[Vol . 11. No. 19. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 20, 1903. No. 19.
Do Luchd nan Litrichean.
THA fhios againn gur toigh le leughadairean MHIC-TALLA a bhi faicinn litrichean goirid as gach cearna dhe ’n t-saoghal. Tha fhios againn cuideachd gu bheil àireamh mhor am measg ar leughadairean do ’n urrainn deagh litrichean a sgriobhadh. Air-son misneach a thoirt dhaibh sin, ’s air-son tuilleadh toileachaidh a thoirt do ar leughadairean, tha sinn a rùnachadh duaisean a thairgse air-son litrichean dhe ’n t-seòrsa so mar a leanas:—
1. Do ’n neach a sgriobhas an litir a’s fhearr gu MAC-TALLA eadar so ’s deireadh an Og-mhios, (June)bheirear “CARAID NAN GAIDHEAL.”
2. Do ’n neach a sgriobhas an ath litir a’s fhearr ’san ùine cheudna, bheirear “LEABHAR NAN CNOC.”
Faodaidh gach neach a dh’ fheuchas air-son nan duaisean da litir a sgriobhadh; ach cha ’n fhaigh aon neach an da dhuais. Cha ghabhar litir anns am bi thairis air ochd ceud facal, no anns am bi na’s lugha na cóig ceud. Tha sinn an dòchas gu ’n cluinnear o iomadh sgriobhadair ùr nach d’ fheuch fhathast ri litir a chur gu MAC-TALLA. Tha iomadh neach a leughadh a’ phaipeir Ghàilig a b’ urrainn litir phongail a sgrìobhadh uige ann an rogha is tagha na Gàilig na ’m feuchadh iad ris.
BHA seachd fichead is cóig deug dhe na tighean-sgoile tha ’n Nobha Scotia dùinte fad na bliadhna ’n uiridh. Cha robh luchd-teag-teagaisg ri ’m faighinn, agus b’ fheudar do àireamh mhor chloinne bliadhna dhe ’m beatha chur seachad gun bhi ’g ionnsachadh ach a’ leigeil air diochuimhne na dh’ ionnsaich iad roimhe. Tha call air a dheanamh mar sin nach gabh leasachadh; oir ann an iomadh àite, tha gach bliadhna theid thairis gun sgoil a toirt bho ’n òigridh cothrom nach fhaigh iad tuilleadh.
MUR eil moran dhiùsan a tha ’fàs suas an diugh ri bhi na ’s miosa dheth a thaobh sgoile na bha am pàrantan, feumar cùisean a leasachadh agus sin gun dàil. Dh’ fhaodadh iomadh ni a bhi mar nach eil iad. Dh’ fhaodadh an riaghladh deanamh na b’ fhearr air-son nan sgoilean na tha iad a’ deanamh, agus dh’ fhaodadh an sluagh a bhi na bu dìlse d’ an dleasnas na tha iad. Tha coire ri chur araon air an riaghladh ’s air an t-sluagh, ach cha ’n eil a’ choire uile gu léir aig aon seach aon dhiu.
CHA bhi sgoilean cearta againn gu bràth mur toirear pàidheadh na’s fhearr do luchd-teagaisg nan sgoilean. Cha ’n eil dìth lighichean no luchd-lagha no phearsachan-eaglais air an dùthaich. Cha chuir cion chlachairean no gainnead nan saor maille sam bith air duine tha ’dol a thogail taighe. Cha ’n eil ceaird fheumail anns an dùthaich nach eil gu leòr ga ’h-ionnsachadh. Ach teagasg sgoile, aon de na h-obraichean a’s fhearr agus a’s urramaiche ris an urrainn neach a dhol, tha iadsan a bha rithe ga ’fàgail ’s tha còrr is ceud gu leth dhe ar taighean-sgoile anns nach urrainnear sgoil a chumail le cion luchd-teagaisg. Agus sin uile a chionn nach eilear a’ toirt tuarasdail do ’n mhaighstir-sgoil a réir na h-obair a tha aige ri dheanamh.
BU chòir do ’n riaghladh barrachd airgid a roinn air na sgoilean ’s a thatar a’ deanamh. Ge b’e dé air an deanar dearmad, cha chòir dearmad a dheanamh air foghlum na h-òigridh. Agus is còir do ’n t-sluagh fhein a bhi na ’s deònaiche air cosd ris an sgoil na tha iad. Anns an dòigh so tha roinn mhor dhe na sgìreachdan dùthcha fada, fad’ air ais. Cha ’n eil tighean-sgoile freagarrach aca, ’s cha tairg iad tuarasdal a ghabhas deagh luchd-teagaisg. Their iad féin gur h-i bhochdainn a’s coireach, ach tha galair a’s miosa na bhochdainn mu bhun a’ ghnothaich.
A REIR beachd is lagh na dùthcha so, mar earainn de ’n Iompaireachd Bhreatunnaich, tha gach duine saor, agus tha e dligheach air an stàid a shaorsa ’s a chòirichean a dhion dha. Ach tha iomadh cearb air an t-saorsa sin ’san latha ’n diugh, agus tha eagal oirnn gu bheil tomhas mor dhi, gun fhios gun fhaireachadh dhuinn, a lion beagan is beagan ag imeachd uainn. Tha iomadh dòigh ann air sùilean dhaoine dhalladh, ’s tha iomadh neach is cuideachd a’ cleachdadh nan dòigheannan sin. Tha cùisean-riaghlaidh gu tric air an laimhseachadh air a leithid de dhòigh ’s gu bheil math a bheagain air fhaotainn air chosd a mhorain; ’s tha ’n sluagh gu tric a buileachadh shochairean air an cuid sheirbhiseach a tha iad a buntainn uapa fein. Tha luchd-pàrlamaid air an ainmeachadh le ceannardan nam pàirtidhean ’s air an taghadh leis an t-sluagh a ghabhas an iarrtus mar àithne, no, mo thruaighe, leothasan a ghabhas airgiod no brìb eile air-son bhòtaichean. Ma bhapolitics ’san dùthaich so riamh roimhe na bu mhiosa na tha iad aig a’ cheart àm so, bu chòir dhuinn a bhi taingeil gu ’n do sheachainn am Freasdal na làithean sin oirnne.
ANN an aon de shiorrachdan Ontario a bha ’taghadh fir-pàrlamaid o chionn ghoirid—North York—chaidh fear Uilleam Munns a ruith air taobh stuaime, saor o chuing phàirtidhean. BhaLiberalisConservativea ruith na ’aghaidh, ach cha ’n fhòghnadh le luchd nam pàirtidhean sin feuchainn ri chur fodha air dòigh dhligheach: b’ fheudar dhaibh tuaireap is làmhachas-làidir a chur an cleachdadh. Aon latha am feadh a bha Munns a labhairt aig coinneamh, thug gràisg a bha ’n làthair an sàs ann, agus mur b’ e gu ’n deachaidh muinntir a b’ fhearr beusan ga ’chuideachadh, bha e buailteach air a bheatha chall air an làmhan. Tha Munns mar dhuine fo chliù fad air toiseach air an dithis a bha ruith na ’aghaidh, ach bha e ciontach de ’n pheacadh mhor so: nach robh e fo sgéith aon seach aon de na pàirtidhean. Air-son a pheacaidh sin cha ’n eil mathanas ri fhaotainn, agus mur urrainnear an duine tha ciontach dheth a chur fodha le argumaidean fallain, gabhar dha le argumaidean an aineolaich—na dùirn ’s na breaban.
CHITHEAR ath-leasachadh an cùisean-riaghlaidh na dùthcha cho luath ’s a ghabhas an sluagh gu cridhe gur mò an dùthaich na pàirtidh, nach fhearr onair an fhir a chuireas a làmh an sporan na dùthcha na onair an fhir a ghoideas o ’choimhearsnach, agus gur h-e dleasnas gach duine aig am bheil math a dhùthcha na ’bheachd a bhi cho cogaiseach mu thoirt seachad a bhòt ’s a bhiodh e mu thoirt breith ann an cùirt lagha. Nuair bhios a mhor chuid de ’n luchd-taghaidh air an stiùireadh le eòlas, le tuigse, ’s le onair, bidh iadsan a thaghair leotha na ’s déidheile air leas na dùthcha na bhios iad air neart nam pàirtidhean d’ am buin iad. Agus gus am bi an sluagh agus iadsan a theid a thaghadh do ’n phàrlamaid mar sin, cha bhi an dùthaich air a riaghladh cho glan no cho ceart ’s bu chòir dhi bhi. “Cha tig as a’ phoit ach an toit a bhios innte.”
ANN an caochladh bhailtean ’sna Stàidean tha na maoir a’ gabhail mu chùl muinntir aig am bheil innleachdan is dòigheannan leis am faod daoine, ma ’s fior dhaibhsan, fàs beairteach an ealamhachd. Tha daoine ann cho faoin ’s gu ’n creid iad sanasan a chuirear g ’an ionnsaidh a’ tairgse dùblachadh no eadhon coig-fìllteachadh airgid an ùine ghoirid. Cha stad iad ri fheòrach ciamar a tha ’n t-airgiod ri bhi air a chosnadh. Na ’n deanadh iad sin, dh’ innseadh am breithneachadh féin dhaibh nach coisinn airgiod ann an gnothuch dligheach sam bith ach riadh cuimseach, agus neach sam bith a thairgeas barrachd air sin, nach eil na bheachd ach an riadh ’s an calpa chumail aige fhein. Is còir do dhuine sealltainn gu math roimhe mu ’n teid e chur a mach airgid a dh’ fheuchainn ri probhaid mhor a dheanamh. Mur seall e roimhe seallaidh e na ’dhéigh.
THA Mr. Tarte ag ràdh mur teid slàinte Sir Wilfrid Laurier am feobhas air an t-samhradh so tighinn gu ’n sgaoilear a’ phàrlamaid ’s gu ’m bi taghadh ann deireadh an fhoghair. Tha cuid de na paipeirean cuideachd dearbh chinnteach gu bheil Sir Wifrid tinn, ’s nach bi a làithean buan mar Phriomh Mhinisteir. Air an laimh eile, tha a chàirdean ag radh gu bheil e cho slàn ris a bhreac, tha e fein ag radh nach eil eucail sam bith a cur ris, ’s tha iadsan a bha faisg air aig fosgladh na pàrlamaid ag innse nach robh bheag de dhreach a’ bhàis ri fhaicinn na ghnùis. Ma tha Tarte ’s na paipeirean airson Laurier a chur á dreuchd ’s olc an aisling air an dùrachd a bhi toirt orra fein a chreidsinn gu bheil e ri bhi air a thoirt as an rathad leis an teachdaire ghruamach.
[Vol . 11. No. 19. p. 2]
Am Mod.
’S gann gum fàs na Gàidheil sgìth idir a’ bhruidhinn mu ’n Mhòd. Tha iad a’ cua ùigh mhòr ann, ’chionn bha iad tuillidh a’s fada gun latha féille de’n t-seorsa so agus tha mar sin barrachd annais aca dheth. Tha sinn toilichte ’chluinntinn gum bheil a choltas air gun soirbhich leis gu math air a’ bhliadhna so ann an Inbhirnis. Cha ghabh e ràdh mu thimchioll a’ bhaile so mar a theirte ’n uiridh mu thimchioll Dhun-deagha, nach’ eil còir no gnothach aig a’ Chomunn Ghaidhealach taghal ann. Ma’s fìor na th’ air a ràdh tha mòran dhuaisean ri bhi air an tairgse aig an ath chruinneachadh. Tha ’n t-airgead, a reir coltais, a’ tighinn a’ stigh gu math bras. Tha aon ni dh’ ionnsuidh am bu mhaith leinn aire ’Chomuinn a tharruing mu’m bi e tuillidh a’s anamoch— ’s e sin gum bheil e do-sheachnaidh feumail gun rachadh feadhainn de luchd-breith ùr a chur air leth. Tha beachd againn air dithis no triuir a tha a’ suidhe ’n an luchd-breith a h-uile bliadhna bho’n a chaidh am Mod a chur air bonn, agus cinnteach gu leoir tha iad toillteanach air anail bheag fhaighinn a’ nis. Aithnichidh iad lamh-sgriobhaidh a h-uile duine a tha cleachdadh Gàidhlig a chur air paipear eadadar Maol Chinntìre agus an Rudha Garbh. B’ fhada bh’ uainn a shamhlachadh ris na daoine grinn, ceanalta gun deanadh iad mi-bhuil de’n eolas so. Tha fhios againn gun sgoilteadh iad an ceartas cho fhad ’s bu léir dhaibh gu leud na ròine. Ach cha dhùin sin beul an t-sluaigh. ’S còir do luchd-breith a bhi, mar a bha bean Cheasair, os ceann droch amharuis. Gu cinnteach tha gu leoir do Ghàidheil fhòghluimte ri fhaotuinn deas ’us tuath gun a bhi tuiteam air an aon sgioba ’h-uile bliadhna. Aon fhacal eile. Cha tig an latha ’s cha chiar an tràth a bhios fìor shoirbheachadh air a’ Mhòd cho fhad ’s a bhios gach gnothach ’us eile ’bhuineas dha air an giulan air an aghaidh ann am Beurla. Mur h-eil an t-seann chànain comasach air seasamh air a casan fhéin gun a’ Bheurla ’bhi ’cumail taice rithe, ’an ainm an àigh tuiteadh i. ’S e ’luathas fheabhas. Ach, tha cuid de Ghàidheil a tha coma ach a bhi ’g an suathadh fhéin ri Iarla Rosebery agus ri daoine móra coltach ris—agus biodh a’ Ghàidhlig a’ dol. Gu fìrinneach tha an tuarasdal aca! —An t-Obanach.
Duine Riaraichte.
Tha aon a choisinn “Clarsach an Doire” le luchd-gabhail ùra fhaotainn do MHAC-TALLA a’ sgriobhadh mar a leanas:—
“Fhuair mi an leabhar-òrain luachmhor sin a chuir sibh ugam, “Clàrsach an Doire,” agus gu firinneach b’ e ’n duais e da-rireadh air-son na rinn mise de chuideachadh le MAC-TALLA. Tha dòchas agam gu’n seas an luchd-gabhail ùr a fhuair mi as leth ur paipeir gasda ’s cainnt an sinnsir mar a sheasadh na laoich sgairteil o’n d’ thainig iad os leth tir an dùthchais. “Mu’n do thog MAC-TALLA a cheann as a’ chreathail, cha robh luchd-leughaidh Gàilig ach tearc ri ’m faotainn anns an àite so. Ach an diugh ’s ann tha e ’cur iongantais orm cho fileant’ a theid aig gillean ’s aig nigheanan òga ’sa chearn so air a leughadh”
B’ fhearr Leis Mart.
Chaidh tuathanach Eirionnach do bhùth a cheannach speala. An deigh dha an gnothach sin a dheanamh, dh’ fheòraich am marsanta dhe an ceannaicheadh e rothair.
“Gu de ’n rud a tha ’n sin?” ars an t-Eirionnach.
“Tha,” ars am marsanta, “uidheam da chuibhleach air am faod thu marcachd air feadh a’ bhaile.”
“Seadh, dìreach; agus gu de chosdas i dhomh?”
“Coig puinnd deug.”
“B’ fhearr leam na coig puinnd deug a chur a cheannach mairt.”
“Ach nach ann ort a bhiodh coltas an amadain a’ falbh air feadh a’ bhaile a’ marcachd mairt.”
“Agus saoil thu fhein,” ars an t-Eirionnach, “nach ann orm a bhiodh coltas an dearg amadain na ’m shuidhe fo rothair a’ feuchainn ri ’bhleoghan.”
A Pharlamaid Bhreatunnach.
Tha ioma sgeul r’a chluinntinn mu na cùisean a bhios air an toirt fa chomhair na Pàrlamaid. A thaobh Albainn bidh oidhirp air a deanamh air achd ùr a thoirt a mach air son riaghladh reic na deoch anns na tighean-òsda. Bidh facal no dhà ri ràdh mu’n tig an t-achd so a mach; ach tha e soilleir gu’m bheil na bunabhasan ris an do ghabhabh an Sasunn gu bhi air an aideachadh an coitcheannas anns an achd Albannach. Ach tha cùisean trom eile ri tighinn fa chomhair na Parlamaid. Tha achd air son fòghluim a dhith araon air son Albainn agus air son Lunnuinn. Bidh connspoid gu leòir timchioll air na ceistean so. Maille riu so tha aon cheist eile ann a bhios gun teagamh ’na h-aobhar deasbuid is cianalais,— ’s e sin staid laghan an fhearainn ann an Eirinn. Cha ’n urrainnear a ràdh gu dé a thig a mach an lorg na h-oidhirp ùir so eadar tighearnan an fhearainn agus na tuathanaich. Tha na h-Eirionnaich an dùil gu’m bi na Breatunnaich ullamh gu bhi toirt dhoibh de dh’ airgiod na dh’ iarras iad air son an cùisean féin. Ciod air bith a fhuair na h-Eirionnaich cha d’ fhuair na Gàidheil ach glé bheag an cuideachadh ’nan éigin mu chùisean an fhearainn. Tha dùil aig na h-Eirionnaich gu’m faigh iad creideas mòran mhuilleinean o’n Stàit a chur an cùisean an òrdugh. —Oban Times.
Tha Martineau, an cléireach a chuireadh an greim air-son suim mhor airgid a ghoid á ionmhas na dùthcha, air fhaotainn ciontach, ’s tha aige ris na seachd bliadhna tha ’tighinn dhe ’bheatha chur seachad anns an tigh-obrach. Thatar ag radh gu robh Martineau a’ ceannachstocksnuair thòisich e ri cromadh air airgiod na dùthcha. Bha toil aige fàs saibhir an ùine ghoirid. Tha e na ’ni iongantach gu’m biodhte ’cumail nan leabhraichean na ’leithid de dhòigh ’s gu’m biodh e comasach do chléireach òg mar bh’ anns an fhear so uiread airgid a ghoid gun ionndrainn na bu luaithe. Ach tha comhairle air a suidheachadh gu amharc anns a’ chùis sin agus gu gach coire gheibh iad an dòigh cumail nan leabhraichean a cheartachadh.
Bhrist teine mach anns a’ mhèinn aig Dominion No. 1 tràth ’sa mhaduinn an dé. Fhuaireadh a chur as beagan an déigh mheadhain latha. Bha deich no dusan each air am mùchadh leis a’ cheò, ach cha d’ rinneadh leòn sam bith air duine. Cha robh ach earann bheag dhe ’n mhèinn na ’teine, ’s mar sin cha ’n eil an call gle throm. Bidh an obair a’ dol air adhart mar a b’ àbhaist an ceann beagan làithean.
Tha Sir Tomas Lipton a’ deanamh deiseil gu aon ionnsaidh eile thoirt air cupan na h-America a thoirt a null thar cuain. Bha a’ bhirlinn leis am bheil e ’dol a thoirt na h-ionnsaidh air a cur air fairge Di-màirt, la Fheill Pàdraig. Bha ’n t-Shamrock III. air a togail air abhainn Chluaidh. Tha i ann an cumadh ’s an dreach gle ao-coltach ris an da Shamrock eile. Tha Sir Tomas a’ nochdadh dichill a tha airidh air soirbheachadh.
Is ann am feadh a tha thu ’stri ri dleasanasan beaga na beatha a chuiear solus dhut air brigh agus cruth lànachd na beatha. Is ann am feadh a tha thu cur an aghaidh nam buairidhean beaga a tha thu ’fàs làidir. —Phillips Brooks.
Ge b’ e a phàigheas math le h-olc, thig an t-olc air féin.
Gheibh an t-each iasgaidh a luchd.
Thatar a bruidhinn air obair-iaruinn a chur air bonn ann am Parrsboro, N. S. Tha’n baile sin air a mheas na àite freagarrach a thaobh na mèinnean guail a bhi cho dlùth dha. Agus tha iarunn ri fhaotainn anns na beanntan nach eil fad air falbh uaithe.
Air aon de rathaidean-iaruinn nan Stàidean fhuaireadh an la roimhe fear-inneil marbh air an stiùir agus an trein a’ falbh aig luaths tri fichead mile ’san uair. Mar a bha ’m fortan an dàn, cha d’ rinneadh call sam bith, oir bha rathad reidh roimh ’n trein far an robh i aig an àm.
B’ e Di-màirt s’a chaidh Là Fhéill Pàdraig, agus bha e air a chumail mar a b’ àbhaist le sliochd na h-Eirinn anns gach cearna dhe ’n t-saoghal. Ann an Sidni bha ’n t-seamrag ’s an ribin uaine gu math follaiseach fad an latha, agus air an oidhche bha coinneamh chiùil aca.
O’n thainig am mios so, tha an t-side briagha, blàth, side earraich cho math ’s a dh’ iarramaid. Thainig ìsleachadh mor air an t-sneachda, agus leis an teas a tha ’sa ghrein aig an àm so cha’n fhada mhaireas e. Ma leanas an t-sìde cho math so gu samhradh bidh an geamhradh ’s an t-earrach so air an àireamh am measg nan geamhradh ’s nan earrach seann-fhasanta.
Tha ’n luchd-obrach air rathad-iaruinn na dùthcha, ris an canar an I. C. R., a’ bruidhinn air seasamh a mach o ’n obair an ùine ghoirid mur faigh iad àrdachadh tuarasdail. Tha iadsan a tha air pàidheadh latha ag iarraidh eadar 10c is 15c a chur ri ’n tuarasdail, agus iadsan a tha air pàidheadh mios, eadar $5 is $10 a bharrachd air na tha iad a faighinn an dràsda.
Ann an siorrachd North Ontario, air an t-seachduin s’a chaidh bha Deorsa Grannd air a thaghadh mar fhear-pàrlamaid an aghaidh an Onaraich Deorsa E. Foster le faisg air da cheud bhòt a bharrachd. Bha Foster tinn roinn mhath dhe’n ùine ’n deigh dha bhi air ainmeachadh, ach bha deagh luchd-labhairt ag obair air a thaobh. Cha’n eil anns a’ Ghranndach ach duin’ òg.
Tha aig Canada na ’h-ard-pharlamaid duine tha ceud bliadhna dh’ aois—anSenatorDaibhidh Wark, áFredericton , N. B.Tha e na bhall de’n t-seanadh o’n chaidh Canada aonadh. Roimhe sin bha e na ’bhall de phàrlamaid New Brunswick fad sheachd bliadhn’ deug air fhichead. Rugadh e ann an Eirinn agus thainig e mach do ’n dùthaich so nuair bha e bliadhna air fhichead a dh’ aois.
Bha da threin air an glacadh anns an stoirm mhor shneachda bha ’n Newfoundland air a mhios a dh’ fhalbh, agus ruith còrr is tri seachduinean mu’n d’ rainig iad an ceann-uidhe. Roinn mhor dhe ’n ùine sin cha robh iad a’ gabhail ach da thràth bidh ’san latha, ’s cha robh aca eadar bhiadh is annlan ach aran milis, brioscaidean cruaidhe ’s ti. Fad còrr is seachduin cha robh greim feòla aca.
Ann am meinn ghuail an Columbia Bhreatunnach, bha ceathrar dhaoine air am marbhadh an la roimhe le gas. Chaidh fear Seoc Mac-Leoid, duine mhuinntir Cheap Breatunn, sios do ’n mhéinn sia uairean a dh’ iarraidh nan corp. Thug e suas mu dheireadh, agus chaidh fear eile sios na àite; ach cho luath ’s a chaidh Mac-Leoid beagan am feobhas, b’ fheudar dha dhol sios a dh’ iarraidh an fhir sin.
Thainig còrr is mile de luchd-imrich a nall thar cuain air an t-seachduin s’a chaidh—luchd-imrich a tha dol a thòiseachadh ri tuathanachas an Canada. Aig an àm cheudna dh’ fhàg da mhile eile Libherpool, an Sasunn, ’s bidh iad an so an ceann seachduin no deich latha. ’S iad so an luchd-imrich a tha Canada ag iarraidh. Tha e taitneach a bhi faighinn dhaoine a dùthchannan Eòrpach, ach nithear di-beatha na thig ugainn as na h-Eileanan Breatunnach le gàirdeachas.
Bha stoirm uamhasach anns na h-Eileanan Poumota, ’s a chuan a Deas toiseach na bliadhna so. Chaidh mu shia ceud beatha chall. Tha Eileanan a’ chuain a Deas gle bhuailteach do stoirmeannan sgriosal dhe’n t-seorsa so. Anns a bhliadhna 1899 bha stoirm anns na h-Eileanan Samoan, agus bha sia soithichean cogaidh is deich soithichean eile air am bristeadh, ’s bha còrr is seachd fichead Eòrpach air a bhàthadh a bharrachd air àireamh mhor de nàisinnich nan eileanan.
[Vol . 11. No. 19. p. 3]
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. I.
SEALLADH AIR GLEANN DUIBHRE—IOMPACHADH CIANAIL A MHUILINN DUIBH—AN T-OSDAIR.
THA iomadh gleannan bòidheach an Gàidhealtachd na h-Alba mu ’m bi smaointean luasganach fhògarach a fhuair an àrach annta ’n tùs an làithean, ag iathadh na ’n cadal ’s na ’n dùsgadh, ge b’ e cearn dhe ’n t-saoghal am bi ’n còmhnuidh. Cha ’n ’eil cuspair a’s fhiach bruidhinn air, an litreachas nan Gàidheal, co dhiubh ’s e dàn, no sgeul, no eachdraidh, nach ’eil a tòiseachadh no sgur ann an gleann. Ach ged a tha iomadh gleannan bòidheach uaine ann, le ’n trusgain fhlurach, àillidh, an tùs an t-samhraidh òig, tha a cheart uiread ann de ghlinn uaigneach, ùdlaidh, agus a bhitheas mar sin, gu duaichnidh aig a h-uile àm dhe ’n bhliadhna. B’ ann diubh so Gleann Duibhre. Bha Gleann Duibhre an uaigneas iomallach nan beann an garbh chriochan na Gàidhealtachd. Air a dheilbh le nàdar, gle choltach air-son gach creag bu ghràinde fhalach ann, ’s gach frog aognaidh ’s gach corr eile bh’ aice, ’nuair a bha Ghàidhealtachd air a criochnachadh. Bha iomadh cùil rògach ann nach fhaca sùil gréine riamh, ’s anns nach do sheall bodach na gealaich fhein, an oidhche bu shoilleara dhearrs’ a chrùisgein, o’n a ghabh e seilbh na chairtealan boillsgeil.
Anns na tìmeannan a thriall, an uair a bha ’n saoghal òg, creideasach, gu h-àraidh an tuigse ’s an céill, bha Gleann Duibhre cho làn de shìthichean ’s de dh’ uraisgean, ’s dhe gach seòrsa bith mi-nàdarra eile ’s a chumadh e, agus cha b’ ioghnadh, oir cha robh bad eile ’n Alba cho fior fhreagarrach air-son an ceanna-bhaile ris, far am faodadh iad gach cleas ’s gach buidseachd ’s gach geas eile anns am biodh an ùigh a chleachdadh gu ’n toil, gun churam, gun eagal gu ’n cuireadh bith saoghalta gisreagach dhe na bha ga ’n cuairteachadh dragh orra na ’n dachaidhean dorcha. A dh’ aon fhacal, cleas na mnatha Sasunnaich ’s an Dughlasaich o shean, cha robh aig na màthraichean fad iomadh linn ach Gleann Duibhre ’mhaoidheadh air am pàisdean ’s bhiodh iad cho sàmhach ri cnoc. Ach an uair a thòisich an saoghal ri fàs glic (co-dhiu na smaointean fhein) thòisich e air cur teagamh an làthaireachd na bithean sin, mar ri làthaireachd gach rud eile nach lionadh an t-sùil chorparra. Thainig mar sin an latha ’san deach diomhaireachd Ghlinn Duibhre ’dheanamh follaiseach do ’n t-saoghal mhagail, agus gach frog is glomhas a bh’ ann a rannsachadh le bithean eile, a fhuair iad gu math freagarrach air-son àite taimh agus fasgaidh an uair a bheireadh iad gu buil gniomh dubh air choireigin nach fuiligeadh solus geal naomh an latha. B’ e so robairean a bha gabhail còmhnuidh ann fad iomadh bliadhna. Ach an drasd cha bhi moran againn ri dheanamh ris na robairean so, oir cleas nan sìthichean fhein, thainig an latha ’s an d’ fhuair iad an sgiùrsadh as, air chor ’s nach ’eil ni ùr ri fhaicinn ann ’san àm so a bheil toil againn sùil an leughadair a tharruinn uige, ach aon seann tigh dubh air an abhainn am meadhain a ghlinne.
B’ e seann mhuileann a bha ’n so an tùs a làithean; ach tha iomadh latha agus bliadhna o nach do bhlais beul air min a mhuilinn duibh, agus a nis ’s e na tha de chomharran mu ’n cuairt air gu togail fianuis gu ’n robh e aon uair ris an fheum so, torr de chonnalaich ghroid an grunnd na dìge, a dh’ innseadh do neach aig am biodh sùil gheur gu ’n robh e aon uair a deanamh dleasnas ’san t-saoghal mar roth muileann. B’e so agus an t àit’ iongantach ’san robh e air a thogail na bh’ aig a’ chuairtear gus eachdraidh a sheann fheum a leughadh ’s a thuigsinn. Thainig gun teagamh caochladh air an t-saoghal, agus gu h-àraid air a mhuileann dubh, oir ’san àm so mu bheil sinn a sgriobhadh, o chionn faisg air ceud bliadhna air ais, ’s ann tha ’mhuileann dubh a deanamh a bheolaind mar thigh-òsda, ged tha sheann ainm fhathast ga ’leantuinn. Cha ’n ’eil fios againn co thug so mu ’n cuairt air tùs, no rinn an t-iompachadh truagh so air an t-seann mhuileann bhochd, ach aig an àm so a dh’ ainmich sinn, b’ e Dughall Muillear a bha riaghladh thairis air. Cha ’n ’eil fios againn ciod an t-ainm a fhuair Dughall aig a bhaisteadh, ma chaidh a bhaisteadh riamh, ach aig an àm ’sa bheil sinn ga ’thoirt fa chomhair an leughadair, b’e “Dughall dubh nan spuir” no ’n “t-Osdair dubh” mar bu trice theirteadh ris. Tha ’n taobh a stigh aig a mhuileann dubh cho cùilteach, frògach, duaichnidh ri Gleann Duibhre fhein, agus tha nàdar Dhùghaill dhuibh na ’s duaichnidhe na iad le chéile, agus tha e na dhuine cho duairc agus cho dorcha, falachaidh na ’nàdar ris an lub dhubh làthaich a bha faisg air a dhorus, aig nach d’ fhuaireadh grunnd riamh, ’s nach do leig an uachdar ni a dh’ ìobradh ann o chaidh a chruthachadh. Bha Dùghall ùine ’san arm, agus chunnaic e iomadh dùthaich chéin, anns an d’ fhuair e ’n sporan a lionadh gu fior mhath leis a chluipeireachd. B’ ann ’san Spàin ’s am Portugal a bha e mu dheireadh, le iomadh laoch a b’ fhearr, a fuadach Bhoni ’s a chuid Fhrangach as na criochan sin. B’ ann an aon de dh’ abaidean mor nan dùthchannan sin a fhuair Dughall dubh greim air ionmhas leis an do lion e phòcaidean farsuinn gu ro-mhath, ’s le sin theich e as an arm, an ruin an corr dhe ’bheatha ’chur seachad an diomhanas soghmhor an uaigneas nan gleann ’san d’ fhuair e àrach. Shiubhail e fad agus farsuinn a sireadh dion-àit a bhiodh freagarrach air a leithid, mu ’n do thuit e rathad Ghlinn Duibhre—mac-samhail inntinn fhein—a fhuair e gu math freagarrach, ’s mar sin cheannaich e seann mhuileann dubh a bha fàs ’san àm o Chaiptein Adam, do ’m buineadh an oighreachd bheag air an robh e, ’s bhuail e chipein ann. B’ e trupair a bh’ ann an Dughall dubh, agus a thaobh ’s gu ’n robh e gu math gisreagach cha do chuir e dheth na seann spuirean meirgeach riamh, na chadal no na dhùsgadh, a thaobh gu ’n deach innse dha le ban-fhiosaiche theòma, ’s bha e ga làn chreidsinn, nach rachadh a ghlacadh gu bràth fhad ’s a bhiodh na h-eireachdais mheirgeach ud ri shàiltean. B’ ann uaithe so a theirteadh na uairean “Dughall dubh nan spuir” ris.
Bha e nis beagan bhliadhnachan na òsdair ’san àit’ uaigneach so, ’s leith sheana bhoirionnach ris an cainte Sallie odhar mar ainm na bean-taighe aige. Bha mar an ceudna mar eachlair aige, ’nuair a bhiodh feum air, leth amadan ris an cainte Uilleam teith, air an toir sinn iomradh na àite fhein. Cha robh an trianaid dhuairc so fada riaghladh an Gleann Duibhre an uair a bha e air aithris an cagair eagail mu iomadh gealbhan gu ’n robhas a toirt iomadh gniomh dubh gu buil fo chabair a’ mhuilinn duibh.
B’ ann lethach rathaid eadar Bail’ -an-Iubhair, far an robh iomadh tuathanach sòghmhor a gabhail còmhnuidh, agus criochan na Galldachd, far an robh baile margaidh agus malairt, a bha Gleann Duibhre. Bha ceum garbh coise, air am biodh eich bheaga nan cliabh uaireigin dhe ’n t-saoghal a tearnadh ’s a direadh le saic throma, a dol troimh ’n àite ’s a gabhail seachad dorus a’ mhuileann duibh. B’e so an ceum air am biodh na seann daoine tighinn leis a bhleith, ’s bha e ’s na tìmeannan sin air a chumail blàth daonnan, oir bha e air aithris gu ’m b’ e ’m muileann dubh aon de na ceud mhuilnean a chaidh a chur suas ’s na garbh-chriochan. Ach a nis cha ’n ’eil moran tathaich idir air an rathad aonaranach. Chitear an drasda ’s a rithist coisiche no marcaiche ga ghabhail, ach na ’s teirce na sin tha aoidhean ’san taigh-òsd’ iongantach so. Bidh corra shealgair seachranach a tuiteam a rathad uair is uair, agus an dràsda ’s a rithist cuairtear, air son ruamhar agus cladhach sheann eachdraidh, do ’n robh iomadh caibideil an cùirn ’s an uaimhean Ghlinn Duibhre.
A thaobh an aonarain aig an robh a bheag de dh’ fhiosrachadh mu ’n àite, b’ fhearr leis gu mor a thaobh a shìneadh air a chreig ghlais ri sìde nan seachd sian na fasgadh a ghabhail aig òsdair dubh Ghlinn Duibhre. Cha mhò bha Dughall dubh fhein a deanamh stri chruaidh sam bith, mar is tric a bhios a sheorsa ’deanamh, gus am barrachd tathaich a tharruinn ga ionnsuidh. Bha da reusan aige air-son so: Gu ’n robh ’aran fuinte, deiseil, searbh gu ’n robh bheirm a thòc e; ’s gu ’n robh eagal air na ’m biodh e faoilidh, fialaidh, rud nach robh e gu nàdarra, gu ’m biodh daoine na bu tighiche air a thaghal, agus na ’m measg gu ’m faodadh fear tachairt uair no uaireigin a dh’ aithnicheadh e, ’s aig am biodh fios gu ’n robh barrachd is aon chomharra air a cholunn a dh’ fhàg iarunn dearg air. Air an aobhar sin bha Dughall doicheallach, fuasach doicheallach, ris gach aon a thigeadh ’s a dh’ fhalbhadh, ’s cha chualas aon riamh a dh’ fhàg a dhorus a miannachadh fhaicinn gu bràth tuilleadh.
Thug sinn iomradh a cheana air Uilleam teith, eachlair an òsdair dhuibh, agus a nis mu ’n teid sinn na ’s fhaide tàirnidh sinn a dhealbh le beagan sgrìobagan dubha, ged a tha e fhein dearg. Cha robh fios aig aon ’san dùthaich ciod bu shloinneadh do dh’ Uilleam teith, no co as a thainig e, no c’àit’ an robh e cur seachad a chuid bu mhotha dhe shaoghal, ’s ged a bhiodh, cha ’n fhaigheadh e e, ’s cha fhreagradh e air cho math ris an ainm fo ’n robh e dol—Uilleam teith. Bha Uilleam fuasach dearg am falt ’s am feusaig, ’s bha aodann mar an ceudna cho dearg ris an sgàrlaid; a bhàrr air a sin ghabh e bhreac, a dh’ fhàg e mar mhàs miarain, ’s bhiodh daonnan, biodh ann an t-iuchar no na faoillich, braon falluis as na tobraichean lionmhor so air aogas Uilleam, agus a cur dearrsadh as a shaoileadh tu ghoileadh an coire na ’n cuirteadh air a cheann e. B’ ann bhuaithe so a fhuair e ainm. A thaobh ’s gu ’n reiceadh e anam an coinneamh adharc uisge-bheatha, bha e gu math feumail do ’n òsdair dhubh air son gach car obair dhiomhair no fhollaiseach a bhiodh aige ri dheanamh a dheanamh na éirig.
Bha dùil aig an Osdair dhubh gu ’n robh e tearainte gu bràth an uair a ghabh e seilbh air a’ mhuileann dubh; ach cha robh e fad ann an uair a fhuair e mach a chaochladh. B’ ann do Ghall spòrsail, sparasach a bhuineadh oighreachd a Bheallaich a nis, ’s b’ ann do dh’ oighreachd a’ Bheallaich a bhuineadh Gleann Duibhre. B’ ann an geall a bhuannaich e i, ’s mar sin dh’ fhàg i a réir coltais gu bràth lamhan an t-seann teaghlaich chòir Ghàidhealaich, a bha fad iomadh linn ga ’sealbhachadh an onair ’s am meas aig an coimhearsnaich. B’ e Caiptein Adam an t-ainm a bh’ air an òganach so, ’s bha e aig an àm so air a chommission ’s an arm a reic, ’s le ’dheise Ghàidhealach, a caitheamh le stròdhalachd ’s a buain an ni nach do chuir e, co ach esan! Bha tigh a’ Bheallaich a nis làn de spioraid thaghte aig
[Vol . 11. No. 19. p. 4]
Caiptein Adam, a bha cur seachad na h-ùine ri òl, ’s ri cluich, ’s ri gìll, air chor ’s gu ’n robh an taod air a chumail teann daonnan, ’s mar sin cha robh chùis coltach gu ’n seasadh e ’n tarruinn so fada.
Air latha àraidh chaidh Caiptein Adam a shealg, ’s o’n a bha ’n aimsir car blàth ’s am pathadh air a nis daonnan, bhual e aig dorus a’ mhuileann duibh a dh’ iarraidh deoch bu treise na ’m bùrn. B’ e so a cheud uair a sheas iad aghaidh ri aghaidh o’n a ghabh Dùghall sealbh air an àite, ach a nis a cheud shùil a thug Adam air an Osdair dhubh dh’ aithnich e e, oir chunnaic is chual’ e uime ’s na làithean a dh’ aom. Mu ’n do dh’ fhàg Caiptein Adam am muileann dubh, leig e fhaicinn do ’n fhear eile gu ’n robh fios aige có e, agus air do ’n òsdair a dhol as àicheadh, thug an Caiptein, a bha òg, lùthmhor, tàrradh, is shròic e nuas an còta ’s leig e ris a ghualainn, a nochdadh gu soilleir nan athailtean nach gabhadh falach. Cha robh comas air; bha e air a ghlacadh. Ach bha Caiptein Adam air son feum a dheanamh dheth, ’s cha b’ ann idir a thaobh e bhi daonda a chum e gun an t-òsdair a bhrath ’sa mhionaid, ach a thaobh ’s gu ’n robh e faicinn ga ’m faodadh e bhi ro fheumail dha ’s a sporan a fàs gu math aotrom ’s an àm. Mar sin thug e chùis mu ’n cuairt a réir a mhiann, ’s chaidh cùmhnant a dheanamh eadar na seòid—ùmhlachd agus sporan fialaidh air an darna taobh, agus sàmhchair air an taobh eile fhad ’sa mhaireadh an da chuid.
Mar a ceudna bha air an oighreachd chrion aig Caiptein Adam dà bhantraich. Aig té dhiubh, bantrach an t-saighdeir bhàin, bha aona mhac do ’m b’ ainm Eobhain bàn. Bha Eobhain na ghille cho dreachar ’sa bha ’san dùthaich ri latha, agus b’ eòl do dhaoine ainm na b’ fhaide air falbh na nàbachd. Ach b’ ann mar shealgair a bha e ainmeil; oir cha robh fear eile eadar da cheann na dùthcha bu chinntiche sùil air chùl gunna no a b’ eòlaiche ’s gach àite ’n tadhladh am fiadh ’s an earb ri Eóbhain bàn mac an t-saighdeir. Aig a bhantraich eile, bantrach a’ phìobaire mhóir, bha aon nighean, Una dhonn, caileag a bha gu math os cionn a chumantais am bòidhchead pearsa, ’s air gach dòigh a bha tlachdar do ’n t-sùil; a thaobh a cridhe ’s a h-inntinn nochdaidh an eachdraidh so an robh iad a tighinn a réir an taobh am mach. Ann an dachaidh bantrach an t-saighdeir bha nighean òg a gabhail còmhnuidh a thogadh ann o bha i na leanabh. ’S e Mairi Ros a b’ ainm dhi, ach b’ e Mairi bheag an dùin a theirteadh rithe gu cumanta. Bha ’h-athair na ’chompanach aig an t-saighdeir bhàn o òige, ’s an uair a thuit e ri ’thaobh an àr fuilteach dh’ fhàg e air a chùram a bhean òg ’s am pàisde bha gun bhreith. Cha do thog an òg bhean a ceann riamh an uair a fhuair i sgeul a bhròin, ’s mar sin dh’ fhàgadh an naoidhein aig an t-saighdeir bhlàth-chridheach ’s aig a mhnaoi chòir, is dh’ fhàs i suas na h-ighinn ghrinn, bhòidhich, a bha banail, beusach na ’giulan aig gach àm ’s anns gach àite. Dh’ fhàs i fhein is Eobhain suas comhla, agus an uair a thainig iad gu aois bha gach aon a smaointean nach b’ urrainn Eóbhain na b’ fhearr a dheanamh na Mairi bheag shiobhalta ’phòsadh.
(Ri leantuinn.)
“ALBANNAICH BHOCHD!”
(Sgeulaiche nan Caol).
SHEALL a h-uile neach a bha stigh air a chéile, agus fios aig a h-uile neach a bh’ anns an dùthaich gur h-e Dùghall Peanseanair féin, le còmhnadh cuid de na coimhearsnaich, a thog an tigh. “S e tha mi ciallachadh le sud,” arsa Dùghall, “gur mi fein a thog an tigh; ach mur bhi gu’n do thog, Iain Mac-a’ -Ghobha mise air oidhche shònraichte, cha togainn-sa ’n tigh so no tigh eile gu bràth.”
“Am bheil sibh ag ràdh rium,” ars an duine bochd, “gu ’m bheil Iain, mo bhràthair, beò?”
“Ma ta,” arsa Dùghall, “tha mi ’n dòchas gu ’m bheil; bha e beò slàn anns an t-Samhradh so chaidh, ’s e ann am Bail’ -atha-cliath an Eirinn. Tha seana chompanach agamsa, aig am bheil bùth air a’ Bhrumalà ann an Glaschu, ’s tha e glé eòlach air do bhràthair, chionn bidh malairt eatorra; cha ’n ’eil uair a chluinneas mi bhuaidhe nach faigh mi naigheachd do bhràthar.
“Thachair Iain Mac-a- Ghobha agus mise air a chéile ann an dòigh neònach. Ach ’n uair a chuimhnicheas mi, cha robh e neònach idir; ’s ann a tha e neònach gu’n do thachair Seumas, a bhràthair, agus mi fein air a chéile. Ged a dhianainn-sa do leaba so nochd, a Mhic-a’ -Ghobha, ’s fhada fo ’n chomaine sin mi, do neach anns am bheil boinne de dh’ fhuil Iain Mhic-a’ -Ghobha, no ’thainig as an aon dùthaich ris. Rinn e féin mo leaba-sa oidhche àraidh; ach tha mi creidsinn gu’m bi thu smaointinn gur i leaba neònach a bh’ ann, bha i air a dianamh eadar dà chlosach eich.”
“Tha mi car a’ tuigsinn,” arsa Mac-a’ -Ghobha, “gu ’n robh sibhse ’san arm, sibh féin. Ach tha ’n t-ainm Mac-a’ -Ghobha fuasach cumanta ann an Eirinn, ’s dh’ fhaoidteadh nach h-e mo bhràthairsa a thachair oirbh idir.”
“Cha ’n eil dh’ fhaoidteadh mu ’n chùis,” arsa Dùghall. “Cha mhor nach d’ thubhairt mi cho luath ’s a chunnaic mi t’ aodann, ‘an tù th’ ann Iain’ gus na chuimhnich mi gu ’m bheil e a dhà mheud riut-sa agus mu fhichead bliadhna na’s sine na thu.”
“Tha e dìreach uime sin,” arsa Mac-a’ -Ghobha, chuala mi mo mhathair ag ràdh, uair is uair, gu ’n robh miann dearcaig air ceann na malaidh cli aige.”
“Tha sin ann,” arsa Dùghall, “ach tha miann eile ann an diugh, nach fhaca do mhathair, ’s tha mi duilich a radh nach eil e cho bóidheach ri miann na dearcaig. ’S e h-ann làrach peilear an Fhrangaich air a’ ghruaidh chlì aige, ’s leanaìdh e ris co fada ’s a leanas an dearcag fein ged a rugadh leis i. Bha thu ’g ràdh, gu ’n robh thu ann am beachd gu ’n robh do bhrathair aig Waterloo; bha e ann an sin, agus bha mise ann cuideachd. Tha mi cinnteach gu ’n cuala tu mòran mu Waterloo. ’S iomadh rud a chuala’ mi a thachair aig Waterloo, ach ma thachair iad cha ’n fhaca mis iad.
Ach co dhiu, ann an dol fodha na gréine, air an latha ainmeil ud—agus gu dearbh ’s ann fodha dh’ fhaodadh i bhi fad an latha air son na chunna sinne dhith—ach ’n uair a dhlùthaich an t-am aice gu dol fodha, chuala sinn an ceòl bu bhinne a chuala sinn riamh. Tha fios agam gur h-e ceòl bu bhinne a chuala mise; b’ e sin bùireanaich ghunnachan mora nam Pruiseanach a leig a thuigsinn dhuinn gu ’n robh iad na bu tinne oirnn na shaoil sinn. Agus cas as a dhéigh sud, thug an Diùc an t-òrdugh do’n d’ thug sinn dùil; b’e sin, mar a thuirt an Corpolar MacFhionghain, dol agus na Frangaich a thoirt gu casgairt làmh.
“Dh’ fheuch Ralph gach dòigh a chleachdadh leis,
’S an diante sròil a thaisbeanadh;
’S a dh’ aindheoin seòltachd dh’ fhairtlich oirnn
An toirt gu casgairt làmh.”
“Agus ged a bhiodh an t-òrdugh ud gu ’r leigeil ma réir gu ’r suipeir, agus gu ’r leabaidh— ’s faic thusa, ’rìgh! ’s gu ’m b’ fheumach air an dà chuid sinn—ach ged a bhiodh an t-òrdugh gu ’r leigeil ma reir, mar a thubhairt mi, cha b’ urrainn gu ’m biodh e air gabhail ris le ’leithid de ghàirdeachas. Mar gu’n tilgteadh an iall thar amhach nan gadhar ’san fhaghaid ri sliabh, mar thonn an déigh tuinne air an tanalach; mar dhaoine air mhisg, no air bhoil, bha a’ chuideachd anns an robh mi fein a’ cur na réis ris na h-eich ghlasa, a chaidh seachad oirnn, le siuthadh naoisg, ’s e dol mu thàmh, an spuir ’gan sparradh, agus gaoir na mire-chath, ‘Albainn gu bràth’ a’ bàthadh as ar cluasan nuallanaich chanan an Fhrangaich, a bha mu ’n àm ud a’ fannachadh. Ach cha deachaidh mise fada, ’n uair a thuit mi; ’s feumaidh mi aideachadh nach robh fiughair agam gu ’n éirinn gu bràth. Bha mi faireachdainn m’ fhuil bhlàth ’na caochan a’ ruith sìos mo thaobh, as an lot a bha fo chnaimh na guaille agam, ’s cha b’ e sud bu mhò a thug de phian dhomh, ach mar a bha mi air mo shaltairt fo chasan dhaoine agus each. Bha mi ri ciùchran bròin rium fhein ann an Gàidhlig, ’n uair a dh’ fhairich mi làmh neach ’ga cur fo chùl mo chinn, agus làmh eile fo bhac ’m easgaid; ’s chaidh mo thogail cho sgiobalta, ’s a thogainn-sa am balachan sin. Agus cha robh mi aotrom an latha bh’ ann an sud. Dh’ fhosgail mi mo shùilean agus chunnaic mi gu ’n robh mi air mo ghiùlan le gille mòr òg dreachail, ann an éideadh uaine, aon de na Réisimeidean Eireannach. ’N uair a thuig e gu ’n robh mo mhothachadh agam, thuirt e ann an deadh Ghàidhlig, ‘Albannaich bhochd.’ Leig e sin air làr mi eadar dà each mharbh; thug e mach an sgian, agus ghearr e mo chòta mu choinneamh an leòin; thug e stiall aodaich a bh’ air oifigeach Frangach a bha marbh ri ar taobh, leis an do cheangail e mo lot. Fhuair e ’n dà chuid fìon agus uisge ann am pòcannan nan diolaidean a bh’ air na brùidean bochda a bha marbh air gach taobh dhiom. Chuir e am fìon ri m’ bhilean ’s dh’ òl mi deur dheth; chuir e ’n sin am botul ri ’bheul, leis na facail so, “Tha so gu slàinte Bhlucher.” Leig e ’n sin am botul sios làmh rium, ’s thuirt e gu ’n robh dòchas aige nach b’ fhada gus an tigeadh feadhainn da ’m b’ fhearra b’ aithne sealltainn as mo dhéigh; ’s dh’ fhalbh e.
Ged a bha buidheann an dràsd ’sa rithisd a’ dol seachad orm, cha robh iad cho lìonar, ’s a bha iad ’n uair a thuit mi; agus bha closaichean nan each ga m’ dhìon o bhi air mo shaltairt fo ’n casan. Ged a bha aig an àm ud, na gunnachan mòra, ach beag air stad, bha clach-bholg nan gunnachan caola, cho cruaidh, mur a robh na bu chruaidhe na bha e riamh. Ged a bha na Gearmailtich car màirnealach ’san tighinn, ’n uair a thainig iad cha do chaomhain iad luaidhe.
Ach ged a dh’ fhaotainn a ràdh gu ’n robh, aig an am ud, an cath seachad, aig mo chompanaich, cha robh e agamsa, agus aig iomadh fear a bhàrr orm. ach a’ toiseachadh. Ged a bhiodh gach cànain ’san Roinn-Eòrpa air mo theangaidh bu dìomhain domh dol a dh’ fheuchainn ri uamhas na h-oidhche ud a chur ann am briathran beòil. ’N uair a thréig fuaim a’ chath an t-achadh air am bu chruaidh fad an latha e, ’s a laidh sgàil thiamhaidh na h-oidhche air gach nì mu ’n cuairt, dh’ éirich osnaich mhuladach a’ bhròin, obagan deireannach a’ bhàis, o iomadh creutair a bh’ air dhroch càradh, séideil throm nam brùidean balbh, a bha ’fulang cràidh cho math ruinn fhein, ged nach robh am faireachdainnean a’ tighinn ann am briathran bhuapa. Agus a dhùblachadh nan uamhas thòisich an sin na daoine—no na diabhuil ann an riochd dhaoine—air an obair sin a tha ’na tàmailte do’n chinneadh-daonna: ’s e sin a bhi spùinneadh na bha marbh agus leòinte air an achadh an déigh a’ chath. Agus truaillidh ’s mar a dh’ fheumadh inntinn neach a bhi mu ’n rachadh e a ghoid o ’n leointe bhochd no o’n chorp a bha marbh air an làr, saoil an stadadh clann an athar aig a sud, ’s iad fein nach stadadh. Rachadh an stàilinn ghorm a sparradh gu talamh ann
[Vol . 11. No. 19. p. 5]
’s gach creutair truagh, ’san robh de bheatha no de neart na dh’ fheuchadh ri dad de na bh’ aige a chumail bhuapa. Thug mi tacan fo eagal gu ’n robh iad a’ tighinn far an robh mi, ’s cha b’e an t-eagal gu ’n caillinn dad de na bh’ agam: cha robh e trom ri ghiùlan. Co dhiù, thàinig faragradh air chor-eiginn orra, agus dh’ atharraich iad an cùrsa gu clis, ’s cha d’ thainig iad gu ’m chòir. Ann am marbh na h-oidhche bha tosd na h-uaighe mu ’n cuairt orm, agus mar gu ’m b’ ann a thoirt orm féin a chreidsinn nach robh mi cheana fo ’n fhòd, thug mi làmh air an uisge a bha ri m’ thaobh, agus bha mi toirt deur as. Chunnaic mi duine, is e tighinn air a mhàgan a nuas far an robh mì; agus ’s e shaoil mi gu ’m b’ e h-aon de chlann mhic-mhallachd air an d’ thug mi iomradh cheana bh’ ann. ’N uair a thainig e na b’ faisge orm, chunna mi gu ’n robh e ann an éideadh Frangaich, ’s cha d’ fhàg sud mo bharail dad ni b’ fhearr uime. Bha e ag ialadh na bu dlùithe orm, agus an sin mar gu ’m biodh e air toirt thairis, leig e cheann air an làr, agus thainig osna throm o chliabh, is thuig mi gu ’n robh e a’ gairm air ainm a Chruitheir. Their na Frangaich, ‘Dia’ mar a their sinn anns a’ Ghàidhlig. Thog e rithisd a cheann, agus thuirt e ann an trì facail de Bheurla, ’s tha mi ’m beachd gur h-e sud na bh’ aige de ’n chainnt sin, thuirt e,” ‘O, Shasunnaich, uisge.’ Thog mi ’n sin am botul leis an laimh a bha ma réir agam; shìn mi ’na rathad e, chionn cha b’ urrainn mi éirigh. Mhàgrain e far an robh mi, agus cho luath ’s a fhuair e ’m botul ’na laimh chuir e ri bhilibh e, ’s cha d’ fhàg e deur air a mhàs. Bha e ri gu leòir de sheanchas, a’ togail ’s a’ cromadh a chinn a’ toirt taing dhomh, tha mi smaointinn, ged nach robh mise tuigsinn smid de na bha e ’g ràdh. Thug mi ’n sin air lom am botul ’san robh am fìon; bha mi air son deur a thoirt dhà dheth, ach air eagal gu ’n deanadh e air an fhìon mar a rinn e air an uisge, thug mi fhéin làn mo bheòil an toiseach as, mu ’n d’ thug mi dhà e; ach cha deachaidh e chòir cho domhain anns an fhìon ’s a chaidh e anns an uisge; thug e deur as, ach dh’ fhàg e deur math ann, agus shin e ugam am botul air ais. ’S minig a bhios mi smaointinn rium fein ’n uair a chuimhnicheas mi air an dòigh ’san robh am Frangach agus mi fein a’ cur seachad na h-oidhche còmhla; na ’n do thachair sinn ni bu tràithe ’san latha, is sinn ’nar éideadh, gu ’m biodh atharrachadh cluich againn. Ach ann an glasadh an latha, thainig cuideachd eile oirnn ri ’n d’ rinn mo chridhe gàirdeachas; b’ iad sud a mhuinntir ud a bha sealltainn as déigh na bha leòinte air an achadh fhuilteach ud. Thug iad leò mise, ’s thug iad leò ’m Frangach cuideachd; ’s bha mi toilichte, ged is iomadh fiùran àluinn a tha nochd a’ cnàmh ann an ùir choimhich, a dh’ fhaodadh a bhi beò slàn ann an tìr a dhùthcha, mar tha mise, na ’n do nochd na Frangaich an truacantas ceudna do na daoin’ againne, ’n uair a thachair gu ’n fhuair iad an cothrom. Co dhiù, bha crìoch air an latha ainmeil ud, agus bha crìoch air rud a b’ uamhasaiche leamsa na’n latha; b’e sin an oidhche as a dhéigh. ’S minig, uaidhe sud, a ghuidh mi air Rìgh nan-dùl gu ’n tugadh e ’na thròcair dhomh, nach bidhinn leth-uair de thiom gu bràth tuillidh, air àraich nan leon agus nam marbh, ged a b’e mo chrannchur gu’m feumainn dol ann an teas nan tri-fichead cath. Ach a chum sgeul fhada a ghiorrachadh, cha deachaidh Iain Mac-a’ -ghobha, fada an déigh mise fhàgail, ’n uair a leònadh e féin, an toiseach air a ghruaidh, agus a rithisd anns an taobh. ’S cha robh a chor air an oidhche ud, dad ni b’ fhearr, mur a robh e ni bu mhiosa, na mo chor fein. Ach co dhiù, thuit e mach gu ’n do dh’ aithnich sinn a chéile, anns an àite ’san robh sinn air ar n-eiridinn, ’s anns an d’ thug sinn ioma latha as a dhéigh sin.”
An uair a ghabh Dùghall Peanseanair, agus a theaghlach, mu thàmh air an oidhch’ ud, thug Dùghall fada ’na dhùsgadh, a’ smaointinn air ioma ni, agus gu sònraichte air cho miorbhuileach ’s a thig an roth sin mu ’n cuairt ris an abair sinn tuiteamas.
Cha robh ach bòrd glé thana mar bhalla tarrsainn eadar Dùghall agus an t-Eireannach, agus mu ’n do dhùin am fear ud a shùil ann an suain, ged nach robh a bhriathran ach ìseal, thionndaidh e chridhe ann an taingealach ri Athair nan gràs, a stiùir agus a thug sabhàilt’ e gu ionad blàis agus fasgaidh.
“Cha bhriathran a dh’ fhàg cleachdadh réidh,
Mar theirear ann an éisdeachd sloigh,
Ach taingealachd an tròcair Dhé,
Gach facal, srad o éilibh beò.”
Ged nach robh ann ach am bleidire bochd, bha tuillidh taingealachd ’na ùrnuigh na bh’ ìnnte de dh’ iarrtas, ged a bha e ’guidhe beannachadh Righ nan Neamh a bhi chòmhnaidh air an tigh ’s air an teaghlach o ’n d’ fhuair e leithid de bhlàs agus de chaoimhneas.
Anns a’ mhaduinn an la-ar-na-mhàireach, ged a b’ àrd na cuitheachan sneachd, bha Mac-a’ -ghobha air son gabhail air aghaidh air a thuras gu deas; ach ’s beag fios a bh’ aig an duine bhochd cho eu-comasach ’s a bha e dha sud a dheanamh.
“Cha téid, cha téid,” arsa Dùghall. “Cha ’n e so dath a bhios air an dùthaich ’n uair a dh’ fhàgas tusa Gleann-alltain. Cha ruig thu leas a bhi diomhaineach, tha coirce ’san t-sabhall ri bhualadh, treud ri ’m biathadh, ’s ’n uair a dh’ fhalbhas an sneachd, tha talamh ri leasachadh, ’s ri ruamhar.
Tha mi fuasach fada ’nar comaine,” arsa Mac-a- ghobha, “agus ma tha lìon agaibh ri ghiollachd, tha mi glé mhath air an obair sin, ’s bi mi fuasach toilichte tacan a thoirt air.”
Fad iomadh bliadhna as a dhéigh sud, cha robh anart ri fhaicinn, air feadh na dùthcha, cho smasmhor ri anart Ghlìnn-alltain, ’s bha e daonnan air a ràdh gur h-e ’n t-Eireannach a dh’ ionnsaich dhoibh mar a ghiollaichdeadh iad e.
Thug Mac-a’ -Ghobha iomadh latha sona ann an Gleann-alltainn; rachadh aoidh ’us furan a dheanamh ris anns a h-uile tigh ’sa bhaile, anns an rachadh e air chéilidh, chunnaic e uidhir de bhòcain ’s de shìthichean ri neach a bh’ anns a’ bhaile, no mar a theireadh e fein: ‘Ban Sìth,’ agus a’ chuid nach faca e féin dhiu, chunnaic a sheanair iad ann an Eirinn o chionn fada.
Bha ’m pòr ’san talamh, ’s a mhòine buainte, ’s a’ chuthag ’na seusdar mu ’n d’ fhàg Mac-a’ -ghobha Gleann-alltain. Agus an latha dh’ fhalbh e, ’s e air a sgeadachadh gu math o mhullach gu bhonn, le boineid ghorm, ’s le dheise chlò, tharrainn a choslas o iomadh neach a chunnaic a’ dol seachad e, seann-fhacal a bha cumanta ’san àite, ’n uair a chitheadh iad neach ann an deise ùr, “Mo chùl ris an luideig, ’s e ’n duine an t-aodach.” Greis as a dhéigh sud, fhuair Dùghall Peanseanair litir o sheana chompanach a bh’ ann am Bail’ -atha-cliath an Eirinn, agus bha i a’ criochnachadh car mar a leanas:— “Bidh cuimhn’ agad, gu ’m b’ àbhaist do na Sasunnaich a bhi fàgail oirnn gu ’n robh sin gisreagach, ach ’s minig a rinn an Sasunnach briag mhòr le beagan de ’n fhìrinn. Ach cha ’n eil fios agam nach bi thu féin ag ràdh gu ’m bheil mise gisreagach, ’n uair a dh’ innseas mi dhuit gu’m robh mi latha o chionn athghoirid, agus o ’na dhùisg mi ’sa mhaduinn gus an d’ thainig am feasgar, gu’n robh smaointinnean mu dhachaidh m’ òige a’ tighinn ann am inntinn gun tàmh. ’Nuair a bha mi tighinn dhachaidh troimh ’n t-sràid feasgar, bha mo phàrantan ’s mo bhràithrean agus mo pheathraichean, daonnan a’ tighinn ann am ìnntinn, ’nuair a thàinig caileag bheag, nighean domh, ’na ruith ann am chòmhail. Cha do ghabh mi ioghnadh as a sud, a chionn gur h-àbhaist dhith a dheanamh; ach cho luath ’s a fhuair i ann an asdar seanachais dhomh, thuirt i, ‘Athair, tha Albannach a stigh a’ feitheamh oirbh.’ Cia mar tha fios agad” arsa mise, “gur h-e Albannach a th’ ann?” ‘Tha,’ ars ise, ‘tha boineid air.’
“ ’S math tha cuimhn’ agam, an uair a dhealaich sinn, gur h-iad na facail mu dheireadh a thuirt thu rium— ‘Cha phàigh mi gu bràth dhuit do chaoimhneas dhomh.’ Ach, mo dheagh charaid, ’s math a phàigh thu dhòmhsa do leaba a rinn mi dhuit air oidhche shònraichte eadar dà chlosach eich.”
MAC IAIN SHROIN-AN-T- SITHEIN.
AIR do na Caimbeulaich oighreachd Ard-na-murchann a spionadh le foirneart o chloinn Iain, bha ceann-teaghlaich do’n chinneadh sin, Raonull Glas, fear Shroin-an-t- Sìthein, a chum a chuid fearainn aimsir an deaghaidh d’ a chàirdean gu léir géilleachdainn. Fadheòidh, chuireadh buidheann lìonar, làidir gu cur as da.
Fo dhubhar na h-oidhche, chuartaich iad an tigh. Bha ’n seann laoch gaisgeil ’na aonar, gun fhear-còmhnuidh dlùth dha—gun neach a b’ urrainn cuideachadh leis, ach a mhac, Raonull Og, ’s gun esan ach cóig bliadhna-deug a dh-aois. Bha dorus air gach taobh do’n tigh, agus chuir e ’mhac a dhìon an doruis-chùil; ach cho luath ’s a dh’ fhàg ’athair e, thug an t-òganach a chasan ás. ’N uair a chunnaic an gaisgeach neo-thiomchridheach gu’n d’ fhàgadh air a làimh fhéin e, mar a bha ’n ceard ’s a’ chaonnaig, smaointich e nach robh feum fuireach ni b’ fhaide; ach ged bu chruaidh a bhi air fhògairt le ainneart bho làraich a shìnnsear agus an tighe ’s an deachaidh àrach, ’s e ’chràidh a chridhe, gu ’n do threigeadh ’n a théinn le mhac e, mar ghealtaire nach b’ airidh air ainm nan tréun bho ’n d’ thàinig e. Ged a bha ’n tigh air a chuartachadh le naimhdean gamhlasach, ghlac e ’chruaidh-lann ’na dhòrn, ’s a mach a bha e. Ghearr e ’rathad roi’ luchd mì-rùin, ’s thog e air do Mhùideart, gu Mac-mhic-Ailein. Chaidh tri bliadhna seachad, ’s cha chual’ e ciod a thàinig ri ’mhac Raonull Og. Bha ’chridhe fo iomagain mu ’dhéibhinn. Bha e ’crìonadh mar dharaig aosda ’na aonar, gun neach dlùth dha a sheasadh ri ’ghualainn, a’ cuimhneachadh nan làithean a dh’ fhalbh—na làithean ’s an robh a chàirdean ’s a theaghlach mu thimchioll— ’s an lasadh ’aigne le sòlas, a’ smaointeachadh gum faiceadh e’n trà ’s an seasadh a mhac ’na àite, toilteannach air cliù agus onoir nan gaisgeach calm air an ainmicheadh e; ach mo chreach! bha atharrachadh air a’ chùis bho’n uair sin—bha e nis gun chàirdean, gun teaghlach, gun fhearann, gun mhac.
Bha a chùis mar so an uair a thainig Raonull Gallda a dh’ agairt a chòrach an aghaidh a bhràthar, Iain Muideartach. Chruinnich Clann Raonull as gach cearna gu Caisteal-Tioram, le làn rùn gu’n seasadh iad le Iain Mùideartach “a dh’ aindeoin cò theireadh e.” Bha Raonull Glas ’s a’ chòmhail mar chàch, agus air teannadh dhà ri dol fo armachd thug e sùil mu’n cuairt, agus chunnaic e òganach àillidh ’na sheasamh ri ’thaobh, a ceartachadh a chuid arm mar an ceudna. Chlisg a chridhe ’na chliabh air toirt an aire có ’bh’ ann. Air dhoibh dealachadh trì bliadhna roimhe sin, cha robh ’n a’ mhac ach glas-ghille. Bha e nis ’na làthair, air fàs suas mar fhiùran gun mheang;
[Vol . 11. No. 19. p. 6]
agus có ’n cridhe athar nach atadh le aoibhneas, ’n àm tachradh dhoibh ’s an t-seasamh sin? Ach chuimhnich Raonull Glas air an oidhch’ a theich a mhac agus chum e air fhéin. Thug e ’n ath shùil air an òganach, agus thuirt e:— “ ’S coma leam fhin an rud a bhiodh ann, armachd a’ ghill’ òig, ’s e ’teicheadh.” Tuillidh cha d’ thubhairt e, ’s ged a b’ fhuar an fhailt i bho bhial ’athar, cha do ghabh an t-òganach air gu ’n cual’ e i. Thog Iain Muideartach ’s a ghaisgich orra. Choinnich iad Raonull Gallda ’s na Frisealaich aig Ceann Loch-Lòchaidh, far ’n do chuir iad an cath fuileachdach ris an abrar Blàr Leithne.
Thachair Raonull Galld’ agus Raonull Glas air a chéile ’s a’ chòmhstrì; ach ged a b’ ainneamh air cùl claidheamh làimh bu tréine na Raonull Glas, bha Raonull Gallda ’faighinn buaidh air. Leònadh ’s a’ cheann e, agus theann e ri dol air ais: chunnaic a mhac Raonull Og, mar a bha ’chùis, agus leum e far an robh iad. Thubhairt e, “ ’S coma leam fhin an rud a bhiodh ann ceum air ais an t-seann duine; ach so mar bu chòir a bhith, am mac a dhol an ionad an athar.” ’S an ionad ’athar chaidh e.
Bu ghoirt a’ ghreis a thug na laoich; an làmh bu taise, bu deacair ìnnseadh. Cha robh a’ mhiann air Raonull Og a nàmhaid a thorchairt; ach leònadh leis an fhear eile e, agus bha ’fhuil a taosgadh mu ’shùilean. Chunnaic e gu ’m feumadh an dàrna fear tuiteam, agus le rùn gun cheilg, thubhairt e— “Cha bhi mi ’m foill dhut, a dhuine thall; tha do nàmhaid air do chùl.” Shaoil le Raonull Gallda gu ’n robhas a’ tighinn a thaobh a chùil air, agus ghrad thionndaidh e mu ’n cuairt; ach anns an tionndadh, chuir buille ’chlaidheamh Raonull Og an ceann deth.
Bhuannaich Clann-Raonull an latha. Cha d’ fhàgadh beò, de chóig-ceud Frisealach, neach a dh’ innse sgeòil; agus de dhà cheud Raonullach cha robh beò ach aon-fhear-deug, agus gach aon diu leòinte!
Air an dol dachaidh do Mhùideart chuir iad seachad an oidhch’ ann an Gleann-Fhionghain, far an d’ thàinig an cairdean ’nan coinneamh. Bha gach fear ag ìnnseadh nan gnìomh euchdach a rinneadh ’s a’ bhlàr, agus ri connsachadh mu dhéibhinn cò ’mharbh Raonull Gallda.
Bha Raonull Glas agus a mhac ’nan laidhe air seid an ceann uachdrach an tighe, ag éisdeachd ris na bha ri ràdhainn. “Eirich,” ars’ esan, “a mhic, agus cuir an tuath air an t-samhaich cheart.” Dh’ éirich an gaisgeach, agus labhair e— “Togaibh dheth, fhearaibh; so an làmh a rinn an gnìomh. ’S i so lann an uasail sgairteil; agus b’ fhéarr leam dol a stigh air an dàrna ceann dhibh, agus a mach air a’ cheann eile, na’n claidheamh sin a thoirt as an làimh ’s an robh e mu ’n àm so ’n dé.”
Mo chreach! b’ fhearr nach robh na leanas r’a ìnnseadh; an àit a’ cliù agus an urram a thoill e, ’s ann a ghabh iad fuath agus gamhlas ris. Ged nach robh a’ chridhe aca chuir an céill gu follaiseach, smaointich iad, nan biodh làithean aig fear cho dàna ’s cho treubhach ris, gun tugadh e bàrr air a chinneadh gu léir. Cha bu Raonullach a bh’ ann, ach Iaineach, agus rinn iad suas cur as da. Thug iad air an lighiche bha ’leigheas a’ chréuchd an gnìomh oilteil so a thoirt gu crìch, le dealg a sparradh ’na eanchainn troi ’n lot a bha ’na cheann. Mar so mharbhadh am flath fearail; agus beagan làithean ’na dhéigh, bhrist cridhe ’athar le bròn.
Chuireadh an dithis ’s an aon uaigh, ann an Eilean Fhianain, far an robh claigeann Raonull Oig r’ a fhaicinn, an eag a dh’ fhàg faobhar a’ chlaidheimh ’na cheann, agus an toll a rinn an dealg ann, gus bho cheann-ro-ghoirid; agus ’s e mo bharail gu bheil e fhathast ’s an àite cheudna, mar chuimhneachan air gairgead sinnsridh na muinntir a tha nis gun choimeas le sìobhaltachd. Bu taingeil bu chòir dhoibh a bhi, gu’n deachaidh na làithean seachad anns nach biodh neach earbsach an àm laidhe gum biodh a cheann air ’amhaich gu maduinn. Thàinig mòr atharrachadh air ioma cèarna de’n t-saoghal bho’n uair sin, agus gun teagamh cha’n i ’Ghàidhealtachd àite ’s lugha air an d’ thàinig de mhuthadh.
Oiteag a L’Ardoise.
A DHEAGH CHARAID: —Thug mi gearr-iomradh air banais anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi gu ’r n-ionnsaidh. Tha mi aig an àm so ’dol a thoirt dhuibh sgeul air deagh luadh air ’n do thachair dhomh bhith oidhche air an t-seachduin s’a chaidh. Tha mi creidsinn nach cuir a’ mhor chuid dhe na leughas an litir so suim sam bith ann an leithid so de naidheachd, oir dh’ fhaodadh nach eil annas aca de luadh. Ach ’san àite so, far nach eil ach beagan Ghàidheal a’ còmhnaidh, theid othail mhor a dheanamh ri fearas-chuideachd dhe ’n t-seòrsa so. Bha uair eile ann, ’s cha robh ioghnadh sam bith an iomadh frolic luaidh a bhi ’toirt toileachaidh dh’ an òigridh (agus do’n aois) re oidhcheannan fada gheamhraidh. Ach dh’ fhalbh an t-àm sin, agus a nis ma theid ar cuireadh gu luadh uair ’sa bhliadhna ’se ni iongantach a th’ ann. Cha ruig mise leas teannadh ri innse de ’s coireach ris an atharrachadh. Tha fhios aig a h-uile neach air. Cha’n eil feum ga ’chur air clò Gàidhealach o’n tha ’n clò Gallda ’san fhasan. Ma chuireas neach uime briogais ghlas chlò cha bhi ballach air cnoc nach bi mèilich ris. Ach gu mo naidheachd. Bha cuireadh farsuinn fialaidh air a thoirt do ’n òigridh cruinneachadh do thigh aon de na coimhearsnaich gu frolic luaidh, agus mu’n gann a chaidh a ghrian fodha, bha còmhlan math air tional. Shuidh bannal dhe na caileagan mu ’n chléith agus chaidh iad an dàil na h-obrach gu gramail, ach “Cha chluinnear luinneag òighean seisd nan òran air a’ chléith;” ni muladach, nach eil na h-igheanan laghach a tha ’n taobh so a’ cleachdadh òrain luaidh. Tha na gillean air thoiseach orra ’sa cheum so, mar a thaisbein iad an oidhch’ ud, ach ’s fheudar aideachadh gu’n do chuidich na gruagaichean geanail iad a’ togail an fhuinn. Bha sinn gu trang a luadh gus an robh e teannadh ri meadhain oidhche. An sin bha deagh chuirm air a cur m’ ar coinneamh do ’n d’ rinn na h-uile neach ceartas. An deigh na cuirme, bha cleasan neo-lochdach air an cluich a thug a mach iomadh gàire. Mu ’n gann bu chòir dha bhi meadhan oidhche, shoilleirich an ath mhadainn, agus an deigh cuirm eile dh’ fhalbh a’ chuideachd dhachaidh, gle chadalach, ach gle thoilichte leis mar a chaidh an oidhche ’chur seachad, agus a’ guidhe sonas do dh’ fhear ’s do bhean an taighe. Gu ma fada beò iad ’s ceò as an tigh! Is mi do charaide,
COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.
Am Màrt 10, 1903.
“Fios Iarmailt”
A CHARAID IONMHUINN, —Bha mo ghoistidh agus mi fhein an la roimhe a bruidhinn mu dheidhinn an ainm a thug sibh air a Mharconigram, agus bha sinn le ’chéile de ’n aon bheachd dha taobh, agus ’s e sin, gu ’m b’ e “fios-iarmailt” bu fhreagarraiche air na “cogar-adhair.” Tha e cinnteach gur e, ann an tomhas mor, an aon seadh a th’ aig na facail iarmailt agus adhar; ach mar a tha mise ga ’thuigsinn, their sinn an t-adhar ris an ionad anns am faic sinn a’ ghrian ’s na reultan a mhàin. An uair a bhios neòil thiugh ann their sinn, “Cha ’n fhaic sinn an t-adhar.” Mar an ceudna gu bheil an iarmailt ag iathadh dluth dha, agus mor thimchioll an t-saoghail. Mar a thuird am bàrd foghlumaichte, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair:
“Chinn gach dath ’bhiodh ann am breacan
Air an iarmailt.”
Bidh na dathan àlainn so glé bhitheanta ri ’m faicinn air an iarmailt eadhon dh’ionnsaidh na talmhainn. ’S minic, nuair a bha mi na ’m bhrogach, a fhuair mi mi-fhein glé mhor air mo mhealladh, an uair a rachainn thun a cheart spot ’san robh mi faicinn ceann bogha-frois, ach, mo thruaighe, an uair a ruiginn an dearbh bhad sin bha mi cho mor “eadar am bogha ’s an t-sreang” ’sa bha mi riamh. A réir coltais tha an gne dhealanach sin leis am bheileas a cuir an fhuaim no ’n fhios o àite gu àite, a leantuinn cuairt an t-saoghail, co dhiù tha no nach ’eil e dol suas do ’n adhar; ma tha, cha ’n ’eil e toirt fad ann.
’S e sin, ma ta, —ma ’s aithne dhomhsa chuir am briathran air dhòigh ’s gu ’n tuig sibh e—an reusan air an saoilinn gur e “fios-iarmailt” is freagarraiche. No, o’n a thàinig e gu m’ aire, c’ar-son nach biodh “fios-dealain” gle mhath? ’S e ’s fhasa ràdhainn, agus ’s e gne dhealanach a tha daoine deanamh aig an tigh(home made)a th’ ann.
Ma ’s fhiach smaointean mo sheana chinn, le droch sgriobhadh mo sheana phinn, a chur an iomall de MHAC-TALLA, faodaidh tu an seorsa litir so a chur ann, ge b’e ainm is freagarraiche.
V.
Beagan Fhacal a Orwell.
Tha mi cur dolar anns an litir so a phàidheadh a’ phaipeir air-son na bliadhna tha criochnachadh an Ogust a tha tighinn. Cha bu chion dùrachd math no cion airgid bu choireach nach d’ fhuair sibh an t-airgiod roimhe so ach rud ris an can sinn anns a’ Bheurlaprocrastination ,rud, ged tha nàir’ orm innse, dh’ am bheil mi fhin gle bhuailteach.
Tha tìmeannan air an eilein so o chionn beagan bhliadhnachan na’s fhearr na bha iad roimhe sin. Tha naliberalsag radh gur h-ann air tàille an riaghlaidh mhath a tha iad fein a’ deanamh air an dùthaich a tha ’n soirbheachadh so; agus tha naconservativesa’ feuchainn ri dheanamh a mach gur h-e ’n siol a chuir iadsan ’san ùine dh’ fhalbh a tha ’n diugh a’ fàs, agus gur h-ann dhaibhsan a tha ’n t-urram dligheach. Tha mise de ’n bharail gur h-ann a chionn gu bheil ionnsachadh anns gach ni na’s fhearr na bha e roimhe so, a tha an dùthaich na’s soirbheachaile. Na tuathanaich a bha o chionn beagan bhliadhnachan air ais a’ deanamh am beò-shlainte le creic coirce, buntàta ’s cruithneachd, ’s ann tha iad an dràsda biathadh chruidh, mhuc is chaorach, ’s a’ creic bainne, mucan is feòil, rud ’sam bheil am barrachd airgid. O chionn bliadhna tha na tuathanaich so an deigh tòiseachadh ri reamhrachadh ian ’s ri togail mheasan, dòigh air an dean iad barrachd mor airgid le na’s lugha de dh’ obair chruaidh. Ach ged tha daoine air fàs na ’s teòma ann an obraichean tha mi de’n bharail nach eil iad ann am bitheantas idir cho onarach, fìrinneach, stuama, ceart agus fialaidh ’sa bha na seann daoine.
A. D. MAC-LEOID.
Orwell , E. P. I., Feb.28, 1903.
Bha triùir chaileagan a bha tilleadh as na Stàidean air bòrd an t-soithich Minto nuair chaidh a glacadh ’san deigh eadar Pictou is Baile-Shearlot. Air dhaibh a bhi ’call am foighidin dh’ fhàg iad an soitheach ’s choisich iad gu tir air an deigh, astar ochd mile deug gu leth!
[Vol . 11. No. 19. p. 7]
Canada Ard.
LE ANNA NIC-GILLIOS.
Ann an Canada àrd
Tha gach sonas is àgh;
Bidh gach maoin ann a fàs ri ’chéile.
Gu bheil cruithneachd a fàs
Luchdmhor, lionte gu bhàrrr
Ach tri miosan thoirt da de thearmunn.
Gheibhear siùcar a craoibh
Ach an goc chur na taobh,
Is cha mhìll sin a h-aon de ’geugan.
Gheibh sinn dearcan is fion,
’S gach ni eile gu ’r miann;
Cha bhi uireasbhuidh sion fo’n ghréin oirnn.
Bu mhath dhuinne ’s gach dòigh
Maighstir Alasdair òg;
Fear na misnich, na treoir’, ’s na léirsinn.
Dh’ fhalbh e leinn, mar rinn Maois,
’Mach a dùthaich na daors’,
’Thoirt dhuinn fearainn, is saors’, is eibhnis.
Fhuair sinn bailtean dhuinn fhìn,
Le còir dhainginn o ’n rìgh,
’S cha bhi uachd’rain a chaoidh ga ’r léireadh.
Ealag Chamaran.
LE DONNACHADH MOR FRISEAL.
Is oidhche dhomh nam aonar
A siubhal fraoich is fàsaich,
Gun d’ dhrùidh an t-uisg’ air m’ aodach
Is shaoil leam a bhith bàithte.
Bha ’ghaoth a cheart cho fuath’sach
’S mo chluas nach cluinneadh tàirneach.
Ceud soraidh slàn do ’n ghruagaich
’Thug dhomh gun ghruaim an fhàrdach.
Nuair ràinig mise ’n teaghlach
Bu chaoimhneil rium bha Sàra,
Gun d’ fhuair mi cuid na h-oidhche
Is roinn de ’n la- ’r-na-mhàireach;
Bha h-uile ni mar dhaoimean
Gun fhoighneachd ’tigh’nn gu m’àilgheas;
’S mo dhùrachd-sa do ’n mhaighdinn
A rinn mo leab’ a chàradh.
B’ i sud an leaba chliùteach;
Gun gabhadh Diùca tàmh innt’;
Le iteagan ’s le dùnais,
’S le cùirteinean ùr’ àrda,
Le cuibhrig dearg is uaine,
’S le cluasagan mìn, àlainn:—
Ged bhiodh an reothadh cruaidh ann
Am fuachd cha ’n fhaigheadh làmh-rium.
Is math ’thig gùn de ’n t-siod’ dhuit,
Is breacan rìomhach sgàrlaid;
Is làmhainean geal rìomhach
Mu d’ bhasan mìne, bàna;
An t-suil a’s glaine lionadh,
’S do bhian mar shneachd an fhàsaich;
Gur son’ e, ge b’ e òg e,
A gheibh le deoin do làmh-sa.
Nuair theid thu thun na h-airidh
’S a Bhraighe ’s tearc do shamhladh,
A dheanamh muighe ’s càbaig,
’S a dh’ arach laogh is ghamhna;
Do phears’ tha direach alainn,
’S gur h-àilleagan ’sa ghleann thu;
B’ e ’n solas a bhi còmhl’ riut
Seach stòras Thighearna Ghrannda.
’Nis bheir mi dhuit mo sheoladh,
Mar ’s eol dhomh, ann an dànachd;
Bi ’fuireach bho gach gòraich’,
’S do dhòigh ua doir do mhànran.
B’ i ’n còmhnaidh banail, stuama,
’S fear-fuadain na leig teann ort;
Is chi thu le do shùilean
Gur cùis sin nach dean call dhuit.
Gur h-iomad caileag bhòidheach
A b’ eol dhomh ri mo là-sa,
A chaill le falbh na h-oidhche
A h-aoibhneas is a h-àilleachd.
Tha iad an nis is gnùig orr’
An cùil gun fhear thig làmh-riu;
Gur daor am pàidheadh sùgraidh
’Bhi ’tabhairt glùin do phàisde.
Mu Lòchaidh ’s ann tha seorsa
Na h-òigh’ mu bheil mi ’seanachas;
Na fleasgaichean grinn’, bòidheach
’Tha eolach air gach fear-ghleus;
Fir ghasda dha ’m bu dual
An àm cruadail a bhi calma.—
’S e ainm na maighdinn shuairce
Mu ’n cualas Ealag Chamarain.
Mo ghuidhe dhuit ’s mo dhùrachd
Gach cùis a dhol gu bràth leat,
A nighean mhaiseach chliùteach
A’s fiughantaiche nàdar.
Do chliu bidh mise ’g innseadh
Le firinn anns gach àite.—
Ceud soraidh slan do ’n mhaighdinn
A rinn mo leab’ a charadh.
Is ann a mhuinntir Bhaideanaich a bha Donnachadh Friseal. Is e am Breabadair Mor a theirteadh ris am bitheantas. Cha robh ann ach duine bochd, agus bhiodh e gle thric a siubhal feadh na dùthcha. Ge b’e ciamar a dheanadh e fighe, b’ aithne dha orain a dheanamh. Bha e beo sa bhliadhna 1832. Bha e an uair sin còrr is tri-fichead. Dh’ fhaodadh Ealag Chamaran a bhith na chomain air son an orain a rinn e oirre.
Na “Corns”
LE IAIN MAC PHAIDEIN AN GLASCHO.
O, gur truagh mi, hi gur truagh mi,
O, gur truagh mi leis na “corns;”
Fath mo chruadail, ’s gann gu ’n gluais,
’S e na fhuair mi leis na “corns.”
Bheir mi ’n ghriasaich’ earail ùr
A chur mo lùdagan air doigh;
An ceap is motha feumar clùd air
’Thoirt a bharrachd rùm do ’n “chorn.”
’S tric a chi mi leigheas cinnteach,
’S ceannaichidh mi ged b’ fhiach e ’n t-or;
Ach a dh’ aindeoin dé ni mise,
’S ann ni ’s miosa theid na “corns.”
Fhuair mi cùngaidh, ’s bha i sgaiteach,
Loisgeadh agus shrac i ’n clò;
’S ged a thug i dhiom an craicionn,
Dé, cha d’ thug i mach an “corn.”
Cia mar dhireas mi ri aonach,
Siubhal fraoich a rinn mo leon;
’N uair tha h-uile aon de m’ ladhran,
’S adhaircean orr’ mar dhamh-na-cròic.
Ged a theid mi do ’n bhal dannsaidh,
’S beag mo shannt air dol g’a chòir;
Chi mi braoisg air iomadh garlach,
’Gaireachdaich air fear nan “corns.”
Ged a bhruidhneas mi ri caileig
’S ann a ni i fanaid mhor;
Their i, ’s a sùil air mo chasan,
“ ’M faigh mi ’n t-aiseag ann ad bhròig?”
Cha dean mise ’n ceum ach mairneach,
Ged robh namhaid air mo thòir;
B’ fhasa dhomh ’bhi falbh na sraide,
’S slige barnaich anns gach bròig.
Gheibh sinn plasd air son gach creuchd,
Cradh an déididh leis a’ chorr;
Bheir an turcais fois do ’n deud,
Ach dé, cha ’n fhaigh mi léigh air corns.
Gheibh sinn Gaidhlig anns gach canain,
’S bheir sinn Gaidhlig air gu leoir;
Ach am mallachd a bhi ’n dan
Do ’n fhear bheir Gailig air na “corns.”
Chaidh e eadar thu ’s do chraicionn.
Chaidh na mucan troimh an tigh-comhairle.
Cha ’n eil ann ach gaoil an fhithich air a chnàmh.
Chì do shùil e ’s cha bhlais do bheul e.
Chì mi t’ fhiacail chùil.
Cho airidh ’s a tha ’m meirleach air a’ chroich.
Cho àrd ceann ri fiadh air fireach.
Cho aigeantach ri fiadh.
Cho anmhuin ri fionan-feòir.
Iadsan a Phaigh.
Calum Caimbeul, Inverness
Domhnull W. Domhnullach, Broad Cove
Agnes Nic Gill-fhaollain, Broad Cove
Seumas D. Mac Eachern, Broad Cove
Raonall A. Gillios, Broad Cove
Anna A. Ghillios, Broad Cove
Tearlach A. Domhnullach, Broad Cove
Tormad Gillios, Whitney Pier
Ceit C. Nic-Leoid, Grant
Domhnnll I. Mac-Ascuill, L ’ Ardoise
Aonghas D. Mac Fhrainc, Mabou
Aonghas D. Mac Fhrainc, Mèinn Mhabou
Gilleasbuig Mac Fhionghain, Beechmont
Iain B. Mac Artair, Strathlorne
Iain Dillon, an t-Eilean Cruinn
Bean Raonaill Dhomhnullaich, M .B. Road
A. Mac Gill-fhaollain, Gleann Ainslie
Donnachadh Gillios, Mèinn Victoria
Iain N. Mac Coinnich, Sidni
Padruig S. Mac Neill, Dominion No. 1
Alasdair A. Camaran, Bridgeport
A. Mac-a- Phearsain, Hubbard ’s Cove, N.S.
Bean S. Dhomhnullaich, McPherson P.O.
Murchadh Mac Leoid, Belmont , P. E. I.
A. D. Mac Leoid, Kinross , P. E. I.
A. I. Mac Dhiarmaid, Ottawa , Ont.
Domhnull P. Mac Aoidh, Southampton
Iain Mac Rath, Chicago , Ills.
Nach mor gur fearr gu ’n innseadh do charaide do lochdan duit ann an uaigneas, na gu ’n cuireadh do namhaid an céill iad gu follaiseach.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St. ,san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 19. p. 8]
Oran Luchd-imrich.
LE ANNA NIC-GILLIOS.
LUINNEAG.
O, sud an taobh a ghabhainn,
E, sud an taobh a ghabhainn,
’S gach aon taobh gam biodh an rathad
Ghabhainn e gu h-eolach.
Gabhaidh sinn ar cead de Mhòrair,
Arisaig ’s Mùideart nam mòr-bheann,
Eig’ is Cana ghorm nan ròiseal,
’S Uibhist bhòidheach ghreannmhor;
Cnòideart fhuar is Gleanna-Garadh,
Far a bheil na fiùrain gheala,
’S uisge Ruaidh o ’n Bhràighe thairis
Gu srath Ionarlòchaidh.
Tha na càirdean gasda lionmhor
Thall ’s a bhos air feadh nan criochan;
’S ma dh’fhàgas mi ’h-aon diu ’n diochuimhn
’S aobhar miothlachd dhomhs’ e;
Domhnallaich, is gum bu dual daibh
Seasamh dìreach ri uchd cruadail,
A bhith dian a ruith na ruaige,
Dìleas cruaidh gu dòruinn.
Long is leoghann, craobh is caisteal
Bhiodh nan sròiltean ard ri ’m faicinn,
Fìrean is làmh dhearg is bradan,
’S fraoch na bhadain còmhl’ riu.
Chi mi ’n cabrach air an fhuaran
A ghreigh féin na ’n treud mu ’n cuairt da,
’H-uile té ’s a sròn ’san fhuaradh
Mun dig guais luchd-tòrachd.
Leam bu bhinn a chaismeachd mhaidne
An déidh dùsgadh as mo chadal,
Coileach dubh air bàrr a mheangain,
’S fiadh ’sa bhad ri crònan.
Falbhaidh sinn bho thìr nan uachd’ran,
Ruigidh sinn an dùthaich shuaimhneach,
Far am bi crodh laoigh air bhuailtean
Aig na fuarain bhòidheach.
Falbhaidh sinn, ’s cha dean sinn fuireach,
Fàgaidh sinn slàn agaibh uile,
Seolaidh sinn air bhàrr na tuinne;
Dia chur turais oirnne.
Rugadh Anna Nic-Gillios ann am Morar. Bha i posda ri Domhnallach a mhuinntir Chnòideirt. Thainig i do Ghleanna-Garadh maille ri fear-posda sa bhliadhna 1802.
Fuirich a Ribhinn.
Oran do Chatriona Tàillear an Ceanntràigh an Ile.
LE DEORSA CHIONABUIS.
Fonn: “Cuir a chinn dìlis tharam do làmh.”
LUINNEAG.
O, fuirich a rìbhinn phrìseil, phrìseil,
O, fuirich a rìbhinn ’s dìlse na càch;
A mhaighdean a’s luraiche, fuirich an Ile,
Og bhean a’s dìlse ’chi mi gu bràth.
Cha dìrich mi bruthach ’s cha siubhail mi còmhnard
Tuilleadh ri m’ bheò, ’s mo smeòrach na tàmh.
Ach éisdidh mi ghàir thig o bhàrr nan tonn mòra,
’S dh’ fhuiling mi bròn gu leoir air do sgàth.
Gum faca mi ’n eathar a feitheamh na h-uaire;
Mhealladh i bhuamsa gruagach mo ghràidh.
Ma sgaradh o chéil’ sinn b’ éibhinn an uaigh
Seach an-shocair bhuan, ’s gun bhuaidh aig a bhàs.
A mhaighdean a’s bòidhche na smeòrach sa chéitein,
’Soilleir an sgeul r’a leughadh an dràsd;—
Ged ’s bòidheach an conasg, gur stobain gu léir e,
’S faicilleach ’théid gach creutair na ’dhàil.
Ri soirbheas ’s ri sruithean mar ghuidhinn ad dhéidh
Gach cala d’ an déid thu, gheug an fhuilt thlàith,
Bidh mise trom dubhach air tulaich leam féin,
’S mi sruthadh nan deur gu geur air do sgàth.
Pòg chaoin o d’ bheul milis, nam faighinn gun ghruaim i,
Dheanadh, ge cruaidh e, m’ fhuasgladh o’n bhàs;
A ghaoil thigeadh rughadh is lasadh am ghruaidh
Air eagal gum buairteadh bhuam thu le càch.
’S e m’ acain, nuair shìnear mi ìseal ’san ùir
Nach lionadh an drùchd do shùil mheallach bhlàth.
Ma mheallas mi sìth ann an rioghachd nan dùl,
Far am binne luchd-ciùil, bi nùnn air mo sgàth.
Ma tha thu gun fhortan cha ’n fheil tochar gam dhìth,—
Airgiod no ni nach h-fheil ann ad làimh.
Bheir mi mo mhionnan nach faic thu mo mhì-thlachd,
’S gheibh thu bhuam sìochaint, seirc, agus gràdh.
Ma ’s ann ’tàir air mo ni, no cur sios air mo dhaoine,
Dhiult iad thu, ghaoil, gum b’ fhaoin iad ’sa chàs.
An Ti a chuir mise gu piantan an t-saogh’l,
Cha d’ fhàg e gun daoin’ mi dh’ fhaoidt’ thoirt an làth’r.
Tha airgiod is òr am phòca gu h-uallach
Agus crodh guaillion ’m buail’ air mo sgàth.—
Is e ’rinn an eucoir a bhéisd a thug uam thu;
’S tha mi fo ghruaim o mhaduinn Di-màirt.
Gu m’ laimh thainig litir ’s mi fàgail na tir s’
O fhear a bha dìleas dhomh ann an dàimh;
Cha ’n urrainn mi ’freagairt ’s mo chridh’ ann an Ile,
Glaist’ aig an rìbhinn bhinn tha ’n Ceanntràigh.
Mo shoraidh do ’n Oa gu òigh a chùil shniomhain;
’S deimhin leam fhin gun dug mi dhi gràdh.
Ach theid mise fhathast, ma ’s maireann dhomh, ’dh-Ile,
’S dhuit-sa gu cinnteach bheir mi mo làmh.
ISE GA FHREAGAIRT.
Mo shoraidh o’n Oa gu òg a chùil shnìomhain;
’S deimhin leam fhìn gun dug mi dhuit gràdh
Mo ghaol tha cho buan dhuit ris ’n fhuachd tha san fhìor-uisg’
’Chaimbeulaich rioghail, fhoinnidh, dheas, àird.
Rugadh Deorsa Caimbeul—Deorsa mac Chailein, mhic Dhonnachaidh, mhic Chaiptein Alasdair—ann an Cionabus an Ile ’sa bhliadhna 1766. Bha baile Chionabuis aig air mhàl, mar a, bha e aig ’athair, a sheanair, agus a shìn-seanair roimhe. Dhealaich e ri Cionabus agus chaidh e a dh’ fhuireach ann am Port-an-eilein mu ’n bhliadhna 1836. Chaochail e air April 28, 1858. Bha e gu math air a dhoigh. Dh’ fhàg e a chuid airgiod aig a dhithis cloinne, mac agus nighean. Bha a mhac na dhotair. Bha a nighean posda ann am Port-an-eilein.
Bha Deorsa Chionabuis na fhior bhàrd. Bhiodh e cluich air an fhidhill; ach a réir an rainn a leanas cha robh fhìdhleireachd idir cho binn ri chuid oran:—
Nuair a bheireadh oirre Deorsa
Sheinneadh e gu làidir seolta;
’S ann a shaoileadh muinntir Dhomhnaill
Gum b’ e seorsa druma bh’ ann.
Tha e na ghnothuch bochd gun deach a chuid mhor de na h-orain ghasda a rinn Deorsa Chionabuis a leigeadh air chall.
Smachdaich do smaointean an uair a bhios tu leat fhein, agus cuir srian ri d’ theanga am measg cuideachda.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH’
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton
title | Issue 19 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 19. %p |
parent text | Volume 11 |