caomh an lathair na mna-uaisle àillidh, Portia, ach is gann a bha an fhailte agus am furan a chuir iad air a cheile thairis, an uair a thug iad an aire do Nerissa agus a fear-posda aconspaid ann an oisinn dan t-seomar. “Ciod e is ciall do so?” arsa Portia; “an e gu bheil sibh acur a mach air a cheile cheana? ’ tha cearr?” Fhreagair Gratiano, “Tha, le ur cead, an iorghuill mu fhainne leibideach fheòdair a thug Nerissa dhomhsa, air an robh facail bhardachd air choreigin mar chithear iomadh uair air na sgeanan, “Gràdhaich mi agus na tréig mi.” Chan e luach an fhainne no abhardachd air a bheil mi atighinn,” arsa Nerissa. “Gheall thu dhomhsa an uair a thug mi dhut e, gun gleidheadh tu e gu latha do bhàis; agus a nis tha thu ag radh gun dthug thu do chleireach fir-lagha e. Tha fhios gle mhath agamsa gun dthug thu do bhoirionnach e.” “Mo lamh dhuit,” arsa Gratiano, “thug mi e do dh-òganach, leth bhalach, gasan greannach nach bu mhò na thu fein; bha en a chleireach aig achomhairleach og a shaor le a thagradh glic beatha Antonio; ghuidh agus ghrìos an giullan so air son duais eigin agus cha burrainn domh air mo bheatha a dhiultadh.” “Rinn thu rud a bha cearr, a Ghratiano,” arsa Portia, “dol a dhealachadh ris an fhainne a thug do cheile dhuit mar a ciad thiodhlac. Thug mise fainne do mthighearna Bassanio, agus is tha cinnteach nach dealaicheadh esan ris air son na chunnaic e riabh.” Thuirt Gratiano, agus toil aige a leisgeul fein a ghabhail, “Thug mo thighearna Bassanio am fainne aige fein don chomhairleach, agus an sin ghuidh am balachan cleirich, a rinn a dhleasnas gu tapaidh aig amhod, am fainne agamsafhaighinn.”

Ghabh Portia oirre a bhi fo chorruich mhoir an uair a chual i so; thoisich i air achmhasan a thoirt do Bhassanio mun fhainne; thuirt i gum



[126]

[Vol . 11. No. 16. p. 6]

bu cheart an t-amharus a bha aig Nerissa gun dthug iad na fainneachan do leannain air choreigin a thachair orra. Bha Bassanio ro dhuilich am miothlachd a thug e da cheile chaoimh, agus fhreagair e gu durachdach, “Cha dthug, air mfhacal, cha dfhuair bean fon ghrein e ach am fear-lagha. Dhiult e tri mile bonn oir bhuam, agus dhiarr e am fainne, rudn uair a dhiult mi dha, thog e airs e lan diumb. Ciod a burrainn domh a dheanamh, a Phortia, a bhean mo ghaoil? Bha a leithid a naire orm air son gnothach cho mi-thaingeil a dheanamhs gun dfheum mi am fainne a chur as a dheigh. Thoir maitheanas domh, a bhain-tighearna chaoin; nan robh thu fein ann, tha mi dearbh-chinnteach gur ann a bheireadh tu bhuam am fainne gathoirt don fhear-lagha.”

Och, nach truagh an duine mise!” arsa Antonio, “is ann air mo sgathsa a thachair gach brionglaid a than so.”

Dhiarr Portia air Antonio gun eghabhail doilgheis mun chuis, oir gum be a làn bheathasan thun a tighe; agus an sin thuirt Antonio, “Chuir mise mo bheatha an geall aon uair air sgath Bhassanio, agus mur bhith am fear dan dthug dfhear-posda am fainne bha mise an diugh fon ùir. Cuiridh mi mo cheann an geall a rithist nach meall do thighearna tuille thu.” “Theid thusa an urras air, ma ta,” thuirt Portia; “thoir da am fainne so agus iarr air a ghleidheadh nas fhearr na a ghleidh e am fear eile.”

An uair a sheall Bassanio air an fhainne, ciod a biongantaiche leis nafhaicinn gum be acheart fhainne a thug e seachad a bha ann; agus an sin dhinnis Portia dha gach car mar thachairgum bise an comhairleach og, agus gum bi Nerissa an cleireach; agus thuig Bassanio, agus cha bu bheag a thoilinntinn agus a thaitneas an uair a thuig e gum bann troimh fhiùghantachd agus troimh ghliocas a mhnatha gaolaich a chaidh beatha Antonio a chaomhnadh.

Chuir Portia failte as ùr air Antonio, agus chuir in a laimh litrichean a fhuair i air sheol air chor-eigin, anns an robh fios gun robh na luingeis aig Antonio a shaoil daoine bhi caillte an deigh tighinn sabhailte gu cala. Chaidh toiseach bronach an sgeoil mun cheannaiche shaibhir so gu tur air dhi-chuimhnanns aghairdeachas a lion gach neach ris an teachdaireachd àigh agus an solas a lean i. Biomadh gaire a bha aca mu dhriod-fhortan nam fainneachan agus mu na fir nach daithnich am mnathan fein. Thug Gratiano boidean

Ribheo nach beagal leis rud a bu mhiosa
Na gun caillteadh gu bràth leis am fàinnaig Nerissa.


SGEULACHD A PHEATA BHAIN.

BHA tuathanach ann roimhe so aig an robh peata bàn; agus an uair a bhan Nollaig ateannadh air smaoinich e gum marbhadh e e. Chuala am peata bàn sin agus smaoinich e gun teicheadh e, aguss e sin a rinn e. Cha deachaidh e fada an uair a thachair tarbh air. Thuirt an tarbh ris, “Fàilte dhutsa, a pheata bhàin; càitam bheil thusa adol?” “Tha mi,” arsam peata bàn, “afalbh a dhiarraidh an fhortain. Bha iad adol ga mmharbhadh a dhionnsuidh na nollaig, agus smaoinich mi gum bfhearr dhomh teicheadh.” “ ’S fhearr dhomhsa,” arsan tarbh, “falbh leat: oir bha iad adol a dheanamh a leithid eile ormsa.” “Tha mi toileach,” arsam peata bàn; “mar is achuideachds ann is fhearr an làn-aighir.” Ghabh iad air an aghaidh gus an do thachair orra. “Fàilte dhut, a pheata bhàin,” arsan . “Fàilte dhut fhéin, a choin.” “Càitam bheil thu dol?” arsan . “Tha mi a teicheadh, on a chuala mi gun robh iad abràth mo mharbhadh air son na nollaig.” “Bha iad adol a dheanamh a leithid cheudna ormsa,” arsan , “agus falbhaidh mi leibh.” “Thig, mata,” arsam peata bàn. Dhfhalbh iad an sin gus an do chomhlaich cat iad. “Fàilte dhut, a pheata bhàin,” arsan cat. “Fàilte dhut fhéin, a chait.” “Càitam bheil thu dol?” arsan cat. “Tha mi adol a dhiarraidh an fhortain,” arsam peata bàn, “a chionn gun robh iad adol ga mmharbhadh air an nollaig.” “Bha iad ag iomradh air mise mharbhadh cuideachd,” arsan cat, “aguss fhearr dhomh falbh leibh.” “Thugainn, mata,” arsam peata bàn. Ghabh iad an sin air an aghaidh gus an do choinnich coileach iad. “Fàilte dhut, a pheata bhàin,” arsan coileach. “Fàilte dhut fhéin,” arsam peata bàn. “Càite,” arsan coileach, “am bheil thu a dol?” “Tha mi,” arsam peata bàn, “afalbh on a bha iad a maoidheadh mo mharbhadh aig an nollaig.” “Bha iad adol ga mmharbhadh-sa aig an àm cheudna,” arsan coileach, “agus theid mi leibh.” “Thig, mata,” arsam peata bàn. Ghabh iad air an aghaidh gus an do thachair gèadh orra. “Fàilte dhut, a pheata bhàin,” arsan gèadh. “Fàilte dhut fhéin, a gheòidh,” arsam peata bàn. “Càitam bheil thudol?” arsan gèadh. “Tha mise,” arsam peata bàn, “ateicheadh, a chionn gun robh iad a dol ga mmharbhadh aig an nollaig.” “Bha iad a dol adheanamh sin ormsa cuideachd,” arsan gèadh, “agus falbhaidh mi leibh.” Ghabh achuideachd air an aghaidh gus an robh an oidhcheteannadh orra, agus chunnaic iad solus beag fada bhuatha, ’s ge bfhada bhuatha cha bfhadaga ruigheachd. An uair a ràinig iad an tigh, thuirt iad richéile gun amhairceadh iad a stigh air an uinneig a dhfhaicinn co a bha anns an tigh, agus chunnaic iad meairlich acunntas airgid, agus thuirt am peata bàn, “Glaodhaidh na h-uile aon againn a ghlaodh féin. Glaodhaidh mise mo ghlaodh fhéin; agus glaodhaidh an tarbh a ghlaodh féin; glaodhaidh an a ghlaodh féin; agus an cat a ghlaodh féin; agus an coileach a ghlaodh féin; agus an gèadh a ghlaodh féin.” Leis a sin thug iad aon ghàir asda. An uair a chuala na meairlich aghàir a bha muigh, shaoil iad gun robhn donas ann, agus theich iad a mach, agus dhfhalbh iad do choille a bha dlùth dhaibh. An uair a chunnaic am peata bàn agus a chuideachd gun robh an tigh falamh chaidh iad a stigh, agus fhuair iad an t-airgiod a bha aig na meairlichga chunntas, agus roinn iad eatorra féin e. An sin smaoinich iad gun gabhadh iad mu thàmh. Thuirt am peata bàn, “Càitan cadil thusan nochd, a thairbh?” “Caidlidh mise,” arsan tarbh, “cùl an doruis far an àbhaist domh.” “Càitan caidil thu féin, a pheata bhàin?” “Caidlidh mise,” arsam peata bàn, “am meadhain an ùrlair far an àbhaist domh.” “Càitan caidil thusa, ’choin?” arsam peata bàn. “Caidlidh mise taobh an teine far an àbhaist domh,” arsan . “Càitan caidil thusa, ’chait?” “Caidlidh mis’ ,” arsan cat, “ann am preas nan coinnlean, far an toil leam a bhith.” “Càitan caidil thusa, ’choilich?” arsam peata bàn. “Caidlidh mise,” arsan coileach, “air an spàrr far an àbhaist domh.” “Càitan caidil thusa, ’gheòidh?” “Caidlidh mise,” arsan gèadh, “air an dùnan far an robh mi cleachte ri bhith.”

Cha robh iad fada air gabhail mu thàmh an uair a thill fear de na meairlich a dhamharc a stigh feuch am mothaicheadh e an robh aon sam bithsan stigh. Bha na h-uile ni sàmhach, agus dhialaidh e air aghaidh gu preas nan coinnlean airson coinneal a lasadh edheanadh soluis da, ach an uair a chuir e làmhsa bhocsa shàth an cat ìnean nalaimh, ach thug e leis achoinneal agus dhfheuch e rilasadh. An sin dhéirich an agus chuir eearball ann am poit uisge bha aig taobh an teine; chrath eearball agus chuir e as a choinneal. Shaoil am meairleach an sin gun robh an donassan tigh agus theich e; ach an uair a bha e dol seachad air apheata bhàn thug e buille dha; mun dfhuair e seachad air an tarbh thug e breab dha; agus thòisich an coileach air glaodhaich; agus an uair a chaidh e mach thòisich an gèadh air a ghreada lesgiathan mu na luirgnean. Chaidh e don choille far an robh a chompanaich cho luathsa bhana chasan. Dhfheòraich iad dheth cia mar chaidh dha. “Cha deachaidh,” arsesan, “ach meadhonach. An uair a chaidh mi gu preas nan coinnlean bha fear ann a shàth deich sgeanan ann am laimh, agus an uair a chaidh mi gu taobh an teine a lasadh na coinneal, bha fear mor, dubhna laidhe ann a bha spreadadh uisge oirrega cuir as, agus an uair a thug mi làmh air dol a mach bha fear mor am meadhain an ùrlair a thug utag dhomh, agus fear eilaig cùl an doruis a phut a mach mi, agus bha ablach beag air an fharadh a glaodhaich a mach, ‘Cuir an nios an so es foghnaidh mi fhein dha,’ agus bha griasaich a mach air an dùnan ga mghreadadh mu na casan le apran.” An uair a chualna meairlich sin cha do phill iad a dhiarraidh an cuid airgid, agus fhuair am peata bàn agus a chompanaich dhaibh fein e, agus chum e socair iad am feadhsa bha iad beò.


AN GEAMHRADH ANN AN NEWFOUNDLANDTha geamhradh doirbh gu leòr againn feinsan dùthaich so, ach than geamhradh a thacan Newfoundland a toirt bàrr air. Cha robh uiread sneachdann o chionn àireamh bhliadhnachan. Tha an rathad-iarainn gu tric air a dhùnadh leiss na trèineachan air an stadaon uair bhan trèin a dhfhàg St. Johns ceithir latha anmoch a ruigheachd a ceann-uidhe aig Port-aux-Basque. Chaill an soitheach-smùide Bruce àireamh thursan on thàinig an geamhradh.

TEINTEAN AN SIDNIBha da dhroch theine ann an Sidni Di-ciaduin. Mu dha uairsa mhaduinn ghabh an togalach aig Burchell air sràid Shearlot, agus chaidh a losgadh gu làr. Bhan obair-uisge ann an deagh uidheam, agus ged bha soirbheas làidir ann aig an àm, chumadh an teine gun sgaoileadh. Bha anns an togalach so, a bharrachd air stòr nan Sutharlanach, officesaig luchd-laghas aig muinntir eile, agus bidh an call uile gu léir na shuim mhor. —Aig a cheart àm bha teine dol air adhart ann an tigh tasgaidh air laimhrig LeCras, an ceann deas abhaile. Chaidh e sin a thur losgadh cuideachd, ’s gach ni a bha nabhroinn.

SGAOILEADH NA COMHAIRLEAir acheathramh la fichead de Ianuaraidh thug comhairle na siorrachd so suidhe agheamhraidh gu crìch. Bha iad cruinn fad thri seachduinean, ach a mach on chònsachadh a bhaca mun tigh-chaothaich, cha robh fan comhair ach na gnothaichean àbhaisteach. Latha mun do sgaoil iad dhaontaich iad oifigeach a thaghadh air-son anScott Acta chur air obairsan t-siorrachd. Thugadh an dreuchd do Iain I. Domhnullach, ann an Sidni, agus shuidhicheadh a thuarasdal aig ceud dolairsa bhliadhna. Tha uaislean na comhairle a reir coltais air fhaotainn a mach gu bheil an sluagh toileach an lagh a thaca chumails a chur air obair.

A SIREADH DHILEABACHChaochail fear dam bainm Iain Mac Neill ann an Spokane, Wash., o chionn ghoirid, agus than luchd-lagha thalaimhseachadh na dhfhàg e na dhéigh afeuchainn ri fhaighinn a mach e, ’s an dfhàg e càirdean. Bhuineadh e do na Roinnean Iochdracha réir gach coltais do Cheap Breatunnach chaneil fhios air an dearbh àite. Bha deagh Ghàilig aige. Bha e nadhuine mor foghainteach, agus mu leth-cheud bliadhna dhaois. Bha e ann an Spokane amèinneadaireachd, agus bha e bharrachd air sin a cumail fearainn air an robh e togail spreidhe. Bfhiach na dhfhàg e uile gu léir mu fhichead mìle dolair.



[127]

[Vol . 11. No. 16. p. 7]

Litir a Lag an t-Slocain.

A CHARAID GHASDA, —Thachair dhomh a bhi air chuairt o chionn ghoirid ann am Mèinn Chaledonia, baile beag a tha astar goirid bhon àite so. Tha iomadh Gàidheal is bana-Ghàidheal a chomhnuidh anns a chearna so dhen eileanagus co an cearna dhen t-saoghal anns nacheil iad? Ged nacheil mise gle eolach air daoines na taobhannan ud, dhfhaodainn a bhi glé chinnteach gum be làn dìth mo bheatha fuireach comhla riutha fad mios nan tograinn fhéin; oir chaneil daoine an diugh air ùr-uachdar an domhain cho coibhneil, càirdeil, bàigheil, teò-chridheach ris na Gàidheil.

An déis dhuinn a bhi greis a seanachas mu chaochladh nithean, thuirt caraid rium gun robh ogha do Niall Ruadh Mór a fuireach ceum no dha suas bhon taigh aigesan, agus gur a docha gun robh roinn mhath de dhorain a sheanar aige. Ghrad chaidh sinn suas gu taigh Ruairidh Mhic-a- Bhiocair, far an dfhuair sinn ar fàilteachadh gu cridheil. Bha mi làn chinnteach gum biodh orain Nèill ruaidh aig Ruairidh, ach bha mi air mo mhealladh. Dhinnis e dhomh nach robh aige ach ceathramh an sids an so dhiubhnach robh aon dhechuid orain slàn aige. Ach thuirt e gum baithne dha seann duine aig an robh moran dhiubh, nam biodh e toileach an toirt seachad. “Bha fear dom bainm Arbuckle,” arsa Ruairidh, “maighstir-sgoil a bhann an Sidni, cha chreid mi, a dol a mach gu Catalòn, far an robh mo sheanar a fuireach gus a chuid orain a sgriobhadh sios. An oidhche mun deachaidh e do Chatalòn fhuair mo sheanar fios gun do bhàthadh a dhithis macmathair fhéin agus a bhràthairaig Scatarie. Ghabh e bàthadh a chuid mac cho cruaidhs nach do rinn e oran riamh tuilleadh ach aona mharbhrann gan caoidh. Agus mar sin cha deachaidh a chuid oran a sgriobhadh sios riamh.” Tha dùil aig Ruairidh an duine aig am bheil orain a sheanar fhaicinn; agus ma bhios mi fhìn ann an slàinte mhath theid mi gu deimhine gafhaicinn, ged a bann dha mchois, sin ri radh ma chuireas Ruairidh fios ugam.

Thàinig aon dhe na h-orain aig Niall Mac-a- Bhiocair (Niall ruadh mór) am mach ann an leabhar a chlo-bhualadh ann an Glascho o chionn naodh bliadhna. ’S e a bainm dhaOran nan cat.” Chuireadh an leabhar am mach leis an Urr. Gilleasbuig Domhnullach, ann an Kiltarlity. BeUist Bardsa bainm dhana h-orain a bfhearr a rinneadh ann an Uidhist mu thuath o linn Iain Mhic Odrum. ThàinigOran nan catam mach anns aMHAC-TALLA.

Chunnaic mi litir bheag, laghach anns aMHAC-TALLA o chionn ghoirid a sgriobhadh le M. Mac Laomuinn. So mar a chuala mise am port air am bheil ebruidhinn. ( ’S es docha gu bheil eadar-dhealachadh air mar a ghabhadh iad portsan Eilean Sgitheanach seach mar a ghabhadh iad e ann an Uidhist) :—

, mur a dannsthu direach,
, mur a ruidhlthu dòigheil,
, mur a dannsthu direach
Theid am prìne na do chòta;
Mur a dean thu dannsa direach,
Mur a dean thu ruidhle dòigheil,
Mur a dean thu dannsa direach
Theid am prìne na do chòta.”

Tha min dochas gun sgriobh an Gàidheal coir so fhathast gu MAC-TALLA.

Co thachair taghal orm an oidhche roimhe ach Iain ruadh, ogha do Dhonnachadh ruadh, air an tug mi iomradh ann an litir a sgriobh mi ugad roimhe. ’S e fhein a bheireadh hùg air na h-orain. Agus gu cinnteachs iomadh oran a bhaige. An deigh dha oran no dha a sheinn a rinn e fhein, thoisich e air an fhear so, a tha air fonnCabar-féidh.” Tha an t-oran air a dheanamh mar gum bann eadar duine is bean. Chaidh iad troimhe-chéile, agus dhochainn esan gu dona i. Theich ise lebeatha, agus esan a dol gacrochadh, mur a biodh i umhail dha, aig ceann àtha Cadamaigh. Cha chreid mi fhein nach e da oran a thann air am measgadh. Co dhiubh tha mi gathoirt seachad mar a thug Iain ruadh dhomh e:—

An cuala sibhsem blàr
A thug Màsho anns abhaile so,
Nuair ghabh e air Catriona,
S e diollaid bu chlaidheamh dha;
Cha tug e dhith a dhùine
Gu ùrnaigh no aithreachas,
A cheart cho grad ri fùdar
Gun smùid e bho chasan i.
Ghabh e guineach air a mullach
Mar fhear dubh a garaidh ann,
Gun dùil tuilleadh ri tighnn uice
Leig efuil gu talamh ann,
S gun robh buillair muin na buille,
Gun fhios cuin a stadadh e;
Gur ise fhuair a léireadh,
Nuair dhéirich a chabar air.

Sid am mach Catriona
Gu direadh nam beallaichean,
Chan fhanadh i ridinneir,
Ach sior thoirt a casan leath’;
Cha bhean Lot a bhinnte,
No ni bu mhac-samhail di:
Cha sealladh i nadéigh
Ged a thréigeadh an t-anam i.
A ceanns a muineal air a bhruthadh,
Gun robhn fhuil air stad innte,
Gun robh cnapan air a drinnein,
Bha iad dubh is geal oirre,
S i nasiubhal leis a bhruthach,
Gun robh sruthan fallus dhi,
S gur mor an aobhar ghàire
Gach gàtag a ghearradh i.

As a so an dràsda
Mur fhàs thu nas ceanalta;
Mur sguir thu dhe do dhamnadh
S dhe dchàineadh air Alasdair,
Gun teid na ropan cainbe
Gu teann a chur mu damhaich-sa,
S do chrochadh mar an samplair
Aig ceann àtha Cadamaigh;
Acladhach sloc an aodann cnoic
Gun teid do chorp a sparadh ann,
Fiù a choffin cha teid ortsa
Ach seana phoca canabhais;
Gun teid do liùbhradh dhan fhear dhubh,
S cha bhi thu tuilleadh againe;
Gur tusa gheibh do léireadh,
Nuair dheireas a chabar air.

Cha chadal dhomh, cha dùsgadh,
Cha tionndadhs cha charachadh;
Sid piob as fhearrsan dùthaich,
Aphiob a bhaig Mac Olibhair,
Sid piob as fhearrsan dùthaich
Bheil cùnntas is aithne dhomh,
S nam baithne dhomh gaseanachas
Gu dearbh gum bu mhath leam e.
S a bhodaich bhig nam biodh tu glic
Cha bann mar sid a dhfhanadh tu,
Chionn pàirt dhe mchuid cha tugainn dhut
Ged bhiodh tu cur na h-analach;
Ged theireadh cuid gum biodh a bhuil,
Gun rachadh rudsan drama dheth,
S an corrsan sporan iallach,
S na fiaclan gatheannachadh.

A bhréineag, a bhréineag,
A bhréineag nam boirionnach,
A bhréineag, a bhréineag,
A bhréineag nam boirionnach,
A bhréineag, a bhréineag,
A bhréineag nam boirionnach,
Gun seinninn Cabar-féidh dhut,
A bhréineag nam boirionnach.
A chailleach dhona, dhona, dhona,
Chailleach dhona, ghoganta,
A chailleach dhona, dhona, dhona,
Chailleach dhona, ghoganta,
A chailleach dhona, dhona, dhona,
Chailleach dhona, ghoganta,
S a chailleach a bhaig Ruairidh
Bu chruaidh mun a sporan i.”

Ma bhios mi air mo chaomhnadh cluinnidh tu fhathast uam roimh Bhealltuinn.

Is mi do bhana-charaid,
PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slòcain.


Iadsan a Phaigh.

Ailean Domhnullach, Salmon River
Ailean Mac Leoid, Whitney Pier
Iain Moireasdan, South Gut
Niall A. Mac Gill-fhaollain, Broad Cove
Domhnull Mac-a- Phearsain, Ceap Nor
N. A. Domhnullach, Ceap Nor
Rob Moireasdan, am Beighen Iar
A. V. Mac-Gillebhràth, Bridgeport
Floiri Dhomhnullach, Bridgeport
Domhnull R. Domhnullach, Barrachois
Seonaid Ros, Baddeck Mhor
An t-Urr. R. L. Domhnullach, St . Peter’ s
Domhnull Mac Neacail, Catalone
Domhnull A. Mac Coinnich, Caledonia
Sim R. Mac Gillinnein, Inbhirnis
Ceit Mhoireasdan, North Gut
R. H. Mac Coinnich, Loch Bhlackett
Coinneach Mac Ratn, Loch Bhlackett
Domhnull MacNeill, Abhainn a deas, N.S.
Beitidh Nic Neachtain, Abhainn a deas, N.S.
D. C. Friseal, New Glasgow,
Iain Sutharlan, Rockland , N. B.
S. M. Martuinn, Heatherdale , E. P. I.
Iain A. Caimbeul, Heatherdale , E. P. I.
Bean T. Mhic Risdnidh, Scotsburn , Que.
Domhnull I. Domhnullach, Milan , Que.
D. Mac Aonghais, McIntyre P. O., Ont.
Murchadh Mac Gillinnein, Lochalsh, Ont.
Mairi Stevenson, Shipka , Ont.
Padraig Cràbhart, Mitchell ’s Bay, Ont.
Bean A. Mhic-a- Phearsain, Grenfell , Assa.
Ailean Dùghlach, Bhàllaidh, Assa.
Iain Mac Cormaic, Earlswood , Assa.
S. N. Mac Fhionghain, Moosomin , Assa.
Domhnull Mac Leoid, Belmont , Man.
Cailean Mac Risdnidh, Holeb , Maine
M. D. Mac Neacail, Graniteville , Vt.
Iain Domhnullach, Topeka , Kansas.
Iain A. Camaran, Bottineau , N. Dak.
Alasdair Mac Rath, Winton , N. Zealand


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
OifisAn togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidhAirUnion St. ,san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.



[128]

[Vol . 11. No. 16. p. 8]

Ceol.

LEIS AN URR. DONNACHADH MAC GILLEAIN.

S binn caoirean nan caochan
An aonach nam beann,
Nuair than latha asgaoileadh
Air aodann nan gleann;
S binn osna na gaoithe,
S gur aobhach a toirm
Air ciùineachdon doininn,
S air cadal don stoirm.

S binn co-sheirm na coille,
Nan doire, ’s nan stùc,
S ro bhlasda an ceol e
San og mhadainn dhrùchd;
O! ’s taitneach ra chluinntinn
Geum laoigh tighnn on chro,
S binn gàirich na tuinne,
Is bàirich nam bo.

S binn naidheachd air caraid
Chaidh fada air chuairt,
S cha seirbhe guth leannain
Dhfhàs banail is suairc’;
S ro bhlasda guth màthar
Làn blàiths agus gaoil
Mar cheol iad nach àluinn,
Nach càirdeil, nach caoin?

Ach tha ceol ann is uaisle
Na bhuadhaibh gu mor,
S tha fuaim ann is binne,
S is grinnair gach doigh;
Tha poncan is milsann,
Nach diobair gu sior,
Gach ceolrinn thu solasach
N oir no an iar.

Nach milis mar cheol e,
Nach boidheach, nach binn,
Guth chlag madainn Dhomhnaich,
Nach sonraichte grinn?
Na fuinn ud ro àlainn
Tha fàilteachan
A bheannaich an t-Ard-Righ
Gu slainte nan slògh.

Nach binn achruit-chiùil ud,
Nach rùnach gach ial,
An cridhe trom, brùite
Ag ùrnaigh ri Dia?
Nach taitneach mar cheol e,
Nach boidheach, ’s nach caoin,
Guthmholaidh, a sholais,
A dhochais, a ghaoil?


Chuir Mi Cul ri Iollaraidh.

Rinneadh an t-oran so le Domhull Domhnullach, (Domhull mac Thormaid ruaidh) a bhan Catalòn, do dhAonghas Friseal, a thàinig a nall air chuairt a Uidhist mu thuaths a thill air ais a rithist. Sgriobh Aonghas gun do rainig e sàbhailt thall agus fhreagair Domhull e mar a leanas. Bha rann mu seach am Beurlas an Gàiligsan oran. Bha e na bfhaide na sonuair a rinn Domhull e.

S math leam thu bhi sàbhailt thall,
Sgriobh gu grad ugam a nall,
Innis dhomh am beagan rann
Ciamar than t-àm an Iollaraidh.

Eirich agus tiugainn ó,
Eirich agus tiugainn ó,
Eirich agus tiugainn ó,
Chuir mi mo chùl ri Iollaraidh.

Thoir mo bheannachd dhaibh gu léir,
A dhfhaodas feorach na mo dhéigh;
Nam biodh cùisean math da réir,
Gum bithinn fhéin an Iollaraidh.

Nam biodh cùisean math air doigh,
Chithinn an tirsan robh mi og:
S mi nach fhanadh ann ga mdheoin
As eugmhais coir an Iollaraidh.

Mile, mile soraidh bhuam
Gu mo chàirdean deas is tuath,
S gu mo nàbaidhean mun cuairt,
Tha sios gu bruachaibh Iollaraidh!

Gu bheil minntinn-sa cho luath,
A siubhal thairis air achuan,
Theid idhUidhistchinn a tuath,
Cha stad gum bual i Iollaraidh.

Nam bithinn dlùth air Sir Iain Ord,
S mi gun aslaichinn da mdheoin,
Mi bhin Uidhist a tighnn beo
Air cuibhrionn choir an Iollaraidh.


Latha na Sabaid.

LEIS AN URR. DONNACHADH MAC GILLEAIN.

An so nach tosdachs nach ciùin!
Is anail cia cùbhraidh, neo-shearbh!
Tha sàmhchair is fois air a ghnùis,
S en saoghal dhfhàs diùid agus balbh;
Chan fhaicear, ged sheall air gach laimh,
Aon duine no ainmhidh ri stàth
Tha gach creutairn an ionadaibh tàimh,
Gu taingeilcur seachad an .

Tha gach ionad bha luaineach is làn,
Gun iomradh air stàth no air sùrd:
Mur cluinnear guth ùrnaigh no dàin
Adireadh gu Ard-Righ nan dùl;
Than saoghal air aomadhna shuain:
Chan fhaicear ann gluasad no saothr,
S cha chluinnear ann tartar no fuaim,
Ach guthanna uasal is caoin.

Than uiseag agleusa cruit-chiùil,
S am brùdhearg gu sunndach ri ceol,
An smeorachn an comunn le sunnd,
S an lon-dubh le sùrd mar bu nòs.
Ciod thuige an t-sàmhchairsan fhois,
Tha coitcheanta bhos agus thall?
Nach ioghnadh aon bheul bhina thosd?
S gu moladh aon teanga bhi mall!

Nach aontaich gach teanga is beul
Gu moladh le chéilanns gach àit’;
S nach aithris le h-aoibhneas an sgeul
Tha ceangailtgach ris an :
Nach can iad le h-aoibhneas is ceol,
Dhutsbuinidh an so, a Thriath,
S mar chuimhne air dobair ro mhor,
Dhutscoimhdear en comhnuidh gu sior.

Nach binn e, an ceol a tham chluais!
Nach fonnar, ro uasal is caoin!
Adireadh gu flaitheanas suas
Ard mholadh an Uain is a ghaoil;
S an ioghnadh ged lionte gach beul
Lemholadh gach agus ?
Ged sgaoileadh le aoibhneas an céin
Ged chliùthaich le chéile gach slògh?

San teampullsan comhlaich a shluagh
A mholadh chan fhuar is cha chlìth,
Tha Spioradg an comhnadh gu luadh,
Agleusadhs agluasad an crìdh’;
Oir chunnaic iad aiteal da ghloir,
S cha dcheileadh a bhoichead on sùil;
Is dhaontaich le h-aoibhneas is deoin
An gaol a thoirt dha is an rùn.

A chliùsan na faram nan teud
Is binne gach agus ial;
S a ghràdhsan is milse gach
Na mhil thig on chéir tha don bhial;
Ach thosd e! is dhimìch na slòigh
Gu boidheach gun comhnuidhean fhéin,
Gu foistinneach, farasda, fòil,
Le h-inntinnibh stolda da réir.

Tham feasgar air ciaradh mun cuairt,
S gach creutair air gluasad gu tàmh,
S air aghaidh a chruinnesan uair
Laidh tosdachd, laidh suain agus pràmh,
Mur cluinnear measg dhuilleach nan crann
Caomh osnaidhean fann aig aghaoith,
S mur cluinnear sèimh chaochain nan gleann,
No binn cheol naomh dhàin agus laoidh.

Cha chluinnear air anail nan speur
Aon fhuaim a tha eutrom no trom;
Laidh suain air an t-saoghal gu léir,
Air fireach, air réidhlein, ’s air tom.
An oidhche a -bhrat do sgaoil
Air aghaidh an t-saoghails gach àit’;
S tha cadal air clanna nan daoin
Abraonadh gu caoin is gu tlàth.


IADSAN A PHAIDH. —Bfheudar dhuinn dòrlach math dhe na h-ainmean so fhàgail thairis gus an ath àireamh le cion àitesan cuireamaid iad.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHN AR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 16
internal date1903.0
display date1903
publication date1903
level
reference template

Mac-Talla XI No. 16. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page