[9]

[Vol . 11. No. 2. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 25, 1902. No. 2.


Suiridhe aMhadaidh-ruaidh;

NOSIN ONOIR A BHEIR BUAIDH.

SGEULACHD A REIR NOS NAN SEANN SGEULACHDAN GAIDHEALACH.

(Air a leantuinn.)

BHA sùil achoin daonnan air an tigh san robh a nàmhaid, agus chunnaic e aig an àm ach gun dfhàg an cat an dorus fosgailte nadéigh, agus ghrad leum e a stigh, adeanamh dheth gum biodh a nis aicheamhail aige a dhaindeoin theireadh each cha robh an sionnach cho cearbachs a shaoil e. ’Nuair thuig e mar bha achùis thilg se e féin air a dhruim, stiorc e a chasan, thionndaidh e a shùilean, ’s rinn e caoirean bochd, dìreach mar gum biodh e dol a thilgeadh na h-analach. “Och! och! a charaid,” thuirt esan ris achù, ’s eg ospagaich mar gum bi h-uile an mu dheireadh, “tha do leòir aicheamhail agad a nis; tha mig iarraidh mìle mathanais ort airson na h-uile droch car a rinn mi taghaidhabair gu bheil thu atoirt mathanais domh, ’s bidh e nafhaochadh mòr do mchoguis mun toir mi suas an deò.”

Bhan coir diombach nis leòir, ach cha chuireadh e fiacail air a nàmhaid bu mhiosas e naleithid do chàs; aguss e thubhairt e, “Na cuireadh sin cùram ort; ach ciod is urrainn domh a dheanamh chum do leigheas? tha thu ann an iarguin mhòir.”

Och! tha mi gam losgadh leis aphathadh,” arsesan, “nam faigheadh tu balgam dibhe dhomh bhithinn a dchomain gu siorruidhO! so a dhéirich dhomh? so? so? Tha toll beagtha toll beagach chan urrainn mi labhairttha toll beag thall san oisinn anns abheil uisgecuir do spòg ann agus fliuch mo bhilean air achuid is lugha.” Rinn an coir mar so, ach cha luaithe bha a spòg san toll na tharruing an sionnach sreang air an robh lùb-ruithe anns an toll; cheangail e gu cruaidh teann e mu tharuinn a bhasa bhalla, ’s bhan an sàs ann an rib nach burrainn da fhuasgladh. “Beannachd leat!” arsan sionnach, “cha bhi thu co ealamh air do chois a chur an toll an ath uair.”

An déigh don t-sionnach feitheamh gus an robh esmuainteachadh gum biodh an cat air a deagh bhruicheadh, agus a bheithir-sgiathach nasuain, chaidh e thun na h-uamha agus rinn e cagar fòil ris an nighinn.

Thig a nìos, a rùin,” thuirt ise, “tha h-uile gnothuch ceart, agus bidh sinn sona ann an ùine ghoirid.”

Leum an sionnach a stigh don chroidhleig, tharruinn isen t-sreangach beagan mun dràinig en uinneag, chuir i mach a spòg mhòr, agus an toiseach shlìog i druim an t-sionnaich, an sin shlìog iearball, agus mun robh fhios aige ciod a theireadh e ris achnìodachadh so uile, thuit achroidhleag gu làr; ach ma thuit cha do thuit an sionnachbha sreang gu cruaidh, gramail, teann muearball, dìreach mar a chuir esan mu chois achoin, agus en crochadh air aodann na creige, gun chomas dol as. Cha do thaitinn so ris gu ro mhaith, oir chaneil na sionnaich toigheach air bhin crochadh len cinn fodhpa; achse leòn uile e gun dthainig abheithir-sgiathach féin a mach, gun do chruinnich beathaichean abhaile uile muthimchioll, agus gun dinnis abheithir mhór dhaibh mar thachair, agus an doigh anns an dthug i an car as an t-sionnach lechleasan féin; dhinnis i nach robh mac no nighean aice, ’s gur h-ann oirre féin a bhan sionnach asuiridhe airson an airgid. Dhinnis i mar a thairg edheanamh mun chat— “agus faicibh a nis càit abheil e, an suiridhiche gasda lechleasans lechuilbheartan,” arsa bheithir-sgiathach, ’sa cliathaichean air chrith le gàireachdaich.

Cha robh beathach air nach robh craos càm mun mhadadh-ruadh, agus thug gach aon an greis féin air fochaid air.

Thainig an an déigh an t-sreang a bhristeadh, ’s cha be a ghàire bu lugha no a dhi-moladh a bìsle. Mu dheireadhs mo dhiù nuair a bhan sionnach air a léireadhs air a leòn len sgeigireachd, chuir e a chasan-deiridh am forcadh ris achreigthug e aon spaghadh garbh leuile neart, agus leum e gu làr, ach cha do leanearball e: dhfhan sin an crochadh ris achreig. Theich e cho luathsa bheireadh a chasan ethàrr e as a dhionnsuidh achùirn bu dlùithe.

A nis nam biodh an t-earball na bu rìghne, bhiodh an sgeulachd so na bfhaide, ach o nach robh sguiridh sinn le beagan fhacal.

Ghabh abheithir-sgiathach chòir deagh chùram den chat. Dhinnis i dha cho fiachail, dhileas, fhirinneachs a bhan . Bhan cat mun do mhealladh i leis an t-sionnach, toileach air companach onarach, ’s cha bfhada gus an drinn i féins an abhanais; agus bi sin abhanais ghleadhrach, aighearach. Bibheithir-sgiathach féin amhaighdeann. ’Nuair a dhòl iad deoch-slàinte bean-na-bainnse thuirt am fleasgach, “A chuideachd uile tham làthair, seachnaibh goileamas na pioghaid, gu sònruichte sannt agus carachd an t-sionnaich; leanaibh firinn agus onoir, dìlseachd agus tréibhdhireas, a chum gun éirich gu math dhuibh.

Bheir fìrinn agus onoir buaidh
Air cuilbheartan amhadaidh-ruaidh.”

Dhfhalbh an t-àm san robh a leithid so de sgeulachdan cleachdta am measg nan Gàidheal, agus ged a dhfhaodar cur-seachad ùines fearr na iad fhaotainn their sinn mun deidhinn gu bheil iad ateagasg fhìrinnean feumail ann an cainnt shnasmhor; agus gum bu bhrìoghmhor math iad chum an oidhche gheamhraidh a chur thairis, seach na naigheachdan faoine, breugach, tuaileasach, -runach, ris abheil ar luchd-dùthcha a nis gu minic ag éisdeachdnuair tha iad air chéilidh. Tha na pioghaidean afàs nas lionmhoire bhon a sguir na sgeulachdan; tha iad anabarrach lionmhor am measg nan Gàidhealluchd-trusaidh agus luchd-sgaoilidh gach sgeòil fhaoin; ach nitear am beatha le ìomadh aon a tha fadan aghaidh seann sgeulachdan agus dàna na Gàidhealtachd, ach a tha anabarrach déigheil air sgainneal dùthcha.

[Tha an sgeulachd bhòidheach so air a toirt á Cuairtear nan Gleaun. Is aon de sheann Sgeulachdan na Gàidhealtachd i, air a h-ath-sgriobhadhs air a leasachadh leis an Ollamh Urramach Tormad Mac Leoid. ]


An t-Olla Deorsa M. Grannd.

THA Alasdair Mac Ghilleasbuig ag ionndrainn nach robh anns a MHAC-TALLA ach iomradh fior ghoirid air bàs an duine chliùtich sin nach maireann, an t-Olla Deòrsa M. Grannd. Tha mim beachd gur e a baobhar da sin gach neach aig a bheil comas sgriobhadh an Gàilig a bhi gafhaotainn fhéin neo-chomasach air ceartas a thoirt don chùis. Achs fhearr ionnsuidh a thoirt air beagan a ràdh na a bhi tosdach buileach.

Bairidh Mr. Grannd air gum biodh a chliù air a chur an geill an cainnt bhlasda nam beann oir bu Ghaidheal e guchul. Rugadh es fhuair eàrach, agus a cheud chuid defhoghlum an Siorrachd Phictou an Nobha Scotia. An deigh sin chaidh e null do dhùthaich a shinnsre far na chuir e tuilleadh ri fhoghlum ann an Ard Oil-thigh Ghlaschu. Nochd e aig an àm sin àrd-bhuadhan inntinn a bhi air am buileachadh air. Ghabh àireamh de phriomh dhaoine a bhaile beachd air mar dhuine òg gealltanach. Am measg chàich bha meas nach bu bheag aig an duine ainmeil sin an Dotair Tormod Mac Leoid air. Thuig an t-Olla Leodach gun robh rud anns a ghille òg á America a thigeadh ri ùine am follais. Is ann an Glaschu a fhuair e cead searmonachaidh. Goirid an deigh dha sin fhaotainn thill e air ais don dùthaich so, agus ghabh e gairm bho choithional beag na h-Eaglais Chléirich am Baile-Sheorais, E. P. I., far na shaothraich e le mor dhùrachd re beagan bhliadhnaichean. As a sin chaidh e gu Abhainn Eoin, coithional beag an siorrachd Phictou. Ach cha burrainn e bhithn cleth; ged nach diarr e fein ni àrd thainig ni àrd da ionnsuidh. Chuala coithional St. Matthew á Halifax, iomradh air ministeir òg Abhainn Eoin, agus chuir iad cuireadh da ionnsuidh e thoirt searmon daibhs iad gun mhinisteir suidhichte aig an àm ud. Air ball thuig iad gum be sud an duine air an son-san. Fhuair e gairm aontachail, agus bha e air a shuidheachadh an sinsa bhliadhna 1863. Be sin latha an àigh, cha be mhàin do choithional St. Matthew, ach mar an ceudna don bhaile gu h-iomlan. Chuir e ghuala le uile neart ris an obair a thugadh dha ridheanamh. Thug e làmh chuideachaidh do gach aobhar math, eadhon gach ni bha chum leas an t-sluaigh, gu tìmeil no gu spioradail, na eaglais fhein agus ann an co-cheangal ri



[10]

[Vol . 11. No. 2. p. 2]

eaglaisean eile. Chuir e seachad ceithir bliadhna deug debheatha ann a Halifax. Anns a bhliadhna 1877 fhuair e cuireadh gu bhi na Phriomh-fhear-teagaisg an Oil-thigh na Ban-righ am Baile-an-righ. Bha cùisean am measg a cheile gu dona nuair a ghabh Mr. Grannd an dreuchd ud os laimh. Theireadh cuid gun robh e gòrach eaglais St. Matthew fhàgail, gun robh e amaideach dha a làmh a chur air ni a bhann an obagan a bhàis. Ach an àite am bàs fhaotainn eadar a lamhan, mar bha dùil aca sud, ’s ann a dhath-bheothaich an colaisde suas fo altrumas an Olla Ghrannd gu neart, maise agus feum nach robh aige riamh roimhe. Be an t-Olla Grannd a rinn sin, ach cha bann gun chosgais agus gun saothair bodhaig agus inntinn. Than diugh Oil-thigh na Ban-righ am measg priomh àitean foghlum na dùthcha.

Bhan t-Olla Grannd na dhuine caoimhneil, blàth-chridheach, fialaidh. Bha a dhachaidh fosgailte agus a bhòrd sgaoilte don choigreach agus don fheumach. Chan fhaiceadh e neach sam bith an càs gun fuasgladh air nam biodh e nachomas. Bha e air leth caoimhneil ris na foghlumaich, chan ann a mhàin nuair bha e-féin air ceann colaisde, ach roimhe sin mar an ceudna. Tha cuimhne mhath agam air caoimhneas Mhr. Grannd bliadhnachan mo chuairt ann a Halifax, agus cha mhise mhàin aig a bheil cuimhne air a sin, ach gach gille òg a chaidh troimh chùrsa colaisde fad nan ceithir bliadhna deug a bha e anns a bhaile sin.

Tha mi cinnteach gu bheil cuimhne aig Alasdair Caimbeul (mac Ghilleasbuig) nuair bha mises e-fhein air aoidheachd fad seachduin an tigh an Olla Ghrannd am Baile-an-righ. Cha do dhi-chuimhnich mise riamh an caoimhneas a nochd e-féin agus a bhana-chompanach shuairce dhuinn aig an àm ud. Tha iad le chéile air dol a null. Bha iad gràdhach nam beatha, agus cha do dhealaich am bàs iad ach ùine bheag o chéile.

Tha ionndrainn air an Olla Ghranndsan Eaglais Chléirich an Canada, agus bithidh an da latha so. Tha aon an deigh aon de reultan soillseach na h-iarmailt a dol á sealladh gu bhi dealradh leis an tuilleadh soluis air an taobh eile. Dhuinne than oidhche nis duirche as an aonais; ach cliù a bhi don Ti tha riaghladh agus aig a bheil na reultan nalaimh dheis, chan fhàg Esan aobhar fhein gun reul-iùil. Tha reultan eile ag eiridh an àite na tha dol fodha. C. C.

E. P. I., Iulaidh 10, 1902.


Iain Mor nan Ord.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. IX.

SEANN CHARAIDEBIADH UR IS SEANN AODACHTUS NA CRICHE.

BHA na companaich greis nan suidhe air an tolman ghorm os cionn na féithe, a bruidhinn mun chaiptean Shasunnach, air a chuirm, ’s mu iomadh ni. Cha robh fios aca gu ro mhath càiten rachadh iadsan àm, no dheanadh iad gus an ùine chur seachad gus an tigeadh Diordaoin. Os cionn gach ni bhan t-acras orra, oir cuiridh esan e fhein an géill na àm, ciod air bith air am bin inntinn an geall, ’s gu h-àraidh ni e sin gu làidir an cuim fhallain Ghàidhealach a bhios a siubhal na mòintich ghairbh, ’s fàileadh an fhraoich a fàilteachadh a chuinnein air aon taobhs tuinn luasganach a chuain an iar air an taobh eile. Be so a cheist a chuir iad ri chèile an uair a chunnaic iad a ghrian a cromadh le cabhaig: “Càitan cuir sinn seachad an oidhche?”

Na cuireadh sin cùram oirbh, fhearaibh,” arsa guth cridheil lamh riutha, “ged nacheil Iain Mòr nan Ord ro fhurasdfhalach, tha dionàitagamsa anns an toill e, cho mors gu bheil e.”

O, buaidh ort, ’Illeasbuig! an tu thann?” arsIain Mór, ’s e breith air laimh air an duineachan bheag a bha nis air am beulaobh, ’s gafàsgadh gu cridheil.

Obh! obh!” arsa Cas-an-t- siubhail, ’s na deòir a tighinn o shùilean leis a chràdh, “cuimhnich nach coltair stàillinn mo lamh-sa idir, Iain. Chan fhaigh mi mo mheòirean o chéile gu bràth; rinn thu aon mheur orruile!” Bha gnùis Ghilleasbuig a dearrsadh le toileachadh, ged a bha na briathran tiamhaidh so nabheul. ’S e troich a bhan Gilleasbuig, agus ged a theireadh daoine gun robh car no dhà gadhìth, bha e gu math teòma agus gleusda nadhòigh fhéin. Mar is tric a bhios a leithid, bha e cho spaideal ri coileach Frangach, agus cho dìreach ri snathaid mhòir, airson na dhfhaodadh e dheanamh den bheagan òirleach a bhann. Mar a dhainmicheadh an àiteile bha Gilleasbuig daonnan air an fhalbhan, agus mar sin bainneamh fearsan dùthaich a bha cho fior eòlach air gach beinn is baile, air gach rathad is frith-rathad ri Cas-an-t- siubhail. Ach a dhaindeoin cho fadsa shiubhladh Gilleasbuig, cha robh mor mheas aige air neach beò ach air Iain Mòr nan Ord naaonar; ach dhàsan bha e toirt ion-aoraidh, agus be miann a chridhe bhith air fhaicinn leis a chorr dhen t-saoghal a triall guala ri guala, no guala ri glùin, ri Iain Mor troimhn Ghleann Ghorm air feasgar Domhnach samhraidh. Aig na h-amannan so be na briathran bu thrice rin cluinntinn o bhilean Ghilleasbuig: “Mi-fhìns tu fhéin, Iain; mi-fhìns tu fhéin!” Bann mar sin gu subhach, aigeannach a leum e air thoiseach air na fir gan stiùireadh don àite ris an canadh edhachaidhsan àm. Rainig iad cairtealan Chois-an-t- siubhail mu dheireadhs e fhein a trotan air thoiseach. Thog an cridheachan ris an uamhasan robh e tàmh a thaobh a snas. Air a gearradh troimhn chreig chruaidh, a leantuinn cuisle de chloich dhearrsaich ghil, is dòcha chaidh a chur dreach air caistealsan nàbachd uaireiginn dhen t-saoghal. Cha robhn troich fadafadadh deagh theine, agus a toirt sliasaid tharbhach caorach á oisinn air choireiginn, ’s gadeasachadh gu grinn, sgiobalta. Cha do dhfhoighneachd iad dheth am be fhein a thog am beathach; oir anns na h-amannan garbha so, cha bhiodh daoine buailteach a dhol domhains na ceistean so ann. Bann le toileachadh a fhuair iad a mach nach robh iad fada o Chaisteal an Tuilm Uaine, agus rinn iad suas gun rachadh iad air feasgar air choireiginn, mun tigeadh an latha mor, a dhamharc mun cuairt air. Chuir iad an oidhche sin seachad gu seasgair air leaba thaghte de fhraoch mìn, cùbhraidh, le Gilleasbuig. Mar an ceudna fhuair iad a mach bhuaithe gun robh àireamh sluaigh, sean is òg, a còmhnuidh am frògan nan creag, mu leth-mhile as a sid, a bha gu math truagh le cion bidh agus aodach. Be seann daoine, mnathan is clann a chuid bu mhotha dhiubh so. Ged a fhuair iad an spréidh a thoirt leotha ann, chaidh an goid leis an nàmhaid agus an creic, a chuid nach do dhith iad, air leth-chrùn an ceannsan taobh deas. Air an ath latha chaidh na fir a shealltainn air na daoine truagha so. Tuigear cho truagh, uireasachsa fhuair iad iad, an uair a theid innseadh nach robh ni aca air an deargadh fiacail gun ithe, ’sa chlann bheag an uair a ràinig iad a cagnadh stiallan de chraicinn chaorach gus an teanachdadh agus spàirnean an acrais a chumail sios. Chuir an sealladh truagh so tuilleadh connaidh air teine na feirge a bha gu math beò nan cléibh an aghaidh ùghdair an ànraidhs na gorta bhair feadh nan garbh-chriochsan àm, agus an ionad nam bonn rinn iad suas gum feuchadh iad ri biadh is aodach fhaighinn dhaibh so mun caidleadh iad an oidhchud. Gus so a chur an géill thog iad orra an uair a chiar am feasgar a chur deuchainn air na dàin. Bham fortan fàbharach dhaibh, oir an déis a dhol mìle no dha gu bealach àraidh cumhann, troimhn robh rathad a ruith gu Caisteal Strath Ghlinn, chualiad gàireachdaich is òrain Bheurla agus fuaim a tighinn. Dhinnis Gilleasbuig dhaibh gum biodh buidhnean den arm dhearg gu math tric a tighinn le spreidhs le creich seachad an so, a thaobh na raointean farsuinn, feurach a bha dlùth, gus beathachadh na spréidhe gus an creictiad. Faodar innseadh an so gun robh Iain Mòr nan Ord a toirt greis gach latha, on chaidh iad air an allaban nan companaich, ag ionnsachadh Eachuinn air a chlaidheamh, agus air gach arm eile bha iad a cleachdadhsan àm, air chors gun robh e nis a cheart cho ionnsuichte ris fhéin, ged nach robhghairdean cho treun. Nan cuideachd bhan gaisgeach crion Cas-an-t- siubhail, lechlaidheamh beags lebhiodaig, gibhtean Iain fhéins na làitheam a dhaomsa Ghleann Ghorm. Cha do ghluais feachd riamh an rùn naimhdeas gu àr do nach tugadh Gilleasbuig aghaidh air a chur suas mar so, ach Iain Mòr a bhith air thoiseach air. “Thigeadh iad a nis,” arsesan, ’s e toirt togail air fhein, “thigeadh iad a nis, feachd Dheòrsa gu léir, is cuiridh mi-fhìns tu fhéin iad, Iain, gun dùlan!” Threoraich an troich iad gu àite cumhann dorchas a bhealach, agus dhfhalaich iad gus an tigeadh na creachadairean naimhdeil thun an àite. Chuir an troich e-fhéin gu glic air chùl Iain, ’s leshùil bhig bhioraich ag amharc a mach fo achlais an fhuamhaire, cha robh e ao-coltach ri rodan ri taobh leoghain. An ùine ghearr thàinig an spréidh mun coinneamh, ach gan leigeil seachad thionndaidh iad an aire air na buachaillean dearga bha gan stiùireadh. Bha i nis air fàs car dorcha ach cha do chum sin iad gun fhaicinn gu robh eadar leth-cheud is tri fichead fearsa bhuidhinn dheirg so. Gun gheilt, gun eagal roimhn àireamh, leum an dithis Ghàidheal á dìon air am muin, ’s bha Gilleasbuigsan fhròig a deanamh de ghleadhraichs de dheubhach mhi-nàdarra na rinn cuideachadh mòr le càchsan t-sabaid a lean. Gu mi-fhortanach air dòigh air choireiginn dhfhalbh an claidheamh mòr á dorn Iain air a cheud ionnsuidh gharbh a thug e; bann an sin a bhan Gàidheal mor taingeil air son an neart mor a thug Dia dha. Gafhaicinn gun arm nalaimh, bhrùchd na naimhdean le iolach shubhach mu cheann, ’s fhios aca nis co e, air son crioch aithghearr a chur air. Bann an sin a fhuair iad blasad air arm ùr nach fhacas ach ainneamh an caonnaig riamh. Tha e ri ràdh gur geinn dhe fhiodh fhein a sgoilteas an darach. Fhuair Iain Mor an ràdh so fior an oidhchud, oir a cromadh, an uair a chaill en claidheamh, rug e air lurga chaoil air Sasunnach cruaidh gu daingeann, agus gachur mun cuairt os cionn a chinn thòisich e air sùistreadh chàich leis, ann an dòigh a chuir crith is uamhas air na Deasaich. Ann an ùine ghearr bhan t-àite cumhann air a thachdadh le dùn gun chli de na naimhdean, ’s na bhair chomas gluasad ghuidh iad tròcair agus am beatha chaomhnadh. Fhuair iad éisdeachd. Chaith Iain an t-ablach Sasunnaich air muin an



[11]

[Vol . 11. No. 2. p. 3]

dùin, agus ghabh e na h-airm a thug iad suas. Chaidh an triùir an sin gu obair, agus thug iad gach ball aodaich bhar gach mac màthar dhiubh ach na léintean, agus gan ceangal air eagal gun toireadh iad fios thun a ghearasdain mum faigheadh iad leotha gach ni a réir am miann, dhfhàg iad ann an sid iad, far am biodh an càirdean cinnteach am faighinn an la-iar-na-mhàireach. Rinn iad saic air an aodach agus chuir iad air muin nan each Sasunnach e, agus a cruinneachadh a chuid a bfhearr den spreidh, thog iad orra gu sunndach air rathad falachaidh eile gu àite còmhnaidh nan daoine truagha. Sin far an robh ghaoir thoilichte, ’s na beannachdan ag iadhadh mu chinn an triùir. Chomhairlich Iain dhaibh, air eagals gum faigheadh na naimhdean iad a rithist, iad gach imrich a thogail, agus gun stiùireadh Gilleasbuig iad mun tigeadh a mhaduinn gu fròg a bhuic ruaidh, àite tearainte anns nach do sheas cas nàmhaid riamh, an cridhe nam beann. A tilleadh gu uamha Cas-an-t- siubhail chaidil iad gun fhiamh gun sgàth gu meadhain-latha. Anns a ghlòmanaich thog iad orra aon uair eile, ’s ghabh iad an t-astar gu seann chaisteal an Tuilm Uaine. Dhinnis Gilleasbuig dhaibh gach ni air am beòl e fhein dha thaobh. Mar an ceudna dhinnis e dhaibh far am faigheadh iad bàta gus a dhol mun cuairt taobh na mara gus an t-àite fhaicinn na bfhearr. Bha iad mun cuairt an t-àite gus an robh e dlùth air meadhain-oidhche, agus an sin an uair a thuig iad gun robh an caisteal air gabhail mu thàmh fhuair iad am bàta, ’s ag iomramh mun cuairt gob an rudha fhuair iad a stigh gun strith. Bhan caisteal aosda nashuain mu choinneamh an sùilean, agus solus airgiodach na gealaich a dearrsadh airsa fàgail an àite da rireadh bòidheach. Bha sàmhchair, a mach o fhuaim uamha nan tonn, a riaghladh mun cuairt, oir bhan t-àite air a chunntais cho tearaintes nach robh geard gachumailsan oidhche ann. Ghabh an dithis gu fàillidh mun cuairt, ag amharc le ioghnadh air gach ni. A tighinn thun an taoibh a deas den bhalla mhor sheas iad a cagarsaichs an druim ri thacsa. Than òigridh daonnan buailteach air cumail a gluasad, co dhiubh bhios iad nan seasamh, nan cadal, no nan dùsgadh. Mar sin an uair a fhuair Eachunn a dhruim ris a bhalla bhamheòirean air a chùlaobh a cluich ris a chreig, gabruthadhs gasgriobadhs gasuathadh. Am prioba na sùl, ciod a biongantaiche le Iain Mòr na Eachunn fhaicinn leaghaidh bhàn a dol as a shealladh troimhn bhalla, ’s mun do thàrr e meur a thogail gus a shàbhaladh, chaidh e á sealladhs bham balla dùinte mar a bha e roimhe. Fhuair Eachunn le tuiteamas diomhaireachd doruis dhiomhair an aonarain a thog an caisteal, ’s an deigh iomadh ionnsuidh thachair am bad ceudna ri Iain, ’s bha e mach comhladh ri chompanach. Dhfhosgail iad e on taobh a mach, ’s a cur comharradh air a muighs a stigh thill iad thun a bhàta. Bha iad a smaointean gum faodadh an dorus iongantach so a bhith gu math feumail dhaibh fhathast. “Bha dùil agam,” arsEachunn, “nach robh dorus mar sid ri fhaicinn air thalamh non àiteile, ach ann an seann ursgeulan faoine anns an robh mi creidsinnnuair a bha mi nam leanabh.” Leum na fir don bhàta airson tilleadh don uamha, ach air dhaibh bùirich uamha nan tonn a chluinntinn smaointich iad, on bhan oidhche cho briagha, soilleir, gun rannsaicheadh iad na sgeapaichean iongantach so. Ghabh iad a stigh gun fhiamh don uamha bu mhotha, ris an cainte uamha nan tonn, a bha tolladh a stigh direach air a chaisteal. Fhuair iad a stigh pios math leis a bhàta, ’s an sin bfheudar dhaibh fhàgail le cion uisge, oir bhan tràghadh ann. Ghabh iad air adhartsan dorchadas thiugh iomallach air an glùinean, oir dhfhàg iad solus na gealaich nan déigh aig a chiad thionndadh a ghabh an uamha. Bhan toll a sior fhàs cumhann, gus mu dheireadh nach fhaigheadh Iain Mòr na bfhaide. Stad iad greis a bruidhinn mun tilleadh iad, ’s iad a smaointean nach robh rathad air a dhol na bfhaide. “A Dhia, beannaich mi!” arsEachunn, “an cualthu sid, Iain?”

Ciod a chualthu? Cha chuala mise ach onfhadh nan tonn.”

Eisd?” arsEachunn.

Chum iad an anails an cluas gu geur ri claisneachd. Air ball thainig osna thiamhaidh, fhann uca air sàmhchair na h-oidhche. Bhan osna gu soilleir a nochdadh cràdh cridhe agus inntinn, agus a tighinn, bha iad cinnteach, á fear de sheòmraichean iosal a chaisteal as an cionn ach pios fhathast air thoiseach orra. “A Dhia, beannaich sinn!” arsEachunn a rithists e dlùthachadh richaraid, “mas ann don t-saoghal so a bhuineas an duinud tha e fo throm bhròn.” Thàinig an sin uca na bu shoilleire briathran an cainnt nam beann, air a labhairt mar gum beadh ann am bruaillean fiabhruis. Ged nach do thuig Eachunn na briathran, a thaobh an astair air an dthainig iad, chuir iad gach boinne fala nachom le ruais na cheann is thainig fallus fuar tromh gach ball dheth, oir dhaithnich a chluas, ged nach cuale ach aon uair eile riamh, gur e guth Màili na h-uamha a thainig uigesan àite uamhasach ud, agus shaoil leis gun robh fuaim nam briathran coltach ri ainm fhéin. Gun ghuth a radh ghreas Eachunn air adhart a dhfheuchainn an rachadh aige air faighinn na bu dlùithe don ghuth bu bhinne leis. Le spàirn chruaidh tharruinn an t-òganach e-fhein a stigh mu fhichead slatsan toll, agus an sin fhuair e e-fhein aig a cheann agus as aonais earrann mhath dhechraicionn. Le cridhe cho luath ri slait ann an sruth dheubh Eachunn air an ainm bu toigh leis, agus an ceann ùineùine dhfhairich Eachunn cho fad ri bliadhnathainig gu fann, gu math fann, an fhreagairt bu mhiann, dìreach os a chionn.

(Ri leantuinn.)


Sgeulachdan Arabianach.

ALADIN.

CAIB. IV.

AN uair a chunnaic an draoidh gun deachaidh achuisna aghaidh buileach glan, dhfhalbh e an latha sin fhein gu ruige Africa. Ach air eagal gun tachradh neach sam bith ris a dhinnseadh gum facas Aladin comhladh ris an latha roimhe sin, ghabh e rathad nach babhaist do mhuinntir abhaile bhithgabhail.

A reir mar a bha cuisean, cha robh coltas sam bith gun cluinnteadh guth gu brath air Aladin. Ach an uair a dhruid an draoidh anns an uaimhe e, dhi-chuimhnich e gun do chuir e fainne air a mheoir a ghleidheadh o chunnart e, ged nach robh fios aig Aladin aig an am gun robh a leithid so de bhuaidh anns an fhàinne. Is iongantach nach do chuir call an fhainne agus achruisgein an draoidh buileach glan as a chiall. Ach tha na draoidhean cho cleachdaidh ri mi-fhortan agus ri cuisean a bhi gu math tric adolnan aghaidh, agus mar sin an aite bhith fo dhragh inntinns ann a tha iad acumail suas an inntinnean le beachdan gun fheum.

Ach bha ioghnadh anabarrach air Aladin; oir gus a so bha e lan chreidsinn gum be an draoidh brathairathar. An uair a fhuair e e-fhein air a thiodhlacadh beo, thoisich e air caoineadh, agus air glaodhaich ri brathairathar gun robh e lan dheonach an cruisgean a thoirt dha. Ach cha deanadh a chuid glaodhaich feum. Mu dheireadh, an uair a bha e seachd sgith acaoineadh chaidh e sios gu iochdar na h-uamha, an duil gu faigheadh e don gharadh, far an robh solus. Ach bha dorus agharaidh duinte. An sin thoisich e air caoineadhs air tuiream, agus shuidh e air ceumannan na staidhreachs e lan chreidsinn nach fhaiceadh e solus latha ri bheo. Bha Aladin truagh anns an t-suidheachadh mhuladach so fad da latha, agus e gun ni a dhitheadh no dholadh e. Air an treas latha chaill edhochas ri bhith na bfhaide beo. Thoisich e air fasgadh nan dorn agus air a radh, “Chaneil neart no cumhachd ann an neach ach anns an Dia a tha mor agus ard.” An uair a bha e mar so a fasgadh nan dorn thug e suathadh air an fhainne a chuir an draoidh air a mheoir, agus ann an briobadh na sul dheirich fathach uamhasach mor, agus eagalach ann an cruth, suas as an talamh air a bheulaobh, agus thuirt e ris: “Ciod am feum a thagad orm? Tha mise deas gu umhlachd a thoirt dhuit mar do sheirbhiseach, agus seirbhiseach gach neach dom buin am fainne a thair do mheoir; mi fhein agus seirbhisich eile an fhainne sin.”

Nan robh Aladin anns an t-suidheachadh anns am babhaist dha bhith, ’s docha nach burrainn dha freagairt a thoirt seachad leis an eagal; ach bhan suidheachadh eagalach anns an robh e fad na h-uinebha e anns an uamhaidh dhuibh, dhorcha, an deigh gach eagal a bhann a chur gu buileach as, agus ghrad thuirt e: “Ge be air bith co thu, thoir mise as an aite so, mas urrainn dhut.” Cha bu luaithe thuirt e so na dhfhosgail an talamh, agus fhuair e e-fhein anns acheart aite anns na dhealaich an draoidh ris.

Bha Aladin car uine an sin mum burrainn e a shuilean fhosgladh gu ceart, an deigh dha bhith cho fada ann an tiugh dhorchadas. An ceann beagan uine dhfhas a fhradharc laidir gu leor. Thug e suil mun cuairt dha, agus ciod a biongantaiche leis na gun robh an talamh mar nach fosgladh e riamh. Cha burrainn dha idir a thuigsinn cia mar a thainig e as an t-slochd anns an robh e. Cha robh comharradh aigair an aite anns an do thilg an draoidh an tuis an uair a dhfhosgail agus a dhuin e an uamha. An sin sheall e uaithe, agus chunnaic e am baile astar mor uaithe, air a chuartachadh leis na liosan, agus dhaithnich e an rathad air an rachadh e air ais. An uair a thug e taing do Dhia air son gun dfhuair e a bheatha leis, dhfheuch e ri dhol dhachaidh mar a bfhearr a burrainn da. An uair a chaidh e steach air dorus taigh a mhathar bha e solasach, agus aig acheart am cho fann le cion abhidh, ’s gun do thuit e ann an neul. Bha e uine mhor mar gum biodh e marbh. Thug a mhathair duil gu buileach nach fhaiceadh i a bheo no a marbh gu brath. Ach an uair a chunnaic i e, rinn i gach nina comas a chum a thoirt as an neul.

Cho luaths a thainig e as an neul thuirt e: “An ainm an aigh, a mhathair, thoir dhomh rud a dhitheas mi, oir cha deachaidh ni a thainig troimh uir thalmhain a steach ann ambheul o chionn tri latha.” Thug a mhathair dha na bhaices an taigh.

A mhic,” arsise, “na biodh cabhag ort ag itheadh do bhidh, air eagal gun dean thu cron ort fhein: gabh beagan an drastas a rithist, agus thoir an aire mhath dhut fhein. A bharr air sin, chaneil toil agam a bheag de chòmh-

(Air a leantuinn air taobh 14.)



[12]

[Vol . 11. No. 2. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna $1 .00
Sia Miosan .50
Tri Miosan .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, IULAIDH 25, 1902.

Cairdeas is Comunn is Gaol.

BHOn chaidh an t-sìth a ghairm, tha na Boerich anochdadh anns gach dòigh as urrainn iad gu bheil iad acur romhpa bhi nan iochdarain dhìleas do Bhreatuinn. Anns a chogadh chuir am Breatunnachs am Boerach eòlas air a chéile nach biodh nan comas a dheanamh air dhòigh sam bith eile. Ghabh iad meas air a cheile nuair a chunnaic gach taobh nach robh an taobh eile gu h-iomlan olc, agus cho luathsa cheadaich cùisean dhaibh dhfhàs iad nan càirdean. Bha na Boerich gun teagamh air am mealladh len ceannardan, agus tha iad roimhe so air sin fhaotainn a mach. Cha dean e cron sam bith orra am fiosrachadh sin a bhi aca; bidh meas nas fhearr acair uachdaranachd Bhreatuinn a chionn gu bheil muinntir na duthcha sin de dhatharrachadh gnès a bha air a theagasg dhaibh-san, agus gun do dhéilig iad riutha air dhòigh cho uasal aig crioch achogaidh. Mur eil sinn am mearachd, tha sìth da-rireadh gu bhi ann an Africa mu dheas, oir tha na Breatunnaichs na Boerich deònach còmhnuidh a ghabhail taobh ri taobhsan tìr, agus a bhi beò an càirdeas, an comunns an gaol.


Goliath an Aghaidh Israel!

AIR taobh eile dhen àireamh so gheibhear beagan fhacal a tha aig anHighland Newsri ràdh mun t-sìth a rinn Breatunn ris na Boerich. Cha chuireadh e ioghnadh oirnn nam be Pòl Crùgar a bhiodh acoimeas nam Boerach ri Clann Israel agus nam Breatunnach ris na Philistich; ach aon de na paipearan as Gàidhealaiche than Alba bhi gadheanamh, tha e na ioghnadh da-rireadh. Ann an dùthaich san robh cothrom aig daoinair eachdraidh achogaidh fhaotainn mar bha e dol air aghaidh, tha e doirbh a chreidsinn gum biodh neach sam bith ag altrum nam barailean a tham paipeir ud a cur an géill. Chan fhaodar àicheadh nach deachaidh Breatunn don chogadh gun mhoran eòlais air ciod a bha roimpegun drinn a ceannardan airm mearachdan airn do dhioghail iad, agus gun dfhuair a cuid armailtean tillidhean ris nach robh dùil. Ach faodar àicheadh, oir chaneil e fior, gum bi Breatunn a thòisich no dhaobharaich an cogadhgun do ghiùlain i i-fein gu neo-uasal anns achogadh, agus nach eil aice air son gach saothair is cosdus fon deachaidh i ach call cliù agus fiachan. Cha do tharruinn Breatunn a claidheamh á truaill gusn do bhrist armailt nam Boerach a stigh air a criochan; agus an déigh dha sin tachairt gusn do ghairmeadh an t-sìth, bha an cogadh air a taobh-se dheth na bu shaoire bho an-iochds bho mhi-chiataibh na bha cogadh a bhann riamh roimhe; agus nuair a thainig crioch air, bha na cumhachan sìthe a thairg i dhaibh cho fialaidhs nach burrainn eadhon a dearg naimhdean air tir-mor na h-Eòrpa gearain orra. Ma loisgeadh taighean is saibhlean nam Boerach, bann air son an cogadh a ghreasad gu crìch, agus tha taighean is saibhlean ùra ri bhi air an togail an àite gach aoin dhiubh. Chaidh deagh chùram a ghabhail de na mnathans den chloinn, ged bha na fir aig acheart àms na monaidhean adeanamh cuimse bhàis air gach ceann Breatunnach a chitheadh iad gathogail os cionn cnoic. Tha Breatunn eadhon a pàigheadh air-son gach bàrr is spreidh a thugadh bhar fearainn nam Boerach, ged ben teaghlaichean fein a dhith iad. Muinntir a chì mi-chiataibh, neo-uaisle agus mi-chneasdachd anns na tùirn sin, tha eagal oirnn gu bheil ni-eigin cearr air sùilean na h-inntinn aca, agus nach biodh e naghnothuch soirbh an cur ceart. Bha sinn dhen bharail roimhe so nach robh moran ann am Breatunn a labhradh air amhodh sin ach Uilleam T. Stead an Lunnuinn, fear nach faca math am muinntir a dhùthcha fein no olc anns na Boerich on thòisich an cogadh. Tha sinn fior dhuilich deisciobuil a bhi aigesa Ghàidhealtachd.


Naimhdeas Nach Diochuimhnichear.

FHADs a bha Breatunn acogadh, bha àireamh mhor de phaipearans de shluagh na Gearmailt a nochdadh naimhdeas mor dhi; cha leigeadh iad àm no cothrom seachad gun a bhi gasmàdadhs a cur sios oirres ag guidhe soirbheachadh da naimhdean. Ach on sguir an cogadh tha adharc an daimh air tionndadh; tha cuid de dhaoininbheach na duthcha acronachadh luchd achàinidh, ’s ag earalachadh dhaibh a bhi nochdadh barrachd càirdeis do Bhreatuinnsa tha iad adeanamh. Mar fhreagairt dhaibh sin tha Times Lunnainn, paipeir do nach nòs a bhi ri bruidhinn shearbh gun deagh aobhar, ag radh gum biodh an cronachadhs an t-earalachadh sin na bu taitniche le Breatunn nan robh iad air tighinn romh chrioch achogaidh; mar a tha nach eil meas no luach sam bith air a chur orra, ’s gun gabhar iad mar uiread brosguil. Nochd na Gearmailtich gu soilleir an àm a chogaidh am fior fhaireachduin do thaobh Bhreatuinn, agus theid iomadh lathas bliadhna seachad mun teid an leigeil air diochuimhne. Faodaidh an latha tighinn anns am buidhe leis aGhearmailt càirdeas is còmhnadh iarraidh air an duthaich a bha i re nan tri bliadhna chaidh seachad adìteadhs acur an suarachas. Agus mur faigh i iad, ’s ann aice feins aig a sluagh a bhios achoire.


Ar Righeachdan Thairis.

(Oban Times. )

Tha iad so an diugh acuimhneachadh air dòigh ro shònruichte na carraig ás an robh iad air an cladhach. Tha iad afaicinn gum bheil tomhas do ghlòir nàdurra co-cheangailte ris na h-eileanan beaga so air taobh siar na h-Eòrpa Fhuair iadsan am breiths an spiorad o na seann cheàrnan ainmeil so ann an eachdraidh an t-saoghail. Agus tha dòchas nach -chuimhnich iad anns na làithibh ri teachd na rinneadh agus na fhuaradh air an son ás an dùthaich so. Tha sinn a creidsinn nach fàilnich iad anns an dleasnas so. ’Nuair a thig cùisean gu bhi cruaidh bidh dùil againn gum bi achlann airidh air an sìnnsear. An uair na h-éigin thig cuideachadh o na rìgheachdan so thairis a dhionnsuidh na seann mhàthair on dthàinig iad uile. Ach co-cheangailte ri so cha bhi e ceart do chlann a bhi strìth ran deanamh féin beairteach fo sgàil na seann chreutair on dfhuair iad am bith. ’Se brìgh nam facal so gum bheil e ceart dhuinn a bhi làn chinnteach ás anns na làithean so nach ceadaich sinn do riaghailtean eucorachsam bith a bhi air an daingneachadh ann am bunabhasan na rìgheachd, am measg nan gluasad a tha fo riaghladh cuid aig an àm so agus a dheanadh biadh an duine bhochd nis daoire.


Priomh Mhinisteir Ur.

Air Di-haoine, an dara latha deug dhen mhios, leig Morair Salisbury dheth a bhi naphriomh Mhinisteir air Breatuinn. Bha esan dreuchd air an turus so o chionn seachd bliadhna, agus bha e ann da thurus roimhe, bho 1885 gu 1886, ugus bho 1886 gu 1892ceithir bliadhndeug uile gu leir. Tha e nise fàs seantha e tri fichead is da bhliadhndeug a dhaoisagus than obair a than co-cheangal ri dhreuchd na uallach ro-throm air. Bha e na fhear-staite aig an robh deagh bhreithneachadh, agus bu tric leis gnothuichean a thoirt gu crìch na bfhearr na bhiodh eadhon a chàirdean acur roimhe. Tha e air a leantuinn le Mr Artar Seumas Balfour, mac peathar dha fein. Tha esan an treineneairt, leth-cheud is da bhliadhna dhaois, agus tha e na dhuine fior thapaidh, air am bheil mor mheas anns aphàrlamaid. Bidh aig Mr. Chamberlain an aon dreuchds a bhaige roimhe.


TUIR MHARCONI ULLAMHTha Tùir Mharconi ann an Glace Bay air an criochnachadh, agus cho luaths a thig e-fein thar cuain, bidh deuchainn air a chur air an innleachd ùir. Thatar ag radh gu bheil e aig an àm so air a thurus a nall air bòrd luing-chogaidh Eadailteach. Air an t-slighe tha ecur gach deuchainn as urrainn e air an innleachd, acur fhiosan gu soithichean eiles gu tir mar a dhfhaodas e.

DUTHAICH GHEALLTANACHTha Morair Strathcona ag radh ma leanas Canada air an adhartas a tha ideanamh an dràsda gum bi i comasach, mun ruith deich bliadhneile, air pailteas gràin a chur a null do Bhreatuinn air-son muinntir na dùthcha sin a chumail an aran. Tha dùil ri bàrr trom a bhi anns an Iar-Thuath am bliadhna. Leis na tha de thuathanaich as na Staidean air fearainn a thogail ann, tha barrachd mors a bàbhaist dhen dùthaich sin fo bhàrr. Thatar ameas gum bi eadar ceithir fichead is ceud millein buiseal cruithneachd air a bhualadh toiseach agheamhraidh.

CAS IOMRAITEACHChaidh dithis Gheancach, Green agus Gaynor, a ghlacadh ann an Cuebec o chionn mios no dha air ais air son meairle. Mas iad na daoine ciontach, ghoid iad còrr is da mhillein dolair ann an aon de bhailtean Georgia. Tha iadsan a chaill an t-suim mhor sin a cur air an tòirs ag iarraidh an toirt air ais do na Staidean gus am feuchainn a reir lagh na dùthcha sin, ons ann innte rinneadh achionta. Bhon chaidh an glacadh ann an Cuebec tha gach innleachd air an urrainn fir-lagha smaointeachadh air a chleachdadh air-son an cumail air an taobh so dhen chrìch. Tha na h-uiread dhe sin air a dheanamhs gu bheil fir-lagha nan Staidean agabhail orra bhi dhen bheachd gu bheil meur aig daoine than àrd-inbhe an riaghladh na dùthcha anns achùis, agus tha iad adol a dheanamh gearain ris an Riaghladh Bhreatunnach. Bu nàr an gnothuch gum biodh neach sam bith aig am beil lamh ann an riaghladh Chanada ciontach dhe leithid, agus tha sinn an dòchas nach eil e fior. Ach na tha, mar as luaithe theid a dhearbhadh orrasa theid an tilgeadh á dreuchd air a shons ann is fheàrr don dùthaich. Cha bhi cliù no buaidh air dùthaich anns an gabh breitheanas is ceartas ceannach le airgiod.



[13]

[Vol . 11. No. 2. p. 5]

Bradies na h-Innseanaich.

(Air a leantuinn o thaobh 14.)

sgiorraidh, ged bu bheag dùil a bhaig a dhaoine gum faiceadh iad e, no gun cluinneadh iad iomradh air gu dìlinn. Ach ged a fhuair e as air an àm so, ghlac iad ena dheigh sin; bha e mach asealg nan leas-leathann, agus chuartaich na h-Innseanaich e, ghlac iad e, rinn iad ceangal nan seachd dual air, agus thug iad leò e le iolach ghàirdeachais. Bhamhiann orra a chur gu bàs piantail, air neo spadadh iad an t-eanchainn as far an robh e; ach thug iad e dan dùthaich féin, chruinnich iad am fineadh Innseanaich air fad chum bàs Bhradie fhaicinndhfhadaidh iad an teine mòr, chuartaich iad Bradie bochdbha dannsas òl as ceol as aighear aca; bha gach réidh chum a chur gu dòruinnruisg iad e, dhfhuasgail iad na ceanglaichean a bha ma lamhantharruing iad a nis ceithir thimchioll air, ann an aon chuairt mhòir, fir agus mnathan as leanaban, le glaodhaich agus sgreuchail uamhasach. Sheas Bradie truagh gun sgàth, atoirt fanear an uidheamachaidh oillteil a bha iad adeanamh, le misnich a chuir iongantas air a nàimhdean. Bha achuideachd fhathast adannsathainig bean an righ no achinn-fheadhna bha thairis orra dluth do Bhradie, agus leanabh-gille aicair a h-uchd, an t-aon leanabh a bhaig an righ; dhamhairc i so ann an aodann Bhradie agus thilg i smugaid air. Co luath ri boillsge dealanaich spion Bradie an leanabh uaipe, agus tilgear e ann an teis-meadhon na grìosach a bha air a lasadh suas chum e féin a sgrios! Thug na h-Innseanaich aon leum chum an leanabh a theasraiginn. Ghrad theich Bradie, thàr e as co luath ri aona bhoc-earbatheich riabh o fhaoghaid, thuit mnathan as leanaban fa chasan, bhuail e iad thallsa bhosthug echoille airs na ceudan as a dhéigh. Thog e suas ri uchd na beinne a dhainmicheadh air an àm sinsliabh Bhradie,” fras pheileirean as a dhéightheirinn e sios taobh eilen t-sléibh. Bha e co eòlach air an dùthaich ri aon Innseanach a bhanam measg, agus cha robh a h-aonnam measg co luath, làidir, eusgaidh ris. Shnàmh e na h-aibhnichean, agus mu dheireadh ràinig e a thigh agus a dhachaidh féin: ach a mach on àm sin, bha ena earalas, agus thug en aire nach dfhuair na h-Innseanaich greim air gu latha a bhais.


Sith.

Thainig sìth bheannaichte mu dheireadh, ’s bhan t-àm ann. Tha sinn o chionn teann air trì bliadhna agus ar làmhan dearg le fuil ar co-chreutairean. Nach brònach an sgeul ri innseadh aig toiseach an fhicheadaibh linn nach robh dòigh a bfhearr air cùisean a shocrachadh eadar dhùthaich na le faobhar achlaidheimh. Feudaidh an cuilean beag a bhi beothail, dìorasach, tapaidh ach na dheigh sin uile cha ghaisge e don chù mhor a theid na bhads a ni a liodairt. Théid neart thar ceart. Mar dhùthaich chaidh sinne a mach an aghaidh nam Boerach a brag cho luathsa chuireamaid an cùl ri làthardireach mar a chaidh Goliath an aghaidh Israeil o sheana bòsd as ar neart féin, ach cha bfhada gus an robh an Leòghan Breatunnach rifhaicinn a teicheadh lebheathas earball na ghobhall leis an eagal. An déigh a h-uile ni thann bha sinne a cheart cho sgìth den chogadhsa bha na Boerich, agus tha sinn an dòchus gun do theagaisg an cogadh so dhuinn fìrinn nan sreathan

Cha ghaisgeni bi liodairt dhaoin’,
S cha chliù a bhi an comhrag tric.”

Chosd an cogadh ruighinn so na muilleanan, gun ghuth air an t-sluagh a chaill sinn, agus ciod a thagainn air a shon uile ach call cliù, agus fiachan trom ri phàigheadh. Tha sinn toilichte fhaicinn nacheil cànain nam Boerach ri bhi air a toirmeasg, chane mhain gu bheil i ri bhi anns na sgoilean ach tha a chainnt ri bhi air a gnàthachadh anns na cuirtean lagha. Tha mòran daoine ann agus chan urrainn iad a thuigsinn carson a rinn an Cruithear daoine ach Sasunnaich, no ciamar a tha cànainsan t-saoghal ach Beurla. Tha iad so an geall air aBheurla a sparradh air daoine a dheòin no dhain-dheòingun chuimhnaca nacheil aBheurla idir cho sean ri iomadh cànain a tha iad a cur as a bhun. Rinn sinne ni bha mi-chiatach agus neo-uasalnuair a loisg sinn aitreabh gach Boer, ’sa ghiulain sinn leinn mnathan is clann mar phriosanaich. Airson an tùrn mhi-chneasda so tha againn ri tri muillean punnd Sasunnach a phaigheadh dhaibh a nis a chur nan aitreabh sin air dòigh. Sinn fhéin na daoine! Tha sinn am beachd nach téid Breatunn a chogadh a rithist an latha so. dhiu ma tha am pobull glic. —Highland News.


Naigheachdan.

ELEPHANT FHIACHAILBhasaich elephant òg ann an Toronto air an t-seachduin sa chaidh a bfhiach da cheud deug dolair. Chaidh a toirt mar ghibht don bhaile le cuideachd rathaid-iaruinn na sràide. ’S e dhaobharaich a bàs tacaid mhor a dhol nafiacail air dhòighs nach burrainn dhan bheathach bhochd a biadh a chagnadh no a chnàmh.

CITCHENER AN SASUNNTha Morair Citchener a nise ann an Sasuinn. Chaidh fàilte mhor a chur air leis an arm, agus cho luaths a rainig e Lunnainn chuir an righ fios air. Thugadh a stigh e don t-seòmar anns an robh Iomhar nalaidhe tinn, farn do dhaltaicheadh a bheathas an dfhuair e taing on righ fein air son mar chuir e crioch air achogadh. Tha an seanalair a faotainn mar dhuais on dùthaich leth-cheud mile punnd Sasunnach.

CALL BEATHA UAMHASACHBha spraidheadh ann am mèinn ghuail faisg air Johnstown, am Pennsylvania, air an deicheamh latha dhen mhios, anns an do chaill ceud is coig duine deug am beatha. Bha an t-àitesn do thachair an sgiorradh mu dha mhile bho uachdar na talmhainn, agus mar sin bha an call na bu mhotha, a chionn bha e doirbh na daoine ruigheachd. Bu Hungarich is Slàbhich a mhor chuid diubh. Cha robh thar dusan de mhuinntir nan Staidean fein nam measg.

AN RIGH NAS FHEARRDi-màirt air an t-seachduin sa chaidh bha an righ air a ghiulain o lùchairt Bhuckingham, far an robh e nalaidhe tinn, gu Cowes, far an deach e air bòrd birlinn. Tha e air a dhol gu math am feobhas, agus afàs ann an neart na h-uile latha. Tha e ri bhi air a chrùnadh air an naodhamh latha de Ogust. Chan fhàg e Cowes gu latha no dha roimhe sin. Cha bhi an crùnadh idir cho greadhnach no cho mor-chuiseachs a bha e gu bhi nan robh e air a dheanamh air an latha shuidhichtesan òg-mhios.

GAIDHEIL DHILEASChan urrainn dhuinn gun facal molaidh no dha a sgriobhadh mu dhithis Ghàidheal a nochd o chionn ghoirid ciod a dhfhaodadh leughadairean MHIC-TALLA a dheanamh air a shon nan gabhadh iad an t-saothair. ’S en dithis sin, “Michealom bithear afaighinn litir an dràsdas a rithist, agus D. C. Mac-an-t- Saoir, á Cleveland, Ohio. ThaMichealo thoiseach na bliadhna air ochdnar ùr a chur ri àireamh luchd-gabhail MHIC-TALLA, agus Mac-an-t- Saoir a sianar, a bharrachd air pàigheadh bliadhneile chur ugainn bho choignear a bha gaghabhail roimhe. Tha sinn an so atoirt moran taing dhaibh, agus a moladh an eisimpleir do mhuinntir eile. Am measg ar leughadairean, tha na ceudan aig am beil acheart chothrom a thaca so, nan gabhadh iad e. Agus nan deanadh iad sin, bu luath a thigeadh am paipearan air adhart. Nach còir dhaibh uile gluasad anns achùis, agus feuchainn ciod is urrainnear a dheanamh a chum an aon phaipeir Gàilig a chur air bonn nas fhearr na bha e riamh.

DAINGNEACHD URTha daingneachd mhor eile ri bhi air a togail ann a Halifacs, taobh an ear beul na h-acarsaid, air eilean ris an canarDevil ’s Island.Bidh an daingneachd so nas làidires air a h-armachadh nas fhearr na tha Dùn Yorksa bhaile cheudna, daingneachd nach eil fad air dheireadh air Gibraltar ann an nearts an tearuinteachd.

BAS LE SGIORRADHChaidh fear Iain G. Mac-Neill a mharbhadh air an rathad-iaruinn aig anjunctionfaisg air Sidni Tuath, maduinn Diordaoin. Bha e ag obair air trein, agus thuit e eadar an t-inneals àiteghuail. Chaidh na cuibhlean thairis air mu na guaillnean, gaghrad mharbhadh. Cha robh ann ach duinòg aois naodh bliadhndeug. Bhuineadh e do na Caoil-Mhora.

ASIREADH PHEARYThan Lieutenant Peary anns an àirde tuath o chionn thri bliadhna a feuchainn ris achrann a tuath a ruigheachd. Tha soitheach air falbh gashireadh an dràsda, agus ma tha e beò, slàn, ’s comasach air siubhal tha dùil gun coinnich e rithe aig Rudha Sabine. Tha a bheans a nighean air bòrd an t-soithich, a sheòl á Sidni air an t-seachduin so. Tha Peary asiubhal an àirde tuath o chionn da bhliadhndeug, agus tha a bhean ag radh ma gheibh i dhachaidh air an turus so e, nach leig i leis falbh tuilleadh.

BIASTAN NA MARAChunnacas muc-mhara mhor aig beul na h-acarsaid toiseach na seachduin sa chaidh. Deireadh na seachduin roimhe sin, chunnacas faisg air an àite cheudna aon de na biastan sin a thatar afaicinn gu tric ann an iomadh cearna, agus an deigh sin nach eil a mhor chuid den chinne-dhaonna acreidsinn gu bheil iad annnathair uisge. Bha i so air a faicinn le grunnan math dhaoine, le iasgairean a dhfhag an lìns a theich gu tir roimpe, le luchd-iùil shoithichean aig Low Point, ’s le sgioba birlinn dam bfheudar a dhol astar math as an rathad ga seachnadh. A reir fianuis nam feadhnach sin uile, bha abhiast a falbh mar a dhfhalbhas nathair air tir, bha gairbhead agus fad mor innte, agus bha ideanamh maistreadh uamhasach air uisgechuain.

MORT GRAINEILRinneadh mort gràineil ann aHalifacs Di-luain sa chaidh le fear dam bainm Cooke a mharbh a bhean. Bhan duineg òl, agus air dha tighinn dhachaidh dhiarr e air a mhnaoi airgiod a thoirt dha. Nuair a dhiùlt i sin a dheanamh, rinn e greim oirre agus le ràsar ghearr e a sgòrnan. Chaidh e an sins dhinnis e ciod a rinn e dha phiuthar ceile a bha còmhnuidhsan taigh cheudna; chuir ise fios air na maoir, agus chaidh a ghlacadh gun dàil. Dhaidich e a chionta gu saor, agus mar an ceudna gun drinn e mort roimhe so, agus gu bheil e pòsda ri dithis mhnathan eile a tha fhathast beò. Is seann saighdear e, agus bha e toiseach an t-samhraidh so ag obair aig an obair-iaruinn an Sidni. Anns a bhaile so bha e deich latha ficheadsa phriosan air-son daoraich.

Tha na ridireans na h-uaislean afàs lionmhor ann am Breatuinn, agus eadhon ann an Canada. Air an latha bha an righ gu bhi air a chrùnadh bha àireamh mhor de ridirean, de bharains de mhorairean ùra air an cruthachadh. Tha na tiodalan so air am buileachadh air daoine than àrd-inbhe mar dhuaisean air son seirbhis chomharraichte a rinn iad don Impireachd Bhreatunnaich no don chinne-dhaonna. Than àireamh as motha dhiubh air an deagh chosnadh, ach tha bharail afàs gle chumanta gu bheil cuid gam faotainn gun an cosnadh, agus cuid eile gan cosnadh nach dfhuair iad. Ma tha sin fior chan eil cuisean ceart. Bfhearr gu mor beagan de dhaoinairidh a bhi as eugais thiodalan na moran de dhaoine neo-airidh a bhi gam mealtuinn. ’S e a bhi gann cron as fhearr air na tiodalan na iad a bhi ro-phailt. ’S e ro-ghainnead an òir a tha gafhàgail priseil, mar is e ro-phailteas nan clach a tha gam fàgail gun luach. Ach ma tha na tiodalan afàs saor, chunnacas latha a bha iad na bfhior shaoire. Tha eachdraidh ag innse gun drinn righ Seumas a h-aon, fear nach sòradh airgiod no urram, tri cheud ridire an aon latha! Tha dòchas agus earbsagainn nach deanar obair-latha cho mor sin am Breatunn gu bràth tuilleadh.



[14]

[Vol . 11. No. 2. p. 6]

(Air a leantainn o thaobh 11.)

radh a dheanamh ruit. Bidh uine gu leoir agad gus an thachair dhut innseadh dhomh an uair a theid thu nas fhearr. Tha etoirt mor thoileachadh dhomhsa dfhaicinn aon uair eile beo, slan, an deigh na fhuair mi de dhragh inntinn o Dhi-haoine, agus a liuthad dragh agus saothair a ghabh mi feuch am faighinn a mach ciod a dheirich dhuit.”

Ghabh Aladin comhairle a mhathar, agus cha diths cha dol e ach beagan. An uair a ghabh e na thainig ris, thuirt e rimhathair: “Chaneil mi idir toilichte dhibh a chionn gun do leig sibh leis an droch dhuine ud mo thoirt air falbh. Cha robh nina bheachd ach mo chur gu bas, agus tha e lan chinnteach gum bheil mi marbh. Chreid sibh a cheart cho math riumsa gum be brathair mathar; agus an uair a bheir sinn fa near an caoimhneas a nochd e dhuinn le cheile, ’s gann a burrainn duinn a chaochladh a chreidsinn. Ach, a mhathair, chaneil ann ach an dearg shlaoightire. Rinn e na rinn e a chum mo bheatha thoirt air falbh; agus chan urrainn mise no sibhse thuigsinn ciod am feum a dheanadh e dha mo leithid-sachur gu bas. Tha mise ag innseadh dhuibh gu saor soilleir nach drinn mi dad cearr riamh air, ged a rinn esan a leithid de dhroch dhiol ormsa. An uair a dhinnseas mise dhuibhse a h-uile car mar a thachair dhuinn on a dhfhalbh sinn as a so gus an do thoisich e ri mo bheatha thoirt air falbh, tuigidh sibh nach drinn mise ni sam bith as an rathad.”

An sin thoisich Aladin ri aithris da mhathair gach ni a thachair dha o Dhihaoine, an uair a thug an draoidh e a dhfhaicinn nan luchairtean agus nan liosan a bha mun cuairt den bhaile, agus mar a dhfhalbh iad ceum air cheum a mach on bhaile gus mu dheireadh an drainig iad an t-aite a bha eadar an da bheinn; mar a dhfhosgail an talamh an uair a thilg an draoidh an tuis anns an teine, agus a labhair e na facail draoidheachd; mar a bhuail an draoidh dorn air ann toll na cluaise, agus mar a labhair e cho caoimhneil ris an deigh sin; mar a chuir e fainne air a mheoir, agus a thug e air a dhol sios don uaimhe. Dhinnis e dhi mu gach ni a chunnaic e anns na tri seomraichean troimhn deachaidh e mun drainig e an garadh anns an dfhuair e an cruisgean. Thug e an sin an cruisgean as a bhrollach, agus dhfheuch e dhamhathair e. Thug e dhi lan da sporrain de na measan soillseach a thug e bhar nan craobhan a bhanns agharadh. Ach ged is e clachan ro luachmhor a bhannta so, cha robh fios aig Aladin no aig a mhathair gu robh feum sam bith annta, agus cha mho na sin a ghabh iad suim sam bith dhiubh. Cha robh eolas aig mathair no aig athair Aladin no aig duine dhe na daoine on dthainig iad air seudan no air clachan luachmhor, agus mar sin, cha ruig sinn a leas ioghnadh a bhith oirnn ged nach do ghabh iad curam sam bith dhiubh.

Chuir Aladin na clachan luachmhor ann an toll air chul na beinge air an robh ena shuidhe, agus lean e air innseadh dha mhathair mar a thiodhlaic an draoidh beo e, a chionn nach do ghrad shin e dha an cruisgean an uair a thainig e gu beul na h-uamha; mar a bhrist a ghal air an uair a fhuair e e-fhein glaiste fon talamh; mar a thuit dha, an am dha bhithfasgadh nan dorn, snathadh a thoirt air an fhainne; agus mar a thainig am fathach mor, duaichnidh, agus a dhfhosgail e an uamha dha. An uair a chuir e crioch air na bhaige ri radh, thuirt e rimhathair: “Cha ruig mi leas an corr a radh; tha fhios agaibh fhein air achuid eile. Sin agaibh na driodartan agus an cunnart troimhn deachaidh mise on a dhfhalbh mi.”

Fhads a bha Aladin adol troimh a naigheachd, dheisd a mhathair ris le mor aire agus fhoighidin; ach aig acheart am bha corruich nach bu bheag oirre ris an draoidh air son nan cuilbheartan aingidh leis an dthug e oidhirp air a mac a chur gu bas. Cha bu luaithe chuir Aladin crioch air na bhaige ri radh na las i le feirg. Thug i a mile mollachd air an draoidh. Chan fhaigheadh e ainm a bfhearr uaipe na slaoightire, agus mortair, agus mealltair, agus namhaid achinne-daoin. “Chaneil teagamh, a mhic,” arsise, “nach e draoidh a thann, agus tha iadnam plaigh don t-saoghal; oir len draoidheachd agus fiosachd tha iad ann an seirbhis an droch spioraid. Thoir cliu do Dhia air son gun do ghleidh e thu o a dhroch innleachdan; oir bha do bhas air a lamhan gun teagamh mur be gun do ghairm thu air Dia, agus gun diarr thu a chuideachadh.” Bha i deas gu tuilleadh smadaidh agus cainidh a dheanamh air an draoidh; ach an uair a chunnaic i Aladin atuiteamna chadal, ’s e gun noradh a dheanamh fad tri oidhche roimhe sin, chuir i don leabaidh e, agus an ceann beagan uine chaidh i fhein a laidhe mar an ceudna.

Chadail Aladin cho trom ris a chloich gus an robh earrann den latha air a dhol seachad an la-iar-na-mhaireach. Cha bu luaithe dhuisg e na dhiarr e air a mhathair biadh a thoirt dha.

Is bochd mar a tha chuis, a mhic,” arsise, “chaneil greim bidh agam a bheir mi dhut. Dhith thu fhein araoir a h-uile greim a bhas taigh. Ach ma ni thu foighidin car beagan uine gheibh mi biadh dhut. Tha beagan cotain agam a shniomh mi; theid mi agus reicidh mi e, agus ceannaichidh mi biadh.”

“ ’S ann is fhearr dhut a mhathair,” arsAladin, “an cotan a ghleidheadh gu am eile, agus thoir dhomhsa an cruisgean a thug mi dhachaidh an de. Theid mi agus reicidh mi e, agus ceannaichidh an t-airgiod a gheibh mi air a shon na dhfhoghnas dhuinn de bhiadh gus am maireach.” Rug a mhathair air achruisgein, agus thuirt i: “So agad e, ach tha e ro shalach; nam biodh e na bu ghlaine tha micreidsinn gum faigheamaid barrachd air a shon.” Thoisich i air a ghlanadh le gainimhich mhin agus le uisge; ach cha bu luaithe thoisich i air a shuathadh na ghrad bha fathach mor, oillteilna sheasamh air a beulaobh. Labhair e rithe le guth mor ag radh, “Ciod a tha thug iarraidh? Tha mise deas gu seirbhis sam bith a dheanamh dhut, agus do gach neach aig am bi an cruisgean; mise, agus seirbhisich eile achruisgein.”

(Ri leantuinn).


Bradies na h-Innseanaich.

(Cuairtear nan Gleann.)

THA Innseanaich America nan daoine cho tapaidh, treun, lùghor, làidirs a tha air aghaidh an t-saoghail, ach air an àm cheudna anabarrach seòlta dioghaltach agus naimhneil far an gabh iad fuath; ach lùghor, làidir, eusgaidh mar tha iad, thachair aon neach orra nach burrainn iad a cheannsachadh no a mhilleadh agus be sin duine geal dam bainm Bradie, a choisinn cliù mòr ann an ceud chogadh America an aghaidh nan Innseanach. Bhan duine so air a chàramh le buidhinn làidir shaighdearan air iomall dùthcha nan Innseanach a chum an smachdachadh, agus gam bacail o bhi agoid a stigh do na cearnaibh san robh na daoine geala a chòmhnuidh, agus an losgadh agus an sgrios, mar bha iad fior thoigheach air a dheanamh.

Air àm àraid thachair do Bhradie bhi mach leis an fheachd a bha fodha air tòir nan Innseanach, agus choinnich e buidheann anabarrach do na daoine borba treuna so. Chunnaic e nach robh math dha oidhirp a thoirt orra, gun robh iad co lìonmhor làidir; ’s gum be ni a bfhearr a burrainn e dheanamh teicheadh uapa. Ghlaodh e ra chuid daoine, “Thugadh gach fear an aire dha féin, teicheadh sibhse dhionnsuidh ur n-àiteachan daingnich làidirfàgaibh mise agus iadsan, tha iad co iarradach air miseghlacadhs gun lean iad mi, agus gun leig iad sibhse asguidheam oirbh sgapadh agus thugaibh sibh féin as.” Rinn iad so, agus dìreach mar thubhairt e, lean na h-Innseanaich esan, na ceudan diubh aig a shàil, le iolaich agus sgreadail oillteil. Bha abhuinn mhòr dlùth don àite: ghabh Bradi, oir cha robh slighe eile aige, dhionnsuidh na h-abhunn. Dhfheuch iad a chuartachadh, ach bha esan co eòlach air an abhuinn riutha fein. Chuimhnich e gnn robh àite dlùth dha far an robh an abhuinn aimhlean, eadar chraig mhòir, agus atuiteam thar achraig le boile agus fuaim anabharrach. Chan eil eas uisge san dùthaich so is eagalaiche ri fhaicinn na e; tha e os ceann tri fichead troidh air àirde, agus throidhar fhichead air leud o chraig gu craig. Ghrad thug Bradi an t-àite so air; chunnaic e mur feuchadh e an abhuinn a leum thar an eas so, gu robh en làimh aig na h-Innseanaich, a bha nis dlùth dha agus an ìmpis a ghlacadh. Bha fios aige gun robh bàs uamhasach afeitheamh air nam faigheadh iad greim air. Ràinig e achreag le roit anns na chleachd e gach ìnnleachd agus neart a bhana choluinn, thugar leum thar an eas, agus ruigear taobh thall na h-aibhne! Ghrad rinn e greim air preas air abhruaich agus streap e a mach. Chuir so iongantas air na h-Innseanaich! Sheas iad mar gum biodh iadnam breislich. Bha e fhathast mar astar urchrach, ach chuir iad romhpa gun losgadh air, a thaobh an tograidh a bha aca a ghlacadh beò, chum a chur gu bàs anns an dòigh bu phiantaiche air am burrainn iad smuainteachadh; ach a nis nuair a shaoil iad gun dfhuair e as, loisg na ficheadan diubh air len gunnacha-caola. Bhuail aon pheileir e am bachd na h-easgaid, ach cha robh e air a leònadh co mors nach burre fhathast ruith. Fhuair cuid de na h-Innseanaich thar an abhuinn, agus lean iad air a luirg. Bha cas Bhradie a nis afàs rag agus goirt, agus a cheum fann; thuig e gun robh iad ateachd suas ris, chunnaic e nach robh dol as; bhan t-anmoch atighin orra, ach cha robh mionaid ra chall; bhan glaodhaich mar dhonnalaich chon sheilgga ruigheachd. Ghrad thug e bruach na h-abhunn air, shnàmh e fon uisge sìos leis an t-sruth dlùth don bhruaich, gafhalach féin co maths a burrainn e gus an dràinig e stoc mór de sheana chraoibh dharaich a thuit san abhuinn. Cheil se e féin fo stoc na craoibhe, agus a bheuls a shròn, mar an dobhran donn, an uachdar, agus anns an fhasgadh so dhfheuch se e féin fhalach uapsan a bha air a thòir. Lorgaich iad e gu bruach na h-aibhne; bha fuil Bhradie air an fheur; cha do chuir iad teagamh nach do bhàthadh san linnidh e. Rannsuich iad sios bruach na h-abhunn air gach taobh. Air aon àm bha dithis diubhnan seasamh air acheart chraoibh dharaich fon robh ega chleith féinchuale iad aseanchas ma dhéibhinn, oir bha e eòlach air an cainnt, agus thog a chridhe nuair a chuale iad ag ràdh nach robh math dhoibh a bhiga shireadh na bfhaide; agus fo shòlas gun do bhàsaich an t-aon nàmhaid bu ghuiniches bu tréine bha aca. Dhfhalbh na h-Innseanaich agus thainig Bradie a mach oàite-falaich agus ghabh e dhachaidh, far an dràinig e gun tuille

(Air a leantuinn air taobh 13.)



[15]

[Vol . 11. No. 2. p. 7]

Cuachag nan Craobh.

A chuachag nan craobh, nach cruaidh leat mo chaoidh,
Ag osnaich ri oidhche cheothair?
Gun siubhlainn gu caomh gu ùrlar nan craobh,
Gun duinair an t-saoghal fheoraich;
S gun togainn le mghaol gu mullach cùl fraoich,
S mo leaba ri taobh nan og-chrann.
Do chrutha geal caomh bhiodh sìnte ri mthaobh,
Is mise gu caoin gad phogadh.

Gum facas on leam aisling gun bhréig,
Is dhfhàg sin mi-féin dubh-bhronach;
Bha fear mar ri a pogadh a béil,
S a brìodal an déidh dhaibh posadh.
Ghrad dhìrich mo mhiann, dhatharraich mo chiall,
Is ghuil mi gu dian, geur-dheorach.
Cha robh cuisle no féith an uachdar mo chléibh
Nach dbhrosnaich gu eug mi comhla.

S ann ort tha min geall, riut chaill mi mo ghreann,
Is mar-ris mo sheann éibhneas.
Gun togainn ort fonn, a chruinneag gheal donn,
S gun ruiginn aig t-àm féin thu.
Nuair thiginn ad dhàil bu deas dhomh do làmh,
S do chridhe làn gràidh is spéis dhomh.
Theich maighear gu bràths tha mulad gun tàmh
A brùchdadh na àits gam léireadh.

Falt fann-bhuidhnan cleachd, mìn, càm-lubach, snast’,
Is fàbhrad nan rosg glan àlainn;
Gruaidh réidh mar a chaor, uchd coimhliontmar aol,
Is anail mar ghaoith bharr gàrraidh.
Gusn cuir iad mi steach, ’an ciste, ’san fheart
Bidh maigneadh fo neart do chràidh-loit,
Le smaointinn do chleass do shùgraidh mu seach
Fo dhuilleach nam preas ùr, blàthor.

S tun ainnir ghlan réidh as taitniche beus,
Gnùis shoilleir mar reul air àilleachd.
Ged ghiulain thum bréid gu uasal gu féill
Bha agad fo dsgéibh fior chràidhteas.
Is truagh mis a chreuchdtha cuaradh mo chléibh,
S mim buaireadh on thréig thu, ghràidh mi.
Nam faighinn dhomh féin thu posda bhon chléir
Gum faodainn on bheum so tèarnadh.

S tu chruinneag dheas ghrinn, ’tha fileanta binn,
Meoir innealton cinnteach sàr-cheol;
Beul dearg mar an ros, suil ghorm, mheallach, bheo,
Is cridhe gun phrois, gun fhàl-bheart.
Gur gile do bhian nan sneachd air an t-sliabh,
Bhith bhuaits e a liath cho tràth mi.
Nam faicinn gach cùis, mar bàbhaist, a rùin,
S luathdheanadh gach tùrsa mfhàgail.

Thuit mise le dghath, thug sud uam mo rath,
Is ghéill mi le neart mo dhòrainn;
Bha saighdean do ghaoil gam lot anns gach taobh,
Is thug iad gach caoin diom còmhla.
Dhfhalbh màbhachds mo dhreach, dhfhalbh tàbhachd mo neirt,
Is mheudaicheadh rachds gal broin domh.
Mur fuasgail thu tràth le tfhurans le tfhàilt’,
Is cuideachadh bàis thu dhomhsa.

Och, ’s fadtha mim péin, a feitheamh ort féin,
S nach togair thu éirigh suas leam!
Nan robh thusan teinns gun deanainn-sdhuit feum,
Gun rachainn am leum ga tfhuasgladh.—
Chan fhad gus an m bi prasgan gu fòil
Gam fhàgail an còs na h-uaghach;
An dig thusna dàil, le cuimhnair mar bhà,
S an sil thu deoir gràidh mu bruachaibh?

Is truagh nach do dh-fhàg mi saoghal a chràidh s
Nuair bha mi am phàisdgun eolas;
Mum faca mo shùil thu, ’ainnir mo rùin,
S mun dagair min tùs do phog ort.
Ged tha mi fo phràmh, mi tinn is mi-shlàn,
A cuimhneachadh dàil ar posaidh,
Mo bheannachd ad dhéidh on cheannaich thu-féin
Le leannanachd dhéin gle og mi.


Chaidh Cuachag nan Craobh a sgriobhadh a siossa bhliadhna 1764. FhuairFionne ann an leabhar-sgriobhte Mhic-Lagain, agus thug e do na paipeirean-naidheachd e. Bha e nasheann oran nuair a fhuair Mac-Lagain e. Tha e air a ràdh gur h-e Mac Fir Dhail-an-Easa bùghdar dha, agus tha mi dhen bheachd gum be. Chuir Mac-an-Tuairneir a mach esa bhliadhna 1813. Thug Iain Mac-Coinnich a leabhar Mhic-an-Tuairneir e, agus dhatharraich e an suds an so e; ach dhfhàg e moran na bfhearr e na fhuair e e, ach beagan de shreathan.

Is ann mar so a tha an da shreath so ann an leabhar-sgriobhte Mhic-Lagain:—

Mìle mallachd air thùs do na mhnaoi-ghlùin
Nach do mhùch anns a chùil og mi.

Chuir Iain Mac-Coinnich air an doigh so iad,—

Mallachd an tùs aig a mhnaoi-ghlùin
Nach dadhlaicsa chùil beo mi.

S gann gun robh am fear a rinn an t-oran a ciallachadh gun robh e duilich nach do chuir a bhean-ghlùine mort an gniomh. Nach h-e a bha e aciallachadh gun robh e duilich nach do thachair dhi, le cion sgile no le tuiteamas, an anail a mhùchadh as?

A réir is mar a tha mise a tuigsinn an orains i a chuachag a bha mu choinnimh suil a bhàird an nighean chèileireach bhinn a bàbhaist a bhith a tachairt ris anns a choille gun fhios da pàrantan. Tha e cinnteach, co dhiu, nach h-e ian a bha ann an cuachaig an fhàsaicha chuachag mun robh Mac Mhaighstir Alasdair a seinn. Ach tuigeadh na h-uile duine na facail, cuachag nan craobh anns an t-seagh a fhreagarras da-fein.

Chan fheil mise a toirt seachad an orain mar a tha e ann an leabhar Mhic-Lagain, no ann an leabhar eile. Dhfheuch mi ri bhrigh a thoirt seachad, ach faodaidh e a bhith nach do rinn mi sin. Chan fheil an t-oran aig duine a tha beo an diugh mar a chaidh a dheanamh.

FREAGAIRT NA H-INGHINNE.

Gur misthair mo chràdh a smaointinn, a ghràidh,
Car tamuill mar bhà do dhéidh orm.
Glac misneach gu luath is tu bhios mi luaidh
A chaoidh gus an gluais an t-eug orm.
Caoin mhala gun ghruaim; chan fhaigheadh tu mfhuath,
Do mhuladsan uair so léir mi.
Do phearsa dheas ùr cha chuirinn air chùl
Air neach tha fon chrùn le spéis dha.

Cas dhireadh nan stùc leis a ghunna nach diùlt,
Bhiodh fuil air drùchd mun éirinn;
Le dmhial-chonaibh seang, on lomhainn ad làimh,
Bhiodh pudharsa ghleann air béintibh.
Bhiodh coileach nam beann air sgéith ann ad laimh
Mun sireadh fear mall a léine.
Be roghainn mo chridh’, deagh shealgair na frith
Nach faicinn a chaoidh naéigin.

Cùl buidhort mar or, blas mealair do phoig,
Cha ghabhainn ort stor no feudail.
S tu ceist nam fear ùrnach laigheadhsan smùr
Sa mhadainnn àm dùsgadhs éirigh.
Tha guirme nad shùil is seirc na do ghnùis;
Gur maiseach air tùs luchd-féill thu.
Le dbhreacan glan ùr, ’s e paisgte mu dchùl,
Chan fhaca mo shùil riamh t-eugas.

S ann ort tha mo luaidh, ’s tu meudail den t-sluagh,
Cha bhitheadh tu bhuam nam feudainn;
Cha laigheadh orm aois, nam faighinn mo ghaol
Le gean is le aonta cléire.
S tu mulaidhs mo mhiann, ’s tu maighears mo chiall,
Beul meala fo fhiamh a ghàire.
Chan fheil e fon ghréin neachghabhainn ad dhéigh
Nam bitheadh tu féinn déidh màicheadh.

GLEANN-A- BHAIRD.


Tha esa chuideachd, mar bha luideach acheaird.

Tha taobh dubhs taobh geal air, marbha air bàta Mhic Iain Ghearr.

Tha thusa mar bha thun uiridh, ’s ged bhiodh tu na bfhearr, cha builear.

Tha togail do bhothain fhéin ort.

Tigh gun chù, gun chat, gun leanabh beag, tigh gun ghean, gun ghàire.

Tuigidh bean bean eile.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duinainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RIN CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.

A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.

A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.

A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.



[16]

[Vol . 11. No. 2. p. 8]

Oran

a chuireadh gu Domhull beag le caraide dha a chuala gu robh eleughadhsa paigheadh MHIC-TALLA.

S ann orm thaphrois
A Dhomhuill, a bhalaich,
Gun leugh thu MAC-TALLA gu gléusd’,
Am fiùran gun sgàth
Tha a ghnàth cur thairis
Le naigheachdan, sanais, is sgéul.
Chaneil paipear an dràsd
An cearndhen fhearann
Is fhearr, an Gàilig nom Béurl’,
Na MAC-TALLA mo ghràidh,
A tha làidir, fallain,
S gu bràth chan fhailnich a cheum.

Mo mhallachd gu bràth
Air na Gàidheil gun chogais
A dhiultas na dollair gu breun:
Daoine gun ghràdh,
Gun nàire, gun toinisg,
Leth-Ghàidheil gun onair, gun chéill;
Daoine gun stàth
Nach pàigheadh gu toilicht
Gach sgillinn bhiodh orra le eubh,
S cha chluinnteadh gu bràth
Guth àrd o MHAC-TALLA,
An t-àrmunn fearail, deas, treun.

Mo shoraidh le dùrachd
Dhionnsuidh nam fear ud
S gach cearnasan eilean bheag, ghrinn,
S an drugadh na fiùrain
S na diùlanaich gasda,
Nach diùlt dha fasgadh is dion.
Cho fad is a shiubhlas
Le luaths gun mhaille
Gach sruthan is abhainnsan tir,
Bidh meudails mo rùn
An dùirn nam balach,
S bidh MAC-TALLA an lathair gu sior’!

Togadhmaid suas
Le sunnd is le dealas
Nach ceilear an ear no an iar,
A chluinnear a tuath,
S a null thar an fhearann:
Cha bhasaich MAC-TALLA gu sior’ !”
Bidh esan gu luath,
An t-uasal smearail,
A siubhal gu fearail gun sgiths
Am fearanns an cuan,
Aig dùthaichs aig baile,
Anceithir ranna ruadhana tir.


Oran

a chaidh a dheanamh le Iain Gillios do chompanach, a dheug anns na h-Innsibh leis an ol. Bha iad le chéilesan t-saighdearachd anns an dùthaich sin. Rugadh Gillios ann an Uige, agus dheug e ann an Eilean aPhrionnsa o chionn ochd-bliadhna-fichead.

Fhuair mi naigheachd as ùr,
Sgeula tùrsach gu leor,
Tric a tinnsgideal ùr,
Tric a mùchadh na seoid;
S mairg a chailleadh a chliù,
S a chuireadh ùidh anns an ol,
O ni e duine nathràill,
Gu ro àraidh duinog.

S coir dhomh labhairt gun chearb,
N àm mo sheanachaschur sios,
S mi ri smaointean mar tha
Gur em bàs fear gun fhiamh;
A liuthad oganach ùr
Air a lùbadh leat sios
An ciste chumhann nam bùird
Air a dlùthadh gu dion.

N uairbhios duine naoig
Is mor aphrois tha nabheachd,
Gur e smaointean air fhein
Chaoidh nach treigear a neart.
Nuair a thigear am bàs
Cha bhi dàil aig aon neach,
Chaneilsa cholunn ach sgàil
Dol fon fhàds i gun dreach.

S coir dhomh smaointean mar tha,
Gun bhi cur dàil ann nis mo,
Nach diù duine fon ghréin
Nuair a thréigeas an deo;
Bfhearr nach drugadh e riamh,
S e ri gniomharan beoil,
S e gun fhios gu n uair
Rinn e bhuadhachsan fheoil.


Iadsan a Phaigh.

M. Mac-an-t- Saoir, Twin Bridges, Mont.
Eachunn Mac-a- Phi, Miner , Mich.
Bean Iain Dhùghallaich, Mooreton , N. D.
Coinneach Mac Gilleain, New York.
Iain L. Brower, New York.
Caipt. C. Mac Fhionnlaidh, Toledo , Ohio.
H. Mac Gille-mhaoil, Detroit , Mich.
R. Mac Gilleain, Detroit , Mich.
M. Mac Lachlainn, Detroit , Mich.
A. Mac Lachlainn, Detroit , Mich.
A. Mac Callum, Detroit , Mich.
D. Camaran, Detroit , Mich.
D. C. Mac-an-t- Saoir, Cleveland , Ohio.
P. D. Mac Fhearghais, Cleveland , Ohio.
D. Mac Callum, Cleveland , Ohio.
Mairearad D. NicLeoid, Mattapoisett , Mass
Iain Mac Amhlaidh, Quincey , Mass
A. Domhnullach, Newton Centre, Mass
Anna Nic Cuthais, Bearnaraidh, Uidhist.
Murchadh Mac Gilleain, Brookside , N W T
An t-Urr R L Dùghallach, Brookside , N W T
Aonghas Mac Leoid, Eildear, Hilton , Man.
Iain F. Mac-a- Ghobha, Fort Steele, B. C.
Seumas Mac Leoid, Dawson , Yukon.
Aonghas M. Friseal, Westmount , Que.
Alasdair Friseal, Lost River, Que.
I. S. Mac Ille-dhuibh, Pomona , Ont.
Iain Mathanach, Armow , Ont.
Aonghas Mac-Iain, Park Hill, Ont.
Domhnull Mac-Iain, Park Hill, Ont.
Neacal Mac Lachlainn, Napier , Ont.
An t-Urr D L Domhnullach, Arasaig , N. S.
Aonghas Caimbeul, Allt an Dotair, N. S.
Mairead Nic-a- Phi, Loch Katrine, N. S.
A. Mac Coinnich, Halifacs, N. S.
An t-Urr R Mac Gilleain, Valleyfield , E P I
Calum Mac-a- Ghobha, Belfast . E P I
Iain Mac Amhlaidh, Eildear, Port Morien.
Iain M. Mac Fhearghais, Eildear, Port Morien.
Iain Domhnullach, Beinn Mhic-Gill-Andra.
Steaphain Mac Gilleain, Abhainn Dhennis.
Ruairidh Mac Rath, Abhainn Mheadhonach
Fearchar Mac Rath, Abhainn Mheadhonach
Mrs Nic Rath, Abhainn Mheadhonach
Domhnull Mac Fhionnlaidh, Abhainn Mheadhonach
Lachlainn I. Mac Illemhaoil, Loch Ainslie.
Tormad Mac Fhearghais, St . Esperit.
A D Domhnullach, Beinn nan Sgiathanach
Uilleam Mac Pheitiris, Loch Bhlackett
Ailean Mac Isaic, Broad Cove
Gilleasbuig R Mac-a- Phearsain, Blue ’s Mills
Iain F. Siosal, Long Point
Ruairidh Mac Rath, Sidni.
Uilleam Buchanan, Sidni.
Iain A Gillios, S W Margaree
Niall Gillios (tuairnear), Orangedale
Padruig S Mac-Neill, Irishvale
An t-Urr Calum Mac Leoid, Baile-nan-Gall
Iain S Domhnullach, Whitney Pier
An t-Urr D Mac-a- Phearsain, Glendale
D I Mac Isaic, Edwardsville
Alasdair Mac Leoid, Allt nam Breac
Donnacha Mac Aoidh, Cùl Bagh Bhaddeck
D. M. Caimbeul, Beinn nan Caimbeulach.


Bais.

Ann am Framboise, air an 17mh latha de Iun, bean Thormaid Mhic-Ascuill, an ceannaiche, leth-cheud is coig bliadhna dhaois. Bha i posda ceithir bliadhna fichead. Bha i namnaoi dhleasdanaich, chliùitich, air an robh mor mheas anns an sgìreachd air fad, agus bidh fior ionndrainn oirre. Bha i tinn o chionn corr is bliadhna, ach ghiulain i leis gu foighidneach gus an dthàinig uair a caochlaidh. Tha co-fhaireachdain aig muinntir an àite ricéile a dhfhàg i gacaoidh.

Aig Kennington Cove, air an 26mh latha de Iun, Domhnull Mac Amhlaidh, tri fichead bliadhna dhaois. Bha e gu seachduin romh lathabhàis nashlàinte agus comasach air obair a dheanamh. Cha robh dùil idir gum biodh e air a ghearradh as cho luath. Bha e na dhuinonorach, cliùteach, a rinn le dichioll is cruaidh obair dachaidh chomhartail dha fein is dhaibhsan a dhfhàg e nadheigh. Ged a bha fhoghlum gle ghann, bha deagh bhuadhan inntinn aige, agus bha e na bfhiosraiche a thaobh eachdraidh is cor an t-saoghails a dhùthcha na moran a fhuair cothrom a bfhearr. Bha e na choimhearsnach math aig an robh daonnan deagh chomhairle, agus bithear ga ionndrainn gu mor. Bha e dhen aon teaghlach ris a Mhorair Mac-Amhlaidh, an t-eachdraiche; bha e-féins an duinainmeil sins na h-iar-oghaichean.


Is ann againne a gheibh thu na
Gloineachan Sula
as fhearr a fhreagras air do shuilean.

Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis anOPHTHALMOMETERa nasgaidh.

K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHN AR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 2
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla XI No. 2. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page