[Vol . 11. No. 18. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 6, 1903. No. 18.
Comharraidhean air Caochlaidhean na Side.
CHA ’n ’eil dùthaich air thalamh anns nach faightear am measg a luchd-àiteachaidh comharraidhean sònruichte leis an tuigear roimh làimh, ann an càileiginn, cuid de na h-atharraichean sin tha teachd air an t-sìd. Tha cuid de bheothaichean ann aig am bheil mothachadh mor air caochladh air bith a tha ri teachd air an t-sìd, o theas gu fuachd, no o aimsir chiùin gu stoirm. Tha cuid de lusan a’s luibhean agus de bhlàithean a thaisbeanas na h-atharraichean tha ri teachd air an t-sìd. Tha comharraidhean àraid ri fhaicinn air aogas nan speur agus ann an coslas nan neul, leis an tuig daoine fiosrach tha cleachdadh suim a ghabhail de na nithean so, ciod an t-atharrachadh tha ri teachd.
Thubhairt sinn gu ’n robh cuid de chreutairean ann aig an robh mothachadh, ged nach ’eil fios againne ciamar, air na h-atharraichean tha teachd air an t-sìd. Chitear coin no madaidhean a tha stigh ann an seòmar, a’ cinntinn trom, cadalach, neo-thogarrach agus leisg ’nuair tha ’n t-uisge dlùth; caidlidh iad ré ’n latha fa chomhair a ghealbhain agus tha e doirbh air uairibh toirt orra éiridh. Tha ’n ni ceudna r’a fhaicinn an giùlan nan cat. Tha ’n deala gu h-àraid mothachail air atharraichean na sìde. Tha i cho math chum eòlas thoirt dhuinn air caochlaidhean na sìde ri gloine shìde. Ma chuirear ann an gloine shoilleir i, as nach faigh i teachd, agus tri cheathramh de ’n ghloine sin làn uisge, a dh’ atharraichear uair ’san t-seachduin ré ’n t-samhraidh, agus da uair ’san t-seachduin ré ’gheamhraidh, leigidh i fhaicinn iomad caochladh tha teachd air an t-sìd. Ann an aimsir chiùin shamhraidh luidhidh i ’na cuairteig ann an iochdar na gloine; ma tha ’n t-uisge ri teachd roimh ’n fheasgar, snàigidh i suas gu uachdar an t-soithich, agus ann an sin fuirichidh i gus am bi ’n t-sìd socraichte; ’nuair tha stoirm no doinionn sìde dlùth, cha teid tàmh oirre ach air a h-ais ’s air a h-aghart, a suas ’s a sìos; is ainmig leatha socrachadh gus an séid e gu cruaidh; ma tha stoirm mhor de thàirneanaich agus de dh’ uisge dlùth, gabhaidh i tàmh latha no dha roimh ’n àm os cionn an uisge, agus tha i a’ taisbeanadh cho mi-shuaimhneach an-shocrach ’sa tha i; an àm reothaidh agus sìde shoilleir, luidhidh i air iochdar an t-soithich, agus ri sneachda no uisge togaidh i oirre gu mullach na gloine.
’Nuair chitear an gobhlan-gaoithe ag itealaich gu h-ìosal, agus a’ siabadh air ais ’s air aghart dlùth do ’n làr, agus a’ tumadh bàrr a sgéithe ’san uisge, faodar amharc air son uisge.
’Nuair nach ’eil na seilleinean no na beachan a dol a mach mar a b’ àbhaist daibh, ’nuair tha tunnagan a’s geòidh a’ deanamh moran gànraich a’s gogail is ràcaich, faodaidh sinn mar an ceudna amharc air son uisge.
’Nuair tha sìde fhliuch dlùth ’s bitheanta le tunnagan a’s geòidh a’s eòin eile bhi ni ’s togarraiche air son iad fhéin a nigheadh agus a thumadh ann an uisge na air amannan eile; ’s bitheanta le calamain agus le cait iad féin a nigheadh ann am bùrn air bith a gheibh iad ’nuair tha uisge dlùth; ’san fhogharadh tha na cuileagan anabarrach sgaiteach roimh ’n uisge.
Ma thuiteas dhuinn a bhi mach an déigh sìd thioram ’nuair tha uisge dlùth, faodaidh sinn mothachadh do spréidh a’ sìneadh a mach an amhaichean, agus a deoghal na gaoithe le ’n cuinneinibh fosgailte, agus gu tric a’ cruinneachadh ann an cùil no ’n oisinn achaidh le ’n cùl ris an t-soirbheas.
Tha ròcail nan gilleacha-cràigean agus nan losgunn, lionmhorachd nan damhan-alluidh a’ streap ris na ballachan, na daolan ’s na durragan a’ teachd a mach as am frògaibh, ’nan comharraidhean gu bheil an t-uisge dlùth.
Ma mhothaicheas sinn losgainn a’ teachd a mach gu lionmhor as an tuill; ma chi sinn an ialtag a’ tighinn a stigh, agus ma chluinnear i a’ bìdeil feadh an t-seòmair; ma mhothaicheas sinn na mucan a ruith le cònlaich na ’m beul; an spréidh ag imlich an casan toisich, agus ma chluinnear na luchaidh ri ùpraid àraid na ’m frògaibh, faodaidh sùil a bhi againn ris an uisge.
Tha caoirich a’s gabhair ni ’s togarraiche gu ionaltradh agus ni ’s duilghe ’n toirt uaithe roimh uisge na air amannan eile.
Am measg gach comharradh eile, chitear na seangain ni ’s dian shaothairiche a’ giùlan an uibhean; cluinnear an fheannag ’s am fithach a’ ròcail ni ’s àirde roimh ’n uisge na ’s àbhaist daibh.
’S bitheanta leis a’ chomhachaig no a chailleach-oidhche ’bhi gearan ’s a’ glaodhaich ni ’s tùirsiche roimh ’n uisge na àm sam bith eile.
’S abhaist leis an smeòraich òran binn a sheinn gu h-àrd ’s gu fada roimh ’n uisge agus roimh ’n stoirm.
Tha comharraidhean àraid mar an ceudna r’a fhaicinn air aogas nan speur leis am faod sinn seòrsa de bheachd a ghabhail roimh laimh air atharraichean na sìde. An déigh aimsir thioram agus sìde shoilleir, ’s e cheud chomharradh am bitheantas air atharrachadh, neòil gheala, thana chitear a’ direadh suas, a’ sior fhàs ni ’s mò agus ni ’s dòmhala, agus a’tearnadh ni ’s ìsle—tha neòil a bha eutrom tana a’ fàs ’nam mill mhora—tha iad so a’ dlùthachadh air a chéile, agus tha so uile ’na chomharrrdh cinnteach air uisg’ agus caochladh sìde.
’Nuair tha na neòil gheala thana sin ’nan dosan agus ’nam badanan eutrom fada, tha iad a’ comharrachadh a mach gaoth làidir a tha ri séideadh as an àirde ris an robh ceann caol nan neul bàna sin ag amharc.
’Nuair tha na neòil air dhath dearg ’san fheasgar, agus glas ’sa mhaduinn, tha e ’na chomharradh air latha tioram, soilleir, ach ’nuair tha ’m feasgar glas ’s a mhaduinn dearg, tha e ’na chomharradh air droch latha fliuch. Chi sinn an Soisgeul Mhata xvi. 2, gu ’n robh so ’na chomharradh aig na h-Iudhaich. Am bitheantas nuair tha neòil a’ dòmhlachadh ’s a tearnadh mu fheasgar tha e ’na chomharradh air uisge.
’Nuair chuireas na beanntan àrd orra ’n curraichdean-oidhche geala, tha ’n t-uisge tighinn; cluinnear fuaim ciùil, fuaim cluig eaglais moran ni ’s faid’ air astar ’nuair tha ’n t-uisge dlùth na air àm sam bith eile.
’Nuair chi sinn na neòil ag atharrachadh coslais gu tric agus gu grad air aogas nan speur, a’ falbh ’s a’ tighinn, ’s còir dhuinn a bhi deanamh deas air son an uisge.
’Nuair chitear roth mu ’n ghréin no mu ’n ghealaich tha e ’m bitheantas ’na chomharradh air uisge no air sneachda—tha ’ghealach gu tric air dhath geal-bhàn roimh uisge, agus dearg-ruadh roimh ghaoith àird.
Tha dòruinn agus goirteas air am mothachadh gu tric ann an cnàimh bha leònta no briste, nuair tha uisge dlùth.
Tha iomadh comharradh eile air a thoirt duinn le daoine tuigseach a ghabh beachd air na nithean so, ach foghnaidh na chuir sinn sios chum càileiginn eòlais fhaotainn air cuid de na dòigheannan leis an àbhaist leò barail a thoirt air caochlaidhean na sìde. —Tormad Mac Leoid, D. D.
ANN an Canada ’n Iar air a’ bhliadhna ’n uiridh, bha tri fichead is ochd muillion buiseal cruithneachd air a bhuain. Ga ’n gabhail thar a chéile thogadh bhar gach acaire deich buiseil fhichead. Tha iadsan aig am bu chòir fios a bhith ag ràdh gu ’m buainear air a’ bhliadhna so ceud muillion buiseal anns an Iar-thuath, agus ann an Canada air fad gu ’n togar dhe gach seòrsa sìl a thatar a’ cur tri cheud muillion buiseal. Tha na daoine ceudna a smaoineachadh gu ’n tig mu cheud mile de luchd-imrich do ’n Iar-thuath as na Stàidean mu ’n teirig an samhradh s’a tighinn, agus mu leth-cheud mile á Breatunn ’s á dùthchannan tìr-mor na h-Eòrpa.
Is dùthaich thuathanach Canada. Tha moran de gach seòrsa meatailt am falach fo a talamh, òr is airgiod, gual is iarunn. Tha ’m pailteas dhiu an iomadh cearna, ’s tha àireamh nach beag a’ deanamh an arain làitheil ga ’n cladhach ’s ga ’n toirt gu bhi feumail do ’n chinne-dhaonna. Ach ’s ann as an fhearann a thig fior shaibhreas na dùthcha. Bidh barrachd mor sluaigh na ’n treabhaichean fearainn ’s a bhios ri ceaird sam bith eile, agus mar a shoirbhicheas leothasan soirbhichidh leis an dùthaich gu léir. Ann an deanamh riaghailtean is laghannan air-son math na dùthcha, bu chòir math an tuathanaich a bhi daonnan ’san amharc.
Is tric a chluinnear daoine gun tuigse ’deanamh dìmeas air an tuathanach ’s air obair—daoine nach eil iad féin a’ deanamh uiread obrach fad am beatha ’s a chumadh an aran làitheil fad mios riutha—daoine nach eil a’ toirt fa-near cho mor ’s a tha gach fear ceaird eile an eisimeil an tuathanaich: na ’n cuirte
[Vol . 11. No. 18. p. 2]
stad air a’ chrann-threabhaidh nach b’ fhada mhaireadh slòigh an t-saoghail. Tha na daoine sin lionmhor. Ach iadsan aig am bheil breithneachadh fallain, aidichidh iad gu h-ealamh gur h-i ’n tuathanachas an aon cheaird a’s feumaile ’s a’s uaisle ris ’n do chuir mac an duine riamh a làmh.
RIS an tuathanachas cha ’n eil thu ’deanamh do bheòlaint air do cho-chreutair, cha ’n eil thu faotainn t’ earrais le bhi creachadh no deanamh fòirneart air neach eile. Tha do theachd-an-tir a’ tighinn o nàdar. Tha thu ’g ithe t’ arain am fallus do ghnùise fein. Tha do shaothair air a deanamh torach le uisge, gaoth is grian nan speur, nithean nach eil air an àicheadh do neach sam bith, ach a tha sileadh ’s a séideadh ’s a’ dearrsadh do na h-uile. Cha ’n eil cogais an fhir a tha o là gu là a’ gleachd ri nàdar cho buailteach air a bhi fàs maol ’s a tha cogais an fhir a tha gach latha ’gleachd ri cho-chreutair. Mar sin tha na tuathanaich anns gach dùthaich am measg an t-sluaigh a’s onaraiche ’s a’s earbsaiche a tha ri ’m faotainn. Cha chomharradh gliocais air duine bhi deanamh tàire air tuathanachas.
’S FADA ’n ceum a tha Gàidheil na h-Eirinn air toiseach air Gàidheil na h-Alba ann an cumail suas an cainnt dhùthchasaich. Tha iadsan ag obair gu dichiollach, am feadh ’s a tha sinne bruidhinn ’s a’ deanamh òraidean. Tha iad a’ cur a mach leabhraichean is phaipeirean do shean is òg. Tha Irisleabhar na Gaedhilge, leabhar miosail, air a chur a mach ann an uidheam gasda, gun ach gann facal Beurl’ ann, sgeulachdan, eachdraidh is òrain air an deanamh na ’s fior thaitniche le dealbhan is ceòl a bhi na ’n cois. Tha An Claidheamh Soluis air a chur a mach uair ’san t-seachduin, ’s air a lionadh le naidheachdan is sgriobhaidhean eile, a mhor chuid dhiu an Gàilig. Tha bharrachd orra so leabhraichean sgeòil is òrain, leabhraichean-sgoile, leabhraichean-dhealbh do ’n chloinn bhig air an cur a mach ’sa chainnt dhùthchasaich, air chor ’s gu bheil i a’ sior fhàs na ’s measaile aig an t-sluagh uile. Tha so uile a’ nochdadh na dh’ fhaodas daoine dheanamh nuair tha iad a cheart da-rireadh.
ACH tha aon ni gu mor am fàbhar na Gàilig Eirionnaich: ceannaichidh an sluagh na paipeirean ’s na leabhraichean nuair thig iad a mach. Cha ’n ionnan sin do na Gàidheil Albannach. “An ceannaich thu ‘Filidh na Coille? ’” chaidh fheòrach de dhuine bha ’g amharc air leabhraichean Gàilig an là roimhe. “O cha cheannaich; tha aon dhiu aig nàbaidh dhomh, ’s cha ruig mise leas fhaighinn.” Chaidh a cheist a chur ri fear eile an gabhadh e bliadhna de MHAC-TALLA. “Ghabhadh,” ars esan, “na ’m faighinn e uair ’san t-seachduin.” “An robh thu ga ’ghabhail nuair bhatar ga chur a mach uair ’san t-seachduin?” “Cha robh, ach bha mi ga ’fhaicinn aig feadhainn eile. Tha e cho beag co-dhiu. Seall fhein na paipeirean mora gheibh thu á Montreal ’s á Boston air an aon phrìs ris!” Nach fior an seanfhacal, “Is iomadh leisgeul a th’ aig an earrach air bhi fuar o nach dual dha bhi blàth.”
CHA ’n eil rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa ’deanamh air-son stad a chur air fòirneart na Tuirce ann am Macedonia ach a’ toirt chomhairlean air an t-Sultan. Agus o ’n tha fhios aig an t-slaightire sin nach dàna leotha dhol ga ’éigneachadh air eagal aimhreit a thogail eatorra féin, cha chuir an cuid chomhairlean iomguin sam bith air. “Comhairle gun a h-iarraidh cha d’ fhuair i riamh am meas bu chòir dhi.”
THA fear De Armond, á Missouri, aig am bheil àite-suidhe am pàrlamaid nan Staidean, a’ cur roimhe feuchainn ri chur mar fhiachaibh air an Riaghladair Roosevelt fhaighinn a mach o Bhreatuinn ciod a phrìs a bhiodh i ’g iarraidh air Canada. Mur bi i toileach Canada a reic gu h-iomlan, bidh De Armond riaraichte le pàirt dhi. Tha na Stàidean fhein a’ fàs ro bheag air-son an t-sluaigh a chòmhnaidh innte, agus tha esan a’ meas gur h-e ’n aon dòigh a’s fhearr d’a dhùthaich air a criochan a mheudachadh seilbh fhaotainn air Canada. Tha e doirbh a radh ciod a tha cearr air fear na bòilich so, dìth na céille no dearg aineolas.
Tha fathunn a’ dol mu’n cuairt gu bheil Morair Minto ’dol a dh’ fhagail Chanada deireadh an fhoghair s’a tighinn ged nach eil ùine suas gu bliadhna ’n deigh sin. Tha ’m fathunn ceudna ’g radh gu bheil dreuchd na h-àrd-riaghladaireachd ri bhi air a thoirt do ’n Mhorair Stanley, mac do’n mhorair de’n ainm cheudna bha na àrd-riaghladair air Canada roimhe. Faodar a radh nach eil Morair Minto cho measail ’sa bha mhor chuid dhiusan a lion an dreuchd roimhe. Bha e daonnan a’ nochdadh beag suim de bharailean ’s de chleachdaidhean an t-sluaigh, ach a’ deanamh sin a chitheadh e-fein iomchuidh.
Air an t-seachdain s’a chaidh chaochail Aeneas Camaran a bha o chionn fhichead bliadhna na cheann air àrd-sgoil baile Yarmouth, N. S. Fhuaireadh marbh e ann an leabhragan na sgoile. Bha e mu leth-cheud bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann am Pictou. Bha e aon uair a’ cumail sgoile ann an Sidni, agus o chionn àireamh bliadhnachan bha e air a mheas mar aon de’n luchd-teagaisg a b’ fhearr a bha ’n Nobha Scotia.
Bha teine millteach ann am baile Halifacs feasgar Di-sathuirne s’a chaidh. Thòisich e ann an togalach Mhoir, am fuineadair, beagan an deigh sia uairean, agus a bharrachd air an togalach sin bha dha no tri eile air a losgadh. Tha an call air a mheas eadar a dha is tri cheud mile dolair.
Tha Mr. Chamberlain an deigh a chuairt do Africa mu dheas a thoirt gu crìch, ’s tha e nis air a thurus dhachaidh. Cha ’n eil e gle dhòchasach a thaobh aonaidh an da shluaigh anns an duthaich sin. Tha e ’g radh gu bheil naimhdeas mor eatorra, nach teirig fhad ’s a bhios ginealach an latha ’n diugh beò.
Chaidh duin’ òg, Iain Merrit, a mharbhadh am méinn ghuail Phort Hood air an 21mh latha dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha e air a bhualadh le sreath de chàraichean a chaidh bhar an rathaid air an robh iad a ruith. B’ aon mhac bantraich e, ’s cha robh fear-cuideachaidh aice ach e-fein. Bha e fo dheagh chliù agus measail aig na h-uile.
Thatar ag radh gu’n do thairg Andra Carnegie tri cheud ’s tri fichead mile dolair ( $360 ,000) do Bhenesuela air-son an ainbheach a bh’ aig Breatunn oirre a phàidheadh. Cha’n fhacas iomchuidh an tairgse ghabhail: cha ’n eil feum air aig an àm so.
Ann am aon de na Staidean, Delaware, tha lagh ùr air a dheanamh a’ cur sgiùrsaidh mar pheanas air duine bheir seachad no ghabhas brìb Tha sin air a dheanamh a chionn gu bheilear a meas gur h-iad luchd nam brìb naimhdean a’s miosa tha aig an duthaich.
Tha cléireach Frangach a bha ’g obair fo ’n àrd-riaghladh an Ottawa anns a’ phriosan air amharus gu’n do ghoid e tri fichead is deich mile dolair dhe ’n airgiod a bha e laimhseachadh.
An Righ agus a’ Ghaidhlig.
Cha ’n ’eil fios aig mòran dhaoine gun tug an Rìgh, ’nuair a bha e ’n a ghille òg, greis air ionnsachadh na Gàidhlig. B’ e an t-oid’ -oilean a bh’ aige Mr Dòmhnull Mac Phàidean nach maireann, a rugadh agus a thogadh ann an Aird ghobhar, agus a bha, a rithisd, ’n a mhinisteir sgìreachd ann an Lagan. ’S e deagh sgoilear Gàidhlig a bh’ ann am Mr Mac Phàidean, mar a tha fios againn bho leabhraichean beaga, snasail a chur e a’ mach. A thaobh ciamar a thàinig am Prionnsa— ’chionn gun teagamh ’s e sin a bh’ ann ’san àm—air aghaidh leis an t-seann chànain cha ’n ’eil foirbhis chinnteach sam bith againn. Tha naigheachd éibhinn air a h-ìnnseadh mu dhéighinn mar a chuir e fhéin agus Mac Phàidean a’ mach air a chéile aon latha gu dubh, dona. Dh’ éirich connsachadh beag air chor-éiginn eatorra, agus dh’ fhalbh am Prionnsa agus thoisich e air teubaidean a thoirt air an fhear eile—teubaidean a bha toirt tàir dha mar Ghàidheal. Bha fuil uaibhreach iomadh laoch treubach a’ ruith gu bras ann an cuislean Mhic Phàidean, agus cha ’n fhuilingeadh e eadhoin do oighre dligheach a’ Chrùin cainnt a bha deanamh dì-meas air an tìr ’g am buineadh e no air an t-sluagh chòir, cheanalta a bha ’n còmhnuidh innte. Thog e a làmh agus bhuail e am Prionnsa le buille glé throm ann an clàr an aodainn. Chuala a’ Bhàn-righinn gu grad mar a thachair, agus chaidh an dà òganach a thoirt air a beulthaobh. Dh’ fhiosraich i gu geur timchioll air an iorghuill, agus rinn i ’mach gur ’h-ann aig a mac fhéin a bha a’ choire. Thuirt i ris a’ Ghàidheal nach robh iongantas idir oirre air son mar a rinn e, agus chronaich i gu searbh am Prionnsa ’chionn a leithid de dhroch nàdur a nochdadh ’s gun glaoidheadh e ainmean mì-mhodhail ri duine sam bith. —An t-Obanach.
Di-luain s’a chaidh, sheas mu thri ceud Eadailteach aig an obair-iaruinn a mach o’n obair. Chaidh àireamh dhiu a gheard nan geatachan a chumail fheadhain eile o dhol a dh’ obair, agus nuair chuireadh maoir a’ bhaile g’ am bacail thòisich iad ri cur na’n aghaidh. An ùine ghoirid co-dhiu, thug iad géill, agus uaithe sin thugadh bàirlinn dhaibh an obair agus taighean na cuideachd fhàgail. Bha na h-Eadailtich ag radh gu’n robhas ag ìsleachadh an tuarasdail, ni a tha ceannardan na cuideachd ag àicheadh.
Bha stoirm mhor air gach taobh dhe ’n chuan Atlantach Di-sathairne s’a chaidh. Bha moran shoithichean air an tilgeadh air tir anns na h-Eileinean Breatunnach, ’s bha call mor air a dheanamh. Air an taobh so ged bha ’n stoirm na b’ aotruime na bha i thall, bha i trom gu leor. Ann an Sidni Tuath bha ceidhe cuideachd an iaruinn air a chur na spealgan. Chosd an ceidhe so fichead mile dolair, agus cuiridh a bhi as aonais call mor air a chuideachd.
Tha sgeul air innse air duine shuidh uair aig bruaich aibhne ag radh ris fein:— “Ma leanas an t-uisge air ruith mar so cha’n fhada gus an traoigh an abhainn ’s theid agam air coiseachd thairis air mo chasan tiorma.” Ach an deigh dha feitheamh moran laithean, bha ’n abhainn cho domhain ’s cho bras ’s a bha i nuair thainig e ga h-ionnsaidh an toiseach. Cha bhi e ’m feasda na ’s fhurasda ceum ceart a ghabhail na tha e aig an àm a tha làthair.
Aig bruach aibhne ann an Eirinn tha clach mhor air am bheil an sgriobhadh a leanas mar rabhadh do mhuinntir a bhios a’ gabhail an rathaid:— “Nuair bhios a’ chlach so á sealladh, cha bhi e sàbhailte feuchainn ris an abhainn a ghrunnachadh.”
Tha ’n litir-ghaoil a’s sine th’ air an t-saoghal ri faicin anns an Tigh-neònachais Bhreatunnach(British Museum, )litir a chaidh a sgriobhadh o chionn tri mile ’s coig ceud bliadhna ag iarraidh Ban-phrionnsa Eiphiteach ri pòsadh. Tha ’n litir air a sgriobhadh air claich-chreadha.
[Vol . 11. No. 18. p. 3]
A’ GHAIDHLIG.
RINN mi iomradh ann an litir a sgriobh mi cheana air an Ollamh eireachdail, ghasda, Tormoid Mac Leòid, agus air na gniomharan agus na h-euchdan a rinn e le dealas mor agus le buaidhean neartmhor inntinn air sgàth nan Gàidheal agus na Gàidhlig. Cha ’n ’eil an diugh ann an cearna air bith de ’n t-saoghal Gàidheal, ma tha eòlas aige air eachdraidh agus air dìlsead Mhic Leòid, nach ’eil measail air Tormoid Mac Leòid, agus nach ’eil taingeil airson gach oidheirp a rinn e le gaisge mhor agus iongantach os leth nan Gàidheal agus an Cànain. Tha na seana Ghàidheil aig an tigh agus thairis min-eòlach air Leabhar nan Cnoc. Tha Tormoid Mac Leòid a’ sgriobhadh air an dòigh so: “O chionn shè bliadhna, dh’ ullaich mi Comh-chruinneachadh Gàidhealach, air iarrtas Comuinn Ard-Sheanaidh Eaglais na h-Alba, airson nan Sgoilean a shuidhich iad air feadh na Gàidhealtachd. Thaitinn an leabhar beag sin ri m’ luchd-dùthcha. Ghabh e reic co ealamh ’s nach ’eil a h-aon deth a nis r’a fhaotainn. Dh’ fhiosraich mi gu robh déigh mhòr aca air an leabhar sin, no air leabhar eile de ’n t-seòrsa; agus chum an t-iarrtas so a choinneachadh, dh’ ullaich mi an leabhar ùr so. Air an àm, tha dòchas againn mar a shuidheas fear-cuairteachaidh nam beann, buachaille nan caorach, no banarach a’ chruidh, ann am fasgadh an tuim, ri cùl gaoithe ’s ri eudann gréine, gum faigh iad càileiginn de thoileachas-inntinn agus de leas o Leabhar nan Cnoc.”
Nochd an t-Ollamh Mac Leòid gliocas agus dichioll sònruichte ann an uidheamachadh Leabhar nan Cnoc. Fhuair e còmhnadh bho sgoilearan Gàidhlig eile, ’s shoirbhich leis anns an leabhar a chur an òrdugh a bha ’na bheannachadh prìseil do na Gàidheil a bhuineadh do ’n ghinealach a chaidh seachad, agus a tha ’na bheannachadh mor do na Gàidheil a tha ’nis a làthair thall no bhos air feadh an t-saoghail gu léir. Dh’ fhàs Leabhar nan Cnoc a nis fuasach gann. Bha e fior-dhuilich àireamh de ’n Leabhar ùr-labhrach so fhaicinn no fhaotainn, gus an deach a chur an clò as ùr o chionn choig bliadhna. Tha Leabhar nan Cnoc làn de leughadh grinn, bòidheach, ceanalta, ’s de smuaintean àrda, glic, geamhnuidh agus diadhaidh. Anns gach ni a sgriobh an t-Ollamh Mac Leòid riamh, bha e dìleas do gach ni ’tha ceart, ’us freagarrach ’us suairc ’us measarra, ’s air taobh maith ’us sonais ’us gach deadh bheus ’us gnàthachaidh.
Is ann an 1829 a thàinig a’ cheud àireamh de ’n Teachdaire Ghàidhealach a mach. Bha cùram sgìreachd mhor air an Ollamh Mac Leòid aig an àm so. Gidheadh, ghabh e ùine maille ri ministeirean Gàidhealach ealanta eile air an Teachdaire Ghàidhealach a chur ann an uidheam agus a chur a mach airson maith mor a dheanamh agus fiosrachadh farsuing, fial, feumail a thabhairt do na Gàidheil. Air beachdan ’s àbhaistean gach inbhe àrd ’us iosal, bochd ’us beartach, eolach ’us aineolach am measg nan Gàidheal, bha ’n Ollamh Mac Leòid min-eolach agus fiosrach. Tha e ’g ràdh anns a’ cheud àireamh “gu bheil an leabhar ùr so, an Teachdaire Gàidhealach, a nis air a chur a mach, cha ’n ann fo ainm no fo sgéith moraire no àrd-thriath dùthcha, ach fo thearmunn agus cùl-taic gach fior Ghàidheil, anns gach cearna de ’n t-saoghal anns am faighear iad.” ’Nuair a ràinig an Teachdaire a’ Ghàidhealtachd air tùs bha moran connsachaidh am measg nan Gàidheal mu ’dheibhinn. Tha Eoghan Brocair ag radh: “Ciod e nach tig á Glascho. Is ann orra tha ’m bàinidh mu ’n Ghàidhealtachd an tràsa, le càirdeas m’ an sgoilean ’s m’ an leughadh. Agus ma ’s aithne dhuit co iad, leig fios d’ an ionnsuidh, ma thòisicheas iad air smàdadh Thearlaich ’s na dh’ éirich leis, nach ruig iad leas tighinn an taobh so le ’n teachdaireachd.” An deigh do ’n Bhrocair eòlas fhaotainn mu ’n Teachdaire thubhairt e: “Gabhaidh mi e le m’ uile chridhe, ’s is e dùrachd m’ anama gu ’n soirbhicheadh leò-san a tha ’g a chur a mach.” Cha robh riamh anns a’ Ghàidhealtachd Ministeir eile ’bha co comasach agus co dichiollach agus co dùrachdach ris an Ollamh Mac Leòid. Thachair e air àm éiginn ris an Ridire Raibeart Peel, an duin’ -uasal eireachdail, agus thubhairt an duine foghainteach so nach do thachair riamh air neach a bu mhodha gliocais ’us àilleachd na ’n Ollamh Mac Leòid.
Bha atharrachadh mor a tighinn air àbhaistean Bhreatuinn am feadh a bha ’n Teachdaire Gàidhealach a’ falbh air feadh nam beann ’us nan srathan agus na còmhnardan anns a’ Ghàidhealtachd. Is maith a fhuaradh Mac Leòid ann an eòlas a thabhairt seachad mu na beannachdan mora ’bha gu cinnteach a’ leantuinn bho na laghannan ùra ’thainig a mach. Thainig prìs nan litrichean a nuas, agus bha gach neach toilichte gu d’ thainig a leithid so mu ’n cuairt. Tha Calum Posta a’ gearain gu cruaidh, goirt gu bheil ultach trom aige r’a ghiùlan a nis. “Miss Christiana Mac O’ Shenag, Old Wife’s Point, Mull.Ubh! ubh! ubh! co i so? Rudha na Caillich! Old Wife’s Point.Mo chreach, mo chreach! C’àit’ an stad so? Cuiridh mi geall gur e bodach na brigise cainbe ’bha ’g iasgach nan crùban ’s nan giomach airson an t-Sasunnaich mhòir ’s a’ Chaisteal, a dh’ fhàg a chléibh ’s a lìn ann an tigh Chairistìona.” Tha Calum Posta fuasach measail air a’ Bhàn-righ, agus air an aobhar sin, tha e iomaguineach mu ’deibhinn: “Ma tha ’h-uile comhairl’ eile ’tha iad a’ toirt do ’n Bhàn-righinn cosmhuil rithe so, cha seas ise no iadsan fada; bithidh iad cho briste ri long mhòr an iaruinn, no ri marsant’ a’ ghuirmein.”
Bha na Gàidheil ann an làithean an Teachdaire Ghàidhealaich, mar a tha iad ann an làithean MHIC-TALLA an diugh, anabarrach cùramach air an airgiod, agus mar so bha trioblaid mhor ann a bhi ’pàigheadh gach cunntais airson clo-bhualadh an Teachdaire. Cha robh na Gàidheil bhiogarra, bhochd tearc anns na làithean ud, a bha deònach air làn soithich smùide de chomhairlean truagha ’thoirt seachad, ged nach tugadh iad aon sgilinn Shasunnach a phàigheadh airson an Teachdaire. Rainig an Teachdaire an dara bliadhna de ’bheatha, do bhrìgh gu robh an t-Ollamh gaisgeil Mac Leòid agus na Gàidheil bhlàth-chridheach, urramach a rinn còmhnadh leis, foghainteach agus iarrtuiseach air math mor a dheanamh do na Gàidheil aig an tigh agus thairis. Thainig crìoch, mo thruaighe, air treoir ’us faoilidheachd an Teachdaire Ghàidhealaich. Tha Tormoid a’ sgriobhadh air an dòigh so: “Ged tha ’n t-seann bhìrlinn air a tarruing gu tìr car tamuill, is ann chum a calcadh, tha dòchas agam, ’s cha ’n ann chum a toirt as a chéile. Cha bhi i fada dol ’na h-uidheam. Cha mhò ’bhios dìth lamhan chum a cur gu sàile an latha ’thuigear gu ’m bi feum oirre.” Cha tàinig an Teachdaire Gàidhealach gu bràth tuille ’mach fo thearmunn a’ Ghàidheil urramaich, eudmhoir, uasail, neo-fhéineil, àrd-inntinneach, Tormoid Mac Leòid, Caraid nan Gàidheal, —an t-ainm taingeil, bòidheach, onorach a tha Gàidheil thall ’s a bhos, ann an tìrean céin ’us dlùth-laimh, a nis le cridheachan togarrach, teòma, tlàth, a’ buileachadh air. CONA.
Is ann fhad ’s a bhios an t-slat maoth is fhasa ’lùbadh.
TURUS DO ’N EADAILTE AN 1874.
II.
BHO mhullach a’ bhealach, far an d’ rinn sinn tamh an la roimhe, gu ’bhonn air taobh na h-Eadailte, cha robh sinn ach goirid ris an tearnadh an coimeas ris an dìreadh. Ma bha ’n sealladh breagha air an dìreadh, cha ’n ann ’s an téarnadh bu mhios’ e. Tha ’n t-àite is iongantaiche de ’n t-slighe uile air an taobh Eadailteach, far am bheil an rathad a’ dol, fad dà mhìle, eadar chreagan, a’ ruigheachd bho 1500 gu 2000 troidh air àirde, agus cho dlùth air a chéile ’s gu ’n saoil thu h-uile tiotan gu ’m beil iad a’ brath coinneachadh, agus an rathad a dhùnadh. Is e ainm an àite so Bealach Ghondo. Beagan na ’s fhaide air aghart, tha na creagan, ’s na beanntan, ’s an sneachd, air am fàgail air chùl, ’s cha ’n ’eil feum air leabhar-iùil a dh-innse dhut gu ’m beil thu ann an tìr ùir, cho eadar-dhealaichte bho ’n duthaich a dh’ fhàg thu ’s a mhaduinn, ’s a tha Tuath a’s Deas. Tha thu nis an tìr na gréine, tìr na maise agus a’ chiùil, sean dachaidh fir-riaghlaidh an domhain, màthair Chésair mhóir a’s Bhirgill mhilis, Dhante òirdheirc a’s Raphaeil gun choimeas, Cholumbuis éuchdaich a’s Ghalileo nan rionnag; tìr a rug, ’n ar làithean fhein Cabhùr foghainteach, Madsini, am fear deireannach de na Romanaich, agus esan tha fhathast a làthair, fear nan gnìomh, gun char, gun ghò, sàr ghaisgeach nam buadh, —Garibaldi! Cha ’n ìoghnadh Eadailteach uaill a dheanamh ann an dùthaich a tha comasach fhathast air a leithid de fhir a ghintinn a’s àrach. Cha b’ ioghnadh e ghleachd, eadhon gu bàs, air son a saoirsinn, agus iolach aoibhneis a thogail an là a dh’ éirich i ’n a neart ’s a bhris i cuibhreach a luchd-sàrachaidh! Ach, mo thruaighe! ’s math a thig dha an osnadh throm air son nan ioma olc ’tha fhathast a’ creachadh a dhùthcha àluinn, ’s a’ lionadh a càirdean le amharus a’s eagal.
An ceud sealladh a fhuair mi air an raon fharsuing, tharbhach, bha ’n a laidhe shìos bhuainn, air a chuairteachadh le beanntan àghmhor, air ’uisgeachadh le aimhnichean lionmhor, ’n a làn chulaidh le fionain a’s crainn-ola, ag gàireachdaich ’s a’ ghréin le tighean ’s le bailtean bòidheach, chunna mi nach robh guth bréige anns na leugh ’s anns na chuala mi mu àilleachd na h-Eadailte. Ann an aon ni chaidh an fhirinn os cionn mo smaointean. Bha fhios agam gu ’n robh beanntan a’s cnuic ’s an Eadailt, bho cheann gu ceann, ach cha robh dùil agam gu ’n robh iad cho lìonmhor agus cho follaiseach bho ’n a h-uile cèarna de ’n tìr. Is airidh i air “tìr nam beann” mar ainm a cheart cho fìrinneach ri “tìr nam speur gorm.” Air son soilleireachd a’s truimead nan dath anns an iarmailt, agus air aghaidh na mara, feumar am faicinn gu ’n creidsinn. Ach a dh-aindeoin sin, gus an fhìrinn aideachadh, breagha ’s ge bheil speuran gorma na h-Eadailte, bha ionndrain nach bu bheag agam, agus sin gu tric, air neòil sgiamhach fhionnar, ’s air ceathach glas drùighteach ar tire gaolaich ceòthaich fhein.
Thuinich sinn dà latha ann am Milan, an treas baile ’s mò ’s an Eadailte. De sheallaidhean a’ bhaile so, ’s e an t-ioghnadh is mo an Ard-eaglais no a’ Chathair-Easbuig. Cha ’n ’eil a leithid air an t saoghal. Tha i air a togail gu h-uile de mharmor geal, air a shnaidheadh air dhòigh cho snasmhor, grinn, ’s gur h-ann a chuireas e ’n cuimhne do dhuine, na h-oibrichean iongantach de dhéud-chnaimh a chitear a’ tighinn á China. Ceithir thimchioll nam ballaichean, bho bhonn gu mullach, tha leithid de lìonmhoireachd ìomhaighean air an snaidheadh mar an ceudna de mharmor, ’s gu ’m foghnadh iad, mar a thuirt fear
[Vol . 11. No. 18. p. 4]
roimhe so, air son luchd àiteachaidh do bhaile cuimseach, na ’n tigeadh iad beo cearta còmhluath. Tha iad ag ràdh gu ’m beil 4500 dhiubh ann mar thà, ’s thathas a h-uile bliadhna ’cur feadhnach ùra ris an àireamh. Ach a dh-aindeoin an lìonmhoiread, tha ’n t-aitreamh cho mor, agus a h-uile roinn d’e cho cuimir, ’s gur gann a chreideas tu gu ’m bheil urad ann diubh. Bho mhullach na h-eaglais, a rithist, chi thu ’g eirigh, mar gu ’m b’ eadh coille de bhinneinean ’s de spiricean dealrach, maiseach, agus air bàrr gach binnein, ìomhaigh, uile dé ’n aon chloich ghil, eireachdail. An uair a theid thu stigh air dorus an teampuill ghreadhnaich so, tha e mar dhol thairis gu saoghal eile, bho sholus ’s bho ghleadhraich na sràide gu samhchair is dubhar an fheasgair. Ge b’ i Eaglais do ’m buin thu, cha ’n urrainn nach fhairich thu, ’s tu ’coimhead troimh na sreathan fad’ ud de charraighean arda, dh’ ionnsaidh nan uinneag de ghloine-dhathte, troimh am beil an solus a’ téarnadh gu sèamh air an àrd-altair, “Cia uamhasach an t-ionad so!”
Cha ’n ’eil ùine agam air a bheag tuilleadh innse mu chulaidh-ioghnaidh na h-eaglaise so, ach cha ’n urrainn domh ’s an dol seachad, gun ainmeachadh air an dà charragh de mharmor dearg a th’ air gach taobh de ’n dorus mhor, mar a theid thu stigh. Thathas ag radh gur h-iad sin na clachan-snaidhte is mò a th’ air aghaidh an talmhainn. Tha iad 80 troidh air àirde ’s gach te dhiubh de ’n aon chloich shlàin.
Tha sealladh eile anns a’ bhaile so a tha ro ainmeil, dealbh na Suipeir-Deireannaich, air a tharrainn air balla seòmair ’s am b’ àbhaist do mhanaich a bhi gabhail am bìdh. Tha còrr a’s trì cheud bliadhna bho ’n a rinneadh an obair urramach so leis an dealbhadair chliùiteach Leonardo da Vinci. Tha e air a mhilleadh gu dona le àitidheachd an t-seòmair, trid dearmad maslach na feadhnach do ’m bu chòir a ghleidheadh mar ubhal an sùla; ach tha làthair fhathast na tha dearbhadh nach mearachd an t-urram a fhuair e bho chionn fhada mar aon de phriomh oibre ealaidh an t-saoghail. Air mo shon fhein d’e, cha ’n fhaca mi dealbh fhathast a dhùisg a leithid de smaointean annam.
A measg mòran de sheallaidhean comharraichte anns a’ bhaile so, cha ’n fhaod mi gun aithris air a h-aon eile, agus ’s e sin a h-aon de na sgrìobhaidhean Gàilig is sine th’ air bhrath, a chaidh a sgrìobhadh ceudan de bhliadhnaichean mu ’n robh a’ Bheurla air a breith! Tha ’n leabhar prìseil anns an d’ fhuaradh an sgrìobhadh so, anns an Leabhar-lann a tha ainmichte air Naomh Ambros, a bha ’n a easbuig bho shean ann am Milan. A réir barail dhaoin’ eòlaich, rinneadh an sgrìobhadh le Columban, fear de dheisciobuil Chaluim-chille, agus le sin tha e còrr a’s dà-cheud-deug bliadhna dh’ aois. A dh-aindeoin sin, agus mar dhearbhadh air cho beag ’s a thàinig de atharrachadh air cainnt ar sinnsear re ùine cho fada, rinn mi fhein a mach beagan fhocal de’n t-seann sgrìobhadh ud, agus thug e faireachadh neònach dhomh, mar gu ’m bithinn ag cluinntinn guth an duine urramaich a sgrìobh iad, a’ tighinn gu m’ ionnsaidh thair aigeal an dà-cheud-deug bliadhna! Bha mi dà latha eile ann am Florens, am baile ’s breagha chunnaic mi fhathast ach Dunéideann caomh. Mar thubhairt muinntir Steòrnabhaigh mu ’m baile fhein, cha b’ iongantach an righ fhein a thighinn a ghabhail comhnuidh ann! Tha fios gu’n d’ thainig righ na h-Eadailte a ghabhail comhnuidh ann am Florens, agus gur h-ann a bha chaithir-rioghail, gus ’na ghluaiseadh i gu ruig an Roimh. Chunnaic mi nise le chéile iad, agus ’s éudar dhomh aideachadh gur h-e Florens is annsa leam na an Ròimh, air son seallaidh agus taitnis. A leithid de shealladh de dh-aitreibh ghreadhnach, agus de dhealbhannan luachmhor ’s a th’ anns a’ bhaile ud, cha ’n fhaca mi riamh. Tha dà luthchairt mhor ann, faisg air a cheile, ampalazzo degli Uffiziaguspalazzo pitti,cho làn ’s a ghabhas iad de dhealbhan ’s de ìomhaighean a tha do-labhairt ann an luach. Is math an obair-latha dol gu h-aidheiseach bho sheomar gu seòmar de ’n da lùthchairt ud, gun mhòran ùine chaitheamh anns gach seòmar. Gun tighinn air na dealbhan, ’s cha’n ’eil an leithid, araon ’an àireamh agus ’an luach, ’an aitreibh eile air an t-saoghal, mur h- ’eil an Dresden, cha bheag an sealladh na bùird (ma ’s a ceart an t-ainm) a th’ anns a h-uile seòmar a th’ ann, air an deanamh de chlachan buadhach, air air t-seòl oibre ris an canarmosaic .Tha dealbhan dhaoine, a’s ainmhidhean, a’s lusan, ’s gach seòrsa ni, air an deanamh le mirean de chlachan priseil de gach dath, geal a’s dubh, dearg a’s gorm, buidh a’s uaine, air an cur ri chéile air dhòigh cho snasail ’s gu’n saoileadh tu nach ’eil ann ach an t-aon chlàr, ged is dòcha gu’m bheil miltean de bhloighean beaga air an cur mar sud ri ’chéile. Tha ’n obair so cho saoithreachail ’s gu ’bheil buird ann de ’n t-seòrsa so air an robh daoine ’g obair fad am beatha. ’S fhurasda smaoineachadh, ’d e luach a leithid sin de bhòrd. Is aithne dhomh fhein duin’ uasal aig am bheil fear dhiubh air an d’ thug e 1500 Punnd Sasunnach. Ach tha mi ’creidsinn gu bheil buird anns na luthchairtean Florentach ud is fhiach a shia urad sin.
Cha ’n urrainn dhomh, a measg nan iomadh oibre ealantais ainmeil a tha ’n sud, oidheirp a dheanamh air a chuid is lugha dhiubh ainmeachadh. Cha ’n ’eil an àite air bith eile urad de na dealbhan is taghta le Raphael, agus ’s gann is urrainn do neach ’breith cheart a thabhairt air cumhachd iongantach an duine ud gun am faicinn. Ach tha aon chuspair ioghnaidh a measg chàich a dh’ fhéumar ainmeachadh, agus ’s e sin an iomhaigh iomraiteach dh’ an ainm a Venus de Medici. ’S fhad o chuala ’s a leugh mi gu ’m b’e sud an obair is foirfe de ’n t-seorsa ’chunncas riamh. Bha eagal orm nach coimhlionadh an sealladh mo dhuil, ach cha robh mi air mo mhealladh. Cha ’n ’eil e ’n comas inntinn duine cruth a smaoineachadh na ’s àille, anns a h-uile ball, na ’n iomhaigh ud.
Tha suidheachadh a bhaile so air leth taitneach, aig ceann srath thoraich, còmhdaichte le fion-liosan, crainn-olaidh, agus iomadh seòrsa eile de chraobhan is de lusan bòidheach nach aithne dhuinn ach bho leabhraichean. Air an taobh tuath, a’ sineadh gu h-iar a’s ear, tha cnuic bhòidheach, a’s beanntan air an cùl cho garbh ’s cho lom ’s a tha ’n Alba fhéin; agus troimh an bhaile, air feadh an t-srath, tha amhainn bhreagh an Arno a’ siubhal gu sèimh. Air gach cnoc a’s bruaich timchioll a’ bhaile tha tighean eireachdail, a’s ge b’ e cearn a sheallas tu, cha ’n fhaic thu ach maise ’s taitneas. A measg nan sean aitreamh ainmeil tha tùr Ghalileo fhathasd a suas, anns am b’ àbhaist do ’n reuladair mhòr an oidhche chur seachad, ag coimhead na gealaich agus nan rionnag.
Thachair gu fortanach dhomh fhéin ’s do m’ chompanach-siubhail gu ’n robh againn mar fhear-iùil an t-aon duine bu toigh leinn ’s an Eadailte, fear a mhuinntir na dùthcha, air an robh sinn fada mion-eòlach an Dùneideann, far ’na chuir e seachad fichead bliadhna. Thainig an duine càirdeil sin, Dr. Lemmi, astar-latha g’ ar coinneachadh, bho ’n àite far an robh e fhéin ’s a theaghlach a’ fuireach aig an àm, ri taobh na mara, mu 12 mhile deas bho Libhorno: agus ged a bha a thigh ann am Florens dùinte, b’ éudar fhosgladh agus sinn a chur suas ann fad an dà latha ’s oidhche bha sinn ’s a’ bhaile. Tha ’n dùthaich ainmeil air son pailteas a’s grinneas an anairt, agus fhuair mi dearbhadh air sin a cheud oidhche ’luidh mi ’an tigh mo charaid, dearbhadh, aig an aon àm, air uaisleachd nan daoine. Bha aodach-oidhche an tighe uile air a chur seachad, agus o’n a bha ’n aimsir gle bhlàth, bha sinn uile làn-thoilicht’ an oidhche ’chuir seachad gun chòmhdach ach am brat-leapa. Ach ’n uair a chual a’ bhean-uasal chòir aig bonn na staidhreach, dh’ am buineadh an tigh, (tigh dhe ’n t-seòrsa tha lionmhor an Dùneideann, anns am beil iomadh lobhta, le staidhir chumanta) cia mar a bha, chur i suas pailteas de ’n a h-uile anart a bha dhith. ’S e bh’ ann, ’n uair a chaidh mi ’luidhe fhuair mi braithean-lin air mo leabaidh cho grinn, gun ghuth bréige, ri neapaigin pòca mna-uaisle, agus, gus an coltas a dheanamh na bu riochdaile, air an gréiseadh anns gach beannaig le obair-shnàthaid eireachdail. ’S ann a bha seòrsa nàire orm mo chlosach mhòr mhi-loinneil a chàradh ann an leithid de ghrinneas, a dh’ fhoghnadh do bhan-phrionnsa air oidhch’ a bainnse!
Còmhla ri m’ dheadh charaid, chaidh mi á Florens gu ruig an t-àite dh’ ainmich mi, gu la no dha ’chur seachad ’an comunn a theaghlaich cheanalta. Chunna sinn anns an dol seachad sealladh de ’n ioghnadh ainmeil ud, Tùr Crom Phisa, a tha ’tighinn 14 troidhean thar a ghruaim, ach a sheas a dh-aindeoin sin, còrr a’s 700 bliadhna. Tha suidheachadh baile Phisa gle thaitneach, air bruachan an Arno, agus uaithe tha sealladh breagha de bheanntan Charràra, mu 30 mile air falbh ’s an airde tuath. Eadar Pisa agus Libhorno fhuair mi ’cheud sealladh de ’n Mhuir Mheadhon-thireach. Ged nach robh mi ach ceithir-la-deug gun sàl fhaicinn, rinn mo chridhe léum ris an t-sealladh, ’s chuir mi fàilt oirre mar rinn an deich mile Gréugach bho shean. Cha ’n ’eil àicheadh air gu bheil dath na mara ud na’s doimhne ’s na’s soilleire na tha ri fhaicinn ni ’s fhaide tuath, agus a réir coltais, a bharrachd air soilleireachd anabarrach na h-iarmailt, tha nadur an uisge fhéin ’n a aohbar dha so, oir tha e mòran ni ’s treasa agus ni ’s saillte na sàl a’ chuain. Aig Libhorno (ris an canar gu leibideach ’s a’ Bheurla Leghorn) dh’ fhàg sinn an rathad-iaruinn, agus choinnich gille sinn le carbad éutrom ceithir-chuibhleach, air a tharruing le gearran donn easgaidh, a ghiulain gu h-aigeannach sinn gu crioch ar turuis. Bha an rathad fad an t-siubhail os ceann a’ chladaich, le sealladh breagh a dh’ ionnsuidh na mara, agus nan eileanan gu h-iar a’s deas, —Gorgona, Copraia, Corsica, Sardinia, agus Elba. Cha robh de loingeas ri fhaicinn ach bàtaichean iasgaich, ag itealaich a null ’s a nall, le ’n dà sheol àrd, coltach ri sgiathan eoin. Tha cabhlach dhiu a’ seòladh á Libhorno a h-uile maduinn ’n uair a fhreagras an t-side (cha ’n ’eil iad ro mhisneachail air muir) air tòir an éisg do ’n ainm Beurlamullet ,seòrsa do ’m buin an carbhanach againn fhein. ’S e ’n dòigh iasgaich a th’ aca, lion fada a shlaodadh eadar da bhàta, ’seòladh leis a’ ghaoith.
Bha ’m feasgar a’ tuiteam ’n uair a ràinig sinn tigh mo charaid, ’s a choinnich sinn aig an dorus a dhithis ghillean tapaidh, calma, leth-Albannach, ’s a chéile thlachdmhor, thuigseach, de shliochd fhial Chlann Domhnuill. Mur d’ fhuair mise mo bheatha ’s an fhardaich ud, agus deagh dhiol, ’s eudar gur th’ ann an aisling a thug mi céilidh do m’ charaid Lemmi!
ALASDAIR MAC NEACAIL.
Thoir an tarbh do ’n taigh mhor, is iarraidh e do ’n bhàthaich.
[Vol . 11. No. 18. p. 5]
A’ TILGEADH AN ARAIN AIR AGHAIDH NAN UISGEACHAN.
AON uair eile. Tha culaidh-mhisnich mhòr againn anns a’ ghealladh so, ’chum buanachadh ann an seirc ’s an truacantas— ’chum gnìomharra cathrannais, agus fialaidheachd— ’chum iochd agus gràdh altrum ’n ar cridheachan. Tha cunntas mion, neo-mhearachdach air a chumail ann an leabhar-cuimhne Dhé, air na h-uile nithean a rinneadh riamh, no ’dhùraichdeadh, air son glòir Dhé agus maith a chinne-daonna. Faodaidh an creidmheach fialaidh, gràdhach, a smaointeachadh air uairibh gu ’m bheil e ’tilgeadh air falbh a chaoimhneis, ’s a sheirc, dìreach mar gu ’m b’ eadh, a’ sgapadh an t-sìl-chuir air aghaidh nan uisgeachan; ach tha focal Dhé ag radh, nach tug riamh deoch de dh’ uisge an fhuarain do dh’ aon de dheisciobuil Chriosd, ann an ainm deisciobuil, nach d’ fhuair a dhuais. Cha ’n ’eil dìchioll a rinn an duine maith riamh—cha ’n ’eil gniomh creidmheach, seirceil a rinn e riamh air a dhì-chuimhneachadh le Dia: seadh, cuid de na nithean a dhì-chuimhnich e féin—nithean a bha cho suarach ’s nach b’ urrainn da ’chreidsinn gu ’n gabhadh Dia aire no suim dhiubh, tha iad air an cur sios ann an leabhar cuimhne Dhé. Tha na nithean so prìseil am beachd an Tighearna. Ma ’s ann air son an dilleachdain laig, gun athair, gun mhàthair—a’ bhantrach thruagh—an coigreach brònach—an t-allabanach gun dachaidh, gun leaba—déirceach na lùirich bhochd; ma rinn sinn gniomh gràidh riu so, tha Criosd ’g a chunntas mar gu ’n deanteadh ris féin e: chithear, ged a shaoil sinn gu ’n do thilg sinn ar sìol air aghaidh nan uisgeachan, ’s nach robh e coltach gu ’m faigheamaid a rìs e—chithear gu ’m faigh, air an latha sin air an can am Breitheamh glòrmhor, “Thigibh, a dhaoine beannaichte m’ Athar-sa; a mheud ’s gu ’n do rinn sibh e do aon de na bràithrean a’s lugha agamsa, rinn sibh dhomhsa e.”
Agus ma tha so fior a thaobh caoimhneis aimsireil do ’n choluinn, cia mò gu mor a tha e fior a thaobh caoimhneis agus seirc spioradail do ’n anam? Sin an sìol prìseil de ’n tig na sguaban trom’ a stigh do shaibhlean Dhé! Thugaibh fainear Teachdair’ an t-soisgeil a’ dol a mach gu cearnaibh iomallach an domhain, a chur sìol prìseil na fìrinn am measg nan cinneach borba. Tha e ’dol a mach gu dubhach, deurach, le h-iomaguin ’s le h-eagal, a’ tilgeadh an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, agus fhad ’s a’s urrainn dhàsan léirsinn, cha ’n ’eil cinneas no fàs; ach a dh’ aindeoin so, tha e ’cur, ’s ag àiteach—tha e ’saoithreachadh ann an creidimh, agus ag earbsa cinneis an t-sìl ri Dia— ’n a thràth féin ’s dòcha gu ’m bheil e ’faicinn toradh a shaoithreach, ach ged nach ’eil cha ’n ’eil so a’ cur smuairein air—tha làn chinnt aige, oir thubhairt Dia e, “Cha phill focal Dhé ’theid a mach as a bheul, cha phill e gun tairbhe; ach coi’lionaidh e an ni a’s àill leis-san, agus bheir e gu buil an ni mu ’n do chuir Dia a mach e.”
Sibhse, a cheud luchd-searmonachaidh Chriosd, a sheas riamh air cladach ar dùthcha—sibhse, a dhaoine dùrachdach, eudmhor, a thàinig d’ ar tìr leis an t-sìol luachmhor—a chuir dòrlach sìl air mullach nam beann, ’s ann duibhse ’choi’lionadh an gealladh so gu saoibhir agus gu pailt! Thusa, ’Chaluim Chille nam buadh, a thainig ann ad churach beag, le d’ dha chompanach dheug, a nall á h-Eirinn, gu eilean beag, uaigneach I, ciod a choinnich thu, no ’chunnaic thu ann an Albainn? An tìr uile fo chumhachd nan Druidhean—saobh-chràbhadh cho eagalach, cho uamhasach ’s a b’ urrainn a bhi—an Roinn-Eòrpa ’s gach cearna dhith fo dhaorsa—luchd saobh-chreidimh cho seòlta, chumhachdach, innleachdach, ’s air am bheil eachdraidh a’ toirt duinn cunntais. Am bheil tìr-mor no eilean iomallach anns nach ’eil fhathast Clachan-nan-Druidhneach, na h-altairean air an robh iad a’ tairgseadh ’suas an ìobairtean eagalach do ’n ghréin? Am bheil àite no cearna ’s an tìir anns nach faighear fhathast na cùirn air an robh iad a’ lasadh an teine—Bealltainn? Ma ’s ann an Irt nan eun fionn, tha cnoc agus carn de ’n t-seòrsa so. Cha robh righ no ceann-feadhna—cha robh àrd no iosal, eadar da chloich Bhreatuinn, nach robh aig an Ard-dhruidh fo dhaorsa. Ach thainig Calum Cille ’s a chàirdean—thòisich iad air cur an t-sìl—b’ e sin da rireadh a bhi ’g a thilgeadh air aghaidh nan uisgeachan; ach air Cnoc-nan-aingeal dh’ iarr e còmhnadh Dhé agus fhuair e e. Chuir e ’n siol le deuraibh, ach ’n a latha féin bhuain e le gàirdeachas—chunnaic e creidimh nan Druidhneach air a thilgeadh bun os cionn. Chunnaic e Rìghrean na Roinn-Eòrpa ’gabhail ri Criosd—ag iarraidh an cuirp a chàradh ann an ùir an Eilein naoimh—thog e na ceudan Eaglais ’na latha ’s ’na linn féin—thilg e ’n sìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhoran làithean fhuair e rìs e. A mach á I chaidh soisgeul nan gràs, agus co an diugh a’s urrainn àireamh na mìltean, agus na deich uairean deich mìle anam, a ghineadh uatha-san a bha air an dùsgadh ’s air an ìompachadh trìd an aoin duine so?
Agus mar so, gach searmonaiche ’chaidh a mach air feadh an t-saoghail anns gach linn, a thilgeadh an t-sìl arain air aghaidh nan uisgeachan, cha bhi—gu deimhin, deimhin, cha bhi an saothair an dìomhain.
Ciod a tha thusa ’tha ’g a leughadh so a’ deanamh ’chum sìol prìseil an t-soisgeil a sgapadh air feadh an t-saoghail? Am bheil thu ’g ràdh, “Ciod a’s urrainn domhsa ’dheanamh?” Cha ’n aithne dhomhsa ach ’s aithne do Dhia ciod e uiread ’s a tha thu ’caitheadh ann am faoineis, ann an deoch ’s an rìomhadh, ’s an uaill gun stàth: cuir mu choinneamh so na tha thu ’deanamh, ’s a’ cost airson glòire Dhé agus maith spioradail a’ chinne-daonna, agus gabh nàire? Am bheil thu ’feòraich ciod is urrainn duit a dheanamh—tha thu bochd? Theagamh gu ’m bheil—bha ’bhantrach a thilg an dara h-earrann-deug de ’n sgillinn ’s an ionmhas, bochd, ach chliùthaich Criosd i, oir thug i na bha ’na comas. Mur ’eil airgiod agadsa nach ’eil cridhe agad? nach ’eil teang’ agad? nach ’eil glùn agad? Guidh air Dia—guidh gu dùrachdach air, gu ’n cuireadh esan a mach luchd cur an t-sìl—gu ’n soirbhicheadh e leò, ’s gu ’n greasadh e féin an latha glòrmhor anns am bi a ghealladh féin air a choi’lionadh:—
“Iarr orm ’s mar oighreachd bheir mi dhuit
Na fineacha gu léir;
’S mar sheilbh ro dhileas bheir mi dhuit
Fad iomall crich gach tìr.”
—Caraid nan Gaidheal.
An Cu Mar Chompanach.
Tha cuid de dhaoin’ ann aig am bheil mar chleachdainn a bhi bruidhinn riu féin; no co-dhiù, a bhi ’ceadachadh d’ am bilean rùn dìomhair an cridhe leigeil ris do na feannagan. Tha muinntir eil’ ann do nach ’eil e soirbh an inntinn a chumail fo ghlais, ach an àit a bhi leigeil le gaoth an fhàsaich am barail a chraobh-sgaoileadh, tha iad a’ deanamh cruaidh ghreim air a’ chiad neach a shaoileas iad a bheir éisdeachd dhaibh, ’s a’ taomadh an sgeòil gun bhrìgh ’na chluais, olc air mhath leis e. Cha ’n ’eil mis’, uile gu léir, cho ao-dìonach riu so, ach ’s glé thoigh leam seanachas beag a bhi agam ri m’ chù an dràst ’s a rithist; gu sonruichte, ’nuair a thachaireas dhuinn a bhi leinn fein air leth-taobh bruthaich ’s gun duine ’g ar n-éisdeachd. Is creutair compant’ an duine ’thaobh nàduir, ’s mar sin, tha iarrtas aige air a bhi leigeil ’inntinn r’a chomh-chreutair, gu sonruichte, ri caraid dìleas anns am bi làn-earbs’ aige. Ach tha mi ’m barail nach ’eil e furasda do dhuine caraid a’s dilse no a’s earbsaiche fhaotainn, na ’n cù. Cha toir fuachd no teas, padhadh no acras air a chù a mhaighstir a thréigsinn. ’Nuair bhios tu fo làimh trioblaide, cò a’s mò iomaguin mu d’ dheighinn, nó a’s mò co-fhulangas ri d’ chor na do chù? Cha’n ith e biadh ’s cha’n òl e deoch gus am faic e air do chasan thu. Cha chuir do chù facal a t’ aghaith ged nach bi do chainnt, uile gu lèir, cho cràbhach ’s a dh’ fhaodadh i bhith. ’S ged a thuiteas dhuit, ann ad sheanachas, leum-taoibh a thoirt thar smior na fìrinn, mar a thachaireas dhuinn air uairean, cha ’n e do chù a their riut gur h-olc. Faodaidh e, gun teagamh, car beag a chur ’an cuinnein a shròine mar gu ’m biodh e faotainn fàileadh bragsaidh, ach cha ’n abair e riut, am muigh ’s a mach, gu bheil thu ’dol tuaitheal air steidh a’ ghnothaich. Cha mhò na sin a thig e thairis, ri neach eile, air aon fhacal beag a their thu ris eadaruibh féin; ’s ’nuair a dh’ eireas droch thubaist duit, cha’n abair do chù riut gur ann agad féin a bha ’choire. Cha’n ionann sin ’s do charaid ionmhuinn; thig esan le salann an achmhasain, ’ga shuathadh ann ad chreuchdan cràiteach, gus am b’ fheàrr leat gu ’n do ghabh e seachad air an taobh eile, no gu ’n robh e ’n àite sam bith eile ach far am faigheadh e cothrom air a bhi ’g ad fheannadh ’s ’g ad phìosdaireachd le lann mheirgeach a’ chronachaidh ’s an earalachaidh. Uch! Thoir dhòmhsa cuideachd a choin a roghainn air cuideachd a’ charaid sin.
“ALBANNAICH BHOCHD!”
(Sgeulaiche nan Caol).
O CHIONN còrr agus trì fichead bliadhna, ann an cuid de dh’ eileanan na h-àird an iar Albainn thuit sneachd fuasach trom. Cha robh neach beò aig an àm a chunnaic riamh a leithid, agus bha ’bhliadhna fad air chuimhne, mar “Bhliadhna an t-sneachda mhòir.” Mhùchadh daoine, tighean agus moran chaorach foidhe. Thainig reodhadh cruaidh as a dhéigh, a mhair sia seachdainean; agus fad na h-ùine sin, ’s gann gu ’n robh neach a b’ urrainn sluasaid a thogail ann am moran de na bailtean, nach robh a mach a’ cladhach nan caorach as na cuitheachan; agus bha iad air an treorachadh g’ an ionnsaidh le toll beag a bha anail nan creutairean bochda a’ deanamh troimh ’n t-sneachd os an cionn. Agus ged a bha daoine air chall, cha robh dòigh no seòl air am faotainn, ged a b’ ioma iarraidh a chaidh a dheanamh orra. Ann an aon àite, bha dà bhoirionnach air chall, ’s fhuair iad na cuirp aca crioman beag o chéile ’n uair a dh’ fhalbh an sneachd.
Bha duine còir ann an Gleann-alltain, ris an abradh iad Dùghall Peanseanair; bha Dùghall ann an cogadh na Spàinnt, agus ged nach d’ thainig e as gun leòn, thainig e as le bheatha; thainig e dhachaidh do ’n “Ghleann ’san robh e òg” far an d’ fhuair e bean agus crioman fearainn; thog e teaghlach mòr measail, mic agus nigheanan. Air an oidhche shònraichte ud ann an deireadh na Faoileach-earraich, ’n uair a shil an sneachd— ’s b’e sin an sneachd a bha fad air chuimhne—fhuair Dùghall Peanseanair a chuid treud gu sàbhailt air na buathail; ’s bha e fein agus a theaghlach gu seasgair mu ’n cuairt air teine mòr mòna. Bha ’n teaghlach air fad a stigh, a chionn
[Vol . 11. No. 18. p. 6]
’s e neach as a riaghailt a thogadh a mach air chéilidh ri leithid sud de dh’ oidhche. Bha sopag chòmhlaich aig bonn an doruis a chumail a mach a’ chathaidh. Bha fear an tighe ’na shuidhe air furm beag ann am meadhon cuach shìomain a bha e snìomh gu dìchiollach. Rinn e stad tacan agus dh’ éisd e. “Cha chreid mi,” ars esan, “nach cuala mi buillean fann aig an dorus.” Dh’ fhalbh a nighean agus dh’ fhosgail i e; chunnaic i coslas duine ’na sheasamh a muigh. Tha mi ’g ràdh “coslas duine,” a chionn nach robh e furasda a dheanamh a mach dé bu choslas dha, ’s e cùirnichte le sneachd. Co dhiu, thuirt i, “Thigibh a stigh.” Thainig an duine a stigh ’s dhùin an nighean an dorus gle luath as a dhéigh; ach mu’n d’ thainig an coigreach ni b’ fhaide na ’chatha, thuirt e ann an guth fann bochd, ’s ann an Gàidhlig Eireannaich, “Am faigh mi fuireach an so an nochd?” “Cha’n fhaigh Eireannach fasgadh tighe anns a’ bhaile so,” ars an nighean. “Mo nàire, mo nàire!” arsa Dùghall, ’s e ’g éirigh as a’ chuaich shiomain anns an robh e ’na shuidhe. “Mo nair’ ort fein ’nuair a dh’ abradh tu leithid sin de chainnt ri neach sam bith. Crathaibh dhìbh an sneachd,” ars esan ris a’ choigreach, “agus thigibh a nuas dh’ ionnsaidh a’ bhlàis; ’s na cuireadh briathran na caileig miapadh ’sam bith oirbh; cha robh iad air an ciallachadh air ur son. Tha muinntir a’ bhaile so air bhoile ann an aghaidh choigreach gu léir, o fhoghradh so chaidh, a chionn bha biasdan a chaidh troimh ’n duthaich aig an àm ud, a rinn gnìomh fuasach suarach. Thug boirionnach bochd a tha shuas astar goirid bhuainn cuid na h-oidhche dhoibh, agus ’s e rinn iad eirigh roimh latha agus a h-uile dad a ghabhadh togail a ghoid. Ach tha eagal orm gu’m faod gu’n téid toirt air an neochiontach fulang ann an àite a’ chiontaich.” Theann an duine bochd gu diblidh suas, agus shuidh e air furm taodh an teine. ’S b’e sin an deòiridh truagh, gun choslas biadh no aodach, ’s bu chruaidh an cridhe a dh’ fheumadh a bhi aig an neach nach tugadh cuid na h-oidhche dha. Cha robh de’n aodach air na chumadh oiteag fhuar an fhaoilich o chom bochd fann; agus na rudan a bh’ air a chasan ann an àite bhròg, ’s nach cumadh iad a mach na clachan beaga, gun ghuth air an t-sneachd, euslaint agus cruadal a’ nochdadh ann ’s gach preasadh ’na aodann, —athadh, cha mhor nach faoidteadh a ràdh geilt, anns a h-uile facal a thigeadh as a bheul.
“Tha thu air fuachd co dhiù,” arsa Dùghall; “agus, ma dh’ fhaoidteadh, air acras.” “Fhuair mi biadh anns an Lagan-bhàn,” ars an coigreach. “Anns an Lagan-bhàn,” arsa Dùghall; “tha sin coig mìle-deug as a so—co dhiu, ’s e sin a tha iad ag ràdh ach cha chreid mi na ’m bitheadh e air a thomhas, nach ann is fhaisg’ air an fhichead e.” Ged a bha an nighean doicheallach gu leòir ris an Eireannach, aig an dorus, cha robh i fada cur air dòigh biadh dha, ’n uair a chuala i gur h-ann ’san Lagan-bhàn a fhuair e ’m biadh mu dheireadh. ’Nuair a bha ’n duine réidh d’a bhiadh, thuirt Dùghall, “Co as a thainig thu?” “Thainig mi ’n dràsd as an taobh-thuath; ach ’s ann do dh’ Eirinn a bhuineas mi,” ars an coigreach.
“Tha mi ’m beachd gu’m bheil thu greis mhath an Albainn, a réir do Ghàidhlig,” arsa Dughall. “Tha mi còrr agus da bhliadhn’ ann,” ars an t-Eireannach, “tha mo naidheachd fada, agus tha i muladach gu leòir; dh’ fheuch an saoghal so glé chruaidh rium; ach shaoil mi uair no dhà o’n thàinig am feasgar gu’n cuireadh an oidhche nochd crìoch air a h-uile rud dhiu-sin; agus dheanadh i sin mur bhiodh gu’n d’ eirich dhomh gu’m faca mi solus na h-uinneige agaibhse. Tha mi gun athair gun mhàthair, agus, air son na bheil fhios agam, gun phiuthar, gun bhràthair, gun charaid, gun fhear-daimh air uachdar an t-saoghail; ged is mi an t-aon a b’ òige de choigear de theaghlach, triùir mhac agus dà nighinn.”
Bha Dùghall a’ gabhail beachd shònraichte air an duine, ag amharc air gu dian, agus thuirt e, “Cha ’n eil an oidhche ach òg fhathasd; dh’ fhaodadh tu do naigheachd ìnnseadh dhuinn.”
“Cha ’n fhaca’ mi m’ athair no mo bhràthair bu shine riamh,” ars an coigreach. “Chaochail m’ athair mu ’n d’ thainig cuimhne dhomh, agus dh’ fhalbh mo bhrathair do ’n arm ’n uair a bha mi ’nam leanabh, tha fios agam gu ’n robh an réisimeid anns an robh e aig Waterloo. Cha chuala mi ’n còrr mu dhéighinn. Am brathair eile a bh’ agam” —agus an so thainig reachd ’na mhuineal—
“Chaochail e,” arsa Dùghall.
“Chaidh” —ars an duine bochd, “chaidh a chrochadh.” Sheall a h-uile neach a bha stigh air a chéile, ’s ’n uair a chunnaic Dùghall gu ’n do ghabh an duine miapadh as an dòigh ’sna ghabh muinntir an taighe ris an fhacal mu dheireadh a thuirt e, ’s e thuirt e ris, “S iomadh duine neo-chiontach a chaidh a chrochadh.”
“Ma ta,” ars an coigreach, “tha dùil agus dòchas agam gu ’m b’ ann diubh sin esan. Thachair an gnothach mì-fhortanach ud ’n uair a bha mise seachd-bliadhn’ -deug a dh’ aois, agus bhiodh e fein mu thrì bliadhna-fichead aig an àm. Dh’ fhalbh e fein agus gille òg eile a mach a shealg, air maduinn shònraichte; chaidh iad asdar mòr o’n bhaile agus fada thar crìochan an uachdrain againn fein; thachair buidheann de dh’ fhir eile orra, agus ’s e thuirt iad riutha gu’n robh na maoir a’ tighinn do bhaile bha faisg orra, a chur a mach sia no seachd de theaghlaichean as na taighean aca, agus gu’n robh iadsan a’ dol a chur ’nan aghaidh cho math ’s a b’ urrainn iad. Bha gunnachan aig a’ chuid bu mhotha dhiubh, ’s thug iad air mo bhrathair agus air a chompanach gu ’n d’ fhalbh iad còmhla riutha. Nuair a ràinig iad an t-àite, bha na maoir a’ cur a mach nan daoine, mnathan agus clann air a’ bhlàr a muigh, ’s cuid de na taighean gun sgrath gun chabar.
Thòisich an iorghuill eadar na daoine ’s na maoir; chaidh urchraichean a losgadh air gach taobh; chaidh fear de na maoir a mharbhadh, agus cuid dhiù a leòn; ’s thuit companach mo bhràthar marbh ri thaobh. Ach fhuair na maoir tuillidh còmhnaidh, ’s b’ eudar do na daoine teicheadh. Thilg mo bhràthair bhuaidhe ’n gunna, ach fhuaradh i, agus bha ’n urchair air a losgadh aisde.
Ach thuirt e fein riamh gus na dh’ fhàg e ’n saoghal so, nach do loisg e urchair anns a’ bhaile ud idir, gu ’n do loisg e’n urchair mu dheireadh air geàrr, mu ’n a thachair na daoine idir orra. Ach cha robh a’ gheàrr aige; ’s cha ghabhadh i faodainn mu ’n àite anns an d’ thubhairt esan gu ’n do loisg e ’n urchair; ’s bha h-uile rud a bh’ ann ’na aghaidh-san. Bha am maor a chaidh a mharbhadh ann am meas mor aig an t-sluagh, ged nach eil na maoir ann an cumantas mar sin. Bha ar coimhearsnach féin, athair a ghill’ òig a chaidh a mharbhadh, companach mo bhràthar, fuasach fada an aghaidh mo bhràthar. Theireadh e daonnan nach deachaidh a mhac-san riamh do leithid de dh’ àite mur a biodh e air éigneachadh gu dol ann le neach bu shine na e féin. Gun teagamh, bha mo bhràthair da no trì bhliadhnachan ni bu shine na chompanach. Ach cha d’ fhàg ar coimhearsnach olc a rinn mo bhràthair riamh, agus tha eagal orm, uilc nach d’ rinn e idir, nach d’ àireamh e suas as ùr, rudan a bha glé shuarach annta fein, ach ghabh iad droch dhath aig a’ chuirt. Ach chum mo bhràthair a mach riamh gu ’n robh e neo-chiontach. Fhuaradh cnàmhan geàrr ann an tom faisg air an àite far an d’ thubhairt e gu ’n do loisg e ’n urchair, sia mìosan an déigh dhasan a bhi anns an t-Sìorruidheachd bhuan. Agus dh’ innis an Sagairt do m’ mhathair gu ’n robh a mac neochiontach, rud a bha ’na mhòr thoil-inntinn dhith, a chionn bha ’n smuain gu’m faodadh e bhi ’na mhortair a’ cur barrachd dragh oirre na bha ’bhàs. Bha mo dhà phiuthar pòsda roimhe sud, agus dh’ fhalbh iad fein ’s an teaghlaichean do Chanada. Bha iad fuasach deònach gu’m falbhadh mise leò, ’s bha mi fein glé thoileach sin a dheanamh. Ach cha’n fhàgadh mo mhàthair an dùthaich. Bha mo bhràthair a bh’ anns an arm fad air falbh; ach theireadh mo mhàthair daonnan ’nuair a bhiomaid ’ga comhairleachadh gu falbh do Chanada, theireadh i, “Cha téid, cha téid, thig Iain fhathast, ma dh’ fhaoidteadh ’s e leòinte; ’s dé ni e mur a bi a mhàthair roimhe ann an Eirinn.” Ach ma rainig Iain Eirinn, cha robh a mhàthair roimhe. Agus o nach falbhadh mo mhàthair cha ’n fhàgainn leatha fein i. Dh’ fhuirich mi ’san dùthaich riamh gus na chaochail i. Thainig mi ’n sin do Ghrianaig; bha mi cluinntinn gu robh tuarasdal math aig luchd oibre ann; agus bha mi ’m beachd gu ’n cuirinn ma seach ann an ùine bhig na bheireadh do Chanada mi. Ach ged a bha ’n tuarasdal math, cha robh an obair daonnan ri fhaotainn. Thug mi bliadhnachan ann gun mhòran a chur ma seach; bhrist air mo shlàinte, ’s chosd mi na bh’ agam; ’s an uair a fhuair mi beagan ni b’ fhearr, cha robh an obair ri fhaotainn. Thachair fear dùthcha dhomh orm latha air a’ cheidhe; thàinig sinn ann an seanachas air chéile, is ’s e thuirt e rium, na ’m falbhainn leis do ’n Ghaidhealtachd, far an robh e dol a reic creatha, ’s o ’na bha Ghàidhlig agam, na ’n giùlaininn cliabh air mo dhruim, gu ’n tugadh e dhomh mo bhiadh agus beagan tuarasdail. Ach cha robh e idir cho math ri ghealladh. Cha d’ fhuair mi peighinn de thuarasdal riamh bhuaidhe; agus air son mo bhiadh bha mi ’ga fhaotainn mar a bha e fhéin, o mhuinntir na dùthcha.
Cha robh mi faotainn mo shlàinte gu ro mhath o chionn leth-bhliadhna; agus o nach b’ urrainn mi na h-eallaich a ghiùlan a bu mhath leis a chur air mo dhruim, dh’ fhàg e ’n sud mi gu dol an taobh a thograinn. ’S tha mi deanamh mo rathaid gu deas mar is fearr is urrainn dhomh.”
Nuair a dh’ainmich an coigreach ainm a bhràthar a bh’ anns an arm, stad Dùghall de shnìomh an fhraoich, agus thug e tacan a’ sealltainn air an duine gu dian; ’s an sin thòisich e rithisd, ach cha d’ thainig smid as a cheann gus an robh an duine réidh de naigheachd; agus an sin sheall e air, agus, ars esan—
“An cuireadh e ioghnadh ort na ’n ìnnsinn-sa do shloinneadh dhuit?”
“Cha ’n fhiosrach mi gu’m faca mi riamh roimhe sibh,” ars an duine bochd.
“Tha mi anns a’ bheachd cheudna,” arsa Dùghall. “Ach nach e Mac-a’ -Ghobha is sloinneadh dhuit?”
“ ’S e,” ars an duine, “Seumas Mac-a- Ghobha.” “Cha robh fios agam dé cheud ainm a bh’ ort,” arsa Dùghall, “ach tha mi meallta am bharail neo tha thusa, a dhuine bhochd, an nochd fo sparraibh taighe a thog Iain do bhràthair.”
(Ri leantuinn.)
Tha muinntir Eilean a Phrionnsa air a’ gheamhadh so air an cumail na ’s fhaide o ’n t-saoghal na bha iad o chionn iomadh bliadhna. Tha an Stanley anns an deigh fhathast, ged tha ’m Minto air faotainn aisde ’s a ruith eadar Pictou is Georgetown. Cha bhi ’n ùine fada, co-dhiu, gus am bi ’n deigh as an rathad ’s am faigh na bàtaichean ruith gu riaghailteach.
[Vol . 11. No. 18. p. 7]
Am Bogha-frois.
LE DONNACHADH MAC GILLEAIN.
A chuspair alainn, ghrasmhoir, orbhuidh,
Urrais aird air slaint’ a’s comhnadh,
Biodh t’ fhiamh ghaire ort an comhnuidh,
Seall an gradh orm ri uchd doruinn.
’Nuair a reubas stoirm an t-athar,
’Cur nan dùil’ air mhire-chatha,
’Luidheas oidhch’ air uchd an latha,
Faiceam soillse do ghnùis fhlathail.
Cuir an céill dhomh, ’theachdair’ dhìleis,
Gealladh aoibhneach Dhé na firinn;
Innis dhomh am briathraibh mìne,
Chaoidh nach sgriosar sinn le dìle.
’Nuair chithear thu, a dhrochaid bhoidheach,
Crocht’ os cionn nan tuilte mora,
Seallams’ ort ’s an àm le solas
Mar an ròd gu rioghachd na gloire.
Seallam ort, a choroin sgiamhaich,
Mar roi’ -earlais air Mac Dhia dhuinn,
’Chleith san fheoil ard ghloir a Dhiadhachd,
Ri ’n sior sheallam ri àm diachainn.
’Nuair bha mi ’m leanabh aotrom, gorach,
’Dearc le h-ioghnadh air do bhoidhchead,
Dh’ innse dhomh mar sgeul gun sgleo e,
Na ’n glacainn thu gu’m meallainn storais.
O raon gu raon ’s tric chuir mi ’n ruaig ort,
’S an dochas bhaoth gu ’n d’ thugainn buaidh ort,
Ach char is mheall thu mi ga m’ bhuaireadh,
Mar iomad faileas faoin o’n uair sin.
Ach ged ’mheall thu mi am bharail,
’S nach do chum thu rium do ghealladh,
Ged a chaochail gloir do ghathan,
’S ged a sgaoil iad feadh an athair,—
Dearcam ort, ’s na ceileam uam e,
’N Ti nach tréig mi ri uchd cruadail—
’N Ti bheir slàinte dhomh is solas,
’S leis nach meallar ’chaoidh mi ’m dhochas.
Nuair bhios tuiltean ’brùchd air m’ anam,
’S tonnan buaireas a’ dol tharam;
Le sùil creidimh riut an comhnuidh,
Ios’, bi dhomhs’ ad bhogha dochais.
Rannan
A chaidh a dheanamh leis an Urr. Tormad Mac Leoid, a bh’ ann an St. Ann’s, do ghille og nuair a bha bha e dol dha ’n sgoil ’san t-seann dùthaich. Bha an gille car maol, gun tuigse, agus ghabh e na briathran an dùil gu ’n robh iad ceart. Bha e na ’chleachdadh a bhi ’g ionnsachadh earrann de na Sgriobtuirean air son an cumail air chuimhne gus an ath latha. Bha so na chleachdadh nuair a bha mi fhein anns an sgoil agus fada na dhéigh. Cha robh e furasda do ’n ghille so an salm ionnsachadh, agus chaidh e gu Tormad air son cuideachaidh, agus so na briathran a ghabh Tormad dha. An dùil gu ’n robh e ceart chaidh an gille fa chomair a mhaighstir-sgoil, agus thug e seachad iad facal air an fhacal. Dh’ éisd am maigh-sgoile ris, agus dh’ fhaighneachd e dheth co dh’ ionnsaich sid dha. Fhreagair e gu ’n d’ ionnsaich Tormad. Cha robh Tormad ach mu shia bliadhn’ deug a dh’ aois aig an àm.
Bha na rannan so air chuimhne aig iomadh neach an làithean m’ oige’ ach ’s e glé bheag aig am bheil cuimhn’ orra an diugh. Thachair gu ’n d’ fhuair mi na rannan o Mhuireach Mac Coinnich, (Bàn) an Rudha ’n Rothaich. Tha mi fada na ’chomain. Cha ’n ’eil a h-aon eile aig a bheil cuimhn’ air na rannan. Bha Eachann brathar-athar anns an sgoil aig an àm.
Iarr orm ’s mar oighreachd bheir mi dhut
Loch Crocach ’s na bheil ann,
Is culaidh bhriagha air an Loch,
A tarruinn connaidh nall.
Na ’m biodh a’ choille sin cho math
’S gu ’n deanadh e tigh blàth,
Cha loisginn bioran na mo thigh
Gu siorruidh no gu bràth.
Tha Alasdair is Mairi bhàn
Ag iomain air an deigh,
Dh’ éibh Alasdair le briathran àrd,
“A Mhairi, bhual e creag!”
Tha ’n sabhal agam fhin ’s an tigh
Cho fagusg air a chéil’,
’S ma gheibh an teine greim air aon
Gu ’n caillear iad gu léir.
Bidh guirmein is tombaca pronn
Is anart lom air féill;
Ach muinntir a tha gabhail ann,
Bidh ’m braman as an déigh.
An déigh do Mhac Leoid a bhi smaoineachadh air an oran nuair a thainig e gu tuigse ghabh e moran aithreachais air a shon. Bhiodh e coma bhi fanaid air na Sgriobtuirean.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsdean.
Duanag do Cheap Breatunn.
LE ALASDAIR DOMHNULLACH, am Painter Mor
Fonn— “Fear a’ bhata.”
An tir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile,
An tir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile,
’S na fir a dh’ fhàg mi, na hó ro éile,
Mo shoraidh slàn leibh gach là dhuibh éiridh.
Tha sith is siochaint air sliabh do mhor bheann,
’S gach là ’sa bhliadhna ’cur miad an gloir dut,
’S do stùcan liath-ghlas ’bha chian ’s a cheothran,
Tha ’n dràsd a’ ghrian a toirt fiamh an oir dhaibh.
Tha ’n Eaglais bhriagh’ ann ri gniomh gun fhàillinn,
Toirt gloir dha ’n Trianaid am briathran Dhàibhidh,
’S na deoir bho phian-chridhe ’g iarraidh fàbhar
Bho ’n Fhear nach dian rith’ a bhriathar àicheadh.
Tha torman uillt feadh do ghlinn nach traigh ann,
’Tha cumail beoir ri d’ chuid feoir tha fas ann.
Tha crodh is caoraich is laoigh gun àireamh,
’S do chlannaibh gaolach le aoidh ga ’n arach.
Tha ’n seillein riabhach air sgiath mu d’ chlobhar
’Toirt mil na bliadhna gu biadh dha oigridh,
’S a chéir na pliasgan mu ’shliasaid romach
Gach aite ’n triall e gu dion a storais.
Tha ’m bradan briagh’ ann, ’s co dh’ iarradh àicheadh,
Na d’ shruthain fior-ghlan an ciadaibh àite:
An t-iasg a’s milse bheir sith do’n chàirein,
’S bhiodh uile phriseil aig righ no banrigh.
Tha ’n searrach luath-chasach, uaibhreach, ard-cheannach,
Starrach, uallach, le ’chluasan barr-bhiorach,
Tograch, fuasgailt, is tuar-ghlan sàiltean,
A ruith ’s a cluaineis mu ’n cuairt da mhàthar.
Mu’n tig tri bliadhna bidh miadh a fàs air,
Ma gheibh e biadh math is fiar gu àilleas
’S ann bhios e cliathadh dhuibh shios ’s na pàircean
Na ghearran ciatach, ’s e shiol Arabi.
(Tuilleadh.)
Is beag an t-ioghnadh amadan a bhi leannanachd ri oinsich.
Is bochd an rud nach fhiach iarraidh.
Iadsan a Phaigh.
Bean Ailein Mhic Amhlaidh, N . Ainslie
J. F. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain
Colla Domhnullach, Sidni
Seumas I. Mac Gilleain, Glen Morrison
Dughall S. Caimbeul, Seana Bhridgeport
An t-Urr. Beutan, Eilein Christmas
Dughall Mac Cuithein, Glace Bay
Bean Mhic Rath, Abhainn Mheadhonach
Ruairidh I. Mac Raing, B . C. Banks
Bean Iain Dhomhnullaich, Boisdale Barrachois
Aonghas Beutan, am Pon Mór
Fionnladh I. Mac Griogair, Big Intervale
Aonghas I. Mac Gillialain, B . C. Marsh
Alasdair Bain, Port Hawkesbury
Padruig Mac Fhionghain, New Canada
Raonull Domhnullach, Bridgeport
Iain N. Domhnullach, Sidni Tuath
Bean Ios. MhicArtair, Abhinn Inhabitants
Somhairle Mac Gilleain, St . Esperit
Bean I. I. Gillinnein, Dominion No. 1
Seumas Mac Aonghais, Grand Mira
Eachunn Mac Neill, South Bar
U. A. Mac Illemhaoil, Finch , Ont.
Barbara C. Leitch, Lafontaine , Ont.
Dr. A. I. Gillios, Dawson , Y. T.
Mor Mhunn, na h-Eileinean Coille, E.P. I.
Domhull MacCoinnich, Orwell Cove, E.P. I.
An Siorram Mac Neacail, Kansas Grove
L. Mac Fhionghain, Pomquet , N. S.
Capt. M. Mac Leoid, Vancouver , B. C.
D. Mac Cuthaig, Abbotsford , B. C.
Niall Beutan, Chicago , Ill.
Callum Mac Amhlaidh, Anaheim , Cala.
Aonghas Mac Leoid, New York
Domhnull Muireach, Northcote , Mich
Iain N. Mac Leoid, Bearnaraidh, Alba
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 18. p. 8]
Oran
Do Mhr. Raonall Mac-Gillebhràth, le Alasdair Domhnallach, Bard na Ceapaich.
Fonn— “Cumha fear Ile.”
’N diugh gur airtnealach m’ éirigh,
’S gur neo-éibhinn mo dhùsgadh.
Tha mo chridh’ air a sgàineadh,
Chaidh gach àbhachd air chùl bhuam,
Le bhi ’g ionndrainn an uasail
A rinn gluasad bho ’n dùthaich
Anns an d’ fhuair sinn air eolas,
’S tric thug solas d’ ar n-ionnsuidh.
Gum b’e sin an deagh eolas
’Fhuair sinn og air do ghiulan.
Fhad ’sa dheonaich thu tàmh leinn
Cha robh t’ fhàillinn r’a cunntas.
Chuir thu sàradh ’san fhirinn,
’Rinn ro-dhireach do stiùradh
Air an t-sligh’ air na cheum thu;
’S a thug léirsinn ga t’ ionnsuidh.
Bi mo ghràdh do ghnùis chaoimhneil
’Chuireadh loinn air gach comhail;
’S tric a bha mi ga t’ éisdeachd,
’S sinn le chéile ’san t-seomar,
Far a faicteadh gach uaisle,
Mar bu dual dha do sheorsa;
Cha b’ e ’ceannach a rinn thu,
Bu leat mar oighreachd o t’ oig i.
Ged is farsuinn an tir so,
’S a liuthad sgireachd mu ’n cuairt duinn,
Cha b’ eol dhomhsa ’san àireamh
Aon thug bàrr ort am buadhan,
Ann an oilean ’s an giulan
Mar a dh’ ionnsaich ’s a fhuair thu;
Sud am beachd anns na chinn thu,
Cha do dhibreadh leat uair e.
Nuair a fhuair sinn gu ’r feum thu,
’S tu ’n ùr-chéitein na h-oige,
Gum bu tearc iad ri fhaotainn,
Anns gach taobh an robh m’ eolas,
Neach a dh’ fhaodainn-s’ a luaidh riut
Anns gach buaidh rinn do sheoladh.
Thugadh sud dhut mar oighreachd;
’S gun robh roinn na bu leoir ann.
Gur a h-eallach ri ghiulan
Do ’n fhear a stiurar a t’ àite
Do chathair fharsuinn-sa ’lionadh
’S dol fo d’ ghniomhannan sàrmhath,
Fhir a labhradh an fhirinn
’S a bheireadh cinnteach do chàch i,
Gum bu bhlasda bho d’ bheuls’ i,
Ga ’cur an céill anns gach cànain.
Bu tu ’n labhraiche saoithreach,
’Bheireadh daonnan le reusan
T’ uile ghliocas is t’ eolas
Dha na dheonaicheadh t’ éisdeachd.
Bha do chomhairlean luachmhor,
Gheibhteadh bhuait-sa le céill iad;
Cha b’ ann le frionasachd ghruamaich
Ach le suairceas is ceutabh.
Cha b’ ann an iomall nan uaislean
’Gheibht’ a gluasad mo rùn-sa;
’S ann a bhiodh tu mar àbhaist
’S a chuid a b’ àirde dhe ’n cùirtean.
Gheibhteadh freagairt is fuasgladh
’S gach ceist bu chruaidhe bho d’ thùr-sa;
Cha robh dubhar mar sgàil ort
Bho ’n rinn gach tàlant do chrùnadh.
’S ann ad làthaireachd phriseil
Bhiodh gach ni ’san deagh ordugh;
Cha bhiodh iot’ oirnn no fàillinn
Nuair a thàrlamaid comhla.
Gheibhteadh mùirn is ol fiona
Mar a dh’ iarrteadh mu d’ bhordsa,
Leis an laimh bu ghlan sineadh
Rachadh mi-ghean air fogradh.
’S ged a thrusamaid comhla
Na ’r comhlanaibh dùmhail
Cha ’n fhaicinn ’san àireamh
Air àiridh na dùthcha
Neach a dh’ fhaodainn a luaidh riut
Anns gach buaidh bha ga d’ stiùradh,
’S gur a dubhach gach tràth sinn
A bhi ’n dràsda ga t’ ionndrainn.
Cha robh tlachd a bha ’n Gàidheal
Nach d’ rinn thu àrach fo d’ chota;
Chiteadh sud ann ad ghiùlan,
’S gum bu dùthchas bho d’ sheors’ e;
Bha do phears’ air dheagh chumadh
Bho d’ mhullach gu d’ bhrogan,
Gu deas, cruinn bhallach, dealbhach,
Fearail, calma, gun mhorchuis.
’S tu nach dibreadh ’s nach mùchadh
Cainnt dhùthchais do shinnsridh;
Bha i agad gun fhàilinn,
Gu deas, nàdarra, cinnteach.
Gum bu bhlasda bho d’ bheul i
Nuair a leughadh tu ’m Biobull;
Cha bhiodh solus an uaigneas
Nach faight’ uatsa le firinn.
Co nis ’thuigeas na dàin bhuam,
Na bheir àbhachd as ùr dhomh,
Bho nach fhaicinn mar b’ àbhaist
’S an tigh bhàn air an dùnan,
Gnùis shoilleir na fàilte
’Dheanadh mànran a dhùsgadh,
Ged bhiodh m’ aigne fo smuairean
Gheibhinn suaimhneas ad chùirt-sa.
Gur e t-ainm Maighstir Raoghall
Gur tric aig daoine ga ’luaidh e;
Cha ’n ann idir gad dhìteadh
Ach gad shior thoirt an uachdar.
Bu ro-mhath ’n airidh gun éibhteadh
Fear do chéille ’s do bhuadhan
Gu bhi riaghladh ’s a stiùradh
Cléir gach dùthcha mu ’n cuairt duinn.
Cha b’ ann le seacharan inntinn
’Thug mi dhuibh anns an dàn so
Am beagan fhacal so ’dh’ inns mi,
Ann am firinn nach àichear,
Mu ’n duin’ -uasal ghlan shiobhalt
’Sheasadh dileas a chàirdean,
Bha na ’nàmhaid do ’n eucoir,
’S gach aon cheum sam biodh fàillinn.
’S mi gun comhlaicheadh dàn thu
A dh’ aon àite dha ’m biodh tu;
Cha bhiodh t’ fhuransa an uaigneas,
Chuireadh t’ uaisle morspìd orm.
Co a lionas dhomh t’ àite,
No bheir àbhachd dha m’ inntinn?
’S e na fhuair mi dhe t’ eolas
Nach teid ri m’ bheo as mo chuimhne.
Bho “Chùil na Gàidhlig” an 1886.
Oran do Shine Woodrow.
LE SEORAS CAIMBEUL.
Chunnaic mi ’n oigh a’s boidhch’ air thalamh;
Do phog air bhlas meala, ’chaoin chagair mo chridh’.
Dhuir’ginn a posadh le deoin gach caraid;
Gun or, gun earras; cha ghabhainn ach i.
Tha mi fo ghruaim, ’s cha dual dhomh bhith maireann,
Mu ’n sgeula so ’fhuaras Di-luain thar a Chaoil,
Gun do chaochail gach uails’ ’s gach suairceas banail,
’S gach suaimhneas, carantachd, gean agus gaol.
Mi siubhal nam beann ’s nan gleann fo airsneal
Bho dhubhar an latha gu sgaradh an neoil;
’S nan sìninn mo thaobh a dh’ fhaotainn cadail,
B’ e ’m fraoch mo leaba ’s na baidealaibh ceo.
Ma thug thu rium cùl ’s gun dhiùlt thu m’ fhuran,
’S mi giulan mulaid le fulangas buan,
Nan deanadh mo shùil an driùchd a chumail,
A rùin, cha chluinnteadh mi tuilleadh ga d’ luaidh.
Tréigidh a ghrian an iarmailt buileach,
Sguiridh na sruthain a ruith chum a chuain,
Mu ’n lùghdaich mo spéis do ’n ghéig a’s luraich’;
Ach ’s fheudar cur leis, ma thug thu dhomh fuath.
Ach so dhuit mo làmh le càirdeas tairis,
’S le blàths a mhaireas ma bhitheas mi beo,
’S na cùm mis’, a ghràidh, ga m’ chràdh na ’s fhaide,
’S do ghràdh ga m’ mhealladh ’s nach fhaigh mi ort coir.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton
title | Issue 18 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 18. %p |
parent text | Volume 11 |