[Vol . 11. No. 17. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARAIDH 20, 1903. No. 17.
A’ Ghaidhlig.
THA mi gle thoilichte gu bheil MAC-TALLA fathast beò agus lùghmhor, agus gu bheil e dealasach mar bu nòs as leth na Gàidhlig agus na h-àbhaistean a bhuineadh do na Gàidheil anns na linntean a bha ’sa dh’ aom. Is ann le tlachd nach ’eil faoin a tha mi tòiseachadh air còmhnadh a dheanamh le MAC-TALLA air a bhi ’sgriobhadh nithean air a shon a bhitheas, tha mi ’n dòchas, tlachdmhor d’a luchd-leughaidh.
Rinn na Gàidheil iomadh saothair chruaidh ann am fosgladh ’s ann an glanadh suas na dùthcha so bho chuan an àirde ’n ear gu cuan an àirde ’n iar. Bithidh e daonnan taitneach a bhi ’gabhail beachd air gach euchd ’us dichioll ’us treubhantas a nochd na Gàidheil a thàinig do ’n dùthaich so bho cheann tri no ceithir de ghinealaich. Cha ’n ’eil aithne agamsa air paipeir air bith a tha air a sgriobhadh gu léir ann an Gàidhlig agus a tha iarrtuiseach air cànain ’us àbhaistean nan Gàidheal a chumail suas gu suilbhir, dìleas, neo-sgathach. Is iomadh bliadhna chaidh seachad o’n thòisich daoine air a bhi ’g ràdh gu robh a’ Ghàidhlig air leabaidh a bàs agus gu ’m bitheadh i ann an ùine ghearr am measg nan cànainean a tha ’nis tosdach ann an suain a’ bhàis. Bithidh gach Gàidheal dìleas, ceart, taingeil gu bheil cànain a mhàthair fathast beò, ’s treun ’us bòidheach ann an tìr nam beann agus ann an Canada ’s ann an roinnean eile de rioghachd farsuing agus beartach Bhreatuinn.
Gun teagamh tha MAC-TALLA ’toirt iomraidh air na leabhraichean ùra ’tha ’g a nochdadh féin bho àm gu h-àm anns a’ Ghàidhlig. Tha bàird agus bana-bhàird againn a nis a tha gleusda ’s fonnmhor agus a tha comasach air Gàidhlig a sgriobhadh ann an rannan blasda, ciatach, taitneach. Ach cha ’n ’eil ’s cha robh riamh Gàidhlig co làidir ann an rosg, no ann amprose ,mar their na Sasunnaich. Is e Tormoid Mac Leoid a sgriobh a’ Ghàidhlig a’s fearr, a’s bòidhche ’s a’s snasmhoire ’tha againn. Cha’n ’eil Gàidheal a làthair an diugh a tha airidh air a bhi air a chur ann an coimeas ri Tormoid Mac Leoid, fior charaid nan Gàidheal. Bha buaidhean inntinn agus cridhe aige ’bha da rireadh eireachdail agus flathail. Is e ministeir comasach, dùrachdach, blàth-chainnteach, blàth-chridheach a bha ann. Rugadh e anns a’ Mhoirearann, agus bha e bho thùs a làithean gu feasgar a bheatha fior-mheasail air a’ Ghàidhlig, agus fior-dhìleas do na Gaidheil. An uair a bha gort eagalach anns na h-Eileanan Gàidhealach, rinn e dichioll anabarrach air airgiod a thrusadh anns a’ Ghalltachd agus ann an Sasunn airson còmhnadh a dheanamh leis na Gàidheil bhochd a bha ocrach gu leoir o’n thàinig call fuasach air a’ bhuntàta. Chuir e mar an ceudna iomadh oidheirp an gniomh airson tighean-sgoil a thogail agus sgoilean a phlanntachadh anns a’ Ghàidhealtachd. Is e duine sgiamhach, beusach, pongail a bha ann. Bha meas mor aig a’ Bhan-righ Bhictoria air agus aig a luchd-comhairle air sgath nam buaidhean àluinn a bhuineadh dha. Am feadh a bha e ’n a mhinisteir ann an Ceann Loch Chille Ciarain, bha caraid nach robh fuasach snuadhach a’ searmonachadh air a shon. Ghlaodh boirionnach anns a’ chomhthional a mach: “Thig a nuas as a sin agus leig do ’n mhinisteir bhòidheach againn féin dol suas.” Bha ’n t-Ollamh Urramach Mac Leoid min-eòlach air beachdan ’us àbhaistean ’us faireachduinnean nan Gàidheal, agus air an aobhar sin, chuir e sios anns gach comh-labhairt a sgriobh e, no chuir e ann an òrdugh, smuaintean maith agus cunntas firinneach mu dheibhinn nan Gàidheal. Chi Gàidheal air bith a leughas na leabhraichean a tha ’nochdadh beachdan Mhic Leoid, gur e Gàidheal foghainteach a bha ann, gu robh cridhe farsuing, caoimhneil, càirdeil aige, ’s gu ’m bi iomradh taingeil air a dheanamh air anns na linntean a tha ri teachd. Anns an roimh-radh a sgriobh e do Leabhar nan Cnoc, tha e ’g radh mu dheibhinn na Gàidhlig: “Na creidibh iadsan a tha ’g ràdh gu bheil a’ Ghàidhlig air leabaidh a bàis. Tha i co slàn, làidir, ùrail, agus a cuisle co fallain ’s a bha i riamh; agus ged thachradh gum biodh i air a fògradh á h-Albainn am màireach, tha farsuingeachd agus fasgadh a’ feitheamh oirre taobh thall do ’n chuan mhor, far am bheil cheana na mìltean d’a muirichinn féin a dh’ fhàilticheadh agus a dh’ altrumaicheadh i le sòlas.” Leabhar nan Cnoc: comh-chruinneachadh de nithibh sean agus nuadh, airson oilean agus leas nan Gàidheal, le Tormoid Mac Leoid, D.D. Is iad sud na briathran a sgriobh Mac Leoid anns a chlàr-innsidh mu dheibhinn Leabhar nan Cnoc—leabhar anns am bheil moran eòlais r’a fhaotainn ann an Gàidhlig thlachdmhor, ghasda. Cha ’n e Tormoid a sgriobh gach ni ’tha ann an Leabhar nan Cnoc. Fhuair e cuideachadh bho sgoilearan eudmhor Gàidhealach eile, ’us bha Leabhar nan Cnoc feumail, maiseach, measail ’na latha féin. Anns an ath litir ni mi iomradh mu na leabhraichean eile ’sgriobh Tormoid. CONA.
ANNS na Roinnean Iochdrach bha triùir air an dìteadh gu bàs deireadh na bliadhna dh’ fhalbh. Dhe ’n triùir sin fhuair dithis am beatha leigeil leotha—chaidh am binn atharrachadh gu tigh-obrach ri ’m beò. Tha ’n treas fear ri bhi air a chrochadh. Buinidh an dithis a fhuair mathanas do Chanada, ’s bha càirdean is luchd-eòlais aca a chuir an ainmean ri tagradh as an leth. Buinidh an treas fear do Armenia: cha ’n eil càirdean aige ’san dùthaich so, agus uime sin tha e ri bhi air a chur gu bàs. Am bheil so na ’ghnothuch creideasach do dhùthaich Chriosdail mar tha Canada? a’ deanamh aon lagh do ar sluagh féin agus lagh eile do na coigrich a tha ’n taobh stigh de ’r criochan. Tha cuid dhe ’n bharail nach bu chòir duine chrochadh air-son cionta sam bith; ach ’s cinnteach an ni nach eil e chum math sluaigh no dùthcha bhi ’deanamh dìmeas air an lagh cho tric ’s a thatar a’ deanamh, agus a’ sgoltadh a cheartais air dhòigh nach eil idir ceart.
AIR an latha bha muinntir Ontario a’ bhòtadh air an lagh a rinneadh air-son bacadh a chur air deanamh is creic dibhe làidir ’san Roinn sin, bha 199,749 bhòt air an toirt seachad air taobh an lagha ’s 103,548 na ’aghaidh. Bha mar sin air taobh an lagha 96,201 bhòt a bharrachd air na bha na ’aghaidh. Cha robh dùil sam bith aig an Riaghladh gu ’m biodh feachdan na stuaime cho làidir; ach o nach robh iad cho fior làidir ’s a chuireadh mu ’n coinneamh, gabhar an cothrom gus an iarrtas a chumail uapa.
THA ann am Montreal Comunn Sheana Mhaighdeannan. Bha coinneamh aca o chionn ghoirid aig an robh àireamh mhor dhiù cruinn, air an sgeadachadh ann an culaidhean a bha fasanta leth-cheud no tri fichead bliadhna air ais. Bha àireamh thaghta de dhaoine an làthair, agus neor-thaing nach robh a’ choinneamh àbhachdach. Tha Montreal a’ toirt buaidh air bailtean eile Chanada ann an iomadh dòigh, ach saoilidh sinn gu bheil e airidh air urram sònraichte a chionn gu bheil a’ còmhnuidh ann àireamh cho mor de chaileagan a dh’ aidicheas gu follaiseach gur seana mhaighdeannan iad.
AN uair a thòisich an cogadh eadar an Spàin ’s na Staidean bha cuideachd thogail-shoithichean an Alba fo chòrdadh ris an Spàin air-son ceithir soithichean beaga cogaidh. Bha iad ri bhi ullamh aig àm sònraichte, ach bha a’ chuideachd anabarrach slaodach mu ’n obair, ’s cha d’ fhuair an Spàin a soithichean-cogaidh gu ceann còrr is da bhliadhna ’n deigh an ama bu chòir dhi am faighinn. Chuir riaghladh na Spàine a’ chuideachd Albannach ’san lagh air-son na dàil, ag agairt na ’n robh na soithichean air bhi aca ’n deagh àm nach robh an cogadh air bhith idir ann, gu ’n rachadh aca air na Ciubaich a cheannsachadh mu ’n do chuir na Staidean meur ’sa ghnothuch idir. B’ ann an Dunéideann a chaidh an càs fheuchainn. Thug na britheamhna a’ chùis an aghaidh na cuideachd, agus chuir iad mar ùnlagh orra tri cheud ’s seachd deug air fhichead mìle dolair ( $337 ,000) a phàidheadh do ’n Spàin.
THA an geamhradh so a cur ni ’s doirbhe ris an dùthaich na rinn geamhradh o chionn fhada. Tha daoine ris nach faodar òganaich a ràdh tuilleadh ag ràdh nach eil cuimhn’ aca air a leithid a bhi ’san dùthaich so riamh. Gun teagamh sam bith tha e gle ao-coltach ris na geamhraidhean a bh’ againn ré nam bliadhnachan mu dheireadh. Tha tomhas mor sneachd air an làr, ’s tha stoirm is reothadh ann gu tric. Ann an Newfoundland chuir an sneachda stad air na treineachan
[Vol . 11. No. 17. p. 2]
aon uair fad shia latha ’s bha triùir air an reothadh gu bàs. Tha cruachan mora deighe anns a chuan. Tha an Stanley, an soitheach-smùide tha ruith eadar Eilean a’ Phrionnsa ’s tir-mor, an sàs ’san deigh o chionn dha no tri sheachduinean, ’s da dhuin’ air fhichead air bòrd aice. Air uairean tha e gle dhoirbh do ’n t-soitheach-aiseig air caol Chanso a h-obair a dheanamh leis an deigh, agus tha na treineachan gu tric air an cumail anmoch.
THA Iompaire na Gearmailte a’ deanamh saothair mhor air-son cabhlach-chogaidh a dhùthcha a dheanamh cho làidir ri càbhlach-chogaidh Bhreatuinn. Bu chòir do chuideigin comhairle thoirt air an duin’ ud, gun fhios nach bithear g’a choltachadh ris an losgainn a theab sgàineadh a’ feuchainn ri i-fhein a dheanamh uiread ris an tarbh.
THA a’ phàrlamaid Bhreatunnach a nise cruinn. Chaidh a fosgladh Di-màirt s’a chaidh leis an Rìgh gu pearsanta. Anns an òraid o’n chathair bha iomradh air a thoirt air an ionnsaidh a tha Breatunn ’s na Staidean a’ toirt air criochan Alasca a shuidheachadh, air cùisean anns an Tuirc, ann an Africa mu dheas, agus anns na h-Innsean. Bheirear oidheirp aig an t-suidhe so dhe ’n phàrlamaid air cùisean-fearainn na h-Eirinn a cheartachadh air dhòigh ’s gu ’m bi cothrom aig an tuath bhig air an cuid fearainn a cheannach saor á grunnd.
THA na seòlaidhean air gach àireamh dhe ’n MHAC-TALLA a thatar a’ cur a mach a nis air an clo-bhualadh, agus mu choinneamh ’ainme chi gach aon de ’n luchd-gabhail am mios ’s a bhliadhna dh’ ionnsuidh am bheil e pàidhte. Cha ruig neach sam bith a leas a bhi ’n an-fhios air c’uin is còir dha a dhlighe do ’n MHAC-TALLA phàidheadh. Ma chi e“Jan ’03”mu choinneamh ’ainme, cuireadh e dolair air adhart air-son atharrachadh gu“Jan ’04. ”Tha àireamh bheag nach eil pàidhte eadhon gu“Jan ’03, ”agus bheireamaid rabhadh dhaibh sin gu bheil ar foighidin a’ fàs goirid. Tha dòchas againn ’04 fhaicinn an ùine ghoirid air a chur ri ainm gach aon de ar luchd-gabhail.
THA na pàrlamaidean beaga a’ cruinneachadh. Dh’ fhosgladh pàrlamaid Nobha Scotia an dé. Dh’ fhosgladh pàrlamaid Mhanitoba seachduin roimhe sin, agus cha ’n fhada ’n ùine gus am bi pàrlamaidean nan Roinnean uile na ’n suidhe. Ann an New Brunswick, tha a’ phàrlamaid air a cur m’a sgaoil, agus taghadh ri bhi ann mu ’n suidh i air an earrach so. Ann an Ontario, cha bhi sunnd mor sam bith air an riaghladh ri fosgladh na pàrlamaid, oir cha mhor nach eil iadsan a tha na ’n aghaidh cho lionmhor riuthasan a tha air an taobh.
BIDH luchd-gabhail MHIC-TALLA toilichte fhaicinn gu bheil “Cona” a’ tòiseachadh ri sgriobhadh g’ ar n-ionnsaidh a rithist. Tha fhios againn gu ’n taitinn a sgriobhaidhean ri moran. Faodaidh ar leughadairean cuideachd a bhi ’g amharc air-son sgeul ùr bho Sheumas N. Mac-Fhionghain, sgeul d’ an ainm, “Eóbhan bàn mac an t-saighdeir.” Sgriobh Seumas còir da sgeul fhada do ’n MHAC-TALLA roimhe, a chòrd gu grinn ris an luchd-gabhail, agus mur eil sinn meallta, còrdaidh an sgeul so a cheart cho math riutha, no na ’s fhearr. A thuilleadh air so tha dùil againn ri còmhnadh sgriobhaidh bho àireamh dhe na seann eòlaich eile, agus cha b’ iongantach leinn ged bhiodh MAC-TALLA air a bhliadhna so na ’s fhearr na bha e riamh roimhe.
DH’ AOBHARAICH gainne a’ ghuail iomadh bàs am bailtean-mora nan Staidean air a gheamhradh so. Bu chlann òg is muinntir a bha thar tri fichead bliadhna dh’ aois a bu mhò a dh’ fhuiling.
THA ’n trioblaid bheag a bh’ ann an Bhenesuela seachad. Tha soithichean-cogaidh Bhreatuinn ’s na Gearmailt air an gairm air falbh, agus tha ’chùis ri bhi air a ceartachadh gu sìtheil aig cùirt réiteachaidh na h-Olaint.
THA ’n t-àm aca sgur de thiodhlacadh Christopher Columbus. Chaidh am maraich’ ainmeil so, a fhuair a mach America, a thiodhlacadh an toiseach ann an San Domingo. An deigh sin chaidh a thogail ’s a ghiùlain do Habhana, far a deach a thiodhlacadh a rithist. An deigh do Chuba bhi air a chall do ’n Spàin, chaidh a chorp a thoirt thar a chuain, ’s bha e ’n la roimhe air a thiodhlacadh an treas uair le mor urram ann an àrd-eaglais Seville ’san Spàin. Cha do nochdadh coibhneas cho mor ri Columbus fhad ’s a bha e beò ’s a dheanadh e feum dha, ’s a thatar a nis a nochdadh ri chorp o’n fhuair e bàs. Ach cha ’n eil an sin ach an dòigh a bh’ aig daoine riamh—comhaisean an duine fein a’ deanamh dìmeas air, agus an sliochd na ’n déigh a’ cur mor urram air ’s a togail chàrn mar chuimhneachan air. ’S ann mar sin a dh’ éirich do Cholumbus.
Clarsach an Doire.
THA an leabhar-òrain gasda so air a chur an clò an treas uair, ni a tha ’nochdadh cho fior mheasail ’s a tha saothair an ùghdair, Niall Mac-Leòid, ann an sùilean na Gàidheal. O chionn dha no tri bhliadhnachan cha robh an leabhar so ri cheannach idir, ach a nise gheibhear e aon uair eile. A bharrachd air na h-òrain ’s na sgeulachdan air ’n do chuir sinn eòlas roimhe, tha àireamh de dh’ òrain ùra anns a’ “Chlàrsaich” a nis—òrain air am bheil blas cho milis agus anns am bheil smuaintean cho bòidheach ’s cho fallain ’s a th’ ann an aon de na seann òrain. Cha ruigear a leas moladh sam bith a dheanamh air òrain Nèill Mhic-Leòid. Molaidh iad iad-féin ge b’ e àite ’n cluinnear iad, agus cha mhor chearnan dhe’n domhan anns am bheil Gàidheil a’ còmhnaidh anns nach cualas iad. Guidheamaid buaidh leis a’ “Chlàrsaich,” agus saoghal fada, sona do ’n bhàrd.
Le cead sònraichte o’n ùghdar, tha e na ’r comas-ne àireamh dhe na leabhraichean so a thoirt seachad mar dhuaisean dhaibhsan a ni cuideachadh le MAC-TALLA ann am faotainn luchd-gabhail ùra. Tha moran, moran de Ghàidheil air feadh na dùthcha nach eil a’ gabhail a’ phaipeir a ghabhadh e gu toileach na ’n rachadh cuid-eigin a chur an dleasnais fa ’n comhair. Air-son iad sin a ruigheachd, tha sinn a toirt na tairgse so: Cuirear “Clàrsach an Doire,” saor leis a phost, gu neach sam bith a chuireas ugainn tri dolair agus ainmean tri luchd-gabhail ùra. Cha bhi ’n tairgse so fosgailte ach fhad ’s a mhaireas na th’ againn dhe na leabhraichean, agus mar sin feumaidh gach neach a tha toileach aon diu a chosnadh cur m’a dheidhinn gun dàil.
Naidheachdan.
Bha stoirm mhor an bagh air Loch Mhichigan air a choigeamh latha dhe’n mhios so, agus chailleadh beatha da fhichead iasgair a bha ’n deigh campaichean a thogail air an deigh.
Tha na Turcaich ris an t-seann àbhaist ann am Macedonia, daoine ’s mnathan air an geur-leanmhuinn ’s air an cur gu bàs, ’s gun iad ciontach de ni ach nach buin iad do chreideamh Mhahomet, ’s nach eil iad comasach air na cìsean a tha na Turcaich a leagail orra a phàidheadh.
THA tri mèinnean guail ann anCrow ’s Nest, B. C. ,na ’n tàmh, ochd mìle mèinneadair a’ diùltadh obrachadh. Tha iad ag iarraidh tuilleadh tuarasdail, agus ceartas na ’s fhearr na tha ’chuideachd aig an àm so a’ toirt dhaibh. B’ ann an aon de na mèinnean so a bhà an sgiorradh ’san t-samhradh s’a chaidh, leis an deachaidh àireamh cho mor de dhaoine mharbhadh.
Chaidh fear Uisdean Mac-an-Leigh a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg airPort HoodDi-haoine s’a chaidh. Bha e ’dol dh’ ionnsuidh na mèinne, agus chaidh e choiseachd air an rathad-iaruinn. Bha cur is cathadh sneachd ann aig an am, agus thainig an trein air gun fhios da. Fhuaireadh a chorp beagan uairean an deigh do’n sgiorradh tachairt dha. Bha e pòsda agus dh’ fhàg e teaghlach de chloinn bhig.
BHRIST teine mach aig naCoke OvensDi-ciaduin s’a chaidh, anns an àite ’sam biodhte nighe ’ghuail an àm a bhi ga ’ullachadh air-soncokea dheanamh dheth. Cha ghabhadh an teine cur as, agus ged chaidh a chumail o sgaoileadh, rinn e call mor, call a thatar a meas aig tri cheud mile dolair. Bha na togalaichean ’s na h-innealan a chaidh a losgadh air an urrasachadh air-son mu ’n treas uiread ’s a b’ fhiach iad.
Bha stoirm na seachduin so a dh’ fhalbh na bu truime gu mor air taobh an iar an eilein na bha i air an taobh so. Thòisich cur is cathadh Di-haoine, ’s cha do lasaich an stoirm gu meadhon na seachduin so. Bha ’n tréin a tha ruith eadar Hastings is Broad Cove an sàs an cuitheachan sneachda a’ chuid bu mhò dhe’n ùine sin. Bhatar ag innse ànn an Sidni nach robh sgeul oirre idir, ach cha robh an sin ach tuairisgeul a rinn cuid-eigin a bha ruith gann de naidheachdan.
SGIORRAIDHEAN—Chaidh dithis ghillean òga a ghoirteachadh gu dona anns a Mhèinn a Tuath seachduin gus an Di-luain s’a chaidh—Alasdair Mac Fhionghain agus Ioseph Robson. —Bha duin’ òg d’ am b’ ainm Iomhar Mac Aonghais air a mharbhadh aig Mèinn Chaledonia air a cheart latha le trein guail a ruith thairis air. —Seachduin gus an dé thuit Suaineach a bha ’g obair aig an obair iaruinn bhar mullach croinn leth-cheud troidh a dh’ àirde ’s bha e air a leon cho dona ’s nach eil mor dhùil ri e dhol am feobhas.
Bha abrach òg aon uair roimhe so a thog air do Ghlascho, agus air dha bhi fàgail taigh ’athar, thuirt e, ‘Athair, thoir dhomh do bheannachd ma’m falbh mi; ‘sin mo bheannachd-sa dhut a mhic’, ars’ athair, ’se a’ toirt coig puinnd Shas’nach da. ‘Ach nach can thu focail sam bith a chùm misneach a thoirt dhomh air m’ allaban an dùthaich chein?’ ‘Mata,’ ars’ athair, cha ’n abair mise riut ach, ‘Ma bheir fear sam bith an car asad aon uair, mo naire air-san; ma bheir e ’n car asad an dara uair, mo naire ortsa!”
Tha Seanchaidh a’ roinn a’ chinne-dhaonna ’nan trì buidhnean, —a’ mhuinntir a tha smuainteachadh gu ’m bheil a’ chùis mar so, a’ mhuinntir a tha smuainteachadh nach ’eil a’ chùis mar so, agus an fheadhainn a tha coma co-dhiu a tha a’ chùis mar so no nach ’eil.
Cha bu chòir leanabh a bhi aig a’ mhnaoi nach aithne chumail; agus tha so cho fìor mu ’n teanga agus a tha e mu leanabh.
Cha ’n ioghnadh an t-earrach a bhi fuar, is nach dual da bhith blàth.
Cha ’n nàr do dhuine bhith lag, ach is nàr do dhuine bhith bog.
Cha teist air duine teist aon duine ’s cha teist air teist an duine.
[Vol . 11. No. 17. p. 3]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
ALADIN.
CAIB. XVI.
GUN fheitheamh gus an gearaineadh Aladin gu ’n d’ thainig e gun fhios a thoirt dha gu ’n robh e ’tighinn, a chum gu ’n tugadh e dha an urram air an robh e dligheach, thuirt an righ ri Aladin: “A mhic, thainig mi-fhin feuch am faigh mi ’mach c’ar son a dh’ fhag thu an talla mor maiseach so gun chriochnachadh.”
Cha d’ innis Aladin dha idir gur ann gus a dhearbhadh nach robh de sheudan aige ris an t-saoghal na chuireadh crioch air an uinneig a dh’ fhagadh gun chriochnachadh i; ach thuirt e ris: “Tha e fior gu ’m faca bhur morachd an talla gun chriochnachadh, ach tha mi ’guidhe oirbh gu ’n teid sibh a nis a dh’ fhaicinn am bheil rud sam bith a dh’ easbhuidh air.”
Chaidh an righ direach thun na h-uinneig a dh’ fhagadh gun chriochnachadh, agus an uair a chunnaic e gu ’n robh i air a criochnachadh mar a bha na h-uinneagan eile, shaoil leis gu ’n robh e ann am mearachd m’ a deidhinn. An sin ghabh e beachd gu dluth air na h-uinneagan a bha air gach taobh dhi, agus air na ceithir uinneagan fichead gu leir. Agus an uair a thuig e gu soilleir gu ’n robh an uinneag air an robh an luchd-ceirde ag obair cho fada air a criochnachadh ann an uine cho goirid, chuir e a dha laimh mu ’n cuairt air Aladin, agus thug e pog dha eadar an da shuil. “A mhic,” ars’ esan, “nach anabarrach an duine thu an uair a theid agad air nithean iongantach mar so a dheanamh ann an tiotadh! Cha ’n ’eil do leithid anns an t-saoghal. Mar is eolaiche a tha mi ’fas ort is ann is mo a tha de mheas agam ort.”
Dh’ eisd Aladin ris a mholadh so gun phrois sam bith, agus fhreagair e mar so: “Mo thighearna, tha e ’na urram gle mhor dhomhsa gu ’n coisninn deadh-ghean agus meas fhaotainn o bhur morachd, agus theid mi am bannadh dhuibh gu ’n dean mi na ’s urrainn mi a chum an tuilleadh dhe bhur deadh-ghean a chosnadh.”
Thill an righ dha luchairt fhein mar a thainig e, agus cha leigeadh e le Aladin a dhol air ais maille ris.
An uair a rainig e bha ’n t-ard-chomhairleach ’ga fheitheamh. Dh’ innis e dha gu soilleir mu gach iongantas a chunnaic e, agus cha robh teagamh aig an ard-chomhairleach nach robh gach ni mar a dh’ innis an righ dha. Ach bha barail laidir aige nach robh ann an luchairt Aladin ach obair draoidheachd, mar a thuirt e ris an righ a’ cheud latha ’chunnaic e i. Bha e ’dol a radh so ris an righ; ach chuir an righ stad air, agus thuirt e ris; “Dh’ innis thu sin dhomh roimhe. Tha mi ’faicinn nach do leig thu fhathast as do chuimhne gu ’n robh do mhac posda ri mo nighinnsa.”
Thuig an t-ard-chomhairleach gu math nach robh feum sam bith dha teannadh ris an righ a thoirt as a bharail, agus cha duirt e an corr ris. A h-uile madainn an uair a dh’ eireadh an righ rachadh e gu uinneag an t-seomair gus sealladh a ghabhail dhe ’n luchairt aig Aladin, agus iomadh uair re an latha bhiodh e ’gabhail beachd air an luchairt agus ’g a moladh ’na inntinn fhein.
Fad na h-uine so bha e ’na chleachdadh aig Aladin a bhith ’dol uair no dha ’s an t-seachdain do ’n bhaile. Bhiodh e dol a dh’ urnuigh do chaochladh eaglaisean anns a’ bhaile, agus a’ dol a thaghal air an ard-chomhairleach, agus air tighearnan, agus air daoine urramach eile na cuirte. Ge b’ e uair a rachadh e do ’n bhaile bhiodh dithis sheirbhiseach a’ falbh comhladh ris—fear air gach taobh dhe ’n each—agus bhiodh iad a’ tilgeadh lan an duirn de dh’ airgiod an drasta ’s a rithist air na sraidean mar a bhiodh iad a’ dol air aghart. Mar bu trice, bhiodh moran sluaigh air na sraidean anns an am. A bharrachd air so, cha deachaidh duine riamh gu geata na luchairt a dh’ iarraidh deirce nach d’ fhuair sineadh math. Mar bu trice, bhiodh e ’dol a shealgaireachd uair ’s an t-seachdain; uaireannan faisge air a’ bhaile, agus uaireannan air astar fad’ air falbh. Agus bhiodh e ’n comhnuidh fialaidh ri sluagh a h-uile aite troimh ’m biodh e dol thun na seilge. Bha gradh agus beannachd an t-sluaigh aige ge b’ e taobh a rachadh e. Faodar a radh gu ’n robh barrachd meas aig an t-sluagh air na bha aca air an righ fhein.
A bharrachd air so nochd Aladin gu soilleir gu ’n robh e ’na duine aig an robh deadh mhisneach, agus gu ’n robh e toileach math na rioghachd a chur air aghart. Dhearbh e so an uair a dh’ eirich ar-am-mach am measg earrann dhe ’n t-sluagh a bha ann an aite iomallach dhe ’n rioghachd. Cha bu luaithe ’chuir an righ a dhaoine fo ’n armaibh na ghuidh Aladin air gu ’n tugteadh dha ard-cheannardachd an airm. Thug an righ so dha gu toileach. Gun dail sam bith dh’ fhalbh e air cheann an t-sluaigh, agus ann an uine ghoirid thug armachd an righ lan-bhuaidh air an naimhdean. Ged a thug so cliu mor do dh’ Aladin air feadh na rioghachd gu leir, gidheadh bha e cho chaoimhneil agus cho beag prois ’s a bha e riamh.
Bha Aladin a’ dol air aghart mar so fad aireamh bhliadhnachan. Ach ged a bha ’n draoidh ann an Africa, agus e ’smaointean gu ’n robh Aladin marbh anns na seomraichean fo thalamh anns an d’ fhag e e, gidheadh smaoinich e uair is uair gu ’m bu choir dha fios cinnteach fhaotainn an robh no nach robh Aladin beo. Thug e mu dheireadh lamh air na h-innealan leis am biodh e ’deanamh fiosachd, agus an uair a bha e greis mhath ag obair leotha, fhuair e mach gu ’n robh Aladin beo agus gle shaoibhir, agus gu ’n robh e posda ri bana-phrionnsa, agus gu ’n robh e ’faotainn meas is urram mhor o gach neach.
Cha bu luaithe fhuair e so am mach le ’dhroch innleachdan na las e le feirg, agus thuirt e: ‘Fhuair an balach suarach so, mac an taillear, fios gu ’m bheil buaidh mhor agus dhiomhair anns a’ chruisgean! Ged a bha mise ’g am dheanamh fhin cinnteach gu ’n robh e marbh, tha mi nis a’ faicinn gu soilleir gu ’m bheil e mealtuinn toradh mo shaoithreach agus mo chuid foghlum. Ach cuiridh mise stad air a shonas an uine gun bhith fada, air neo caillidh mi mo bheatha ris.”
Cha d’ thug e uine fhada air smaoineachadh air ciod bu choir dha a dheanamh. Air an ath latha dh’ fhalbh e a Africa, agus cha do stad e gus an d’ rainig e Sina. An uair a rainig e ceanna-bhaile na rioghachd, bha e gle sgith an deigh a thuruis, agus chaidh e do thaigh-osda far an do chuir e seachad am feasgar agus an oidhche gus anail a leigeadh an deigh a thuruis.
Chuir e roimhe air an ath latha gu ’m faigheadh e mach ciod a bhiodh an sluagh ag radh mu ’dheidhinn Aladin. Agus chaidh e do na h-aiteachan anns am biodh uaislean a’ bhaile ag itheadh ’s ag ol, agus far am bu ghnath leis fhein a bhith gu math tric an uair a bha e anns a’ bhaile roimhe sid.
Shuidh e a dh’ ol na dibhe a dh’ iarr e; agus cha robh e fada ’na shuidhe an uair a chual’ e feadhainn dhe na bha ’s an t-seomar a’ bruidhinn air an luchairt a thog Aladin. ’Na dheigh sin thoisich e ri comhradh riutha, agus ri farraid na bu churamaiche mu dheidhinn na luchairt.
“Co as a thainig thusa?” arsa fear dhe na bh’ anns an eisdeachd; “feumaidh gur e coigreach a th’ annad, o nach fhaca ’s nach cual’ thu mu dheidhinn na luchairt a thog prionnsa Aladin (oir theirteadh prionnsa ri Aladin riamh o ’n a phos e nighean an righ)— “Cha ’n abair mi,” ars’ an duine ’s e dol air aghart le sheanachas, “gur i an luchairt aon de dh’ ioghnaidhean an t-saoghail, ach their mi nach ’eil ioghnadh eile air an t-saoghal ach an luchairt; oir cha do thogadh a h-aon riamh roimhe cho mor ’s cho maiseach ’s cho luachmhor rithe. Mur cual thusa m’ a deidhinn, feumaidh gu ’n d’ thainig thu air astar gle fhada. Feumaidh gu ’n robh daoine ’bruidhinn m’ a deidhinn air feadh an t-saoghail gu leir. Bi falbh agus faic i, agus bidh fhios agad co dhiubh tha no nach ’eil mise ’g innseadh na firinn dhut.”
“Thoir mathanas dhomh a chionn mi bhith cho aineolach,” ars’ an draoidh. “Tha mi air tighinn as a’ chearn a’s iomallaiche de dh’ Africa, far nach cualas iomradh air an luchairt so, agus cha d’ thainig mi do ’n bhaile so gu feasgar an de. Bha ’n gnothach a thug an so mi cho cabhagach ’s nach robh dad a’ tighinn fa near dhomh ach cia mar a thillinn ann an uine ghoirid, agus mar sin cha d’ rinn mi dail ann an aite sam bith, agus cha chuala mi iomradh air an luchairt air mo thurus. Ach theid mi g’ a faicinn gun teagamh; tha leithid de thoil agam a dhol g’ a faicinn ’s gu ’n rachainn ann gun dail ma bhios tusa cho math ’s gu ’n teid thu shealltainn an rathaid dhomh.” Bha ’m fear a bha ’bruidhinn ris an draoidh cho toileach a dhol a shealltainn an rathaid thun na luchairt dha ’s gu ’n d’ eirich e ’na sheasamh anns a’ mhionaid gus falbh comhladh ris.
An uair a rainig an draoidh an luchairt agus a ghabh e beachd gu dluth oirre, cha robh teagamh aige nach d’ rinn Aladin feum dhe ’n chruisgean a chum a togail. Thuig e nach robh rathad aig neach sam bith air a togail ach am fathach, seirbhiseach a’ chruisgein. Agus bha e air a dhorannachadh a chionn gu ’n robh a leithid de shonas agus de shaoibhreas aig Aladin. Thill e air ais do ’n taigh-osda.
B’ e an ath rud a bha toil aige fhaotainn am mach, c’aite an robh an cruisgean; an robh Aladin ’g a thoirt leis a h-uile taobh a rachadh e, no c’aite an robh e ’g a ghleidheadh. Agus bha e gus so fhaotainn am mach le draoidheachd. Gun dail sam bith thug e lamh air na h-innealan-draoidheachd a bha e ’n comhnuidh a’ giulan leis ge b’ e taobh a rachadh e. Agus an deigh dha ’bhith ’g obair leis greis mhath, dh’ aithnich e gu ’n robh an cruisgean anns an luchairt aig Aladin. Agus bha aoibhneas gle mhor air an uair a fhuair e so am mach. “Gheibh mi greim air a’ chruisgean gun teagamh, agus cha ’n urrainn Aladin a chumail uam. Bidh e gun dail anns an inbh’ iosail anns an robh e an toiseach, ged a tha e ann an inbh’ aird an diugh.”
Gu mi-fhortanach, chaidh Aladin tri latha roimhe sid do ’n bheinn sheilg, agus bha e gu bhith air falbh fad ochd latha. Fhuair an draoidh fios gu ’n d’ fhalbh Aladin do ’n bheinn sheilg air an doigh so: Chaidh e bhruidhinn ri fear an taigh-osda, agus an uair a bha iad greis mhath a’ comhradh mu chaochladh nithean, thuirt an draoidh ris gu ’m fac’ e luchairt Aladin; agus an deigh dha moran molaidh a dheanamh oirre, thuirt e: “Tha fior thoil agam am fear a thog i fhaicinn.”
“Cha ’n ’eil sin duilich ri dheanamh,” arsa fear an taigh-osda; “is gann a theid latha seachad gun e bith ’s a’ bhaile far am faod duine sam bith ’fhaicinn agus a dhol a bhruidhinn ris. Ach cha ’n ’eil e aig an taigh ’s an am so. Chaidh e do ’n bheinn sheilg o chionn tri latha, agus cha till e dhachaidh gu cionn choig lath’ eile.”
(Ri leantuinn.)
[Vol . 11. No. 17. p. 4]
TURUS DO ’N EADAILTE AN 1874.
LEIS AN T-SIORRAM MAC NEACAIL, NACH MAIREANN.
SAOILIDH mi nach eil duine beò, a fhuair a bheag no mhòr de ionnsachadh, nach do dh’ fhairich dùrachd làidir amharc le shùilean fhéin air tri gu h-àraid de shean chaithrichean an t-saoghail. ’S e sin ri ’ràdh, Ierusalem, “aoibhneas na talmhainn” a bha, sòlas nan naomh, àite-breith na Criosdachd; an Aithne, sùil na Gréig, màthair eolais agus ealantais na Roinn-Eorpa; agus an Roimh, sean dachaidh na fine bu ghlice ’s bu treasa ’chunnaic an saoghal riamh, gus na dh’ éirich Breatunn!
Cha’n ’eil mòran duil agam Beinn Shioin fhaicinn gu bràth, agus ’s dòcha, mur a faic, gu ’m bi sin cho math; oir is tric iad ag ràdh, a chunnaic i, gur cianail an sealladh, —creideamh an fhàidh bhréige, agus aineolas nan Turcach, air an suidheachadh gu h-uaibhreach air a’ chnoc naomh bho’n deach’ a mach solus agus dòchas na cruinne. Airson na h-Aithne, cha d’ thug mi dùil dh’ i fhathasd; agus ’s ann leam bu mhath a’ chathair àrd ud fhaicinn, far an cualas bho shean guth tréubhach Dhemosteneis, ceannard nam fear-labhairt, agus na liosan taitneach air bruachan an Ilissus, anns am b’ àbhaist do Phlato agus Aristotel, cinn-fheadhna a’ Ghliocais, an deisciobuil a theagasg anns an Fheallsanachd dhomhain bhrighoir a dh’ fhàg iad mar dhilib aig a’ chinne-dhaonna!
An da bhaile-mhòr sin cha ’n fhaca mi fhathasd, ach an treas aon, ban-righ an domhain fad iomadh linn, cathair-mheadhonach na taimhainn, eadhon aig an la an diugh, ann an sùilean cuid mhòr de phobull na Criosdaidheachd, —an Roimh, chunnaic mi mu dheireadh, a’s t-fhoghar so ’chaidh, a’ coimhlionadh aon de aislingean m’ òige. Tha romham cunntas athghearr a thoirt air mo thurus, ag ainmeachadh nan seallaidhean sònruicht’ a chunnaic mi air an t-slighe.
Chaidh mi thairis am bàta-smùid bho Dover gu Ostend, baile-puirt ann am Belgium, agus bu taitneach leam àileadh na mara, an deigh sgios an turuis-oidhche air an rathad-iaruinn eadar Albainn agus Sasunn. ’N uair a theid mi air an aiseag ud, ’s a chi mi cho faisg ’s tha oirthir na Fraing air cladach Bhreatuinn, tha ’n smuain an còmhnaidh ag eiridh, cia mòr an t-atharrachadh a rinn an caolas ud air eachdraidh an t-saoghail! Feudar a radh, gur h-i ’challaid-mhara ud eadar sinn agus an Fhraing, an gàradh-crich is féumail air aghaidh na talmhainn. Chaidil mi ’n oidhche sin ann an Cologne, aon do bhailtean-mor Phrussia, far bheil cathair-easbuig cho ainmeil ’s a th’ anns an Roinn-Eorpa. Tha còrr is cuig ceud bliadhna bho na thòisicheadh air a togail, ’s tha iad ag obair oirre fhathasd. Ach ’s fhad o ’n bha i deiseil airson aoraidh, ’s cha b’e sin a h-uile deisealachd. Cha robh mi riamh an taobh a’ stigh eaglais a thug cho mòr do m’ chuimhne briathran an t-sailm chaithreamaich, “Togaibh suas bhur cinn, a gheatacha, agus bithibh air bhur togail suas, a dhorsa siorruidh, agus thig Righ na glòire steach!”
Uaith so chaidh mi suas turus latha air amhainn mhòir na Gearmailt, an Rhine. Tha ’n turus so ainmeil airson boidh’chead an t-seallaidh air bruachan na h-aimhne fad an t-siubhail. Air gach taobh tha na bruachan còmhdaichte le coilltean ’s le fion-liosan torach, ’s air mullach gach creige chi thu sean chaisteal, a bha ’n a àite-tàimh bho chionn fada aig fear dhe na baroin uaibhreach fhiadhaich a chum an tir uile fo chis, a’ riaghladh an t-sluaigh bhochd le slait iaruinn. B’ iad sud na daoine gun iochd, gun mhodh; ach dh’ fhalbh iad, taing do ’n Adh, ’s tha ’chuid mhòr dhe ’n caisteil a’ crionadh gu duslach. Is mòr an t-saothair a tha ’s a’ cur a mach air àrach nam fionan anns na h-àiteachan ud. Tha cus dhe na liosan air an togail a measg bhruachan cho cas ’s cho creagach ’s gur fheudar an ùir a chumail suas le ballaichean beaga, eagal i ruith leis a’ bhruthach. Shaoileadh tu nach b’ fhiach e ’n t-saothair a bhi stri ri àiteachadh an leithid de fhearann, ach thà fios ni ’s fhearr aig an fheadhainn do ’m buin e. Dh’ aindeoin tainead na h-ùrach, tha ghrian ro fhàbharach, agus tha cus dhe ’n fhion is grinne tha tighinn as an dùthaich ud bho thoradh nan ionadan cas cruaidh a tha sealltuinn cho mi-choltach.
Bho ’n Ghearmailt thug mi ’n t-astar gu Switzerland, far am bheil a’ chuid mhòr de na beanntan a ’s àirde ’s an Eorpa, agus, mar chleachd do mhuinntir nam beann a bhi, sluagh cho tapaidh, cho calma, cho aoidheil, cho gràdhach air am beanntan fhéin, ’s cho comasach air an dion, ’s a tha air aghaidh an t-saoghail. Cha’n ’eil fine ann air an la an diugh ni’s fhearr cor, ni ’s fhearr riaghladh, ni ’s fhearr iannsachadh, na luchd-dùthcha Uilleam Tell. Tha ’m fearann mar is tric ann an lamhan na tuatha; cha’n ’eil uachdarain mhòr ach ainneamh; agus is e beartas àraid na dùthcha an crodh. Fad an t-sàmhraidh, gu deireadh an fhoghair, tha na buachaillean leis a’ spréidh, mar a b’ àbhaist a bhi ’n ar glinn fhéin, air àiridhean shuas anns na beanntan, aig àirde mhòir os ceann nam bailtean. Tha e na fhìor chulaidh ioghnaidh do choigreach an cuid bothain dhonn fhiodha fhaicinn cho fada shuas eadar e ’s na speuran, gle thric ann an àiteachan cho cas, ’s gu’n canadh tu gu robh iad ni bu nadurra airson ghobhar na airson dhaoine. Anns na h-àiridhean ud tha iad a’ deanamh cuid mhath dhe ’n chàis is fheàrr a th’ ann, seorsa ris an can iad Gruyere. ’N uair a ghleidhear gu cùramach e, mairidh e uine mhòr. Bhlais mi crioman a bha còrr is leth-cheud bliadhna dh’ aois, agus cha robh dad de choslus crionaidh air, ’s cha robh agam ’n a aghaidh ach gu ’n robh ’bhlas rudeigin làidir, geur.
Dhe na seallaidhean bu chomharraichte a chunna mi anns an dùthaich bhreagha so tha Loch Geneva, no Loch Leman, h-aon dhe na lochan is àille air an t-saoghal. Tha e mu 50 mile air fad, agus eadar 5 agus 8 air leud; a cheann uachdrach, far am bheil an amhainn mhor an Rhone a’ tighinn a’ stigh, air a chuartachadh le beanntan uamhasach; agus na bruachan air an taobh tuath, fad an t-siubhail, bho cheann gu ceann, beo le bailtean is clachain, a measg chraobhan is fhionliosan, le sliosan feurach uaine air an cùl, a ruigheachd suas gu mullach nan cnoc, ’s air chul sin a ris na cruachan corrach creagach, ag éiridh gu àirde eadar 5000 agus 10,000 mile troidh os ceann còmhnard na mara. Ach ’s e ioghnadh àraidh an loch dath an uisge; cha ’n ’eil a choimeas ri fhaicinn, air ghuirme ’s air shoillearachd; ann am foclan an Sgriobtuir, tha e ‘mar na neàmha fein ann an soillse.”
Sealladh anabarrach eile ’chunnaic mi, eas mu 50 troidh air àirde a’ tuiteam ann an loch aig ceann uamhaidh ’am broinn beinne. Cha ’n ’eil leus soluis anns an uamh ach na bheirear innte le coinnlean, agus ’s ainneamh fuaim a chuala mi ni b’ uamhasaich na toirm an uisge a’ tighinn a nuas ann an dorchadas na h-uamhaidh. ’S e Uamh nan Sithichean ainm an àite neònaich ud. Bha beanntan mòra ri ’m faicinn anns a h-uile àite, beanntan cho ard ’s gu bheil iad geal le sneachd ann an teis-meadhoin an t-samhraidh. Ach fhuair mi ann an aon àite sealladh cho sònruichte ’s nach dichuimhnich mi e ri m’ bhèo. Air mullach beinne còrr is 10,000 troidh air àirde, dh’ an ainm an Gorner Grat, bha mi air mo chuartachadh le crios de bheanntan, anns an do chùnnt mi fichead mullach eadar 12,000 agus 15,000 troidh air àirde. Tha iad ag radh nach ’eil, àite eile anns an Roinn-Eorpa bho m’ faighear leithid de shealladh bheanntan is raointean-sneachd. Dhe na beanntan is ainmeile dhiu sin tha Monte Rosa, Mischablehorn, Breithorn, Dent Blanche, Gablehorn, Rothhorn, Weisshorn. Ach tha aon bheinn an sud a tha gu h-àraid ainmeil, am Matterhorn. Tha i 14,800 troidh air àirde, agus tha i ag éiridh gu h-aonaranach, eadar-dhealaichte bho chàch, ’n a cruaich dhirich chreige, air chumadh geinne. Cha ’n fhaca mi fhathasd sealladh cho uamhasach. ’N uair a chi thu na neoil a’ snàmh seachad oirre, ’s a ceann dubh biorach a’ tighinn am fianuis shuas leth na slighe eadar thu ’s a’ ghrian, saoilidh tu nach buin i do ’n talamh idir, ach gur e h-ann creutair beo eagalach, a’ còmhnuidh anns na speuran. Chanadh tu gu’m bu cho coltach cas duine a mullach a ruigheachd ’s gu’n ruigteadh air iteig do’n ghealaich. Tha aghaidh na creige a’ sealltuinn mòran ni’s caise na mullach tighe, agus nan sleamhnaicheadh tu air a mullach rachadh thu sios a dh’aon tearnadh còrr is 4000 mile troidh (mu àirde Beinn Nibheis) gun stad! Thachair sin, mu thruaigh, do cheathrar fear, a cheud la a bhuinnigeadh a mullach, an deigh iomadh deuchainn, an samhradh 1865, Bha iad ochdnar ann a’ direadh, ’s ràinig iad a mullach gu tearuinte, le mor shaothair. ’N uair a thòisich an tearnadh, bha iad uile ceangailte ri chéile, mar tha ’n cleachdadh ann an direadh a measg sneachd is deighe. Thuislich fear dhe’n fheadhainn a bh’ air thoiseach, thuit e air a dhruim, agus sguabadh a chompanaich bho ’n casan còmhla ris. Spàrr a’ cheathrar a bh’ air dheireadh am bataichean anns a’ chreig, is leig iad an taic orra le ’n uile neart. Bhrist an taod eadar iad is càch, ’s chunnaic iad le oillt an ceathrar chompanach a’ sleamhnachadh, fear an deigh fir, as an sealladh, thar oire na creig aibheisich! Beagan la an dheigh sin fhuaradh tri dhe na cuirp air an t-sneachd aig bonn na creige, 4000 mile troidh bho ’mullach. Cha d’ fhuaradh corp a’ cheathramh fir (Morair Frang Dubhghlas, Albannach òg eireachdail) riamh.
Is iad na beanntan mòra so a’ chrioch eadar Switzerland agns an Eadailt. Dhe na bealaichean eatorra cha’n ’eil gin ni’s ainmeil na Bealach Shimploin. Troimh ’n bhealach so rinn Buonapart Mor a cheud rathad eadar an da dhùthaich, aig costus anabarrach. Cha b’ e leas a cho-chreutairean a bha ’n a aire-san idir, ach comas armailt is uidheam chogaidh a ghiulan thairis air na beanntan, gus an Eadailt a chumail fo smachd. Cha robh ceisd aige, fhad ’s a bha ’n obair a’ dol air aghart, ach “Cuin a théid na canoin a null thar an t-Simploin?” Ach ged nach robh ’n a inntinn-san ach a ghloir fhéin, agus glòir na Fraing, bha ’n obair feumail do ’n t-saoghal, agus cha ’n ’eil rathad mòr ’s an Roinn-Eorpa is cliùtaich dhoibhsan a rinn e na rathad an t-Simploin. Tha ’n ceum is àirde dheth 6600 troidh os ceann na mara; cha’n ’eil cunntas air co meud lùb is car a th’ ann; ’s airson dhrochaidean, tha iad ’n an ceudan! Th e direadh bhruthaichean cas, os ceann choireachan is aimhnean tha uamhasach ann an doimhneachd, troimh choilltean mòralach giuthais, far an cluinn thu gàir nan easan fothad, agus air uairean toirm nan leum-shneachd(avalanches)os do cheann.
Air an rathad so chaidh mi thairis do ’n Eadailt, agus dhe na seallaidhean a chunnaic mi cha b’e an Simplon bu shuarraiche! ’N uair a ràinig sinn am mullach, mu 8 uairean ’s a’ mhadainn,
[Vol . 11. No. 17. p. 5]
ged a bha sinn eadar 5 agus 6 uairean a’ direadh, chunnaic sinn am baile a dh’ fhag sinn ’s an dorcha, Brieg, fhathasd fodhainn, a’ sealltainn cho teann oirnn ’s gu ’n saoileadh tu gu’n ruigeadh peilear á musgaid e! Eadar an ceann sin dhe ’n rathad ann an Switzerland, agus Duomo d’ Oosola ’s an Eadailt, cha ’n ’eil ach astar 39 mile, ach ’s e 9 uairean an uine ’s lugha a ghabhas andiligence ,le ceithir eich laidir, ris, i. e., beagan ni ’s fhearr no 4 ’san uair. Ach ’s ann a bha an sealladh greadhnach os ceann a’ ghlinne far am bheil am baile sin a’ luidheadh. Bha ’n sin comhthional do bheanntan glòrmhor, còmhdaichte le sneachd (Iungfrau, Eiger, Aletschhorn, &c . ,) rughadh àigh na maidne a’ boillsgeadh air gach cruaich, agus fodha sin an ceathach bàn a’ seòladh gu ciùin, ’s a’ taomadh sios ’n a thuinn eadar na mullaichean ’s an gleann. Sin sealladh nach tréig mo chuimhne gu bràth, sealladh mar gu ’m b’eadh de bheanntan Neimh! Ach feumar stad an so, aig mullach an diridh.
(Ri leantuinn.)
A’ TILGEADH AN ARAIN AIR AGHAIDH NAN UISGEACHAN.
“Tilg d’ aran air aghaidh nan uisgeachan, oir an déigh mhoran de làithibh gheibh thu e.” —Ecles. xi. 1.
CIOD is ciall do’n earail so, agus do’n ghealladh a tha againn anns na briathraibh so? Le “aran” tha air a chiallachadh an so, sìol arain; sìol a’ phòir as am bheil an t-aran air a dheanamh: tilg do shìol arain air aghaidh nan uisgeachan. Agus ciod a tha so a’ ciallachadh? An cualas riamh tuathanach a’ cur sìl air a’ leithid so de dh’ àite? Nach smaointicheamaid gu’n robh an tuathanach sin air a bhreath-as, a chitheamaid a’ deanamh a ’leithid so—a’ sgapadh pòir phrìseil air aghaidh nan uisgeachan? Nach bu dìomhain duit sùil a bhi agad ri bàrr, no ri sguaban trom’ a ghiùlan dhachaidh le gàirdeachas? Ach na’m biomaide ’tàmh ’s an Eiphit, dlùth do’n abhuinn mhòir, ainmeil sin an Nile, a tha ’g uisgeachadh na dùthcha sin, agus a’ cur toraidh ’s an fhearann, thuigeamaid a’ chainnt a tha’n duine glic a’ cleachdadh. ’S an tìr thioraim, thartmhoir sin, ’s ainmic idir a tha uisge ’tuiteam ann am frasan as na speuran, mar anns an dùthaich againne: tha cinneas, fàs, agus tarbhachd ag éiridh o na tuiltibh a tha ’tighinn ’an àm an earraich air an tìr o’n abhuinn mhòir so a tha ’ruith thairis air an dùthaich uile. Tha àm cur-an-t- sìl a’ tòiseachadh ’n uair tha faochadh a’ tighinn air am tuil— ’n uair tha ’n abhuinn a’ traoghadh, agus na h-uisgeachan a sìoladh air falbh: ach mu’n traoigh iad gu buileach, agus, fhad ’s a tha’n dùthaich fhathast air a còmhdachadh leis na h-uisgeachan, tha’n tuathanach a’ dol a mach a chur an t-sìl—tha’n sìol a’ tuiteam ’s an làthaich, no anns a’ chlàbar a tha’n tuil a’ fàgail—tha e gu luath a’ grunndachadh, agus a’ fàs—tha fochann a’ tighinn, ’s an dias bhuidhe, reachdmhor, abuich, agus an déigh mhóran làithean tha’n tuathanach a’ faotainn an t-sìl a rìs, agus a’ giùlan dhachaidh nan sguaban troma le gàirdeachas. So againn seadh nàdurra nam briathran a labhair an searmonaiche glic bho cheann a nis iomadh linn. —Faiceamaid an seadh spioradail a dh’ fhaodar a tharruing uatha.
Anns a’ cheud àite, Faodaidh an creidmheach iomaguineach, fiamhaidh, iriosal, an cosamhalachd so a thuigsinn. Iadsan a dh’ fhiosraich faoineis an t-saoghail dhìomhain so—uamhas agus truaighe ’pheacaidh, ach a bhlais gur maith agus gur milis Dia—a fhuair eòlas air a ghràs—aig am bheil taic an anama air Slànuighear nam buadh—a tha ’deanamh spàirn chruaidh gu dol a stigh air an dorus chumhann, ’s a’ deanamh a h-uile dìchill chum an gairm ’s an taghadh a dheanamh cinnteach; nach bi iomadh ni ’n an rathad a tha ’dùsgadh an eagail? an saoghal buaireasach air an leth a muigh, ’s an cridhe cealgach, peacach air an leth a stigh—an nàmhaid sheòlta, an nathair lùbach, charach, nimheil a ghnàth ’g an tàladh ’s ’g am mealladh—fuigheall a’ pheacaidh a’ dlùth-leantuinn riu: O! ’s minic a tha iad ’an impis géill a thoirt—tha iad gu tric air bharail gu’m bheil e chearta cho maith dhoibh toirt thairis gu buileach—gu tric mar tha iad air an glùinibh ann an ùrnuigh, ag asluchadh le dùrachd an anama co-chomunn àrd spioradail a shealbhachadh ri Dia tha’n comas-cainnte, mar gu’m b’ eadh, a’ fàil’neachadh—tha ’n cridheachan fuara—tha neul duaichnidh, dorcha ’tighinn eadar iad ’s gathan sòlasach na gréine sin a b’ àbhaist dèarrsadh air an anaman, ’s tha iad air am fàgail ann an dorchadas brònach—tha iad a’ teachd a chum nan òrduighean do dh’ àros Dhé mar a b’ àbhaist, ach a nis tha iad mar thobair anns nach ’eil boinne de dh’ uisge ’thoirt beothachaidh—sòlas cha ’n ’eil a nis r’ a fhaotainn—ni mò sìth, no subhachas: tha smaointean faoine, saoghalta, peacach a’ goid a stigh, a dheòin no dh’ aindeoin; ’n uair bu mhiann leo ’bhi air a’ bheinn maille ri Dia a mhàin; tha’n duine truagh air ’éigneachadh gu éìgheach a mach ann an doilghios ’anama, “O! ’s duine truagh mi, cò ’shaoras mi o chorp a’ bhàis so. ’S dìomhain, ’s dìomhain domhsa gach saothair, ’s gach dìchioll!” Ach ged fhuair e na h-òrduighean mar thobraichean tiorma gun uisge roimhe so, tha e ’g an taghal a rìs—ged bhàsaich an ùrnuigh roimhe so air a bhilibh, tha e ’g ùrnuigh a rìs; ’s ged bhuadhaich an nàmhaid thairis air roimhe so, tha e ris air a bhonnaibh gu còmhrag a chur ris as ùr: seadh, dorcha, mi-choltach ’s mar tha ’chùis, cha do chaill e uile gu léir a dhòchas, agus c’ar son? Tha gealladh Dhé aige, “Tilg do shìol arain air aghaidh nan uisgeachan; agus an déigh mhòran de làithean gheibh thu e.”
O! an fhìrinn shòlasach! Gealladh an àigh! Thusa ’tha fo iomaguin, dean greim daingean air a’ ghealladh so—na caill do mhisneach; idir, idir na toir géill, ’s na tuit gu eu-dòchas. Tha iomadh ni mì-chinnteach ’s an t-saoghal so, ach cha ’n ’eil mì-chinnteas air bith ann an gealladh Dhé. Am bheil thus’ ann am barail nach ’eil Dia ’gabhail suim de gach cnead bhrònaich, agus osna mhuladaich a tha ’g éiridh uait? Cha’ n ’eil uiread ’s an deur a’ tuiteam bho d’ shùil gun fhios da—cha’n ’eil an osna ’s ìsle ’tha ’g éiridh á d’ uchd nach ’eil a’ ruigheachd cluasan Iehòbhah Mhòir! Cha ’n ’eil ceum sgìth a tha thu ’gabhail nach ’eil ’g ad ghiùlan na’s dlùithe agus na’s dlùithe air ceann-crìche do thuruis.
Ach, theagamh, gu’m bheil an creidmheach iomaguineach ag ràdh, “C’uin a bhitheas an gealladh so air a choi’lionadh? Dean foighidinn a’ dhuine—fòil bheag, agus tuigidh tu cho fìrinneach ’s a tha Dia. Am bu mhiann leat an coran rioghail ’fhaotainn gun an réis a ruith? —an fhois ’fhaotainn a tha ’feitheamh air luchd-muinntir an Tighearna, gun an turus sgìth a chrìochnachadh? Am b’ àill leat do sguaba trom’ a bhuain ’s an fhoghar’? ’Nis an t-àm gu cur. Thig àm an fhoghair’, fuirich thusa ris—bi thusa dìleas gu bàs, agus mur buain thu do sguaban le gàirdeachas ’s an t-saoghal so, buainidh tu iad le gàirdeachas ’s an t-saoghal bheannaichte ’tha ri teachd. Mothaich, tha’n duine glic ag ràdh, “an déigh mhòran de làithean.” ’S dòcha gu’m bheil iomadh ceum sgìth, imcheisteach, agad fhathast r’a dhol trìd—iomadh deur goirt r’a shileadh—iomadh deuchainn r’a fhulang air an taobh so de’n uaigh; ach coma cò dhiubh, ann an àm iomchuidh buainidh tu, mur fannaich thu, agus ’s e’n t-àm iomchuidh àm Dhé.
Gabh, ma ta, air d’ aghaidh, a chreidmhich—dean thusa do dhìchioll, ’us earb a’ chùis ri Dia; ’s ged a tha thu, mar gu’m b’ ann, a’ cur an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, bithidh agad fhathast deireadh-bhuana sholasach.
“Iadsan a chuir gu deurach sìol,
Gu subhach ni iad buain:
Le neach gu cur a thig a mach,
Le sìol ro phrìseil caoin.
Air bhi dha ’gul gu muladach,
’G a ghiùlan sud gu fonn,
Le aiteas pillidh e gu dearbh,
A’ giùlan sguaban trom.”
Tha ministeir an t-soisgeil a’ faotainn culaidh-mhisnich o’n ghealladh so—is tuathanach esan a tha air a chur a mach a chur sìl—aran prìseil na beatha maireannaich. ’S coltach esan da rìreadh ri neach a tha ’sgapadh an t-sil air aghaidh nan uisgeachan: tha e gu tric mar neach a tha ’saoithreachadh ann an dìomhain; tha mòran de’n t-sìol mhaith a tha air a chur, mar gu’m biodh e air a shaltairt fo chasan—mòran dheth air a thogail air falbh le eunlaith an athair. Tha cuid a’ tuiteam mar air na creagan cruaidhe—tha esan fo dhìobhail misnich, a’ togail gearain an fhàidh Isaiah, “Cò ’chreid ar teachdaireachd, agus cò do’n robh gàirdean an Tighearn’ air ’fhoillseachadh?”
An urrainn do mhinisteir dìleas gun a bhi fo eagal, agus fo iomaguin mhòir? Tha e ’cur an t-sil mhaith, ach tha luibhean fiadhaich a’ cinntinn ’n a mheasg—tha iomadh, iomadh aobhar cùraim ’us eagail aige—cha’n ’eil an obair naomh, ar leis, a’ cinneachadh, no ’soirbheachadh ’n a làimh—cha léir dha toradh a shaoithreach— “Co,” ars’ esan, “a tha comasach air son nan nithean so!” Cha’n fhiosrach e gu’m bheil cinneas do’n t-sìol a tha e ’cur—cha léir dha am fochann, no an dias—bu mhiann leis luidhe sìos—a làmhan a phasgadh ann an eu-dòchas; tha e ’tilgeadh an t-sìl mar air druim a’ chuain, cha’n ’eil fhios aige ciod a ni e; ach ’n uair tha e mar so ’an impis toirt thairis, tha guth Dhé ’g a ruigheachd, ag ràdh, “Tilg thusa do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran làithean gheibh thu e.” O! Gealladh an àigh! Cliù do Dhia air a shon. Tha e ’gabhail misnich—tha e ’g ath-ùrachadh gach saothair—tha e ’cuimhneachadh gur e ’dhleasnas-san an sìol a chur—am fonn ’àiteachadh mar is fearr a’s urrainn d’a, agus earbsa chur ’an Dia—tha e ’toirt fainear gu’m faod Pòl suidheachadh, agus Appolos uisgeachadh, ach gur e Dia a mhàin a’s urrainn toirt air an t-sìol fàs: ’n uair is muladaiche, iomaguiniche tha e, tha e ’cuimhneachadh a’ gheallaidh a tha ’g ràdh, “An déigh mhòran làithean gheibh thu rìs e:” agus tha e ’smaointeachadh, an déigh do’n fhòid a bhi air a càradh thairis air, ’s a chorp fo lic—an déigh do ’n t-saoghal a dhì-chuimhneachadh, ’s a theanga ’bhi balbh, tosdach ’s an ùir, theagamh gu’m faod peacach bochd, allabanach, a rinn tàir fad iomadh latha air an t-sìol, a bhi air a dhùsgadh le cuimhne nam briathran a labhair e o cheann iomadh bliadhna. Ged nach d’ fhàs an sìol fad iomadh bliadhna, cha do chrìon e; agus am ministeir sin a chaidh sìos do’n uaigh le cridhe bronach, fo bharail gu’n robh e féin a’ saoithreachadh ’an dìomhain, coinnichidh cuid dhiubh so e as an do chaill e ’dhòchas—coinnichidh iad e ’s an t-saoghal eile—cuiridh iad fàilte shòlasach air mar an tì ’bha air a bheannachadh le Dia chum an dùsgadh—an toirt a chum Chriosd, agus fa dheòidh, chum glòire; agus bithidh iad mar choron glòir’ agus gàirdeachaìs d’a anam ann an rìoghachd nam flath—thilg esan an sìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran làithean fhuair e ris e.
[Vol . 11. No. 17. p. 6]
’S an dara àite, Nach iomadh athair agus màthair a fhuair dearbhadh sòlasach air fìrinn a’ gheallaidh so, ’thaobh mhac agus nighean, mu’n do chaill iad car tamuill dòchas? Am measg gach deuchainn a’s urrainn teachd ’an caramh a’ chreidmhich ’s an t-saoghal-so, cha’n ’eil a h-aon a’s truime, agus a’s deuchainniche na mac, no nighean ’fhaicinn a’ siubhal air slighe shleamhain a’ pheacaidh—air an toirt thairis do ghòraich’, agus do dh’ ain-diadhachd; agus, O! ’s iomadh athair, agus màthair, a tha’n deuchainn uamhasach so ’toirt le ’n cinn liath fo bhròn a dh’ ionnsuidh na h-ùrach! Rinn iad so an dìchioll—thog, agus dh’ àraich iad iad ann an eagal an Tighearna—dh’ oileinich iad iad ann an eòlas Dhé agus an t-Slànuighir—dh’ oidhirpich iad eisimpleir chneasda, dhiadhaidh, agus chreidmheach a chur m’ an coinneamh—choisrig iad iad do Dhia—ghiùlain iad air an cridheachan ann an ùrnuigh iad; ach chaidh a’ chùis uile ’n an aghaidh; bhrist iad an cridheachan, ’s le ’n osna bhàis, dh’ earb iad iad ri Dia. Chaidh iad gu bàs ’an dùil gu’n robh a h-uile dìchioll agus saothair a chleachd iad gun stàth—gu’n do thilg iad an sìol air aghaidh a’ chuain, agus a chaoidh nach faigheadh iad air ais a’ bheag no ’mhòr dheth; ach ma dh’ fhaoidte gur ann aig uaigh an athar, no a’ giùlan ceann na màthar do ’n Chill a thig am briathran ’s an comhairlean dhachaidh chum an cuimhne, ’s mar tha iad ag éisdeachd fuaim na h-ùrach a’ tuiteam air na clàraibh dubha—a’ chiste chaol, chumhann anns am bheil corp an aoin nach maireann, ma dh’ fhaoidte gur ann an sin a dh’ fhosglas Spiorad Dhé tobar nan deur ’s a’ chridhe; ma dh’ fhaoidte gur ann an sin a dh’ éireas an ceud ghlaodh gu nèamh, “O! Dhia thoir maitheanas dhomh” —ma dh’ fhaoidte gur ann an sin a dh’ fhairichear an ceud deadh rùn, ’s a nithear ’s an anam an ceud ghealladh do Dhia; agus air maduinn na h-aiseiridh, theagamh, gur i ’cheud chainnt a chluinneas an t-athair, no a’ mhàthair, fàilte shòlasach an leinibh mic mu’n do chaill iad an dòchas, le dealas diadhaidh àrd a’ toirt glòir’ do Dhia gu’n robh an leithidean sin de phàrantan aige, ’thug achmhasan agus fòghlum, agus comhairlean agus geallaidhean dòchais—a ghuidh air a shon le dùrachd nach d’ fhàilnich, ’s le gaol nach d’ fhàs fuar. ’Nis—a nis tha dearbhadh follaiseach aig an athair ghràdhach, ’s aig a’ mhàthair chaoimh gur fìrinneach gealladh Dhé, “Tilg do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran làithean gheibh thu e.”
A phàranta do’n tug Dia clann, thugaibh so fainear; na tugaibhse géill a thaobh ’ur mac, no ’ur nighean, fhad ’s a tha’n deò annta; ged dh’ fhàisg, ’s ged sgàin iad ’ur cridhe, na togaibhse d’ar dleasnas féin, saothrichibh an aghaidh dòchais, deanaibhse ’ur dìchioll, agus earbaibh a’ chùis ri Dia: fhad ’s a tha iad fo’n aon fhàrdaich leibh, labhraibh gu ciùin, gràdhach riu mu Dhia, agus mu ’n t-Slànuighear ghlormhor—teagaisgibh dhoibh ùrnuigh a dheanamh, cluinneadh iad ùrnuigh uaibh. ’N uair a dh’ fhàgas iad an tigh ’s an d’ fhuair iad an àrach òg, ’s a ghabhas iad an saoghal mòr fo’n ceann, leanaibh iad le’r litrichean gràdhach—le ’r n-ùrnuigh dhùrachdaich; guidhibh air Dia an stiùradh, ’s an treòrachadh ’s an t-slighe cheirt, agus ma tha sibh a’ mothachadh ’ur crìche ’dlùthachadh cuiribh fios orra, ’chum le’r briathran bàis gu’n earailich sibh iad; ’s mur urrainn doibh teachd g’ur n-amharc, fàgaibh fios aca gu’m bheil dùil agaibh an coinneachadh ann an nèamh, àite do nach urrainn ni neòghlan, no mi-naomha teachd; agus ma ni sibh so gu tràthail, ann an earbs’ á còmhnadh an Spioraid Naoimh, bithidh aobhar dòchais agaibh gu’m faigh sibh saoibhireachd ghlòrmhor agus fìrinn a’ gheallaidh so, “Tilg do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran làithean gheibh thu e.”
(Ri leantuinn.)
NAIDHEACHDAN GAIDHEALACH.
MUINNTIR A’ SGADAIN.
Tha cor nam mnathan a tha a’ dol á Albainn do Shasunn ag aobharachadh moran deasbud am measg cuid araidh a tha ag amharc as deigh gluasad is beusan nan luchd-oibre, gu sonruichte ann an Yarmouth. Anns a bhaile iasgaich ainmeil so bha moran do ar peathraichean á Albainn, agus tha na Sasunnaich a’ cur as an leth nach ’eil iad cho grinn agus cho glan ’s a dh’ fheudadh iad a bhi. Tha sinn uile eolach air an t-seann sgeul so mu shalachar cach a cheile. Far am bheil bochdainn bidh trioblaid, deuchainn, agus theagamh salachar. Ach bhiodh e feumail dhuinn a bhi cuimhneachadh nach ’eil seadh no brigh is luach ann an gnath-fhacail neo-chinnteach do’n t-seorsa so. Tha cuid do na gnath-fhacail lan do’n bhreig; agus bhiodh e ’na shaorsa spioradail a bhi ’gan leigeadh á cuimhne. Ach tha moran do bhrigh deadh bheusan ’nan aoradh. Uime sin bu mhaith leinn a bhi cumail fa chomhair ar co-Ghaidheil anns gach aite gu’m biodh iad ’gan gleidheadh fein saor o na cleachdaidhean ud a tha cho neo-airidh air an cliu agus an gne. Cha bhiodh e ceart a bhi ag radh facal neo-chaoimhneil mu na caileagan smiorail seadhail, misneachail a chaidh á Albainn do Shasunn a dh’ fhaotainn beoshlaint ionraic, onorach a bhiodh ’na chuideachadh dhoibh féin agus d’an daimhean. Ach bhiodh e ’na obair chneasda do mhoran a bhi deanamh an dichioll air a bhi cuideachadh nan nigheagan stritheil so co-cheangailte ri iasgach a’ sgadain. Rinn Mr Weir, B. P., oidheirp airidh anns an rathad so; agus ma chumas esan agus feadhainn thuigseach eile a’chuis so fa chomhair an suil tha sinn cinnteach nach bi an gluasad gun toradh. —Oban Times.
AM BU GHAIDHEAL AM BARD BURNS?
Thug Mr A. S. Mac ’Illebhride òraid seachad an oidhche roimhe mu choinneamh Comunn Chloinn Fhionghain ann an Glaschu anns an d’ oidheirpich e air a dhearbhadh gum b’ ann de shìlidh Ghàidhealaich a bha am bàrd iomraiteach sin, Raibeart Burns. Cha ’n esan a cheud fhear a rinn a mach gu robh buinteanas aig Burns ri Tìr nam Beann. Feumar an t-urram sin a thoirt do ’n uasal ghrinn agus an deagh sgoileir Mr Alasdair Mac ’Illemhìcheil ann an Dun-éideann. Tha bliadhnachan bho’n a thuirt Mr Mac ’Illemhicheil gum bu Chaimbeulach Bàrd nan Gall a thaobh sìnnsireachd. So mar a tha’n seanachas a’ dol. Bha fear Bhaltar Caimbeul a’ fuireach aig Tigh-an-Uillt, làmh ri Loch Eite. Air son aobhar aig chor-éiginn ghabh luchd-feadhna a chinnidh fuadh dheth, b’ fheudar dha an t-aite fhàgail agus theann e air falbh rathad na h-àirde ’n ear. Chuir e ’suas a chòmhnuidh ann an siorramachd Chinne-cheardainn fo ainm ùr. B’ e ’n sloinneadh a ghabh e anns an àite so, “Burnhouse”— ’s e sin a’ Bheurla air son Tigh-an-Uillt. Ri h-ùine thoisich e fhéin agus a shliochd air an ainm ùr a dheanamh na bu ghiorra. Thug iad an toiseach e gu Burneys agus a’ rithisd gu Burness. Tha e air a ràdh gum b’e am bàrd fhéin a sgiobalaich e gu Burns. An déigh so cha mhor nach fhaod sin rud sam bith a chreidsinn. Cha ’n e gum bheil sin a’ cur teagamh ann am facal Mhr Mac ’Illemhìcheil, ’choinn, tha làn fhios againn nach àbhuist dha labhairt air thuairmeas idir. Ach gu cinnteach tha na Gàitheil tuilidh a’s sanntach gu ’bhi a’ tagradh càirdeas ris gach duine beò ’us marbh a chomharraich e fhéin air son buadhan agus talantan thar cumantais. —Oban Telegraph.
IAIN MURDOCH.
Chaochail an Gàidheal ainmeil so air an t-seachdain a dh’ fhalbh; agus bidh sgeul a bhàis ’na aobhar bròin anns gach àite aig an tigh agus thairis anns am faighear Gàidheil. Bha e sè agus ceithir fichead bliadhna a dh’ aois ’nuair a thainig a’ chrìoch. Rugadh e ann an Ardchlach, siorrachd Narruinn, ach mu’n robh e ach glé òg thainig ’athair a dh’ Ile far an d’ fhuair Iain a thogail agus ionnsachadh. ’Na òganach chaidh e do ’nExciseanns an do sheirbhisich e mu dhà fhichead bliadhna. Thoisich e tràth air sgriobhadh anns na paipeirean-naigheachd; agus ’nuair a dh’ fhag e seirbhis a’ chruin ghabh e am paipeir “An t-Ard Albannach” os làimh. Co-cheangailte ris a’ phaipeir so cha robh cearn do’n Ghaidhealtachd nach d’ fhiosraich e a’ tagradh còirichean an t-sluaigh a thaobh an fhearainn. Bha e geur-shuileach, comasach, tuigseach mu ’n cheist so agus cha’n fhaighteadh mòran a bheireadh buaidh air ann an argumaid. Shaothraich e gu duineil dileas anns an aobhar so, araon ann an Gàilig agus ann am Beurla, le peann agus le teanga troimh chursa a bheatha o thoiseach gu deireadh. Bha e ro dheidheil air an éideadh Ghaidhealach a bha e ghnàth a’ caitheamh a shamhradh ’s do gheamhradh. Dh’ fhuiling e troimh dhoille anns na làithean mu dheireadh; ach beagan mu’n do chaochail e bha e comasach air a bhi sgriobhadh a dh’ ionnsuidh cuid de na seann chàirdean. —Oban Times.
GAIDHEIL AINMEIL.
An diugh tha dà Ghàidheal ann as am bheil uile lan do uaill. Cha ’n ’eil moran am measg nan clanna aig am bheil cliu is àirde na Tighearn ainmeil duthaich Mhic-Aoidh. Mar fhear-stiuraidh cùisean fòghluim anns an duthaich so agus am measg nan Duitseach cha’n ’eil fear a’s comasaiche ri fhaotainn. Tha feartan ’inntinn neartmhor: tha a shuil geur a thaobh teagaisg nan nithean ud a b’ fhearr air-son an t-sluaigh; agus tha a ghne cneasda lan do cho fhaireachdainn. Chaidh e o cheann ghoirid do Mhor-thir na h-Eorpa; agus beagan laithean roimhe so thainig iomradh a mach ’s na paipeirean gu’n robh esan (Lord Reay) ann am Paris co-cheangailte ri coinneamh shonruichte nan Academaich ainmeil ’san duthaich sin agus a tha aig an tigh. Chuala sinn e gu tric ann am Beurla ealanta: ach tha e air a radh gu’n d’ thug e oraid do na Frangaich a bha cho glan ’s cho ealanta ann an teanga ’s a bhiodh e comasach do na Frangaich féin a dheanamh. ’Se an Gaidheal eile a tha sinn a’ ciallachadh an saighdear sin do chlann ’Illeathain a tha ’na cheann air arm Morocco far am bheil cogadh air briseadh a mach ann an taobh a steach do chriochan na righeachd fein. Tha ioma d’ a chairdean nach ’eil fad as mar bha air innseadh o cheann ghoirid anns a’ phaipeir so. A reir coslais tha e ’n a dhuine anns am bheil seadh, spiorad treun agus ghiocas sonruichte. Mur biodh na seilbh so aige cha bhiodh e anns a’ phosta ard chunnartach anns am bheil sinn ’ga fhacinn an diugh. —Oban Times.
Cha b’ e ’n t-uisge nach ruitheadh ach am muileann nach bleitheadh.
Cha bhi cuimhne air an aran ach fhad ’s a mhaireas e ’s an sgornan.
Cha chuir bean-tighe ghlic a h-uibhean uile fo aon chirc.
Cha ’n ’eil ann cosmhuil ris an dachaidh.
Cha chluinn e ach an rud a’s binn leis.
[Vol . 11. No. 17. p. 7]
Oran a Mhoid.
LUINNEAG.
’M pòs thu, ’nighean òg an Rìgh?
Fiach a ghaoil nach diult thu mi;
’M pòs thu, ’nighean òg an Rìgh?
Thug mi ’n sgriob so air do thòir.
Ged tha bean an Righ ag ràdh
Nach pos Mili mi gu bràth,
Nuair a dh’ éisdeas i ri m’ chàs
Bheir i dhomh gun dàil an òigh.
Cha ’n ’eil fàth dhuit bhith tàir,
Ged tha failinn bheag nam dhàil;
Cha bhi curam dhuinn gu bràth,
Gheibh mo mhàthair duinn gu leoir.
Bidh ar bothan air a bheinn
Far am bi na h-eoin a seinn,
’S cha bhi curam duinn a cloinn,
Bhon tha ’n loinn sin air mo sheors’.
Thug mi ceum a sios do ’n chùl
’Dh’ iarraidh Mairi air Nic Dhùgh’ill;
Ach ’s ann thoisich i ri bùrt,
’S chaidh mo chùis a chur gu mòd.
Thug na mnathan breith bha cruaidh,
Thuirt iad, “Faighibh dhuinn gu luath
Bacstar dubh nan each a nuas,
’S theid an truaghan ’chur bho spòrs.”
Lùb mi sios nam chaman crom,
Thainig meathadh orm bha trom;
Bhrùchd am fallus ’mach troimh m’ chom,
’S boinne lom a ruith le m’ shroin.
Air mo thaobh bha bean na bàigh’,
Sheas i leam gu dian nam chàs,
’S fhuair i fàbhar dhomh bho chàch;
Ceann an àigh, a bhantrach mhor.
Gu grad dh’ éirich Peigi Ruadh,
’S fuil nam bàrd a leum na ’gruaidh,
’S thuirt i, “Fhuair mi-fhin Di-luain
Sgeul a ghluaiseas sinn gu ceol.
Ged is iomadh sagart suairc
Bha ’san tir s’ againn air chuairt,
’S cuid diu ainmeil ann an duain,
’S e mo luaidh-s’ an sagart mor.
Bidh àithn’ ùr do ’n sgir’ gu léir
Air a gairm an déidh na féill;
Aithne ’fhreagras do gach té,
’S a ni feum do dh-Uilleam còir.
Mun dig crioch air mios’ a Mhàirt,
Cha ’n ’eil fleasgach anns an àit,
Biodh e dubh, no ruadh, no bàn,
Nach bi ’n sàs mar dhuine pòsd’.
Cha ’n fheil caileag air an t-sliabh,
Maighdean shean, no bantrach liath
’Tha fo bhron air son na thriall,
Nach faigh miann a cridh’ air dhòrn.”
Nuair thug Peigi ’sgeul gu crìch,
Thuirt gach te le eibhneas cridh:
“Agad fhein tha ’n naidheachd bhinn;
Nach h-i ’n tir so bhios air doigh?
Cha deid Bacstar ’chur am feum,
Fanadh e taobh thall an t-sléibh,
Bheir sinn bean do dh-Uilleam treun,
’S ni i eibhinn e r’a bheo.”
’Bhantrach mhor, a rùin nan ceud,
’Sa thé ruadh an t-seanachais réidh,
Mile beannachd dhuibh le chéil’;
’S mor am feum a rinn sibh dhomhs’.
Cha ’n fheil agam ach buntàt’,
’S uisge glan nam fuaran ard,
Ach ma ’s beo mi gus am Màrt
Bidh mi mànran ri mnaoi-oig.
Rinneadh an t-oran so an Arisaig ’sa gbliadhna 1886. Bha Uilleam car sean, ahus cha robh doigh aige air bean a chumail. ’S e duine boidheach, cumadail, agus duine gasda, a bha an Iain Bacstar. Bha am fear a rinn an t-oran eolach gu leoir air. Bha ’n Righ aig sluagh mar ainm air an righ a tha ’san oran.
Tha e ’na dheadh chomharra duine fhaicinn a’ cur a chloinne do ’n sgoil: tha e ’na dhroch comharra am faicinn air an togail ann an sgoil dubh na sraid.
Lucy Gray.
(O Bheurla Wordsworth.)
’S tric chuala mi mu Lucy Gray;
’S a dol troimh ’n fhàsach mhor,
Gu ’m faca mi air eirigh gréin’
An t-aonaranach og.
Cha b’ eol dith caraid no fear-gràidh,
Oir bha i tàmh ’s an raon:
Cha ’n fhacas riamh cho grinn a’ fàs
Aig fàrdaichean chlann-daoin’.
Gu ’m faicear fhathast meann a’ leum,
Is coinean ’mach air blàr;
Ach aodann maiseach Lucy Gray
Cha ’n fhaicear leinn gu bràth.
“Bidh ’n oidhche doirbh le cathadh dlùth—
Mo leanabh ni thu falbh
Le d’ lainntir beag do ’n bhail’ a null,
Gus d’ mhàthair iùil ’san dorch’ .”
“Gu toileach falbhaidh mi gun dàil,
Cha ’n ’eil an ùine gann—
An t-uaireadair gu ’n bhuail e dha,
’S a ghealach as mo chionn.”
Gu ’n ghluais an t-athair aosd’ a mach
A dheanamh turn is gleus;
A nighean bheag ’san àm gu ’n deach’
I air a turus fhein.
Gu ’n shiubhail i mar earba chaol;
Bha ’n sneachda falbh bho ’cois
Na fhrasan mìne aig a ghaoith,
Ga ’thilgeadh thall ’s a bhos.
Gu ’n dh’ eirich stoirm ris nach robh dùil,
Cha b’ eol dith ’cùrs’ fa leth;
’S ged dhirich i ri iomadh stùc,
Cha d’ rinn i ’m baile dheth.
Na parantan bha ’n oidhch ud truagh
Ga ’h-iarraidh anns gach àit’;
Ach comharradh sam bith cha d’ fhuair
A dh’ innseadh dhaibh mu ’n phàisd’.
’S a mhaduinn mhoich, gu àrd air creig,
Gu ’n sheas iad ann le chéil’;
Bho sin gu ’m fac’ iad drochaid bheag
Bha goirid dha ’n tigh fhein.
Air dhaibh bhi tilleadh, ’s iad a glaodh’ich,
“Air Nèamh gu ’n coinnich sinn!”
Gu ’n chomharraich a mhàthair chaomh
’S an t-sneachda cumadh ’buinn.
Bho sin gu ’n lorgaich iad a ceum
Le bruthach cas ni ’s leoir,
Is tarsuinn air an droighinn gheur,
Is faisg do ’n challaid mhoir.
A’ dol troimh phairce leathuinn, mhoir,
Gu ’n lean iad dluth gach eag
A rinn a ceum ’san t-sneachda reot’,
Gu ruig an drochaid bheag.
Gu ’n lean iad sios bho àird na bruaich
Na lorgan, té ma seach;
Far bil’ na drochaid, sgeula cruaidh!
Gu ’n deach a luirg a mach.
Tha cuid gu laidir ’cur an céill
Gu ’m bheil i fhathast beo;
’S gu ’m faicear coltas Lucy Gray
Air feadh an fhàsaich mhoir.
I coiseachd talamh garbh is mìn,
Na deigh cha toir i sùil,
Is luinneag thiamhaidh aic’ ga ’seinn
Tha feadarsaich ’s a’ ghaoth.
D. D.
Bas.
—Air Di-ciaduin, an ochdamh latha fichead dhe ’n mhios s’a chaidh, dh’ eug Eachunn Mac Neill, Eachunn Bàn mac Sheumais ’ic Eachuinn, aig Glascho, parraisd Bhaoghasdal, ’san t-siorrachd so. Bha e tinn fad ùine mhor. Chaidh a leasachadh a dh’ ionnsuidh a bhàis le ’shagart paraisde, an t-Urr. Alasdair Mac Gillebhràth. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois.
Tha e ’na dheadh chomharra duine fhaicinn a’ siabadh an fhalluis bhar a mhala; tha e ’na dhroch comharra duine fhaicinn a’ siabadh dheth a’ phuill air dha tuiteam fo mhisg.
Iadsan a Phaigh.
D. Mac Gilleain, Rudha ’n Rothaich
M. L. Mac Fhionghain, Point Clear
Ruairidh Mac Philip, Loch Lomond
Coinneach Mac Rath, Loch Bhlackett
Niall Mac Amhlaidh, Homeville
D. Mac Gilleain, Ashfield
Bean Dhùghaill Bheutoin, Glenora Falls
Iain Mac-a- Mhaighstir, Markton
M. S. Mac Neill, Gleann Bharra
Niall Mac Gilleain, Eildear, Roseburn
Postmhaighstir, Salem Road
Mairi E. Nic Gilleain, Gabarus
Tearlach MacLeoid, Framboise
I. W. Domhnullach, Malagawatch
Alasdair Mac Neacail, Birch Grove
Ailein Camaran, Abhainn Dhennis
D. I. Mac Leoid, Sidni
Iain Ceanadach, Abhainn a Deas, N. S.
Bean Iain Mherlin, Springhill , N. S.
Domhnull Mac Calamain, Kinross , E. P. I.
D. Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E. P. I.
D. D. Mac Gilleain, High Bank, E. P. I.
Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont.
Domhull Mac Gillemhaoil, Dunbheagain, Ont.
Calum Deora, Dunbheagain, Ont.
Padruig Mac-an-t- Saoir, Presque Isle, Ont.
Iain Domhnullach, Park Hill, Ont.
E. N. Domhnullach, Reedsville , Que.
Bean Chaluim Mhic Leoid, Springhill , Que.
Tormad Moireasdan, Peveril , Que.
Niall Domhnullach, Dauphin , Man.
D. I. Mac Phàrlain, San Francisco, Cala.
I. D. Mac Gilleain, Avalon , Cala.
Domhnull Mac-an-t- Saoir, Ivanhoe , Mich.
Mairi Dhomhnullach, Milton , N. Dakota
Mrs. C. B. Fox, Dorchester , Mass.
Niall Seathach, Tairbeart, ’sna Hearradh
Domhnull Mac Gilleain, Glascho, Alba
Bean Eachuinn Mhathanach, Bhaltos, Alba
E. C. Owggin, Cambridge, Sasunn
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An Togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St. ,san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 17. p. 8]
Bean Iain Ruaidh.
Bean Iain Ruaidh an Allt-a- Bhealaich!
Bean Iain Ruaidh an Allt-a- Bhealaich!
’N eòl dhuibh mar a mheall i mi
Nuair bha mi tigh’nn thar bràighean Bhealaich.
Thuirt i le bòid gum biodh i leam-s’ ,
Gun robh i orm an geall le ’cridhe;
Ach, O! a ghogaid mheallt’ gun stéidh,
Tha ’m bodach breun aic’; thréig i ’h-Iain.
’S i-féin bha tapaidh, sunndach, grìnn,
Is anns an rìdhle fìnealt’, ealant’;
Bhiodh àgh am chridh’ nan d’ fhuair mi i,
No nam bu mhi Iain Ruadh a Bhealaich.
Gnùis mhaiseach, réidh, sùil shoilleir, bheò,
’S beul meachair beag a’s bòidhch’ a chithear;
Bidh agam-s’ gràdh dhi ré mo là,
Ged ghabh i slàn gu bràth le h-Iain.
SEAMRAG.
Marbhrann
Do dh-Alasdair Beag Stiubhart a chaidh a bhàthadh aig a Ghlaisbheinn mu ’n bhliadhna 1834.
LE DÒMHNALL MUNRO AN RÒNAIDH.
Gur a mis’ tha ’n diugh bronach
’Cur an ordugh mo sgéil.
’S i so ’n naidheachd tha ciùrrteach,
’Chual an dùthaich gu léir.
’S ann mu Alasdair Stiubhart
Chaidh a dh’ ionnsaigh an eig;
’S gun do leithid an làthair
Am measg àireamh nan ceud.
Dhomhs’ nam b’ aithne deas bhriathran
’Chur mar dh’ iarrainn an sgeul,
Dh’ innsinn pàirt dhe do thuigse,
Dhe do ghliocas ’s dhe d’ bheus.
Bha do chridhe gu fosgarr’
Is e socair d’a réir.
Bu tric beannachd nam bochd ort
’N àm dhaibh fosgladh am béil.
’S ann ’sa chiste chaoil dhainginn,
Air a sparradh le òrd
A tha ceannard na riaghailt,
Fear nach fiaradh a chòir.
Bha do chaoibhneas ’s do chàirdeas
Agus mànran do bheoil,
A co-fhreagairt ri ’cheile;
’S mor am beud gun thu beo.
Tha do bhràithrean, trom, dubhach,
Tha do phiuthar fo ghruaim,
Is tha t’ athair gad chumha,
’S tric lionn-dubh air a ghruaidh.
Nuair a chuala do mhàthair
Sgeul do bhàis ’s i bha truagh;
Do chorp àlainn cha ’n fhac i
Dol an tasgaidh ’san uaigh.
Sin cha ’n fhac i, cha b’ urrainn,
Chaill i spionnadh ’s a treoir;
Dh’ fhàg a lùths is a neart i,
’S thainig laigs’ oirr’ le neoil.
Tha i ’nise bochd cianail,
’S i ga t’ iargainn fo dheoir.
’N àite tilleadh mar b’ àbhaist
Chaidh do bhàthadh san òb.
’S beag an t-ioghnadh do chàirdean
A bhith cràiteach fo ghruaim;
Chaill iad caraid bha bàigheil
Agus àlainn ri ’luaidh,
Ged a bhiodh tu le àireamh
Air sgeir bhàthte ’sa chuan,
’S gum faight’ aon duin’ a thearnadh,
’S tus’ a ghràidh bheirteadh bhuaip’.
Tha do chrodh is do chaoraich
Air na raointibh gun doigh,
’S gun am buachaille ’n làthair,
Ach an càradh fo ’n fhoid.
Ged a theid mi gu t’ àite
Cha chùis mhànrain ach broin,
O nach faigh mi bhuait fàilte
Mar a b’ àbhaist ’s tu beo.
Bu tu ’n lamh air an treabhadh,
Air cur corca ’s air buain;
’S e do bhaile bha doigheil,
’S gum bu mhor do chuid chruach.
Nuair bhiodh càch air a ghainne
Bu leat-s’ pailteas gu buan;
Riamh cha chluinnteadh do ghearan,
Is cha ’n fhacas do chruas.
Do chlann bheag ’s iad mu ’n teine,
Gun aon ghill’ air an treud,
’S nach h-fheil iad aig gliocas,
Chi iad tuilleadh an éis.
Ach gur làidir an t-Athair
Gheall ’bhith mar-riu nam feum;
Cha deid feoil ris an coimeas,
’S bheir E sonas nach tréig.
’S beag an t-ioghnadh do chéile
Bhith gu h-eisleineach tinn;
Bho ’n a thuigeas i-fhéin e,
Fhuair i sgeula gu ’claoidh.
’Chaoidh cha ’n fhaic thu ’s t-earrach
Dol le gearrain sna croinn;
Tha do bhaile gun àird air,
Dh’ fhalbh gach àgh agus loinn.
Rinn mi dichioll gun dearmad
Air do mharbh-rann a sheinn,
Chum ’s gum biodh i mar chuimhn’ ort
Aig an linn ’thig ad dhéidh.
An nis sguiridh mi ’m sheanachas;
’S gnothach searbh dhuinn gu léir,
’Fhir ’bu taitniche cleachdadh,
Thu bhith ’n glacaibh an éig.
Fhuair mi a mharbh-rann so sa bhliadhna 1894 bho Iain Mac-Leoid, Iain Aonghuis Mhoir, duine tuigseach, tlachdmhor, caoimhneil a rugadh sa Ghlais-bheinn is a tha ’n diugh a comhnuidh eadar Orwell agus Abhainn Vernoin. Tha mi gu mor na ’chomain air son a sgriobhadh a sios agus a cur do m’ ionnsaigh. Tha e an nis corr is ceithir fichead bliadhna, agus is gann gu bheil duine anns an Eilein an diugh aig a bheil a mharbh-rann so ach e-fhein. Tha e na sheinneadair math, is tha mi cinnteach gun robh sin na mheadhon air a cumail na chuimhne.
GLEANN-A- BHAIRD.
Oran.
Fhuair sinn an t-oran a leanas o Chalum Mac Leoid ann a Vancouver, B. C. Rinneadh e le ’athair, Ruairidh Mac Leoid, a bha an Eilean a’ Phrionnsa. Chuir M. Mac Laomuinn ann an Quincy, Mass., ceathramh dheth ann an litir bheag a sgriobh e ugainn o chionn ghoirid.
A righ, gur muladach thà mi,
’S mi na m’ aonar an drasda,
’S tric mo smaointean air mo chairdean
O ’n lath’ dh’ fhag mi Portrigh.
LUINNEAG.
Hithill iu, hìll o ró ho,
Hithill iu, hìll o ró ho,
Hithill iu, hìll o ró ho,
Hogidh ó hó ró hì.
Na ’m faighinn air m’ ordugh
Soitheach diongmhalt’ a sheoladh,
Rachainn fathast air m’ eolas
’S ruiginn Tròternis chaoimh.
Rachainn na b’ fhaid’ ann air m’ eolas,
Ruiginn dùthaich nan Leodach,
Far an d’ fhuair mi m’ og arach,
’S tric ag ol as a chìch.
B’ e sin dùthaich mo mhàthar,
Far an d’ fhuair i og àrach,
Bhiodh an crodh ac’ air àiridh
’S iad ag àrach nan laogh.
Mile beannachd gu bràth
Do ’n àite bheil sinn an dràsda!
Their na mnathan gu stàtail,
Lionte làn a phoit-tì!
Bidh iad ’g iarraidh an t-siùcair
Gus a fàgail na ’s cùbhraidh,
’S mur bi uachdar gle ùr innt’
Cha bhi diù aca dhith.
Seachainn an t-sùil a dh’ aithnicheas an t-olc gu luath, agus a tha mall a dh’ fhaicinn a’ mhaith.
Tha tri nithean ro dhuilich ann, sgeul rùin a ghleidheadh, caineadh no lochd a dhiochuimhneachadh, agus feum math a dheanadh a dh’ ùine a bhitheas aig neach dha fein.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton
title | Issue 17 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 17. %p |
parent text | Volume 11 |